[265]

[Vol . 9. No. 35. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 1, 1901. No. 35.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna

Le Iain.

CAIB. XIII.

OIDHCHAN REITICH.

BHAN oidhche gu math dorcha, ach bha i tioram. Thug na fir dlùth air tri uairean an uaireadair air deanamh an astair. Bha cuid dhen rathad glé bhog, salach, agus bha cuid eile dheth anns an robh fraoch garbh a ruigeadh suas air na glùinean dhaibh. Agus a bharrachd air sin, bha glinn aca rin tearnadh agus monaidhean rin dìreadh. Ach mu dheireadh ràinig iad taigh Eoghainn Bhàin gu sabhailte. Bha iad sgìth gu leòr, agus bha iad salach thun nan glùinean.

An uair a ràinig iad, bha sianar no seachdnar dhe na coimhearsnaichs dhe na càirdean bu dlùithe a bhaig Eoghainn Bàn a staigh rompa, agus iadnan suidhe mu thimchioll an teine. A bharrachd air so, bha bana-choimhearsnaich agus nigheanan òga, bòidheach, banail anns achuideachd.

Chuir iad uile fàilte air a chéile gu cridheil, faoilidh, caoimhneil mar bu chòir do chairdeans do luchd-eolais a dheanamh. An uair a chuir na fir a thainig thar amhonaidh stocainnean tiorma umpa, thòisich na mnathan ri cur abhìdh air abhòrd, agus ri deasachadh na cuid sin dhen bhiadh nach robh deasaichte roimhe. Aig acheart àm bha na fir asmocadh, agus acomhradh richéile mu thimchioll gach ni a bannasaiche na chéile a bha tachairt anns an dùthaich.

Bha Aonghas trom gu leòr air aphiob, agus ghabhadh e glaine uisge-bheatha mar a ghabhadh iomadach fear a bharrachd air; ach chan fhacas riamh air mhisg e. Bha e na bu mhò meas air fhein na gun deanadh e amadan dheth fhein le misg no le cleachdadh suarach sam bith eile. An uair a bhiodh e aig réiteach no aig pòsadh, ghabhadh e na thigeadh ris dhe gach ni math a cuirteadhna thairgse. An oidhchud, bha aige ri gnothach cudthromach a ghabhail os laimhbha e an déigh gealltainn dha charaid, an uair a bha e air an rathad gu ruige Cul-Fraoin gun iarraidh e Mor nighean Eoghainn dha, agus gum biodh ena fhleasgach-pòsaidh aige. Thug so air a bhith gu math na bfhaicliche na babhaist dha. An uair a bha na fir eile acomhradh aig an teine, bha esan anns achùltaigh gu trang acur an uisge-bheatha ann am botuil; oir, mar an caraid bu dlùithe do dhIain Camaran, bha aige ri bhith riarachadh an uisge-bheatha an oidhchud.

An uair a bha gach ni air abhòrd, thugadh air na fir a dhol thun abhìdh. Agus tha e air aithris gun robh bòrd air am beulaobh cho pailt ann am biadh dhe gach seòrsas a burrainn duine fhaicinn ann an taigh sam bith dhen t-seorsa aig an àm ud. Bha Eoghainn Bànna thuathanach cho math air a dhòigh, agus cho measailsa bhanns an dùthaich rilinn. Bha crodh is eich is caoraich aige; agus bha bean ghlic, dhòigheil aige a bheireadh an aire mhath do gach ni a bhuineadh dha. Bha Moran aon ghineil a bhaigeair nighinn cho ciùin, cho glic, cho bànail, agus cho deanadach ri te sam bith. Bu nighean mar a mhàthair i anns gach dòigh. Dhaithnicheadh duine sam bith a chitheadh cur an taighe an oidhchud, agus gu sònraichte am bòrd mòr, maiseach a bha fa chomhair na muinntir a bhanan suidhe timchioll air, gun robh taghadh nam mnathan taighe acur gach ni an ordugh.

Bham bòrd air a chomhdachadh le lìon-aodach grinn, geal a shniomh bean Eoghainn dhen lìon a dhfhàs air an fhearann aca fhein. Bha aran eorna is coirce air abhòrd; bha ìm is càise gu leòr air; bha feòil is iasg is sithionn ann am pailteas air; agus bha botul luma làn uisge-bheathair.

Ged a bha fhios aig gach aon a bhanns an taigh air an aobhar air son an robh iad cruinn, cha robh aon seach aon dhiubh a leigeadh air gun robh fios sam bith aige air. Be so cleachdadh an àite aig an àm ud, agus chan fhaodadh iad dealachadh ris.

Bha bean an taighe aig a ceann fhein dhen bhòrd, agus bu mhath a baithne dhi a gnothach a dheanamh ann an àite sam bith anns am bitheadh i. Bha fear an taighe aig a cheann eile dhen bhòrd. Agus bha na daoine a fhuair cuireadh thun an réitichnan suidhe air gach taobh dhen bhòrdcairdean fir an taighe air an dàrna taobh, agus Iain Camaran, agus na fir a thainig comhladh ris, ’nan suidhe air an taobh eile. Am beagan bhoirionnach a bha làthair, cha robh iadnan suidhe aig abhòrd idir. Cha robh àite aca aig abhòrd; agus ged a bhitheadh, cha robh e mar chleachdadh anns an àm udanns achearn ud dhen duthaich co dhiubha bhithcur bhoirionnachnan suidhe aig bòrd rèitich. Be dleasdanas nam boirionnach, air aleithid sid a dhoidhche, a bhithfrithealadh don mhuinntir a bhiodhnan suidhe mun bhòrd. Cha robh eadhoin Moran nighean òg a chaidh Iain Camaran a dhiarraidh— ’na suidhe aig abhòrd aig toiseach na cuirme. Cha robh i eadhoin anns an t-seomar; ach bha i ann an àite anns an cluinneadh i a h-uile facal a theireadh an fheadhainn a bhaig abhòrd.

An uair a rinn fear an taighe an t-altachadh, thuirt bean an taighe, “Thugaibhse, ’Aonghais, on is sibh a thàinig air an astar as fhaide, dhuinn deur beag dhe na bheil anns abhotul sin air bhur beulaobh. On is sibh fhein a thug don taigh e, tha e ro iomchuidh gun cuireadh sibh ann an tairgse na cuideachd e.”

Dhéirich Aonghasna sheasamh, agus labhair e mar so:— “Mun gabh mise comhairle bean an taighe, feumaidh mi bruidhinn air mo shon fhein, agus air son nan daoine a thàinig air an astar so maille rium. Thainig sinn air astar fada an so anochd, mar a tha fhios agaibh gu léir, agus faodaidh sibh a bhith cinnteach nach bann gun ghnothach a thàinig sinn. Is e ceann ar gnothaich, ma ta, so: —Tha mo charaid còir, Iain Camaran, amiannachadh gu làidir greim fhaotainn le còirs le ceart, agus le òrdugh na cléire, air nighean fir an taighe, air dha a bhithcreidsinn gun dean i bean mhath dhleasdanach dha, ma gheibh e i. Ach ged is e Iain fhein mòran ás eòlaiche oirre fhein agus air a pàrantan na mise, tha enochd cho diùids nach leig an nàire leis a h-iarraidh. Tha Iain ann an so mur coinneamh, agus tha gach cron a thair ri fhaicinn. Is gann a ruigeas mise leas innseadh dhuibh, gun dthàinig e o dhaoine còire, measail, cliùiteach. Tha e fhein fo mheas agus fo dheadh ainm aig na h-uile a chuir eòlas air. Tha taigh math is fearann aige; agus tha crodh is eich is caoraich aige. Cha rachainn an urras nacheil deannan math airgid aige. Rud as fhear na so gu léir, tha e fheinna dhuine glic, tuigseach, fiosrach, modhail, ciùin, sìobhalta. Theid mi an urras nach bi an t aithreachas as lugha air an nighinn òig air son a phòsadh. Tha mise nis, ann an ainm, agus le òrdugh Iain, ag iarraidh fios, mun blais mi air biadh no deoch fo na cabair so, co dhuibh a bheir no nach tabhair sibhse, ’Eoghainn, Mòr bhur nighean do dhIain ripòsadh.”

