[Vol . 9. No. 36. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 8, 1901. No. 36.
Na Baird Chrabhach.
DH’ FHAODADH gu ’m biodh iomradh aithghearr air bàird chràbhach na linn a dh’ fhalbh— ’s e sin bàird Ghaidhealach a sgriobh dàin no òrain spioradail eadar 1800 agus 1900—na ni a bhiodh taitneach le luchd-leughaidh a MHAC-TALLA. Tha cuid dhiubh sin air a bheil gach Gaidheal ach beag eolach, ach tha cuid eile dhiubh air nach ’eil sinn cho eolach ’s bu choir dhuinn.
Bha bàrdachd Dhughaill Buchanain luachmhor le Gàidheil Alba o cheann fada, ach bhuineadh Dughall do ’n ochdamh linn deug. Chaidh a bhàrdachd aige ’chur an clò air son a cheud uair ann an 1767, bliadhna mu ’n do chaochail an t-ughdar.
Buinidh Padruig Grannd do ’n linn mu ’m bheil sinn a sgriobhadh. Rugadh e anns a bhliadhna 1783 agus chaochail e anns a bhliadhna 1867, aig aois ceathair fichead bliadhna ’sa ceathair. Chaidh dàin Phadruig Ghrannd a chur an clò air tùs anns a bhliadhna 1813. Bha is tha luach aig na Gaidheil ga chur air obair an duine dhiadhaidh so.
Bha “Dàin a chomhnadh crabhaidh” le Dr Seumas Mac Griogar air an cur an clò anns a bhliadhna 1819. Rugadh am ministeir ainmeil so ann a siorrachd Pheairt anns a bhliadhna 1762, agus chaochail e ann am Pictou, Nobha Scotia, anns a bhliadhna 1830, tri fichead bliadhna ’s a h-ochd a dh’ aois. Tha dòchas gun tig clo-bhualadh ùr de na dàin luachmhor so a mach an ùine ghearr. Cha ’n ’eil iad a nis ri faotainn ann am buthan leabhraichean.
Sgriobh an t-Urr. Dr. Iain Domhnullach àireamh de dhàin spioradail. Co nach cuala iomradh air “Domhnullach na Toiseachd.” Rugadh e anns a bhliadhna 1779, agus chaochail e anns a bhliadhna 1849. Thainig an leabhar aige a mach ann an 1846. ’S esan a sgriobh “An Criosduidh aig bruach Iordain,” laoidh a tha làn de theagasg spioradail.
Tha àireamh de bhàird Ghaidhealach na linn, a bharr orra sud air am faod sinn iomradh a thoirt aig àm eile. ’S e gu sonraichte am bàrd cliuiteach sin Iain Mac Ille-mhoire, mu ’n robh mi runachadh sgriobhadh aig an àm so. Rugadh “Gobha na Hearradh” anns a bhliadhna 1790. Bha e fuireach ann a Rodal, far an robh e ainmeil mar fhear-ceairde ann a làithean òige; agus an deigh sin bha e air a chur a mach leis an eaglais d’ am buineadh e mar fhear-ceasnachaidh, dreuchd anns an robh e gu àm a bhàis. Bha e na dhuiue eudmhor air taobh na firinn, a dol anns gach ceum a reir an t-soluis a bha aige. Shealbhaich e ard bhuadhan inntinn, agus bha e na bhàrd sonraichte. Dh’ eug e anns a bhliadhna 1852, aig aois tri fichead bliadhna ’sa dha.
A measg nam bàrd a dh’ ainmich sinn cha ’n ’eil aon is geur-chuisiche na Iain Mac Ille-mhoire, no ni ’s comasaiche air a smaointinn a chur ann am briathran susbainteach, a tha air an cur gu comhnard an eagan a cheile. Bha eolas faireachail aige air nithe spioradail, agus bha comas anabarrach aige air na faireachduinean sin a chur ann an cainnt bhlasda agus so-thuigsinn. Anns an dàn “Tha duin’ òg ’us seann duin’ agam” tha e ’toirt dhuinn a chogaidh naomha, cha ’n ann anns an doigh anns a bheil Iain Bunyan ’ga thoirt dhuinn, ach na dhoigh thaitneach fhein. Thuirt neach eiginn ris a bhàrd gu ’m b’ iongantach e ’chur na laoidh ud air fonn cho eutrom. ’S ann an uair sin a chur e an rann mu dheireadh ris, mar so:—
“Na meas fonn an t-seann duin’ eutrom,
Ge b’ ard fhuaim am beul an t-saoghail;
Fhuair mis’ e cho trom ’s gu ’n shaoil mi
Gu ’m b’ shlainte dhomh saorsa o ’ealach.
Cha deach bàrdachd an duine mhath so a chur an clò gus an deigh a bhàis. Chaidh beagan de na dàin aige a chlò-bhualadh o chionn fada an Alba, agus cuid diubh, mar an ceudna, an Canada. Chuir an t-Urr. C. Mac Leoid, Baile-nan-Gall, Ceap Breatunn, deich no dusan dhiubh an clò gu snasail anns a bhliadhna 1885.
Ged ’bha roinn de obair Iain Ghobha mar sin air a thoirt am follais o àm gu àm, cha deach a chuid bàrdachd uile a chruinneachadh ri cheile an aon leabhar gus o chionn sia no seachd a bhliadhnaichean air ais. Bha ’n deagh obair so air a dheanamh le duine òg, cliuiteach, Mr Mac Ianraig, a bha aig an àm ud na fhoghlumaiche ann an aon de Oil-thighean na h-Alba, agus a tha nise na mhinisteir soisgeulach anns an dùthaich sin. Bha ’n clo-bhualadh deante le Gilleaspuig Mac-na-Ceardadh, nach maireann, an Glaschu. Tha mar an ceudna air a thoirt dhuinn anns an leabhar so, cunntas gasda air beatha an ughdair, air a sgriobhadh ann am Beurla. Tha againn ann an so, cha ’n e mhàin orain a Ghobha, ach, mar an ceudna, na fuinn aig àireamh dhiubh. Tha mi ’cur aon de na h-òrain a gheibhear anns an leabhar so ad ionnsuidh, a chum ’s gu faic do luchd-leughaidh sampull do bhàrdachd Iain Ghobha.
C. C.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna
Le Iain.
CAIB. XIII.
EOGHAINN BAN.
BHA Culfraoin, an t-àite anns an robh Eoghainn Bàn a’ fuireach, car iomallach. Agus bha frìth fhiadh cho mor ach ainneamh ’s a bh’ anns a’ Ghaidhealtachd aig an àm ud dlùth air an fhearann aige. Bhiodh iad a’ fagail air Eoghainn, ma bha gus nach roch an fhìrinn aca, gu ’m bu tric leis sithionn fhiadh a bhith aige gu ’dhinnear. Chual’ an t-Uachdaran so; agus o nach robh toil aige dioghaltas a chaitheamh air Eoghainn, cha do chuir e de bhacadh air ach gu ’n d’ thug e ordugh do ’n mhaor-frìthe an gleus a thoirt bhar na mosgaid Spàintich a bh’ aig Eoghainn. Ach nam b’ fhior mar a chualas, bhiodh sithionn feidh aig Eoghainn air a’ bhord gu math tric an déigh gach cùise. Ma chuala gus nach cual’ am maor-frìthe so, cha do leig e dad air. Ged a rachadh e air chéilidh do thaigh Eoghainn, mar is minic a rinn e, cha leigeadh e air gu ’m biodh feòil moilt no sithionn féidh air a bheulaobh air a’ bhord. Mar a theireadh e fhein, cha bhiodh e modhail do dhuine sam bith ceisd a chur air muinntir an taighe mu thimchioll c’ait’ an d’ fhuair iad am biadh a bha iad ag itheadh; agus air an aobhar sin ghabhadh e gu toileach biadh math, glan sam bith a chuirteadh air a bheulaobh.
Cha robh Eoghainn Ban a’ faicinn gu ’n robh e ’deanamh dad sam bith eas-onarach, no peacach an uair a bhiodh e ’beagachadh air àireamh nam fiadh a bha cho pailt anns an fhrìth. Bhiodh iad iomadh uair a’ cur call gu leòr air. An àm an fhoghair, gu h-àraidh a’ bhliadhn’ a bhiodh an t-abachadh fadalach, bhiodh na féidh a’ deanamh domail gu leor air an arbhar aige; agus o’n a bha so mar so, bha e ’smaointean nach bu ghniomh eas-onarach dha e fhein a chur ann an cois a challa air aon dòigh no dòigh eile. A bharrachd air so, cha robh duine sam bith, ach duine ainneamh, a’ creidsinn aig an àm ud, gu ’m bu pheacadh maide thoirt a coille, fiadh a thoirt a fireach, no breac a thoirt bhar linne. Ged a bha na nithean so air an toirmeasg, cha b’ ann mar sin bu lugha orra an gnothach dad. Bha, agus tha, agus bithidh daoine gu nàdarra toileach a bhith ’deanamh a’ cheart ni a tha air a thoirmeasg dhaibh leis an lagh.
