[Vol . 9. No. 38. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 22, 1901. No. 38.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna
Le Iain.
CAIB. XVI.
AONGHAS IS DOMHULL A’ CUR AN COMHAIRLE RI ’CHEILE.
BEAGAN làithean an déigh na bainnse, thill Aonghas dhachaidh. Bha an feasgar anamoch ann mu ’n d’ ràinig e taigh ’athar. Cha robh e fad air ruighinn dhachaidh an uair a thàinig Domhall beag mac Sheumais agus dithis no triuir eile de ghillean òga nam bailtean air chéilidh feuch an cluinneadh iad ciod an seòrsa bainnse a bha aig Iain Camaran ann an Cul-fraoin.
Dh’ innis Aonghas dhaibh a h-uile car mar a thachair aig a’ bhanais; agus thug an obair a bh’ air Eoghainn Bàn oidhche na bainnse ceòl spòrs gu leòr dhaibh.
Ged a bha toil aig Domhull beag naigheachd na bainnse a chluinntinn, cha b’ ann air a son a ghluais e o’n taigh; oir bha naigheachdan aige ri innseadh do dh’ Aonghas mu thaigh ’s mu theaghlach a’ mhaoir. Ach air eagal gu ’n gabhadh muinntir an taighe, no an luchd céilidh, amhrus gu ’n robh diomhaireachd shònraichte sam bith eatorra, cha do leig e air gu ’n robh naigheachd ùr sam bith aige ri innseadh dha.
Thuig Aonghas gu math gu ’n robh naigheachd aig Domhull ri innseadh dha; oir bha e ’ga dheanamh fhein làn chinnteach gu ’m faighteadh am mach, luath no mall, gu ’n robh iad a’ far-chluais an oidhche a bha am maor agus a theaghlach a’ taghadh dhaibh fhein nan aodaichean a b’ fhearr a chuir bean an uachdarain dhachaidh a dh’ ionnsuidh bochdan na dùthchadh. Mar b’ e gu ’n robh mac Lachlainn a’ far-chluais air fhein ’s air Domhull, is dòcha gu ’n robh an gnothach air a chumail an cleith. Ach mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, “Cha sgeul rùin e, ma chuala triùir e.”
Feasgar an là-iar na-mhàireach, thachair Aonghas is Domhull ri ’chéile ann am braighe a’ bhaile. Bha Aonghas agus a ghunna fo ’achlais a’ falbh do’n mhonadh feuch an tachradh fithich, no feannag, no seabhaig ris; oir bhiodh na h-eòin so a’ deanamh domail mhòr air uighean ’s air còin nan cearcan fraoich mur cuirteadh as dhaibh. Cha b’ e na bha de thoil aige an lath’ ud cur as do na h-eòin so a thug air falbh o’n taigh, ach feuch an tachradh Domhull ris mu ’n tilleadh e.
“Is tu a’ cheart duine a bha toil agam fhaicinn an diugh,” arsa Domhull, an uair a chuir e failte air Aonghas; “agus is math leam gu ’n do thachair thu rium. C’ àit ’am bheil romhad a dhol an diugh?”
“Bha romban thu fhein ’fhaicinn air m’ fhalbh no air mo thilleadh; agus air eagal gu ’n gabhadh na coimhearsnaich amhrus gu ’m bheil diomhaireachd sam bith eadrainn, thug mi leam an gunna fo m’ achlais. Is cinnteach gu ’n robh do shuilean ’s do chluasan fosgailte ris na bha thu ’faicinn ’s a’ cluinntinn o’n a chunnaic mi mu dheireadh thu,” ars’ Aonghas.
“Nach fhaca tu an raoir mi? Cha mhòr a b’ urrainn domhsa ’fhaicinn no a chluinntinn o dheich uairean an raoir an uair a dh’ fhalbh mi as an taigh agaibh fein. Ged a bhiodh sùilean air chùl mo chinn, agus ged a chluinninn am fear a’ fàs, cha rachadh agam air mòran fiosrachaidh ’fhaighinn o dheich uair an raoir,” arsa Domhull.
“Nach fhad o chuala tusa gu ’n tig rud ri latha nach tig ri aimsir. Cha bu bheag na chunnaic s na chuala mise agus tusa an oidhche a bha sinn aig uinneagan a’ mhaoir an deigh deich uairean ’san oidhche. Cha rachainn an urras nach do ghabh thu dìreach gu taigh a’ mhaoir an uair a dh’ fhalbh thu as an taigh againne.”