An uair a shuidh Aonghas, dhéirich am fear a bhana shuidhe aig deas laimh fir an taighe, agus thuirt e:— “Mar an caraid as dluithe do dhfhear an taighes achuideachd so, is e mo dhleasdanas-sa beagan a radh aig an àm so. Tha micreidsinn gum bheil a h-uile facal a thuirt an t-òganach a labhair mu Iain Camaran fìor gu leor, agus an corr, ged a theireadh e e. Is fhadon a baithne dhuinn e fhein agus an teaghlach còir, measail on dthàinig e. Ach maths mar a tha e anns gach dòigh, chaneil Mor nighean Eoghainn bonn air dheireadh air. Tha eòlas agamsa oirre on a rugadh i. Bha, agus tha, ina h-ighinn bhanail, chiùin, mheasail, cliùitich. Is aithne dhi gach obair a dheanamh anns am feum bean tuathanaich a làmh a chur. Biathaidh i laoigh, agus ni i ìm is caise cho math ri nighean tuathanaich a thanns an dùthaich gu léir. Chan aithne dhomhsa eile, ge mòr am facal e, a bheir barr oirre air chùl siosair is snathaid; agus chan ann air calanas dad is miosa i. Agus a thaobh deasachadh bìdh, foghnaidh dhuinn amharc air abhòrd a thair ar beulaobh, agus chi sinn le ar sùilean gur aithne dhi a gnothach a dheanamh gu maths gu ro mhath. Theid mi an urras nach leig i am bochd, no am feumach, no an diol-deirce air falbh falamh o a dorus. Ma gheibh Iain Camaran greim oirre, theid mi an urras nach bi aithreachas ribheò air air son a pòsadh. Ma bheir i fheins a parantan an aonta seachad, bidh sinne, tha micreidsinn, riaraichte gu leòr leis achuis.”

Thuirt Eoghainn Bàn agus a bhean a beul a cheile, gun robh iadsan deònach gu leòr Mòr a thoirt do dhIain Camaran ripòsadh, ma bha i fhein deònach gabhail leis.

Gun tuilleadh dàlach dhiarraibh Mor a steach don t-seomar, agus an uair a chuireadh a cheisd rithe, thuirt i gun robh i deònach gu leòr. An sin rug Iain is Mor air laimh air a chéile ann am fianuis na cuideachd, mar chomharradh gun robh iad deònach a cheilephòsadh, An sin chuireadh Morna suidhe mu choinneamh Iain aig taobh



[266]

[Vol . 9. No. 35. p. 2]

eilebhùird. Thug Aonghas lamh air abhotul a bhair a bheulaobh, agus chuir e drama ann an tairgse gach aon a bhaig abhord, agus ann an tairgse gach neach eile a bhas an taigh. Ghabh iad na thàinig riutha dhen phailteas bìdh a bhair am beulaobh. Chuir iad an oidhche seachad gu cridheil, càirdeil leis gach spòrs agus cur seachad ùine neochiontach a bha dligheach dhaibh a chleachdadh aig a leithid de chomhdhail. Agus ged a chuireadh an t-uisge beathanan tairgse gu math tric mun dthàinig amhadainn, bha iad cho stuamanan gluasadsnan coltas anns amhadainns ged nach òladh iad deur.

(Ri leantuinn).


An Gille Carach Mac na Bantraich.

(Seann Sgeulachd).

(Air a leantuinn).

GHABH an gadaiche dubhs an gille carach air an aghaidh ri goid gus gun robh moran airgid aca, agus smuaintich iad gum bfhearr doibh dròbh a cheannach, ’s dol chum faidhir leo gun creic, agus gun saoileadh feadhainn gum bann air an dròbhaireachd a rinn iad an t-airgiod. Chaidh an dithis agus cheannaich iad dròbh mor cruidh. Agus chaidh iad a dhionnsuidh faidhir a bha fad air astar leo. Chreic iad an dròbh, ’s fhuair iad an t-airgiod air an son, ’s dhfhalbh iad gu dol dachaidh. Tra a bha iad air an rathad, chunnaic iad croich air mullach cnoic, agus thubhairt an gille carach ris aghadaiche dhubh, “Tiugainn an àird is gum faic sinn achroich; tha feadhainn ag ràdh gur h-i achroich is deireadh do na mèirlich co-dhiubh.”

Chaidh iad an àird far an robh achroich, ’s bha iad asealltuinn mun cuairt oirre. Thubhairt an gille carach, “Nach fhaodamaid fheuchainn cia an seòrsa bàis a tha anns achrochadh, gum bith fios againn cia a tha romhainn ma bheirear oirnn ri gadachd; feuchaidh mi-fein an toiseach e.”

Chuir an gille carach an còrd ma amhaich, ’s thubhairt e ris aghadaiche dhubh, “So, tarruing an àird mi, ’s tra bhitheas mi sgìth gu h-àrd crathaidh mi mo chasan, ’s an sin leig thusa an nuas mi.”

Tharruing an gadaiche dubh an còrd, ’s thog e an gille carach an àird far an talmhainn, agus aig ceann seal beag chrath an gille carach a chasan, ’s leig an gadaiche dubh a nuas e.

Chuir an gille carach an còrd far amhaich, ’s thubhairt e ris aghadaiche dhubh, “Cha dfheuch thu-fhein riamh a tha cho eibhinn ris achrochadh. Nam feuchadh tu aon uair e cha bhitheadh eagal ort romhn chrochadh tuille. Bha mise a crathadh mo chasan leis an aoibhneass chrathadh tusa do chasan leis an aoibhneas cuideachd nam bitheadh tu gu h-ard.”

Thuirt an gadaiche dubh, “Feuchaidh mise e cuideachd, ’s gum bith fios agam co ris as coltach e.”

Dean,” arsan gille carrach; “ ’s tra a bhitheas tu sgìth gu h-ard, dean feads leigidh mise an nuas thu.”

Chuir an gadaiche dubh an còrd ma amhaich, ’s tharruing an gille carach an àird e; ’s tra fhuair an gille carach gun robh an gadaiche dubh gu h-ard ris achroich, thuirt e ris, “An nis tra bhitheas tu ag iarraidh a nuas dean fead, ’s ma tha thu toilichte far am bheil thu, crath do chasan.”

Tra a bha an gadaiche dubh seal beag gu h-àrd, thòisich e air crathadh a chasan, ’s air breabadh, ’s theireadh an gille carach, “O, nach aighearach thu! nach aighearach thu! O, nach aighearach thu! Tra bhitheas leat gum bheil thu glé fhada gu h-àrd dean fead.”

Ach cha do rinn an gadaiche dubh fead fhathast. Cheangail an gille carach an còrd ri iochdar crann na croiche, gus gun robh an gadaiche dubh marbh. An sin chaidh an gille carach far an robh e, ’s thug e as a phòc an t-airgiod, ’s thubhairt se ris, “An nis bho nacheil feum agadsa air an airgiod so nas fhaide, gabhaidh mise curam dheth air do shon.” ’S dhfhalbh e, ’s dhfhàg e an gadaiche dubh an crochadh ann an sin. An sin chaidh e dachaidh far an robh tigh a ghadaiche dhuibh, ’s dhfharraid bean a ghadaiche dhuibh dheth caite an robh a mhaighistir? Thuirt an gille carach, “Dhfhàg mise e far an robh e air ardachadh os ceann an talamh.” Dhfharraid agus dhfharraid bean aghadaiche deth ma dheidhinn a fir, gus ma dheireadh gun dinnis e di, ach thuirt e rithe gum pòsadh e-fhein i. Tra chuala ise sin ghlaodh i gun do mharbh an gille carach a mhaighstir is nach robh ann ach mearlach. Tra chuala an gille carach sin theich e. Chaidh an toir a chuir air a dheigh, ach fhuair esan dol am falach ann an uaimh, ’s chaidh an tòir seachad air. Bha esan uaimh fad na h-oidhche, agus an ath latha chaidh se rathad eile, ’s fhuair e teicheadh do dhEirinn.

Rainig e tigh saoir, ’s ghlaodh se aig an dorus, “Leigibh a stigh mi.”

Co thusa?” arsan saor.

Thà saor math, ma tha a leithid a dhìth ort,” arsan gille carach.

Dhfhosgail an saor an doruss leig e a stigh an gille carach, ’s thòisich an gille carach air obair air an t-saorsaineachd comhla ris an t-saor.

Tra a bha an gille carach latha na dhà anns an tigh aca, thug e sealladh a nulls sealladh an nall air feadh an taighe, ’s thubhairt e, “O chòin, is bochd an tigh agaibhus tigh-taisg an righ cho dluth oirbh.”

Cia dheth sin?” arsan saor.

Thà,” arsan gille carrach, “gum faodadh sibh am pailteas fhaotainn a tigh stòir an righ nam bitheadh sibh fein glé thapaidh.”

Theireadh an saors a bhean, “Chuireadh iad ann am priosan sinn nan tòisicheadh sinn air a leithid sin.”

