[Vol . 9. No. 37. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 15, 1901. No. 37.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna
Le Iain.
CAIB. XV.
GED a thainig iomadh atharrachadh air an dùthaich o chionn tri fichead bliadhna, is gann gu’m bheil a h-aon dhiubh cho comharraichte ris an atharrachadh a thainig air beachdan dhaoine a thaobh gabhail na deoch làidir. Anns an àm ud, an àite bhith ’g amharc sìos air daoine a dh’ òladh cuid mhath dhith gu math tric, is ann a bha meas orra. Bhiodh na bàird ’g am moladh, agus tha cuid dhe na h-òrain a bhiodh iad a’ deanamh dhaibh fhathast air chuimhne, ged nach cluinnear iomradh orra ach glé ainneamh. Agus tha e ’na aobhar toileachaidh dhuinn gu ’m bheil so mar so; oir tha e ’nochdadh dhuinn gu soilleir gu ’m bheil an sluagh, anns an dòigh so co dhiubh air tighinn gu bhith ’faicinn gur e gnothach ro mhi-mheasail do dhuine sam bith e fhein a chur ann an suidheachadh a’s ìsle na brùidean a tha ’falbh an achaidh. Is gann gu ’m faighear maighstir an diugh ann am baile mòr, no anns an duthaich, a bhios deònach seirbhiseach fhastadh, ma gheibh e am mach gu ’m bheil an seirbhiseach sin trom air an òl. Agus tha iomadh maighstir ann a roghnaicheadh an seirbhiseach nach blais idir air deoch làidir air thoiseach air an fhear a bhlaiseas oirre.
Ach mar a dh’ ainmich sinn, bha meas mòr, agus moladh, air an fhear a dh’ òladh agus a phàigheadh anns an taigh-òsda. Bheireadh daoine anns an àm ud aobhar seachad air son gu ’n robh iad dhe ’n bheachd so. Bha iad a’ cumail am mach gu ’n robh na daoine a bha car trom air an òl mar bu trice ’nan daoine a bha comharraichte air son an eòlais, an gliocais, an tuigse, an geurchuis, agus an caoimhneis; agus bha iad air an aobhar sin a’ toirt orra fhein a chreidsinn gu ’n robh co-cheangal dlùth eadar buadhan làidir inntinn an duine, agus a bhith car déidheil air an òl. Theireadh iad gu ’n robh a h-uile doctair, a h-uile fear-lagha, a h-uile maighstir-sgoile, agus a h-uile fear-ceirde a b’fhearr na chéile car trom air an òl; agus bha so a’ toirt orra nach robh iad a’ deanamh dìmeas air a’ mhisg cho mòr ’s a tha daoine glice, tùrail an latha ’n diugh a’ deanamh.
Tha e fior gu leòr gur minic a chunnacas daoine a bha ainmeil ’nan gairm ’s ’nan dreuchd, a bha mar an ceudna déidheil air deoch laidir; ach an àite sin a bhith ’na aobhar cliù dhaibh, is ann a bha e ’na aobhar mi-chliù dhaibh. Bhiodh iad mòran na b’ ainmeile agus na bu chliùitiche na ’n robh iad stuama, measarra mar bu chòir dhaibh. Cha robh, cha ’n ’eil, agus cha bhi duine comasach air cliù a chosnadh dha fhein le bhith lagachadh buadhan a chuirp agus ’inntinn le geòcaireachd agus le misg. Agus tha aobhar taingealachd aig na h-nile leis am math soirbheachadh aimsireil agus spioradail fhaicinn ann am measg dhaoine ann a bhith ’toirt fa near gu ’m bheil àireamh mhor anns an duthaich nach ’eil ’ga chreidsinn so an diugh; agus air an aobhar sin, nach ’eil iad a’ toirt geill do na beachdan a bha àireamh mhòr de shluagh na dùthchadh a’ creidsinn o chionn tri fichead bliadhna.
Tha aon bheachd mearachdach gu tric a’ treorachadh gu beachd mearachdach eile. Bha iomadh fear aig an àm ud a’ toirt air fhein a chreidsinn gu ’n coisneadh e cliù dha fhein le bhith leantuinn gòraiche nan daoine a bha air am meas glic. Is docha gu ’n cuir na briathran so ioghnadh air iomadh neach; ach tha iad fior gu leor. Mar a tha ’n seanfhacal ag robh, “Am fear nach ’eil amaideach uair is uair, tha e amaideach do ghnàth.” Bha iad so gu tric ris an òl, a chionn gu ’n robh iad an dùil, na ’n deanadh iad mar a bha daoine tapaidh, geurchuiseach, innleachdach a’ deanamh, gu ’n saoileadh an sluagh gu ’n robh iadsan mar an ceudna ’nan daoine-tapaidh geurchuiseach, agus innleachdach. Ach ged a tha e air innseadh dhuinn gur e Solamh duine cho glic ’s a bha riamh air aan t-saoghal, rinn e iomadh gniomh a bha glé amaideach. Nan deanamaidne cuid dhe na gniomharan a rinn e, bhiomaid fo mhasladh agus fo mi-chliù gu bràth.
Bha Eoghainn Bàn air aon dhe na daoine a bha ’smaointean nach b’ aobhar nàire sam bith dha a bhith ’na shìneadh ri taobh an rathaid air an daoraich. Cha b’ ann aon uair no dà uair a chunnacas an Doctair, am Fiscal, agus am maighstir-sgoile ’nan sìneadh ri taobh an rathaid air an dòigh ud; agus o’n a bha ’n triùir dhaoine so glic ann an iomadh doigh, agus ’nan daoine measail, foghluimte ann an sealladh an t-sluaigh, bha Eoghainn a’ cumail am mach nach bu ghnothach maslach dhasan, duine bochd gun inbhe àird gun fhoghlum mar a bha e, ged a ghabhadh e uair is uair tuilleadh ’s a’ chòir dhe ’n uisge bheatha. Feumar a radh nach bu tric leis tuilleadh ’s a’ chòir a ghabhail dheth; ach aon uair ’s gu ’m blaiseadh e gu math air, dh’ òladh e dheth gus nach aithnicheadh e a’ bhròg seach an t-osan.
An oidhche a phos a nighean, bha e, mar a bha nàdarra gu leòr, gle chridheil, sunndach. A bharrachd air a bhith ro thoilichte a chionnn gu’n robh an aon nighean a bh’ aige a’ dol a phòsadh an fhir cho glic ’s cho ciùin ’s cho ceanalta ’s cho deanadach ’s a bh’ anns an duthaich, bha tomhas mòr de mhoit air a chionn gu ’n deachaidh sealg nam fiadh gu tur an aghaidh Aonghais, ged a thug e dà oidhirp air fear a thoirt asda. Ged nach bu mhisde leis sithionn a bhith air bòrd na bainnse, bha e ro thoilichte gu ’n rachadh aige fhein air rud a dheanamh nach deanadh Aonghas, no fear sam bith eile a b’ aithne dha.
Am beul anamoch na h-oidhche, thainig am ministear gus am pòsadh a dheanamh. Bha h-uile neach a thainig dhe na fhuair cuireadh, anns an taigh, no mu ’n taigh. B’ ann aig bòrd na bainnse a rinneadh am pòsadh. Agus an uair a bha am pòsadh seachad, chuireadh am ministear ’na shuidhe aig ceann a’ bhuird. Bha e ’na dhuine aoidheil, cridheil, cuideachdail: ach bha e anabarrach stuama, measarra aig gach bòrd aig am bitheadh e. Agus ged nach fhacas gruaim air riamh ach gle ainneamh, bha car de dh’ eagal aig na daoine roimhe, agus thug iad an ceart aire nach deanadh iad dad mi-iomchuidh fhad ’s a bhiodh e anns a’ chuideachd.
An uair a chuireadh crioch air an t-suipear, rinn am ministear deiseil gu falbh. Chaidh Eoghainn ceum dhe ’n rathad leis; agus an uair a bha iad a’ dealachadh, thuirt am ministear, “Tha mi ’faicinn, ’Eoghainn, gu ’m bheil deoch làidir gu math pailt anns an taigh agad a’ nochd, agus bheirinn comhairle ort an aire mhath a thabhairt nach òl thu tuilleadh ’s a’ chòir. Biodh meas agad ort fhein, agus na biodh aig duine sam bith ri radh gu ’n d’ rinn thu culaidh-mhagaidh dhiot fhein. Tha ’n t-àm agad fàs glic, ma dh’ fhàsas tu glic ri do bheò. Ma chluinneas mise gu ’n dean thu ball-bùrsta dhiot fhein, bidh mi glé dhiùmbach dhiot. Tha moran dhaoine cruinn anns an taigh agad, agus ma thachras dad cearr bidh e air innseadh air feadh na dùthchadh, agus a chòig uiread air a chur ris, mu ’n d’ thig seachdain o’n diugh. Cuimhnich gu ’ n toir thu an aire mhath dhut fhein, agus gu ’n cum thu rian air na dhaoine og, amaideach a th’ anns a’ chuideachd.”
Thug Eoghainn mòran tainig do ’n mhinistear air son na deadh comhairle a thug e air, agus thill e dhachaidh.
