[Vol . 9. No. 32. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 8, 1901. No. 32.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna
Le Iain.
CAIB. X.
“CHA SGEUL RUIN E MA CHUALA TRIUIR E.”
AN uair a ràinig Aonghas is Domhull bruaich na h-aimhne shuidh iad ri fasgadh creige. Bha ’n oidhche air fàs gu math soilleir, oir bha ’ghealach a’ cur uaipe gu éirigh. Bha ’n t-uisge air a dhol as, agus bha ’n ceò a bha fad an fheasgair agus toiseach na h-oidhche gu tiugh dumhail ’na laidhe air gach gleann is glaic is comhnard, air togail suas gu mullach a’ mhonaidh.
“Tha e cheart cho math dhuinn greis dhe ’n oidhche a chur seachad far am bheil sinn ri dhol dhachaidh. Tha ’n oidhche nis tioram, soilleir, blàth gu leòr. Ged a rachainn dhachaidh gus a dhol a laidhe, tha fhios agam nach tigeadh norradh air mo shùil. Ma bhios rud sam bith a’ cur dragh air an inntinn agam, tha e cheart cho math dhomh fuireach ’nam shuidhe aig an teine ri dhol do ’n leabaidh,” ars’ Aonghas.
Cha dubhairt Domhull aon fhacal. Bha e, mar a bha Aonghas fhein, cho draghail ’na inntinn an deigh na chunnaic ’s na chual’ e ’s nach robh fhios aige gu ro mhath ciod a theireadh e anns an àm. An uair a las Aonghas a’ phìob thuirt e, “Nach b’ iad sid na h-eucoraich dhubh! Smaoinich fhein air a’ chainnt a bh’ aca. Cò nis aig am biodh meas sam bith orra, na béistean suarach? Cha chuala mi gnothuch riamh cho fìor eucorach ri bhith ’cumail an codach fhein o na daoine bochda. Is feumach iad fhein, na truaghain, air aona bhall aodaich a chuireas bean an Uachdarain g’ an ionnsuidh. Tha mise ’g radh riut, a Dhomhuill, nach ’eil anns a’ mhaor agus ’na theaghlach ach na dearg mheirlich a’s mò a sheas riamh ann am bròig leathair. Cha mhòr nach do ghlaodh mi àird mo chlaiginn, an uair a bha mi ’nam sheasamh aig an uinneig, gu ’m b’ airidh iad air an cur ann am prìosan gus an dubhadh am fiaclan. Ach thuirt mi rium fhein, gu ’m bu cho math dhomh fuireach samhach, o nach robh fhios aca gu ’n robh sinn ’g an éisdeachd.”
“Gu dearbha ’s gu fìrinneach chuir an gnothach a bh’ ann ioghnadh gu leòr orm fhein. Bha mi ’n duil gus a’ nochd gu ’m bu daoine measail, onarach a bh’ annta. Cha chreidinn gu bràth o dhuine sam bith gu ’n deanadh iad mar a rinn iad, mur biodh éisdeachd mo chluasan fhein agam orra,” arsa Domhull.
“Cha chreideadh no mise leat, ged a chunnaic ’s a chuala mi rud no dhà mu ’n deidhinn roimhe so nach do chòrd rium. Ach cha ’n abair sinn facal ri duine beò mu na chunnaic ’s na chuala
sinn. Thig an obair eucorach a th’ aca ann am follais lath’ eiginn. Creid thusa mise, cha bhi crìoch mhath aig na gnothaichean ud idir. Cha ’n urrainn gu ’m bi. Cha robh àgh no sonas air duine riamh a bha cumail a chodach fhein o’n duine bhochd. Bidh ogha beag aig a’ mhaor, ma bhios ogha idir aige,” ars’ Aonghas.
“Cha ’n urrainn domh fhein m’ aghaidh no m’ aodann a thoirt do thaigh a’ mhaoir an dà latha so. Cha ’n ’eil e ’nam chomas a bhith cho aoidheil agus cho fosgarra riutha ’s a b’ àbhaist dhomh. Nan rachainn ann, tha mi làn chreidsinn gu ’n aithnicheadh iad air m’ aghaidh gu ’m bheil mi air fàs suarach mu ’n deidhinn. Agus mur b’e eagal gu ’n gabhadh iad amhrus gu ’n cuala no gu ’m faca mi rud air choireiginn cearr mu ’n deidhinn, cha rachainn a steach air an dorus aca gu cionn latha ’s bliadhna,” arsa Domhull.
“Cha ’n fhada gus an cuir bean a’ mhaoir teachdaire g’ ad iarraidh ma thoisicheas tu ri seachnach an taighe. An cuala tu cho math ’s a mhol i thu? Tha mise cinnteach gu ’m bheil i maideachadh ort air son fear do Pheigidh ruaidh a h-ighean. Ma gheibh Peigidh greim ort, theid mi an urras gu ’n cum i fo smachd thu. Is i nighean òg cho rag ’s cho diorrasach ’s a chunnaic mi riamh. Mar a tha ’m facal ag ràdh, ‘Daoine ruadha raga.’ Cha phòsainn te ruadh ged nach fhaighinn bean gus an tugadh mo cheann snag. An cual’ thu mar a thuirt am bard:—
‘Cha ghabh mi te fhada,
No shradanta ruadh,
A chumas an cogadh
’S am mollachadh suas;
Ged bhitheadh i agam
’S ann chuirinn i uam:
B’e turas gun bhuaidh dhomh ’posadh.’
Sid dìreach, a Dhomhuill, mar a ni Peigidh ruadh ortsa ma phòsas tu i,” ars’ Aonghas.
“Posaidh mise Peigidh ruadh an latha ’phòsas tu fhein Seonaid,” arsa Domhull.
“Sin an latha nach fhaic thusa no mise. Ged nach biodh té eile eadar Taigh Iain Ghrot agus Caolas na Frainge ach Seonaid ’na h-ònar, cha ghabhainn i, no té eile a rug a màthair. Cha ’n ann á nead a’ chlamhain a bheir mise eun idir. Bheir mi eun á nead ghlain, ar neo bidh mi mar a tha mi gu latha mo bhàis. An car a bhios ’s a’ mhàthair, is gnàth leis a bhith ’s an nighinn,” ars’ Aonghas.
“Tha eagal ormsa gu ’n gabh iad amhrus gu ’n robh sinn a’ farchluais orra mur teid sinn air chéilidh orra an ùine gun bhith fada. Cha bu toigh leam gu ’n gabhadh iad diùmbadh oirnn. Dubh, dona ’s mar a tha iad, tha mi ’creidsinn gu ’m bheil e cho math dhuinn a bhith réidh riutha. Tha amhrus agam gu ’m bheil iad a’ cheart cho ealanta air na breugan ’s a tha iad air a h-uile olc eile. Theid aig duine air e fhein a ghleidheadh o’n mheirleach, ach cha teid aig duine air e fhein a ghleidheadh o’n bhreugaire. Nach fileanta rinn iad na breugan dhuinn a nochd fhein, an uair a thuirt iad gu ’n robh an athair gu bhith air a chois gu uair no dà uair ’s a’ mhadainn a’ cur chunntasan air doigh?”
“Nach b’ fhior dhaibh sin? Nach robh e faisge air an àm sun mu ’n do sguir e de chunntas nan aodaichean a chuir bean an Uachdarain dhachaidh? Nam biodh meas aigesan air fhein, cha b’ ann am measg phlangaidean is bhoirionnach a bhitheadh e. An cù tha e ann. Cùl mo laimhe ris. Coma leam dhe na fir a bhios a’ gabhail gnothaich ri rud nach buin daibh. Mur ’eil mise meallta ’na mo bharail, bidh latha ri cunntas agus latha ri pàigheadh aige fhein ’s aig a theaghlach fhathast. Cho fad ’s gu ’n ruith am madadh ruadh, beirear air mu dheireadh,” ars’ Aonghas.
“Nach e Tearlach ruadh a bhios cluthar, blàth anns na plangaidean Sasunnach? Saoileam fhein an innis Anna dha cia mar a fhuair i iad?” arsa Domhull.
“An ise? Cha ’n innis gu dearbh. Is fhad a bhios duine o’n taigh mu ’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein. An uair a gheibh Tearlach a’ bhùth agus Anna agus na plangaidean, bidh e air a dhòigh. Is fhad o’n là ’chualas mu chadal fada nan ceannaichean. Cha chreid mi gu ’m bi ceannaiche ’s an dùthaich a chaidleas cho fada ri Tearlach. Bha e trom air a’ chadal riamh. Is minic a chaidh mise do ’n taigh aca eadar deich is aon uair deug ’s a’ mhadainn, agus bhiodh Tearlach còir an uair sin ’g a stadhadh fhein air a thaobh mor ’san leabaidh. Bhiodh ’athair bochd an uair sin ’na fhallus ag obair gu trang anns an t-sabhal.”
“Cha chuala mi idir gu ’n robh Tearlach gus a bhith ’na mharsanta, agus cha chreid mi e gus am faic mi e. Cha ’n ’eil mi ’tuigsinn cia mar a theid aige air bathar fhaotainn, fear aig nach ’eil da bhonn-a- sia ris an t-saoghal.”