Bha an gille carach daonnan ag radh gum bu choir daibh dol a bhristeadh a stigh do thigh-taisg an righ, ’s gum faigheadh iad am pailteas ann, ach cha rachadh an saor leis. Ach thug an gille carach leis pairt do acfhuinn an t-saoir, ’us chaidh e fhein is bhrisd e a stigh do thigh-taisg an righ, ’s thug e leis ealach don ims don chaise aig an righ, ’s thug e do thigh an t saoir e. Thaitinn na gnothaichean gu math ri bean an t-saoir, ’s bha i toileach gun rachadh am fear aice fhein ann an ath oidhche. Chaidh an saor e-fhein le a ghille an ath oidhche, ’s fhuair iad a stigh do thigh-taisg an righ, ’s thug iad leotha eallachan mora do gach ni a bfhearr a thaitinn riutha do na bha stigh ann an tigh-taisg an righ. Ach dhionndrainn muinntir an righ an t-ìms an càise, ’s na rudan eile a chaidh a thoirt as an tigh-thaisg, ’s dhinnis iad don righ mar a thachair.

Ghabh an righ comhairle an t-seanaghail mun doigh a bfhearr gu beireachd air na mèirleich. Agus is e a chomhairle a thug an seanghail orra, iad a chuir togsaid làn do phic bhog fon toll far an robh iad atighinn a stigh. Chaidh sin a dheanamh. Agus an ath oidhche chaidh an gille carachs a mhaighistir a bhristeadh a stigh do thigh-taisg an righ. Chuir an gille carach a mhaighistir a stigh air thoiseach air, agus chaidh am maighistir sios anns aphic bhog gu a theis-meadhoin, ’s chan fhaigheadh e as a rithisd. Chaidh an gille carach sios, ’s chuir e cas air gach gualann aig a mhaighistir, ’s chuir e a mach eallach don chaise aig an righ air an toll; ’s an uair ma dheireadh, tra a bha e a tighinn a mach, sgiud e an ceann far a mhaighistir, ’s thug e leis an ceann, ’s dhfhag e a cholunn anns an togsaid phic, ’us chaidh e dhachaidh leis an ìms leis achàise, agus thug e dhachaidh an ceann, agus dhadhlaic e anns a ghàradh e.

(Ri leantuinn.)


Sgeulachdan Arabianach.

Ganem.

CAIB. V.

CHO luaths a chuir an t-seana bhean crioch air na briathran so, thug Sobaide fainne daimein am mach a bocsa beag a bhaice, agus chuir i air meoir na seana mhna e. ’Na dheigh sin chuir i a da laimh mun cuairt oirre, agus thuirt i, “Mo dheadh mhathair, tha mi anabarrach fadana do chomain! Cha smaoinichinnsa gu brath air doigh cho innleachdach ri sid. Chan urrainn nach teid an gnothach leam, agus tha fois aig minntinn mar tha. Gheibh thusa an iomhaidh fhiodha deanta, agus ni mi fhin an corr dhen obair.”

Rinneadh an iomhaidh fhiodha ann an uine cho goirids gun robh Sobaide anabarrach toilichte. An sin thug an t-seana bhean fhein i don t-seomar anns am biodh Fetnah, agus an uair a chuireadh aodach mairbh oirre chuireadh ann an ciste i. ’Na dheigh sin thug Mesrour achiste air falbh, agus ecreidsinn gun robh Fetnah innte, agus thiodhlaic e i far an diarr Sobaide air. Bha na mnathan coimhideachdg a caoidh gu trom. Agus cha bi an te a thug dhi an deoch chadail dad bu lugha glaodh.

Air acheart latha sin fhein chuir Sobaide fios air ard-chlachair an righ, agus thug i ordugh dha aite adhlacaidh a thogail gun dail os cionn na h-uaghach. Thug e umhlachd da h-aithne gun dail mar a bha coir aige air a dheanamh. Chuireadh gach aon a bhuineadh don luchairt gun dail ann an eideadh broin, agus ann an uine ghoirid chualas air feadh abhaile gun do dheug Fetnah.

Be Ganem an aon mu dheireadh a chuala mar a bha; oir, mar a dhainmicheadh mar tha, bainneamh leis a dhol am mach as an taigh. Ach an uair a chuale an naigheachd, thuirt e ri Fetnah, “A bhaintighearna, tha sluagh Bhagdad acreidsinn gum bheil thu marbh, agus chaneil teagamh nacheil Sobaide fheing a chreidsinn. Tha mitoirt cliu don Ti as airde gur mi a baobhar air thu bhith beo. Agus bfhearr leam nan saoghal gun gabhadh tu cothrom air an naigheachd mhearachdaich so, agus gum falbhadh tu comhladh rium fhin gus a bhithriaghladhnam chridhe! Ach caitam bheil na smaointeanan taitneach sogam thoirt? Nacheil mismaointean gun drugadh tu a chum am prionnsa as cumhachdaiche a thair an talamh a dheanamh sona, agus nacheil neach sam bith ach Haroun Alraschid airidh ort? Ged a thachradh dhut a bhith toileach mise a leantuinn, agus esan a threigsinn, am bu choir dhomh aontachadh sin



[267]

[Vol . 9. No. 35. p. 3]

danas cuimhne a chumail an comhnuidh nacheil gnothach sam bith aig an t-seirbhiseach ri ni sam bith a bhuineas da mhaighstir.”

Ged a chuir na briathran a labhair e gluasad air inntinn Fetnah, chuir i roimpe nach leigeadh i dad oirre ris. Thuirt i ris, “Mo thighearna, chan urrainn sinn stad a chur air aghairdeachas a tha Sobaide adeanamh. Chaneil na cuilbheartan a tha ideanamh gus falach a chur air a cionta acur ioghnaidh sam bith ormsa. Ach rachadh i air a h-aghart. Tha mise cinnteach gum bi bron an aite gairdeachais aice an uine gun bhith fada. An uair a thig an righ air ais, gheibh sinn doigh air innseadh dha gun fhios dhise air mar a thachair. Anns acheart àm so is e ar dleasdanas a bhith nas faicliche na bha sinn riamh air eagal gum faigh i am mach gum bheil mise beo. Dhinnis mi dhut mar tha mar a dheireadh dhuinn le cheile nam biodh fhios aice mar a tha cuisean.”

An ceann thri miosan thill an righ air ais do Bhagdad, agus en deigh cliu mor a chosnadh dha fheins dha shluagh air son mar a thug e buaidh air a naimhdean. Bha fadachd air gus an ruigeadh e an luchairt a chum Fetnah fhaicinn, agus gus innseadh dhi cho maths a chaidh a ghnothach leis. Ach ghabh e uamhas an uair a chunnaic e gach neach a bhuineadh don luchairt ann an eideadh broin. Bha an tuilleadh uamhais air an uair a chaidh e steach, agus a thachair Sobaide riss i ann an eideadh abhroin mar a bha cach.

Ghrad dhfheoraich e, agusinntinn fo dhragh mor, ciod a baobhar don chuis. “A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa Sobaide, “tha mi ann an eideadh broin airson Fetnah, do bhan-oglach. Fhuair i bas cho aithghearrs nach robh rathad air dad a dheanamh rithe.”

Bha i air an tuilleadh a radh mur be gun do thoisich an righ ri gul. Ann an tiotadh dhfhannaich e ann an lamhan Ghiafar, an t-ard-chomhairleach. Ach ann an uine ghoirid thainig e as an laigse, agus le guth fann a bha nochdadh cho bronachs a bha e, dhfheoraich e caite an robh i an tiodhlacadh.

Mo thighearna,” arsa Sobaide, “ghabh mi fhin os laimh gach ni a bhuineadh don tiodhlacadh, agus cha do chaomhain mi cosgais a dheanamh gus a cur fon talamh le mor urram. Dhordaich mi aite adhlacaidh a thogail de chloich mharmoir, agus theid mi comhladh riut a dhionnsuidh an aite ma dhiarras tu orm.”

Cha leigeadh an righ le Sobaide an dragh a ghabhail a dhol comhladh ris. Thug e leis Mesrour gus a threorachadh a dhionnsuidh na h-uaghach. Cha do stad e ri eideadh an airm a chur dheth, ach dhfhalbh e mar a bha e.

An uair a chunnaic e an iomhaidh a bha os cionn na h-uaghach air a comhdachadh le aodach dubh, agus na coinnlean ceireach laiste mun cuairt oirre, agus mar an ceudna, an taigh-tiodhlacaidh maiseach, bha ioghnadh anabarrach air a chionn Sobaide a dhol gu leithid de dhraghs de chosgais air son te ris an robh euid aice gu nadarra.

