[Vol . 9. No. 34. p. 1]
MAC-TALLA.
“An na nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 22, 1901. No. 34.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna
Le Iain.
CAIB. XII.
BHA Seònaid ann an iomadh dòigh ’na h-ighinn cho gasda ’sa gheibhteadh anns an duthaich. Bha i anabarrach aoidheil ris na h-uile a thachradh rithe. Agus shaoileadh daoine nach robh te eile anns an duthaich cho math, agus cho ciùin nàdar rithe. Bha cluas-chiùil mhath aice, agus cha robh port no òran no fonn sam bith eile a chluinneadh i nach togadh i anns a’ mhionaid. An uair bu trainge bhitheadh i, agus an uair bu deuchainniche a bhiodh a gnothaichean fhein agus gach dragh a bhiodh a tighinn ’na rathad o ghnothaichean dhaoine eile, ’ga sàruchadh, is ann bu bhinne a chluinnteadh a guth a’ ghabhail òran. Bha so a’ toirt air a h-uile duine ’bhith smaointean gu’n robh i cho ciùin agus cho math nàdar ’s nach cuireadh rud sam bith gruaim no corruich oirre. Ach bha iad gu mor air am mealladh. Bha Seònaid ’na h-ighinn òig cho guinneach, agus cho gamhlusach ’s a gheibhteadh ann an àite sam bith. Ged a bhiodh fonn an òrain air a bilean, bhiodh a chridhe gu sgaoileadh le feirg ’s le fuath ’s le gamhlas. Bhiodh i gu trang a’ gabhail oran a chum falach a chur air staid a h-inntinn, direach mar a bhios na gillean òga ’feadaireachd anns an oidhche dhorcha, an uair a bhios iad a dol seachad air a’ chladh, gus an inntinn a thogail bhar an eagail a tha ’cur crith air na cridheachan aca. Agus cha b’i Seònaid na h-onar aig an robh an cleachdadh so gus falach a chur air staid na h-inntinn. Bha iad ann, agus tha iad ann an diugh, aig am bheil a’ cheart dòigh. Shaoileadh duine nach leaghadh an t-ìm ’nam beoil leis a’ choltas chiùin, bhanail a th’ orra; ach mo thruaighe na daoine sin air an tòisich iad ri dioghaltas a chaitheamh. Thoir daibh an toil fhein, agus bidh a’ chùis ceart gu leòr. Ach tòisich ri cur ’nan aghaidh, agus theid mise an urras gu ’m bi beagan a nasgaidh agad dheth. Nan cuireadh na h-òrain a ghabhas iad, agus an coltas aoidheil a tha orra, an coimhicheas agus an gamhlus a tha ’nan cridheachean gu bàs, bu mhath. Ach an uair a tha na nithean so air an gnàthachadh gus an droch mheinn a tha fuaighteadh riutha a chumail beò, cha ’n urrainnear am moladh.
Mu ’n gann a thug Seonaid a culaobh ri Aonghas, thòisich i ri gabhail òran. Chuala Aonghas a guth, agus thuirt e ris fhein, “Tha do chridhe am mireag riut, a Sheònaid. Ma ghabh thu saonas ris na thuirt mise riut, cha robh thu fada ’ga dhichuimhneachadh. Tha e air fhagail ort gu ’m bheil thu làn dhe’n droch nàdar; ach is gann a tha mi ’g a chreidsinn.”
An uair a choisich e beagan air aghart, thainig smaointeanan eile steach air an inntinn aige. Ars’ esan ris fhein, agus e ’labhairt am mach, “Tha a’ cheud dhual dhe ’n taod a nis air a bristeadh, agus cha ’n fhad’ a dh’ fhanas na duail eile slàn. Ma bha amhrus aca gur mi a thug an lòsan as an uinneig, cuiridh sid as am barail iad. Ach ged a bhiodh amhrus aca orm, cha leigeadh iad dad orra. Tha iad cho gleusda. Feithidh iad feuch an cluinn iad fathunn mu ’n chuis, agus an sin maidichidh iad ormsa, no air cuideiginn eile.”
An uair a thubhairt e so, ghabh e air aghart le ceum làidir, cabhagach, oir bha eagal air gu ’m biodh an t-anamoch ann mu ’n ruigeadh e taigh Iain Chamarain, ann an Lacasdal.
Ged nach robh ach astar goirid eadar Seònaid agus taigh a h-athar, choisich i gle chabhagach an deigh dhi dealachadh ri Aonghas. Dhùisg corruich nach bu bheag ’na h-inntinn a chionn mar a labhair e rithe. Agus ged a bha fonn an òrain air a bilean aig an àm, cha b’ann a chionn gu’n robh sìth is fois aig a h-inntinn, ach gus toirt air Aonghas a chreidsinn, agus fios aice gu’n robh e ’cluinntinn a guth, nach do chuir an comhradh a bha eatorra gruaim sam bith oirre. An uair a choisich i greis air aghart, thuirt i rithe fhein, “Faodaidh tu deanamh air do shocair, Aonghais. Ged is tu fear a’s mò air am bheil de mheas agamsa a chunnaic mi riamh, leigidh mi fhaicinn dut ’na dheigh so, co ris a tha do ghnothach. Ged nach ’eil meas sam bith agam air Coinneach, cumaidh mi facal ris, ged nach deanainn ach dorran a chur ortsa. Is math leam gur ann air a tha thusa agus Domhull a ’cur na coire air son sinne ’bhith cho doichleach ribh an raoir.” Ged a thuirt i moran a bharrachd air so, cha’n ’eil feum a bhith ’g a aithris.
Bha am feasgair anamoch ann an uair a rainig Aonghas taigh Iain Chamarain, am braighe Lacasdail. Thug Iain an aire dha an uair a nochd e ann an sealladh an taighe, agus choisich e ’na choinneamh. “Bha mi teannadh ri gabhail eagail nach tigeadh tu idir,” ars’ Iain.
“Cha chumadh rud sam bith mi gun tighinn ach tinneas no bàs. Ach tha ’n t-astar fada, agus tha ’n latha goirid,” ars’ Aonghas.
“Feumaidh sinn falbh as a’ so mu shia uairean. Tha coig mile monaidh eadar so ’s taigh Eoghainn Bhain, agus o’n tha ’n oidhche gun ghealaich, agus na speuran comhdaichte le neòil, bheir sinn barrachd uine air deanamh an astair na shaoileadh tu,” ars’ Iain.
“Co ’tha ’falbh comhladh ruinn?” ars’ Aonghas.
“Tha triuir dhe na coimhearsnaich a’ falbh. Tha dithis dhiubh gus a bhith giulan a’ phige,” ars’ Iain.
“Feumaidh gu’m bheil am pige gu math mòr ma dh’ fheumas dithis a bhith ’g a ghiulan,” ars’ Aonghas. “Am bheil muinntir Chul-fraoin gu léir gus a bhith air an réiteach?”
“Tha mise gun fhios agam co tha gus a bhith ann. Iarradh iad ann na thogras iad. Saoilidh mise gu’m bheil mi ’toirt deoch gu leòr leam. Tha fhios agad gu ’m feumar deoch a chur an tairgse nan càirdean a bhios a’ dol do’n taigh le cuideachadh bainnse. Air son na chosgas e dhomhsa, is fhearr leam am barrachd a thoirt leam na sinn a ruith gann mu’n tig oidhche na bainnse. Is fhad o’n a thuirt m’ athair rium, nach bu chòir dhomh a bhith spìocach mu bhiadh no mu dheoch aig àm sam bith. Cha ’n fhaca mi riamh rath air na daoine a bhiodh cruaidh, spìocach mu bhiadh ’s mu dheoch. Ach tha’n dealachadh a’s mò eadar a bhith spìocach agus a bhi sgaireapach. Tha gu leòr ann a tha sgaireapach air eagal gu’n abrar gu’m bheil iad spìocach,” ars’ Iain.
An uine gu’n bhith fada, thainig an triuir choimhearsnach, agus an uair a ghabh iad biadh is deoch, rinn iad deiseil gu falbh. Chuireadh pige dà ghallain ann an cliabh, agus thug fear dhe na daoine leis air a mhuin e.
Saoilidh daoine an diugh gu’n robh tuilleadh ’s a’ chòir dhe ’n deoch làidir a’ falbh an oidhch’ ud. Ach feumar a chuimhneachadh, gu ’n robh iomadh cleachdadh am measg dhaoine o chionn tri fichead bliadhna nach ’eil idir am measg dhaoine air an latha ’n diugh. Cha ’n ’eil sinn gu bhith ’smaointean gu ’n robh na cleachdaidhean a bh’ ann ’s an àm ud airidh air a bhith ’g an leantuinn aig an àm so, ged a tha sinn a’ toirt iomraidh orra. Ach tha sinn a’ toirt iomraidh orra, a chum gu ’n tuig sinn na ’s fearr an t-atharrachadh a thainig air an dùthaich, agus air sluagh na duthchadh o’n uair ud.
