[Vol . 9. No. 33. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 15, 1901. No. 33.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna
Le Iain.
CAIB. XI.
“AONGHAS A’ DOL THUN AN REITICH.”
AIG an àm bha Aonghas is Domhull air tighinn gu snaim an rathaid, agus bha fear dhiubh ri gabhail mu dheas, agus am fear eile ri gabhail mu thuath.
“A nis, mu’n dealaich sinn,” arsa Domhull, “feumaidh sinn oidhche ’shuidheachadh air an teid sinn a dh’ fhaicinn nan nigheanan mar a b’ àbhaist dhuinn; oir ma sheachnas sinn an taigh, is dòcha gu ’n gabh muinntir an taighe, agus, ma dh’ fhaoiteadh, muinntir nam bailtean, amhrus gu’m faca no gu’n cuala sinn rud nach do chòrd ruinn. Ged nach ’eil gnothach gu bhith againn re té seach té dhe na h-igheanan, cha bu mhath leam gu’n gabhadh iad gruaim no gamhlas ruinn. Dona ’s mar a tha iad, tha e pailt cho math dhuinn a bhith réidh riutha ri chaochladh. Faodaidh sinn leigeadh leis a’ chùis fuarachadh beag air bheag.”
“Tha thu ceart gu leòr,” ars’ Aonghas. “Nan d’ fhuair mise cothrom air an lòsan a chur anns an uinneig mar a bha e roimhe, bhithinn cearta coma ged nach seasadh mo chas an taobh a staigh dhe’n dorus aca gu bràth. Ach tha mi ’creidsinn gur e ar gliocas a’ cheud chothrom a ghabhail air a dhol air chéilidh orra. Tha mise falbh am màireach gu ruige Cul-fraoin. Tha mo sheana charaid, Iain Camaran, gus a bhith réiteach an ath oidhch’ ri Mairi nighean Alasdair òig. Agus is ann riumsa tha e ag earbsadh an nighean iarraidh dha oidhch’ an réitich. Cha ’n ’eil fhios agam am bi mi air m’ ais gus am bi am pòsadh seachad. Is docha gur ann orm a thig a bhith ’nam fhleasgach pòsaidh. Bu cho math leam obair eile ris; ach cha ’n fhaod mi Iain a dhiultadh ma chuireas e an gnothach mu ’m choinneamh. Tha làn àm aige pòsadh ma phòsas e idir, agus bu ghnothach oircheasach do gach neach a h-uile misneach a thoirt dha. Agus ged nach tachradh dhomhsa a bhith cuide riut faodaidh tu a dhol air chéilidh a thaigh a’ mhaoir oidhche sam bith a fhreagras dhut, o’n a bhios tu aig an taigh.”
“Cha rachainn an còir an taighe gun thu fhein comhladh rium ged a bheireadh tu deadh cheannach dhomh,” arsa Domhull. “Ciod e ’dheanainn nan teannadh iad ri m’ cheasnachadh? Tha fhios agad fhein glé mhath gur iomadh fear a’s deise gu freagairt cheart a thoirt seachad ann an ionad nam bonn na mise. Nam faighinn beagan uine gu smaoineachadh air ciod e bu chòir dhomh a radh, tha fhios agam gu ’n tugainn freagairt chothromach gu leòr seachad. Ach, mar a tha làn fhios agad fhein, tha am maor ’s a bhean ’s a theaghlach glé ghleusda, agus cho farraideach ri daoine a chunnaic mise riamh. Tha mi ’creidsinn gu’n aithnicheadh air a’ cheud shealladh a chitheadh iad dhe m’ ghnùis, gu ’m bheil mo chridhe ’s m’ inntinn air tionndadh ’nan aghaidh. Agus rud eile dheth, cha rachainn mionaid an urras nach ruigeadh a h-uile facal a thuirt sinn aig bruaich na h-aimhne an cluasan mu’n teid a ghrian fodha am maireach. Chual’ an garrach bruidhneach, fothallach ud aig Lachlainn, a h-uile guth a bha eadrainn; agus cha’n e mhain gu’n innis e a h-uile guth a chual’ e, ach cuiridh e dheich uiread ris. Mar a tha fhios agad fhein, cha tarr e ach gann suidhe ri taobh an teine an uair a dh’ innseas e dh’ a mhàthair agus do Cheiteig a h-uile guth a chual’ e, agus mòran a bharrachd. Is fhearr dhuinn leigeadh le cùisean laidhe mar a tha iad gus an till thu fhein dhachaidh.”
“Tha mi cinnteach gu ’m bheil sin a cheart cho math. Ach biodh do chluas ri claisneachd gus an till mi. Air na chunnaic tu riamh na aithnicheadh duine beò ort gu’m faca no gu’n cuala sinn dad sam bith cearr an nochd. Oidhche mhath dhut.”
An uair a ràinig Aonghas is Domhull dhachaidh, bha h-uile duine air a dhol a laidhe. Ach cha robh sin ’na ghnothach annasach leis na teaghlaichean do’m buineadh iad. Bha e air aithris gu’m b’ ainneamh oidhche eadar meadhain an fhoghair agus meadhain an earraich fad bhliadhnachan roimhe sid nach robh e seachad air a’ mheadhain oidhche mu’n ruigeadh Aonghas is Domhull, agus àireamh de ghillean eile nam bailtean, dhachaiclh bhar chéilidh. Bhiodh an suipear anns a’ phoit ri taobh an teine ’gam feitheamh, agus i cheart cho fuar ri màthair a’ ghobha. Ach ged a bha ’n suipear an oidhche ud deas air an coinneamh mar a b’ àbhaist, cha do bhlais fear seach fear dhiubh oirre. Chuir na chunnaic ’s na chual iad, agus mar an ceudna na labhair iad ri chéile ri thaobh na h-aimhne, a leithid de dhragh air na h-inntinnean aca ’s nach robh sannt sam bith aca air biadh.
An uair a thug Domhull greis air garadh a chas, chaidh e laidhe. Ach ma chaidh, cha b’ann gu cadal. Cha do dhùin a shuil fad na h-oidhche. Gus an oidhch’ ud cha do thuig e gu’n robh uiread de thlachd aige do Pheigidh a’ mhaoir. Agus ged a bha e toilichte gu’n d’fhuair e ’mach an seorsa dhaoine a bh’ anns a’ mhaor agus ’na theaghlach mu’n deachaidh e ’nan luib gidheadh, bha dorran gu leor air a chionn gu’n robh iad cho eucorach agus cho easonarach ’s a bha iad.
Shuidh Aonghas aig an teine, agus smoc e dà làn na pioba mu’n do leig e as a’ bheul i. Ged a chaidh e do’n leabaidh, cha do chaidil e norradh na ’s mò na Domhull fhein. An uair a shoilleirich an latha dh’ eirich e, agus o’n a bha aige ri dhol air astar math fada, rinn e deiseil gu falbh gu math tràth. Bha e cho math aodach is anart ri mac màthar a bh’ anns an duthaich. Agus an uair a rachadh e ’na éideadh gu falbh air chuairt o’n taigh, b’ ainneamh àite anns am faicteadh gille òg cho grinn ’s cho sgiobalta ’s cho speisealta ris. Cha robh e àrd no iosal, ach ann am meudachd mheadhonaich. Bha e direach, deas, dealbhach air a bhonnan.
Rud nach b’ ioghnadh, bha meas mor aig a mhàthair ’s aig ’athair air. An uair a chuireadh e aodach glan uime, agus a bhiodh e ’falbh o’n taigh, sheasadh a mhàthair ’ga amharc anns an dorus gus an rachadh o as a sealladh. Anns a’ mhaduinn ud fhein, o’n a bha aige ri dhol gu réiteach gu ruige ceann eile na duthchadh, chuir e e-fhein ann an ordugh cho glan ’s cho sgiobalta ’s a rinn e riamh. Agus an uair a thug e ’chùl ris an taigh, sheas a mhàthair anns an dorus, agus cha do thog i a sùil dheth gus an deachaidh e as a sealladh air cùl a’ chnoic mhoir.
An uair a bha Aonghas a mach braighe ’bhaile, ciod a b’ iongantaighe leis na Seonaid nighean a’ mhaoir fhaicinn a’ tighinn ’na choinneamh, agus i an deis a bhith air cheann turuis anns a’ Bhail’ iochdrach. Bha i cho aoidheil ’s cho geanail ris ’s a b’ abhaist dhi ’bhith.
“Cha chreid mi nach ’eil thu falbh air astar,” ars’ ise. “Is ann romhad a tha do ghnothach, tha e coltach; oir tha deadh cheum cabhagach agad. Dh’ aithnich mi do cheum ’s do chumadh an uair a nochd thu ’nam fhianuis aig ceann an locha.”
“Tha mi ’falbh direach air a cheum gu ruige Cul-fraoin, agus tha iomadach ceum agam ri dheanamh mu’n ruig mi e.”
“Nach suarach ort e, ged a bhiodh an t-astar mòran na b’ fhaide na tha e? Ma dh’ fhaodas mi a’ cheisd a chur ort, ciod e ’tha ’gad thoirt air an astar sin an diugh? Am bheil réiteach no banais fo ’s laimh daibh an taobh sin?” arsa Seonaid.
“Tha’n dà chuid gus a bhith ann an ùine gun bhith fada, ma’s fhior na chuala mise; agus tha dòchas agam gu’m faigh mi mo chuid dhiubh le cheile mu’n till mi dhachaidh.”