“Ma chreideas tu an fhìrinn, cha do sheas mo chas ann an taigh a’ mhaoir o’n a dh’ fhalbh thu thun na bainnse. Tha amhrus làidir agam nach seas mi ann an dà latha so. Thainig rud no dhà a dh’ ionnsuidh mo chluasan a thug orm gu ’n do chuir mi freiteach nach rachainn a steach air dorus an taighe aca, mur toir an fhìor éiginn orm a dhol ann. Dh’innis an sliumair suarach ud aig Lachlainn ann an taigh a’ mhaoir a h-uile facal dhe ’n chomhraidh a bha eadar mi fhìn ’s tu fhein an oidhch’ ud; agus chuir e a’ chòig uiread deug ris. Agus rud bu miosa na sin, dh’ innis e dh’ a mhàthair e, agus do mhuinntir a’ bhaile. Tha d’ ainmsa agus m’ ainmsa air a dhol fad is farsuinn air feadh na dùthchadh. Tha mi air mo nàrachadh eadar a h-uile rud a th’ ann. Thàinig an naigheachd gu cluasan mo mhàthar, agus tha i anabarrach diumbach dhinn le chéile. Is ann eadar mise dh’ fhalbh do ’n taigh agaibh fein an raoir agus mi thilleadh dhachaidh a chuala mo mhathair o bhean Lachlainn e. Cha d’ thug i guth ri m’ athair m’ a dheidhinn; ach an uair a chunnaic mise gu ’n do chuir an gnothach a bh’ ann a leithid de dhragh oirre, thug mi mo chasan as air cheann gnothaich do ’n Bhaile Mhor, agus tha mi dìreach air tilleadh air a’ cheum.”
“Nach dubhairt mise riut, a Dhomhuill, gu ’n deanadh mac Lachlainn an dunaigh oirnn? Nan rachadh esan ri cuideachd a mhathar bhiodh a theangadh luath gu leòr. Am blaomasdair truagh, cha b’ ann air turas measail a bha e air falbh o’n taigh an oidhch’ ud. Is beag a tha dh’ fhios aig ’athair ’s aig a mhàthair air an dòigh anns am bheil e ’cur seachad na h-ùine. Tha iad a leigeadh tuilleadh ’s a’ chòir dhe ’thoil fhein leis, agus cha ’n fheairrd e sin air a’ cheann mu dheireadh. Chi thusa mar a thachras dha, agus cha bhi fad uige. Coisnidh e diumbadh gu leòr dh’a athair ’s dh’ a mhàthair le luaths a bheoil. Cha bhi teaghlach a’ mhaoir cho buidheach dheth ’s a tha e an dùil. Ged a chuir sinne romhainn nach biodh cuid no gnothach againn ri te seach te de nigheannan a’ mhaoir, cha robh sinn a’ smaointean gu ’m b’ e ar gnothach na chunnaic ’s na chuala sinn a sheinn air feadh na dùthchadh. Ach a nis o’n a chaidh am beag sgeul thun a’ mhòir sgeil, cha ghabh an gnothach cleith tuilleadh. Bu cho math an gnothach a bhith air a chumail am falach ri e bhith air aithris am beul gach duine.”
“Chuir an gnothach a bh’ ann mise gu smaointean gu leòr o’n a dh’ fhalbh thu. Air oidhche àraidh an uair a bha m’ athair a’ leughadh anns a’ Bhiobuil ghabh na facail so greim air an inntinn agam:— “Deanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàruichte; cumaibh còir ris an dilleachdan; tagraibh cùis na bantraich.” Thug na briathran so orm a bhith ’smaointean nach robh e ceart dhuinn an déigh na chunnaic ’s na chuala sinn, leigeadh leis a’ mhaor a bhith ’cumail an codach fhein o na bantraichean ’s o na dilleachdain. Saoil thu fhein nach uamhasach an gnothach do dhuine sam bith an t-aodach laidhe is éirigh a chuir am boirionnach còir, grinn, uasal dhachaidh gus na diolacha-déirce truagha a chumail blàth, a thoirt uapa? Creid thusa mise, ma bhios am maor a’ faighinn cead a thoil fhein a dheanamh, feuchaidh e ris an fhearrann a’s fhearr a tha eadar da cheann na dùthchadh a thoirt o na daoine bochda dìchiollach aig am bheil e, gus a thoirt do na fir a phòsas a chuid nighean.”