Aig an àm ud bha daoine, ann an iomadh àite dhe ’n Ghaidhealtachd, a’ deanamh an uisge bheatha gun òrdugh a’ Chruin. Bha seirbhisich a’ Chruin— “na gaugerean” —a’ deanamh na b’ urrainn daibh gus cur as do ’n obair mhi-laghail so. Ach a dh’ aindeoin na bha iad a’ deanamh, bha ’n obair a’ dol air aghart ann an iomadh gleann uaigneach, iomallach air feadh na Gaidhealtachd. Ann an àiteachan comhnard mar a tha na h-Eileanan an Iar, far nach ’eil glinn is coireachan uaigneach ach glé ainneamh ri faotainn, bha e furasda gu leòr cur as do na poitean dubha. Ach ann an iomadh àite air tìr-mòr, cha robh e furasda stad a chur orra. Bha muinntir Ghearrloch ainmeil aig an àm ud air son na bha iad a’ deanamh dhe ’n uisge bheatha. Agus bhiodh iad a’ falbh leis gun fhios air muir agus air tir, agus ’ga reic air son beagan thasdan an gallan, ri òsdairean agus ri duine sam bith eile a cheannaicheadh uapa e. Agus o’n a bha e cho furasda ri fhaotainn, agus cho saor ri cheannach, cha robh caomhnadh air. Beagan mhiltean o Lacasdal, bha gleann uaigneach, iomallach, do am biodh daoine a’ dol le’n cuid gràin gus uisge beatha a dheanamh, agus b’ ann as a’ ghleann so a fhuair Iain Camaran an t-uisge beatha a bha aige air son an réitich agus na bainnse. Ach ged a bha ’n deoch laidir cho pailt ’sa bha i, b’ ainneamh a chìteadh daoine ’nan sineadh leis a mhisg.
Mu ’n d’ fhalbh Iain Camaran air a thurus gu ruige Cul-fraoin, bhlais e fhein agus na fir a bha falbh comhladh ris uair na dhà air mac na braiche. O nach robh am pige ri ’fhosgladh gus an ruigeadh iad an ceann-uidhe, thug iad leotha botul a bhiodh aca an uair a ruigeadh iad leitheach rathaid.
(Ri leantuinn).
[Vol . 9. No. 34. p. 2]
An Gille Carrach Mac na Bantraich.
(Seann Sgeulachd).
BHA uaireiginn ann roimhe so bantrach, agus bha aona mhac aice. Thug i dà sgoil mhath, agus bha i los gu ’n taghadh e ceaird air a shon fein; ach thubhairt esan, nach rachadh e a dh’ ionnsuidh ealdhain air bith, ach gu ’m bitheadh e na mhearlach.
Thubhairt a mhàthair ris, “Ma ’s e sin an ealdhain a tha thu a dol a thaghadh dhuit fhein, is e is deireadh dhuit, a bhi air do chrochadh aig drochaid Bhaile-cliabh an Eirinn.” Ach bu choma cò dhiubh, cha rachadh esan gu ealdhain air bith, ach gu a bhith na mhearlach. Agus bhitheadh a mhàthair daonnan a deanamh fàisinneachd dà, gu ’r e bu deireadh dhàsan a bhith air a chrochadh aig drochaid Bhaile-cliabh an Eirinn.
Latha do na làithean bha a bhantrach a dol do ’n eaglais, a dh’ éisdeachd searmoin, agus bha i ag iarraidh air a’ ghille charrach, a mac, e a dhol leatha, ’s e a thoirt thairis do a dhroch stiùireanan, ach cha rachadh e leatha; ach thuirt e rithe, “Is e a chiad ealdhain air an cluinn thusa iomradh, an deigh dhuit tighinn a mach o’n t-searmoin, an ealdhain gu ’s an teid mise a rithis.”
Dh’ fhalbh ise do ’n eaglais, ’s i làn misnich, an dùil gu ’n cluinneadh i rud-eiginn math. Dh’ fhalbh esan ’s chaidh e do bhad coille a bha dlùth do ’n eaglais, ’s chaidh e ’m falach ann an àite far am faiceadh e a mhàthair, an uair a thigeadh i a mach as an eaglais. Agus cho luath is a thainig i a mach, ghlaodh esan, “Mèirle, mèirle, mèirle.” Sheall ise mu ’n cuairt, ach cha b’ urrainn di aithneachadh cia as a bha ’n guth a tighinn, ’s dh’ fhalbh i dhachaidh. Ruith esan rathad ath-ghiorra, ’s bha e aig an tigh air thoiseach oirre, ’s bha e na shuidhe a stigh taobh an teine tra a thainig i dachaidh. Dh’ fharraid e di, cia dé an sgeul a fhuair i? Thubhairt ise nach d’ fhuair i sgeul air bith, ach gu ’m b’e “mèirle, mèirle, mèirle,” a’ chiad chainnt a chual’ i tra thainig i a mach as an eaglais. Thubhairt esan gu ’m b’e sin an ealdhain a bhitheadh aigesan, ’s thubhairt ise, mar a b’ àbhaist di, ag ràdh, “Is e deireadh dhuit a bhith air do chrochadh aig drochaid Bhaile-cliabh an Eirinn.”
An ath latha smuaintich a mhàthair, bho nach deanadh nì air bith tuilleadh gnothach le a mac ach e a bhith na mhèirleach, gu ’m feuchadh i ri oide-ionnsaich math fhaotuinn dà. Agus chaidh i a dh’ ionnsaidh gadaiche dubh Achalòine, meirleach anabarrach seolta a bha anns an àite sin. Agus ged a bha fios aca gu ’n robh e ri goid, cha robh iad a faotuinn doigh air bith air beireachd air. Dh’ fharraid a’ bhantrach do ’n ghadaiche dhubh an gabhadh e an gille carrach, a mac, gus a ghadachd ionnsachadh dha. Thuirt an gadaiche dubh ma bha e ’na ghille tapaidh gu ’n gabhadh, agus ma bha doigh air meirleach a dheanamh dheth, gu ’n deanadh esan e; agus chaidh cumhnant a dheanamh eadar an gadaiche dubh ’us an gille carrach. Tra bha an gille carrach mac na bantraich a deanamh deis gu dol thun a’ ghadaiche dhuibh, bha a mhàthair a toirt chomhairlean air, agus thuirt i ris, “Is ann an aghaidh mo thoil-sa a tha thu a’ dol thun na mèirle, agus tha mi ag innse dhuit, gur e is deireadh dhuit a bhith air do chrochadh aig drochaid Bhaile-cliabh an Eirinn.” Ach chaidh an gille carrach dhachaidh thun a’ ghadaiche dhuibh.
Bha an gadaiche dubh a tabhairt na h-uile foghlum a dh’ fhaodadh e do ’n ghille charrach air mèirle a dheanamh. Bhitheadh e ag innse dha mu ’n t-seoltachd a dh’ fheumadh e a dheanamh gus an cothrom fhaotainn air rud a ghoid. Agus tra bha leis a’ ghadaiche dhubh gu ’n robh an gille carrach gle mhath air fhoghlum gu e a bhith air a thoirt a mach leis, bhitheadh e ga thoirt a mach leis gu goid a dheanamh. Agus latha do na laithean sin thubhairt an gadaiche dubh ris a ghile: “Tha sinn gle fhada mar so: is fheudar dhuinn dol a dheanamh rudeiginn. Tha tuathanach beartach dlùth dhuinn, agus tha moran airgid aige ’na chiste. Is e a cheannaich na bha do chrodh ri reic anns an dùthaich, agus thug e chum na faidhir iad ’s chreic e iad; tha an t-airgiod aige ’na chiste, agus ’se so an t-àm gu bhith aige, mu ’n teid na daoine a phaigheadh air son an cuid cruidh; ’s mur teid sinn a dh’ iarraidh an airgiod an ceart uair, tra a tha e cruinn ri cheile, cha ’n fhaigh sinn an cothrom ceudna a rithist.”
Bha an gille carrach cho toileach ris fein. Dh’ fhalbh iad chum an taigh ’us fhuair iad a stigh aig tighinn na h-oidhche, agus chaidh iad an aird air an fharadh, ’s chaidh iad am falach gu h-àrd ann an sin. Agus is e oidhche Shamhna a bh’ ann, agus chruinnich moran do fheadhainn a stigh a ghleidheadh na Samhuinn gu cridheil mar a b’ abhaist daibh. Shuidh iad comhla, agus bha iad a seinn oran, ’us ri aighear, agus a’ losgadh nan cnò, agus ri àbhachd.
Bha an gille carrach a gabhail fadail nach robh a chuideachd a sgaoileadh; dh’ eirich e ’s chaidh e sios do ’n bhàthaich, ’s dh’ fhuasgail e na naisg far amhaichean a chruidh, ’s thill e ’s chaidh e air an fharadh a rithist. Thòisich an crodh air purradh a cheile anns a bhàthaich, ’s air raoiceadh. Ruith na bha anns a chearnadh a chumail a’ chruidh o ’cheile gus an rachadh an ceangal a rithist. An tiom a bha iadsan a deanamh sin, chaidh an gille carrach sios do ’n chearnadh ’s ghoid e leis na cnothan, ’s chaidh e an àird air an fharadh a rithisd, agus luidh e air culaobh a ghadaiche dhuibh.
Bha seiche mhor leathraich aig culaobh a ghadaiche dhuibh, ’s bha snathad agus snathainn aig a ghille charrach agus dh’ fhuaigh e iomall còta a ghadaiche dhuibh ris an t-seiche leathraich a bha aig a culaobh. Agus tra thainig muinntir an taighe air an ais do ’n chearnadh a rithist bha na cnothan aca air falbh, agus bha iad ag iarraidh nan cnothan, agus shaoil iad gu ’m b’e cuideiginn a thainig a stigh a dheanamh chleas orra a thug air falbh nan cnothan, agus shuidh iad aig taobh an teine gu sàmhach, tosdach.