“Chuala mi gu ’m bheil na h-uiread de nigheanan òga, briagha air an taobh sinn thall dhe’n dùthaich. Nach tu a bhios air do dhoigh ’nam measg, ma bhios feadhainn diubh air an réiteach ’s air a’ bhanais?”
“Cha mhòr ’s fhiaoh réiteach, no banais, no cuideachd chridheil sam bith eile, mur bi beagan de nigheanan òga anns a’ chuideachd. Cha rachainn fad mo choise gu réiteach, no gu banais nan saoilinn nach biodh nigheanan òga anns a’ chuideachd. Is iomadh réiteach is banais aig an robh mi, agus cha’n ’eil eagal orm a ràdh, nach deachaidh mi riamh fhathast a dh’ ionnsuidh a h-aon dhiubh air son na dh’ ithinn ’s na dh’ òlainn. Tha trùillich thruagha ann an iomadh àite a rachadh astar mòr air son làn am broinne de dheadh bhiadh.”
Cha do chòrd an coltas a bha air gnùis Aonghais ri Seonaid idir; ach cha do leig i dad oirre. Thuirt i ’s a’ mhionaid, “Cha b’ fhiach leat innseadh dhomhsa an uair a chunnaic tu an
[Taobh -duilleig 251 san leabhar fhèin]
[Vol . 9. No. 33. p. 2]
raoir mi, gu’n robh dùil agad falbh gu réiteach an diugh. An àite sin, is ann a thuirt thu rium gu’n rachadh thu fhein is Domhull Beag a’ nochd air chéilidh oirnn. Is mairg a bheir geill do na their do sheorsa.”
“Cha d’ thug thu fhein, a Sheonaid, cothrom dhomhsa air a bheag a ràdh riut. Nan d’ thug, is docha gu’n d’ innis mi dhut gu’n robh dùil agam falbh o’n bhaile. Ach bha thusa car coma ged nach biodh a h-aon dhinn mu’n taigh o’n a bha dùil agad ri Coinneach Bàn. Cha chuireadh fear seach fear dhinn dragh sam bith air Coinneach ged a thachradh e ruinn.”
An uair a chuala Sheonaid so dh’ fhàs a h-aodann glé dhearg, agus thuirt i, “Is math a tha fhios agad, ’Aonghais, nach ’eil mi ’toirt misnich sam bith do Choinneach. Ach air a shon sin cha fhreagair e dhomhsa, no do thé sam bith eile dhe mo sheòrsa, a bhith greannach, gruamach, fuar, coimheach ri gille og, modhail sam bith a thig rathad an taighe. Ach tha thusa agus do sheorsa cho làn dhe’n eud, agus cho doirbh ri bhur toileachadh ’s nach ’eil rathad aig mo leithid-sa air bhur toileachadh.”
An uair a thuirt i so, dh’ aithnich Aonghas air a gnùis agus air a guth gu’n robh beagan saonais oirre.
“Tha e ceart gu leòr dhut, a Sheonaid, a bhith caoimhneil, aoidheil, fosgarra ris gach duine a thachras riut, biodh e òg no sean. Ach thoir an aire nach bi an aon mheas agad air a h-uile fear. Ma tha toil agad a bhith ’na do sheana mhaighdinn, gu grànna, greannach, mar gu’m biodh seana chearc guir, cha ’n ’eil doigh air an t-saoghail a’s fhearr dhut a ghabhail na bhith cumail laimhe ris a h-uile fear a thig an rathad. Ma ni thu so, cha’n ’eil ni a’s cinntiche na gu’n cuir a h-uile fear dhiubh cùl riut air a cheann mu dheireadh,” ars’ Aonghas.
Cha do chòrd na briathran so ri Seonaid idir. Thuig i gu math nach robh inntinn Aonghais aig fois; ach cha b’ urrainn i thuigsinn ciod e bha cur dragh air. Cha robh an t-amhrus bu lugha aice gu’n robh e aig an uinneig aca an oidhche roimhe sid. Thuirt i ris, “Nach tu a tha streamach an diugh, ’Aonghais? Tha mi ’n dòchas gu’m bi saod na’s fhearr ort an uair a thilleas tu. Ach na bi fada gun tighinn a thoirt dhuinn do naigheachd.”
Cha robh an corr eatorra. Ghabh Seonaid roimpe dhachaidh, agus ghabh Aonghas air aghart air a thurus le deadh cheum.
(Ri leantuinn.)
Litir as na h-Eileanan Coille.
FHIR-DEASACHAIDH: —Bliadhna mhath ùr dhut fhein agus do d’ luchd-leughaidh lionmhor agus do d’ chairdean lionmhor anns gach àite dhe ’n t-saoghal anns am bheil iad, agus c’aite nach ’eil iad? Cha ruig mi leas a bhi feuchainn ri leithsgeul sam bith a ghabhail nach ’eil mi a sgriobhadh ugad ni ’s trice, oir is iomadh rùn maith a bhios daoine cur rompa thoirt gu buil cheart, agus le bhi cuir dearmad ann a thuiteas mu dheireadh ann an tir na di-chuimhne. Agus air eagal gu ’n eirich sin dhomhsa, tha mi nise dol a thobhairt oidhirp air beagan fhacal a chur a dh’ ionnsuidh MHIC-TALLA, feuch an dùisg mi suas cuid dheth na seann sgriobhadairean do ’m b’ àbhaist a bhi cur litrichean ann anns an tim a chaidh seachad. Ged a tha iomadh sgeula fior thaitneach ann bho sheachdain gu seachdain, saoilidh mi fhein nach ’eil rud sam bith is fhearr a thig ri cail a Ghaidheil na bhi cluinntinn bho ’chàirdean. Tha mi gu mor, mor ag ionndrainn nach ’eil mi a cluinntinn guth idir bho m’ fhior chairdean Murchadh Cam, Bodachan a’ Ghàraidh, agus moran eile nach ruig mi a leas ainmeachadh, a chionn faodaidh iad fein a thuigsinn gu ’m bheil an t-àm aca bhi bogadh nan gad. Tha mi gle thoilichte fhaicinn anns an da àireamh mu dheireadh na bha de dh’ ainmean ann a phaigh, agus tha mi ’n dochas gun lean iad mar sin gach darnacha seachdain dhe ’n bhliadhna nach ’eil fathast ach a toiseachadh.
Cha ’n ’eil a bheag de naigheachdan ùr agam mur an dean mi iad, agus cha robh mi math air naigheachdan a dheanamh riamh, agus is docha gu bheil mi nise tuilleadh is anmoch gu toiseachadh air an deanamh. Tha mi creidsinn gur e bàs ar deagh Bhan-righ ghràdhach naigheachd is motha tha air an t-saoghal aig a cheart àm; agus bho ’n a tha fios a nise aig ’ur luchd-leughaidh air fad air, cha ruig mise leas a bhi ’ga innseadh dhaibh. Bu dona a thigeadh dhomhsa teannadh ri a moladh na teannadh ri aithris a h-uile beus agus buaidh mhath a bha ’n ceangal rithe, a chionn tha fios gun dean luchd na Beurla sin. B’ fhearr leam fhin gu mor na chunnaic mi anns a MHAC-TALLA ma sgeul a bàis, na na chunnaic mi anns na paipearan Beurla air fad, a h-uile spagadagliog agus bòilich ga ’m bi orra. Tha mi-fhin a nise fodh ’n treas riaghladh air crun Bhreatunn—Uilleam IV., Victoria mhaith, agus Iomhar VII. Chunnaic mi esan bho chionn da fhichead bliadhna. Agus biodhamaid uile guidhe gun lean e ceumannan a dheagh mhàthar.
Tha deagh gheamhradh againn; ged a bha cuid do laithean fuar gu leor ann bho ’n a thainig a bhliadhn’ ùr a stigh, cha ’n iarradh duine sìd’ a b’ fhearr. Tha sneachda gu leor ann ’s tha biadh spreidh coltach ri bhi gann gu leor, ach tha lòn is aodach an t-sluaigh pailt agus saor gu leor.
Thainig sgaoth de na ròin seachad aon la air an t-seachdain so. Thug fear Calum Mac Ille-mhaoil, Calum Aonghais mar a their iad ris, agus a mhac coig air fhichead air tir, agus feadhainn eile a fhuair grunnan laghach cuideachd.
Tha ’n t-àm agam a nise a bhi sgur, mu ’m fas sibh sgith dhiom. Feuch nach dean sibh deuchainn air mo bheannachd a thoirt do Bhodachan a’ Ghàraidh, mar an tug e Africa air.
Ur caraid dileas, an latha chi ’s nach fhaic,
SEUMAS A. MAC ILLE-MHAOIL.
Na h-Eileanan Coille, E. P. I., Feb. 1.
Sgeulachdan Arabianach.
Ganem.
CAIB. IV.
THUG Fetnah an aire gu ’n robh Ganem fo dhoilghios gle mhor, agus chuir a shuidheachadh dragh oirre. Ach an uair a smaoinich i gu ’m faodadh i dragh inntinn a thoirt oirre fhein, na ’n leanadh i na b’ fhaide air bruidhinn mu ’n chuis, agus gu ’m faodadh i air thuiteamas a leigeadh ris dha gu ’n robh tlachd aice dha thuirt i: “Tha mi ’tuigsinn gu ’m bheil an comhradh so a’ cur dragh mor air an inntinn agad. Sguireamaid dheth, agus labhramaid mu ’n chomain mhoir a chuir thu orm. Cha ’n urrainn mi gu brath a leigeadh ris cho toilichte ’s a tha mi, an uair a smaoinicheas mi nach fhaicinn sealladh dhe ’n ghrein am feasda, mur b’ e an cuideachadh a thug thusa dhomh.”