Chaidh gach ni air aghart gu h-iomchuidh, reumail, òrdail gus an robh a’ chuid bu mhò dhe ’n oidhche air a dhol seachad. Bha ’n ùine a’ dol seachad gun fhios dhaibh leis gach comhradh taitneach, agus fearas-chuideachd a bha iomchuidh dhaibh a chleachdadh. Bha ’n deoch làidir an dràsta ’s a’ rithist ’ga cur ann an tairgse na cuideachd. Ach cha b’ urrainnear a radh gu ’n robh coltas na misg air duine gus an robh e faisge air deireadh na h-oidhche. Anns an àm sin dh’ fhàs Eoghainn Bàn cho blàth ’s gu ’n deachaidh e gu bòilich ’s gu straidhlich, a chuir dragh gu leòr air na càirdean, gu h-àraidh air a’ chàraid òig. Mu dheireadh thòisich e ri cur roimhe gu’n suidheadh e anns an teine. Chuir so a’ chuideachd gu mor dhragh-inntinn. Bha na daoine nach robh glé eòlach air an dùil gu ’n robh e air a dhol buileach glan as a rian. Ach bha fhios aig na càirdean nach robh dad cearr air ach na dh’ òl e. Chaidh iad an sàs ann gus a chumail o shuidhe anns an teine; ach mar bu mhò a bha iad a’ deanamh de chomhairleachadh air, agus greim aig ceathrar no còignear dhiubh air, is ann bu déine a bha esan a’ cur roimhe gu ’n suidheadh e anns an teine. Bha Aonghas ’na sheasamh mar a bha càch; ach bha e car ùine a’ leigeadh leis na càirdean a bhith ’ciùineachadh agus a’ comhairleachadh Eoghainn. Mu dheireadh thuirt e, “Leigibh leis an duine chòir suidhe ’na rogha àite na thaigh fhein.” An uair a thuirt e so, thug e Eoghainn a lamhan nan daoine aig an robh greim air. Agus an uair a chunnaic Eoghainn gu ’n robh làn chead aige suidhe anns an teine, cha suidheadh e ann air son rud sam bith.
(Ri leantuinn.)
[Vol . 9. No. 37. p. 2]
Litir o Mhurchadh Cam.
FHIR-DEASACHAIDH GHASDA:— ’S iomadh ceann a chaidh an currachd o’n a sgriobh mi gu MAC-TALLA mu dheireadh, agus gu dearbh cha tugainn am peann as a sgar an drasda mur biodh gun do mhaoidh sibh fein mo cheann ’s mo chluasan orm. Agus b’e sin “gleus ùr air seana mhaidean” (an aois, a dhuine, ’s mi cam!) ’bhi feuchainn ri litir a sgriobhadh idir. Ach coma co-dhiu, cuiridh mi smodar air choireiginn sios mu ’n sguir mi. Gu de ’th’ agad air, na th’ agad dheth, ach gu ’n do chuir sibh fein agus Seumas còir (slàn iomraidh dha!) trusdar moit orm, le bhi ’moladh mo Ghailig. Cordaidh e gle mhath ri seann daoine, mar tha mise, ’bhith gam moladh.
Sgriobhainn roimhe so mar bhiodh gu robh mi feitheamh gus an tigeadh crioch air pairt de na naigheachdan fada bha anns a MHAC-TALLA, ach ’s ann a tha e coltach nach tig an latha sin. Thainig fear dhiubh gu ceann air an t-seachdain s’a chaidh, ’s mar sin cuiridh mi nise gob mo cheaba ’n sàs. Cha ’n ’eil mise gearain orra, ’s mi nach ’eil; bha mi gle thoilichte dhe na MHAC-TALLA. Agus cuiribhse mo sheachd beannachd a dh’ ionnsuidh nam braithrean ’s nam peathraichean uile a tha gabhail MHIC-TALLA. Agus ma tha sibh airson fhaighinn a mach a h-uile Gàidheal aig a bheil suim do chainnt a shinnsir, cha ’n aithne dhomhsa ni na neach a gheibh a mach iad cho cinnteach ris a MHAC-TALLA.
Tha mi ag ionndrainn litrichean nan daoine còire b’ àbhaist a bhi sgriobhadh. Tha e coltach nach gluais bròg no bruidhinn Cona. Tha mi duilich air son sin; fhuair mi eolas math air tre chuid litrichean. Agus Fionn ’us Cabar Féidh, cha do dhichuimhnich mi iad idir, ged a tha e glé choltach gun do threig iad sinn. Agus Bodachan a’ Ghàraidh, ri Taobh an Locha. Tha moran lochan ann—Loch Fada, Loch Leathann, Loch Leurbhai, Loch Cuithir, Loch Mheathullt, Loch Thorciscille, —ma tha e ri taobh gin dhiubh sin, b’ eolach mis’ ann. Ach cha bu toigh leam a bhi ri òs fear dhiubh ’n deigh dol fodha na gréine. Bha iad ag radh gu ’m biodh iad a faicinn an eich-uisge annta; agus tha e ann fhathast cho cinnteach ’s a bha e riamh, mu ’n do mharbhadh e o’n a thainig mise an so. ’Nuair a threobhas e ’n t-iomaire ’tha roimhe ’s docha gu ’n innis am Bodachan còir dhuinn mu’n each-uisge. B’ fhearr leam gun robh mi comhladh ris an drasda ri Taobh na Locha.
Bha geamhradh ciùin againn an so gus an d’ thainig am mios so a staigh; ach tha barrachd ’us “sneachd’ a ghluine” againn a nis. Mur d’ thig an samhradh trath bidh biadh spréidhe gle ghann aig cuid. Tha ’n deigh gle mhath ’s tha moran a gabhail a chothrom a tarruing poll eisirean ’s ga chur air an talamh.
Chaochail moran air an Eilean o ’n thainig a bhliadhna staigh, agus tha moran tinn aig an àm so.
Tha an t-Urramach Calum Caimbeul gu math, ’s bidh sibh toilichte chluinntinn gu bheil a bhean chaomh air taobh a dhol am feobhas.
Tha mo charaid ’s m’ fhear-cinnidh, Aonghas, ann an Sidni. Tha brod na Gàilig aige.
’S fheudar dhomh stad an drasda. Cuiridh mi rudeiginn is fhearr do ’r n-ionnsaidh an ùine gun bhith fada. Co-dhuinidh mi le briathraibh freagarrach a bhaird:—
“Ged chaidh ar sgaoileadh feadh gach cearn
Cha leig sinn bàs na diochuimhn’
Air glinn ar gràidh, ’s na cairdean blàth
Tha tàmh ’s an tìr bu mhiann leinn.”
Slan leibh. MURCHADH CAM.
Bail’ an Tobair, Feb. 25, 1901.
Sgeulachdan Arabianach.
Ganem.
CAIB. VI.
AN uair a fhuair an t-ard-chomhairleach an t-ordugh so o’n righ, rinn e umhlachd dha, agus chuir e a lamh air a cheann mar chomharradh gu’m b’ fhearr leis an cheann a chur dheth na dearmad a dheanamh air an ordugh a fhuair e a chur an gniomh. B’ e cheud rud a rinn e fios a chur a dh’ ionnsuidh a’ mharsanta bu mho a bh’ anns a’ bhaile e chur g’a ionnsuidh pasgan dhe’n t-sioda a cheannaich e o Ghanem, agus fios a thoirt dha c’aite an robh Ganem a’ fuireach. An uair a thill am maor a chuireadh a’ cheann a’ gnothaich so air ais, dh’innis e gu’m b’ ainneamh uair a bha Ganem ri fhaicinn anns a’ mhargadh fad caochladh mhiosan roimhe sid. Ach fhuair e mach far an robh Ganem a’ fuireach, agus ainm na bantraich o’n do ghabh Ganem an taigh.
An uair a fhuair Giafar am fiosrachadh so, dh’ fhalbh e gu’n dail sam bith leis na saighdearan a dh’ ordaich an righ dha a thoirt leis; agus gus an gnothach a dheanamh ann an doigh laghail, thug e leis breitheamh. Thug e leis mar an ceudna saoir is clachairean, agus gach inneal a bhiodh feumail gus an taigh a leagadh gu lar. An uair a rainig iad an taigh, chuartaich na saighdearan e air eagal gu’m faigheadh Ganem cothrom ri teicheadh.
Bha Fetnah agus Ganem an deigh an dinneir a ghabhail. Bha ise ’na suidhe aig an uinneig a bha mu choinneamh na sraide; agus an uair a chual’ i am fuaim a bha nuas an t-sraide, sheall i am mach troimh ’n uinneig. An uair a chunnaic i an t-ard-chomhairleach agus na bha na chuideachd a’ tighinn a dh’ ionnsuidh an taighe, thuig i anns a’ mhionaid gu’m b’ann air a toir fhein agus air toir Ghanem a thainig iad. Thuig i gu ’n d’ fhuair an righ fios air far an robh i, ach cha robh duil sam bith aice gur ann mar sid a ghabhadh e ris an teachdaireachd a rainig e. Cha robh fhios sam bith aice gu’n robh mios o’n a thill e dhachaidh o’n a chogadh; agus ged a bha fios aice gu’n robh e gu nadarra lan dhe ’n iadach, cha do smaoinich i gu’m biodh e ag iadach rithe fhein idir. Ach air a shon sin, ghabh i eagal gu leor an uair a chunnaic i an t-ard-chomhairleach agus na saighdearan a’ tighinn thun an taighe. Cha b’ ann air a son fhein a bha ’n t-eagal oirre idir, ach air son Ghanem; oir cha robh eagal sam bith oirre nach rachadh aice air a dhearbhadh do ’n righ gu’n robh i dileas dha, nan eisdeadh e rithe. Bha tlachd mhor aice do Ghanem araon air son na rinn e de mhath dhi, agus mar an ceudna a chionn gu’n robh e na dhuine uasal og, maiseach, agus tlachdar anns gach doigh, agus thuig i gu ’m faodadh an righ trom dhioghaltas a dheanamh air a chionn gu’n robh e na dhuine uasal og, maiseach.