Thubhairt an gille carrach ris a ghadaiche dhubh, “Cnacaidh mi cnò.”
“Cha chnac,” thuirt an gadaiche dubh, “cluinnidh iad thu ’s theid beireachd oirnn.”
Thubhairt an gille carrach, “Cha robh mi-fhein riamh roimhe oidhche Shamhna gu ’n chnò a chnacadh.” Agus chnac e te.
Chuala an fheadhainn a bha ’nan suidhe ’s a chearnadh e, ’s thubhairt iad, “Tha cuideiginn gu h-ard air an fharadh a cnacadh nan cnothan againn; theid sinn agus beiridh sinn orra.”
Tra chuala an gadaiche dubh sin leum e far an fharaidh ’s ruith e a mach ’s an t-seiche an slaodadh ris. Theich an gadaiche dubh ’s muinntir an taighe as a dheigh, ’s bha e astar mor o’n tigh mu ’n d’ fhuair e an t-seiche a reubadh dheth agus a fàgail. Ach an tiom a bha muinntir an taighe a ruith a ghadaiche dhuibh, thainig an gille carrach a nuas far an fharaidh; chaidh e air feadh an taighe agus dh’ amais e air a chiste far an robh an t-òr ’s an t-airgiod aig an tuathanach ga ghleidheadh; dh’ fhosgail e a chiste ’s thug e a mach aiste na builg anns an robh an t-airgiod a bha innte, agus thug e leis eallach do ’n aran ’s do ’n chaise, ’us do na h-uile ni a b’ fhearr na cheile a fhuair e a stigh. Agus bha esan air falbh mu ’n d’ thainig muinntir an taighe air an ais o bhith a ruith a ghadaiche dhuibh.
Nuair a rainig an gadaiche dubh dachaidh, ’s nach robh nì air bith aige, thubhairt a bhean ris, “Ciamar a chaidh fairleachadh ort air an turus so?”
An sin dh’ innis an gadaiche dubh a sgeul fein, agus bha fearg mhor air ris a ghille charrach, ’s e bòideachadh gu ’n deanadh e dioghaltas tra gheibheadh e cothrom air. Aig ceann uine ghoirid na dheigh sin thainig an gille carrach a stigh, agus eallach air. Thubhairt bean a ghadaiche dhuibh, “Ach tha duil agam gur tusa meirleach is fhearr.”
Cha dubhairt an gadaiche dubh diog, gus ’n do leig an gille carrach fhaicinn na builg a bha aige lan do òr ’s do airgiod; an sin thubhairt an gadaiche dubh, “Ach bu tu an gille tapaidh!”
Rinn iad da leth air an òr ’s air an airgiod, ’s fhuair an gadaiche dubh an darna leth agus an gille carrach an leth eile. Tra a chunnaic bean a ghadaiche dhuibh an roinn a thainig oirre thubhairt i, “Is tu fein am meirleach fiachail!” ’s bha tuille meas aic’ air na dheigh sin na bha aic’ air a ghadaiche dhubh e fein.
Aig ceann beagan sheachdainean na dheigh sin bha banais gu bhith anns a choimhearsnachd, agus b’e fasan na dùthcha, tra rachadh feadhainn a bhitheadh saoibhir a chuireadh, gu ’n cuireadh iad tabhartas a thaobheigin a dh’ ionnsuidh muinntir na bainnse. Bha tuathanach beartach ann a chaidh a chuireadh, agus dh’ iarr e air a bhuachaille aige e a dhol ris a mhonadh, ’s e a thoirt dachaidh molt air son muinntir na bainnse. Chaidh am buachaille ris a mhonadh ’s fhuair e am molt, ’s bha e a dol dachaidh leis, ’s e aige air a dhruim, an uair a bha e a dol seachad air tigh a ghadaiche dhuibh. Thubhairt an gille carrach ri a mhaighstir, “Cia dé an geall a chuireas tu nach goid mi am molt far druim an fhir sin mu ’n ruig e an tigh fhathasd?” Thubhairt an gadaiche dubh, “Cuiridh mi geall ciad marg nach urrainn duit; ciamar a ghoideadh tu an rud a tha air a dhruim?”
“Cia air bhith mar a ni mi e feuchaidh mi ris,” ars’ an gille carrach.
“Ma ta ma ni thu e,” thuirt an gadaiche dubh, “bheir mise dhut ciad marg.”
“Is bargan e,” ars’ an gille carrach; ’us le sin dh’ fhalbh e an deigh a bhuachaille.
Bha aig a bhuachaille ri dhol troimh choille, agus ghabh an gille carrach falacha talmhainte air, gus gu ’n d’ fhuair e air thoiseach air, agus shalaich e a bhròig, ’s chuir e a bhròg air thoiseach air a bhuachaille, ’s chaidh e fein am falach. An uair a thainig am buachaille air aghaidh, ’s a chunnaic e a bhròg, thubhairt e, “Ach tha thu salach, ’s ged a thà, na ’m bitheadh do leth-bhreac ann, ghlanainn thu;” ’s chaidh e seachad.
Thog an gille carrach a bhrog, ’s ruith e mu ’n cuairt, ’s bha e air thoiseach air a’ bhuachaille, ’s chuir e bhròg eile air an rathad air thoiseach air. Thubhairt am buachaille ris fhein, “Ach tha ann an sin leth-bhreac na bròige salaiche.”
Chuir e am molt air làr, agus thubhairt e ris fhein, “Tillidh mi a nis ’s gheibh mi a bhrog shalach ’s glanaidh mi i, ’s bithidh dà bhroig
[Vol . 9. No. 34. p. 3]
mhath agam air son mo shaoithreach;” ’s ruith e gu luath air ais. Ruith an gille carrach gu luath ’s ghoid e leis am molt, ’s thug e leis an da bhroig, ’s chaidh e dhachaidh chum a mhaighstir, ’s fhuair e a chiad marg o a mhaighstir.
Chaidh am buachaille dhachaidh, ’s dh’ innis e do a mhaighstir fein mar a thachair dà. Throid a mhaighstir ris a bhuachaille.
An ath latha chuir an tuathanach a rithist ris a mhonadh e a dh’ iarraidh eirionnach (gobhar) an àite a mhuilt a chaill e. Dh’ fhalbh am buachaille ris a mhonadh, ’s fhuair e greim air eirionnach; cheangail se e, chuir e air a dhruim e, ’s dh’ fhalbh e gu dol dachaidh leis. Chunnaic an gille carrach e ’s chaidh e do ’n choille, ’s bha e an sin air thoiseach air a bhuachaille, ’s chaidh e am falach, ’s thoisich e air mèilich coltach ris a’ mholt. Shaoil am buachaille gu ’m b’e am molt a bha ann, ’s chuir e dheth an t-eirionnach, ’s dh’ fhàg se aig taobh an rathad e, ’s chaidh e a dh’ iarraidh a mhuilt. An tiom a bha am buachaille ag iarraidh a’ mhoilt, chaidh an gille carrach ’s ghoid e leis an t-eirionnach, ’s chaidh e dhachaidh leis chum a ghadaiche dhuibh. Tra chaidh am buachaille air ais far an d’ fhàg e an t-eirionnach, bha an t-eirionnach air falbh, cha robh an t-eirionnach ann. Dh’ iarr e air son an eirionnach, ’sa nuair nach b’ urrainn d’a an t-eirionnach fhaotainn, chaidh e dhachaidh ’s dh’ innis e do a mhaighstir mar a dh’ eirich dha; agus throid a mhaighstir ris, ach cha robh comas air.
An ath latha dh’ iarr an tuathanach air a bhuachaille aige e a dhol ris a mhonadh, agus e a thoirt dachaidh damh, e a bhith cinnteach nach cailleadh se e. Chaidh am buachaille ris a mhonadh, ’s fhuair e damh math reamhar, ’s bha e ga iomain dachaidh. Chunnaic an gille carrach e, ’s thubhairt e ris a’ ghadaiche dhubh, “Tiugainn, ’s theid sinn a dh’ fheuchainn ris an damh a ghoid o’n bhuachaille, tra a bhitheas e a dol troimh an choille leis.”
Dh’ fhalbh an gadaiche dubh ’s an gille carrach do ’n choille air thoiseach air a bhuachaille. Agus tra bha am buachaille a dol troimh ’n choille leis an damh, bha an gadaiche dubh an aon àite, ’s e a mèailich, ’s an gille carrach an àite eile, ’s e a migeartaich coltach ri gobhar. Chuala am buachaille iad, ’s shaoil e gu ’m faigheadh e am molt agus an t-eirionnach a rithisd. Cheangail e an damh ri craoibh, ’s chaidh e air feadh na coille, ag iarraidh a’ mhuilt agus an eirionnaich; ’s dh’ iarr e iad gus gu ’n robh e sgìth. An tiom a bha esan ag iarraidh a mhuilt ’s an eirionnaich, chaidh an gille carrach ’s ghoid e leis an damh ’s thug e leis dachaidh e chum tigh a ghadaiche dhuibh. Chaidh an gadaiche dubh dhachaidh as a dheigh, ’s mharbh iad an damh, ’s chuir iad am falach e, ’s bha maragan math aig bean a ghadaiche dhaibh an oidhche sin. Tra thainig am buachaille air ais thun na craoibh far an d’ fhag e an damh ceangailte, cha robh an damh ann. Dh’ aithnich e gu ’n deach an damh a ghoid. Chaidh e dhachaidh ’s dh’ innis e do a mhaighstir mar a thachair, agus throid a mhaighstir ris, ach cha robh comas air.