Gu fortanach dhaibh le cheile chual’ iad cuideiginn a’ bualadh aig an dorus. Chaidh Ganem a shealltainn co ’bh’ ann, agus bha fear dhe na seirbhisich aig an dorus ag innseadh gu ’n ro a’ chuirm deas.
Cha robh toil aig Ganem gu ’n tigeadh a h-aon de na seirbhisich do ’n t-seomar anns an robh Fetnah, agus air an aobhar sin thug e fhein a steach do ’n t-seomar am biadh a thug na seirbhisich g’ a ionnsuidh, agus bha e ’deanamh gach frithealaidh a bha feumail do’n mhnaoi uasail, oig, mhaisich. Bha ise air a lionadh le tlachd do ’n duine uasal a bha ’frithealadh dhi aig a’ bhord.
An uair a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n bhiadh, thug Ganem gach ni air falbh bhar a’ bhuird, agus thug e iad do na seirbhisich a bh’ aig dorus an t-seomair. Air deigh sin thuirt e, “A bhaintighearna, is docha gu ’m bi feum agad a nis air greis de dh’ fhois a ghabhail. Fagaidh mi ann an so thu leat fhein, agus an uair a leigeas tu dhiot do sgios, bidh mise deas gus rud sam bith a dh’ iarras tu orm a dheanamh.”
An uair a thuirt e so dh’ fhalbh e a cheannach da shearbhanta gus a bhith ’frithealadh dhi. Cheannaich e mar an ceudna da phasgan, fear dhiubh de lionaodach grinn, agus fear eile de nithean a shaoileadh e a bhiodh feumail dhi an am dhi ’bhith ’dol ’na h-eideadh.
An uair a thug e dhachaidh na searbhantan, thug e an lathair Fetnah iad, agus thuirt e, “A bhaintighearna, feumaidh bean uasal mar a tha thusa dithis de mhnathan coimhideachd a bhith aice air a’ chuid a’s lugha; mas e do thoil e, gabh uamsa an dithis so.”
Bha Fetnah ro thoilichte leis an doigh anns an robh Ganem a’ nochdadh aire agus caoimhneis dhi, agus thuirt i, “Mo thighearna, tha mi ’faicinn gur duine thu nach fag cearb air rud sam bith a thoisicheas tu ri dheanamh. Tha thu leis a’ chaoimhneas so a’ cur an tuilleadh ris a’ chomain a chuir thu orm a cheana. Ach tha mi ’n dochas nach leig mi air dichuimhn do chaoimhneas gu brath, agus gu ’n cuir am Freasdal doigh ’nam rathad an uine ghoirid leis an ioc mi dhut gu dligheach lan dhuais air son do chaoimhneis.”
An uair a chaidh na mnathan coimhideachd do ’n t-seomar a bha faisge dhaibh, shuidh Ganem air an langsaid air an robh Fetnah ’na suidhe; ach mar chomharradh air an urram a bha e toirt dhi, cha do shuidh e dluth dhi idir. Thoisich e rithist ri bruidhinn rithe mu dheidhinn a’ ghaoil a bh’ aig oirre, agus labhair e briathran ro dhruighteach mu thimchioll nan nithean do-chiosnaichte a bha eadar e fhein agus ise. “Cha dana leam,” ars’ esan, “dochas sam bith arach gu ’n dean an gaol a th’ agam ort do chridhe a ghluasad, o’n a tha thu ann an gaol air an righ a’s mo a th’ air an t-saoghal. Ochan! bhiodh e ’na thoileachadh dhomhsa ’na mo shuidheachadh cruaidh fhortanach na ’n saoilinn gu ’m bheil an gaol a th’ agam ort a’ deanamh a’ bheag no mhor de dhrughadh ort.”
“Mo thighearna,” arsa Fetnah—
“Ochan! a bhaintighearna,” arsa Ganem, agus e ’cur stad oirre, “is e so an dara uair a ghairm thu tighearna dhiom. O ’n a bha na mnathan coimhideachd anns an t-seomar, cha bu toigh leam facal a radh riut m’ a dheidhinn. Ann an ainm Dhe, a bhaintighearna, na toir dhomh an t-ainm urramach nach buin dhomh. Biodh meas agad orm mar do sheirbhiseach. Is mi do sheirbhiseach, agus bidh mi ’nam sheirbhiseach dhut fhad ’s is beo mi.”
“Cha bhi, cha bhi,” arsa Fetnah agus i ’cur stad
[Taobh -duilleig 250 san leabhar fhèin]
[Vol . 9. No. 33. p. 3]
air. “Bheir mi an aire gu ’n toir mi urram dhut air son gu ’n do shabhail thu mo bheatha dhomh. Bhithinn gle neo-thaingeil na’n labhrainn, no na’n deanainn ni sam bith cearr mu do dheidhinn. Leig leam, air an aobhar sin, mo thaingealachd a leigeadh ris dhut, agus ha bi ag iarraidh orm a bhith coimheach riut an deigh gach caoimhneas a nochd thu dhomh. Cha dean mi gniomh cho dona sin gu brath. Tha meas mor agam air a’ chaoimhneas a nochd thu dhomh, agus cha cheil mi nach ’eil meas mor agam ort. Tha fhios agad an aobhar a tha ’toirt orm fuireach gun an corr a radh.”
Thug na briathran a labhair i toileachadh mor do Ghanem. Shil e na deoir le aoibhneas; agus o nach robh e comasach air briathran freagarrach fhaotainn leis an leigeadh e ris a thaingealachd dhi, thuirt e rithe gu ’n robh fhios aice fhein ciod a bha mar fhiachaibh oirre a dheanamh do’n righ, agus air a shon fhein dheth, gu ’n robh fhios aige nach robh gnothach sam bith aig an t-seirbhiseach ris an ni a bhuineadh do ’n mhaighstir.
An uair a thainig duathar na h-oidhche, fhuair e solus. Thug e steach biadh mar an ceudna. Tha e ’na chleachdadh ann am Bagdad an dinnear a ghabhail mu mheadhain latha, agus gun dad tuilleadh itheadh ach beagan mheasan, agus glaine no dha fhiona ol roimh am chadail, agus am feasgar a chur seachad le comhradh taitneach.
Shuidh iad le cheile aig a’ bhord, agus mhol iad na measan a bha iad ag itheadh. Bha am fion cho math ’s gu ’n do ghabh iad le cheile a dha no tri de ghlaineachan dheth. An sin shuidhich iad gu ’n gabhadh iad oran an t-aon.
Ghabh Ganem an toiseach oran a rinn e fhein anns an do leig e ris meud a’ ghaoil a bh’ aige oirre. An deigh sin ghabh Fetnah oran a rinn i fhein anns an do leig i ris cuid mhor dhe na trioblaidean troimh ’n deachaidh i, agus cha d’ rinn i dearmad air briathran a chur ann leis an aithnicheadh Ganem gu ’n robh meas mor aice air. Ach am mach uaithe sin bha i anns gach doigh dileas do ’n righ. Bha iad uine mhath ’nan suidhe aig a’ bhord, agus bha greis mhor dhe ’n oidhche air a dhol seachad mu ’n d’ thug iad iomradh air gabhail mu thamh. Chaidh Ganem d’a sheomar fhein, agus dh’ fhag e Fetnah agus na mnathan-coimhideachd comhladh anns an t-seomar.
Bha iad a’ cur seachad na h-uine mar so fad aireamh laithean. Cha deachaidh Ganem ceum o’n taigh fad na h-uine na’s lugha na bha gnothach ro chudthromach aige ri dheanamh, agus eadhoin gnothaich dhe ’n t-seorsa aige ri dheanamh, b’ ainneamh leis falbh am mach as an taigh ach an uair a bhiodh ise a’ gabhail fois. Cha b’ urrainn da e-fhein a chumail o bhith ’na cuideachd a h-uile cothrom a gheibheadh e. B’ ann air Fetnah a bhiodh e ’smaointean aig gach am agus anns gach aite. Bha ise mar an ceudna air aon doigh no doigh eile a’ leigeadh ris dhasan gu ’n robh tlachd gu leor aice dheth. Ach air a shon sin, bha iad le cheile ’gan gluasad fhein cho beusach agus cho measail anns gach doigh ’s a b’ urrainn dithis a bhith.
Am feadh ’s a bha Fetnah mar so a’ cur seachad na h-uine le taitneas ann an cuideachd Ghanem bha Sobaide fo eagal ’s fo iomacheist anns an luchairt. Cha bu luaithe a thug an triuir sheirbhiseach leotha a’ chiste anns an robh Fetnah, agus gun fhios aca gu ’n robh i innte, na bhuail an t-eagal Sobaide. Bha i fo bhuaireas inntinn a bha anabarrach mor. Bha mile smaointean ag eirigh suas ’na h-inntinn a latha ’s a dh’ oidhche. Cha ’n fhaigheadh i norradh cadail. Bhiodh i gun fhois gun tamh a’ smaointean air ciod an doigh anns am b’ fhearr a rachadh aice air falach a chur air an olc mhor a rinn i. “Tha barrachd gaoil aig mo cheile air Fetnah na bha aige air te sam bith eile dhe na banoglaich,” ars’ ise.