Air dhi a bhith air a lionadh leis na smaointeannan so, thionndaidh i ri Ganem, agus thuirt i, “Ochan! a Ghanem, tha sin caillte! Is tusa, agus cha ’n e mise, a tha iad ag iarraidh.”
Ghrad sheall e am mach troimh ’n uinneig, agus ghabh e uamhas an uair a chunnaic e an t-ard-chomhairleach, agus freiceadan an righ le ’n claidhnean ruisgte, agus am breitheamh air an ceann, a’ cuartachadh an taighe. Cha b’ urrainn e aon chuid gluasad as an aite ’s an robh e na sheasamh, no aon fhacal a labhairt.
“A Ghanem,” arsa Fetnah, “cha ’n ’eil mionaid ri chall. Ma tha gradh agad dhomhsa, cuir umad aodach fir dha na seirbhesich, agus dubh d’ aodann le suigh. An sin cuir feadhain dhe na soithichean air mullach do cheann. Saoilidh iad gur tu aon dhe na seirbhisich a thainig ugainn as an taigh-ithinnich leis a’ bhiadh, agus leigidh iad leat a dhol seachad. Ma thachras dhaibh fheorach dhiot c’aite am bheil maighstir an taighe, abair riutha gu’m bheil e staigh.”
“Ochan! a bhaintighearna,” arsa Ganem, agus barrachd curaim aige dhise na bh’ aige dhe fhein, “is ann mu m’ dheidhinn-sa a tha curam ort—ciod a dh’ eireas dhut fhein?”
“Na cuireadh sin curam sam bith ort,” arsa Fetnah. “Is e mo ghnothach-sa sin a thoirt fa near. Bheir mise an aire do gach ni a dh’fhagas tu anns an taigh. Agus tha dochas agam gu’n toirear dhutsa e latha eiginn, an uair a thraoghas fearg an righ. Ach feumaidh tu a chorruich a sheachnadh. An uair a bhios e ann am mullach na feirge, is e daoine a chur gu bas a dh’ ordaicheas e.”
Bha Ganem fo leithid de dhoilghios aig an am ’s nach robh fhios aige ciod a dheanamh e. Mur b’ e mar a chuir Fetnah impidh air gus e fhein a chuir as aithne, bha na saighdearan air a ghlacadh gun teagamh sam bith. Ghabh e a comhairle, agus an uair a chuir e aodach seirbhisich air, dhubh e ’aodann le suigh. Agus bha’n t-am aige, oir bha na saighdearan a’ bualadh aig an dorus, agus cha d’ fhuair e fhein is Fetnah ach gann de dh’ uine na dh’ fhag slan aig a cheile. Bha iad le cheile air an lionadh cho mor le bron ’s nach b’ urrainn daibh aon fhacal a labhairt. Dhealaich iad anns an doigh so.
Chaidh Ganem am mach as an taigh agus soithichean air a cheann; agus o ’n a shaoil leis na saighdearan gu ’m bu sheirbhiseach e a bhuineadh do’n taigh-ithinnich a bha faisg air laimh, cha do chuir iad dragh sam bith air. An aite sin, is ann a thug an t-ard-chomhairleach—a’ cheud fhear a thachair ris—ceum as an rathad gus leigeadh leis a dhol seachad agus gun smaointean sam bith aige gu’m b’ e sid a’ cheart duine air an robh toil aige greim a dheanamh. Leig a’ chuid eile dhiubh leis a dhol seachad gun dragh sam bith a chur air. Ann an uine ghoirid fhuair e air falbh as an sealladh gu buileach.
Am feadh ’s a bha Ganem a’ teicheadh air falbh, bha Giafar a’ dol do ’n t-seomar anns an robh Fetnah. Bha i ’na suidhe air langsaid. Agus bha aireamh chisteachan anns an t-seomar, agus iad lan leis an aodach agus leis an airgiod a bhuineadh do Ghanem.
Cho luath ’s a chunnaic Fetnah Giafar a’ dol a steach do ’n t-seomar, leig i i-fhein na sineadh air an urlar, mar gu’m biodh i deas gus am bas fhaotainn, agus thuirt i, “Mo thighearna, tha mi deas gus a’ bhinn sin fhulang a thug Ceannard nan Creidmheach am mach ’nam aghaidh; agus cha’n ’eil agad ach a’ bhinn innseadh dhomh.”
“A bhaintighearna,” arsa Giafar, agus e ’ga leigeadh fhein na shineadh gus an d’ eirich ise ’na seasamh, “Nar leigeadh Dia gu’n cuireadh duine sam bith lamhan mi-naomha ort. Cha ’n ’eil e nam bheachd cron sam bith a dheanamh ort. Cha robh air iarraidh orm ach impidh a chur ortsa agus air a’ mharsanta oga tha ’fuireach ’s an taigh so, falbh comhladh rium do ’n luchairt.”
[Vol . 9. No. 37. p. 3]
“Mo thighearna,” arsa Fetnah, “biomaid a’ falbbh; tha mise deas gus do leantuinn. Ach a thaobh a’ mharsanta a ghleidh mo bheatha dhomh, cha’n ’eil e an so. Tha mios o dh’ fhalbh e gu ruige Damascus air cheann gnothach dha fhein, agus dh’ fhag e na cisteachan so air mo churamsa gus an till e. Tha mi guidhe ort gu’n toir thu fa near an giulan do’n luchairt, agus gu’n ordaich thu iad a bhith air an gleidheadh gu tearuinte a chum gu’m bi comas agamsa air cumail ris a’ ghealladh a thug mi dha.”
“Ni mise mar a tha thu ag aithneadh dhomh,” arsa Giafar. Agus gun dail thug e ordugh do phortairean na cisteachan a thoir do ’n luchairt, agus an cur air curam Mhesrour.
Cho luath ’s a dh’ fhalbh na portairean leis na cisteachan, thug Giafar ordugh do ’n bhreitheamh an taigh a rannachadh feuch am faighteadh Ganem, agus na dheigh sin a h-uile clach dhe ’n taigh a leagadh gu lar. Ged a thuirt Fetnah nach robh Ganem a stigh, bha amhrus aca nach d’ innis i an fhirinn.
An sin chaidh Giafar am mach agus thug e leis Fetnah agus an dithis mhnathan-coimhideachd. Cha do chuireadh dragh sam bith air na seirbhisich a bh’ aig Ganem. Chaidh iad fhein agus na thainig de shluagh thun an taighe am measg a cheile, agus cha ’n ’eil fhios ciod a thachair dhaibh.
Cha bu luaithe a chaidh Giafar am mach leis na mnathan na thoisich na clachairean agus na saoir ri leagadh an taighe, agus chaidh iad ris an obair cho sgoinneil ’s nach robh clach air muin cloiche dheth ann am beagan uairean. Ach o nach d’ fhuair am breitheamh Ganem anns an taigh an deigh dha a’ rannsachadh gu math ’s gu ro mhath, chuir e fios a dh’ ionnsuidh Ghiafair a dh’ innseadh mar a bha, agus fhuair e am fios mu’n d’ rainig e an luchairt.
An uair a chaidh Giafar a steach do’n t-seomar anns an robh an righ, thuirt an righ ris, “Seadh, an d’ rinn thu mar a dh’ ordaich mi dhut?”
“Rinn,” arsa Giafar. “Leagadh a h-uile clach dhe’n taigh anns an robh Ganem a’ fuireach thun an lair, agus thug mi Fetnah do ’r n-ionnsuidh. Tha i aig dorus an t-seomair, agus gairmidh mi steach i ma dh’ iarras sibh orm. Mu dheidhinn a’ mharsanta oig, dh’ fhairtlich oirnn fhaighinn, ged a rinn sinn mion-rannsachadh air a shon. Agus tha Fetnah ag radh gu’m bheil mios o ’n a dh’ fhalbh e.”
Cha robh duine riamh ann an corruich na bu mho na bha ’n righ an uair a chual’ e nach d’ fhuaradh greim air Ganem. Mu dheidhinn Fetnah, air dha ’bhith ’creidsinn nach robh i dileas dha, cha’n fhuilingeadh e a fhaicinn, agus idir cha bhruidhneadh e rithe. “Mhesrour,” ars’ esan, ri ard-cheannard nan caillteanach, “thoirt leat Fetnah, an creutair neo-thaingeil, mealltach ud, agus glas a stigh anns a’ phriosain dhorcha i.”
Bha ’m priosan dorcha ud ri taobh an luchairt, agus b’ ann a bhiodh an righ a’ glasadh gach aon de na mnathan a bhiodh a’ cur corruich air.