“Tha thu air chùl do sgeoil, a Dhomhuill. Mur ’eil airgiod aig Tearlach tha airgiod aig a’ mhaor. Cha tugadh am maor an nighean a’s sinne ’th’ aige do Thearlach ruadh idir; ach bheir e do Thearlach marsanta i gu toileach. Cha ’n ’eil iad deònach gabhail ris gur iad fhein a tha gus a’ bhùth fhosgladh do Thearlach. Ach tha fhios aig a h-uile duine nach toir fear sam bith a chuir a’ bheag a dh’ eòlas air Tearlach fiach crùin dha air a chreideas. Agus cha chreid mi gu ’m bheil duine ’san dùthaich a rachadh an urras air do mharsantan Ghlasacho. Ciod sam bith dòigh anns an d’ fhuair am maor a chuid airgid, tha barrachd airgid aige air na shaoileadh daoine,” ars’ Aonghas.
“Ma tha airgiod aige ma seach, cha chreid mi gur ann le fìrinn ’s le onair a chuir e cruinn e. Ge b’ e bhios carrach ’s a’ bhaile so, bidh e carrach ’s a’ bhail’ ud thall,” arsa Domhull.
“Tha sinne gun fhios againn cia mar a fhuair e a chuid airgid; ach ma ’s fhìor na chuala mise, tha na ceudan aige ma seach,” ars’ Aonghas.
“Cha ’n ’eil fhios agam fhein, ’Aonghas, cia mar a tha thu ’cluinntinn a h-uile rud. Tha thu cho math claisneachd ris an fhear a chluinneadh am feur a’ fàs. Tha fios agad air a h-uile
[Vol . 9. No. 32. p. 2]
rud, ach rud ainneamh. Is e duine cunnartach a th’ annad.”
“Cha ’n ’eil mise dad na ’s fhearr fradharc is claisneachd na daoine eile; ach bheir mi an aire mhath do na chi agus na chlninneas mi. Chuala tu fhein cho math riumsa an leithsgeul a ghabh na h-igheanan, ach cha do smaoinich thu idir gur ann aig a’ Bhaillidh a tha ri bhith ’cumail cunntasan na h-oighreachd. Rud eile dheth, mur co-chòrd an sgeul a chluinneas tu an diugh ris an sgeul a chluinneas tu am maireach, faodaidh tu bhith cinnteach nach e an fhìrinn a bhios ann. Tha e furasda gu leòr dhuinn a thuigsinn gu ’m bheil am maor gle thoileach a chuid nighean fhaotainn bhar a lamhan cho luath ’s is urrainn da. Is e an seadh a tha mise ’toirt as a so, gu ’m bheil eagal air gu ’n laidh iad air a lamhan, ma gheibhear am mach an seorsa daoine a th’ annta.”
Anns an fhacal chual’ iad sreathart air an culaobh. Cò bh’ ann ach mac Lachlain. Bha e ’dol dhachaidh bhar cheilidh, agus chual’ e na fir a’ bruidhinn. Agus o’n a ghabh e amhrus gu ’n robh comhradh diomhaireach eatorra, thainig e gun fhios dhaibh cho dlùth ’s gu ’n cuala e an earrann bu mhò dhe na thubhairt iad. Thuig iad nach biodh an comhradh a bha eatorra fad an cleith aon uair ’s gu ’n d’ fhuair mac Lachlain fios air.
(Ri leantuinn.)
Sgeul air Gaol ’us Gaisge
(Air a leantuinn.)
THAINIG Bassus air lom a rithisd anns a’ ghrianan. Sheall e sios orra, a’ toirt fanear mar a bha, ach is e leathadh air a dha shuil a thainig air an uair a chunnaic e mar a bha.
“Is e Dia fein a chuidich leam,” arsa Arsacius. “Is leamsa an leomhan, agus is aithne da mi. Chi thu nach ’eil e a’ deanamh cron orm.”
Spleuc Bassus, coinneal ’na shuilibh, amhluadh agus buaireas gun tomhais ’na chionnachaibh. Chas e ’fhiaclan ris agus braoisg dhranndanach aige. Thilg e an cearcall-màis an dara uair.
“A’ dhonainn dhona, mallachd ort,” —agus bhuail e a cheann le a dhorn fein aig ro mheud ’fheirge. Sheas e an sin car tiota, a’ dol fo a bheachdan. Dh’ eirich lasan a rithisd air, cho trom sin gu ’n d’ atharraich a ghnuis gus an saoilteadh gu ’n robh an crith-ghalar air. Cha b’ urrainn da labhairt fad prioba. “Bheir mise ort fathasd,” ars’ esan fadheoigh, “O, bheir!” agus dh’ fhalbh e as a’ ghrianan uair eile, agus chuala Arsacius a cheumannan a’ bualadh troimh ’n tigh agus mallachdan ’gan sgriachadh aige.
An ceann da mhionaid chualas na mallachdan a’ tighinn aige a rithisd, agus ge b’ oillteil an fhuaim, bha aoibhneas air Arsacius roimhe, o chionn an leomhan a bhi iomairteach, frionasach, agus e a’ togail a chinn agus talach aige. Dh’ fhosgladh an dorus, bhuail an cealgaire a steach, agus chaidh e de leum a dh’ ionnsuidh an laoich againne, agus gun omhail sam bith aige air an leomhan. “Marbh-phaisg ort,” ars’ esan, ard a ghuth, “gun rath ort mar rogaire, bheir an claidheamh a mach na dhearmaid an leomhan.” Bha claidheamh ’na laimh ’ga chrathadh aige, ach ma bhà bha fear eile aig Arsacius. Gidheadh bha an t-ana-cothrom aige agus Candida ’na h eire trom air a ghairdean-chli. Air a shon sin bha e urranta, ealamh, agus mhothaich Bassus da sin, oir an uair a thainig e mar fhad sathaidh da thug dararaich a’ chlaidheamh eil’ air a thuigsinn gur e a b’ fhearr. Thug am Probhaisd an ath-shathadh, agus bha na lannan fathasd a’ gliosgardaich gun barrachd aig fear seach fear, an uair a thainig atharrach air an sgeul. Ghabh an leomhan as leth Arsacius agus leag e Bassus air an lar.
Cha d’ fhan an t-armunn fearail againn ach an dorus a chuir dheth agus dol am muinighinn ruith, agus Candida air a ghuaillnean. Shaoil leis nach bitheadh ach fior bheagan aig Bassus ri mhaoidheadh air mu ’n àm sin am maireach. Dhi-chuimhnich e an dorus a’ dhunadh o’n taobh a muigh. Chuir e seachad gach talla agus seomar gus an d’ rainig e an ard-dorus. Bha duine eile an sin ’na bhun. Dh’ iarr e air an dorus ’fhosgladh. Cha do chuir e gliog as. Thug Arsacius lamh air a’ chrann. Dh’ fhosgail e an dorus. Chaidh e a mach. Thainig an duine eile air o leth a chuil. Cha d’ rinn esan an tuilleadh foighidinn. Leag e sios ise air an lar, cho aotrom ’s a b’ urrainn da, agus chaidh e an dail an fhir eile, agus b’ ann an sin a bha an sealladh air gaisge, car an aghaidh cuir agus cleas an aghaidh cleas. Cha b’ fhada daibh air an dian chomhraig sin an uair a chuir an ceathairneach foghainteach againne a chlaidheamh troimh chridhe an fhir eile gu ruig an dorn-chladh. Thuit e sios air an lar, agus cha d’ thug e ach an da osnaich glugulach sin as. Thill esan far an robh ise agus gun de churam air ach mar a rachadh aige air a cuir fo dhion. Thog e suas a rithisd i, agus rinn e a chasan mar a b’ fhearr a bha aige, aghaidh air an tigh aicese gus Mairi a’ shaoradh mar an ceudna, nan gabhadh sin a dheanamh. Sealadh da air an ruith sin an uair a dh’ fhairich e ceumannan ’na dheigh. Co bha an sin ach a shean nàmhaid Bassus! Gheuraich Arsacius air fein, agus bu chruaidh an spairn air e, agus uallach a dhroma air agus a neart a’ dol uaithe le gach ceum de ’n gabhadh e. Cha robh air a’ chruadal ach cruachadh ris, agus chuir e a rithisd agus a rithisd ris fein, mar nach b’e bathadh mor aig oirthir a bu mhath leis. Cha b’ uilear ach gu ’n do mharbh Bassus an leomhan agus gu ’n d’ eirich e nan deigh-san gun tuilleadh dalach. Bha e ’na ioghnadh mor le ar laoch-ne mar a rinneadh leis a’ chealgaire air an leomhan, ach bha e soilleir gur e a mharbhadh a rinn e air neo cha bhitheadh e an sin, agus bha e coltach nach d’ rinn e ach snagan air eiginn uaithe, oir cha b’ urrainn da an t-sraid a thoirt o Arsacius luchdaichte mar a bha e, agus dh’ aithnich Arsacius air a sin gu ’n deach a leonadh.