“Ciod a their mi ris an uair a thilleas e, agus a dh’ fheoraicheas e m’ a deidhinn?”
Ged a bha i ’smaoineachadh air iomadh innleachd a ghnathachadh, cha robh aon seach aon dhiubh a’ cordadh rithe. Cha robh fhios aice mu dheireadh ciod air an t-saoghal a dheanadh i.
Bha a’ bhanaltrum a bh’ aice ’na leanabh riamh comhladh rithe. Bha i anns an am air fas gle shean. Air madainn araidh ann an soilleireachadh an latha chuir Sobaide fios oirre, agus an uair a thainig i thuirt Sobaide rithe: “Mo dheadh mhathair, bu ghnath leat cuideachadh is comhairle mhath a thoirt dhomh an am an fheuma. Cha robh mi riamh fhathast cho feumach air comhairle ’s a tha mi nis. Tha agad ri fois a thoirt do ’m inntinn agus mi gus a dhol as mo chiall leis an eagal, agus ri innseadh dhomh ciod an doigh leis an cum mi an righ o bhith ann an corruich rium.”
“Mo bhanamhaistir ghradhach,” ars’ an t-seana bhean, “b’ fhearr dhut gu mor gun thu fhein a chur anns a’ chunnart anns am bheil thu. Ach o ’n a tha ’n cron deante, tha e cho math gun fhacal tuilleadh a radh m’ a dheidhinn. Cha ’n eil againn a nis ach feuchainn ri doigh air choireiginn fhaotainn leis an toir sinn an car as an righ. Is e mo bharail nach ’eil doigh ann a’s fhearr na iomhaidh na te a tha marbh a ghrad fhaotainn deante. Cuiridh sinn lionaodach grinn air an iomhaidh, agus an uair a chuirear ann an ciste i, tiodhlaicear i ann an aiteiginn ’s an luchairt. ’Na dheigh sin bheir thu ordugh carn-cuimhne a thogail os cionn na h-uaghach air am bi mullach cruinn. A barrachd air so feumar iomhaidh a dheanamh a bhios comhdaichte le aodach dubh, agus coinnlearan arda anns am bi coinnlean ceireach a chur mor-thimchioll air an iomhaidh so. Tha rud eile ann nach fheumar a dhi-chuimhneachadh, agus is e sin, gu ’m feum uile uaislean na cuirte agus gach aon dhe na seirbhisich eideadh broin a chur umpa. An uair a thilleas an righ agus a chi e gach aon ’s an luchairt ann an eideadh broin, feoraichidh e anns a’ mhionaid ciod is aobhar dha. An sin gheibh thu cothrom air thu fhein a chur a staigh an uair a their thu ris gur ann mar urram dha fhein a rinn thu gach ni mar chuimhne air Fetnah, a dh’ eug le bas aithghearr. Faodaidh tu innseadh dha gu ’n d’ thug thu ordugh aite adhlacaidh a thogail air an uaigh aice. A dh’ aon fhacal, faodaidh tu radh ris gu ’n d’ fheuch thu ri gach urram a thoirt dhi a shaoileadh tu a bheireadh e fhein dhi na ’n robh e an lathair aig am a bais. O’n a tha tlachd ro mhor aige dhi cha ’n ’eil teagamh nach teid e a shileadh nan deur air an uaigh aice. Ma dh’ fhaoidteadh nach creid e idir gu ’m bheil i marbh. Tha e cheart cho docha gu ’n gabh e amhrus gu ’n do chuir thu air falbh as an luchairt i a chionn gu ’n robh eud agad rithe, agus gu ’n smaoinich e nach ’eil anns an luchairt ach innleachd a ghnathaich thu gus a mhealladh, agus a chumail o fhorofhais a dheanmh air a son. Faodaidh gu ’n ordaich e a’ chiste a thoirt as an uaigh, agus a fosgladh. Agus cinnteach gu leor creididh e gu ’m bheil i marbh an uair a chi e an iomhaidh. Bidh e gle thoilichte leis gach ni a rinn thu, agus leigeidh e ris a thaingealachd dhut. Bheir mi fhin fa near an iomhaidh fhiodha ’dheanamh le fear anns a’ bhaile aig nach bi fios sam bith mu dheidhinn a’ ghnothaich. Bidh agadsa ri ordugh teann a thoirt do ’n te thug an deoch chadail do Fhetnah gu ’n abair i ris na mnathan-coimhideachd eile, gu ’n d’ fhuair i marbh i anns an leabaidh. Agus air eagal gu ’n teid iad do ’n t-seomar a thuireadh os a chionn, abradh i gu ’n d’ innseadh dhutsa mar tha mar a thachair, agus gu ’n d’ thug thu ordugh do Mhesrour a tiodhlacadh.”
(Ri leantuinn).
Gloir a’ Chruin.
(Oban Times).
THA a’ ghlòir so ag éirigh o ’n spiorad glan, ionrais a tha a’ buadhachadh os ceann gluasaid a chinne-daonna. Far nach fhaighear spiorad a’ cheartais, na co-thruais, agus a’ bhraithreachais cha bhi aon chuid glòir do Dhia no do ’n duine, agus cha ’n fhaicear crùn air oidhirp beatha a’ chreutair. A thaobh na Banrigh a dh’ fhalbh, a bha làn do ghràdh is do òirdhearcas, tha e ’na smuain ro thlachdmhor do na h-uile dhaoine aig an robh ise ’na glòir ’na pearsa féin, agus gu ’n do shruth glòir, gràdh, is caomhalachd o a gniomharan, agus o a bilean caoimhneil air gach taobh do làmh na beatha. Anns an t-seadh so gu coitcheann bha a’ Bhanrigh ’na glòir agus ’na crùn do ’n t-sluagh os ceann an do chleachd i ùghdarras is riaghladh. Ach ann an seadh is àirde bha Victoria ’na Bean bhuadhach am measg mnathan mora a’ chinne-daonna. Bha a h-eòlas, a co-fhaireachdainn, agus a diadhachd fada os ceann gach Bean air an do chualas sgeul riamh ann an eachdraidh an t-saoghail. Bha brìgh a’ chreidimh Chrìosduidh ’na cridhe, agus o’n fhreumh smioral, bheathail, ghlòirmhor ud, bhrùchd a mach na suibhailcean grinn ud a bha ’nan neart, ’nan co-fhurtachd, agus ’nan analachadh naomh do ioma fear bochd, dìblidh, agus do ioma bean aonarach, brònach, a bha ann an còmhstri ris na h-uile tiamhaidh agus lionmhor a tha a’ deanamh ar beatha ’na aobhar truais. Mar so sgeadaich a beatha-se an crùn le glòir; agus bidh e ’na urnuigh leis an dùthaich gu léir gu ’m bi esan a tha a nis a’ sealbhachadh a’ Chrùin air a sgeadachadh mar a’ bha a mhàthair le gliocas, maitheas, agus diadhachd.
Mar chomharradh air cho measail ’s a bha Banrigh Victoria aig muinntir baile Chleveland, ann an Ohio, chruinnich moran sluagh de iomadh creidimh agus dùthaich gu talla mor a bhaile sin air a cheud Shàbaid dhe ’n mhios so, agus chum sia pearsachan-eaglais de dh’ atharrachadh creidimh aoradh mar chuimhne air a Bhan-righ ghradhach nach maireann. ’Nuair a bha an t-seirbheis seachad thug gach aon diubh so greis air a moladh ann an cainnt fhileanta, a leigeil fhaicinn cho measail ’sa bha iad, cha’n e mhain oirre-se, ach air a mac a tha nise riaghladh na h-aite—Righ Iomhar VII. Tha an ni so a leigeil fhaicinn am meas a tha aig moran do mhuinntir na Stàitean air Ban-righ Victoria agus air Breatunn gu h-iomlan, agus ’se nithean dhe’n t-seorsa so a bheir an da dhùthaich na’s dluithe da cheile na bha iad riamh roimhe. Agus ged a tha iomadh neach amaideach anns na Staitean a feuchainn ri sluagh na dùthcha sin a bhrosnachadh an aghaidh Bhreatuinn, ni, ’tha dochas laidir againn nach dean iad an da latha so tuilleadh, ged nach cuir iomaguin mhor sam bith air an roinn a’s motha de mhuinntir na duthcha so, tha an earran as motha de shluagh na Staidean air leigeil fhaicinn mar tha, ann an aon doigh no doigh eile, (anns na h-eaglaisean agus anns na paipearan-naigheachd) gu bheil dùthaich an sinnsirean fhathast air chuimhne nan cridheachan; agus bidh fhad ’s a bhios fuil ghlan agus uasal nam Breatunnach a’ ruith nan cuislean.
[Vol . 9. No. 33. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 15, 1901.
A REIR na h-Oraid on Chathair, cha bhi moran do ghnothuichean sonruichte sam bith air an toirt fa chomhair na h-àrd-phàrlamaid air an turus so. Ann a bhi dealbh freagairt do’n òraid an tigh nan cumantach cha do chosgadh ach da uair de thìm, an ùine bu giorra thugadh riamh ris an obair sin ann an Ottawa. Cha ’n eil an Riaghladh ag iarraidh uiread airgeid am bliadhna ’sa bha iad an uiridh. An uiridh bha mu $57 ,000,000 air a chosg, ach am bliadhna cha bhi air a chosg ach mu $51 ,000,000.