Bhan righ gu nadarra car amhrusach, agus chuir an gnothach a bhann gu smaointean e. Bhuail e anns a cheann aige anns amhionaid gun robh Fetnah beo an aiteiginn, agus gun do ghabh Sobaide an cothrom fhads a bha e air falbh air a cur am mach as an luchairt, agus a cur a dhaiteiginn fad air falbh far nach cluinnteadh guth no iomradh oirre gu brath tuilleadh. a dheanamh? Cha bu choir. Is e mo dhleas- Cha do smaoinich e idir gum feuchadh Sobaide ricur gu bas.

Gus fios fhaotainn an robh na bhuails an inntinn aige ceart, dhordaich e an iomhaidh a bha air an uaigh a thoirt air falbh, agus araon an uaigh agus achiste fhosgladhna lathair Ach an uair a chunnaic e an iomhaidh fhiodha a bhanns achiste air a comhdachadh ann an lionaodach grinn, cha bu dana leis beantuinn dhi. Bha esmaointean nach robh e ceart dha an corp a charachadh. Cha robh teagamh aige nach robh Fetnah marbh. Dhordaich e achiste agus an uaigh a dhunadh, agus a h-uile rud a churna aite fhein mar a bha e roimhe.

On a bha toil aig an righ urram a thoirt don mharbh, chuir e fios anns amhionaid air luchd-dreuchd na h-eaglais, air oifigich na cuirte, agus air luchd-leughaidh aChorain. Agus gus an dthainig iad, bha ena sheasamh aig an uaigh, agus esileadh nan deur gu frasach. An uair a thainig na h-uile air an do chuir e fios, sheas e aig an uaigh, agus bha cachnan seasamh dluth dha, agus iad agabhail an urnuighean. ’Na dheigh sin leughadh caibidilean dhen Choran.

Rinneadh an t-seirbhis so aig an uaigh a h-uile latha fad mhios, araon anns amhadainn, agus anns an fheasgar. Agus bhan righ, agus an t-ard-chomhairleach, agus maithean na cuirte, agus iad ann an eideadh broin, aig an uaigh aig a h-uile seirbheis. Agus am feadhsa bha iad uile bronach, bhan righ gun stad asileadh nan deur. Fad amhios cha do shuidhich e inntinn air gnothach sam bith eile.

Air an latha mu dheireadh den mhios mhair an t-seirbhis aig an uaigh o ghlasadh an latha gus an do shoilleirich an latha an la-iar-na-mhaireach. ’Na dheigh sin chaidh gach duine dhachaidh.

On a bhan righ gle sgith le caithris, le bron, agus le dragh inntinn, chaidh e greisna shineadhna sheomar fhein. Agus an uair a thuit ena chadal, shuidh dithis de mhnathan uaisle na cuirte, te aig a cheann, agus te aig a chasan gu samhach, agus iad ri obair-ghreis.

An uair a shaoil iad gun robh an righ gu trom na chadal, thuirt an te a bhaig a cheann ris an te a bhaig a chasan, “Tha naigheachd mor agam! Bidh an righ, ar maighstir, gle aoibhneach an uair a dhuisgeas e, agus a chluinneas e an naigheachd a thagam dhut. Chaneil Fetnah marbh idir. Tha i beo agus ann an deagh shlainte.”

O chruitheachd!” arsan te eile, agus aoibhneas mor oirre, “am bheil e comasach gum bheil Fetnah, am boirionnach cho maiseach, cho aoidheil, agus cho neo-chumantas a bha riamh air an talamh fhathast beo?”

Labhair i na briathran so cho cabhagach agus cho ards gun do dhuisg an righ. Dhfheoraich e car son a bha iad abruidhinn cho ards gun do dhuisg iad e.

Ochan! mo thighearna,” arsan te a dhuisg e, “thugaibh mathanas dhomh air son mar a rinn mi. An uair a chuala mi gum bheil Fetnah beo bha aoibhneas cho mor orms nach burrainn mi gun mo ghuth a thogail.”

Mureil i marbh, ciod a thachair dhi?” arsan righ.

A Cheannaird nan Creidmheach,” arsise, “fhuair mise air an fheasgar so litir uaipe a sgriobh i le a laimh fhein, anns an dinnis i dhomh a h-uile mi-fhortan a thachair dhi, agus dhiarr i orm innseadh dhuibhse. Agus on a bha fhios agam gun robh feum mor agaibh air beagan fois a ghabhail an deigh na trioblaid troimhn deachaidh sibh, smaoinich mi gum bfhearr dhomh gun mo naigheachd innseadh dhuibh gus an cuireadh sibh dhibh bhur sgios.”

Thoir dhomh an litir,” arsan righ, agus ecur stad oirre. “Bu choir dhut a thoirt dhomh roimhe so.”

Thug i dha an litir anns amhionaid, agus ghrad dhfhosgail e i. Dhinnis Fetnah anns an litir a h-uile car mar a dheirich dhi. Agus gu mi-fhortanach thuirt i tuilleadh na bu choir dhi mu dheidhinn achuraim a ghabh Ganem dhi.

Bhan righ gu nadarrana dhuine anns an robh moran de nadar an iadaich, agus an aite bhith air a bhrosnachadh gu feirg leis an droch ghniomh a rinn Sobaide, is ann a bha e gu mor air a bhrosnachadh le amhrus nach robh Fetnah cho dileas dhas bu choir dhi. An uair a leugh e an litir thuirt e, “An ann mar so a tha? An deigh don chreutair thruaillidh a bhith fuireach ceithir miosan comhladh ri marsanta og, tha i cho beag-narachs gum bheil i adeanamh uaill as achaoimhneas a nochd e dhi. Tha deich latha fichead on a thill mi do Bhagdad, agus tha i nis asmaointean fios a chur gu mionnsuidh mu dheidhinn mar a dheirich dhi. An creutair neo-thaingeil! Am feadhs a bha mise acaitheamh na h-uine so acaoidh gu trom air a son, bha iseg a caitheamh ann an neo-dhilseachd dhomhsa. Ach is e bhios ann gun dean mi dioghaltas air abhoirionnach mheallta, agus air an oganach dhalma a chuir masladh orm.

An uair a labhair an righ na briathran so, dheirich e, agus chaidh e mach do thalla na comhairle. Bhan luchd-comhairleg a fheitheamh. An uair a shuidh e air achathair, thainig an t-ard-chomhairleach dluth dha, agus leig e e-fheinna shineadh air beulaobh na cathrach aig casan an righ. An uair a dheirich ena sheasamh, labhair an righ ris ann am briathran a bhanochdadh gum feumteadh a chomhairle a ghabhail, agus thuirt e, “Tha feum agam ort, a Ghiafar, gus gnothach cudthromach a chur an gniomh dhomhsa. Thoir leat ceithir cheud saighdear, agus feoraich air son marsanta a Damascus don ainm Ganem, mac Abou Aidhoub. An uair a gheibh thu fios caitam bheil efuireach, ordaichidh tu an taigh aige a leagadh gu lar. Ach an toiseach ni thu greim air fhein, agus air mo bhanoglaich-sa, Fetnah, a bhafuireach comhladh ris o chionn cheithir miosan, agus bheir thu le cheile an so iad. Ni mise trom dhioghaltas orra le cheile, a chionn gun dthug iad easurram dhomh.”

(Ri leantuinn).


FOSGLADH NA PARLAMAID. —Bidh greadhnachas mòr co-cheangailte ris an latha so. Thàinig an Righ agus aBhanrigh ann am mòrchuis agus ann an Stàit air an fhosglaidh; agus bha rìobhadh ro shònruichte ri fhaicinn air gach taobh. Chan fhacas a leithid so do mhaisealachd o cheann ioma bliadhna. Chan e mhàin gun do shuidh an rìgh féin air cathair glòir an ùghdarrais, shuidh aBhanrigh maille ris. Cha robh sealladh an t-seòrsa so tric ann an eachdraidh ar rìgheachd. Theagamh gum faicear ena dhéigh so nis trice. Bidh sona dhùil choitcheann. Chaneil teagamh nach tig an Rìgh a mach am measg an t-sluaigh nis na bha e comasach don t-seann bhean chòir rìoghail agus ghràdhach a chaidh a nunn. Bidh fosgladh na Pàrlamaid so ainmeil ann an làithibh ri teachd. Bidh ioma iomradh is coslas òirdhearcais air an gleidheadh ann an tighean an t-sluaigh mun latha shònruichte so. Tha dòchas againn gun tig cuidheachadh, còmhnadh is comhfhurtachd don t-sluagh gu lèir troimhn righeachadh ùr a tha air tòiseachadh. —ObanTimes .