A h-uile olc ge ’n d’ fhuair e riamh, rainig e, chuir e roimhe an dorus agus thug o a suas air, leig e ise as a ghairdean sios air suidheagan a bha an sin, agus bu ghann da sin a dheanamh an uair a chunnaic e a nàmhaid chuige an dorus asteach. Thug e oidhirp ghamhlasach air Arsacius. Chuir Arsacius an lann gu taobh gu cuimir, sgairteil, agus chunnaic e aig an aon àm gu ’n robh ’fhuil a’ sruthadh uaithe agus a’ sileadh air an urlar. Thug sin air gun gheurachadh air ach a bhi ’ga chumail dheth. Chunnaic Bassus nach robh math da bhi ris, agus a’ leigeil ’analach da, suil de ’n tug e chunnaic e Candida ’na luidhe air an t-suidheagan, agus thug e sithe chuice le glaodh uamhasach. Ach b’ ann leis an laoch againne a bu luaithe, agus tharruing e sathadh-chridhe mar a rinn e air fear an doruis, agus thuit Bassus marbh gun anam.
. . . . . . . . . .
Gheibhear deireadh gach sgeoil a nasgaidh.
Cha ’n fhada ’na dheigh sin gus an robh rosg briosg mna aig Candida an aite rosg mhoill mhaighdinn mar a bha uirre roimhe. Bha ri h-uine clann aca agus clann cloinn, agus bha iad tuilleadh ann am meas agus ann an soirbheachadh gus a’ chrich.
A’ cheud sgeul air fear an taighe agus sgeul gu la air an aoidh.
Tha thusa, a’ leughadair, ann an tigh MHIC-TALLA an drasd; thug esan deagh sgeul dhut; an uair a thig an aithris mu ’n cuairt tha duil aige gu ’m bi sgeul eile agad dha; agus mur fearr an sgeul agadsa, na b’e dad a bu mhiosa.
(A’ chrioch).
LITIR A CEAP NOR.
Ged shaolas sinn nach ’eil an geamhradh so mi-fhallain, tha mòran easlainte, aig an àm so ’n ar measg. Tha àireamh chàsan de’n ghriuthraich ’s an Acarsaid a Deas. Dh’eug triuir chloinne le tinneas nach ’eil mi-choltach ris an amhaich ghoirt, an taobh a stigh de cheithir seachduinean. Bu le Daibhidh Mac-a- Phearsain (mac Neill) dithis dhiubh sin. Bu leis an sgiobair Iain Fitzgerald an aon eile, cailleag a bha mu choig bliadhna deug a dh’ aois. Bha ’n lighiche Mac Keen a lathair aig càs no dhà dhiubh so, agus tha e ag radh nach i an amhach ghoirt a th’ann idir; ach tha mòran dheth ’n t-sluagh nach eil idir saor o eagal gu ’m faod e bhi air a mhealladh. Tha àireamh eile tinn, agus cuid air a dhol am feabhas o chionn ghoirid air an robh tinneasan eile. Dhiubhsan a tha fathast tinn tha ’n duine aosda, Gilleasbuig Domhnullach, agus cha’n ’eil mòr dhùil ri e dh’ fhaotuinn thairis air a thrioblaid.
Mar so, ged tha bliadhna ùr agus linn ùr eile air tòiseachadh, cha ruig duine beò a leas a bhi deanamh cinnteach gu ’m faigh sinn ar reis a ruith troimh an t-saoghal so gun amhgharan agus trioblaidean ’g ar coinneachadh. Tha, gun amharus, mòran a’ dol as saor o chuid de dheuchainnean leis am bheil cuid eile gu mòr air an sarachadh; agus tha e cheart cho fior sin gu bheil ’s an t-saoghal àireamh lionmhor dhiubhsan a tha mar so air an sàrachadh, a tha giùlan gu foighidneach leis gach ni a tha ’m Freasdal a’ faicinn iomchuidh a leigeil ’n an rathad, am feadh a tha mòran de chach ’n an luchd cànrain agus gearain re am beatha gu h-iomlan. Oibrichidh trioblaid foighidin annta-san uile a ghabhas rithe ’san doigh iomchuidh, am feadh a tha mòran eile a sior fhàs ni’s ceannaircaiche ri aghaidh gach ni a bu choir a bhi ’g an treoireachadh gu aithreachas. Tha iad lionmhor air feadh an t-saoghail a ghuidheas mar a rinn Balaam o shean, “Faigheamsa bas an ionracain agus biodh mo chrioch dheireannach mar a chrich-san,” gidheadh leis nach aill air chor sam bith ni’s mo na b’aill leis-san, a bhi beo mar an t-ionracan air thalamh. “Miannaichidh anam an leisgein, agus cha bhi aige; ach nithear anam nan dichiollach sultmhor.” Cha’n ’eil teagamh nach faighear mòran am measg nan lunndairean a tha pailt cho sanntach ris a chuid sin de’n mhuinntir dhichiollaich a tha cho dian an tòir air saoibhreas saoghalta a charnadh suas, co dhiu theid sin leo no nach teid.
Tha e air àithne do na h-uile bhi dìchiollach, araon a thaobh an t-saoghail so agus an t-saoghail ri teachd. Bu truagh darireadh cor an t-saoghail nan robh a luchd-aiteachaidh gu leir nan lùnndairean. Tha na th’ann dhiubh a deanamh call do-labhairt dhoibh fein agus do mhuinntir eile, agus sin ann an doighean cho lionmhor ’s nach urrainn sinn an toirt fainear gu leir. So beagan
[Vol . 9. No. 32. p. 3]
dheth na sgriobh Solamh mu’n lunndaire: —Ghabh mi seachad air fearann an duinc leisg, agus air fion-lios an duine gun tuigse; agus feuch bha e uile air fàs suas le cluaranaibh, chomhdaich an eanntagach ’aghaidh, agus bhriseadh sios a bhalla cloiche. An sin chunnaic mi, thug mi ’n aire gu maith; dh’amhairc mi, fhuair mi foghlum. Fathast beagan codail, beagan clo-chodail, beagan pasgaidh nan làmh gu codal: an sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail agus d’ uireasbhuidh mar dhuine fo àrmaibh.
M. D.
Ceap Nor, Ian. 26, 1901.
Sgeulachdan Arabianach.
Ganem.
CAIB. III.
THUIG a’ bhean uasal gu math ciod iad na smaointeanan agus na faireachdainean a bha ’g eiridh suas ann an inntinn Ghanem. Ach o’n a bha e ’g a ghluasad fhein gu measail, modhail, uasal, cha robh eagal sam bith aice roimhe. Bha fhios aig Ganem gu ’n robh feum aicese air biadh agus o nach robh toil aige leigeadh le neach sam bith ach e fhein biadh fhaotainn dhi, thug e leis seirbhiseach, agus dh’ fhalbh e mach a cheannach gach seorsa bidh a bhiodh feumail, freagarrach dhi. Cheannaich e rud dhe gach seorsa bidh a b’ fhearr na cheile, agus mar an ceudna measan is fion, agus a’ cheart seors’ arain a bhiodh air bord an righ.
An uair a thainig e dhachaidh ghrad chuir e le ’lamhan fhein na measan air a beulaobh ann am meis mhoir shina cho math ’s a bha ri fhaotainn. “A bhaintighearna,” ars’ esan, “ma ’s e bhur toil e, gabhaibh rud dhe na measan so gus am bi biadh a’s fhearr deiseil.”
Bha e air son seasamh aig a’ bhord a’ frithealadh dhi, ach thuirt i ris nach blaiseadh i air rud sam bith mur suidheadh e fhein aig a’ bhord a dh’ itheadh comhladh rithe. Shuidh e aig a’ bhord mar a dh’ iarr i air. Agus an uair a dh’ ith iad beagan, thug Ganem an aire gu ’n robh an srol a chuir a’ bhean uasal dhith ’na laidhe air an langsaid. An uair a bheachdaich e gu math air, chunnaic e gu ’n robh sgriobhadh ann an litrichean oir air am figheadh air an iomall aige. Thug i an srol dha, agus dh’ fheoraich i dheth am b’ urrainn e an sgriobhadh a leughadh.
“A bhaintighearna,” ars’ esan, “mur rachadh aig marsanta air sgriobhadh is leughadh a dheanamh cha bhiodh e comasach air a dhleasdanas a chur an gniomh gu ceart.”
“Seadh ma ta,” ars’ ise, “leugh na facail a tha sgriobhte air an t-srol, agus bheir thu dhomhsa cothrom air mo naigheachd innseadh dhut.”
Ghabh Ganem an srol as a laimh, agus leugh e na facail so: “Is leatha mise, agus is leamsa thusa, ’fhir a tha de shliochd brathair athar an fhaidh.”
B’ e righ Haroun Alraschid, a bha ’s an am a riaghladh, aon de shliochd Abbais, brathair athar Mhahomet.
An uair a thuig Ganem brigh nam briathran so, thuirt e le guth muladach, “Ochan! a bhaintighearna shabhail mise do bheatha, agus bheir an sgriobhadh so am bas dhomh! Cha ’n ’eil mi ’tuigsinn lan sheadh nam briathran; ach tha iad a dearbhadh dhomh gur mi duine cho mi-fhortanach ’s a tha beo. Tha mi ag iarraidh mathanais, a bhaintighearna, air son m’ inntinn a leigeadh ris cho saor so. Bha e neo-chomasach dhomh d’ fhaicinn gun tuiteam ann an gaol ort. Tha thu fhein a’ tuigsinn gu ’m bheil a’ chuis mar so, agus nach b’ urrainn domh a bhith ’na chaochladh de staid, agus feumar mo leithsgeul a ghabhail. Chuir mi romham gu’n coisninn do chridhe le mo ghiulan measail, le mo churam, le mo dhichioll, le m’ umhlachd, agus le mo sheasmhachd; agus cha bu luaithe a chuir mi so romhan na thugadh uam mo dhochas gu buileach. Cuiridh am mi-fhortan so am bas orm an uine ghoirid. Ach, biodh sin mar a thogras e, bidh de thoileachadh agam gu’m faigh mi bas ann an trom-ghaol ortsa. Toisich gun dail, a bhaintighearna, tha mi ’guidhe ort, ri innseadh dhomh mu ’n mhi-fhortan a tha gu tighinn orm.”