ANN an staid Kansas tha an lagh a bacadh creic deoch làidir, ach mar a thachair ann an dùthchannan eile, cha ’n eil an lagh sin air a choimhead ach gu h-olc, gu h-àraidh anns na bailtean mora. Tha daoine air an cur an dreuchd air son an lagh obrachadh, ach ged a tha iad uile tarruinn an tuarasdail, cha ’n eil ach àireamh gle bheag dhiubh a deanamh na h-obrach air son am bheil iad a’ gabhail pàighidh. Tha a nise bean d’ an ainm Mrs Carrie Nation agus àireamh de mhnathan eile air eiridh an aghaidh luchd cumail nan taighean òil, a cur rompa stad a chur air bristeadh nàrach an lagha. Tha iad a’ falbh o bhaile gu baile, a’ dol a stigh do na taighean-òil ’s a’ bristeadh ’sa spealgadh gach ni a ghabhas bristeadh no spealgadh le maide no le tuaigh. Chaidh Mrs Nation a ghlacadh ’s a chur do ’n phriosan uair is uair, ach tha lagh na staide cho lag air taobh luchd nan taighean-òil ’s nach eil iad a’ toirt ionnsuidh sam bith oirre leis an lagh, agus tha i faotainn m’a sgaoil. Tha i a’ cur roimpe gu ’n lean i air an obair so gus am bi na taighean-òil air an dùnadh no gus am bi i-fein air a marbhadh. Tha a h-obair a cheana giùlan toraidh ann a bhi dùsgadh suas càirdean na stuaime agus an lagha a bha o chionn iomadh bliadhna ’nan cadal. Ann a’ Holton, dh’ eirich mile de na fir air an t-seachdain s’a chaidh, ghabh iad an lagh ’nan lamhan féin, agus dhùin iad a h-uile taigh-òil sa’ bhaile. Agus ann an Topeka bha coinneamh air a cumail Di-dònaich aig an robh mu thri mile fear, agus thug iad gu meadhon-latha Di-haoine do na h-òsdairean air son an taighean a dhùnadh. Tha Carrie Nation an diugh na mnaoi mhoir ann an Kansas; tha an sluagh ’ga fàilteachadh ’s ’ga di-beathachadh anns gach àit an teid i. Is e dòigh annasach a ghabh i air cur as do na taighean-òil, ach cha ’n eil fhios nach b’e sin fhéin an aon dòigh air an gabhadh e deanamh.
THA càirdeas mor ’ga nochdadh aig an àm so eadar Breatunn us Portugal. Bha Righ Phortugal aig tòrradh na ban-righ nach maireann, agus an uair a bha e fàgail Lunnuinn a’ dol dhachaidh dha ’dhuthaich fhéin, ghabh an teaghlach rioghail beannachd gle chàirdeil aige. Aig an àm cheudna thainig fios á Africa mu Dheas ag innse gu robh Riaghladh Phortugal a’ cuideachadh nam Breatunnach le bhi bacadh do na Boerich airm a cheannach no a chur air tir anns na puirt a bhuineas do’n dùthaich sin. Tha a h-uile coltas air gu bheil an da dhùthaich a’ tuigsinn a cheile gu math.
ANN am pàrlamaid na Frainge an la roimhe, dh’iarr an seanalair Mercier air an riaghladh da cheud gu leth mile franc (mu $45 ,000) a chur air leth air son bataichean agus soithichean a thogail gus an t-arm aiseag do Bhreatuinn uair sam bith a thòisicheadh cogadh eadar an da dhùthaich. Tha Mercier anabarrach toileach air ionnsuidh a thooirt air Breatunn a chìsneachadh, ach cha’n eil e ’faotainn moran misnich. ’S e ’m freagradh a thug Ministear na Mara, M. De Lanessan, air, nach robhas ag iarraidh comhairl’ idir air a thaobh dìon na dùthcha, gu robh an riaghladh comasach air sin a dheanamh as aonais. Theagamh nach cuala Mercier riamh an sean-fhacal Gàidhealach,— “Comhairle gun iarraidh cha robh riamh meas oirre.”
Chruinnich a’ Phàrlamaid Bhreatunnach an dé. Bha i air a fosgladh le Righ Iomhar VII. gu pearsanta, agus gach greadhnachas m’a thimchioll a b’ àbhaist a bhi air a chleachdadh anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh nuair a bhiodh an urra rioghail a fosgladh nam pàrlamaidean gu pearsanta, an àite bhi cur an dleasdanais sin air luchd-ionaid. Cha robh pàrlamaid air a fosgladh le ban-righ Victoria fad choig bliadhn’ deug mu’n do chaochail i. Bha an righ air a ghiùlan gu tigh-na-pàrlamaid anns an t-seann charbad-staide nach robh air a thoirt a mach riamh on chaochail Prionns’ Ailbeart. Cha ’n eil an greadhnachas so mu fhosgladh na ceud pàrlamaid fo Iomhar a Seachd a nochdadh eas-urram sam bith do chuimhne Victoria. Cha ’n ann le còmhdach dubh no le bròn follaiseach a chumar ise air chuimhne; bidh i air chuimhne agus bidh meas oirre re iomadh bliadhna ann an cridheachan an t-sluaigh; fhad ’sa bhios spéis aig na linntean ri teachd do mhathas, do cheartas agus do shaorsa, cha di-chuimhnichear Victoria.
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Tha an Stor Mhor Innsridh
a tairgsinn
.500 Brat-leapach.
air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeilAlaska Feather & Down Co.Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air
$1 .50
Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, Manager.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 33. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Bha teine ann am factoridh bhròg an Cuebec air an t-seachdain s’a chaidh, agus thatar o’ meas a challa aig $75 ,000.
B’ fhiach an oighreachd a dh’ fhàg an Dotair Domhnullach, a chaochail anns a bhaile so toiseach a gheamhraidh, naodh deug air fhichead mile dolair. Thiomain e an treas cuid de sin d’a mhnaoi, agus an còrr do thriùir bhràithrean ’s a dhithis pheathraichean fhéin.
Chaidh fear Mac-Gilleain, balbhan, a bhualadh leis a charbad-iaruinn an ceann shuas a’ bhaile madainn Di-ciaduin. Chaidh a dha chois a bhristeadh, agus aodann ’sa dhruim a ghoirteachadh. Tha e ann an suidheachadh cho iseal ’s nach eil mor dhùil aig na dotairean ri e dhol am feobhas.
Tha an trein luath a bha ruith eadar Sidni us Halifacs o thoiseach an t-samhraidh s’a chaidh, air sgur a ruith. Tha e coltach nach eil uiread falbh air an rathad ’sa gleamhradh ’s nach dean aon trein ’san latha ’n gnothuch. Cha ’n eil teagamh nach bithear a’ ruith a rithist air an t-samhradh s’a tighinn. Agus ma chuirear beagan cabhaig air an trein a tha air a fàgail againn, a chum ’s gu ruig i a ceann-uidhe air an àm na h-uile oidhche, feuchaidh sinn ri fuireach o bhi talach.
Bha na soithichean-smùide tha ’ruith eadar Eilean a Phrionnsa ’s tìr-mor air an cumail air ais air an t-seachdain s’a chaidh leis an deigh. Bha an Stanley an sàs aig beul acarsaid Phictou, agus bha am Minto air a dùnadh a stigh anns an acarsaid cheudna. Bha na carbadan iarruinn air an cumail air ais le stoirmeannan sneachda ann an New Brunswick ’s an Cuebec. Bha muinntir nan roinnean isle fad dha no tri lathaichean gun litir no paipear-naigheachd fhaotainn as na roinnean uachdrach.
Tha comhairle na siorrachd cruinn air an t-seachdain so a’ cur air dòigh caochladh ghnothnichean a b’ fheudar dhaibh fhàgail gu’n deanamh ’nuair a bha iad cruinn toiseach na bliadhna. Maduinn Di-màirt chruinnich fir na comhairle ann an tigh na cùrtach agus thug iad am mionnan a bhi dileas do Righ Iomhar a Seachd. Bha iad air am mionnachadh leis a Bhreitheamh Dodd. ’S e an gnothuch is cudthromaiche tha air beulaobh na comhairle air an turus so creic an tigh chaothaich agus tigh na cùrtach, agus togail thaighean ùra.
O chionn còrr us da mhios air ais bha roinn mhor de dh’ airgeid meallta a dol mu’n cuairt ann am baile Winnipeg, —buinn 10, 25, agus 50 sent. Chaidh seann duine d’ an ainm Seumas Armstrong a ghlacadh air amharus an la roimhe, agus fhuaireadh innealan aige air son deanamh nan bonn sin. Chuir Armstrong seachad àireamh bhliadhnaichean dhe bheatha anns an tigh-obrach, agus gun teagamh gheibh e nise cothrom air àireamh eile chur seachad anns an ionad cheudna. Tha e tri fichead bliadhna dh’ aois, cho sean ’s gu’m bu choltach dha bhi air dòigh ionnsachadh air airgead onorach a dheanamh. Ach ’se ’s dòcha nach do dh’ fheuch e ri sin ’na òige, agus a nise tha e sean, ’s an car a tha ’san t-seana mhaide ’s doirbh a thoirt as.”
Thainig pàrlamaid Nobha Scotia cruinn an dé. Mar a thachair do ’n àrd-phàrlamaid fhéin cha ’n eil e coltach gu ’m bi i ’na suidhe ro-fhada, oir cha’n eil moran obrach ri bhi air a thoirt f’a comhair.