“Innsidh mise dhut, a Dhomhuill, an rud, a réir mo bharail-sa, a’s còir dhuinne a dheanamh. Fanaidh sinn samhach gus an faic sinn ciod a thig as a’ ghnothach so. Ma thig an gnothach gu cluasan bean an uachdarain, chi thusa gu ’m bi rud m’a dheidhinn. Ma chuirear air ar mionnan sinn, feumaidh sinn an fhìrinn innseadh ge b’e air bith co dh’ fhuilingeas air a shon. Gus a sin, is e ar gliocas fuireach samhach. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh, ‘Cha chuirear féich air beul dùinte.’ Biodh muinntir Lachlainn a’ cluich. Ma tha iad fhein agus am maor mòr aig a chéile, cha ’n fheairrde cùisean gur ann aca a chualas an sgeula maslach ud. Ged a chual’ e sinne a’ bruidhinn eadrainn fhin, cha ’n ’eil fianuis aige oirnn. Tha mise ’creidsinn gur mò a bhios de mheas aig muinntir a mhaoir oirnne an déigh a h-uile car na bhios aca airsan. Cha robh agus cha bhi meas air luchd na h-innsireachd.”
“Air eagal gu ’m faicear cuideachd sinn, ’Aonghais, agus gu ’n gabhar amhrus gur ann a’ cur ar comhairle ri ’chéile a tha sinn, is fhearr dhuinn a bhith ’dealachadh an dràsta. Theid thusa air chéilidh do ’n taigh againne ’nochd; agus ma chuireas mo mhàthair ceisd oirnn mu ’n ghnothach, is fhearr dhuinn an fhirinn ghlan innseadh dhi. Theid mi an urras nach toir i guth gu bràth air aon fhacal a dh’ iarras sinn oirre a chleith.”
(Ri leantuinn.)
Mortadh Iain Stiubhairt, Morair Lathuirne.
B’E Iain Stiùbhart am Morair mu dheireadh de’n fhine a bha air Lathuirne, agus chuireadh gu bàs e ’na sheann aois, air an dòigh an toirear cunntas anns an sgéul bhig a leanas. Cha’n ’eil do réir coslais, aon de luchd-leughaidh na sgeula so nach cual iomradh air daingneach Dhunstainnis, goirid o’n Oban, ann an Siorramachd Earraghàidheil. Cha’n ’eil fhios cinnteach a nis c’uin a thogadh an daingneach làidir sin an toiseach. Tha cuid a’ deanamh a mach gu’n
[Vol . 9. No. 38. p. 2]
do thogadh e mu’n d’ rugadh ar Slànuighear; ach biodh sin mar dh’fheudas, tha e ’na nì dearbhta gum bheil e anabarrach sean, agus gu’n robh e mar lùchairt aig ceud rìghribh na h-Alba, no Chaledonia. Chìthear mu’n cuairt do’n daingneach so iomadh comhar air gnìomharaibh fuilteach nan lìnn a dh’fhalbh. Tha e air a thogail air creig àird, a ghearradh ceithir-shlisneach, agus a rinneadh mar sin co corrach ’s nach b’ urrainn innleachd a bhi aig nàmhaid air dìreadh suas. Bu lìonmhor àrd-churaidh
“Do shliochd rìoghail Chloinn Ailpein
’S do Chloinn Ghriogair nan glas-lann,
A rugadh, ’sa dh’ àruicheadh,
Anns na daingneach ro làidir sin.”
“Sliochd nan righre dùchasach,
Bha shìos an Dùnstainnis,
Aig an robh crùn na h-Alb’ o thùs,
’S aig am bheil dùchas fathast ris.”
O cheann còrr agus tri cheud gu leth bliadhna, bha Morair Lathuirne, air an d’ rinneadh iomradh a cheana, a’ gabhail còmhnuidh ann an Dùnstainnis. Bha e, ’san àm air am bheil sinn a’ labhairt, ’na sheann duine, agus air cromadh le h-aois. Fhuair a bhean bàs, agus dh’fhag i triùir nighean ’na déigh—ribhinnean co maiseach agus àluinn ’sa bha idir ’sa Ghàidhealtachd. A thuilleadh air na nighinnaibh so, bha aon mhac aig Morair Lathuirne, do’m b’ ainm Dughal, ach bha e dìolain. B’i boirionnach uasal bu mhàthair do ’n oganach—té de Chloinn Mhiclaurainn. Ach ged bha Dughal ’na òganach sgiamhach agus gaisgeil, agus ged bha gràdh mor aig athair da, —an deigh sin uile cha b’ urrainn e bhi ’na oighre air ’athair do bhrigh gu’n robh e diolain. Bha e ’cur mòrain cùraim air an t-seann Mhorair gu ’n tuiteadh an oighreachd leis an nighinn bu shine, a phòsadh, a réir coslais, fear de chinneadh eile, agus mar sin gum biodh Lathuirne gun Stiùbhartach an là bu bhàs da féin. Air là àraidh, chaidh Dughal a steach do sheòmair ’athar; agus fhuair e an seann duine na shuidhe ’na aonar, agus, a réir coslais, a’ beachd-smuaineachadh gu dùrachdach air ni-eigin a bha ’cur mòrain iomaguin air inntinn.