Cha b’ urrainn e na briathran so a labhairt gun na deoir a shileadh gu frasach. Bha cridhe agus inntinn na mna uasail fhein gu mor air an gluasad leis na briathran so, ach an aite bhith mi-thoilichte leis na briathran a labhair e rithe, is ann a bha aoibhneas gu leor oirre; oir thoisich i ri gaol trom a ghabhail air. Ach cha do leig i ris staid a h-inntinn dhasan. Agus mar nach biodh i ’cur suim sam bith anns na thubhairt Ganem rithe, thuirt i ris, “Na ’n robh fhios agam gu’n cuireadh sealladh dhe ’n t-srol a leithid de dhragh ort, cha robh mi air a shealltainn dhut. Agus cha ’n urrainn mi thuigsinn gu ’n cuir na tha mi ’dol a dh’ innseadh dhut do staid anns an t-suidheachadh mhuladach a tha thu ’smaointean.
“Feumaidh mi innseadh dhut, a chum gu’n tuig thu mo naigheachd, gur e Fetnah an t-ainm a th’ orm. Thugadh an t-ainm so orm an uair a rugadh mi, a chionn gu ’m b’ e barail dhaoine anns an am gu ’n tugadh sealladh dhiom iomadh amhghair do dhaoine latha eiginn. Feumaidh gu ’n cuala tu m’ ainm roimhe, o nach ’eil duine fuireach ann am Bagdad aig nach ’eil fhios gur e so an t-ainm a tha air a’ bhoirionnach og a’s mo air am bheil de mheas aig righ Haroun Alraschid.
“Thugadh do’n luchairt mi an uair a bha mi gle og, agus fhuair mi arach is foghlum ann mar is gnath a bhith ’toirt do gach te dhe mo sheorsa a bhios a’ fuireach ann. Bha mi gu math ealamh gu ionnsachadh gach seorsa foghlum a bha iad a teagasg dhomh; agus, comhladh ris a so, o’n a bha tomhas de mhaise orm, ghabh an righ tlachd dhiom, agus thug e fa near seomar a chur air leith dhomh faisge air an t-seomar aige fhein. Cha ’n fhoghnadh so leis, ach dh’ ordaich e gu ’m biodh fichead searbhanta ’frithealadh dhomh, agus an aireamh cheudna de chaillteanaich. Agus riamh o ’n uair ud, tha e ’toirt dhomh a leithid de thiodhlacan luachmhor ’s gu ’m bheil mi ’g am fhaicinn fhin na ’s beairtiche na banrigh sam bith air an t-saoghal. Faodaidh tu a thuigsinn o na dh’ innis mi dhut gu ’n robh eud aig Sobaide, a’ bhanrigh rium, a chionn cho sona ’s a bha mi. Ged a tha ’n righ cho miadhail oirre ’s a b’ urrainn fear a bhith air mnaoi, tha i a deanamh gach ni ’na comas a chum cur as dhomhsa.
“Gus a so chaidh agam air mi fhin a dhion o gach ribe a bha i sgaoileadh romham. Ach mu dheireadh chaidh aice air a h-eud mi-runach a chur an geill ’nam aghaidh, agus mur b’ e thusa, bha mi marbh roimhe so.
“Cha ’n ’eil teagamh agam nach do thuarasdalaich i aon dhe mo shearbhantan gus deoch a thoirt dhomh an raoir a thug orm tuiteam ann an cadal cho trom ’s gu ’n deachaidh aca air mo thoirt air falbh gun fhios gun fhaireachadh dhomh. Bheir an deoch ud air neach cadal fad sheachd uairean cho trom ’s nach duisg rud sam bith e. Tha h-uile aobhar agam a bhith ’creidsinn gu ’m b’ ann mar so a bha, o’n a tha mi gu nadarra cho aotrom air a’ chadal ’s gu ’n duisg am fuaim a’s lugha mi.
“Gus a h-innleachdan a chur an gniomh ghabh Sobaide an cothrom an uair a bha ’n righ air falbh air cheann a shluaigh a’ cogadh ri aon de na righrean a tha faisge air an rioghachd so. Mur b’ e an cothrom so fhuair i, cha bu dana leis a’ bhanrigh, goimheil ’s mar a bha i ugam, oidhirp a thoirt air mo bheatha a thoirt air falbh. Cha ’n ’eil fhios agam ciod a dh’ fheuchas i ri dheanamh gus an gniomh so a chumail an cleith air an righ. Ach tha e ro fheumail dhomsa gu ’n cumadh tusa an diomhaireachd so an cleith. Tha mo bheatha an crochadh ris. Cha ’n eirich beud dhomh ’na do thaigh-sa fhad ’s a bhios an righ air falbh a Bagdad. Tha e ro fheumail dhut fhein an diomhaireachd a chumail an cleith mar an ceudna; oir na ’m faigheadh Sobaide am mach gu ’n do shabhail thu mo bheatha dhomh, dheanadh i dioghaltas trom ort air a shon.
“An uair a thilleas an righ, cha ruig mi leas uiread a dh’ eagal a bhith orm. Gheibh mi doigh air fios a leigeadh g’ a ionnsuidh mu dheidhinn a h-uile car mar a thachair dhomh, agus tha mi lan chinnteach gu ’m bi e na ’s deonaiche na mi fhin air duais a thoirt dhut air son na rinn thu dhomhsa agus dha fhein.”
Cha bu luaithe a chur Fetnah crioch air na bh’ aice ri radh na labhair Ganem mar so: “A bhain-tighearna, tha mi ’toirt mile taing dhut air son an fhiosrachaidh sin a thoirt dhomh a dh’ iarr mi ort. Agus faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi gu ’m bi thu sabhailte gu leor ann am thaigh-sa. Tha na faireachdainean a dhuisg thu an taobh a staigh dhiom ’nan urras gu ’n cum mi an cleith na dh’ innis thu dhomh.
“Agus mu dheidhinn mo chuid sheirbhiseach, feumaidh mi aideachadh nach urrainnear moran earbsa a chur annta. Is docha nach bi iad cho dileas dhomhsa ’s bu choir dhaibh, ma gheibh iad fios air mar a fhuair mise thu, agus c’aite an d’ fhuair mi thu. Ach cha ’n ’eil e comasach gu ’m faigh iad fios sam bith m’ a dheidhinn. An aite sin, theid mi am bannadh dhut nach feoraich iad dad m’ a dheidhinn. Tha e cho nadarra do dhaoine oga banoglaich mhaiseach a cheannach ’s nach cuir e annas sam bith orra thusa fhaicinn an so; oir creididh iad gur e do cheannach a rinn mi. Creididh iad mar an ceudna gu ’n robh aobhar sonraichte agam air do thoirt an so mar a rinn mi. Faodaidh tu, air an aobhar sin, d’ inntinn a chumail aig fois a thaobh a’ ghnothaich, agus faodaidh tu a bhith cinnteach gu ’m faigh thu uamsa gach seirbhis is urram air am bheil banoglach an righ dligheach. Ach mor ’s mar a tha e, ceadaich dhomhsa, a bhaintighearna, aideachadh gu follaiseach nach ’eil rud sam bith comasach air a’ ghaol a thug mise dhut a chur as mo chuimhne. Tha fhios agam nach leig mi gu brath as mo chuimhne nach ’eil cuid no gnothach aig an t-seirbhiseach ris na bhuineas d’ a mhaighstir. Ach thug mi gaol dhutsa mu ’n d’ innis thu dhomh gu ’n robh thu ann an ceangal posadh ris an righ. Cha’n ’eil e comasach dhomh stad a chur air a’ ghaol a thug mi dhut. Ged nach ’eil ach uine ghoirid o ’n a thoisich e, tha e mar tha cho laidir ’s a b’ urrainn a bhith. B’ fhearr leam gu ’n deanadh an righ dioghaltas air Sobaide le thusa thoirt gun dail air ais g’ a ionnsuidh; agus an uair a bheir e air ais thu g’ a ionnsuidh fhein, tha dochas agam gu ’m bi cuimhne agad air Ganem truagh a thug uiread de ghaol dhut ’s a thug an righ fhein. Ged a tha e na righ cumhachdach tha mi ’toirt orm fhin a chreidsinn nach bi e comasach dha toirt ort mise a dhichuimhneachadh. Cha ’n urrainn barrachd gaoil a bhith aig ort na th’ agamsa ort. Agus ge b’ e air bith aite dhe ’n t-saoghal anns am bi mi air m’ fhogradh gus am bas fhaotainn, cha leig mi thusa air dichuimhn.”
(Ri leantuinn).
[Vol . 9. No. 32. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 8, 1901.