Chaidh fear Uisdean Domhnullach a bhàthadh bhar bòrd an t-soithich Clifton a bha air a turus eadar New York us Halifacs, Di-donaich s’a chaidh. Bha e mhuinntir Cheap Breatun agus ghabh e air an t-soitheach mar sheòladair an uair dh’ fhalbh i á Louisbourg.
Is i Ontario gun teagamh an t-aon a’s beairtiche de roinnean Chanada. An àite bhi dol an ainbhfhiach ’s ann a tha mu mhillean dolair aice ’san ionmhas. Air a bhliadhna ’n uiridh thainig ceithir millean us da cheud mile dolair a stigh ri riaghladh na roinne, agus cha deach a chosg ach mu cheithir millean. Bha an da cheud mile dolair a bha chòrr air a chur mu seach.
Chaidh an taigh aigE . M. Archibald,ann an Sidni Tuath a losgadh gu làr maduinn Di-màirt s’a chaidh. Thòisich an teine ’nuair a bha muinntir an taighe ’nan cadal, agus bha e cho fad air adhart mu’n tugadh fanear dha ’s nach gabhadh an taigh sàbhaladh. B’ fhiach an tigh ’s na bha ’na bhroinn ochd mile dolair, agus cha robh de dh’ urrasachadh air ach tri mile.
Tha iarrtus ri bhi air a chur á Sidni Tuath a dh’ ionnsuidh riaghladh Nobha Scotia air son bacadh a chur air na bàtaichean-aiseig a bhi ruith eadar Sidni us Sidni Tuath air an t-Sàbaid. Tha gach aon de na pearsachan-eaglais agus àireamh mhor de dhaoin’ inbheach a bhaile an deigh an ainmean a chur ris. Cha’n eil teagamh nach bi iarrtus dhe’n t-seòrsa cheudna air a chur air falbh á Sidni.
Dior-daoin s’a chaidh bha Wilhelmina, ban-righ na h-Olaint, air a pòsadh ri Eauruic, Diùc Mecklenburg-Schwerin. Tha ban-righ Wilhelmina fichead bliadhna dh’aois, agus tha i riaghladh on bha i deich bliadhna. Tha i ’na mnaoi òig air am bheilear a deanamh moladh mor agus tha i anabarrach measail aig sluagh na rioghachd, d’an d’ thug a pòsadh ri Diuc Eanruic toileachd mor. Thatar ’ga coltachadh ann an iomadh dòigh ri ban-righ Victoria againn féin agus ’se dòchas a sluaigh féin, agus muinntir dhùthchannan eile gu’ m bi a beatha agus a-rioghachadh a cheart cho fada, agus gu’m bi ionndrain cho mor oirre aig àm a bàis ’sa tha air Victoria.
Tha cìbear a fuireach aig cladach Loch Shiel, ann an Gaidhealtachd na h-Alba, a tha cumail am mach gu bheil e ceud agus fichead bliadhna dh’ aois. O chionn beagan bhliadhnaichean air ais chaochail boirionnach do ’m b’ ainm Anna Nic Coinnich ann an Cillehoain an deigh ceud bliadhna agus a dhà dheug a ruigheachd. Chaochail Alasdair Mac-a- Phearsain o chionn ghoirid aig Loch Suaineart, aig aois ceud bliadhna agus a naodh. Chaith e a bheatha gu h-iomlan ri taobh na locha sin. Bha Domhull Camaran, seann duin’ eile a mhuinntir na sgire sin, corr ’us ceud bliadhna ’nuair a chaochail e. Agus tha boirionnach do ’n ainm Mairi Stiubhart a còmhnuidh faisg air an àite cheudna, a tha ceud bliadhna agus a seachd. ’S e croitearan a bh’ annta so uile.
Reic-a- mach Mhor
DE
dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.
Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor.
H . H. Sutherland & Co.
SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN
Airson Sanas bho
KELLY & DODGE,
Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B.
BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.
Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.
F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.
Tha againn air an rathad a’ tighinn
Luchd car de FHLUR MATH Teaghlaich
a theid againn a chreic riut fhein ’s ri do choimhearsnaich air
$4 .00 am Baraille fhad ’sa mhaireas e.
Is fhiach e a h-uile sent de
$4 .25 am Baraille
F . & J. MORLEY,
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.
[Vol . 9. No. 33. p. 6]
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XXX.
AIR dhaibh a bhi dol tro àllt a bh’ air an rathad gu’n drochait, thog Tearlach a chòta suas gu meadhon a shléisnean; air a’ cheart òm sin bha pàirtidh Leòdach a bha’n tòir air féin a dol seachad, agus dh’ àithnich fear ac’ am Prionns’, oir chunnaic se e roimhe, ach cha b’e thoirt suas d’a nàimhdean a rinn e, ach feuchainn ri chur ni bu mo ás aithne na bha e le glaodhaich an aird’ a ghutha:— “Ud! ud! a Mhòrag nigh ’n Fhearachair, leag do chòta; is tu a dh’ fhàs mi-bhanail o’n uiridh!” Dh’ fharraid am Prionnsa’ de dh’ fhear Chìse-Bòrgh ciod a bha ’m balach ag ràdh, ’nuair a chaidh sin innseadh dha theab e grad sgàineadh le gàireadaich; thuirt fear Chìse-Bòrgh an sin gum b’ fhearr dha comhairle ’bhalaich a’ ghabhail an àm a bhi gabhail thar an àllt. Air an aobhar sin, aig a’ cheud àllt a choinnich iad leag Tearlach le iomal a ghùin tuitean sìos ’san t-sruth. Thuirt fear Chìse-Bòrgh gu ’n robh an dòigh ma dheireadh cho olc ris a’ chiad dòigh chum dùsgadh amharais ’nan tarladh dha nàimhdean a bhi ga fhaicinn. Bha ’m feasgar a nis’ air ciaradh, agus ràinig an triùir, —am Prionnsa, Fear Chìse-Bòrgh, agus Fionnaghal Nic Dhòmhnuill, taigh Chìse-Bòrgh m’a aon uair diagh de ’n òidhche.
Bha muinntir an taighe gu léir mu ’n àm sin air dol a laidhe, agus cho luath sa’ chuir fear Chìse-Bòrgh Tearlach a steach do sheòmar mòr nan aoidhean, chaidh e thogail bean an taighe, —dhiùlt i air tùr éiridh ag ràdh ris gu’m faodadh e féin na coigrich a chuideachadh leis gach nidh sa ’n taigh gu ’n ise bhi ’san làthair. Mas gann a labhair i na briathran sin, thainig a nighean a b’ òige, caileag ma sheachd bliadhna dh’aois ’na ruith gu taobh a leapa, agus labhair i mar sò:— “A mhàthair! a mhàthar! thug m’athair a bhean a’s mò agu a’s mi-chumair a chunna’ mi riabh, leis dachaigh, agus thug e steach do ’n t-seòmar mhòr i cuideachd.” Thug briathran a phàisd’ air a màthair a shaoilsinn gun tug a h.athair a h-aon de na fògaraich a bha gabhail dion air feagh an eilein fo thearmunn, gidheadh cha d’ fhuair i coire sam bith da còmpanach air son caidridh ’thoirt do ’n fhalbhanach bhochd, agus d’ fheòraich i dheth, an robh fios aig air dad idir ma dhéighinn a’ Phrionnsa thruaigh. Air cluinntinn sin do dh’ fhear Chìse-Bòrgh ghlac e làimh a mhna ’na làimh féin, agus labhair e rithe mar so:— “A ghràidh mo chridhe! ’Se so am Prionnsa féin fa d’ chomhair.” “Am Prionns’ ,” ars ise. “Mas e théid n-ar crochadh gu léir cho ard sa’ chuireas fiodh sinn” “Ma théid,” arsa fear Chìse-Bòrgh, “cha’n fhaigh sinn bàs ach aon uair, agus cha’n urrainn sinn fhaotainn air son aobhair a’s fearr, cha’n eil sinn a’ deanamh ach obair na tròcair mar bhuineadh do gach Chriosdaidh a dheanamh; thoir thugainn aran a’s ìm a’s càis uidhean a’s baine, no aon ni eile th’ aged réidh.” “Uibhean a’s baine,” arsa bean an taighe, “be sin an t-suipeir gu dearbha, g’a cuir fa-chomhair Prionnsa.” “A bhean mo ehridhe,” arsa fear Chise-Bòrgh, “Is beag a’s fios duibh m’a ghiullachd a’ Phrionnsa bhochd so o cheann tamuill, ’s ann a mheasas e ar suipeir na cùirm shòghair, osbarr nan deanamaid suipeir shònraichte bhreathnaicheadh na searbhantan gu ’n robh neach ionbhach éigin ’n-ar teach:” greasaibh oirbh leis a bhiadh, agus thigibh féin gu ar suipeir maille ruinn.” “Mise gu ’m shuipeir” ars ise, “cha’n fhios dhomhsa cia mar as còir dhomh mi-féin a giulan aig bòrd maille ri Prionnsa!” “Ach feumaidh sibh suidhe sios,” ars a companach. “Cha’n ith am Prionnsa mìr mar bi sibh s’an làthair, agus chi sibh nach do seuidh sibh sìos gu biadh riabh còladh ri duine cho ior-uasal agus cho suairc.”