O ’n a bha Mesrour gu tric a’ deanamh mar a bhiodh an righ ag aithneadh dha, co dhiubh a bhiodh an t-ordugh ceart no cearr, thug e umhlachd do ’n aithne a thug an righ dha, ged nach b’ ann le a lan thoil. Leig e ris dhi nach robh e toilichte. Agus bha doilghios gu leor oirre, o’n a bha i ’ga deanamh fhein cinnteach gu’n eisdeadh an righ rithe. B’ eiginn di a bhith umhail do’n ordugh a thug an righ seachad, agus mar sin lean i Mesrour do ’n phriosan dhorcha far an d’ fhag e i.
An t-Urr. Alasdair Stiubhart, LL. D.
“Braigh Lochabair.”
RUGADH an sàr Ghàidheal so ann am Beinn-a- faoghla anns a bhliadhna 1829. Thainig teaghlach ’athar do ’n Oban nuair a bha esan ’na ghill’ òg, agus is ann ’sa bhaile sin a fhuair e a cheud chuid de fhoghlum. Anns a bhliadhna 1843 chaidh e do Oil-thigh Chill-ribhinn, agus an deigh dha bhi ullamh ionnsachaidh an sin agus cead searmonachaidh fhaotainn bha e air a shuidheachadh ann an sgireachd Bhailechuilis agus Ard-ghobhair mar mhinistear Eaglais na h-Alba. Ged a fhuair e uair us uair cothrom air faotainn do sgireachd a b’ fhearr, dh’ fhuirich e ’na cheud pharaiste, far ’n do shaothraich e gu dileas dlùth air leth-cheud bliadhna. Fhuair e o chionn fhada deagh ainm mar sgriobhadair. Fad còrr us da fhichead bliadhna bha litir uaithe ann an Courier Inbhirnis gu riaghailteach da uair ’sa mhios. Bha eòlas farsuing air eachdraidh agus gnàths nan Gàidheal air a nochdadh anns na litrichean so, agus bha iad mar an ceudna lan de dh’ fhiosrachadh a thaobh eachdraidh nàdurra na dùthcha. Chaidh moran de na litrichean so a chur am mach ann an da leabhar air am bheil mor mheas aig na h-uile tha ’gabhail tlachd ann an nithean Gàidhealach. Mar shearmonaiche bu choingeis leis an Dotair Stiubhart Beurla no Gàilig; ach iadsan a thuigeadh an da chainnt, b’ fhearr leotha gu mor a chluinntinn a searmonachadh na cainnt mhàtharail, oir bha e anabarrach comasach innte, agus theireadh e-fein gur ann innte, b’ fhearr leis labhairt. Bha e ’na dhuine caoimhneil, toilichte, aig an robh càirdean anns gach cearna de ’n Ghàidhealtachd, air am bheil an diugh mulad mor a chionn nach fhaicear e ’s nach cluinnear a ghuth leotha tuilleadh. Cha robh e faotainn a shlàinte o chionn còrr us bliadhna, agus air an t-seachdamh latha deug de Ianuaridh chaochail e. Dh’ fhàg e bantrach, aona mhac agus dithis nighean. Bidh a chuimhne cùbhraidh an tir nam beann ’s nan gleann gu ceann iomadh latha ’s bliadhna.
Litir a Ceap Nor.
MU thoiseach a mhios so dh’ eug an treas leanabh air Daibhidh Mac-a- Phearsain, (Mac Neill) air an d’ thug mi iomradh an litir a mhios s’a chaidh; agus an dara leanabh air Iain Fitzgerald. Tha eagal air cuid gur h-i an amhach ghoirt a tha air a bhi ’s na teaghlaichean ud, ’s air an aobhar sin tha cuid dheth ’n chloinn nach eil a’ dol an coir na sgoil ’s a chearna sin dheth ’n àite. Air an la mu dheireadh de Ianuaridh dh’ eug Gilleasbuig Domhnullach, an deigh a bhi tinn mu thri seachduinean. Rugadh e ’s an Eilean Sgiathanach anns a bhliadhna 1810. Thainig e fein agus Alasdair mór, a bhrathair, a mach gu Ceap Breatunn anns a bhliadhna 1829. An deigh dhoibh a bhi ’g obair car uine ann am meinnean guail Shidni, chaidh Gilleasbuig gu Boston, far an robh e ’n seirbhis aon duine fad iomadh bliadhna, agus iad fior mhiosal air a cheile. B’ ann as a bhaile sin a thug Gilleasbuig a bhean, agus tha i fathast a lathair. Bu bhan-Gheancach i, agus is iomadh sgeul a rachadh aice air aithris mu shluagh agus suidheachadh an àite so an àm dh’ ise teachd ann maille ri ’companach. Bha mi ’na cainnt car uine ghearr la an adhlacaidh, agus am measg iomadh ni eile air an d’ rinn i iomradh rinn i moladh mor air cho caoimhneil ’s a bha i ’faotuinn an t-sluaigh ged thainig ise ’n am measg gun fhacal Gàilig ’na cheann. Tha i ’m barail gu’n robh daoine ’s na laithean ud ni bu chàirdeile ri ’chéile na tha daoine an la’n diugh.
Dheth na bha dhaoine mora ’s an t-saoghal ’s an linn a tha nise seachad, ’s gann nach toireadh i an t-àite b’àirde do’n Onarach W. E. Gladstone nach maireann. Gun teagamh sam bith bu duine fior dhiadhaidh Gladstone. Dhearbh e sin le ’dheadh chaithe beatha ann an iomadh doigh, a dh’ aindeoin ’s na theireadh a naimhdean calg-dhireach an aghaidh sin. Is cuimhne leam a bhi ’leughadh o chionn beagan bhliadhnaichean air ais mu cho-chruinneachadh mor sluaigh ris an robh Gladstone gu labhairt am baile araidh an Sasuinn. B’ ann le duin’ uasal araidh a thugadh Gladstone an lathair an t-sluaigh; agus theann e ri mholadh dhoibh le radh gur e aon ni a bha ri radh air taobh Mr. Gladstone gu’m bu duine e air an robh eagal a Chruithfhear; ach mus d’ fhuair e dol ni b’ fhaide air adhart ’s ann a freagair neach eiginn dheth na bha ’lathair, ag radh, “Agus cha ’n ’eil duin’ eile ’s an t-saoghal so aig am mò bheil a dh’ aobhar.”
’S cinnteach nach robh Gladstone an duil gu’n robh e comasach dhàsan dol as o’n t-seorsa ud ni’s mo na bha e comasach do mhuinntir eile. Bha e strì ri bhi cho feumail anns an t-saoghal ’s a bha ’na chomas cho fad ’s a mhair la a chothrom, agus bha e ullamh gu cùl a chur gu buileach ri barail mhearachdach sam bith a dh’ fhaodadh e bhi ’g altrum, cho luath ’s a chitheadh e gu’m bitheadh i mar sin. ’S docha mur biodh sin fior mu thimchioll nach robh e air an radh fior agus luachmhor so fhagail againn: —An ti nach atharraich barail cha cheartaich e mearachd gu brath. “He who never changes an opinion never corrects a mistake. ”
M. D.
Ceap Nor, Feb. 28, 1901.
A’ Cuideachadh a Mheairlich.
Bha Iain Dubh us Domhull Mor a fuireach faisge air a cheile. Bha Domhull Mor ’na thuathanach, a bha le saothair a dha laimh fhein ’s cuideachadh a dheagh mhnatha ann an cothrom laghach. Bha fearann briagh aige, air obrachadh gu dòigheil, agus stoc math de chrodh ’s de chaoraich air uachdar, a bharrachd air an da each leis an robh e ’ga obrachadh. Cha robh Iain Dubh cho math sin air a dhòigh. Cha robh am fearann aigesan ach air dhroch obrachadh, cha robh ach àireamh bheag de chrodh ’s de chaoraich aige, agus aon each. Bu duin’ e nach robh gle mheasail ’sa chomhearsnachd: bha amhrus aig daoine gu robh e car fada ’sna làmhan, agus bu mhath leotha, nuair a bhiodh e mu ’n cuairt, gach ni air an robh iad a’ cur luach a chumail as a shealladh.
Aon latha bha Domhull Mor a gabhail an rathaid faisg air an àit aige fhein, agus co a thachair air ach Iain ’se na sheasamh air meadhoin an rathaid-mhoir, an t-each ruadh air shréin aige agus da mholt mhor air an ceangal ri cheile ’nan sineadh aig a chasan. “Ma ta, ’s mi tha toilichte gu ’n do thachair dhut tighinn,” ars’ Iain, an deigh dhaibh a chéil’ fhàilteachadh. “Tha da mholt agam an so a bha mi toirt dhachaidh á àite mo bhràthar; thuit iad bhar an eich orm an so, agus tha e air dubh-fhairthleachadh orm an cur air a mhuin a rithist.” Thug Domhull làmh chuideachaidh dha; fhuair iad na muilt a chur suas; chaidh Iain an ceann an eich ruaidh, ’s dh’ fhalbh e dhachaidh leotha, a toirt iomadh taing do Dhomhull; agus ghabh Domhull a rathad fhéin.
Toiseach a gheamhraidh, nuair a thòisich na tuathanaich air cruinneachadh ’s air àireamh an cuid chaorach, bha Domhull Mor ann an trioblaid; bha ’n da mholt a b’ fhearr a bh’ aige air chall, agus ged a chaidh e shealltuinn air an son anns gach treud a bha mu fhaisg choig mile dha, cha d’ fhuair e sgeul no forfhais orra. Cha b’ ioghnadh ged nach d’ fhuair. ’S iad a chuir e-fhein air muin an eich ruaidh còmhla ri Iain Dubh!