Ged a bha fhios aig gach aon a bh’ air an réiteach gu ’n robh ceathramh math féidh air am beulaobh air a’ bhòrd, agus ged a ghabh iad uile an roinn dheth, cha d’ fheoraich duine dhiubh c’ait’ an d’ fhuaradh e, no cia mar a fhuaradh e.
Coma co dhiubh, feasgar an la-iar-na-mhàireach an uair a dh’ fhalbh a h-uile duine a bh’ air an réiteach dhachaidh ach Iain Camaran, agus Aonghas, thòisich Eoghainn Bàn is Aonghas ri bruidhinn a’ null ’s a’ nall mu thimchioll caochladh nithean. An uair a thug iad greis mhath air bruidhinn thuirt Aonghas, “Nach bu mhath reamhar an t-sithionn a bh’ againn an raoir? B’ ainneamh a chunnaic mi riamh sithionn cho math sid cho anamoch so air a’ bhliadhna.”
“Cha ’n eil dad a dh’ ioghnadh ormsa an t-sithionn a bhith cho math sid. Is iomadh greim math dhe m’ chuid arbhair-sa a’ dh’ ith am fear ud o chionn dà bhliadhna. Is iomadh latha ’bha toil agam gréim fhaighinn air. Bha e anabarrach furachail. Ma bha fiosachd aig fiadh riamh, bha fiosachd aig an fhear ud. An uair a bhithinn as m’ fhaireachadh dh’ itheadh e a leòr dhe’n arbhar; agus ged a bhithinn ann an sgairt am falach ’ga fheitheamh fad an latha ’s na h-oidhche, cha tigeadh e na b’ fhaisge dhomh na gualann na beinn a’ deas. Ach fhuair mi gréim air mu dheireadh; ach ma fhuair, cha b’ ann gun strì. Mur b’ e gu ’n tugadh an gleus bhar a’ ghunn’ agam a thri bliadhna na taca so, cha robh e air uiread de chall a dheanamh orm ’s a rinn e. Chaidh mi bhar an aobrainn air a shàillibh, agus tha eagal orm nach dean mi a’ bheag de shiubhal a’ mhonaidh air a’ gheamhradh so,” ars’ Eoghainn.
“Nam biodh fhios agamsa c’ àit’ am faighinn
[Vol . 9. No. 36. p. 2]
baidean dhiubh, cha bhithinn fad’ a’ toirt fear asda,” ars’ Aonghas. “Nam biodh mo ghunna fhein agam tha mi cinnteach gu ’n rachadh agam air fear dhiubh a leagadh. Cha ’n ann a chionn mi fhein ’ga radh, cha chreid mi gu ’m bheil fear eile anns an duthaich a’s cinntiche as a laimh na mi. Bha duil aig m’ athair nach robh na b’fhearr na e fhein ri ’fhaighinn; ach tha e nis ag aideachadh nach ’eil e idir cho cuimseach riumsa. Saoil sibhse, ’Eoghainn, nach ann a tha car de dh’ eud air a chionn gu ’m bheil mise na ’s cinntichte as mo laimh na e fhein. Ach tha ’fhradharc air a dhol air ais gu mor ged nach ’eil e fhein ’ga chreidsinn. Nach bochd nach robh rathad againn air fear no dhà a thoirt asda. Bu mhath am feum aig àm na bainnse. Nan robh dòigh agamsa air mo ghunna thoirt leam gun fhios do m’ athair, rachainn g’ a iarraidh gu math moch am maireach. Ach tha m’ athair cho faicleach ’s nach leig e leam gunna ’thoirt am mach air an dorus. Tha na gunnachan glaiste aige, agus tha ’n iuchair ’na phòcaid.”
“Tha feidh gu leor dlùth air laimh, agus cha bu mhisd’ an fhrìth idir ged a bheirteadh fear is fear asda. O’n a tha ’n t-aite so cho iomallach agus cho sàmhach, is tric le moran dhiubh a bhith cruinneachadh ann mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna. O nach ’eil duine sam bith a’ cur dragh orra, tha iad air fàs cho ciallach ’s nach teich iad gus an teidear gu math dlùth dhaibh. Agus o’n is tusa th’ ann, ’Aonghais, innsidh mise dhut doigh air an teid agad air fear dhiubh a mharbhadh. Theid thu anamoch a’ nochd le eallach arbhair suas gus an ruig thu creag mhor, chas a tha ri taobh na h-aimhne mu mhìle dh’astar as a so. Crathaidh tu sguab no dha dhe’n arbhar aig bonn na creige, agus an uair a bhios tu ’tilleadh air d’ ais, leigeadh tu as an dràsta ’s a’ rithist làn do ghlaice dhe ’n arbhar. Agus leanaidh tu air so gus an ruig thu bruaich an t-sruthain a tha mu chairteal a’ mhile as a so. Crathaidh tu an corr a bhios agad aig bun an t-sruthain. Direach mu choinneamh bun an t-sruthain air taobh eile na h-aimhne, tha bothaig bheag, agus tha uinneag air a’ bhothaig mu choinneamh an aite anns am fàg thu a’ chuid mu dheireadh dhe’ n arbar. Deireadh na h-oidhche, an uair a dh’ éireas na féidh as an àite laidhe, thig iad mar is trice sgriob a nuas o’n bheinn a dh’ ionnsuidh na creige. An uair a bhlaiseas iad air an arbhar aon uair, leanaidh iad air ’itheadh ceum air cheum gus an ruig iad bun an t-sruthain. Theid thusa do ’n bhothaig; agus an uair a thig iad an àite urachrach dhut, loisgidh tu orra am mach troimh ’n uinneig. A nis, feumaidh tu sradag theine a bhith agad; oir cha ’n ’eil gleus air a mhosgaid idir. Cuiridh mi fhein an uruchair innte o ’n is mi a’s eolaiche air na dh’ fheumas i dh’ fhùdar. Tha sorochan math anns a’ bhothaig air an cuir thu ’mhosgaid ’na laidhe. An uair a chi thu na féidh a’ tighinn, cuiridh tu fùdar anns an toll chluaise, agus bidh tu deiseil gus an t-sradag theine a chur ris an fhudar an uair a bhios na féidh ag itheadh an arbhair mu d’ choinneamh. Faiceam a nis gu ’n dean thu do ghnothach gu sgoinneil. Mur dean, cha ruig thu leas a bhith ’g ad mholadh fhein mar shealgair fhiadh ’nam eisdeachd-sa. Feumar teine beag a chur anns a’ bhothaig mu ’n teid sinn a laidhe, air dhòigh ’s gu ’m bi e deiseil ri d’ laimh anns a mhadainn. An uair a theid thu do’n bhothaig anns a’ mhadainn, cuiridh tu na h-eibhleagan gob ri gob, air eagal gu’n teid iad bàs. Agus gheibh thu boitein eitich anns a’ bhothaig, agus an uair a bhios tu deas gu losgadh air na féidh, cha bhi agad ach gas dhe ’n eitich a chur ’s an teine, agus a chur air an toll chluaise. A nis, ma bhios a’ ghaoth o’n deas, cha tig na féidh am faisge ort; oir fairichidh iad faileadh an teine air astar fada. Ach ma bhios a’ ghaoth o’n tuath, no o’n iar-thuath, thig iad dlùth gu leor dhut, ar neo is neonach leamsa. Mur b’ e mo chas a bhith cho goirt ’s a tha i, rachainn fhein do’ n bhothaig. Ach cha ’n urrainn domh a dhol a null air a’ chlachan. Faiceam a nis gu’n dean thu do ghnothach gu math ’s gu ro mhath.”
Bha Eoghainn Ban car coma aig an àm ged nach biodh lamh aige ann am marbhadh nam fiadh. Bha fhios aige gu ’m biodh cuid air a’ bhanais a bhiodh ag innseadh a rithist a h-uile seorsa bidh is dibhe a gheibheadh iad; agus bha e toilichte gu ’m faodadh e radh nach b’ e fhein a marbh am fiadh, nan rachadh a mharbhadh, ach duine de mhuinntir taobh eile na dùthchadh.
An uair a bha Eoghainn Ban ag innseadh a dh’ Aonghas mar a rachadh aige air fear dhe na féidh a mharbhadh, cha robh anns an t-seomar ach iad fhein le chéile.
Bha Iain Camaran agus Mor a’ diùiris anns a’ chùltaigh, agus bha bean an taighe, agus té no dithis dhe na banachairdean gu trang a’ deasachadh na dinnearach.