An ath latha dh’ iarr a mhaighstir air a bhuachaille aige e a dhol ris a mhonadh, ’s e a thoirt dhachaidh molt, ’s gu ’n e ga leigeadh far a dhruim idir, gus gu ’n tigeadh e dhachaidh, cia air bith a chitheadh na a chluinneadh e. Dh’ fhalbh am buachaille, ’s chaidh e ris a mhonadh, ’s fhuair e am molt, ’s chaidh aige air a mholt sin a thoirt dhachaidh.
(Ri leantuinn.)
Comhradh.
LE F. O. S.
SEUMAS—Fàilte ’s furain ort, a Dhomhuill. Is fhad’ o nach fhaca mi thu. Ciod e an saoghal a bh’ agad o’n a chunnaic mi mu dheireadh thu?
DOMHULL—Tha latha no dhà o nach robh mise air an taobh so dhe’n dùthaich. Cha leig drip an t-saoghail leam falbh air astar fad’ o’n taigh aig am sam bith dhe’n bhliadhna. Tha’n teaghlach a’ fàs lionar, agus feumaidh iad biadh is aodach is caiseart. Agus mar a dh’ fhaodas duine sam bith a thuigsinn, tha mo dhiol agam ri dheanamh a h-uile rud a chumail ’na àite fhein. Ach taing do ’n Chruthaifhear a tha cho gràsmhor, fabharach ruinn anns gach doigh, cha ’n ’eil éis sam bith oirnn, agus tha ’n t-slàinte againn.
S—Is math an naigheachd a th’ agad, a Dhomhuill. Cha ’n ’eil truas sam bith agam ri daoine fhad ’s a bhios biadh is aodach is slàinte aca, ged is tric leotha bhith gearain.
D—Bidh daoine ’gearain a dh’ aindeoin na bhitheas aca de nithean matha na beatha so. Tha daoine ann a bhiodh a’ gearain ged bheirteadh dhaibh an domhan ’s an saoghal. Ach is beag feum a ni an cuid gearain dhaibh. Bha uair a bha mi fhin [ ? ] gu leòr gu gearain; ach an uair a thug mi fa near nach deanadh gearain feum sam bith dhomh fhin no do dhuine sam bith eile, sguir mi dhith mar dhroch obair.
S—Bha thu ceart gu leòr, a Dhomhuill. Cha ’n ’eil ann an gearain ach obair gun bhiadh, gun taing gun tuarasdal. Agus cha bu chòir do dhuine glic sam bith a bhith ri obair dhe ’n t-seòrsa.
Ach, a Dhomhuill, cha ’n ’eil thu fhein ann an coltas cho math ’s a chunnaic mi thu mu dheireadh.
D—Tha mi slàn gu leor; ach tha mi air mo shàrachadh ag obair. Mar a dh’ innis mi dhut, tha ’n teaghlach air fàs lionar, agus tha iad uile cho òg ’s nach fhaigh mi ach gann car obrach asda. Dheanadh triuir dhiubh cuideachadh gu leòr leam mar b’ e gu ’m feumar an cumail anns an sgoil. Mur toir iad a steach an t-uisge agus a’ mhòine dh’ am mathair, agus greis a thoirt air feurach a’ chruidh a h-uile feasgar a bhios tioram, blàth, an corr obrach cha ’n fhaighear asda. Feumaidh mise feuchainn ris a’ chuid mhòr dhe’n obair a dheanamh leam fhin mar is trice. Cha’n ’eil searbhanta againn am bliadhna idir. Agus tha sinn a’ deanamh a’ ghnothaich as a h-aonais na ’s fhearr na bha sinn an dùil. Fhuair sinn ar sàrachadh gu mòr leis an t-searbhanta a bh’ againn an uiridh. Bha i fìrinneach, onarach gu leòr; ach o’n a bha fhios aice gu ’n robh i ’na h-ighinn bhòidhich, ghlain, cha b’ann air ar n-obair-ne a bha ’n aire aice idir, ach air riomhadh, agus air mar a chumas i i-fhein cho grinn ’s cho glan ’s ged a bhiodh i ann an céis ghlaine. Cha rachadh i leith mhile air cheann-turuis gun ada gheal le itean dearga air a ceann, agus cleòca grinn, agus lamhannan. An uair a bha sinn ris a’ bhuain cha togadh i sguab dhe ’n arbhar gun lamhannan làidir leathair a bhith air a basan mìne, geala. Chitheadh tu d’ fhaileas as na brògan a bhiodh oirre. Bhiodh crios de leathar faileasach dubh m’a meadhain, agus e ceangailte le bucal buidhe. Cha fhreagradh searbhanta dhe’ n t-seòrsa sin air mo leithid-sa de dhuine bochd idir. Thug i ’Ghalldachd oirre. Tha mi ’n dòchas gu’n éirich gu math dhi.
S—Ach cia mar a chaidh agad air a’ bhar a chruinneachadh am bliadhna gun searbhanta.
Tha fhios agam gu ’m bheil thu ’deanamh cuireachd mhath a h-uile bliadhna.
D—Fhuair mi am barr a chur fo dhion mòran na b’ fhearr na bha mi ’n dùil. Ghearr mi fhéin a h-uile beum dheth, agus cha b’ e sin am furasda. Bha’m barr trom anns a’ h-uile àite am bliadhna. Laidh e mu ’n robh e leitheach abachaidh. Ged a bha mi, uair dhe’n robh mi, glé mhath air a’ chorran, tha mi air a leigeadh gu mòr a cleachdadh. Doirbh ’s mar a bha e ri ghearradh, ghabh mi dha leis an speal. Bha ’chlann a’ deanamh bhannan, agus bha ’bhean a’ toirt greisean air deanamh sguaban. An uair a sguirinn de spealadh, thoisichinn ri ceangal, agus bhiodh e deich uairean a dh’ oidhche mu’n tiginn dhachaidh. Bhithinn air an achaidh, mar bu trice, ann an soilleireachadh an latha. Cha ’n ann a chionn mi fhin ’g a radh, rinn mi uiread a dh’ obair air an fhaoghar so ri triuir sam bith anns a’ bhaile.
S—Tiugainn thun an taighe. Tha mi cinnteach gu ’m bheil an t-acras ort an deigh tighinn air an astar so. Cha bhi a’ bhean fad’ a’ deanamh gréim bìdh deiseil dhuinn.
D—Cha ’n ’eil mi falamh dhe ’n acras. Agus ged nach biodh a’ bheag a dh’ acras orm ghabhainn biadh uaipe. Ma chaidh i ri ’mathair, is math is aithne dhi biadh a dheasachadh. Is tu a rinn an gnothach glic an latha ’phòs thu i. Agus, a Sheumais, is iomadh duine air an do chuir e ioghnadh gu ’n do phòs thu idir. Cha ’n fhaca mise fear eile a bha cho fad’ an aghaidh pòsaidh riut. Am bheil cuimhne agad air cho diumbach ’s a bha thu dhiomsa an uair a phòs mi?
S—Thà cuimhne glé mhath air a h-uile facal a thuirt mi riut. Ach cha ’n ’eil aobhar dhutsa bhith ag ùrachadh ghnothaichean dhe’n t-seòrsa sin an dràsta. Bha mi ’san àm sin a’ smaoineachadh gu ’n rachadh agam air a’ bhàta iomradh leam fhin; ach dh’ fhairlich an gnothach orm. Tha ràmh an t-aon againn a nis, agus cumaidh Mairi a taobh fhein dhe ’n bhàta air aghart cho math ri te sam bith.
Tiugainn thusa thun an taighe, agus chi thu gu ’m bheil mise ag innseadh na fìrinn. Cha ’n fhalbh thu nochd. Agus gheibh mi an corr dhe do naigheachd mu ’n tig tràth cadail.
D—Cha ’n ann gu falbh a’ nochd a thainig mi. Na abair guth mur fan mi seachdain comhladh riut, a Sheumais.
S—Is e do bheatha fuireach seachdain, agus na ’s fhaide, ma thogras tu.
Ma dh’ fhaoidte nach do dh’ fhàg duine riamh dùthaich a bhreth ’us àrach ann an inbhe cho bochd agus cho iosal ri Domhull Mac-a- Ghobha, Morair Strathcona. Tri fichead bliadhna agus a tri air ais, beagan mhiosan mu ’n do chrùnadh a bhan-righ, dh’ fhas Domhull Mac-a- Ghobha sgith de bhith ’ruith thursan do mharsanta a bha ’deanamh gnothuich ann an siorrachd Mhoraidh, an Alba, agus chaidh e air bòrd soitheach-seolaidh a bha dol gu America. Bha an soitheach so faisg air da fhichead latha air an turus, agus rainig Domhull New York gu ’n charaid gu ’n airgiod. Ach cha do threig a mhisneach e; agus an deigh coiseachd faisg air mìle de mhiltean agus dol troimh iomadh cruaidh-chàs, fhuair e obair aig cuideachd Bagh Hudson. Thòisich e ri obair aig a chuideachd so ann an inbhe iosal, ach le dichioll, onair agus treibhdhireas dh’ obraich e suas gu bhi ’na uachdaran air a chuideachd, agus mar an ceudna ’na fhear-togail rathad-iaruinn an Canadian Pacific, ’na mhorair, agus air aon do na daoine ’us beartaiche anns an dùthaich.
[Vol . 9. No. 34. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 22, 1901.