THA e car iongantach a’ ghnè reusonachaidh a tha air a chur an cleachdadh le muinntir nan Staidean air uairibh a thaobh neart us ceart eadar rioghachdan an t-saoghail, ’se sin ma tha iad ri ’n gabhail a reir nam paipearan-naigheachd a chi sinn a’ tigh’nn bhar criochan an dùthcha.
Tha Breatunn mar is aithne dhuinn uile, a’cogadh ris na Boerich ’san deigh an duthaich a thoirt gu bhi fo a riaghladh féin. Bha àrd-thighearnas aig Breatunn thairis air na Boerich, ach thug i làn shaorsa dhaibh gu iad féin a riaghladh, agus leig i leotha riamh gus an do thòisich iad ri ainneart a dheanamh air Breatunnaich ’s air coigrich a chaidh do ’n Transbhaal, a dh’ fhosgladh mhèinnean, na daoine a rinn an dùthaich beairteach. Agus nuair a chaidhtear a dh’ fheuchainn ri ceartas fhaotainn dhaibh, ’s ann a chuir Crugar Breatunn gu dùbhlan, agus a ghairm e cogadh. Tha an cogadh sin air leantuinn fad còrr us bliadhna, ged a tha e nise gu math dluth air a chrich. Ann a bhi toirt iomradh air a chogadh so, tha àireamh mhor de phaipearan nan Staidean a labhairt mu na Boerich mar shluagh sitheil, neo-choireach, a bha mealtuinn saorsa roimhe so agus a tha nise cogadh ri Breatunn a feuchainn ris an t-saorsa sin a ghleidheadh. Cha leig iad seachad cothrom a gheibh iad air beum a thoirt do na Breatunnaich ’s air misneach a thoirt do na Boerich, agus shaoileadh neach a bhiodh ’g an leughadh gu robh neart a dol thar ceart nuair a bhiodh soirbheachadh sam bith leis an arm Bhreatunnach.
Ach cha’n e so an aon chogadh a tha dol air adhart anns an t-saoghal. Tha cogadh beag leibideach aig muinntir nan Staidean air an lamhan féin. O chionn da bhliadhna air ais chuir iad an aghaidh air an Spàinn os leth nan Cubanach ’s nan Philippineach a bha aig an àm a feuchainn ri ’n saorsa chosnadh o ’n dùthaich sin. Aig crioch a chogaidh, cheannaich na Staidean na h-Eileanan Philippineach o’n Spàinn, agus riamh uaithe sin tha iad a feuchainn ris na h-eileanaich a chisneachadh. Cha’n eil an sluagh sin air son a bhi fo chuing nan Staidean na’s mo na bha iad air son a bhi fo chuing na Spainne. Tha iad ag iarraidh a bhi saor agus cothrom a bhi aca air iad fhéin a riaghladh. Cha’n eil boinne de dh’ fhuil Gheancach ’nan cuislean, agus cha’n eil còir aig na Staidean orra ach gu ’n do cheannaich iad o’n Spàinn iad nuair nach b’urrainn an duthaich sin an cumail dhi fhéin. Agus am bheil na paipearan Geancach a’ cur an t-sluaigh so air an aon ruith ris na Boerich? Am bheil iad ag radh gur daoine sitheil neo-choireach iad a tha feuchainn ri saorsa ’chosnadh, agus gur dùthaich ain-tighearnail na Staidean a tha feuchainn ri ’n còraichean dligheach a thoirt uatha? Cha ’n eil, cha ’n eil. Is ceannaircich agus luchd-reubainn iad! daoine borba, fiadhaich, aineolach a tha gu h-aingidh a’ togail arm an aghaidh na dùthcha tha feuchainn ri saorsa agus deagh riaghladh a thoirt dhaibh, agus a tha deònach an sparraidh orra ge b’ oil le’n amhaich!
Tha a’ ghne reusonachaidh leis am bheilear anns an dòigh so a deanamh iasg de Bhreatunn agus feòil de na Staidean gle iongantach, ach cha ’n eil e idir annasach air muinntir na co-fhlaitheachda moire tha deas oirnn. Tha iad cleachdte ris o chionn iomadh bliadhna. Tha iad mar gu’m biodh gloineachan amhairc aca, a chuireas dath boidheach air cùisean a bhuineas daibh féin agus dath nach bi idir cho boidheach air cùisean a bhuineas do mhuinntir eile. Ach mar is luaithe chuireas iad na gloineachan meallta sin uapa ’s ann is fhearr dhaibh féin ’s is taitniche do mhuinntir dhùthchannan eile.
ANNS an àireamh dhe ’n MHAC-TALLA a thainig a mach air October 26, bha “Oran Stuamachd” air a chlo-bhualadh, a tòiseachadh leis na briathran so:—
“Sud agaibh an deoch a dh’ òlainn
Fior-uisge fallain nan lòintean.”
Bha e air a chur ugainn leis an ùghdar á Eilean a’ Phrionnsa. Ach ann an àireamh dhe’n Oban Times a thainig gu ar laimh o chionn ghoirid, fhuair sinn an t-òran ceudna air a chur an clò mar gu’n biodh e air a dheanamh le neach eigin ann an Toronto, agus gun ghuth no iomradh air e bhi riamh ann am MAC-TALLA! Tha sinn an dùil, co-dhiu, nach cuir so fearg sam bith air ar caraid á Eilean a’ Phrionnsa, oir nochdaidh e dha gu bheil e ’na bhàrd na ’s fhearr na bha e-fhéin, ma dh’ fhaodte, ’n dùil. Mur biodh an t-òran air a dheagh dheanamh, cha rachadh am fear eile ’ga ghoid air.
Tha sia ceud ceisd ri bhi air an cur le luchd àireamh an t-sluaigh ’nuair a thòisicheas iad air an obair sin. Cosgaidh sin moran ùine. Chunnaic sinn duine uair us uair a chuireadh sia ceud ceisd ann an ùine gle ghoirid, ach bha e coma co dhiubh gheibheadh e freagairt no nach fhaigheadh. Ach na ceistean a chuireas luchd na h-àireamh, feumar am freagairt.
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Th an Stor Mhor Innsridh
a tairgsinn
.500 Brat-leapach.
air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeilAlaska Feather & Down Co.Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air
$1 .50
Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, Manager.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 32. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Aig an taghadh Di-mairt s’a chaidh bha Mr. Crowe air a chur a stigh a rithist mar àrd-bhaillidh le 272 bhot a bharrachd air Mac Fhionghain. Mar chomhairlichean, bha air an taghadh, anns a cheud roinn, Iain A. Young; anns an darra roinn, Howard Caimbeal; anns an treas roinn, Domhull Domhnullach; anns a’ cheathramh roinn, H. S. Ros, agus Eideard Keefe; agus anns a choigeamh roinn, Uilleam Fitzgerald agus Ailean Mac-Leoid. Ann an Sidni Tuath bha D. D. Mac-Coinnich air a chur a stigh mar àrd-bhàillidh, gun duine ruith na aghaidh, agus fhuair na seana chomhairlichean uile stigh a rithist.
B’fhearr gu ’n robh na h-uile Gàidheal aig am bheil an comas cho dichiollach os leth na Gàilig ri Domhull Mac-Ille-ghlais, ann an Stellarton—no mar a their e féin ris “Baile-nan-Reul.’ Cha’n eil geamhradh o chionn beagan bhliadhnaichean nach eil e a teagasg leughadh Gàilig do àireamh thaghte de dhaoine tha cheana comasach air a labhairt. Is e MAC-TALLA ’s leabhar-oilean dha, agus is e cheud dhleasdanas a tha e ’g iarraidh air gach duine de na foghlumaichean a bhios fo theagasg cur a dh’ iarraidh a phaipeir Ghàilig. Tha e a creidsinn, agus a creidsinn gu ceart, gur h-e paipear Gàilig aon de na meadhonan a’s cumhachdaiche air son cumail suas na Gàilig anns an dùthaich so. Tha sinn an dòchas gu ’n bi saoghal fada air a thoirt dha agus làn chomas air a bhi deanamh na bu mhiann leis os leth na cànain d’ am bheil sinn uile toirt gràdh cho mor.