Fhad ’sa bha na fir a’ bruidhinn, bhlais iad uair no dhà air deur dhe na bh’ anns a’ phige. O’n a bha Aonghas an oidhche roimhe sid a’ riarachadh an uisge bheatha, cha do ghabh e ach fior bheagan dheth. Agus chuir Iain Camaran ’na fhaireachadh e air eagal gu ’n tugadh e tuilleadh ’s a’ choir do dh’ Eoghainn Ban; oir ged a bha Eoghainn ’na dhuine-còir, gasda ann an iomadh dòigh, chuireadh beagan ghlaineachan dhe ’n uisge bheatha a cheann cho mor troimh a cheile ’s nach robh fhios ciod a theannadh e ri radh, no ri dheanamh ann an làthair na cuideachd. O’n a bha fhios aig Aonghas nach d’ fhuair Eoghainn an oidhche roimhe sid ach gann a roinn fhein dhe na bh’ anns a' phige, thug e lamh air a’ bhotul o nach robh anns an t-seomar ach iad fhein. Chuir iad seachad na bha rompa dhe ’n fheasgar gu comhraiteach, cairdeil mar bu ghnàth le daoine a dheanamh aig a leithid sid de chomhdhail.
(Ri leantuinn.)
An Gille Carach Mac na Bantraich.
(Seann Sgeulachd).
(Air a leantuinn).
TRA a chaidh muinntir an righ a stigh do ’n tigh-thaisg fhuair iad colunn gu ’n cheann anns an togsaid phic; ach cha b’ urrainn daibh aithneachadh co e. Dh’ fheuch iad am faigheadh iad aon air bith a dh’ aithneachadh air aodach e, ach bha aodach comhdaichte le pic, air doigh is nach b’ urrainn daibh aithneachadh. Dh’ fharraid an righ comhairle an t-seanaghal ma dheighinn. Agus is e a chomhairle a thug an seanaghal orra iad a chuir na coluinn an aird air bhair shleaghan, ’s na saighdearan gu a giulan o bhaile gu baile, a sheall am faiceadh iad aon air bith a ghabhadh truaghs deth, na a dh’ fheuchainn an cluinneadh iad a h-aon air bith a dheanadh glaodh gointe tra chitheadh iad e, na ged nach faiceadh, gu ’m bitheadh iad ealamh gu glaodh gointe a dheanamh, tra bhitheadh na saighdearan a dol seachad leis. Chaidh a choluinn a thoirt as an togsaid phic ’s a cuir air bharr nan sleaghan, ’s bha na saighdearan g’a ghiulan an aird air bharr nan sleaghan fada crannach aca, ’s iad a dol o bhaile gu baile leis. Agus tra bha iad a dol seachad air tigh an t-saoir rinn bean an t-saoir sgreuch ghointe, agus ghrad ghearr an gille carach e-fein leis an tàl, ’s theireadh e ri bean an t-saoir, “Cha ’n ’eil an gearradh cho dona ’s a tha thu a smuainteachadh.”
Thainig an ceannard ’s cuid do na saighdearan a stigh agus dh’ fharraid iad, “Cia dé a dh’ fhairich bean an taighe?”
Thubhairt an gille carach, “Thà gu ’m bheil mise air gearradh mo choise leis an tàl, agus tha eagal aice romh fhuil.” Agus theireadh e ri bean an t-saoir, “Na bitheadh na h-uibhir eagail ort, leighisidh e na ’s luaithe na tha thu a smaoin teachadh.”
Shaoil na saighdearan gu ’m b’e an gille carach an saor, agus gu ’m b’e a bhean a bha aig an t-saor bean a ghille charaich, agus dh’ fhalbh iad a mach, ’s chaidh iad o bhaile gu baile, ach cha d’ fhuair iad a h-aon tuille, ach bantrach an t-saoir i fhein, a rinn glaodh na sgreuch tra a bha iad a tighinn seachad orra.
Thug iad a cholunn dachaidh chum tigh an righ. Agus ghabh an righ comhairle eile o’n t-seanaghail aige, ’s b’e sin: a cholunn a chrochadh ri crann ann an àite follaiseach, agus saighdearan a chuir a thabhairt aire air nach tugadh gin air falbh e, ’us na saighdearan gu a bhith a sealltainn an tigeadh feadhainn air bith an rathad a ghabhadh truaghs na doilghios deth.
Thainig an gille carach seachad orra, agus chunnaic se iad; chaidh e agus fhuair e each, agus chuir e buideal uisge-bheatha air gach taobh do ’n each ann an sac, ’s chaidh e seachad air na saighdearan leis, ’s e mar gu ’m bitheadh e a’ fuireach am falach orra. Shaoil na saighdearan gu ’m b’ ann a thug se rudeiginn air falbh orra, no gu ’n robh rudeiginn aige nach bu chòir d’ a a bhith aige, agus ruith cuid diubh air a dheigh, ’s bheir iad air an t-seann each ’s air an uisge-bheatha, ach theich an gille carach, ’s dh’ fhàg e an seann each ’s an t-uisge-beatha aca.
Thug na saighdearan an t-each ’s na buideil uisge-bheath’ air ais far an robh a’ cholunn an crochadh ris a’ chrann. Sheall iad cia dé a bha anns na buideil, ’s tra thuig iad gur e uisge-beatha a bha ann, fhuair iad còrn ’s thoisich iad air ol, gus mu dheireadh gu ’n robh na h-uile h-aon diubh air mhisg, ’s laidh ’s chaidil iad. Tra chunnaic an gille carach gu ’n robh na saighdearan ’nan luidhe ’s nan cadal air a mhisg, thill e ’s thug e a nuas a’ cholunn far a’ chroinn, chuir e crosgach air druim an eich e ’s thug e dachaidh e; chaidh e an sin agus dh’ adhlaic e a’ cholunn anns a ghàradh far an robh an ceann.
Tra a dhuisg na saighdearan as an cadal, bha a cholunn air a ghoid air falbh. Cha robh aca air ach dol ’s innse do ’n righ. An sin ghabh an righ comhairle an t-seanaghal. Agus thubhairt an seanaghal riutha, na bha anns an lathair, gu ’m b’e a chomhairle dhaibh, iad a thoirt muc mhor dhubh a bha an siod, ’us iad a dh’ fhalbh leatha o bhaile gu baile, agus tra thigeadh iad thun an aite far am bitheadh a’ cholunn adhlaicte, gu ’m buraicheadh i an àird e. Chaidh iad ’s fhuair iad a mhuc dhubh, ’s bha iad a dol o bhaile gu baile leatha, a dh’ fheuchainn am faigheadh i am mach c’aite an robh a’ cholunn air a h-adhlac. Chaidh iad o thigh gu tigh leatha gus mu dheireadh gu ’n d’ thainig iad gus an tigh far an robh an gille carach agus bantrach an t-saoir a chomhnuidh.
’Nuair a rainig iad leig iad a mhuc ma sgaoil
[Vol . 9. No. 36. p. 3]
air feadh an talmhuinn. Thubhairt an gille carach riutha gu ’n robh e-fein cinnteach gu ’m bitheadh paghadh ’s acras orra, gu ’m b’ fhearr daibh dol a stigh do ’n tigh, ’s gu ’m faigheadh iad biadh ’s deoch, ’s iad a leigeil an sgiths dhiubh, an tim a bhitheadh a mhuc ag iarraidh ma thimchioll an àite aige-san. Chaidh iadsan a stigh, ’s dh’ iarr an gille carach air bantrach an t-saoir i a chur biadh ’s deoch air beulaobh nan daoine. Chuir bantrach an t-saoir biadh ’s deoch air bòrd, ’s chuir i air am beulaobh e, ’s an tim a bha iadsan ag itheadh am biadh chaidh an gille carach a shealltuinn an deigh na muice, ’s bha a mhuc air amas air a choluinn anns a ghàradh, ’s chaidh an gille carach agus fhuair e sgian mhor agus ghearr e an ceann di, agus dh’ adhlaic e i-fhein ’s a ceann lamh ris a choluinn aig an t saor anns a ghàradh.
Tra a thainig an fheadhainn air an robh curam na muic’ a mach, cha robh a mhuc ri fhaicinn. Dh’ fharraid iad do ’n ghille charach am faca e i. Thubhairt esan gu ’m faca, gu ’n robh a ceann an àird agus i ag amharc suas, agus a dol da na tri a cheumannan an drasda ’s a rithisd. Agus dh’ fhalbh iadsan le cabhaig mhòir an taobh a thuirt an gille carach a chaidh a’ mhuc. Tra fhuair an gille carach gu ’n deach iadsan as an t-sealladh, chuir e gach ni air doigh nach amaiseadh iadsan air a mhuic. Chaidh an fheadhainn air an robh curam na muice agus dh’ iarr iad i na h-uile rathad anns am bu choltach i a bhith. An sin tra nach b’ urrainn daibh a faotainn, cha robh aca air ach dol gu tigh an righ, agus innse mar a thachair.