Tha an t-ard-riaghladh a dol a thoirt bill fa chomhair na pàrlamaid air an earrach so air son tigh-cùinnidh òir us airgeid a chur suas an Canada. Gu ruige so, bha airgead air a chùinneadh do Chanada ann an Sasunn, ach cha robh òr air a chùinneadh idir. Na tha de dh’ òr a’ cuartachadh anns an dùthaich is ann de chùinneadh Bhreatunn no nan Staidean a tha e.
Tha 42,511 acaire de dh’ fhearann crùin ann an siorrachd Cheap Breatunn. Tha roinn mhor dhe so co-dhiu air àiteachadh agus tha còir na muinntir a tha ’ga obrachadh a cheart cho daingeann air ’s ged nach biodhte ’ga ainmeachadh air a chrùn idir. Chuir cuideachd an iaruinn an uiridh a stigh air son na bha de dh’ fhearann crùin anns an t-siorrachd, ach cha deach a thoirt dhaibh.
Tha cuid de phaipearan Halifax a togail an guth gu làidir an aghaidh mar a tha cùisean a dol air adhart anns a bhaile sin. Tha an lagh ’ga bhristeadh gach latha Sàbaid us seachdain anns na taighean-òsda ’s anns na taighean-òil, agus na maoir ’s an luchd-ceartais a faicinn a’ bhristidh lagha sin ’s gun iad a toirt oidhearp sam bith air stad a chur air. Tha an t-àm aig muinntir Halifax a bhi gluasad mur eil iad air son fas ainmeil mar shluagh air bheag cùraim mu lagh ’s mu riaghailt.
BHA e air aithris am measg nan Gàidheal o shean gu ’m b’ i a’ Ghàilig a’ chainnt a bha aig ar ceud sinnsirean ann an Gàradh Edein. Faodaidh e bhith gu’n tig i fhathast gu bhi ’na cainnt dhùthchasail anns an Eiphit! Tha saighdear Gaidhealach, a tha anns an reiseamaid ris air canar na “Gàidheil Shiportach,” a sgriobhadh dhachaidh gu bheil iad gu tric a’ cumail co-sheirm Ghàilig, agus gu ’n d’ thainig àireamh mhor de na nàisinnich a dh’ ionnsuidh na ceud co-sheirm, a bha air a cumail anns an fhàsach, ’s gun do chòrd binneas cainnt nam beann riutha gu math. Cha robh ach gle bheag Beurla ri chluinntinn anns a’ champa; bha an còmhradh air a dheanamh cha mhor gu h-iomlan an Gailig ’s an Arabic. Tha na da sheann chànain so anabarrach coltach ri chéile; theid aig na Gàidheil air an Arabic ionnsachadh gun strith, agus cha’n ainneamh an ni idir na nàisinnich a chluinntinn a fàilteachadh nan saighdearan ann an Gàilig.
Ann a Honolulu, ceanna-bhaile nan eileanan anns a Chuan Chiùin air ’n do ghabh na Staidean seilbh o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, bha fear-deasachaidh paipeir an la roimhe air a thilgeadh le fear-deasachaidh paipeir eile ’s iad air a dhol bhar a chéile mu ni-eigin a bha air a chlo-bhualadh ann am paipear fir dhiubh. Tha dòchas againn nach tig am fasan so a tha aig luchd nan paipearan ’san àirde ’n iar, a bhi giùlan ’sa cleachdadh arm, do’n chearna dhe’n t-saoghal anns am bheil sinn féin.
THA dòchas aig muinntir nan Stàidean gu ’n tig crioch air a chogadh anns na h-Eileanan Philippeach romh cheann bliadhn’ eile. Tha iadsan a tha air an làraich dhe’n bharail gu bheil na nàisinnich a’ fàs sgith dhe’n chogadh, agus gu’m bi iad an uine ghoirid gle dheònach toirt suas. Tha an cogadh ann an Africa mu Dheas, a reir barail moran de na Breatunnaich, a dlùthachadh ris a chrich. Tha neart nam Boereach, gun teagamh sam bith, air a bhristeadh, agus an cath a tha iad a cur o chionn dha no tri mhiosan air ais cha chogadh e. Nuair a thig crioch air an da chogadh aimhealach so bidh an saoghal aig sith, agus bitheamaid an dòchas nach bristear an t-sith sin gu ceann iomadh latha ’s bliadhna.
Tha daoine ann aig an àm so a tha meas nach eil bratach na h-Impireachd Bhreatunnaich air a dealbh mar bu chòir dhi a bhith, o’n tha Canada, Australia, New Zealand agus na colonies eile a’ tarruinn cho dlùth ris an dùthaich mhàthrail. Tha iad so air son bratach ùr a dheanamh air nach bi suaicheantas no comharradh sam bith ach crois Naomh Sheòrais, mar a bha air bratach Shasuinn mu’n deachaidh an rioghachd sin us Alba aonadh fo’n aon chrùn. Aig an àm sin bha crois Naoimh Andra air a cur air a bhrataich cuideachd, agus ’nuair a thainig Eirinn a stigh ris an aonadh bha cròis Naomh Pàdruig air a cur oirre comhla ri càch. Cha’n eil fhios ciod a tha ’m beachd na muinntir a tha ’g iarraidh oirnn a dhol air ais dh’ ionnsuidh an t-suaicheantais a bha aig Sasunn nuair a bha i leatha fhéin. Cha bhi a’ bhratach dad na ’s bòidhche na tha i an dràsda, agus cha bhi ni oirre a nochdas gu bheil buntainn sam bith aig Alba no aig Eirinn ri morachd agus cumhachd Bhreatunn. Tha a bhratach math gu leòr mar a tha i, agus mur eil, “ ’s fhearr an t-olc eòlach na an t-olc aineolach.”
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Tha an Stor Mhor Innsridh
a tairgsinn
.500 Brat-leapach.
air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeilAlaska Feather & Down Co.Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air
$1 .50
Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, Manager.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 34. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Tha luchd-riaghlaidh baileSt . John, N. B. ,an deigh lagh a dheanamh a’ cur cain dolair air neach sam bith a thilgeas smugaid air cabhsair na sràide, air ùrlar carbad sraide no ann an àite sam bith ’sam bi sluagh a cruinneachadh an ceann a cheile.
’Se Mac-Leoid a b’ ainm do’ n bhalbhan a bha air a bhualadh leis a charbad-iaruinn anns a bhaile so air an t-seachdain s’a chaidh. Chaochail e ann an tigh-eiridinn cuideachd an iarruinn maduinn Di-haoine. Bhuineadh e do Eilean a Phrionnsa.
Tha càirdean stuaime ann an Ontario ag iarraidh air riaghladh na roinne lagh a dheanamh a chuireas bacadh air reic deoch-làidir. Agus thatar a’ bruidhinn air achd pàrlamaid dhe’n t-seòrsa sin a chur fa chomhair an luchd-taghaidh air an t-samhradh s’a tighinn, agus lagh a dheanamh dheth ma bhios an àireamh is motha toileach air sin a dheanamh.
Chaidh fear Ralph Marriatt a mharbhadh aig an obair iaruinn feasgar Di-luain s’a chaidh le tuiteam bhar balla-stéidh fùirneis. Bha am balla mu choig troidhean deuga dh’ àirde agus thuit esan air an rathad iaruinn. Chaidh a chur á cnaimh na h-amhach, agus bha slige chinn air a bhristeadh gu dona. Chaidh a thoirt do’n ospadal air ball, ach cha robh e beò ach beagan mhionaidean.
Chaidh an eaglais ùr Chleireach ann am Bridgeport fhosgladh la na Sàbaid s’a chaidh. Bha Mr Mac-Glaisean air a chuideachadh anns na seirbhisean leis na h-Urramaich Iain Mac-Mhaoilein, D. D., á Halifacs, Iain A. Friseil, o’n Chladach a Tuath, agus D. Mac-Eanruic, á Chatham, N. B. Tha àiteachan-suidhe anns an eaglais do sheachd ceud pearsa, agus tha i ’na togalach briagha muigh ’sa stigh. Tha i air a h-ainmeachadh air an Dotair Tomas Chalmers, aon de cheannardan ainmeil Eaglais Shaor na h-Alba.
Chaidh bristeadh a stigh do’n stor aig Alasdair F. Moireastan ann an Sidni Tuath an oidhche roimhe, agus bha fiach da fhichead dolair de thombaca, sigars, pioban agus bathar dhe’n t-seòrsa sin air a ghoid. Fhuair na meairlich an dorus fhosgladh le iuchair mheallta. Tha moran meairle agus droch-bheairt dhe’n t-seorsa so ’ga chur air adhart ann an Sidni Tuath o chionn àireamh mhiosan air ais, ach gu ruige so cha d’ fhuaireadh na meairlich a ghlacadh.
Tha eagal air daoine gu ’n d’rinneadh call mor faisg air Newfoundland o chionn ghoirid. Chaidh roinn mhor de dh’ fhiodh briste soithich a thilgeadh air cladach eilean Bocalien a tha ’n iar-dheas air an dùthaich sin. Dh’ fhàg an soitheach-smùide ‘Lucerne’ Alba cùnntas lathaichean mu ’n tugadh fa-near do’n fhiodh bhriste so, agus ’si bharail chumanta nise gur h-i sin an soitheach a bha air a call. Bha an Lucerne air a turus gu Halfacs, agus bha i ri taghal ann an St. John’s, Newfoundland, agus an Louisburg. Bu chòir dhi St. John’s a ruigheachd o chionn còrr us seachdain, ach cha d’ rainig i ’s cha d’ fhuaireadh sgeul oirre fhathast. Bha da dhuine dheug air bòrd aice, agus ma chaidh a bristeadh tha e ro choltach gu’n deachaidh gach aon dhiubh a chall.