Bha tòrradh Ban-righ Victoria air a dheanamh le mor-ghreadhnachas, agus ged a bha an latha fuar, fliuch, chruinnich sluagh mor do Lunnuinn a dh’ fhaicinn an t-seallaidh. Di-haoine bha corp na ban-righ’nn air a thoirt o Eilean Wight, far ’n do chaochail i, gu Portsmouth, far an robh e air a chumail air bòrd soithich gu maduinn Di-satharna, agus geard làidir de sheòladairean ’s de shaighdearan air. Eadar Eilean Wight us Portsmouth bha da shreath dhùbailte de shoithichean cogaidh a sineadh air gach taobh dhe’n t-slighe a ghabh an soitheach air an robh an giùlan. Maduinn Di-satharna bha a chiste-laidhe air a toirt gu Lunnuinn air carbad-smùide, agus aig cala Victoria bha i air a cur air carbad gunna-mhoir, ’s an crùn ’s an t-slat rioghail air a h-uachdar. Bha an carbad sin air dath Khaki (ruadh) agus air a tharuinn le ochd eich gheala, na ceart eich a bha ’ga giùlan beò aig an Iubili an 1897. Bha àireamh mhor reiseamaidean a siubhal romh ’n ghiulan, agus bha gach oifigeach us saighdear air a sgeadachadh ’sa chulaidh a b’fhearr a bh’ aige. Cha robh ach fior bheagan dubh air a nochdadh. Direach as deigh carbad a ghiùlan bha an righ a marcachd, agus a bhrathair, Diuc Chonnaught, air a laimh chli, ’s Impire na Gearmailt air a làimh dheis. Bha Righ na Greige ’s righ Phortugal a’ marcachd ’nan deighsan, agus an sin thainig muinntir an teaghlaich rioghail ann an carbadan. Dh’ fhàg an giulan cala Victoria mu leth-uair an deigh aon uair deug, agus rainig e cala Phaddington aig cairteal an deigh aon uair, Ann an sin bha a chiste air a cur air a charbad-iarruinn, ’s air a toirt gu Windsor, far an robh i air a cur air carbad gunna-mhòir a rithist ’s air a toirt do eaglais Naomh Seòras far an robh seirbheis nam marbh, a reir nòs na h-Eaglais Shasunnaich air a cumail. Bha an corp air a chumail anns a’ chaisteal gu Di-luain, ’nuair a bha e air a ghiùlan gu tigh-adhlacaidh Frogmore. Is ann an so a tha a céile Ailbeart an tiodhlacadh, agus an sin tha a chàraid rioghail a bha cho sona ann an gradh a chéile ’s urram an t-sluaigh gus ’n do sgar am bàs iad, ’nan cadal deireannach. Bidh an t-àite air a chomharrachadh am mach re iomadh bliadhna ’s linn ri teachd mar an t-àite anns am bheil a bhan-righ bu ghlice ’s a b’ fhearr a bha riamh thairis air Breatunn, agus a céile, ’nan laidhe gu tosdach, sàmhach, ann an suain a bhàis.
Anns na bliadhnaichean so tha e air fàs gle fhasanta do dh’ uaislean bochda am Breatunn ’s an dùthchannan Eòrpach eile a bhi pòsadh nigheanan dhaoine saibhir a mhuinntir nan Staidean. Tha an t-airgead roghann aig moran de dhaoine uaisle na h-Eòrpa, agus nuair a theid iad a dh’ iarraidh mnatha, ’s math leotha té fhaotainn aig am bi dòrlach math de chuid an t saoghail so air chùl a laimhe. Agus nigheanan nam milleanairean ’s na Staidean, tha iad ’g am meas féin os ceann dhaoine cumanta nach urrainn tiodal is àirde na Mister no Esquire a chur ri’n ainm. ’S fhearr leotha fear a tha ’na Dhiùc no ’na Iarla no na Mhorair, no ’na Bharan, ged nach biodh sgillinn ruadh ris an t-saoghal aige, na an duine ’s fhearr foghlum us tapadh ’s is mo saibhreis a tha dhith tiodail. Tha na h-uaislean bochda ’s na caileagan saibhir air an aobhar sin a freagairt cho math air a’ chéile ’s nach eil e ’na ioghnadh mor sam bith iad a bhi deanamh mar a tha iad.
Tha sinn duilich gu bheil againn air an t-seachdain so ri sgeula-bais Dhomhuill Mhathanaich innse. Chaochail e feasgar Di-haoine s’a chaidh, an deigh fulang re ùin’ fhada le tinneas ro-chràiteach. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa tri a dh’ acis, Rugadh e aig Grand Rìver, agus thainig e do ’n bhaile ’na òige. Chaidh e ’na chléireach ann an stor, lean e ris an obair sin, agus an ceann beagan bhliadhnaichean bha e deanamh gnothuich dha fhéin. Cha do sguir e chumail stoir gu meadhon an t-samhraidh s’a chaidh nuair a bha a shlàinte air bristeadh. Cha mhor de ar luchd-leughaidh anns an t-siorrachd nach robh eòlach air, agus cha robh aig neach ach a bhi eòlach air gu bhi measail air. Bidh ionndrain mhor air anns a’ bhaile so, oir bha e ’na dhuine onorach, seasmhach, a bhiodh daonnan air taobh an ni a bhiodh ceart. Bha e ’na bhall de’n eaglais Chléirich, agus na eildear an eaglais Sraid Falmouth. Bha e air adhlacadh Di-luain, agus ged a bha an latha gle mhi-fhàbharrach, ba barrachd sluaigh cruinn ’sa chunnaic sinn aig tòrradh an Sidni o chionn àireamh bhliadhnaichean. Bha seirbhis-adhlacaidh aig a chléir anns an eaglais, agus anns a’ chladh aig na Saor Chlachairean, comunn de’n robh e ’na bhall measail o chionn còrr us coig bliadhna fichead. Bu bhràthair e do Alasdair Mathanach, am post-mhaighstir. Bha e pòsda, ach cha robh teaghlach idir aige. Tha co-fhaireachdain againn ri bhantraich, ri bhràthair agus ri chàirdean eile tha caoidh an call.
Reic-a- mach Mhor
DE
dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.
Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor.
H . H. Sutherland & Co.
SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN
Airson Sanas bho
KELLY & DODGE,
Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B.
BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.
Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.
F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.
Tha againn air an rathad a’ tighinn
Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich
a theid againn air a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air
$4 .00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e.
Is fhiach e a h-uile sent de
$4 .25 am Baraille
F . & J. MORLEY,
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.
[Vol . 9. No. 32. p. 6]
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XXIX.
Dh’fhan an soirbheas fàbharach gus na sheòl am bàt’ anns an robh am Prionnsa ma uidhe mhil’ ar fhichead bho’n fhearan Uidhisteach, an sin dh’ fhas an t-side rudeiginn stòirmeil, agus a chum misneach Fhionnaghail a chumail suas thòisich Tearlach air gabhail òrain agus ri innseadh naigheachdan beag’ àbhachdach, a chumadh air falbh an fhadachd.
Ma thùs na chamhanaich cha robh fearann sam bith ’nan sealladh, uime sin cha robh fios aig an sgioba c’àit’ an robh iad. Co dhiù, chum iad oirre air a’ chùrsa bha fo sròin, agus cha b’ fhada gus na bhrist beanntaichean corrach an Eilein-Sgiathanaich tro cheò na maidne. Dh’iarr an stiùradair a bréid a thoirt suas gu ard nan ullag, ’s ma uair a dh’ ùin’ an deigh sin bha iad aig rinn Rudha-Bhatairnish air taobh siar an Eilein. Cho luath sa theann iad ri fearann chunnaic iad prasgan de na fir fhreiceadain a bha feitheamh a’ chladaich Sgiathanaich, a chum fògaraich a ghlacadh, agus bho dhìdeann a ghabhail air sgàth nan crìoch sin. Bha sia-ramhach air a taruinn suas ann an camas far an robh iad so na’n stad, agus air ball chuir iad sios i gus an d’ fhuair iad an sàile fo druim, ach, gu dona, leibideach, dhaibh-féin, agus gu sealbhach do’n anrach rioghail, cha robh aon chuid ràmh no taoman aca. Air faicinn sin do na h-Uidhistich thòisich iad air cruaidh iomradh a mach bho’n fhearann; ghlaodh na fir a bh’ air tìr iad a thighinn gu cala air neo gu’n loisgeadh iad orra, ach cha do leag na h-Uidhistich orra gu ’n robh iad ga ’n cluinntinn. Ann am mineid bha na peileirean a feudaireachd ma chluasan an sgioba: dh’ iarr Tearlach air Fionnaghal i shuidhe sios air ùrlar a bhàta chum na peileirean a sheachnadh. Thuirt Fionnaghal gum bu chòir dha féin an ni ceunda dheanamh, gur e bheatha mòran bu luach-mhoire na beatha-sa’. An sin thuirt Tearlach, “O cha ’n eagal domhsa! cha’n eil a chuspaireachd ro mhath!” Thuirt e sin ris an sgioba: “Fhearabh mo chridhc, suas leatha; ’s na tugaibh feairt air na daoidhearan, bheir dusan àlach eile, sibh glan ás gach cunnard.” Thaitinn na briathran sin gu ro mhath ris an sgioba agus dh’imir iad am bàta dìreach mar dh’ iarr e, a’ toirt “hùgan air cuan nuallach, gàireach,” gus an deach iad air tìr anns a Chamus-Mhòr an Cille-Mhoire Thròtairneis glè fhagus do thaigh Shir Alasdair Mhic-Dhòmhnuill (Shléibhte) ann am Moghastard. Bha Sir Alasdair mu’n am sin ann an Cille-Chuimean còladh ri Diuc-Uilleam, ach bha a’ bhaintighearna, a nochd mòr chaoimhneas roimhe sin do’n Phrionns’ aig a’ bhaile.