An sin chaidh comhairle an t-seanaghal a ghabhail a rithisd. Agus is e a’ chomhairle a thug an seanaghal orra, iad a chuir nan saighdeirean a mach air feadh na duthcha air cheithearnan, agus cia aite air bith am faigheadh iad muic-fheoil, na cia aite air bith am faiceadh iad muic-fheoil, mar b’ urrainn do ’n fheadhainn sin a leigeadh fhaicinn cia mar a fhuair iad a mhuic-fheoil a bhitheadh aca, gu ’m b’ iad sin an fheadhainn a mharbh a mhuc ’s a rinn na h-uile cron a chaidh a dheanamh. Chaidh comhairle an t-seanaghail a gbabhail ’s na saighdearan a chur a mach air cheithearnan air feadh na dùthcha, ’s bha buidheann dhiubh ann an tigh bantrach an t-saoir far an robh an gille carach. Thug bantrach an t saoir an suipeir do na saighdearan, ’s bha cuid do ’n mhuic-fheoil air a deanamh deas daibh, agus bha na saighdearan ag itheadh na muic-fheoil, agus ga sàr mholadh. Thuig an gille carach cia dé a bha air an aire, ach cha do leig e dad air. Chaidh na saighdearan a chuir a luidhe a mach anns an t-sabhal, agus tra bha iad ’nan cadal, chaidh an gille carach a mach agus mharbh se iad. An sin chaidh e cho luath ’s a b’ urrainn da o thigh gu tigh far an robh na saighdearan air cheithearnan, agus chuir e an ceill do mhuinntir nan taighean gu ’m b’ ann a chaidh na saighdearan a chuir a mach air feadh na dùthcha, gu iad a dh’ eireadh air feadh na h-oidhche agus an sluagh a mharbhadh anns na leapaichean aca, agus fhuair e a thoirt air muinntir na duthcha chreidsinn gun do mharbh muinntir gach taighe na bha do shaighdearan ’nan cadal anns na sabhailean aca. Agus an uair nach d’ thainig na saighdearan dachaidh aig an tiom bu chòir daibh, chaidh feadhainn a shealltuinn cia dé a thainig riutha. Agus tra rainig iadsan is ann a fhuair iad na saighdearan marbh anns na saibhlean, far an robh iad ’nan cadal. Agus dh’ aicheadh muinntir gach taighe gu ’n robh fios aca ciamar a chaidh na saighdearan a chur gu bàs, na co a rinn e.
Chaidh na daoine a bha ris an rannsachadh air son nan saighdearan gu tigh an righ, agus dh’ innis iad mar a thachair. An sin chuir an righ fios air an t-seanaghal, a dh’ fhaotainn comhairle uaithe. Thainig an seanaghal, agus dh’ innis an righ dha mar a thachair, agus dh’ iarr an righ comhairle air. Agus is e a chomhairle a thug an seanaghal air an righ, e a dheanamh cuirm agus iob-dannsa (a ball) ’s e chuireadh sluagh na dùthcha, agus nam bitheadh am fear a rinn an cron an sin, gu ’m b’e am fear bu dàna a bhitheadh an sin, agus gun iarradh e nighean an righ fein a dhannsa leis. Chaidh an sluagh iarraidh a chum na cuirm ’s an dannsa. Agus a measg chàich chaidh an gille carach iarraidh. Tra a bha a’ chuirm seachad thoisich an dannsa, agus chaidh an gille carach is dh’ iarr e nighean an righ gu dannsa leis; agus bha searrag làn do rud dubh aig an t-seanaghal, agus chuir an seanaghal ball dubh de ’n rud a bha anns an t-searrag air a ghille charach; ach bha le nighean an righ nach robh a falt gle mhath ann an ordugh, ’s chaidh i do sheomar taobhaidh gus a chuir ceart, agus chaidh an gille carach a stigh leatha, ’s tra sheall ise anns a ghloine sheall esan cuideachd ann, ’s chunnaic e am ball dubh a chuir an seanaghal air. Tra dhanns iad gus an robh am port ciuil seachad chaidh an gille carach agus fhuair e cothrom air an t-searrag aig an t-seanaghal a ghoid uaithe gun fhios d’a, agus chuir esan da bhall dubh air an t-seanaghal, agus aona bhall dubh air fichead fear eile, ’s chuir e an t-searrag air ais a rithis far an d’ fhuair se i. Eadar sin ’s ceann ghreis, thainig an gille carach a rithist ’s dh’ iarr e nighean an righ gu dannsa. Bha searrag aig nighean an righ cuideachd, ’s chuir i ball dubh air aodann a ghille charaich, ach fhuair an gille carrach an t searrag a thiulpa as a poca gu ’n fhios di, agus bho ’n a bha da bhall airsan, chuir e da bhall air fichead fear eile anns a chuideachd, agus ceithir buill dhubh air an t-seanaghal, ’s fhuair an gille carach ealadh far an robh nighean an righ, agus an t-searrag a thiulpa na poca a rithist. Sheall an seanaghal agus bha ’shearag dhuibh aige, sheall nighean an righ ’s bha a searaig fein aicese. An sin ghabh an seanaghal ’s an righ comhairle, agus is e a chomhairle sin a rinn iad, a righ an thighinn do ’n chuideachd, agus e a radh gu ’m b’ anabarrach tapaidh a dh’ fheumadh am fear a rinn na h-uile cleas a chaidh a dheanamh a bhith—na ’n tigeadh e air aghaidh ’s e fein a thoirt suas, gu ’m faigheadh e nighean an righ ri phòsadh agus darna leth na rioghachd an fheadh is a bhitheadh an righ beò, agus an t-iomlan do ’n rioghachd an deigh bàs an righ. Agus thainig na h-uile gin do ’n fheadhainn aig an robh an da bhall dhubh air an aodann, agus thubhairt iad gu ’m b’ iadsan a rinn na h-uile tapadh a chaidh a dheanamh. An sin chaidh an righ ’s an àrd-chomhairie, a dh’ fheuchainn ciamar a ghabhadh a chuis socrachadh; agus is e a chuis a shocraich iad, na h-uile fear aig an robh an da bhall dhubh air an aodann a chuir comhla ann an seomar, agus bha iad gu pàisde fhaotainn, agus bha nighean an righ gus ubhall a thoirt do ’n phàisde, agus bha am pàisde gus a chuir a stigh far an robh na fir aig an robh na buill dhubh air an aodann nan suidhe, agus ge b’e h-aon air bith do ’n tugadh am pàisde an t-ubhall, b’e sin an t-aon a bha gus nighean an righ fhaotainn.
Chaidh sin a dheanamh. Agus tra chaidh am pàisde a chuir a stigh do ’n t-seomar anns an robh na fir, bha sliseag ’s dranndan aig a ghille charach ’s chaidh am pàisde ’s thug se an t-ubhall da. Chaidh an sin an t sliseag ’s an dranndan a thoirt o’n ghille charach, agus a chuir na shuidhe ann an àite eile, agus chaidh an t-ubhall a thoirt do ’n phàisde a rithist, agus a thoirt a mach as an t-seomar ’s a chuir a stigh a rithist a sheall co dha a bheireadh e an t-ubhall, agus o’n a bha an t-sliseag ’s an dranndan aig a ghille charach roimhe, chaidh am pàisde far an robh e a rithist ’s thug se dha an t-ubhall. An sin fhuair an gille carach nighean an righ ri phosadh.
Agus goirid na dheigh sin bha nighean an righ ’s an gille carach a gabhail sràide do Bhaile-cliabh, agus ’nuair a bha iad a dol thairis air drochaid Bhaile-cliabh dh’ fharraid an gille carach do nighean an righ cia ainm a bha air an àite sin, agus dh’ innis nighean an righ gun robh drochaid Baile-cliabh ann an Eirinn; agus thubhairt an gille carach, “Ma ta, is tric a thubhairt mo mhàthair riumsa gu ’m b’e bu deireadh dhomh a bhith air mo chrochadh aig drochaid Bhaile-cliabh an Eirinn, ’s rinn i an fhàisneachd sin dhomh iomadh uair, tra bhithinn a deanamh phrat oirre.”
Agus thubhairt nighean an righ, “Mata ma shanntaich thu fein crochadh thairis air taobhann an drochaid, cumaidh mise an àird thu tacan beag le mo neapaigean poca.”
Agus bha iad ri cainnt ’s ri aighear mu dheidhinn, ach ma dheireadh bha leis a ghille charach gu ’n deanadh se e airson àbhachd, agus thug nighean an righ a mach a neapaigean poca, agus chaidh an gille carach thair an drochaid, agus chroch e ri neapaigean poca nighean an righ, ’s i ga leigeadh fhein thairis air taobhan na drochaid, ’s iad a gaireachdaich ri cheile.
Ach chuala nighean an righ eubh, “Tha caisteal an righ a dol ri theine!” agus chlisg i, agus chaill i a greim air an neapaigean agus thuit an gille carach sios agus bhuail a cheann ri cloich ’s chaidh an eanchainn as, ’s cha robh anns an eubh ach fàlrasg cloinne, ’s b’ eiginn do nighean an righ dol dachaidh na bantraich.
(A’ chrioch).