[Vol . 9. No. 37. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, AM MART 15, 1901.
Morair Salisbury.
THA aon de phaipearan-naigheachd Lunnuinn— “Truth” —paipear, ma tha e ri ghabhail a reir ainme, do nach bu chòir breug innse, a labhaist mar a leanas mu Mhorair Salisbury:—
“Tha e gu tric air aithris gu bheil Morair Salisbury a’ cur roimhe a dhreuchd a leigeil dheth, agus gu bheil falluinn a Phriomhair gu tuiteam air mac a bhràthar. Is e àireamh gle bheag aig am bheil fhios co-dhiubh tha no nach eil na fhathunnan so fior, agus cha’n eil mise air aon de ’n àireamh bhig sin. Ach tha aon ni cinnteach. Ma leigeas Morair Salisbury dheth an dreuchd, cha ’n e Mr. Chamberlain a ghabhas àite. Is math a bhi cinnteach á sin féin. Bhithinn féin co-dhiubh duilich am Morair a chur dheth na dreuchd ’sam bheil e. Ged nach eil a ghuth daonnan os ceann chàich ann an comhairle ’n riaghlaidh, cha ’n eil uair a thogas e i nach ann air taobh an ni a bhios ceart. Cha duine cuilbheartach idir e. Cha ’n eil e ’na thràill do phàirtidh no a toirt lan ùmhlachd do bhuidhinn sam bith ann an cùisean-riaghlaidh. Tha a bheachdan a thaobh ar dàimh ri dùthchannan eile am bitheantas fallain. ’S e choire ’s motha tha ri chur as a leth mar fhear-stàite nach eil e cho misneachail ’sa b’ fheaird e bhith. ’Nuair a bhios e doirbh dha a bheachdan a chur an gniomh, leigidh e le soitheach na stàite dhol leis an t-sruth. Mar fhear-stiùiridh cha ’n eil greim ro-làidir aig air an stiùir.”
Tha muinntir na h-Alba a’ tòiseachadh ri ’n guth a thogail an aghaidh an Righ a bhi air a chrùnadh fo’n ainm “Iomhar a Seachd.” Cha robh righ de’n ainm Iomhar air Alba riamh gu so fhéin, agus cha robh air Eirinn ach a h-aon. Cha ’n eil an t-ainm “Iomhar a Seachd” mar sin a freagairt idir a thaobh Alba agus Eirinn. ’Se ’n t-ainm bu choir dha a ghabhail, ainm leis am biodh a chuid iochdaran uile lan riaraichte, “Iomhar a h-Aon.” Cha robh na h-Iomhair a bh’ ann roimhe nan righrean ach air Sasuinn a mhàin. Tha esan, a bharrachd air sin, ’na righ air Alba, Eirinn, na h-Innsean, Canada, Australia, New Zealand, agus earrann mhor de dh’ Africa; agus is e da-rireadh a’ cheud Iomhar a tha rioghachadh thairis air an Impireachd Bhreatunnaich. Tha Sasunn ann an tomhas mor a slugadh suas gach urram ainme a bhuineas do ’n Impireachd, ’sa cur chòirichean nan rioghachdad eile air chùl. ’Se “Righ Shasuinn,” “parlamaid Shasuinn,” agus “an t-arm Sasunnach,” is trice gu mor a chluinnear ’sa chithear na “righ Bhreatunn,” “parliamaid Bhreatunn,” agus “an t-arm Breatunnach,” ged is iad sin na h-ainmean dligheach. Is còir do na h-Albannaich uile seasamh gu duineil an aghaidh a bhi mar so a’ deanamh dimeas air an dùthaich, agus tha sinn an dòchas gun tog iad an guth cho sgairteil ’s gu feumar éisdeachd riutha, agus gu ’m bi an righ air a chrùnadh, cha’n ann fo’n ainm Shasunnach “Iomhar a Seachd,” ach fo’n ainm Bhreatunnach “Iomhar a h-Aon.”
Cha’n eil teagamh sam bith nach eil an cogadh ann an Africa mu Dheas a dlùthachadh ris a’ chrich. O chionn corr us seachdain tha an Seanalair Botha agus an Seanalair Citchener a’ feuchainn ri tigh’nn gu còrdadh, agus a nise tha’n sgeul air tighinn gu bheil an Seanalair De Wet a tighinn far am bheil iad agus gu bheil e ro choltach gu’n dean e-féin us Botha an airm a leigeil sios air chumhachan a bhios taitneach do Bhreatunn agus nach bi tàmailteach dhaibhsan. Tha sith air a gairm gus an cuirear a chùis an darna thaobh. Tha sinn an dòchas gu’n tig iad gu còrdadh, agus gur h-i ’n sgeul a bhios againn ri innse air an ath seachdain gu bheil cogadh aimhealach, sgriosail Africa mu Dheas seachad, agus gu bheil sith a riaghladh anns an tir a bha o chionn corr us bliadhna làn de chreach ’s de dhòrtadh fala.
Chuala sinn dithis no triùir de luchd-gabhail MHIC-TALLA o chionn ghoirid a’ gearan nach eil an paipear cho math ’sa bha e anns na bliadhnaichean roimhe so. Bha sinn fhein am barail gu robh e na b’ fhearr na bha e riamh, agus gur ann a sior dhol na b’ fhearr a bha e, ach theagamh gu robh sinn am mearachd. “Is math an sgàthan sùil caraid,” ars an seanfhacal, agus tha sinn a nise toileach deuchainn a chur air an sgàthan sin. Tha sinn a toirt cuireadh do ar càirdear uile am barail a toirt dhuinn a thaobh MAC-TALLA, am bheil e dol na’s fhearr no na’s miosa. Tha dòchas againn nach e ann a dol na’s miosa tha e, ach ma nochdar dhuinn gur ann mar sin a tha, ni sinn ar n-uile dhichioll air a chur air an t-slighe gu bhi na’s fhearr na bha e riamh. Freagradh gach neach gu saor agus gu soilleir na ceistean a leanas—Am bheil MAC-TALLA na d’ bharail-sa cho math ’sa bha e bliadhnaichean roimhe so? Ciod a choire no na coireannan a tha thu faotainn dha? Agus ciod an seòrsa leughaidh bu mhath leat a bhi ann nach eil thu faotainn ann aig an àm so?
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Confederation Life Association.
Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871.
ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich.
Earras $8 ,000,000. Urrasachadh an Greim $33 ,000,000.
Teachd-a- stigh os Ceann Millean ’sa Bhliadhna.
Cha ghabh na Policies bristeadh—Tha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh.
F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.
Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’s BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 37. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Nuair a thòisicheas na treineachan air tim-chlàr an t-samhraidh, ri ruith cha ’n eil fhios nach bi iad a dol gu Louisburg. Tha am baile sin agus Glace Bay a nise air fàs mor, agus airidh air deisealachdan nach eil iad aig an àm so a mealtuinn.
Chaochail an t-Olamh Tearlach Domhnullach ann a Halifacs maduinn Di-luain. Bha e ’na fhear-teagaisg ann an oil-thigh Dalhousie ’sa bhaile sin o chionn ochd bhliadhna air fhichead. Bha e ’na ard-sgoilear. Rugadh e ann an Alba, agus fhuair e fhoghlum ann an oil-thigh Abaraidhean. Bha e na mhinistear dhe’n Eaglais Stéidhichte, agus na shearmonaiche ro-thaitneach. Cha d’ fhag e de theaghlach ach aon mhac.
Tha bailtean St. John agus Halifacs ag obair gu dian feuch co aca gheibh cuideachd a thòisicheas air togail shoithichean anns na puirt aca. Tha iad le cheile an deigh mu dha cheud mile dolair a bhòtadh mar chuideachadh do chuideachd làidir sam bith a thòisicheas air an obair. Tha Mr. Moxham a’ chomhairleachadh dhaibh gun a bhi ’g obair an aghaidh a chéile, agus ag radh gur fhearr do mhuinntir nan roinnean iochdrach air fad a bhi aonaichte mu’n chùis, an obair a chur air adhart far an fhearr a phàigheas i, agus gun deanadh sin aig a cheann mu dheireadh an aon fheum dhaibh uile.
Tha an droch ceann-fodha air na daoine dubha anns na Staidean a Deas. Tha e air innse gu bheil, ann an cearna de Charolina Deas, moran dhiubh air an ceangal ri maighstirean ’s air an obrachadh gun tuarasdal, gun duais, direach mar a bhatar a dheanamh riutha mu’n robh iad air an saoradh o chuig na tràille. Tha so air a dheanamh le toirt air na daoine truagha an ainmean a chur ri cumhnantan cruaidhe, ’s gu’n fhios aca ciod a th’annta, agus le thoirt a chreidsinn orra an sin nach ceadaich an lagh dhaibh na cùmhnantan so bhristeadh. Ach tha an lagh a nise an tòir orra-san a bha ris na h-ais-innleachdan sin; chaidh àireamh dhiubh a thoirt gu ceartas mar tha ’sa pheanaisteachadh gu trom, agus tha tuilleadh dhiubh ri bhi air an toirt gu cùirt gun dàil.