“Athair,” ars an t-òganach, “am bheil sibh ’nur slàinte? oir tha mi faicinn gu’m bheil ni-eigin a cur dragha oirbh. Innsibh dhomhsa ciod is aobhar d’ur bròn, agus ma tha comhfhurtachd ann an comas mac màthar ann an Lathuirne, bheir mise dhuibhse comhfhurtachd air ball.”
Dh’ amhairc an seann laoch gu ciùin ann an gnùis a mhic, agus thubhairt e:—
“A Dhùghail, mo ghraidh! tha, gun teagamh, mòr thrioblaid air m’ inntinn, agus tha nithe a ta ro chudthromach annta fhein ’gam fhàgail an diugh fo bhròn. Tha mi ’tuigsinn gu’m bheil mo laithean air an talamh a’ dluth-dhruideadh gu crìch; agus, an uair a thig a’ chrìch sin, bithidh tusa, a mhic mo ghraidh, air t’fhògradh air falbh; agus thig oighre eile air m’ fhearainn-sa, trid an caillear ainm mo chinnidh, agus trid am feud mo mhaoin agus m’ oighreachd tuiteam ann an làmhaibh a bha riamh, feudaidh e ’bhith, mi-runach agus naimhdeil domh. Uime sin, a Dhùghail, mo ghraidh! tha na ceistean sin uile trom ormsa.”
Dh’éisd an t-oganach gu dùrachdach ri briathraibh ’athair, agus thubhairt e ris,—
“A nis, athair, chuala mi o’r bilibh aobhar bròin ùr cridhe. Gheall mi comhfhurtachd, ma bha comhfhurtachd a thabhairt ann an comas mac màthar ann an Lathuirne; agus a nis, ’athair, ma ghabhas sibhse comhairle mic, bithidh am mac sin mar is àill leibh e a bhith, agus thig crioch air aobhar bhur bròin. ’N aon fhocal, posaibh mo mhàthair; agus an sin, le lagh na dùcha, bithidh m’ oighre dligheach, agus, mar is còir do’n chùis a bhith, seasaidh am mac ann an àit’ an athar.”
“A Dhùghail, labhair thu gu ceart; agus, mar is beò mise, bithidh do chomhairle gun dail air a ghabhail. Falbh, a Dhùghail; falbh gu h-ealamh. Faigh cuideachd threun, misneachail, agus ealanta—uidheamaich am bìrlinn mòr—biodh do mhàthair agad an so roimh chromadh an anmoich am màireach; agus bithidh gach ni deas agamsa fa chomhair a chuideachd a dheònuicheas tu a thoirt an so maille riut. Air an aobhar sin, faigh companaich, agus sgioba gleusda, chalma, gu h-ealamh,—
Togaibh bhur siùil, tàirnibh bhur ràimh,
Grad ruithibh gu tràigh, is buaidh leibh.”
Bha piuthar Morair Lathuirne pòsda aig ceann-cinnidh Chloinn Dùghail, agus rug i dithis mhac dha, a bha mu’n aon aois ris an dithis bu shine de nigheanaibh Morair Lathuirne. Air do ’n dà mhac so fhaicinn nach robh oighre dligheach aig bràthair-am-màthair ach a nigheana, chuir iad rompa gum pòsadh iad an dithis bu shine dhiubh, agus an sin gu’n tuiteadh an oighreachd leo féin. Bha iad, uime sin, ’dol gu tric a dh’ amharc bràthar am-màthar, agus a’ gnàthachadh gach innleachd nan comas chum iad féin a dheanamh taitneach dha, agus measail na shùilibh.