B’e a bhòn-de Di-ciaduin na Luaithre, a cheud latha dhe’n charghus. Bidh a Chàisg ann am bliadhna air an t-seachdamh latha de dh’ April. Bidh mar sin “earrach fad air chùl càisge” againn, agus tha sean-fhacal ag radh gu’n dean earrach dhe’n t-seòrsa sin saibhlean nan tuathanach fhàsachadh.
Thachair sgiorradh uamhasach deireadh na seachdain s’a chaidh ann am mèinn ghuail air eilean Vancouver. Bha spraidheadh anns a mheinn a chur ’na teine i, agus bha tri fichead us coig de na mèinneadairean air an dùnadh a stigh leis na lasraichean, ’s air an losgadh no air am mùchadh gu bàs.
Tha e air innse dhuinn gu ’n do shuidhich dlùth air tri fichead us coig mile de luchd-imrich á dùthchannan eile ann an Canada air a’ bhliadhna 1900. Cha ’n eil cùnntas againn air an àireamh a dh’ fhàg an dùthaich anns an ùine sin, ach tha fhios nach d’ fhalbh uiread ’sa dh’ fhalbh bliadhnaichean roimhe.
Chaochail fear Uisdean Caimbeal, a mhuinntir Rudha Ghillios, C. B., anns an ospadal an New Glasgow, Di-luain s’a chaidh. Chaidh a ghoirteachadh air an rathad-iaruinn aig Ferrona, agus b’fheudar te dhe chasan a ghearradh dheth; cha d’ rinn eadhon sin a bheatha shàbhaladh; dh’ aobharaich an leònadh a fhuair e a bhàs.
Aig taghadh bàillidh us comhairle baile Antigonish air a choigeamh latha dhe’n mhios so, fhuair an dithis a bha ruith air son na bàillidheachd an aon chùnntas bhotaichean—ceud us naodh deug. Ann an càs mar sin bha aig bàillidh na bliadhna ’n uiridh ri bhòt a thoirt do ’n fhear de’n dithis a b’ àil leis an dreuchd fhaotainn. Diluain s’a chaidh, thug Mr. P. S. Floyd, a bha ’sa chathair riaghlaidh an uiridh, a bhot do W. P. Cunningham, agus tha esan mar sin air a thaghadh.
Chaochail Cailean Siosal, am fear-lagha, maduinn Di-haoine s’a chaidh, an deigh fulang le tinneas trom fad àireamh mhiosan. Gus o chionn beagan sheachdainean romh bhàs bha dùil ri e dhol am feobhas, ach a dh’ aindeoin sgil nan lighichean thromaich a thinneas air. Bha e leth-cheud us aon bhliadhna dh’ aois. Rugadh e aig Long Point an siorrachd Inbhirnis agus fhuair e fhoghlum ’san lagh ann an Sidni ’s ann a Halifacs. An deigh dha bhi ullamh ionnsachaidh, chaidh e an cuideachd ri E. T. Moseley nach maireann an 1879, an deigh sin comhla ri Murray Dodd, a tha nise ’na bhreitheamh, agus an deigh sin gu àm a bhàis comhla ri Ualter Crowe. Fhuair e bhi na fhear-lagha Crùin ann an 1892. Bhe e na bhall de phàrlamaid Nobha Scotia fad cheithir bliadhna, o 1886 gu 1890, agus bha e na chléireach do shiorrachd Cheap Breatunn bho 1883 gu 1887. Bha e ’na dhuine air an robh mor mheas anns gach àite ’n robh éòlas air, agus bidh ionndrainn mhor air anns a’ bhaile so. Dh’fhàg e bantrach agus sianar chloinne. Bha e air a thiodhlacadh Di-dònaich an cladh na h-Eaglais Chaitlicich. Bha an t-Urr. D. M. Mac-Eamuinn, sagart paraiste Shidni an ceann na seirbheis, air a chuideachadh leis na h-Urramaich, R. Domhnullach, Bridgeport, Kiely, Sidni Tuath, Mac Fhionghain, Sydney Mines, agus Mac-Isaic, Sidni. Bha sluagh mor a làthair, cuid dhiubh as gach cearna dhe’n t-siorrachd,
Reic-a- mach Mhor
DE
dh’ Aodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.
Tha sinn a dol a chreic na th’ againn de dh’ Aodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic a’s motha bh’ ann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhad ’sa dh’ fhaodas tu sin a dheanamh cho saor.
H . H. Sutherland & Co.
Bathar Cruaidh
Tha sinn a’ cumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.
SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN
Airson Sanas bho
KELLY & DODGE,
Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B.
Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de
BHIADH BHEOTHAICHEAN,
tha na tha againn ’nan deagh chunnradh.
Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1 .30 am poca.
Biadh Pronn—Corca, Corn agus Crithneachd.
Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann.
Tha beagan bharailean dhe ’n fhlur mhath a bha sinn a creic air $4 .00 againn fhathast.
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.
F . & J. MORLEY.
[Vol . 9. No. 34. p. 6]
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XXX.
Chuir am Prionnsa agus an sgioba an cairtealan suas an òidhche sin ann am bà-theach salach a bhuineadh do dh’fhear Sgorabreac a bha ma dhà mhìle dh’uidhe bho’n àit anns an tàinig iad air tìr. Moch sa’ mhadainn thog am Prionnsa agus Calum Mac-Leòid orra ’nan dithis gu triall, agus phill am bàt’ air a h-ais do Rasaidh. ’Nuair a dhirich iad a’ bhruthach dh’ fharraid Calum de’n Phrionnsa c’àite robh mhiann air a dhol. “A Chalum,” ars am Prionnsa gu dùrachdach, “tha mi g’ am earbsa féin gu h-iomlan riutsa, treòraich mi gu criochan Shrath Mhic-Ionmhuinn.” Thuirt Calum Mac-Leòid, gum bu chunnardach a dhol air sgàth chrìochan Mhic-Ionmhuinn, a thaobh am fearann sin a bhi air a chuartachadh le luchd-tòrachd, a chionn Mac-Ionmhuinn agus a dhaoine bhi cogadh na aobhar féin. An sin thuirt am Prionns, “Tha thu faicinn a Chalum, nach urrainn sinn dad sam bith a dheanamh dràsta gun chunnard; feumaidh tu féin a nise bhi mar am maighistear, agus seasaidhmi-fhìn agad an àite gille.” Do réir sin ghabh am Prionns’ an poc anns an robh an cuid aodaich a’s anaird air a dhronnaig, agus dh’iarr e air Calum Mac-Leòid imeachd air thoiseach air mar dhuin’ uasal, agus choisich e féin mar ghille màlaid as a dheigh. Thog iad orra mar so gu Srath-Mhic-Ionmhuinn a’ bha ma cheithir mìle fichead dheth an tomhas mhòr Ghàelach uapa, gun rathad mòr sam bith ga ionnsaidh ach gabhail tarsuinn thar bheann a’s ghleann.
Air dhaibh a bhi treun choiseachd ’nan dithis gun seachnadh air garbhlach no còmhnard, thuirt am Prionnsa ri Calum nach robh eagal sam bith air gu ’m b’urrainn pàirtidh de’n arm Ghallda breith air, na’m be is nach tigeadh iad ann an imisg urchair gunna dha, ged nach robh e cho ro cinnteach as a chasan nan tigeadh pàirtidh dheth an fhreiceadan Ghàelach nan caramh. Dh’ fharaid Calum ria ciod a dheanamh iad ’nan tachradh cuid dheth an luchd-tòireachd riu mu’n ruigeadh iad an Srath. “Ciod ach cruaidh chòmhrag,” ars am Prionnsa. “Seadh, se sin féin a dheanamaid,” arsa Calum Mac-Leòid, “mar a biodh ann dhiu ach ceathrar dh’ fheuchainn féin ri dithis dhiu chuir ri talamh.” “Ma ta,” arsa Tearlach, “ghabhainnse os-laimh an gnothach a dheanamh ris an dithis eile.” Mar bha iad a ghabhal na slighe bha iad a’ deanamh an uile dhìcheall chum cumail a fradharc nan taighean, ach bha fear an dràsta ’sa’ rithist de mhuinntir na dùthcha tachairt orra. Air dhaibh a thighinn gu glacag uaigneach, thainig fainear do Thearlach, gun robh an siste-cot a bha uime air a dheanamh de bhreacan grinn sgàrlaid, le putanan air am fighe le toinntean òir, tuilleadh as finealt air son gille màileid, uime sin thug e a shiste-cot do Chalum Mac Leòid air son fhir féin. ’Nuair a bha e cuir uime siste-cota Mhic-Leòid, labhair e mar so:— “Tha làn dòchas agam a Chalum gun toir mi dhut siste-cota mòran na’s fearr na’m fear sin fathast, air son an fhir so.”