Tha bruidhinn nach gann ann an Sidni air an t-seachdain so a thaobh nan sgoilean. Ann an searmon a rinn an t-Urr. Tearlach Heustis, ministear nam Methodach, oidhche na Sàbaid s’a chaidh, tha e ’cur os leth sgoilean a bhaile nach eil iad idir mar bu chòir dhaibh a bhith, gu bheil droch cainnt agus mi-bheus am measg na cloinne nach bu chòir a cheadachadh, agus nach eil luchd-teagaisg na sgoil ag amharc thairis orra mar is e an dleasdanas a dheanamh. Thug esan a chlann fhéin as an sgoil air eagal iad a bhi ’g ionnsachadh an uile o chàch, agus tha e gan teagaisg aig an tigh. Tha Mr. Stiùbhart, ceannard na sgoile, ag àicheadh sin uile ’s ag radh nach eil facal firinn ann an easaid Mhr. Heustis, gu bheil na sgoilean air an cumail a reir na riaghailt, agus gu bheil an luchd-teagaisg a’ deanamh an dleasdanas gu dìleas a thaobh na cloinne. Tha bòrd na sgoile a’ dol a rannsachadh an cùise gan dàil, agus ma tha casaid Mhr. Heustis fior nithear ionnsuidh a thoirt air cùisean a leasachadh.
Is i Breatunn am measg uile rioghachdan an t-saoghail, a’s motha neart air a’ mhuir, agus is i Ghearmailt an rioghachd a’s motha neart air tir. Tha an da rioghachd mhor so an diugh nan dlùth-chairdean d’a chéile, agus fhad ’sa mhaireas iad mar sin, cha bhristear sith an t-saoghail, oir cha dàna le rioghachd sam bith eile cogadh a ghairm an aghaidh aoin seach aoin dhiubh.
Bha teine beag anns a bhaile oidhche Di-sathuirne s’a chaidh. Bha da thigh air an t-sràid iseil air an losgadh gu dona. Bha stor feòla aig Grantmyre ann am fear de na taighean. Bha teaghlach a fuireach anns gach tigh, agus bha ann am fear dhiubh mar an ceudna àite creic stuth làidir, aon de na h-àiteachan sin leis am bheil baile Shidni aig an àm so air a bheannachadh gu pailt.
Ged a thug luchd-riaghlaidh an rathaid-iaruinn uainn an express luath tha iad a nise deanamh tròcair oirnn ’sa toirt dhuinn freight luath ’na h-àite. Tha an carbad so a tighinn a stigh do Shidni mu thri uairean ’sa mhaduinn, ’sa fàgail beagan an deigh deich uairean. Tha sinn ag earbsa gu’n dean an trein luath so an cuid bathair a thoirt dh’ionnsuidh nam marsantan an àm iomchuidh. Roimhe so ’nuair a chuireadh marsanta dh’ iarraidh bathair, cha robh aige ach a bhi’n dòchas gu’n tigeadh o mu ’m biodh e air a chur o fheum air le aois no le dolaidh.
Tha Andra Carnegie an deigh coig mile deug dolair a thairgse do Shidni air son togalach leabhar-lann (library) a chur suas; tha so air chumha gu’m bi an leabhar-lann saor, agus gu’n cuir am baile coig ceud deug dolair air leth na h-uile bliadhna air son a chumail air adhart agus tuilleadh leabhraichean a chur ’na cheann. Tha Mr. Carnegie anabarrach beairteach—tha mu choig millein deug dolair ’sa bhliadhna de theachd-a- steach aige. Tha e gle fhialaidh m’a chuid airgeid, agus cha’n eil ni a’s docha leis a dheanamh na àireamh mhiltean a thoirt seachad do bhailtean, beag us mor, air son leabharlann. Tha sinn an dòchas gun gabhar ris an deagh thairgse tha e nise toirt do’n bhaile so.
Chuireadh gu bàs àireamh de cheannardan an àir-a- mach ann an Sina, ach tha Prionnsa Tuan, ceannardan nam Boxers, beò fhathast agus saorsa thoile féìn aige. Tha Ruisia gun teagamh an deigh seilbh a ghabhail air Manchuria, agus tha na beachd an t-seilbh sin a chumail mur cuir na rioghachdan mor’ eile na h-aghaidh. Tha Breatunn gle dheònach sin a dheanamh, ach cha’n urrainn dhi a dheanamh ’na h-aonar. Tha i air son gu’n seas na Staidean ri ’cùl anns a’ chùis, agus ma sheasas, feumaidh Ruisia a greim fhuasgladh. Bidh fhios an ùine ghearr ciod a tha ’m beachd nan Staidean a dheanamh. Tha e gle mhi-fhortanach nach eil na Rioghachdan Mora na’s aontaichte na tha iad; na’m bitheadh iad mar sin, dh’ fhaodadh an troimhe-cheile ann an Sina a bhi thairis fada roimhe so. Ach cha’n ’eil ’s cha robh iad aontaichte, agus air an aobhar sin tha cùisean mar a tha iad. Bhiodh an àireamh mhor dhiubh lan dheònach air Sina a roinn mur b’e an t-eagal a th’air gach aon nach faigheadh i féin an roinn bu mhotha.
Cha ’n eil sinn cruaidh ort!
Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10—bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1 .15—tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.
H . H. Sutherland & Co.
Bathar Cruaidh
Tha sinn a’ cumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.
Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de
BHIADH BHEOTHAICHEAN,
tha na tha againn ’nan deagh chunnradh.
Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1 .30 am poca.
Biadh Pronn—Corca, Corn agus Crithneachd.
Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann.
Tha beagan bharailean dhe ’n fhlur mhath a bha sinn a creic air $4 .00 againn fhathast.
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.
F . & J. MORLEY.
[Vol . 9. No. 37. p. 6]
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XXXI.
Air madainn an ath latha chual iad gun robh an t-àite so de’n dùthaich gu bhi air a chuartachadh le luchd-tòireachd, uime sin thog iad orra n’ a b’ fhaide gu tuath, agus m’a thrì uairean sa’ mhadainn, (air an t-seachdamh latha fichead de ’n mhìos) raing iad Gleann-Seile ann an Ceann-tàile. Bha nis’ an cuid bìdh air teirigeachadh; chaidh dithis de’n phàirti air tì bìdh a cheannach agus an dithis eile a dh’ fheuch am faigheadh iad gille dheanadh an treòrachadh thar nam monaidhean gu ruige Poll-Iù, far an cual iad a bha dà long chogaidh Fhràngach ’nan laidhe, a thainig a los Tearlach a ghiùlan a Alba gu ruig an rìoghachd sin. Cheannaich a chiad dithis biadh bho thuathanach ann an Gleann-Seile da ’m b’ainm Gille-Criosd Mac-Rath, ach dh’ fharlaich air an dithis eile gill’ fhaotainn a threòraicheadh iad gu Pol-Iù, a thaobh cuideachdan dheth an arm dhearg a bhi feagh gach àite de ’n dùthaìch, bho Chille-Chùimean gu port an t-Sròim.
Thainig a phàirte bheag so aon uair eile an ceann a chéile, an deigh thighinn tro iomadh gàbhadh, oir cha bu lugha na trì cuideachdan dheth an arm dhearg a chunnaic iad air an turas do’n Ghleann. ’Nuair a shuidh iad gu biadh ann an glaic uaignaich chunnaic iad duine tighinn le leathad ’nan dàil ’na dheann ’s cha b’ fhada gus na sheas e’n taice riu a’s anail ’na uchd. Dh-aithnich fear Ghlinn-Aladail an duine, fear do Dhòmhnullaich Ghlinne-Garaidh a bh’ ann; bha e maille riu ann an cogadh Thearlach anns gach blàr a chuir iad, agus bha e na dhiùlach tapaidh, ged a b’ eiginn da teicheadh á dhuthaich fein le eagal nan saighdearan dearga a bha ’n tòir air a bheatha, agus a bha an deigh athair a mharbhadh an latha roimhe sin. Chuir iad muinntearras air an dnine so gu bhi na cheann-iùil daibh air feadh nan dùthchan ma thuath agus phill Dòmhnull Cameron dachaigh gu Dùthaich Loch-Iall.