Agus a nise, on tha Ryan air a dhol gu buileach as an t-sealladh, agus a tha gach neach a’ creidsinn gu bheil an obair-iaruinn agus baile Shidni sàbhailte, tha daoine ’g éiridh suas ’nar measg a dh’ innse dhuinn cho teòma ’sa bha iad féin ’s mar a bha iad a’ cur teagamh ’na sgeul ’nuair a bha càch uile ’ga creidsinn. Chaidh iad so, fear mu seach, do’n taigh-òsda ’san robh Ryan, agus chuir iad crith air le ceistean a chur air nach b’ urrainn e fhuasgladh, agus le nithean fheòrach dheth nach robh e comasach a fhreagairt. Agus cha d’ thubhairt na daoine glice facal mu na cùisean so aig an àm, ach bheachd-smuainich iad orra gus ’n do sgioblaich Ryan a chasan ’s an do thill e do’n tir as an d’ thainig e. Agus an sin labhair iad. Agus feuch gheibhear sgeul nan daoine so, agus na ceistean a chuir iad ann am paipearan na seachdain so agus na seachdain s’a tighinn. Agus tha gach sgeul dhiubh sin fior agus airidh an creidsinn.
Tha fear Tormad Mac Ille-mhaoil a comhnaidh ann a Beinn a Mharmoir, an siorrachd Inbhirnis, an Ceap Breatunn, a tha ceud agus seachd bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann an siorrachd an t-Sutharlanaich, an Alba, ’sa bhliadhna 1794. Ann an 1815 ghabh e ’san arm fo chomannd Diuc Wellington, agus leonadh e gu dona beagan lathaichean romh bhlar Waterloo. Tha a dha dheug de theaghlach aige, ceithir fichead ’sa tri de dh’ oghaichean, da cheud ’sa tri deug de dh’ iar-oghaichean, agus a naodh deug de dhu-oghaichean. Tha e ann an slàinte mhath, agus coltas air gu ’m bi e beò àireamh bhliadhnaichean fhathast.
[Vol . 9. No. 36. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, AM MART 8, 1901.
THA Diuc agus Ban-Diùc Chornwall a’ dol a thigh’nn air chuairt ghoirid do Chanada air an t-samhradh s’a tighinn air an turus dhachaidh á Australia. Tha aig an Diùc ri ceud phàrlamaid na comh-fhlaitheachd ùire, Australia, fhosgladh. Bha e air a chur air leth le Ban-righ Victoria air son sin a dheanamh ’na h-ainm-se, agus an deigh a bàis, rùnaich Righ Iomhar a Seachd, ged bu chruaidh leis dealachadh ri mhac, oighre ’chrùin, gu ’m biodh a toil air a dheanamh. Tha an Diuc air an aobhar sin a dol do Australia, ’s mar a dh’ ainmich sinn, bheir e cuairt troimh Chanada air a thilleadh.
THA aon de na paipearan ag radh gu bheil bean àraid ann am baile Halifacs a tha cur roimpe an tuagh a ghabhail do thaighean-oil a bhaile sin, mar a tha Carrie Nation a deanamh ann an Kansas. Ma tha baile an taobh so de Kansas fhéin a chuireadh feum air a leithid ’se am baile sin Halifacs. Tha an lagh ’ga bhristeadh gach latha dhe’n bhliadhna ’s gach uair dhe ’n latha fa chomhair nam maor, an luchd-riaghlaidh ’s an t-sluaigh, ach cha’n eilear a’ gabhail cùram sam bith dhiubhsan a tha ’g a bhristeadh. Agus mur éirich leithid Carrie Nation ’nam measg tha e ro choltach gu’ n lean cùisean direach mar a tha iad.
THA pàrlamaid nan Staidean aig an àm so gu trang ag obair air dealbh stéidh-riaghlaidh do Chuba. A reir gealladh na dùthcha sin tha aice ri Cuba fhàgail ’na dùthaich shaoir; cha robh aig na Stàidean ri dheanamh a thaobh an eilein ach a thoirt á làmhan na Spàinne, agus a chur air obair mar chomh-fhlaitheachd bhig air a riaghladh le a sluagh féin. Rinn na Stàidean a’ cheud chuid dhe ’n ghealladh sin a choilionadh—Cuba a thoirt á làmhan na Spainne, agus bidh a chuid eile air a choilionadh an ùine ghearr, mur fàs buill na pàrlamaid sanntach ’s gu’n dean iad Cuba mar aon de na Stàidean. Aig an àm so tha pàrlamaid agus luchd-riaghlaidh nan Stàidean deònach riaghladh Chuba fhàgail an laimh nan Cubanach fhéin, ach gu feum iad a bhi fo ard-thighearnas do na Staidean ’nan déiligeadh ri dùthchannan eile. Tha na Cubanaich deònach gu leòr a bhi fo dhion nan Staidean, agus a bhi cinnteach gu faigh iad cuideachadh bho riaghladh na dùthcha sin uair sam bith a chuirear feum air, ach a bhi fo ard-thighearnas do na Staidean no do dhùthaich sam bith eile, cha ’n eil iad air son a bhi ’na leithid do shuidheachadh idir. Tha e mar sin ro choltach gu ’m bi eas-còrdadh nach beag eadar an da dhùthaich, agus cha eil fhios nach bi e cho doirbh do na Staidean a cumhachan a sparradh air Cuba ’sa bha e an t-eilean sin a thoirt o’n Spainn.
THAINIG sgeul deireadh na seachdain s’a chaidh gu robh an t-arm Breatunnach an deigh am Boereach tapaidh sin, an Seanalair DeWet, a chròthadh a stigh ann an luib de ’n abhainn mhor Orange, ’s gu’n robh e ro choltach gu ’m biodh e air a ghlacadh. Ach thainig sgeul eile o chionn latha no dha air ais, agus cha’n eil De Wet ’nan lamhan fhathast. Shnàmh e-féin ’sa dhaoine thairis air an abhainn ’s mar sin fhuair iad as. Ged nach eil De Wet ach gle amaideach ann a bhi seasamh an aghaidh an airm Bhreatunnaich, ’s fhios aige gu feum e géilleadh air a cheann mu dheireadh, cha ’n urrainnear gun a bhi ’ga mholodh air son a thapadh ’sa dheagh sheanailearachd.
A REIR fiosan a tha tighinn á Ottawa, tha e gle choltach gu ’n cuir àireamh mhor de bhuill na h-àrd-phàrlamaid mar dhleasdanas air an riaghladh an tuarasdal bliadhnail a thogail o mhile dolair gu coig ceud deug. Cha ’n eil fhios co-dhiu ghabhas no nach gabh an riaghladh os laimh sin a dheanamh, ach cha’n eil teagamh sam bith nach biodh a mhor chuid air da thaobh an taighe gle dheònach am barrachd a ghabhail. Ach bu chòir do ’n riaghladh air tùs a bhi cinnteach gu ’m biodh e ceart an tuarasdal àrdachadh. Tha fhios aig na h-uile gu bheil a phàrlamaid gach bliadhna cruinn moran na ’s fhaide na dh’ fheumadh i; gu bheil lathaichean, seachdainean agus eadhon miosan air an cur seachad ann an deasboireachd gun fheum ’s ann an òraidean fada briathrach gun bhrigh, air an liubhairt le daoine nach do chuir ri chéil’ ìad, daoine dh’ am biodh e moran na bu chliùtiche suidhe gu socair sàmhach na bhi sruthadh a mach òraidean ris nach eile duine ’g éisdeachd ach iadsan d’ an dleasdanas an sgriobhadh as an deigh. ’Nan rachadh glas-guib a chuir air ceud no dha dhiubhsan a bhios mar sin a cosg na h-ùine, cha ’n eil fhios nach fhaodadh an taigh sgaoileadh cho tràth gach bliadhna ’s gu ’m biodh mile dolair na lan thuarasdal air son na h-ùine bhiodh iad cruinn.
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Confederation Life Association.
Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871.
ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich.
Earras $8 ,000,000. Urrasachadh an Greim $33 ,000,000.
Teachd-a- stigh os Ceann Millean ’sa Bhliadhna.
Cha ghabh na Policies bristeadh—Tha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh.
F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.
Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 36. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Chaidh mèinn ghuail ann an Staid Utah ’na teine o chionn ghoirid, agus bha da fhichead ’sa naodh de na mèinneadairean air an losgadh gu bàs.
Aig Glace Bay Di-mairt, chaidh fear Tearlach Domhnullach a ghoirteachadh eadar da char a bha e ceangal ri cheile; bha te dhe chasan air a bristeadh, agus bha e air a ghearradh gu dona ’sa cheann agus air a bhruthadh ’sa chollunn.
Chaidh tigh ’na theine ann an Guysboro maduinn Di-dònaich s ’a chaidh, agus bha bean a bha ’na laidhe tinn ann, Mrs Lillien Dale, a losgadh gu bàs. Cha d’rinn càch ach gann faotainn as le’m beatha. Bhuinneadh an tigh do Chaipt. S. C. Peart, agus b’ fhiach e mu choig mile dolair.