’Nuair a tharruinn iad suas am bàta chaidh Fionnaghal Dhòmhnullach agus Niall mac Eachainn suas gu taigh Mhoghastard, a’ fàgail a’ Phrionnsa ’na thrusgan bainionn ’na shuidhe air ciste air a mhol. ’Nuair a rainig i ’n talla chuir i fios thun na baintighearn’ gu ’n robh i air son a faicinn. Air ball chaidh Fionnaghall a ghairm a steach do’n t-seomar, anns an robh air an àm sin ’nan suidhe, bean Mhic-Dhòmhnuill Chirce-Post, agus mac do Dhòmhnull Mac Leòid a Bhaile-mheadhonaich, gil òg ’bha na oifigeach anns an arm dhearg, agus a bha mu’n àm sin ann am Moghastard le prasgan sluaigh, a cumail freiceadain air eirthire Thròtairneis de’n Eillean-Sgiathanach an earalas gun tigeadh am Prionns’ air tìr sa’n ionad sin. Bha mar an cianda sa’n t-seòmar Mr Alasdair Dòmhnullach fear Chìse-Bòrgh, a bha ’n uair sin na shiamarlan aig Shir Alasdair Shléibhte. Bha ’n duin’ -uasal sin ann an deagh rùn do Thearlach, air chor is nach bu chunnard ged a gheibheadh e fios gun robh e air sgàth a’ bhaile. ’Nuair a chaidh na h-uaislean gu léir sios gu’n dinnear, dh’ fharraid an t-oifigeach Mac-Leòid na h-urraid de cheistean mionaideach de dh’ Fhionnaghal Nic-Dhòmhnuill: —Cia as thainig i, agus c’ àite bha i dol, ciod a bha aic anns an eithir, agus mar sin sìos. Dh’ fhreagair Fionnaghal gach ceist dhiubh so gu h-amaisgeil, gun dad de na bhreisleich sin a thaisbeanadh, anns bu dù do mhaighdein òig a bhi ann a leithid sin do chàs. B’àbhaist do Mhac-Leòid roimhe so gach bàta thigeadh air sgàth cladaich a mhìn-sgrùdadh rè mhìosan roimhe so, ach labhair Fionnaghal cho faiceallach, pòngail is nach do smaontich e fògarach, de sheòrsa sam bith a bhì na fochar.
Air dhaibh an dinnear a ghabhail sméid Fionnaghal air fear Chìse-Bòrgh do sheòmar air leth, far an d’innis i dha gun robh am Prionns’ air tighinn còladh rithe á Uidhist, agus gun robh e mu’n àm sin aig an tràigh, air éideadh ann an trusgan mnàtha, chum a chur ás aithne. Air ball chuir fear Chìse-Bòrgh air tòir na baintighearn do’n t-seòmar far na leig e ris d’i an diomhaireachd ma dheighinn am Prionnsa bhi cho fagus a làimh. Cho luath sa chuala bhaintighearn so chaochail i snuagh, agus ghlaodh i le reachd guil na muineal, agus deòir le rosgan— “gun robh i-féin agus a teaghlach shios deth.” Ach thòisich fear Chìse-Bòrgh, a bha dheth féin na dhuine suidhaichte, ciallach, air a sìtheachadh, ag ràdh rithe, gun tugadh e am Prionnsa dh’ ionnsaidh a thaighe féin.— “Cha ’n eil annam a nise,” arsa fear Chìse-Bòrgh, “ach seann duine, agus cha dean e mòr mhùthadh co dhiù a dh’ fhàgas mi an saoghal so gun dàil le tobha mu’m amhaich, no dh’ fhanas mi ri bàs nàdurrach, nach
Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:—
LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am baraillean ’s am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.
R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.
AODAICHEAN DEANTE
COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
[Vol . 9. No. 32. p. 7]
urrainn a nis’ a thaobh nan lathaichean gus an tàinig mi ’bhi fad’ air falbh.”
Air dhaibh a bhi ’nan triùir mar so greis a’ conaltradh ri chéile, ghabh fear Chìse-Bòrgh a chead diubh, mar gum biodh e dol dachaigh, agus thug a bhaintighearna dha, mar gum b’ann gu biadh-siubhail, shearrag fhiona agus còrn, maille ri leth-dusan bhriosgaidean fìnealt, agus cnuac de chàise ghobhar, a bh’air a mheas san àm sin na làn-beoil cho tarbhach agus cho falain sa chaidh riabh am beul duine. Chaidh fear Chìse-Bòrgh sa’ chiad dol a mach a shealltainn air Tearlach. Cha robh am Prionnsa mu’n àm so cho fagus do Mhoghastard sa bha e ’nuair a thainig e air tìr. Dh’ innis Niall mac Eachainn dha roimh làimh gun robh fear Chìse-Bòrgh gu cùram a ghabhail dheth, agus gu threòrachadh gu ionad falaich bu tearuinnte na far an robh e. ’Nuair a chunnaic am Prionnsa fear Chìse-Bòrgh a’ deanamh dìreach air an lagan anns an robh e dha fhalach féin, dh’ éirich e agus riuth e na choinneamh le cuaille mòr de mhaide carraigeach daraich na làimh, agus dh’ fheòraich e ris,— “An sibhse Mr Mac-Dhomhnuill Chìse-Bòrgh.” Thuirt fear Chìse-Bòrgh gu ’n b’e. “O! ma tà,” ars am Prionnsa, “togamaid oirn’ as a’ so.” Thuirt fear Chìse-Bòrgh ris e dh’ fhantainn gus an gabhadh e ùracha bìdh, agus sgaoil e na briosgaideau agus an càise sìos air lic fa chomhair an airceich Rìoghail, a thoisich air ithe gu taingeil, toilichte. Air do dh’ fhear Chìse-Bòrgh còrn dheth an fhion a lionadh, dh-òl Tearlach air a shlàinte a’ cheart cho sùgach, àbhachdach, is “ged nach b’fhiamh an tòir.” Air dha acras a chasg thriall iad air an turas gu taigh Chìse-Bòrgh far an robh sùil aig Tearlach an òidhche sin a’ chur seachad.
Tacan an deigh sin, ’nuair a mheasadh gun robh fear-Chìse-Bòrgh agus am Prionns’ air imeachd beagan air an turas, dh’ eirich Fionnaghal Dhòmhnullach bho’n bhòrd gu triall dachaigh, thuirt baintighearn Shir Alasdair (chum an oifigich Mhic-Leòid a chuir á amharas) gu’m b’ fhearr dh’ i fantainn a nochd Thuirt Fionnaghal, “nach b’ urrainn i sin a dheanamh, a thaobh a mathair a bhi ann an droch shlàinte, agus gu tur na h-aonar anns an àm dhòrainneach so.” Mar sin thriall i-féin agus Niall mac Eachainn air an tùras. Bha bean-Chirce-Post, a sgalag agus a bean-mhuinntir mu’n àm sin a dol dhachaigh, á Moghastard do Chirce-Post, agus gus an t-slighe a ghabhail car beagan mhiltean ’nam fochar, dh’fhag iad Moghastard ’nan cùignear a marcachd, agus cha b’fhada gus an tàinig iad suasri fear Chìse-Bòrgh agus ris a’ Prionns’ a bha triall da’n cois agus a bha nise gu bhi siubhal maille riu fad dà mhile gus an ruigeadh iad ath-ghoirid àraidh a bha iad gu ghabhail thar bealach tarsainn an dùthaich. Bha Fionnaghal a nis’ air son nach biodh fios aig sgalaig no aig bean-mhuinntir Bean Chirce-Post (nach d’ fhuair fathast fios na diamhaireachd) air an fhar-rathad a bha’m Prionns’ agus fear Chìse-Bòrgh gu ghabhail; air an aobhar sin thug i air Niall mac Eachainn na h-eich a ghreasad, agus chaidh iad seachad air a’ Prionns’ agus air fear Chìse-Bòrgh nan cruinn-leum. Co-dhiù thug beanmhuinntir bean-Chirce-Post fainnear cho slaodach sa’ bha ’m boireannach a bha còladh ri fear Chìise-Bòrgh ’na trusgan, agus labhair i mar so ri Fionnaghal Nic-Dhomhnuill:— “Cha’n fhaca mi riabh cho ladorn amharc ris a’ bhoireannach àrd ud, faicibh na gàmagan fada tha bhunngaid a’ gearradh! cha chreid mi nach ban-Eireannach i, oir neo fireannach ann an aodach mnà.” Thuirt Fionnaghal, gum b-e a ciad bhaireal a bha ceart, gu’m bu bhan-Eireannach i. Tacan an deigh sin dhealaich Fionnaghal ri bean Chirce-Post, agus mharcaich i-féin agus Niall mac Eachainn gus an tainig iad suas ri fear Chìse-Bòrgh agus ri Tearlach.
(Ri leantuinn.)
BIDH litir anns an ath àireamh o ar deagh charaid, Seumas A. Mac-Gillemhaoil, as na h-Eileanan Coille, E. P. I. Is fhada ’n ùine o nach d’ fhuair sinn litir o Sheumas roimhe, agus bha sinn ’gan ionndrain. Tha sinn an dochas nach bi an ath litir cho fad an deigh na té so ’sa tha ’n té so an deigh na té mu dheireadh a thainig roimpe. Agus o’n a tha sinn a tigh’n thairis air litrichean nach eil an t-àm againn cluinntinn o “Mhurchadh Cam,” fear aig am bheil Gàilig cho glan ’s cho geur ri duine air an d’ fhuair sinn riamh eòlas. Cluinneamaid uaithe air neo gu firinneach cha bhi sinn reidh ris.
Ann an cùirt nam maor am baile Thoronto, Di-satharna, Ian. 26, cha robh aon chàs ri fheuchainn, ni nach do thachair anns a’ bhaile sin o chionn tri bliadhna fichead. A reir cleachdaidh thug na fir-lagha agus oifigich na cùrtach paidhir de làmhannan geala do ’n bhreitheamh. Feumaidh e an deagh aire thoirt dhaibh, ma theid ùine cho fada seachad mu’m faigh e an ath phaidhir.