’Nuair a thainig a mhadainn, thuirt an duin’ á Ghleanna-Garadh gu ’m b’ eol da prasgan fhògarrach a bha chòmhnaidh fagus do’n àit’ anns an robh iad ’nan seasamh, agus ’nan gabhadh iad os làimh an aire ’thoirt air Tearlach, gu’n cumadh iad tearaint’ e ge b’oil le feachd rìgh Seòras. B’iad so seachdnar cheathairneach ainmeil Ghlinne-Moireaston. Bha iad maille ri Tearlach féin anns gach blàr a thug e; agus an deigh latha chail-Fhadair chunnaic iad na bh’ aca de spréigh air an giùlan air falbh mar chreich do ’n nàmhaid; chunnaic iad cuid de ’n càirdean d’a mort leis an àrm-dhearg mar bhiastan nimhe, agus cuid eile dhiu d’ an giùlan air falbh, mar thràillean gu deireadh an laithean a chaitheamh, ann an daorsa measg choigreach gun treòcair ann an tìr chéin. Chunnaic iad an athraichean mar chuspairean àbhachd ro ghunnaidhean nan Gall, am màthraichean agus am peathraichean agus an cuid ban a’ bàsachadh a chin bìdh, agus an leanbanan a chion baine, agus aitribhean còmhnaidh an sinnsir ga ’n losgadh gu làr! Leis gach nì dhiu sud bha ’n cridheachan air an cruadhachadh an aghaidh an Diùc, agus an inntinnean air glacadh misnich, air chor ’s gu ’n cheangail siad iad-féin ann an cùmhnanta agus thug iad bòidean air an cuid biodag nach dealaicheadh iad ri chéile agus nach geileadh iad do ’n righ cho fad sa bhiodh boinne de ’n fhuil blàth ’nan cuislean, agus nach dealaicheadh iad rin cuid àrm cho fad sa’ bhiodh an deò nan cré. Bha iad seachdnar an’ àireamh: —Pàdruig Grannd, (tuathanach ris an canadh muinntir na dùthcha “Pàdruig dubh a Chrasgaidh. ”) Iain Dòmhnullach, Alasdair Dòmhnullach, Griogair Mac-Ghriogair, agus triùir bhràithrean, Alasdair, Dòmhnull, agus Uisdean Siosal; ach air do ’n Phrionnsa thighinnn còladh riu thainig fear eile nan ceann da’ m b’ ainm Uisdean Mac-Mhaolain, chaidh esan fo na bòidean ceudna chaidh càch. Bha na ceathairneich so a gabhail còmhnaidh ann an uaimhean nam beann a creach agus a màrbhadh gach duine chìtheadh iad a bhuineadh do ’n àirm dhearg, agus bu tric a phill iad na creachan a bha muinntir an Diùc a’ togail bho shluagh eile na dùthcha.
A thaobh gur ann fo thearmunn nan gaisgeach so a bha Tearlach a nise gu dhol, mu ’n téid mi nis faid air m’aghaidh ann an eachdraidh a mhòrachd rìoghail, aithriseam cuid de ghniomhan euchdach nan gaisgeach. Ma fhichead latha as deigh blàr chuil-Fhodair, bha seachdnar shaighdearan dearga air thuras á Cille-chuimein gu Gleann-Eilge. Bha dà each aca so a’ giulan chliabh làn de dh’ aran crionachd agus do dh-fhion. Thachair na saighdear an so ri ceathras de cheathairneich Ghlinne-Moireaston ann an àite garbh dlù do’n t-slighe, agus gun fhacal a ràdh loisg iad an ceitheir urchraichean comhladh, agus thuit dithis de na saighdearan gu ’n éiridh tuilleadh. Ghlac maoim an cùignear eile, agus thug iad am buinn as a fagail nan each, agus nan sac ’nan deigh. Thiodhlaic na ceathairneich an dìthis mharbha, leig iad na h-eich fa-sgaoil, agus ghiùlain iad na cléibh arain a’s fhiona a chum na h-uaimhe ’m braigh a’ Ghlinne. An ceann da latha an deigh sin, thachair iad ri Rob Grannd duine ’mhuinntir Shrath-Spé, a bha dol mu ’n cuairt a bhrath cho liugha dheth na Gàeil a dh-éirich le Tearlach sa’ chitheadh e. Thilg iad esan mar an ceudna, sgar iad a cheann bho chorp agus cheangail iad e le gad
AODAICHEAN DEANTE
COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.
Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.
F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
[Vol . 9. No. 37. p. 7]
seilich ri craoibh chaothrain os-ceann an rathaid mhòir ann an Gleann-Moireaston, mar shùlachan do gach luchd dò-bheirt eile de ’n t-seòrsa sin a ghabhadh an t-slighe.
An ceann cheithir latha an deigh so thachair iad ri buachaille a dh’ innis dhaibh gun tug na saighdearan dearga an croth air falbh bho bhrathair athar Phàdruig Ghrannd, gu ’n thachair iad risan air iomain gu Ghleann-Eilge, agus gun robh iad mar àm fagus do Chnoc-Lundaidh. Cha bu luaithe chuala na ceathairneich so na dh’ fhalbh iad nan seiseir air an tòir, agus cha do stad iad gus an deach iad air thoiseach air na saighdearan (a bha ma dheich duine fichead an àireamh agus dithis oifgeach) an ionad de ’n rachad a bh’ air a ghearradh tro phreasan a’s gharbhlach, sheas na ceathairneich os an ceann air a bhruthaich, agus loisg iad làd nan seachd gunna sios air na saighdearan a ghabh a leithid a’ dh’ uabhas is gu’ n theich iad air falbh le’m beatha gun sealtainn aon uair as an deigh gus an d’ rainig iad Cille-Cheumein, a fagail each air an robh dà chliabh làn arain chrithneach a’s feòla, uisge-beatha, branndaidh, siùcar, agus pailteas tombaca! ’Nuair a thiodhlaic na ceathairneich na bha marbh de na saighdearan, chaidh cùignear dhachaigh leis a’ chroth, agus an dithis eile leis na cléibh a bh’ air an each, ni air an robh iad gle shòghar fad ioma latha.
Bha ’m Prionnsa nise ro dheonach dol a chomhnaidh maille ris na ceathairneich so, n’am b’e is gu ’m biodh iad air son da dhol ann; air an aobhar sin dh’ fhalbh bràthair Fhir Ghlinn-Aladail, agus an duine mhuinntir Ghlinne-Garaidh ma thri uairean sa’ mhadainn (air an naoidheamh latha fichead de ’n mhìos) do ’n bheinn anns an robh iad a chòmhnaidh. Air dhaibh na ceathairneich fhaotainn, thuirt bràthair Fhir Ghlinn-Aladail riu, gun robh Tighearn’ òg Chlainn-Raonaill air fògar fagus do’n àite, agus gu’n robh e air son fasgath agus dìon fhaotainn uapa-san, nan deonaicheadh iad sin a thoirt dha. Thuirt na ceathairneich fhiùghantach gu ’n deònaicheadh iad le ’n uile chridhe, esan a thighinn agus gu ’n nochadh iadsan dha gach caoimhneas a bha ’nan comas, agus chur iad fios da ionnsaidh e thoirt coinneamh dhaibh ann an uamhaig Choirre-ghoth ’am Bruthaichean Ghlinne-Moireaston aig uair shònraichte, agus gu ’n gabhadh iad cùram dheth. Thog am Prionns’ agus a luchd-leanmhuinn orra agus rainig iad coirre-Ghòth air a’ cheart uair a gheall iad. Cha robh mu ’n àm anns an uaimh dhe na ceathairneich ach an dithis, an Dhòmhnullach agus Alasdair Siseal. Chaidh fear Ghlinn-Aladail a steachd do’n uaimh agus thuirt e riu gu ’n robh Tighearna Chloinn-Raonaill aig an dorus; ach cha bu luaithe a chunnaic iad an duine a bhasa ’g innse dhaibh bu Thighearna Chloinn-Raonaill, na bhuail iad am basan le aighear, ghlaodh iad:— “Am Prionns’! Am Prionns’! a bheatha do Choirre-Ghoth.” Dh’ aithnich iad Tearlach a’ cheud sùil a thug iad air aghaidh agus thug iad e-féin agus a luchd-leanmhuinn gu léir a staigh do ’n uaimh chuir iad biadh a’s deoch fa ’n comhair, cha b’fhad an deigh sin gus an tàinig an ceathrar eile de na gaisgeich le feòl a’s sithinn am pailteas: ’nuair a chunnaic iad so am Prionnsa cha b’ iad bu lugha gàirdeachas na’n còmpaneich, agus thug iad air an òidhche sin féin nan seachdnar am bòidean air an cuid biodag ann an làthair nan uaislean:— “Gu ’m biodh iad dìleas gu bàs, agus nach innseadh iad do dhuine, no mhnaoi, no phàiste, gu ’n robh am Prionnsa maille riu gu ceann latha ’s bliadhna.”
Iadsan a Phaigh.
Aonghas N. Mac Amhlaidh, New Boston.
A. B. Domhnullach, Meat Cove.
Ailean Camaran, Amhuinn Dhennis.
Domhull Mac Amhlaidh, Glace Bay.
P. A. Domhnullach, Glace Bay.
Mairi E. Nic Gilleain, Gabaruse .
Calum A. Mac Leoid, Sidni.
Domhull Martuinn, Orangedale .
Gilleasbuig Moireastan, Rathad Horne.
Gilleasbuig Domhnullach, an t-Allt Dubh.
Calum Bryden, am Beighe ’n Ear.
Seonaid Nic Artair, Amhuinn Inhabitants.
Bean T. ’Ic-an-t- Saoir, Loch Laomuin.
Domhull D. Mac Leoid, Framboise .
An t-Urr. L. I. Mac-a- Phearsain, Antigonish , N. S.
An t-Onarach A. Mac Gillebhràth, Antigonish , N. S.
I. I. Mac Leoid, Beinn Mhic Mhannain.
(Air a leantuinn air taobh 288.)
Tha an Stor Mhor Innsridh
a tairgsinn
.500 Brat-leapach.
air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeilAlaska Feather & Down Co.Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air
$1 .50
Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, Manager.
Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
SANAS.
THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.
DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann StorC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 37. p. 8]
Marbhrann do Chalum Ruadh Mac-Coinnich.
LE RUAIRIDH, A BHRATHAIR.
’Righ, gur mis’ ’tha bochd, truagh,
Is tric deoir air mo ghruaidh,
’S mo is tric mi ri luaidh mo dhòruinn;
’S mi ri cumhadh ’n fhir ruaidh,
’Dh’ fhàg mi thall thar a chuain,
Far nach cluinn mi, a luaidh, do chòmhradh.