Bha dùil ri Sir Wilfrid Laurier a dhol do Australia gu bhi làthair aig fosgladh ceud phàrlamaid na comhfhlaitheachd sin. Tha e soilleir a nise nach bi e comasach dha an turus a ghabhail, oir tha cho liutha dleasdanas m’a choinneamh an Canada ’s nach urrainn da an dùthaich fhàgail. Tha Mr Mullock ri dhol do Australia os leth an riaghlaidh an àite Sir Wilfrid.
Tha Carrie Nation fhathast ’sa phriosan ach bidh i air a cur m’a sgaoil an ùine ghearr. Tha i ’g innse do luchd nam paipearan-naigheachd gu bheil i ’n dùil, cho luath ’sa gheibh i ’mach, tòiseachadh air bristeadh nan taighean-òil a rithist. Cha’n eil i idir sgith dhe’n obair sin; tha dòchas aice bhi rithe gus an an cuir i crioch air na taighean-òil an Kansas, no gus an cuir luchd nan taighean-òil crioch oirre fein.
Chaochail dithis dhaoine an Gàidhealtachd na h-Alba o chionn ghoirid air am bi ionndrain mhor re iomadh bliadhna, an t-Urr Dotair Stiùbhart, am Braigh Lochabair, agus Tearlach Friseal Mac-an Tòisich, an Inbhirnis. Feuchar anns an ath àireamh dhe ’n MHAC-TALLA ri iomradh goirid a thoirt air beatha nan uaislean so nach maireann, agus air an obair a rinn iad air son leas agus oilean nan Gàidheal agus na Gàidhealtachd.
Anns an da bhliadhn’ deug, 1887 gu 1899, chaochail 31,699 ann an Ontario leis a’ chaitheamh, agus anns an ùine cheudna leis a bhric 21. Tha eagal mor air daoine romh ’n bhric, agus cha’n eil uair a bhios i ann am baile no air dùthaich nach deanar gach uile dhichioll air cur as di. Ach ged a tha chaitheamh a toirt air falbh dlùth air coig ceud deug duine mu choinneamh gach aon a tha ’bhreac a toirt air falbh, ’s e dichioll gle bheag a tha daoine deanamh air a seachnadh.
Chaidh fear Daniel Sloan a thilgeadh aig mèinn an Dominion, oidhche Di-satharna s’a chaidh. Bha e fein agus companach dha a’ cur dragh air Sineach a tha cumail taigh-nigheadaireachd anns an àite sin. An deigh dhaibh gach mi-mhodh eile chunnaic iad iomchuidh a dheanamh, bhrist iad uinneagan an taighe aige, agus an sin smaoinich an Sineach gu robh an t-àm aige e fein a dhion, agus loisg e da urchair orra. Chaidh aon de na peilearan ann an sliasaid Sloan, a deanamh lot cunnartach. Shil e moran fala ach thatar a deanamh dheth nach caill e a bheatha.
Tha a ghriùthrach gu math pailt air feadh na dùthcha aig an àm so. Tha i gu math dona an àiteachan, agus daoine a’ caochladh leatha. Cha ’n eil a ghriùthrach na cùis-eagail sam bith do’n òigridh, ach do mhuinntir a tha air tigh’n gu aois tha i ’na tinneas cunnartach.
Chaidh duin’ òg d’am b’ainm O’Brien, a ghlacadh ann an Sidni Tuath o chionn da sheachdain air ais, ’sa thoirt gu Amherst, far an robh e air fheuchainn air son a bhi faotainn airgeid o mhuinntir gun an luach a gheall e a thoirt dhaibh air a shon. Fhuaireadh ciontach e, agus thugadh ceithir bliadhna dhe ’n tigh-obrach dha.
Tha an t-side anabarrach caochlaideach o chionn seachdain no dha air ais; latha bhios i briagha blath, latha fuar reòta, latha ’sileadh uisge, ’s latha ’cur an t-sneachda. Ach ’s àbhaist do’n Mhàrt a bhi car caochlaideach mar so; tha dòchas againn gu faodar an caochladh side so a ghabhail mar chomharradh gu bheil druim a gheamhraidh air a bhristeadh.
Bha Uilleam Mac-Fhionnlaidh air a chur a stigh os ùr mar Ard-uachdaran nan Staidean Di-luain, dreuchd air son an robh e air a thaghadh leis an t-sluagh ann an Nobhember s’a chaidh. Tha e nis air inntreachadh air na ceithir bliadhna mu dheireadh dhe riaghladh, oir a reir àbhaist nan Staidean, cha’n fhaod an aon duine bhi aca mar ard-uachdaran na’s fhaide na ochd bliadhna, agus bha Mac-Fhionnlaidh ’san dreuchd re nan ceithir bliadhna dh’ fhalbh.
Aig aon de na ceud choinneamhan a bha aig Comhairl’ ùr a bhaile air a’ mhios a dh’ fhalbh, chuir iad an Cuimeanach á dreuchd mar fhear-obrachaidh na Scott Act, agus chuir iad Donnachadh Mac Eachairn, an t-àrd-mhaor, ’na àite. Chaidh Mac Eachairn gun dàil a dh’ obair, ach cha do sguir an Cuimeanach fhathast. Tha esan ag radh nach robh cumhachd sam bith aig uaislean na comhairle a chur á dreuchd gu ceann bliadhna, agus tha e dol a leantuinn roimhe, ’s mur pàighear e air son a shaothair, bheir e a thuarasdal bhar a’ bhaile leis an lagh. Tha mar so, a reir coltais, da inspector gu bhi againn air a’ bhliadhna so.
Tha ’n iomguin ’s an ùpraid a bha air an cur air chois anns an àireamh mhor de bhailtean Chanada a thaobh creic obraichean-iaruinn Shidni, air a dhol bàs. Tha Ryan, am fear a bha ma b’fhior an deigh an ceannach a dheanamh, air a dhol as an t-sealladh; cha’n eil sgeul no forthais air an nise, agus tha an obair-iaruinn a’ dol air adhart mar a bha i roimhe. Gus a dheanamh cinnteach do dhaoine nach robh ’na bheachd an obair-iaruinn a chreic, tha Mr Whitney a nise ’g innse gu bheil e-fhéin a’ dol a dheanamh a chòmhnuidh ann an Sidni. Tha e dol a thogail taighe ann, agus gus am bi an tigh sin ullamh bidh e fuireach anns an tigh ’s am beil Mr Moxham an àm so. Nam biodh cuideachd an iaruinn an dùil an obair a chreic, ’s gann gu ’m biodh Moxham Mac-Gill-fhinnein agus Whitney a’ cur suas thaighean mora cosgail anns a bhaile; mur biodh an obair-iaruinn ri dhol air adhart cha bhiodh iadsan a deanamh an dachaidh ann an cearna sam bith de Cheap Breatunn.
Cha ’n eil sinn cruaidh ort!
Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10—bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1 .15—tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.
H . H. Sutherland & Co.
Bathar Cruaidh
Tha sinn a’ cumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.
Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de
BHIADH BHEOTHAICHEAN,
tha na tha againn ’nan deagh chunnradh.
Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1 .30 am poca.
Biadh Pronn—Corca, Corn agus Crithneachd.
Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann.
Tha beagan bharailean dhe ’n fhlur mhath a bha sinn a creic air $4 .00 againn fhathast.
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.
F . & J. MORLEY.
[Vol . 9. No. 36. p. 6]
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XXX.
Dhealach Mac-Ionmhuinn an t-Sratha ris a’ Phrionns’ ann an so, agus phill e-fhein agus an sgioba dhachaidh a fagail Mr Iain Mhic-Ionmhuinn na aonar maille ri mhòrachd a chum a threòrachadh tro na Garbh-chrìochan. M’ a mheadhon òidhche, thog Mr Mac-Ionmhuinn agus am Prionns orra thar a mhonaidh gu Arasaig, agus ma bhial an latha, rainig iad taigh Aonghais Mhic-Dhomhnuill Bhòrghadail, a cheud fhardach anns na chuir am Prionnsa suas an deigh dha thighinn air tìr an Albainn. Rinn fear Bhòrghadail aighear mor ri Tearlach, agus thuirt e ris gu ’m faigheadh e ionad fhalaich dha anns nach faigheadh na bha dh’ fheachd aig Rìgh Deòrsa gu léir a mach e. Dhealaich Mr Iain Mac-Ionmhuinn ris a’ Phrionns’ ann an so, agus air dha a bhì gabhail an aisig do’n Eilean Sgiathanach chaidh a ghlacadh agus a chur air bòrd long-chogaidh gu ruige Lunnainn.