Chaidh an t-suipeir a chur sìos gu h-òrdail, agus shuidh iad gu bòrd, le bean Chìse-Bòrgh air làimh chlì a’ Phrionns’ agus Fionnaghal Nic Dhòmhnull air a dheis. Ghabh am Prionns’ a shuipeir gu sunntach agus dh-ò1 e sgaile bhranndaidh air slàinte na cuideachd: an deigh sin thug e pìob dhubh stobach thombac air lòm, agus thòisich e air gabhail smùid, thuirt e aig an àm ri fear an taighe, gu ’m fac a’ phìob iomadh latha dosgainneach, gu ’n ghiulain se i fad’ a’s goirid, gu’n tharuinn am fuachd do’n robh e buailteach rè alabhain sgìth an déideadh na aoradh, agus gu ’n robh ceò na pìoba toirt faothachadh dha air uairean; bha’ phìob mu’n àm sin air fàs cho goirid ’s gun tug a luchd-leanmhuinn a “chutag” mar ainm oirr’. Shuidh e féin a’s fear an taighe sìos ag òl gu cridheil agus a gabhail naigheachd a’ chéile gus an robh e trì uairean sa’ mhadainn, an deigh sin chaidh e laidhe agus cha do dhùisg e gus an robh e uair an deigh mheadhon latha an lathairne-màireach.
Sa’ mhadainn ’nuair a chuir fear Chìse-Bòrgh fàilt’ air a’ Phrionnsa dh’ fheòraich e dheth, cia mar a fhuair e cadal? Thuirt Tearlach ris nach robh cuimhne aige gun do chaidil e cho fad’ le rugadh e: bha e cho fad gun e féin a shìneadh air leabaidh shocraich as gun robh e air leigeadh leabaidh mhath gu tur as a chuimhne. Thuirt fear Chìse-Bòrgh ged nach b’ann a fàs sgìth dheth a chuideachd, gu ’n robh a làn thràth dha bhi deanamh deas air son am barrachd astair, agus ged do dh’ fhàgadh e an taigh anns an trusgan anns an tainig e dha ionnsaidh gu’m iomchaidh dha ’chulaidh a mhùthadh aig a’ chiad chothrom. Ma
Cuireadh. Tha sinn a toirt cuireadh do gach aon a leughas so tigh’nn a choimhead oirnn agus amharc air an stoc a tha sinn a’ cumail. Tha againn aig an àm so:—
LUCHD CAR DE MHIN BHUIDHE.
FLUR, am baraillean ’s am pocannan.
PRONN, VINEGAR ,SPIOSRAIDH,
MOLASSES , PICKLES,
agus gach seorsa BATHAIR-CHANNAICHEAN.
R . H. L. YOUNG & Co.
AN TOGALACH A CHAIPT. MHIC-NEILL,
Aig Oisean Sràidean Shearlot agus Townsend.
AODAICHEAN DEANTE
COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
[Vol . 9. No. 33. p. 7]
fheasgar an deigh dha a dhinnear a ghabhail, thog e air gu bhi triall, agus thug e fainear gun robh bean an taighe, mar a chuid bu liugha de sheana bhaintighearnan na linne sin ris an t-snaoisein, agus air dha a bhi gabhail a chead dhi dh’ iarr e snòitean as a bocsa, thug a bhean choir uasal dha am bocsa làn, agus dh’iarr i air a ghleidheadh mar chuimhneachan oirre. Ghleidh e’m bocsa a’ toirt iomadh taing dhi air a shon, agus air son a’ chaoimhneis a nochd i dha bho’n uair a thainig e dh’ ionnsaidh a taighe. —Cho luath sa dh’ fhàg am Prionns’ an taigh chaidh bean Chìse-Bòrgh do’n t-seòmar anns an robh e na laidhe, agus phaisg i seachad na lionanardan anns na chaidil e, agus thug i bòid nach rachadh, aon chuid an nighe no ’n cur air leabaidh, no ann a feum sam bith eile, —gu ’n gleidheadh i seachad iad air son anaird-laidhe dhi fáin an uair bu bhàs d’i.
Ghabh Tearlaich a nis’ a thuras gu Port-Rìgh, (astar cheithir-mile diag bho Chìse-Bòrgh,) far an robh sùil aige ri bàt’ fhaotainn air an gabhadh e’n t-aiseag a null do Rasaidh, Bha bhanacharaid dhealaidh Fionnaghal Nic Dhòmhnuill, Niall mac Eachainn, agus fear Chìse-Bòrgh ’nan truir greis de’n t-slighe còladh rìs—thug fear Chìse-Bòrgh deise fiorannaich leis ann am pasgan na làimh, agus air dhaibh a thighinn gu badan beag coille chaidh e féin agus am Prionns’ a steach fo sgaile nan craobh, gus na chuir e dheth an t-éideadh mnatha, agus chuir e uime feile-beag, siste-cot, cota-gearr, osanan cataidh agus bonaid togalach. An sin ghabh fear-Chìse-Bòrgh a chead dheth agus ghabh e fèin agus Niall mac Eachainn rompa gu ruige Port-Rìgh, agus buachaile bho’ a thachair riu aca mar cheann-iùil. Ghabh Fionnaghal agus pàisd nighin an t-ath-ghoirid agus bha i ann am Port-Rìgh uair rompa. Ma chiaradh na h-òidhche thainig Niall mac Eachainn agus am Prionnsa gu taigh-òsda Phort-Rìgh agus fhuair iad Fionnaghal ga tiormachadh féin ris an teine, oir fhuair i fhras throm uisg’ air a turas. Anns an taigh so ghabh am Prionnsa biadh a ’s drama, agus a thaobh gun robh am bàt’ anns an robh e dol a sheòladh do Rasaidh ga fheitheamh aig a chladach ghabh e soraidh ghràidh le Fionnaghal agus le Niall mac Eachainn, Rug e air laimh air Fionnaghal an dara h-uair agus labhair e rithe mar so:— “Air son na thachair a rìbhinn shuairc, ged tha sinn an dràsda dealachadh, tha dòchas agam gun tachair sinn ri chéile fathast ann an lùchairt rìoghail Lunnain.
On tha mi dealachadh ri Niall mac Eachainn an so, a thaobh gun robh e na bhall ro shònraichte, agus rudaiginn sealbhach ann an deireadh a laithean, tha mi air son gu’m bi fios aig mo luchd-dùthcha air beagan ma thimchioll. B’ ann de dh’fhior-fhuil Chlann-Domhnuill Niall còir, agus b’e Eachann ainm baistidh athar, air an aobhar sin ghairte mar leth-ainm ris “Niall mac-Eachainn Dhòmhnullaich,” agus mar aithghearr “Niall mac Eachainn” Bu cho-dhalla Niall do sheana Mhac- ’Ic-Ailein. Chaidh fhòghlum air son na sagartachd anns an oil-taigh Albannach am Pàrais sa ’n Fhràing, agus bha e ’na bhrod sgoileir. Bha spéis mhòr aig a’ Phrionnsa do Niall, a thaobh e bhi suas ris a’ chainnt Fhràngaich, cànan a b’ fhearr a thuigeadh e air bith. Bha mac Eachainn bho’n uair a dhealaich e ri Tearlach na fhògarach air feadh na dùthcha, ach gu sealbhach fhuair e null do’n Fhràing air a’ cheart luing anns an dh’ fhag Tearlach féin Albainn. Cha mhi-thaitin e ris na Gàeil a chluinntinn gun d’ fhuair Niall mac Eachainn mac ri té dheth na baintighearnan rìmheach thall thar chuan, a bha fa-dheòigh na dhuine mòr, cumhachdach, do’n goirte gu Gallda, —“Marshall MacDonald, Duke of Tarentum! ”
Ann am bristeadh na maidne a’ chiad latha de mhìos dheireannach an t-shàmhraidh sheòl Tearlach á Port-Rìgh ann am bàta beag fosgailte gu ruige Rasaidh, bha e air tùs a’ conaltradh ris an sgioba ma chaochladh nithibh, ach fa-dheòigh chaidil e air ùrlar an eithir, agus cha do dhùisg e gus an deach i air tìr ann sa’ Ghlàm an eilean Rasaidh, chuir e suas a chairtealan anns an eilean so ann am bothan chaorach, agus chaidil e air leabaidh fhraoich. Anns a’ mhadainn thuirt e riusan a bha ga fheitheamh, gum bu dosgainneach a bha e caitheamh a bheatha, ach, gidheadh, gum b’fhearr lei buanachd air an dòigh ud fad dheich bliadhna seach, tuiteam an làmhan a nàimhdean, thuirt e mar an ceanda gum b’ iongantach a bha e cumail ris, “Oir,” ars esan, “dh’ fhuilig mi bho latha Chuil-Fhodair, na bheireadh bàs air ciad fear, ’s cinnteach nach ann an diamhanas a choigil Dia mi gu cinnteach tha math an dàn domh fathast.”