’S e mo chridhe ’tha brùit’,
Is tric snigh’ air mo shùil,
Is thuit m’ inntinn gu tùrs’ is bròn dhomh.
Is ann agam ’tha ’m fàth,
’S mi a chaill mo dheas làmh,
Mo thasgaidh, ’s mo bhràthair ro mhath.
Aona bhràthair mo ghaoil
Dh’ fhàg cho muladach mi
Is nach urrainn dhomh inns’ mo dhoruinn.
Is ann dhomhsa ’tha buan,
’H-uile mionaid is uair,
A bhith cuimhneachadh buaidhean t’ oige,
’S cha ’n fheil lighich’ fo ’n ghrein
A leighiseas mo chreuchd;
Cha dean sin ach Mac Dhé na gloire.
Bho ’n a thainig gun dail
Ortsa sumanadh bàis
Thuit mo chridhe gu sàil mo bhròige.
Sud am bàs ’thig gu teach
Air sliochd Adhaimh fo leth;
Rinn an nàmhaid air creach le seoltachd.
Mur b’ e ’n Ti le ’mhor ghràs
A rinn seasamh ’n ar n-àit,
Bhiodh sinn uil’ aige bàthte còmhla.
Tha mi ’n dochas, a ghraidh,
Gun d’ rinn creideamh thu slàn
Anns an Ti ’sa bheil fàth ar dòchais.
Cha ’n fheil teagamh ’nam chridh’
Nach fheil t’ anam an sith
Mar-ri ainglibh a seinn nan oran.
Bu mhi ’n t-Oisein bochd, truagh,
’S mi a dh’ fhaodadh a luaidh,
Gu ’m bu diombuan neo-bhuan do sheorsa.
Bha iad foghainteach, garbh,
’S bha iad math air ceann airm,
’S bu mhath cuid diu gu sealg fear cròice.
Chunnaic mise thu-féin
Uair nach faicinn air féill,
No ’n co-thional nan ceud aig òrdagh,
Fear ’bu smearaile ceum,
Air an rathad lom, réidh,
’S tu a gluasad fo t’ éideadh Dòmhnaich.
Thigeadh féileadh nam ball
Mu na cruachain ’bu trom,—
’Se nach feumadh bhi gann na ’dheanamh,—
Gartan craobhach, caol, datht’,
’S osan gearr de ’n chlò bhreac,
Bho laimh taillear ’bu mhath gu ’fhiaradh,
Air an iosgaid ghil, dhlùth,
’Bu ro-shoilleir fo ’n ghlùn,
Air an dearcadh gach sùil air lianaig;
’S cha bu chladhaire thu
Nuair a chuirt’ thu gu d’ chùl,
’S cha robh taise nad ghnùis gu striochdadh.
Mo ghràdh an spalpaire grinn
Air an laigheadh na rainn,
Air nach d’ rainig an aois mhor bhliadhnaibh;
Dha ’n robh cridhe neo thoinnt’,
Leis nach d’ rugadh an fhoill,
Pàirteach, furanach, foirmail, fialaidh;
Fear fior mhodhail ’s e ciùin,
’S fiamh a ghàir’ air a ghnùis,
’S e ’na labhairt cho mùint’ ri maighdinn;
Ann an cruadal ’s an tùrn
’S tu nach teicheadh air chùl,
’S bha thu fearail an cùisean saighdeir.
Gur h-e ’n t-eug ’bha gun bhàigh,
Bhuail e palsaidh ’nad laimh,
’Chaidh le sumanadh bàis ga t’ iarraidh;
Is maor le ’n d’ théidear an t-aog
Nach gabh cumha no cìs,
Ach ’bhi umhailt’ gach taobh gan iarr e;
’S maor e ’bhagras gach righ,
Anns gach cath agus strith
’Chumadh cogadh fad mhìltean bliadhna.
Tha e treun anns gach blàr,
Is lann gheur na dheas laimh
Do’m feum uile shliochd Adhaimh striochdadh.
Bho ’n a sheol mi thar cuain
Do ’n tìr iomallaich, fhuair s’,
Fhuair mi carrachdainn cruaidh gu leoir innt’,
Bho ’n dh’ eug Màiri mo rùin,
’S a chaill mi fradharc mo shùl,
’S mor gu ’m b’ fhearr leam bhi ’n dùthaich m’ eolais.
Gu bheil m’ aigneadh gach uair
’Ruith an null thar a chuain,
’S mi ri cumh’ Chaluim Ruaidh ’s nach beo e;
’S mi mar dhuine gun cholg
De an spuillteadh ’chuid airm,
’S gur h-e cumha nam marbh a leon mi.
Tha gach fear ’thig as ùr,
’G ìnns’ a chòrr dhe do chliu,
De na thainig an tùbh s’ thar fairge;
’S bidh gach fear a dh’ fhan thall
’Cur an aonta na ’cheann
Nach deach aon ni ’chur meallt’ ad mharbhrann;
A laoich mhisneachail, threin,
Dha ’n robh gliocas le céill,
Anns gach sùbhaile ’bha ceutach, ainmeil;
’Nis on bhàrc ort an t-eug
Thuit an cùl as mo sgéith,
’S mi gun bhràthair fo ’n ghrein bho ’n dh’ fhalbh thu.
Brosnachadh-Catha Chlann-Domhnaill.
LE LACHAINN MOR MAC-MHUIRICH.
A Chlanna Chuinn, cuimhnichibh
Cruas an àm na h-iorghuill,—
Gu àirneach, gu arronnach,
Gu àrach, gu allanta,
Gu athlamh, gu arronta,
Gu allmhara, gu arachdach,
Gu anmhorach, gu aon-innt’neach,
Gu àr-meineach, gu anamanta,
Gu ascaoineach, gu airfideach,
Gu allta, gu anabarrach,
Gu ann-meinneach, gu an-glonnach,
Gu ainteasach, gu anmhurrach,
Gu arm-leonach, gu acfhuinneach,
Gu arm-chreuchdach, gu aigeantach,
Gu ailgheasach, gu agarach,
Gu àghmhor, gu abarach,
Gu airbheartach, gu ath-bhuilleach,
Gu an-dligheach, gu ath-mhilleach,
Gu ainmeil, gu allail,
Gu àrdanach, gu ath-sheallach,
Gu aon-ghuthach, aon-chridheach,
Aon-ghneitheach, all-bhuadhach.
Gu urranta, gu ùr-mhaiseach,
Gu ùr-chleasach, gu uaibhreach,
Gu uil’ -fheargach, gu uaill-fheartach,
Gu urchoideach, gu uamhasach,
Gu urrasach, gu urramach,
Gu ur-loisgeach, gu uachdarach,
Gu ur-mhailleach, gu uchd-ardach,
Gu uidhimicht’, gu ùghdarrach,
Gu ùpairneach, gu ùr-ghleusach,
Gu ùr-bhuileach, gu ùr-speallach,
Gu ùr-labhrach, ùr-lamhach, ùr-neartmhor,
Gu cosnadh na cath-làraich
Ri bruinne bhur biuthaidh.—
A Chlanna Chuinn Cheutchathaich,
’S i ’nis uair bhur n-athneachaidh,
A chuileinean confhadhach,
A bheithrichean bunanta,
A leoghannan làn-gasda,
Onchonaibh iorghuilleach,
De laochraidh chrodha churanta
De Chlannaibh Chuinn Cheutchathaich,
A Chlanna Chuinn, cuimhnichidbh
Cruas an àm na h-iorghuill.
Bruinne, the breast, front.Biuthaidh, a formidable foe.Confhadhach, furious .Bunanta, strong .Onchu, a wolf.
Rinneadh am brosnachadh-catha so ’sa bhliadhna 1411. Tha sruth gasda de dh’ fhacail ann, ach cha ’n fheil móran de bhàrdachd ann.
(Air a leantuinn o thaobh 287.)
U. Domhnullach, Gleann Martuinn, E.P. I.
A. W. Mathanach, Gleann Uilleim, E. P. I.
Gilleasbuig Domhnullach, Brooklyn , E. P. I.
I. R. Mac Gill-fhaollain, an Amhuinn Innseanach, E. P. I.
Caipt. L. Moireastan, Coruna , Ont.
Peigi M. Nic Neill, McCrimmon P. O., Ont.
Iain Mac-an-t- Saoir, Stratford , Ont.
Uisdean Jack, Stratford , Ont.
A. Mac Neill, Orr, Dakota Tuath.
Mairi Mhathanach, Harding , Mass.
Iain I. Mac Gille-mhicheil, Hardwick , Vt.
W. J. Domhnullach, Fleming , Assa.
Bas.
Ann an sgire Strathalba, an Eilean a’Phrionnsa, air an ochdamh latha deug de ’n mhios a dh’ fhalbh, Tormad Rothach, tri fichead bliadhna ’sa naodh deug a dh’ aois. Rugadh e anns an Eilean Sgiathanach. Bu mhac bràthar e do’n “Cheistear Dhall,” Domhnull Rothach nam mor bhuadh.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Ciamar tha do Shuilean?
N an Suileadair againne gloinneachan a fhreagras ort air an teid sinn an urras.
Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig
Bezanson .
An togalach Hanington,
Sraid Shearlot, Sidni.
BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.
So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90
Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.
Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
title | Issue 37 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 37. %p |
parent text | Volume 9 |