[268]

[Vol . 9. No. 35. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, AM MART 1, 1901.

An ceann seachdain no dha eile, bheir sinn dar leughadairean acheud earrainn de sgeul ghoirid a chuireadh ugainn le ar caraid á Moosomin, Seumas N. Mac Fhionghain. Cha toir sinn iomradh air co ma dheibhinn a tha an sgeulfaigheadh an leughadair sin a mach dha fheinach feumaidh sinn a radh gu bheil i air a deagh sgriobhadh, agus gu bheil an t-ùghdar a cleachdadh taghadh na cainnte. Tha coig caibidilean ann dhi, aguss i ar barail gun abair gach neach a leughas i gum bfhearr leis gun faigheamaid tuilleadh sgeulachdan on ùghdar cheudna.

Chuir comhairle na siorrachd, aig an t-suidhe mu dheireadh, suim airgeid air leth air son ainmean dhaoine fhaotainn ri iarrtus air son anScott Acta chur air chùl anns an t-siorrachd so, agus lagh License Nobha Scotia a ghabhailna àite. Chuir comhairle baile Shidni, uaithe sin, suim airgeid air leth air son an aobhair cheudna. Ma gheibhear àireamh àraid de dhainmean ris an iarrtus so, cuiridh an t-àrd-riaghladh air leth latha air am faod an luchd-taghaidh, lem bhòtaichean, an ni is àil leotha a dheanamh ris an Scott Act mar lagh na siorrrchd so, a chumail no a chur air chùl. Cha ghabh e àicheadh nach robh an Scott Act anns an t-siorrachd air fior bheag feuma, mar a tha comhairle na siorrachd ag radh, ach tha sinn dhen bharail gum bu chòir do uaislean na comhairle, mun deachaidh iad a thoirt ionnsuidh air cur as don achd, a nochdadh dhuinn gu soilleir gu bheil an lagh sin acosnadh gach coire thatar a faotainn dha. Bu mhath leinn a bhi cinnteach nach ann bu chòir a chuid mhor no an t-iomlan den choire thatar acur air an Scott Act a bha air a chur orrasan dan dleasdanas an lagh obrachadh. Tha comhairle na siorrachd agealltuinn, mas e toil an t-sluaigh an lagh a tha aca a chumail, gun dean iadsan an uile dhichioll air obrachadh a chum stad a chur gu buileach air creic stuth làidir. Am bheil duinenam measg a dhinnseas dhuinn car son nach drinn iad an dichioll ceudna os leth an lagha anns na bliadhnaichean a chaidh seachad?

Tha Carrie Nation aig an àm so anns a phriosan, agus mar sin air a cumail o bhi bristeadh nan taighean-oil. Thairg iadsan a chuir a stigh i a leigeil a mach air urras, ach cha ghabhadh i ris an tairgse sin idir; ma gheibh i ma sgaoil tha i air son cothrom obrachaidh a bhi aice, agus mur bi an cothrom sin aice, ’s fhearr leatha fuireach anns aphriosan.

Fhuair sinn paipear taitneach oC. C.” anns am bheil e toirt iomradh goirid air na bàird chràbhachiadsan a sgriobh laoidhean agus dàin spioradailanns an naodhamh linn deug. Bidh so air a thoirt do ar leughadairean an ùine ghoirid, ma dhfhaodte anns an ath àireamh. ThaC. C.” na bhreitheamh math air bàrdachd; tha meur bhàrdail a ruith ann féin, agus rinn e iomadh dàn agus duanag a chur an eagaibh a chéile. Bha aon no dha dhiubh anns a MHAC-TALLA o chionn beagan sheachduinean air ais, agus tha sinn afaicinn gu bheil paipearan na Gàidhealtachdg an toirt dan luchd-leughaidh fèin.

Bha sgeul air innse anns a bhaile toiseach na seachdain so a dhaobharaich iomguin mhor am measg nan ceannaicheans an luchd-gnothuich eile. Ben sgeul sin gu robh an obair-iaruinn agus na mèinnean guail air an creic ri cuideachd làidir a thanns na Staidean, ’s aig am bheil gach obair-iaruinn, agus gu ire bhig gach rathad-iaruinn a thanns an duthaich sin fon laimh. Thainig fear Tomas E. Ryan don bhaile air an t-seachdain sa chaidh, agus an deigh dha bhi an so beagan lathaichean chaidh innse mun cuairt gum ben gnothuch air an dthainig e, gu robh e dol a cheannach na h-obair iaruinn do Mhr. J. Pierpont Morgan. Cha dthubhairt an duine fhéin iomradh air a chùis gu Di-luain; an uair sin dhinnis e gu robh an ceannach air a dheanamh, gu robh an obair iaruinn air a ceannach do Mhorgan air son $56 ,500,000. Dhfhalbh e air a charbad maduinn Di-màirt, agus beagan an deigh dha falbh fhuaireadh fios o Mhr. H. M. Whitney ag radh nach robh facal firinn ann an sgeul Ryan. Mun àm cheudna fhuaireadh fiosan o àireamh de luchd-riaghlaidh eile na cuideachd iaruinn ag radh an ni ceudna, nach robh an obair iaruinn air a creic, agus nach robhas a bruidhinn air. Nuair a bha sgeul Ryan gun tilleadh, bha moran anns abhaile aig nach robh dochas sam bith gun bann na bfhearr a rachadh cùisean, ged a bha cuid eile de dhatharrachadh barail. Ach bha iadsan a bha teagmhach cho math riuthasan nach robh, gle thoilichte chluinntinn nach robh an sgeul fior, agus gu robh Mr H. M. Whitney fhathast air cheann na h-obair iaruinn.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Confederation Life Association.

Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871.
ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich.

Earras $8 ,000,000. Urrasachadh an Greim $33 ,000,000.
Teachd-a- stigh os Ceann Milleansa Bhliadhna.

Cha ghabh na Policies bristeadhTha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh.

F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.

Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[269]

[Vol . 9. No. 35. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha Glace Bay a nise corpaicbte mar bhaile, agus Di-ciaduin sa chaidh bha a cheud chomhairle air a taghadhbàillidh agus sia comhairlichean. Fhuair am bàillidh, D. M. Burchell, a stigh gun duine ruithna aghaidh, ach bha ceithir deug a ruith air son dreuchd comhairleach, ged nach robh rin taghadh ach a sianar.

Bha Iain A. Mac-Neill, a thainig dhachaidh á Dawson o chionn ghoirid, anns abhaile Di-màirt, agus thaghail e air MAC-TALLA. Buinidh Mr. Mac-Neill do Washabuckt, an siorrachd Victoria. Tha e dol air ais do thir an òir an ceann seachdain. Tha bràthair dhana chaiptean soithich ann an Seattle, an staid Washington.

Tha rioghachd na h-Eadailte an deigh coig ceud mile dolair a chosg afeuchainn ris an spùinneadair ainmeil, Mussolino, a ghlacadh. A bharrachd air na maoir sithe tha da reiseamaid de shaighdearan a siubhal nam beann air a shon o chionn còrr us da bhliadhna, ach gu ruige so, cha dfhuair iad e, agus chan eil e ro-choltach gu faigh air chabhaig.

Tha na Boerich a cumail am mach gun do mharbh iad a h-uile mac màthar do shaighdearan an Reiseimeid Dhuibh aig blàr Magersfonteinam blar fuilteach sin anns an do chaill iomadh Gaidheal treun a bheatha. Leis an uamhas a tha na saighdearan sin a cur air na Boerich cha toir ni orrachreidsinn nach e taibhseanna daoine a mharbhaidh anns a bhlar a thannta. Ma tha an sgeul so fior chaneil aig Breatunn ach àireamh de na Saighdearan Dubha a chur gu Africa agus ann an uine ghoirid cha bhi Boerach ri fhaicinn anns an dùthaich.

Nuair a bha righ Eideard a Seachdna ghillòg bha e air a chur do dhAlba airson Gailig ionnsachadh, agus be Domhull Mac Fadyen, a cearna den Ghaidhealtachd a bha na fhear-teagaisg dha. Aon latha nuair a bha iad a connsachadh mu rud air choireiginn labhair am prionnsa mu na Gaidheil ann an doigh nach do chord ri Domhull. Ghrad bha fuil a Ghaidheal air a bhrosnachadh; chan eisdeadh e ri neach sam bith a bruidhinn gu tàmailteach mu na Gaidheil, ged a be prionnsa fhein a bhann, agus bhuail e an sgoilear rioghailsan aodann. ’Nuair a chuala a bhan righ mun chuis dhordaich i am prionnsa agus Domhull a bhi air an toirt air a beulaobh, agusnuair a chuala e an aobhar airson an do throd iad, cha dubhairt i guth ri Domhull, ach chronaich i am mac gu geur airson mar e labhair e. Cha chuala sinn ciamar a chaidh cuisean leotha an deigh sin, achs es docha nach do dhionnsaich am prionnsa moran do chànain na Gaidheil co-dhiu.