Tha an ard-pharlamaid a nise cruinn ann an Ottawa; chaidh a fosgladh Di-ciaduin s’a chaidh. ’Se so a cheud suidhe an deigh an taghaidh. Cha ’n eil e air innse gu bheil ghothuichean cudthromach sam bith ri bhi air a thoirt air adhart aig an t-suidhe so, agus ’se ’s docha nach bi i cruinn cho fada ’sa b’ àbhaist bliadhnaichean roimhe.
Tha an obair-iaruinn a nise ’g obair. Chaidh an teine ’lasadh ’sa cheud fhùirneis oidhche Di-satharna s’a chaidh, agus Di-mairt bha a cheud mheall de’n iaruinn leaghte air a leigeadh as a phoit-leaghaidh. Dh’ obraich gach ni gu math, agus tha an fhùirneis ri bhi air a chumail air obair gun tàmh o so a mach.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an calamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
SANAS.
THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann StorC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
W . M. COWPERTHWAITE, M. D.
OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot.
AITE-COMHNUIDH: TighMrs . McCurdy,airLover ’s Lane.
Phone 227.Phone Oidhche 47a.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 32. p. 8]
Marbhrann do Iain Ruadh Piobair.
Rinneadh an dà òran a leanas le Gilleasbuig Domhnullach, neo mar a theirteadh gu cumanta ris, “Gille na Ciotaig.” Rugadh am bàrd ainmeil so am Peabull, an Uidhist a Chinn-a- Tuath. ’S e duine anabarrach geur-chuiseach a bh’ ann an “Gille na Ciotaig,” mar a chithear anns na h-òrain a leanas. Tha e air innse gu ’n do chòrd am “Marbhrann” agus an “Aiseirigh” cho math ri Iain Ruadh ’s gu ’n d’ thug e suim airgid dh’ an bhàrd.
Fhuair mi sgeula bho ’n ghobha,
Cha ’n aobhar meoghail ach gruaim;
E fein fo mhì-ghean ’s fo thrioblaid
Ri iarrunn cist’ do dh’ Iain Ruadh;
Saoir a’ locradh ’s a’ sàbhadh,
’S a’ chulaidh bhàis ’g a cur suas,
Sàmhach cadal na curra,
Cha chluinnear tuilleadh a fuaim.
Chaidh na maidean a òrdugh
Cha ’n aithne dhomhs’ an cur suas,
Tha ’n gaothair air stopadh,
Tha ’n dà dhos ’n an trom shuain,
Chaill an seannsair a chlaisteachd;
Tha ’n gleus air a ghrad leigeil suas,
Bho ’n tric a thainig ceol taitneach,
Rogha caismeachd mo chluais.
Ceol bu bhlaisd’ ’us bu bhinne,
Dhùisgeadh Spiorad do ’n t-sluagh;
Ceol bu tartaraich’ siubhal,
Thionndadh tioma gu cruas:
Ceol mar smeorach a’ ghlinne;
Ceol a’s binne na cuach;
Meoir gun bhraise gun ghiorradh,
Dionach, ruith-leumnach, luath.
Bu sgiolta sealladh do sheannsair
Air port ’s air crunn-luath ’s air cuairt,
Pronnadh cnaparra, lughmhor,
Caismeachd shunntach ’s an ruaig;
Dheanadh gaisgeach de ’n sgliuraich,
Chuireadh diùnlach ’n a luaths;
Claidhmhnean glasa ’g an rusgadh;
Claignean bruit’ aig luchd fuath.
O’n dh’ fhalbh an companach sàr mhath,
Dh’ fhalbh an ràbhart ’s an spòrs,
Dh’ fhalbh beannachd na cloinne,
’S e sheinneadh an ceòl;
Nis o rinneadh do chàradh
An ciste chlàraich nam bòrd,
’S mor is misd iad am Phàro
Gun fhear do ghnàis a’ bhi beò.
Dh’ fhalbh an deagh ghille cuideachd,
Nach robh sgrubail ’s an òsd:
Dh’ fhalbh fear tràghadh nan searrag,
Chosgadh barrachd air stòp:
Dh’ fhalbh fear deanamh nan duanag,
Leis an luaighte’ gach clò;
Cha b’ e ghnàs a’ bhi gearan,
Ge iomadh gloin thug dha pòg.
’S beag mo shunnt ri la féile;
’S beag mo spéis dheth gach ceòl;
’S beag mo thlachd a’ bhi ’g éisdeachd
Gaoir theud fir nan cròc: *
Leam a b’ annsa do bhruidheann,
An àm suidhe mu ’n bhòrd,
Na droch dhreochdan air fidhill,
Mar fhuaim snidh ann a’ lòn.
Bha thu d’ dhannsair air urlar;
Bha thu siubhlach air snàmh;
Bha thu d’ charaiche lughmhor,
Cha bhiodh tu d’ lùirich fo chàch;
Urram leum agus ruithe,
Glac threun a ruitheadh an ràmh,
’S an àm caithe’ na cloiche
Bu leat an toiseach air càch.
’S iomadh aon tha ’g a’ d’ ionndrain
O’n chaidh uir ort ’s an uaigh;
An toiseach labhair an spliùcan
Bhiodh tu giulan gach uair,
“Tha mi fein gun tombaca,
Cha b’ e sud cleachdadh a fhuair,
’S tric chuir Iain fo m’ achlais
Greim ’us cairteal ’us cuach.”
Thuirt a ghloine bha ’n Asdain,
“Mo sgeul chraiteach ro chruaidh;
Dh’ fhalbh mo shugradh ’s mo mhàran—
Thug am bàs leis Iain Ruadh!
Fear a chluicheadh a’ chlàrsach,
’Dheanadh dàn agus duan:
Cha b’ e Caluinn a’ chrampaidh
Fonn a b’ fhearr leis ’g a luaidh.”
Thuirt am pige bha làmh ris,
“Faigh an t-àrca gu luath?
Cuir am chlaigeann-sa spàirt e—
Tha tart ’s gach àite mu ’n cuairt.
Thainig con-traigh na plàighe,
Tha nithe gnàthaiche bhuainn:
Cha bhi reothart gu bràth ann,
’S ann a thraigheas an cuan.”
Thuirt am buideal ’s am botal
Thuirt an goc ris an stòp
Thuirt an copan ’s an t-slige
“ ’S mor an sgrios th’ air tigh’n oirnn!
Tha gach sruth air a dhunadh
Bha cur a dh’ ionnsuidh nan lòn;
Cha ’n fhaighear drap air an urlar
A fhliuchas brù Dhomhuill òig.”
Thoir mo shoiridh-sa thairis
Dh’ ionnsuidh ’n fhearann ud thall;
O nach faod mi bhi ma’ruibh,
’S leibh mo bheannachd ’s an àm;
Biodh an uaigh air a treachaid
Ann a’ fasan nach gann.
Buideal rum aig a chasan,
’S rol thombac aig a cheann.
* Fidhleir dall do ’m b’ ainm Domhull Mac-Amhlaidh (Domhull Ruadh Dall).
Aiseirigh Iain Ruaidh.
SEISD.
Ho-ro gu ’m b’ éibhinn leam
A chluinntinn gu ’n do dh’ éirich thu;
’S ann leam is ait an sgeula sin,
Gu ’n deach’ an t-eug cho teann ort.
Chuala mi gu ’n d’ chailleadh thu,
’S gu ’n do rinneadh t’ fhalaire;
’S e cuis mu ’n robh mi gearanach,
Do bhean a bhi ’n a bantraich.
Thug iad bho na h-òsdairean
Buideal am bun tòrraidh dhuit,
Ma bheireas mi gun òl air
’S ann a ni sinn seòrsa bainnse.
O’n tha ’n giuthas sàibht’ agad,
’S gu ’n d’ rinn an gobha tàirnean dhuit,
’S ann theannas sinn ri bàta
Theid gu Phàro dh’ iarraidh branndai.
Cha bhi dad a dh’ éis orra,
Gheibh i gach ni dh’ fheumas i:
Ni ’n lion aodach seol meadhoin d’ i,
’S gu ’n dean na spéicean crann d’ i.
Cha ’n easbhuidh nach bi ballaibh ann,
Gu cuplaichean ’s gu tarruinnean,
Tha ròpaichean gun ghainn’ againn,
’S gu ’n ceangail sinn gu teann iad.
Cha ’n ’eil m’ inntinn gearanach,
O’n chuir thu dhiot an galair ud,
’S ann tha do phiob ’na deannal,
A’ toirt caithream air ceol dannsa.
’N uair bha thu ’s an réiseamaid,
Bu sgairteal, tapaidh, treubhach thu,
Na h-uile fear a leumadh ort,
Ghréidheadh tu gun taing e.
’N uair bha thu ’n a’ t’ òganach
Bu lionmhor àit’ am b’ eòlach thu,
Chunna’ mis’ an clòsaidean
Ag òl an *Amsterdam thu.
Taigh-seinnse a bh’ ann an Asduinn.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Ciamar a tha do Shuilean?
Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras.
Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig
Bezanson .
An togalach Hanington,
Sraid Shearlot, Sidni.
Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr.
Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.
Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid.
A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE, 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
title | Issue 32 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 32. %p |
parent text | Volume 9 |