Chum Aonghas Dòmhnullach Bhòrghadail am Prionnsa ann am falach fad thrì latha ann am bothaig bharaich anns a’ choille dlù dha. Chual’ iad an sin gun robh an tòir air tighinn air a luirg cho fad ri Moroir, agus mheasadh iomchuidh gu ’m bu chòir dha gluasad as a sin gu ionad a b’ uaighneich, a bha ma thuaram cheitheir mìle n’a b’ fhaide air falbh a measg nan creag aig a mhuir siar air Bòrghadal; ann an sin thogadh bothan fàil agus taobh an fheòir a mach, air chor is gu’n saoileadh duine nach faca bhi ga thogail, nach robh ann ach toman gorm do dh’ obair nàduir. Thainig an long chogaidh a ghlac Mr Iain Mac-Ionmhuinn a steach do Loch-nan-uamh, agus dh’ fhan i tri latha ’na laidhe air a h-acair ma choinneamh a bhothain so anns an robh Tearlach a chòmhnaidh, gun urrad as sùil a thoirt an taobh a bha e!
Chuala Tearlach a nise gu ’n robh a naimhdean air iathadh mu ’n cuairt dha agus mheasadh nach biodh e iomchaidh dha fantuinn n’a b’ fhaide ma Loch-nan-uamh; air an aobhar sin ghluais e féin, fear Ghlinn-Ealadail agus Iain a bhràthair, agus Iain Mac Fhir Bhòrghadail. Ma mheadhon latha bha iad air ard a mhulaich ris an canair Sgorra-deag am braidhe Arasaig; ann an so ghabh iad biadh a’s leag iad an anail. Ghluais iad as a sin agus rainig iad mulach Fhriogh-Bheinn. Cha robh iad fad ann an sin ’nuair a thainig teachdaire dh’ innse dhaibh gun robh ciad fear-feachda de Chaimbeulaich Earraghàel a’ dìreadh ri taobh na beinne air an robh iad ’nan seasamh. Cha dh’ fhan iad an so na b’ fhaide. Ma mheadhon oidhche air dhaibh a bhi gabhail tro ghlacaig eadar dà chnoc, chunnaic ad duine tighinn le leathad ’nan còmhdhail; thug Tearlach agus na fir eile ceum a bharr an rathaid, agus chaidh Fear-Ghlinne-Ealadail an coineamh an duine, a dh’ fhiosrachadh co dhiù bu nàmh no càraid’ a bh’ ann. Ach co a bha ’n so ach an seanna charaide dìleas, Dòmhhull Cam-Shròn Ghlinne-Peighinn, an duine a thug a chiad chuid òidhche do Thearlach an deigh blàr Chuil-Fheodair. ’Nuair a dh’ fhàg Domhnull Cam-Shron an taigh thug e leis lipidh mine agus ma thuaram puna de dh-ìm, air son biadh direabh, agus rè cneithir latha cha robh de bhiadh aig a’ Phrionns’ agus aig a dhaoine ach an graine crion mine agus an crioman beag ime!
Threoraich Dòmhnull Cam-Shròn iad gu seolta feadh nam beann, agus air dhaibh a bhi coiseachd rè na h-òidhche rainig iad ma ghlasadh na maidne, (air a cheathramh latha fichead de mhìos dheireannach an t-Samhradh) mulach beinne os ceann Loch-Arcaig, ris an canair Màm-nan-Calum, ard dheth am faiceadh iad gluasad nan nàimhdean fad mhìle dh’ uidhe ma ’n cuairt daibh. Bha fios aig a Cham-Shronach gu ’n deach Mam-nan-Calum a rannsachadh leis an luchd-tòire, air an latha roimhe sin, air an aobhar sin bha fios aige nach rachadh a rannsachadh a rithist gu ceann latha no dhà, uime sin leig siad iad féin sios gu fois agus chaidil iad. Air dhaibh dùsgadh thog iad orra, agus rainig iad (air a chùigeamh latha deug de ’n mhìos) Coire-nan-Gall, ma chrìochan chnòdeart agus Loch-Arcaig; rè an astair sin cha robh aig a’ Phrionns’ agus aig uaislean de bhiadh ach ùlag a poca mine Dhòmhnuill Cham-Shroin, ni leis an dh’ ith iad sgonn de’n ìm!
Fad dà latha ’s òidhche, bha Tearlach agus a luchd-leanmhuinn air fàrsan a measg nam beann a ta nan laidhe eadar ceann Loch Uthairn agus Loch-Seile. Ma òidhche chitheadh iad lassair nan teinnteannan a bha freiceadanan an luchd-toireachd a cumail suas, a chum iad féin a gharadh.
Mheas ad a nis iomchaidh gu ’m bu choir Coire-nan-Gall fhàgail agus a dhol gu àite diamhair a bha ’n aodann cnuic aig ceann shuas Loch-an-aidh, a bha ma thuaram dà mhìle air falbh bho gach àit anns an robh na nàimhdean ’nan laidhe. Anns san ionad so dh’ fhaodadh iad a chuid eile de ’n fheasgar a chaitheamh gu ’n chunnard gu ’n chùram, agus air dhaibh a ruidhinn ghabh iad clò goireid cadail. ’Nuair a dhùisg iad chaidh Dòmhnull Cam-Shron agus bràthair fhir-Ghlinn-Aladail a chuir air falbh gu àiridh a bha fagus dhaibh a dh’ iarraidh bidhe agus dh’ fhan Fear Ghlinn-Aladail agus an Domhnullach eile ri faire thar a’ Phrionnsa a bha fathast gu ’n dùsgadh.
Cha do phill iad air an ais gu cromadh na gréine gun dad ac’ air son an turais ach dà mhulachag bheag chàise,
AODAICHEAN DEANTE
COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.
Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.
F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
[Vol . 9. No. 36. p. 7]
cha robh tuilleadh, mo thruaidhe, ri fhaotainn far an robh iad a sireadh! Cha robh an càise ach na bhiadh ro thioram, agus a bhrì nach robh aca dheth ach beagan, agus gun fhios aca c’àite ’m faigheadh iad tuilleadh ’nuair a theirgeadh e, cha robh iad a gabhail ach ro-bheag dheth air gach trà.
Chunnaic iad nis an tòir a dlùthachadh orra, laidh iad sìos far an robh iad gu cìaradh na h-òidhche, an sin ghluais iad le deagh astar gu ruige beinn chas do’n ainm Druim-a- Chòis, air dhaibh a bhi dìreadh na beinne thainig sgioradh an car Thearlaich a theab crìoch a chuir air a thuras sgìth. Bha ’n òidhche ro dhorcha, agus an rathad ro chas, agus chaidh na daoine ann an reang as deighe a chéile, agus Domhnull Cam-Shron air an toiseach, am Prionn’ as a dheigh, Fear-Ghlinn-Aladail an deighe a’ Phrionnsa, agus da Iain Dhòmnnullach as deigh Fhir-Ghlinn-Aladail. Air dhaibh a bhi dol seachad air droch cheum leacaich air bial creige shleamhnaich Tearlach agus chaidh e dheth a chasan, ach gu sealbhach rug Domhnull Cam-Shron air a làimh agus Fear-Ghlinn-Aladail air an làimh eile, agus chaidh ac’ air a thogail suas air a chas-cheum, ged theab iad a bhi ’nan triùir “sios le bruthach gu ’n tearnadh.” ’Nuair a rainig iad mulach na beinne, chunnaic iad solus aon de chàmpachan an nàmhaid romp’ air an t-slighe a bha duil ac’ a ghabhail, bha iad mar sin air an iathadh rompa ’nan deigh agus air gach taobh! Shonraich iad co-dhiù a dhol air an aghaidh a dh’ ain-deoin gach gabhaidh, agus chaidh iad cho faisg air cunnard is gun robh iad a cluinntinn na cainnt a bha na nàimhdean a’ labhairt ri chéile. Dh’ fhélaidh iad suas ri aodann an ath chnuic agus dheth an uchd sin chunnaic iad teine Càimp eile na laidhe rompa dìreach air an t-slighe a bha iad a cuir rompa an ionnsaidh a thoirt air a dhol seachad an so mar an ceudna.
Dh’ fhan iad air an uchdan gus an robh e ma dha uair sa mhadainn, agus bha lasair theine nan càmp a’ fannachadh, mar a bha solus éibhinn an latha a deallradh, agus a’ ghrian ag eiridh, agus an sin phill gach luch-freiceadain gu’n càmpachan a thaobh le solus an latha gu ’n gabhadh iad sùl-bheachd air feagh gach àite mu’n tiomchioll. A nise bha eadar dà chàmpa nan nàmhaid amar uillt a chladhaich tuil a’ gheamhraidh tro aodainn sgàrnaich (no mar their cuid sgàrdan) ach bha e nise tioram le tart an t-sàmhraidh, anns an chlais so shònraich na laoich chruadalach an ionnsaidh thoirt air teicheadh bho nàimhdean cìocrach, agus dhìrich iad suas air a màgan ann an leabaidh an uillt agus cha b’ fhada gus an robh iad á fradharc an eascaraid.