Bha Eideard VII. air eigheachna righ ann an meadhon othail agus greadhnachas mor. Tha e gle mheasail aig sluagh na righeachd, agus tha a h-uile coltas gum bi e a riaghladh gu glic agus gu curamach. Tha sinn a toirt seachad na briathran leis an robh e air eigheach mar a leanas:—

Do Bhrìgh gun do thoilich e An Dia Uile-Chumhachdach, ar Ban-Righ Victoria, de chuimhne ro-ghràdhaich, a ghairm a dhionnsuidh A Thròcair, air dhithse caochladh tha Crùin Ard-Uachdaranach na Rìoghachd Aonaichte Bhreatuinn-Mhòir agus Eìrinn air tighinn le ceartas dligheil agus daingean don Phrionnsa Ro-Ard agus Chumhachdach Ailbeart Eideard:

Air an aobhar sin, tha sinne, Tighearnan spioradail agus saoghalta na Mòr-Rìoghachd so, air ar cuideachadh aig an àm so leòsan a bhan an Ard-Chomhairlichean don Bhan-Righ a chaochail, le mòran eile de Ard-Uaislean na Dùthcha, maille ri Ceann-Suidhe, Seanairean, agus Luchd-Aiteachaidh Lunnuin, a nis le aon ghuth agus aontachaidh teanga agus cridhe afoillseachadh agus acur an céill gu bheil am Prionnsa Ro-Ard agus Cumhachdach Ailbeart Eideard, a nis, troimh chaochladh ar Ban-Righ air am bheil cuimhne ro ghràdhach againn, agus esan a mhàin, ’n a Righ Laghail agus Dligheach, ar n-Uachdaran agus Riaghlair Eideard a Seachd, le Gràs Dhé,

Righ air an Rìoghachd Aonaichte Bhreatuinn-Mhòir agus Eirinn,
Fear-Dìon aChreidimh,
Iompaire nan Innsean:

Dam bheil sinn ag aideachadh dìlseachd agus sìor-ùmhlachd, le ar n-uile chridhe ann an irioslachd gràidh; aguidhe air An Dia Uile-Chumhachdach Trem bheil Righrean agus Ban-Righrean arìoghachadh, gum beannaich E am Prionnsa Rìoghail Eideard a Seachd a rìoghachadh thairis oirnn mòran bhliadhnaichean sona.

Air a thabhairt aig Cùirt Naoimh Seumas air an treas-latha fichead de cheud mhìos Bliadhna ar Tighearna Naoi-Ceud-Deug agus a h-Aon.

GUN GLEIDHEADH DIA AN RIGH!


A Linne nam Breac.

A DHEAGH CHARAID,— ’S fhada on a bha duil agam sgriobhadh ugad, ach bha gne de dheagal orm nach deanainn an gnothuch cho maths bu mhath leam. Tha mi faighinn do phapiear gasda o chionn treis a dhùine agus bidh fadachd orm gun tig ceann na seachdainnuair a bhios duil agam ri naigheachdan inntinneach, toilichte, a chleachd ar sinnsir ann an tir nam beanns nan gleann.

Chaneil moran naigheachdan agam ri innse dhut an drasda, mar a teann mi ri innse bhreug; ach faodaidh tu a thuigsinn air reir an ainm a tha aig crioch na litir so nach bi mi ag innse ni sam bith ach an fhìrinn.

Tha mi creidsinn nacheil fios aig pàirt do luchd-leughaidh a MHAC-TALLA caite bheil Linne nam Breac, ach thigeadh iadsan far am bheil mise agus innsidh mi sin dhaibh.

Cha tug mi an aire riamh do litir o Rob Donn anns a MHAC-TALLA, ged a tha ena dheagh fheàr-sgriobhadh Gàilig. Chaneil fhios nach tugadh e leum as an uair a chi e so an clò.

Bidh mi a sgur aig an àm so an dòchas gu faigh na sgriobh mi àite na do phàipear, agus ma gheibh chan fhada gus an sgriobh mi a rithist.

Is miur caraid,
BEUL NA FIRINN.
Feb. 1901.


Reic-a- mach Mhor
DE
dhAodach Deante, Cotaichean-Uachdair, agus Aodach Cloinne.

Tha sinn a dol a chreic na thagainn de dhAodaichean romh dheireadh na bliadhna. Is e so creic as motha bhann am bliadhna, agus is coir dhut an cothrom a ghabhail air thu fhein a chomhdach air choinneamh a gheamhraidh, fhadsa dhfhaodas tu sin a dheanamh cho saor.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


SEALL ANN AN SO AIR AN ATH SHEACHDAIN
Airson Sanas bho
KELLY & DODGE,
Dealbhadairean, - - - Sidni, C. B.


Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de
BHIADH BHEOTHAICHEAN,
tha na tha againnnan deagh chunnradh.

Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1 .30 am poca.
Biadh PronnCorca, Corn agus Crithneachd.
Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann.

Tha beagan bharailean dhen fhlur mhath a bha sinn a creic air $4 .00 againn fhathast.
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.
F . & J. MORLEY.



[270]

[Vol . 9. No. 35. p. 6]

BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XXX.

AN deigh dhaibh oidhche gharbh, stoirmeil, a chur seachad, chaidh iad air tìr samhadainn air achùigeamh latha de mhìos dheireannach an t-sàmhraidh ann an àite don goirear a Mhalach-bheag air taobh deas Loch-Neamhais. Air dhaibh a chluinntinn gun robh an dùthaich air a cuartachadh le nàimhdean, dhfhan iad saMhalaich-bhig fad thrì latha. Air acheathramh latha chaidh Mac-Ionmhuinn an t-Sratha féin agus fear den sgioba dhfheuchainn an amaiseadh iad air uaimh anns an deanadh am Prionnsfhalach, agus chaidh am Prionnsa féin, Mr Iain Mac-Ionmhuinn, agus an triùir eile den sgioba air sàl gu ceann shuas an locha. Air dhaibh a bhig iomradh tiomal air sròin rudha beag a bha rompa, bhuail iad an cuid ràmh air bàtabha ceangailte ri creig, agus chunnaic iad cùigear dhaoine le croisean dearganan seasamh air tìr beagan os-ceann a bhàta. Dhfheòraich na daoine dhiucia ás a thainig iad, agus càite bha iad adol?” Thubhairt guntàinig á Sléibhte, agus gun robh iad adol don choille air toir fiodh tarsuinn, no crannalach bàta.” Air cluinntinn sin do luchd nan croisean, dhiarr iad orraa thighinn gu tìr air ball air neo nach bu shaoghal daibh ach na bheadar clach as òrd;” air dhaibh fhaieinn nach tug fìr an t-Srath feairt orrleum iadnam bàta féin agus thoisich iad air cruaidh iomradh a chum an glacadh. ’Nuair a dhluthaich luchd nan croisean dearga orra, bham Prionnsa air son leum ás a bhàta gu tìr, ach cha do leig Mr Iain Mac-Ionmhuinn leis sin a dheanamh, ach dhiarr e air an sgioba an cuid gunnaidhean a bhi deas gu losgadh, agus a bhi cinnteach gun deanadh iad deagh chuimse, nam be agus gun tigeadh na croisean dearga is teann orr’; “oir,” ars esan, “tha mi cuir romham, ma nochdas iad amhi-mhodh is lugha dhuinn nach téid duine dhiù air an ais a dhaithriseas an sgeul.” Tacan an deigh sin dhluthaich iad ri àite den fhearann, a bhair a chòmhdachadh le coille bho shliabh gu tràigh. Thuirt Mr Mac-Ionmhuinn ris aPhrionnsa gum faodadh iad dol air tìr san ionad sin, “oir, ars esanaon uair is gum faigh sinn a steach a measg na coille, faodaidh na croisean dearga bhi gabhail mum buinn oir neo bheir sinne greadan orra bho chul nan craobh.” Ach cha dhfhan luchd nan croisean ris asin, cho luath safhuair am Prionnsa agus a chuid daoinemeasg nam preas, phill na nàimhdean an taobh ás an tàinig iad.