An deigh do Thearlach fantuinn rè dha latha gu leth ann an Ràsaidh, bha e nis’ air son fhàgail a thaobh e bhi na Eilean anns nach bu duilich a ghlacadh na ’n tigeadh a luchd-tòrachd gu tìr ann. Uime sin air feasgar an treas latha de’n mhìos dh’ fhàg am Prionns’ an t-eilean anns an dearbh bhàta anns na ghabh Mr Calum Mac-Leòid mac bràthar do Mhac- ’Ille-Chalum féin mar cheann air an sgioba. Cha deach iad ach ma cheud àlach bho thìr, ’nuair a thog na tuinn robach an cinn gu gàireach, is bha ghailbheinn a bàrcadh orra cho trom is gun d’iarr an sgioba pilleadh gus am fàsadh an t-side n’a bu chiùine. Thuirt Tearlach gun robh e fichead òidhche aig fàirge cho garbh rithe sud, iad a ghabhail air an aghaidh, agus chum am misneach a chumail suas thoisich e air seinn ann an Gàelig ghlain beagan rann a dh’ ionnsaich e dheth an “Iorram Dharaich” bho Dhomhnull Mac-Leòid a’ chiad fhear treoraichidh: mar sin chum iad oirre ged a bha i sir thoirt a staigh air gualain an fhuaraidh, is cha deach an spùidsear á làimh Chaluim Mhic-Leòid, gus na bhuail iad tìr mu aon uair diag a dh’ òidhche ri taobh “Creag Mhòr Mhìc-Neacail” fagus do Sgorabreac sa’n Eilean-Sgiathanach.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an calamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
SANAS.
THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann StorC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
W . M. COWPERTHWAITE, M. D.
OIFIS: An togalach Mhic-Talla air Sraid Shearlot.
AITE-COMHNUIDH: TighMrs . McCurdy,airLover ’s Lane.
Phone 227.Phone Oidhche 47a.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 33. p. 8]
Marbhrann Eoghainn.
LE ROB DONN MAC AOIDH.
Bha Eóghann so ’n a sheann duine ro bhochd, air caitheadh as leis an luathas-analach, ’s e ’n a chòmhnuidh leis féin ann an tigh bochd, ann an àite bochd, aonaranach, lom, fuar, fasachail, am Polladh, aig ceann Loch-Eireabuill. Thachair do’n bhàrd dol latha do’n bheinn-sheilg; agus air dha gun dol leis air an là sin, thainig e ré na h-oidhche do’n Pholladh, air chor ’s gu’m b’ fhaisge e do’n bheinn air chionn na h-ath mhaidne. Bha Eóghann bochd ’n a luidhe sinte air droch leabaidh an oisinn an tighe, agns e ro choltach ris gun robh an uair deireannach aige. Chual am bàrd mu ’n d’ thainig e o’n bhaile an là sin, sgeul air bàs Mhr. Pelham, Ard-Fhear - Comhairle na Rioghachd; agus bhuail air ’inntinn na smuaintean a chithear ’s an òran. Bha am bàrd a’ gabhail an òrain dha féin an deigh e bhi deanta, a’ cur seachad na h-oidhche; agus ’n uair thàinig e gu crìch an rainn dheireannaich—lag-bheartach mar bha Eóghann, ’n uair chual e an t-iomradh a thug am bàrd air fein, ’s ann a ghrad-rug e air bata, agus thug e an oìdhirp a b’ fhearr a dh’ fheudadh e air a’ bhàrd a bhualadh.
’S tric thu, Bhàis, ’cur an céill dhuinn,
Bhi sìor éigheachd ar còbhrach;
’S tha mi ’m barail mus stad thu,
Gu’n toir thu ’m beag is am mòr leat.
’S ann o meadhan an fhoghair
Fhuair sinn fraghaidh a dh’ fhoghnadh,
Le do leum as na cùirtibh
Do na chùileig ’m bheil Eóghann.
Ach na’n creideadh sinn, Aoig, thu,
Cha bhiodh ’n saoghal-s’ ’g ar dolladh,
’S nach ’eil h-aon de shliochd Adhaimh
Air an tàmailt leat cromadh;
’S i mo bharail gur fìor sud,
Gur àrd ’s gur ìosal do shealladh;
Thug thu Pelham á mòrachd,
’S fhuair thu Eòghann ’s a’ Pholladh.
Tha thu ’tigh’nn air an t-seòrs’ ud
Mu’m bheil bròn dhaoine mòra;
’S tha thu tighinn air muinntir
Mu nach cluinntear bhi còineadh;
Cha’n ’eil aon ’s an staid mheadhoin,
Tha saor fathast o dhòghruinn,
Do nach buin a bhi caithriseach,
Eadar Pelham is Eóghann.
Tha iad tuiteam mu’n cuairt dhuinn,
Mar gu ’m buailt’ iad do pheilear;
Dean’maid ullamh, ’s am fuaim so
Ann ar cluasaibh mar fharum;
Fhir a’s lugha measg mòrain,
An cual thu Eóghann fo ghalar?
Fhir a’s mu anns na h-àiteach-s’ ,
An cual thu bàs Mhr. Pelham?
Ach a chuideachd mo chridhe,
Nach toir an dithis-s’ oirnn sgathadh?
Sinn mar chainneal an lanntarn,
’S an dà cheann a’ sìor chaitheamh.
C’ àit an robh anns an t-saoghal
Neach a b’ ìls’ na mac t’ athar s’?
’S cha robh aon os a cheann-san
Ach an Rìgh bh’ air a’ chathair.
Gur ann Thall, Thall, Thall.
LE ROB DONN MAC AOIDH.
Oran air nighean òig bha cho baoth ’s gu’n d’ innis i bruadar a chunnaic i air a leannan, e a thighinn le iuchair ’n a laimh a dh’ fhosgladh glas ùr bha aice air ciste.
LUINNEAG.
Gur h-ann thall, thall, thall,
Gur h-ann thall gheobh thu i;
Gur h-ann thall, thall, thall,
Tha do ghnothuch troimh ’n fhrìth;
Is mur ’eil an iuchair agad,
Fiuchar ann a clì,
Siubhail rathad tigh a’ Ghreumaich,
’S gu ’n gleus e dhuit i.
’N uair théid thu do’n tìr shuas,
Bi gu suairce le faoilt;
Agus feuch gu’n gleidh thu ’m bruadar
A chualas anns an tìr;
Is mur ’eil an iuchair agad,
Fiuchar ann a clì,
Siubhail rathad tigh a’ Ghreumaich,
’S gu ’n gleus e dhuit i.
Gur h-ann thall, &c .
’S iomadh subseig uasal
Fhuair sinn ’s an tìr;
’S e ’m fear a thàinig air chuairt
Bh’ air a bhuaireadh le gaol;
Gach car a thug a’ ghruagach,
Mu’n d’ fhuair i fear piob—
An iuchair is am bruadar
Is gruag Iain Mhaoil.
Tha iuchair ann an Malldaidh,
’S gur mall a ruitheas i;
Cha’n ’eil fear a ni rann
Nach faigh crampadh math dhì;
Am fear a thachair lamh rith’
Cha’n fhàir e tigh’nn d’a dìth;
’S còir da ’cuir do’n cheàrdaich
’S gu’n càirear da i.
’S ann a bhios a’ mhùirn
Air taobh thall a’ chaoil,
’N uair thig i mach gu sùrdail
’Thoirt sùl air a gaol;
A dupadaich ’s a’ beiceadaich
’S ag eilteachadh le faoilt,
’G a chlapaigeadh ’s ’g a phàgadh
Le ’gàirdeannan sgaoilt’.
Aisling an t-Saighdeir.
Rinneadh an t-eadar-theangachadh so le Iain Mac Ille-bhain, an Inbhirnis. Choisinn e a cheud duais aig a Mhòd. Thug sinn ag cheana seachad an t-eadar-theangachadh a choisinn an darra duais.
Aig sanas na trompaid chaidh fosadh san ar,
’S thug na reultan frith-shoills’ mar bha ’n duibhre a fàs;
Gun chomas, gun chli, laigh na mìltean air làr,
An claoidhte gu cadal, ’s an leointe gu bàs.
A sgànradh nam faol o chuirp phrìseil nan sonn,
Las sinn braidseal, ’s na chòir is ’mi ’m laighe gu tlath,
Thainig aisling san oidhch’ a chuir m’ aigne fo fhonn,
’S rinn mi ’m bruadar trì uairean roimh bhristeadh an la.
Air céin-astar fàs rinn mi siubhal am shuain,
Bho fhaiche na còmh-strì ’s nam brataichean sròil;
Bha grian gheal an fhoghair ’cur soills’ air a chluain,
Is dachaidh mo shinnsear chuir fàilt’ orm gu fòil.
As ùr bha mi ’g imeachd, le aoibh is le luaths,
Nan achadh bu chaomh leam am madainn mo shaogh’l;
Thug òrain nan buanaichean sòlas do m’ chluais,
’S mo ghobhair san fhireach rinn moigeadaich ghaoil.
Mo dhachaidh ’s mo chairdean nach fàgainn ri m’ bheò.
Rinn mi gealladh a dhaingneach’ le slighe de’n fhìon;
Mo mhàldag chuir osna a cridhe gun ghò
Ri mìltean de phògan o m’ chròileagan crìon.
“Fan leinn is gabh fois—tha thu claoidhte ’s fo phéin”—
’S bu deònach a dh’ fhanadh leo Saighdeir an gaoil—
Ach dh’ ùraich mo dhoilgheas aig éirigh na gréin’,
’S mar sheachdag san abhainn chaidh m’ aisling fa-sgaoil.
COIRE-BHREACAIN.
Bas.
—Air Beinn nan Sgitheanach, C. B., air a choigeamh latha de dharra mios na bliadhna, Catriona Nic-Dhunléibhe, bantrach Iain Mhic-a- Phi, aois ceithir fichead us coig bliadhna.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Ciamar a tha do Shuilean?
Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras.
Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig
Bezanson .
An togalach Hanington,
Sraid Shearlot, Sidni.
BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.
So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90
Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.
Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
title | Issue 33 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 33. %p |
parent text | Volume 9 |