An deigh dhaibh coiseachd ma dhà mhìle thainig iad gu Coirre-Choradail air taobh Ghlinn-Eilge de Cheann-Loch-Uthairn, agus air dhaibh tuiteam air glacaig uaigneich, ann an sin rinn iad suidhe, agus ghabh iad beagan de’n bheagan bìdh a bha aca. Ghabh am Prionns féin sliseag de ’n mhulachaig chàise agus sgaoil e min chorc air a h-uachdar; biadh, air leis, a bha cho taitneach ri aon aran finealta crineachd a dhith e riabh air a chomhdachadh le mil! An deigh dha an greim sin ithe, dh’òl e deoch as a chaochan agus leig se e-féin na shineadh air an àilean ghòrm agus chaidh e. Chaith iad an ath latha anns a’ ghlacaig so gu ’n bhiadh gun teine gun fhàrdaich.
Chaidh fear Tormad Domhnullach a mharbhadh aig mèinn an Dominion Di-luain. Bha e ’g obair a ceangal ’sa fuasgladh caraichean a ghuail, agus turus dhe na tursan cha d’amais e air an da char a cheangal an àm, bhuail iad na cheile agus bha esan air a phrannadh eatorra. Thachair so anmoch feasgar, agus ged a rinneadh gach ni air a shon a b’ urrainn sgil nan dotairean a dheanamh, cha robh e beò ach gu meadhon-oidhche. Bu duin’ òg e, mu seachd bliadhna fichead a dh’ aois, agus gun a bhi pòsda. Bhuineadh e do Phort Morien, agus bha e ’g obair aig cuideachd a’ ghuail o chionn àireamh bhliadhnaichean.
Tha an Stor Mhor Innsridh
a tairgsinn
.500 Brat-leapach.
air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeilAlaska Feather & Down Co.Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air
$1 .50
Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, Manager.
Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
SANAS.
THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.
DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann StorC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 36. p. 8]
Luinneag.
LEIS AN DR. STIUBHART, NACH MAIREANN, BRAIGH LOCHABAIR.
Tha Peigi ’s a’ mhonadh ag iarraidh a’ chruidh,
Saoil de ’tha ’g a cumail cho anmoch?
Tha ’ghrian air dol fodha,
’S iad uile ri ’m bleodhan,
Saoil de ’tha ’g h cumail cho anmoch?
Tha Peigi ’na cailin cho grinn ’s tha ’san dùthaich,
Ceanalt ’na nàdur, ’s i blàth-chridheach, sunndach,
Cha d’ fhairich mi coire ann am Peigi co-dhiu—ach
Saoil de ’tha ’g a cumail cho anmoch?
B’i màthair mo Pheigi ’bha labhairt nam briathran
Saoil de ’bha ’g a cumail cho anmoch:
A’ ghrian air dol fodha,
’S an crodh iad ri ’m bleodhan,
Saoil de ’bha ’g a cumail cho anmoch;
“Cha ruigeadh i leas ’bhi cho fada ’g an sireadh,”
Thuirt a màthair, ’s i caramh fòid moin’ air an teine,
“Cha robh iad tra-nò ach air lon Dhail-na-mine,
Saoil de ’tha ’g a cumail cho anmoch?”
Bha mise le Peigi ag iomain a chruidh,
(Cha robh cabhag no guth e ’bhi anmoch!)
Gu ’n d’ thug mi mo phòg dhi,
’S mo ghealladh a pòsadh,
( ’Se sid ’bha ’g ar cumail cho anmoch).
Mu dheireadh, ’n uair dh’ fhàg mi mo ghràdh aig a chachaile,
Thuirt a màthair ri Peigi, “De idir a thachair dhuit?
Mur biodh Cailein, am fleasgach òg, speiseald’ air tachairt ort,
’S e mo bheachd-sa nach biodh tu cho anmoch!”
Air feasgar Di-haoine ’s ann rinn sinn an cordadh,
(B’e mo bhaatha ged dh’ fhan mi glé anmoch),
’S air an t-seachdain ’n a dhéigh sin,
Gu ’n d’ fhuair mì dhomh fhéin i,
’S thug mi leam do Ghleann Eit’ i ’s an anmoch.
Tha mi nise cho sona ri neach anns an duthaich,
’S mo Pheigi ri m’ thaobh an àm cadail is dusgaidh,
’S mor gur fhearr leam na storas an Rìgh air a chrùn,
A bhi briodal ri m’ rùn moch is anmoch.
An Sgiobaireachd.
Rinneadh an t-òran so le Gobha na Hearradh. Rinn an t-Urr. Frannsaidh Mac Bheathain òran molaidh do ’n Ghobha, agus is ann mar so a fhreagair esan. C. C.
Chuala mi bho phàirt
Mu ’n chliu adhmhor, fhlathail
’Thug thu orm do chàch
’Na do dhàn ro ealant’;
Dh’ fhuilingeadh e gun sgàth
Ged bhiodh dorn no dhà
Air a thoirt dheth ’bharr
’S e ro ard bho ’n talamh,
Air son daol-chnuimh fhalamh,
Lan de ghaoid mhi-fhallain,
’Us de mhor chuis-gràin
’Th’ air mo chàirdean falaicht’.
Ach, a Fhrannsaidh choir,
Sheinn thu ’n ceol ro fhada;
Leig thn ’mach an sgod
Leis an t-seol gu ’chlaigeann;
’Nuair bu choir an còrs’
’Chumail suas air dòigh,
’S fraoch nan stoirm cho mòr,
’S sgiob’ air bord cho lapach
’S gu ’m faod iad tre chadal,
’N àm nan sian ’s na frasachd,
Calldach ’leigeadh oirnn,
Nach diol òr air ais dhuinn.
Ballaist ’chur ’s na cruinn,
Cha chuir innte taic dhuinn;
Siuil a chur ri ’druim,
Cha chuir sgoinn ’n a h-astar;
Stiuir ’chur os a cinn,
Cha dean iul do ’n luing;
’S pump gun cheann ’s an taoim
Cha chuir sginn a mach dhith.
Nach e ’ceum ’bhios glagach,
’Null ’s a nall, ’s air tarsainn?
Ceart cha seol i dhuinn,
’S gleus gach buill ás altan.
Biadh a chur mu ’r druim
Cha chuir dhinn an t-acras;
Eudach ’chur ’n ar broinn,
Cha chum sinn gu fasgach;
Clogaid ’bhi m’ ar buinn,
Cha dean ceann-bheairt dhuinn,
’S brogan ’chur m’ ar cinn,
Cha dean loinn do ’r casan;
’S deisthinneach mi-mhaiseach
’Bhios ar sgeimh ri fhaicinn;
Cha tig neach ’n ar gaoith,
’Chi ach oillt ’n ar fasan.
Cha tearainteachd dhùin
Toirt ar curam seachad
’G ràdh “Na abair dùrd
Tha ’n Insurance beairteach;”
’S iomadh aon ’bha ’n duil
Nach robh meang ’n an cuis,
D’a thrid ’chaill an curs’
Dh’ easbhaidh diudh ’us faicill,
’S riamh nach d’ rainig dhachaidh
Dh’ ionnsaidh seolaid acair’,
’S nach do sheilbhich stùr
Dheth na b’ uidh leo ’ghlacadh.
Ged robh sinn ’s an luing,
Pailt an luim ’s an acfhuinn,
’S ged b’ eol dhuinn le cinnt,
Feum gach buill us beairte;
Ciod an stath ’bhios dhuinn
Eolas ’bhi ’n ar cinn
Air gach ball ’bhios innt’
Mur ’bi sinn ’g an cleachdadh?
Feumar cord ’s an acair’
’S ’cheann air bord bhi glaiste,
’S ris gach sruth ’us gaoith
’N combaisd cruinn a leantuinn.
Cairistiona Chaimbeil.
Pòsaidh mi thu air an t-sàmhuinn,
’Charistìona Chaimbeil!
Pòsaidh mi thu air an t-sàmhuinn,
’Charistìona Chaimbeil!
Pòsaidh mi thu air an t-sàmhuinn,
’Charistìona Chaimbeil!
’S ged a tha do chasan caola,
’S e mo ghaol gun taing thu!
Dh’ith thu’n Ràc ’s an Tunnag odhar,
’Charistìona Chaimbeil!
Dh’ith thu’n Ràc ’s an Tunnag odhar,
’Charistìona Chaimbeil!
Dh’ith thu’n Ràc ’s an Tunnag odhar,
’Charistìona Chaimbeil!
’Charistìona,. ’Chursti Anna,
’Charistìona Chaimbeil!
Cailleach a’s mios’ air an t-saoghal,
’Charistìona Chaimbeil!
Cailleach a’s mios’ air an t-saoghal,
’Charistìona Chaimbeil!
Cailleach a’s mios’ air an t-saoghal,
’Charistìona Chaimbeil!
’Charistìona, ’Chursti Anna,
’Charistìona Chaimbeil!
Chaidh tri soithichean deuga a luchdachadh le gual ann an Louisburg air an t-seachdain s’a chaidh. ’S e deich mile fichead tunna an tomhas guail a thug iad leotha.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Ciamar a tha do Shuilean?
N an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras.
Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig
Bezanson .
An togalach Hanington,
Sraid Shearlot, Sidni.
BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.
So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90
Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.
Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
title | Issue 36 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 36. %p |
parent text | Volume 9 |