Chaidil am Prionnsa ma thrì uairean air mulach na h-uchdaich, ann am fasgadh an doire; ’nuair a dhùisg e chaidh e-féin agus an sgioba don bhàta, agus chaidh iad tarsuinn an loch gu eilean beag a bha fagus do thaigh Mhic-Dhòmhnuill Sgotais. Dhfhan Tearlach anns an eilean so, ’nuair a chaidh Mr Iain Mac-Ionmhainn a null do Sgotais far an robh seanna Mhac- ’Ic-Aileinna thaigheadas sàmhraidh. Thuirt Mr Mac-Ionmhuinn ri Mac- ’Ic-Ailein, gun robh am Prionnsa nisna nàbachd ann a mòr theanndachd, agus gun robh làn-dòchas aige ri dion fhaotainn air a sgàth-sanna airc. Gednochd Mac- ’Ic-Ailein caoimhneas do Thearlach ann an Uidhist, cha robh enise, air son urrad as fhaicinn. Faodaidh sinn a bhaireileachadh co dhiù gur e mar chunnaic e bhi geurleanmhuinn nan daoin’ -uaisle a nochd caoimhneas da roimhe sin, bu choireach ri iargaltas aig an àm so; bha e glé fhuair ri Mac-Ionmhuinn na chonaltradh, agus thuirt e nach robh dòigh sam bith aige-san air fhalach no dhion, agus gum be a chomhairle dhìleas-sa dha e philleadh air ais an taobh ás an tàinig e, agus e-féin fhalach ann an Ròna! eilean beag anns bu ghann a gheibheadh e aon tràth bìdhsan àm sin. Air cluinntinn sin do Mr Mac-Ionmhuinn, ghabh e chead de Mhac- ’Ic-Ailein le mòr fheirg air son a mhi-fhiùghantais; agus air dha a chùis aithris do Thèarlach, labhair an dìbearach rìoghail mar so:— “Chan eil comas air a MhaighstirIc Ionmhuinn, tha sinn a nisafaicinn gum feum sinn deanamh air air son féin, an rathad as fearr a dhfhaodas sinn.

Chaidh iad ás an sin thar an loch gu Malach, far an tainig iad air tìr an tùs, agus choinnich Mac-Ionmhuinn an t-Srathagus am fear eile den sgiob iad anns an àite sin. Ghluais iad ás an sin gu taigh Mhic-Dhòmhnuill Mhoroir (a bha ma sheachd mìle bho Mhalaich) taigh beag geal a bhair a thogail air bruachan Loch-Moroir. Air an t-slighe da ionnsaidh thainig iad gu bothan àiridh far an dfhuair iad deoch bhaine, air an robh iad gle fheumach sam àm; fhuair iad ann an sin mar an ciadna buachaille a rinn an t-iùl daibh gu ruige taigh Mhoroir. Ma ghlasadh an latha rainig iad Moroir, ach cha robh aca den taigh ach an làrach lòm; bha e air a losgadh gu làr leis na saighdearan dearga, a chionn gun déirich fear Mhoroir féin san àr-a- mach. ’Nuair a shoilleirich an latha chunnaic iad am bothan anns an robh fear Mhoroir agus a theaghlach a chomhnuidh, chaidh iad ionnsaidh agus cho luath sa chunnaic bean Mhoroir (Piuthar do Loch-iall) am Prionnsa thoisich i air gul, air son a chruaidh-chàis, eadhon, ged a bha i-féin cho ainniseach, le mar chreach na saighdearan am baile, air chor is nach robh aice do theachd-an-tirna fàrdaich a chuireadh i an làthair nan uaislean


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.

Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.

F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.


Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc as mothas as saoire de
Bhathar Paipeirs de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


J . M. FULMER,
FEAR-ANNLACAIDH US SPISRIDH.
Oisean Sraidean Falmouth us Bhentick,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.



[271]

[Vol . 9. No. 35. p. 7]

agus aPhrionnsa,’ ach mìos de dhiasg geal fuar, ni a dhith na h-aodhean gu toilichte gun aon mhìr arain leis. ’Nuair a chaisg iad an acras, threoraich fear Mhoroir am Prionns agus a chàirdean gu uaimh anns na chaidil iad re dheich uairean gun dùsgadh. Co-dhuibh, dhiult fear Mhoroir tuilleadh curam a ghabhail don Phrionns, air an aobhar sin cha dhfhan e-fein no chairdean ni bfhaidair a sgàth.

Tha e air innse gu bheil cuideachd làidir á Duluth, Minnesotta, a dol a thòiseachadh air togail shoithichean ann a Halifacs. Tha am baile sin a dol a thoirt mar chuideachadh dhaibh da dholair an tunna air son gach soitheach a thogas iad fad dheich bliadhna, agus dolair an tunna air son gach soitheach a thogas iad fad dheich bliadhnana dheigh sin.

Gheibhear anns an àireamh so sanas bhon chomunn-urrasachaidh ris an abrar an Confederation Life. Tha Iain Mac Neillna fhear-gnothuich don chuideachd so ann an Ceap Breatunn. Chan eil teagamh againn nach taghail e air moran de leughadairean MHIC-TALLA re an earraichs an t-samhraidh, agus tha sin an dùil nach bi aithreachas air neach sam bith a ni gnothuch ris.


Posadh.

Aig a Phon Mhor, air an naodhamh latha deug dhen mhios so, leis an Urr. W. A. Mac-a- Phearsain, a Johnstown, Iomhar I. Mac Neill (mac Sheumais) as an Rudna Mheadhonach, ri Caitriona Dhomhnullach, an Cobh nan Eireannach.


Iadsan a Phaigh.

I. A. Domhnullach, Portage laPrairie, Man
Donnacha Johnson, Pictou , N. S.
Beitiris Nic Neachdain, S . R. Lake, N. S.
An t-Onorach Uilleam Ros, M . P., Halifax.
A. G. Domhnullach, Antigonish , N. S.
Iain I. Mac Gilleain, Lakedale , N. S.
Ruairidh Mac Isaic, Maple Ridge, N. S.
An t-Urr. S Friseal, St . Andrews, N. S.
Iain M. Domhnullach, Stellarton , N. S.
S. Mac Gille-bhràth, Pleasant Valley, N. S.
Iain Muireach, Pleasant Valley, N. S.
Iain Mac Isaic, Dunmore , N. S.
Iain C. Domhnullach, Ardness , N. S.
Alasdair Domhnullach, Antigonish , N. S.
Aonghas Mac Isaic, Halifax , N. S.
Capt. R. Moireastan, Halifax , N. S.
D. C. Friseal, M. P., New Glasgow, N. S.
R. I. Domhnullach, Bridge End, Ont.
An Senator Cox, Toronto , Ont.
Deorsa Sutharlan, Gravenhurst , Ont.
Iain Mac-Calamain, Rudha Phrim, E. P. I.
I. M. Mac-Mhannain, BeinnIc-Mhannain.
An t-Urr. R. Mac-Gilleain, Valleyfield .
Rob Turnbull, Bourke, N. S. W., Aus.
Murchadh Mac-a- Ghobha, Sidni.
Micheal M. Mac Neill, Sidni.
A. J. G. Mac-Eachuinn, Sidni.
Bean Iain Weir, Sidni.
Bean Iain Mhic-Nimhein, Catalone .
Domhnull Mac Neacail, Catalone .
Iain C. Mac Neill, Na Narrows Mhora.
M. B. Domhnullach, Na Narrows Mhora.
Aonghas I. Mac Neill, Rudha Ghilliosa.
An t-Urr. D. Mac Isaic, Glendale .
Micheal S. Mac Neill, Gleann Bharra.
Domhnull M. Mac Neill, Eilean Christmas.
Padruig Mac Gilleain, cul Eilean Christmas.
Alasdair Caimbeul, Strath Lathuirn.
C. M. Rothach, Boulardaire .
Iain Domhnullach, Ceap Nor.
Bean N. Mhic Guaire, am Bagh an Iar.
Domhnull A. Gillios, Mabou Bheag.
Gilleasbuig Beuton, Siudaig Bheag.
S. D. Domhnullach, Acarsaid Mhargaree.
A. A. Mac Pharlain, Bràigh Mhargaree.
Iain Mac-an-fhucadair, Loch Ainslie.
M. A. Mac a-Phearsain, Bridgeport .
Ailean Mhoreastan, am Pon Mor.
Seumas Mac Gilleain, Rathad aChléirich.
D. I. Mac Asguill, Iochdar LArdoise.
Mrs McDonald, Gleann an Dathadair, C.B.
Mrs A. Nic Eachunn, Port Hood.
Mrs Nic Rath, an Amhuinn Mheadhonach.
Uilleam D. Mac-an-Toisich, Bay St. Lawrence.
Ailean Mac Gilleain, Ashfield .
D. M. Caimbeul, Beinn nan Caimbeulach. Iain Mac Fhionghain, Rosedale .
Bean Iain Mhic-Mhannain, Eel Cove.
D. I. Mac Neill, Eilean Christmas.
Uilleam F. Mac Fhraing, Acarsaid Mhabou
Gilleasbuig Mac Gilleain, Beinn Young.
Domhull R. Domhnullach, Whitney Pier.
Domhull R. Domhnullach, Barrachois Har.
Aonghas Gillios, Orangedale .
Iain D. Beuton, Broad Cove.
C. A. Mac Leoid, am Bagh an Iar.
R. A. Domhnullach, an t-Eilean Fada.
P. I. Mac Griogar, Ceap Nor.
C. W. Mac-a- Phearsain, Ceap Nor.
Iain Mac Gill-fhaollain, Roseburn .
Ailean R. Domhnullach, Baddeck .
Iain Moireastan, Lakedale .
P. D. Mac-an-t- Saoir, Rathad nan Frangach.
Mairi Nic Aonghais, Huntington .
Gilleasbuig Mac Neill, Ceap Dauphin.
Micheal Mac Neill, Washabuckt .
Iain I. Mac-Dhuibhi, Amhuinn Mhurray.
Caipt. Alasdair Mac Neill, Seattle , Wash.
Mairi Stevenson, Shipka , Ont.