An deigh dhaibh ceithir mìle fichead a choiseachd, ràinig iad ma bhial an latha Eallagol fagus do Chille-ma-Righe ann an Srath Mhic-Ionmhuinn, far na tharladh dhaibh tachairt ri dithis de Chlann Ionmhuinn a bha cogadh fo bhrataich Thearlach féin ann an Cuil-fhodair; bheachdaich na daoine gu geur air a’ Phrionns’ anns an aghaidh, agus ged a bha mhàileid air a dhruinn agus neapaig dhubh shioda air a suaineadh m’a cheann, mar chite air duine tinn, (bha so air a’ chum a chur ás aithne) dh’ aithnich na daoine e air ball, agus cha b’ urrainn, iad am bròn a chumail orra féin n’a b’fhaide, ach ghlaodh iad a’ bualadh nam bàs; thuirt Calum Mac-Leòid, iad an dosgainn a chumail orra féin, gum bu docha lethid sin a dhol a mach am Prionnsa’ bhrath dha nàimhdean, no math a dheanamh dha, air an aobhar sin thug e orra boideachadh air a bhiodaig nach innseadh iad do neach sam bith gum fac’ iad am Prionnsa. Bha iad a nise dlù do thaigh Mhic-Ionmhuinn an t-Sratha, agus dh’ fharraid Calum Mac-Leòid de Thearlach an robh e air son Mac-Ionmhuinn fhaicinn, thuirt am Prionnsa nach robh anns a’ cheart àm, gum b’fhearr leis a dhol a dh’ ionnsaidh taigh duine chòir sam bith eile mu’n àite. Shonraich Mac-Leòid an sin gun rachadh am Prionnsa dh’ ionnsaidh taigh peathar dha féin, a bha posda ri Mr Iain Mac-Ionmhuinn duin’ uasal tapaidh de theaghlach an t-Sratha a bha na chaptain air Clann-Ionmhuinn ann an cogadh Thearlaich, bho chiad thoiseachadh gu latha Chuil-Fhodair.
Ràinig Calum an sin taigh a pheathar a fagail a Phrionns’ air cùl cnuic, gus am faiceadh e co bha steach, no ciod an fhàilte a gheibheadh e. Thuirt a’ phiuthar ri Calum nach d’ rinn fear-an-taige ach a dhol a mach o cheann ghoirid agus gum biodh e steach an ceart uair. Thuirt Calum an sin gu ’n robh e air son òidhche no dha a chuir seachad ’na taigh, na ’n saoileadh i nach robh saighdearan dearga sa’ cheart àm air sgàth an àite. Thuirt a phiuthar ris gum biodh e làn thearuinnt ùapa sin. “O’n a tha thu saoilsinn sin,” arsa Calum, “fanaidh mi, ach tha fear eile maille rium, gille bochd tinn da’n ainm Luthais Caw, air na chuir mi muinntearas le eirceas chum mo mhàileid a ghiulan.” Dh’iarr a phiuthar air an gille thoirt a steach gus an nochdadh i gach
AODAICHEAN DEANTE
COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.
Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.
F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
[Vol . 9. No. 34. p. 7]
caoimhneas ri an-shocair. ’Nuair a thainig am Prionnsa staigh thuirt bean-an-taighe.” “O, an gille bochd, tha truas agam ris—tha mo chridhe blathachadh ri fear a choltais.” Air ball chuir i sios biadh do na falbhanaich, ach rinn Tearlach suidhe gu diùid greis air falbh bho’n bhòrd, ag ithe dheth na bhiadh bu shuaraich’ a a bh’ air a clàr. Air faicinn sin do Chalum dh’ iarr e air gun a bhi cho saidealta, e theannadh a staigh ris a bhòrd agus a bhiadh a ghabhail gu sgairteal. Thuirt am Prionnsa gu ’m b’aithne dha oilean n’a b’ fhearr na toiseachadh comh-ith ri mhaighistear; ach le mòran faraich shuidh Tearlach dlù do’n chlàr. ’Nuair a ghabh iad am biadh thainig a bhean-mhuinntir le uisge blàth agus nìgh i casan Chalum, an deigh dh’i sin a dheanamh dh’ iarr Calum oirre casan a’ ghille ghlanadh mar an cianda a thaobh nach robh e gu math ’na shlàinte— “Ma ta,” ars a bhean-mhuinntir “cha ghlan mi gu dearbha; cha bu leamh ach sin, mac na cailliche Gallda, nigheadh e-féin a chasan.” Fa-dheòigh thug bean-an-taighe oirre toiseachadh air casan a’ Phrionns’ ionnlad, ach shuath i iad cho cruaidh an aghaidh an cuilg, air chor is gu ’m b’ eigin da iarraidh air Calum ann am Beurla e radh ridhe deanamh air a socair.
An deigh sin chaidh an dà aoidh a laidhe, agus chaidh bean-an-taighe chumail freiceadain air cnoc gu faireachadh a thoirt daibh na’m faiceadh i cunnard a’ dluthachadh. Chaidil am Prionnsa gu ’n dùsgadh m’a dhà uair, agus Calum beagan n’a b’ fhaide. ’Nuair a bha iad le chéile an deigh cuir umpa chual iad gu’n robh fear-an taighe a’ tighinn, agus chaidh Calum Mac-Leoid ’na chòdhail a dh’innse dha co bha steach air a chinn. Ré a chuid eile de’n latha bha iad féin agus Mr Iain Mac-Ionmhuinn (fear-an-taighe) a’ cuir an comhairle cuideachd, mu seòl a dheanamh air a’ Phrionns’ aiseag gu tìr-mòr. Fa-dheòigh chaidh Mr Iain Mac-Ionmhuinn far an robh triath na dùthcha, Mac-Ionmhuinn an t-Sratha. A cheart cho luath sa’ chuala an duin’ uasal sin am Prionnsa bhi air ’fhonn agus an geall air fhàgail, air ball chuir e eithir beag gleusta bhuinneadh dha féin fo làn sgioba chum na crìche sin, agus thuirt e gu ’n rachadh e-fèin ga fhaicinn sàbhailt air taobh thall a’ chaoil. Mu ’n deach iad do’n bhàta, chòimhdaich baintighearna Mhic-Ionmhuinn, bòrd ann an uamhaig air a’ chladach agus ghabh i-féin agus a fear, Calum Mac-Leoid, am Prionnsa, agus Mr Iain Mac-Ionmhuinn an dinnear de dh’ fheòil fhuair a’s de dh-aran le pailteas fiona. Shònraich iad an sin gu ’m biodh am Prionnsa air aiseag thun na mòr-thìr le Mac-Ionmhuinn, an t-Srath’ agus Mr Iain Mac-Ionmhuinn, agus gu ’m pilleadh Calum Mac-Leòid dhachaigh, mu’n rachadh ionndrann o’n bhaile, ni a dhùisgeadh amharas an luchd-freiceadain a bh’ air feagh na dùthcha. B’ann m’a ochd uairean de’n òidhche a chaidh am Prionns’ agus a’ phàirtidh do ’n bhàta. Air a’ cheart àm thainig dà long-chogaidh san t-shealladh, agus a réir coltais a’ seòladh an coinneamh a bhàta. ’Nuair a bha ’m bàta dusan àlach bho thìr, ghlaodh Calum Mac-Leòid ri Tearlach e dh’ fhantainn gu madainn, gus an seòladh an luingheas air falbh dhe an eirthir. Thuirt Tearlach nach fanadh, gu ’n rachadh e air aghaidh le dòchas gu ’m biodh a ghaoth féin cho caoimhneil ris ’s bu ghnà lea, leis an luinngeas a sguabadh dheth an fhearann gu tur. An deigh sin thog iad na siùil agus chùm iad a cùrsa air Cnòideart, agus shuidh Calum Mac-Leoid air cnoc, agus cha tug e shùil bharr na linne cho fad sa dh’ fhan am bàt anns an robh a’ Phrionnsa gràidh ’na fhradharc.
Ann an ceann deich latha an déigh do Chalum Mac-Leòid dealachadh ris a’ Phrionnsa chaidh a ghlacadh agus a chuir air bòrd luinge a rinn a ghiulan gu ruige Lunnainn. Fhuair e fein agus Fionnaghal Nic-Dhomhnuill fa-sgaoil m’an aon àm, agus thainig iad dhachaigh comhladh ann an carbad.
Iadsan a Phaigh.
D. Mac-Cuithein, Beinn-a- Bhaola, Assa.
Bean Fhearchair Bheutoin, Gordon , Assa.
Tormad P. Mac-Leoid, Steornabhagh, Que.
Iain Greumach, Galson, Steornabhagh, Que.
Ian Stiubhart, Vancouver , B. C.
Bean Alasdair Rois, Somerset , Mass.
R. H. Mac-Leoid, Boston , Mass.
An t-Urr. D. Healy, Sedolia , Mo.
Domhull Domhnullach, Gowanda , N. Y.
Iain Mac-Fhearghais, Camp Bird, Colo.
Martuinn Mac-a- Phearsain, Cleona , Cala.
Iain D. Mac-Gilleain, Avalon , Cala.
I. S. Ros, Caspar , Cala.
Aonghas Gillios, Sappho , Cala.
Domhull Domhnullach, Thomastown , Conn
R. D. Mac-Leoid, Fargo , N. Dak.
L. T. Hamilton, Fargo , N. Dak.
Bean A. Chaimbeal, na h-Earradh, Alba.
Calum Buchanan, Kaurihohori , N. Zealand
A. H. Caimbeal, Waipu , N. Zealand
Coinneach Domhnullach, Kamo , N. Zealand
N. Mac-Neill, (eildear), Walker ’s P. O., Ont
Alasdair Mann, Acton , Ont.
Domhull Mac Gille-mhaoil, Priceville , Ont.