Tha an Stor Mhor Innsridh
a tairgsinn
.500 Brat-leapach.
air an deanamh leis achuideachd ainmeilAlaska Feather & Down Co.Ri bhi air an creic mun toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air
$1 .50
Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu tairgead air ais.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, Manager.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


SANAS.

THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dhaois, gu dhol a dhobair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uairsa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a bfhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhadsa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.


DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann StorC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.



[272]

[Vol . 9. No. 35. p. 8]

Marbhrann do Thomas Friseal.

LE MR. SEUMAS MAC-GRIOGAIR, D. D.

Air Fonn: —Mac-Griogair a Ruadh-Shruth.

Lion mulad ro mhor mi,
Cha tog ceol e o mìnntinn;
Chuireadh caidreach mo shòlais
Fo na foidibh gu h-iosal.

Bha do chridhe ro bhlàth dhomh,
S e mo chràdh thu bhith dhìth orm;
Co a lionas dhomh tàite
Measg na dhfhag thusan tir so.

Bu tric ar n-uaigneas an seomar,
S bhiodh ar còmhradh gun mhiothlachd;
Cha bhiodh sgannal no sgleo ann.
S bhiodh an còmhnuidh gràdh Chriosd ann.

Bha thu measail mun reachd ud,
Chuireas peacaich fo dhiteadh;
S cha bain-fhios dhuit an cleachdadh
Chuireas dreach air a Chriosdaidh.

Bha thu misneachail, dàna,
Bha thu làidirna tinntinn;
Cha bu toil leat an t-àrdan,
Is cha bàill leat echinntinn.

Bha thu uasal na dbheusaibh,
Bha thu eudmhor mun fhirinn;
Bha thu foghainteach, treubhach
Nuair a dheireadh an strith aic’.

Be do ghnàth mun do theasd thu
Bhith ri ddhleasdanas sìnte;
Anns gach dreuchd san do sheas thu
Bha thu freasdalach, cìnnteach.

Làmhthogail nan salm thu
An taigh-searmain na sgìre;
Chuireadhmach iad gu dealbhach,
Gun chearbaich, gun diobradh.

Ann an cléir is an seisein
S tric a sheas thu droch shide;
Ursainn-chatha na h-eaglais
N aghaidh beagnair luchd mioruin.

S tric a dhfhuiling thun cùl-chainnt,
Dhfhag do ghiulan fo bhinn iad;
Dhfhàg do chaithris is tùmhlachd
Goirt, ciuirten an cridhiad.

Fàs do theaghlaich bu mhiann leat
Anns an diadhachd nach diobair;
Chleachd thu aoradhn am fianuis
Gun a shianadh gu diomhair.

S iomadh Sàbaidthug teist ort
Nach robh leisge no sgios ort,
Ann an teagasg dhaibh cheisdean
Is an leas as a Bhiobull.

Bha thu caoimhneil ri dnàbuidh,
Thoill thughràdh is a shiochainnt;
Bha thu fialaidh mu tfhàrdaich,
Bu mhathphàirteachadh bìdh thu.

Sheas thu gnothach na dùthcha
Le làn chùrams le dichioll;
Mas ann air breth no airJury,”
Be do rùn a bhi dileas.

Nam biodh do shliochd a bha cràiteach
An la dhfhàg iadsa chill thu,
Leantuinn teiseimpleir àlainn,
S e a bfhearr dhaibh na mìltean.


Oran

Do Chalum Caimbeul, Tighearna Bharra-mholaich, agus Fear Bhaile-Phétris, an Tireadh.

LE GILLEASBUIG MAC-PHAIL.

Luinneag.
Togamaid fonns neo-throm gun togamaid,
Togamaid fonn le furan gu éislean,
Togamaid fonns neo-throm gun togamaid.

Gu ma slàn do na h-uaislean
Air Di-màirt a rinn gluasad
Le an sgioba math, fuasgailteach,
Deas, cruadalach, gleusda;
Dhol air tir anns an Oban,
Far an cruinnich iad còmhla,
Air an tarruinn gu h-eolach
Ann an òrdagh fon éideadh.

Chan fheil leithid bhur caiptin
Furasdfhaotuinn air chneasdachd,
Fear a ghiulain is fhasain,
Fear a chleachdainns a cheutaidh,
Fear ard aignidhs a chruadail
S e nach tilleadh roimh fhuathas,
Gum bu ghaisgeil a ghluasad
An àm bualadh nan geur lann.

M Barramolach do staoileadh,
S aig do mhac gum biodh toighreachd,
Fhir a fhuair do chuid saibhris
Saor bho fhoill is bho eucoir.
Gu bheil tfhearann fo dhion duit
Le bann daingeann bhon righ air;
Is bha barantas cinnteach
Aig do shìnnsireachd féin air.

Tha thu spioradail, meanmnach,
Foinnidh, daicheil, deas, calma;
Tha thu smachdail, neo-chearbach,
S mi gun earbadh a dthréinid.
Bhiodh na Frangaich fo airsneal,
S tu gan ruagadhs gan sgapadh,
Is gam fàgail fo dchasaibh,
S iad gun chlaisteachd, gun léirsinn.

S truagh nach glacadh tum pòsadh
Baintighearneibhinn lan stòrais,
S i am folachds am fòghlum
Anns gach doigh air do réir-sa.
Is nan deanadh i àrach
Mac a thigeadh a taite,
Bu toilinntinn le dchàirdean
S leis na Gàidheil gu leir e.

Ann ad thalla mor riomhach
Gheibhteadh ceol is òl fiona
Agus aighears toilinntinn
Is gach ni air a réir sin.
Bhiodh daoinuaisle gach latha
A tighnn ort as gach rathad,
S dheantle sòlas am beatha
An taigh-tathaich nan ceudan.

Chan e chuirm gun an còmhradh,
Gheibheadh aoidhean mu dbhòrdaibh
Bhiodh a bhranndaidh gur deoin ann,
S sibh ag òl air a chéile,
S uisge-beatha nam feadan,
na fearaibh a leagadh,
S a bheir bodaich gu beadradh,
Is gu freagairtean geura.

S iomadh botul a thràighteadh
Leis a chomunn chaomh, chàirdeil,
Den leann fhallain, mhath, làidir,
Ann am fàrdach na féile.
Gum biodh iomairt gu dian ann
Air na cairteans na dìsnean,
Agus seirbhisich dhìleas
A sior-dhioladh luchd-feuma.


Thachair sgiorradh muladach ann an Louisburg Di-dòmhnaich sa chaidh leis na chaill triuir dhaoineDomhull Townsend, Fionnladh H. Townsend agus Seoras Dickson am beatha. Bha iad a tighnn áBattery Island—eilean a tha astar goirid a Louisbnrgagus thatar a deanamh am mach gun deach am bataca fodha. Bha iad uile pòsda, agus dhfhag iad teaghlaichean.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Ciamar a tha do Shuilean?
N an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras.
Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig
Bezanson .
An togalach Hanington,
Sraid Shearlot, Sidni.


BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.

So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90

Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.

Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.

titleIssue 35
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla IX No. 35. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page