Dughall Mac Gilleain, Priceville , Ont.
W. R. Mac Rath, Kingston , Ont.
Domhull B. Mac Aoidh, Southampton , Ont.
Aonghas Mac-a- Ghobha, Wiarton , Ont.
Barbara C. Nic Dhunleibhe, Lafontain , Ont.
D. I. Mac Dhomhnuill, Greenfield , Ont.
Uisdean Mac Fhionghain, Crawford , Ont.
An t-Urr. Isaic Domhnullach, Glencoe , Ont.
D. Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E. P. I.
Alasdair Beuton, Flat River, E. P. I.
D. D. Mac Gilleain, High Bank, E. P. I.
S. M. Martuinn, Heatherdale , E. P. I.
Murcha Mac Laomuin, Bail’ -an-Tobair E. P. I.
Aonghas Brus, Grand View, E. P. I.
Uilleam Mac Dhuibhi, Forest Hill, E. P. I.
Seonaid Nic Phail, Summerside , E. P. I.
Bean Chaluim Bhell, Bell River, E. P. I.
Alasdair Beuton, Beaton ’s Mills, E. P. I.
S. A. Mac Ille-mhaoil, na h-Eileanan Coille.
Cha cheadaich an clòdhadair dhuinn an còrr ainmean a chur anns a phaipear air an turus so; ach phàigh àireamh mhor a bharrachd orra so, agus bidh an ainmean air an toirt seachad air an ath sheachdain.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
SANAS.
THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid.
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.
DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann StorC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 34. p. 8]
Oran
Do Dhonnachadh Bàn Caimbeul, Tighearna Loch-nan-Eala.
LE SEUMAS MAC-GILLESHEATHANAICH.
Gu ma beairteach, sean, buadhmhor,
An t-òg uasal gun mheang;
Chaidh mi ’shealltainn Di-luain ort,
’S b’ fhaoilidh ’fhuair mi do chainnt;
Sàr cheannard an t-sluaigh thu
Ga ’n cur suas ann an camp;
’S ann dhuit bu dùthchas an cruadal
An àm bualadh nan lann.
’S e mo rùn an t-òg sgiobalt’
Dha ’n dig biodag ghlan, ùir,
Agus paidhir mhath phiostal
Mar-ri crios nam ball dlùth,
’S claidheabh caol nan tri faobhar
Air do thaobh ’chosnadh cliù.
’S tu ’n leoghann armailteach, curant’
’Bhùidhneadh urram ’s gach cùis.
’S ann ad cheann a bha mhisneach,
’S ann ad chridhe ’bha ’n reachd;
’S ann ad shùil a bha ’n léirsinn,
’S ann ad bheul a bha ’n smachd,
Ri àm cruadail no feuma
’S ann ort a dh’ éireadh an gart;
’S beag an t-ionghnadh leinn féin sud,
’S iomhaigh tréin ort le tlachd.
Marcaich’ sunndach nan seang each,
A b’ aotrom, eangarra leum,
Crùidheach, aigeannach, meanmnach,
A b’ fhior mhearachdasach ceum.
Nuair bhiodh càch a dol tharta,
’S iad le gealtachd gun fheum,
Dh’ fhanadh tus’ ann ad dhiollaid
Air thùs chiad a cur réis.
Mac an athar ’bha cliùiteach,
’S a bha fiughantach, fial,
An àm seasamh na cùrtach
’Bhùidhneadh cùis am measg chiad;
Uasal, iriseal, bàigheil,
Sud a b’ àbhaist da riamh;
Ursann-chatha nan Gàidheal
Anns gach àite ga ’n dion.
Guidheam buaidh agus piseach
Air an t-sliochd ’tha na ’dheigh;
Saoghal fad an deagh onair,
Agus sonas d’a réir
Air oighr’ òg Loch-nan-Eala,
Nach toill sgainneal no beum,
’S t’ aghaidh aobhach is t’ àilleachd
A toirt bàrr air a chéil.
’S mor an onair dha d’ dhùthaich,
’S mor an cliu dha d’ chuid tuath,
Fhad ’s a dh’ fhuir’eas tu aca
’Bhith ga t’ fhaicinn cor uair,
Nuair a théid thu do Shasunn
Thu thigh’nn dachaidh le buaidh,
’S gun do leithid ri ’fhaotuinn
Air aon taobh dhinn mu ’n cuairt.
Gun do leithid ri fhaotuinn,
Ann an aobhachd no ’n dreach,
Thall no bhos mu na caoiltean;
Bu tu ’n laoch ’dhol am mach.
’S beag an t-ioghnadh gu cinnteach
Thu bhi rioghail a’ d’ bheachd,
’S gur a h-ogh’ thu do Dhùghall
’Bhùidhneadh cùis an am feachd.
An àm cogaidh no sio-chainnt,
An àm strìthe no mòid,
Gur a h-iomadh fear ullamh
’Bhiodh le ghunn’ ann ad chòir.
Nuair a ghlaodhteadh lann thana,
Bu ghrad i ’n tarruinn ’s gach dòrn;
’S ann le cruadal do ghaisgich
’Chluinnteadh sracadh air feòil.
’S nearachd baintighearna pheucach
’Gheibh bhuait spéis mar mhnaoi phòsd’,
Is gach buaidh ’th’ ort mar threun-fhear,
’S gach bith ’tha ’g éirigh mu d’ shròin
Eadar bràighe Loch-Eit’,
Do theaghlach fhéin, ’s Loch-an-Eoin.
Dhuit bu dùthchas an Eala,
’S i bho shean ann ad chòir.
Calpa cruinn ann an osan,
Troigh nach dochainn am mang,
Ceum brisg aotrom neo-thuisleach,
Beul nan sgudalach cainnt.
Sùil a’s aobhaiche sealladh
Fo chaol mhala gun sgraing,
Is gruaidh dhearg mar an caorann
Air bhàrr aotrom nan crann.
Bha thu àrdanach, beachdail,
Rioghail, reachdmhor gun taing,
Seasmhach, cinnteach ri t’ fhacal
Ged nach glacadh tu peann.
’S mor an uaisle ’s an t-urram
’Tha air tuineadh ad chom;
’S àrd a chraobh as an d’ fhàs thù,
’S gur a làidir a bonn.
Sin a’ chraobh a’s mor onair,
’S lionmhor sonas is buaidh,
’Chraobh a’s seasmhaiche duilleach,
A’s bòidhche cum’ agus snuadh.
Tha slat am bliadhna na ’mullach
A’s làidir fulang ri fuachd,
’S a bàrr air lùbadh le ùbhlan,
’S cha b’ e ’n sùgradh am buain.
Na faiceam t’ fhearann gun oighre,
Na do bhaintighearn’ ri bròn.
Tha gach duin’ ann an gaol ort
Le miad t’ aoigh ’s tu cho òg.
Biodh do mhac ann ad dheoghainn
Gabhail liubhairt ’sa chòir;
Fear an ionad an athar,
’S gach aon rathail ri ’bheo.
Ach cha ’n urrainn mi innseadh,
Na tha ’m inntinn ga d’ réir,
’H-uile buaidh a tha ’fàs ort
Ann an àbhachd ’s an céill.
Tha gach ni ’tha ri ’inns’ ort,
Sin an fhirinn gun bhréig,
Mar chléiteig shneachda ri gaillinn
’Tigh’nn o anail nan speur.
Dhia, Gleidh an Righ!
LEIS AN URR. DR. NEACAL MAC-NEILL, LUNNUINN.
Dhia, gléidh an sluagh le d’ ghràs!
An rìgheachd as gach càs!
Dhia, gléidh an Rìgh!
Biodhmaid a ghnàth fo d’ làimh
Le buaidh os ceann gach nàimh,
’N ad ghràdhsa faotainn sàimh!
Dhia, gléidh an Rìgh!
A Thighearna, Dhia na glòir,
Dean air gach dìblidh fòir
Is gléidh an Rìgh!
Cum e le d’ ghàirdean caomh,
Roinn ceartas air gach taobh:
Dìon oighreachd bhochd do naomh!
Dhia, gléidh an Rìgh!
Ar sùil tha Riutsa suas:
Seall air ar cor le truas;
Is gléidh an Rìgh!
Cuir cuibhreach uile mu sgaoil!
Tog sinn á slochd an t-saogh’il!
A steach do thir a’ ghaoil;
Dhia, gléidh an Rìgh!
Bas.
—Ann anAuckland , New Zealand,air an treas latha dhe ’n bhliadhn’ ùir, Domhull Ros, tri fichead us ochd bliadhna dh’ aois.
—Beagan lathaichean an deigh sin, anns an àite cheudna, Caiptean Alasdair Mac-Griogair, tri fichead us da bhliadhn’ deug a dh’ aois.
—Ann aWaipu , New Zealand,o chionn tri miosan air ais, Bantrach Neill Chaimbeul, ceithir fichead us aon bhliadhna dh’ aois. Thainig i á St. Ann’s anns a Ghertrude.
—Aig a dachaidh ann an Gleann Ainslie, C. B., air an naodhamh latha dhe ’n mhios so, Floiri Nic Nèill, an deigh moran tinneis. Dh’ fhag i a màthair, bràthair agus dithis pheathraichean a’ caoidh an call.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Ciamar tha do Shuilean?
Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras.
Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig
Bezanson .
An togalach Hanington,
Sraid Shearlot, Sidni.
BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.
So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90
Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.
Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
title | Issue 34 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 34. %p |
parent text | Volume 9 |