Is gann a bha Dùghal agus a chuideachd dà uair a dh’ ùìne air falbh leis a’ bhìrlinn, an trath a thainig an dithis Dhùghallach òga chum an oidhche a chuir seachad maille ri bràthair am màthar ann an Dùnstainnis, gun fhios sam bith aca mu na gnothuchaibh a bha ’dol air an aghaidh. —Bha Morair Lathuirne ’na dhuine tuigseach, geur, agus bha amhrus aige air an ni sin a bha am beachd nan òganach. Bha deagh fhios aige nach biodh e taitneach leo a chluinntinn ciod a bha ’na bheachd féin a dheanamh air an ath là, agus, uime sin, cha do leig e ni sam bith air. Bha e taitneach, caoimhneil, agus air gach seòl càirdeil riu, mar a b’ àbhaist; ach runaich e gun ’inntinn féin a leigeadh ris doibh, gus an togadh an gnìomh féin fianuis. Air an oidhche sin, gidheadh, bha gach deasachadh freagarrach ’ga dheanamh
“Ann an lùchairt shonn nan Ailpeineach,”
fa chomhair chùisean an ath latha, ged bha na Dùghallaich aineolach air na cùisibh sin. Bha ’n Dùn a’ fuaim le cridhealas agus aighear, agus is ceart a dh’ fheudar a ràdh,—
“ ’N talla ’n fhéil bha pìob is dàn,
Lasair do’n chéir, sithionn beinne,
’S deochan an céin o thir ro bhlàth;
’N àros an laoich, cha robh gainne!”
Mar so chuireadh an oidhche seachad gu taitneach; agus air an ath là dh’fhàg Clann Dùghail an Dùn, an deigh beannachd chàirdeil a ghabhail le bràthair-am-màthar. Cha b’fhad, gidheadh, a chaidh iad, nuair a chunnaic iad am birlinn mòr a’ dlùthachadh ri tràigh, agus mar an ceudna sgothan eile, le’n croinn air an luchdachadh le sròl-bhrataichibh, a’ dearsadh le gathaibh na gréine. Chual’ iad nuallan na pioba-mòire, d’ an robh mactalla a’ co’ -fhreagairt; agus air ball thuig iad ciod na cùisean a bha dol air an aghaidh. Lìonadh iad le corruich agus gamhlas, agus mhionnach iad d’a chèile, ’nan seasamh air sgor-creige, nach ceaduicheadh iad do Mhorair Lathuirne a rùintean a cho’ lionadh. Re ùine bhig, bha iad ann an iom-chomhairle ciod a dheanadh iad, ach cha b’ fhad gus an do thuit iad air innleachd fhuiltich chum dòchas Dhùghail ri oighreachd ’athar a ghearradh as? Leum iad air an ais dh’ ionnsuidh an Dùin—bhris iad a stigh do sheomar a’ Mhorair—shàth iad an claidhean na chorp—agus thuit an seann duine gun deò air an làr!
Cha robh, an sin, ach éigheach agus amhghar, bròn agus bas-bhualadh, a mach agus a stigh! Mhionnaich gach aon fa seach de nigheanaibh an duin’ -uasal a mharbhadh, nach pòsadh iad a chaoidh mortairean an athar! Am measg an odhail agus a’ bhuaireis a rinn an gnìomh déistinneach so mu’n Dùn, smuainich na nigheanan uasal nach biodh e tèaruinte dhoibh an oidhche a chur seachad ann. Ghlac iad, uime sin, còraichean na h-oighreachd; agus cha do gabh iad tàmh no fois gus an d’ rainig iad Ineraoradh, agus gus an do chuir iad iad féin fo sgéith Iarla Earraghàidheil. Ann am beagan ùine an déigh sin, phòs an t-Iarla an nighean bu shine, agus mar sin fhuair e còir air oighreachd Lathuirne. Phòs an dara nighean Caimbeulach Ghlinnurachaidh, o’n d’ thainig Iarla Bhradealbain a mach; agus phòs an treas nighean Caimbeulach na h-Oitirich. Fhuair Dùghal, mac a’ mhorair a mhortadh, seilbh anns an Aipin; agus mar sin shocraicheadh cùisean an teaghlaich mu thimchioll an do sgriobhadh an sgeul bheag so.
Tha e gu cinnteach dligheach dhuinne buidheachas a thoirt Dàsan a ta ’riaghladh os ar ceann, do bhrigh gu’n do rùnaich e, ’na fhreasdal féin ar crannchur a thilgeadh ann an dùthaich agus ann an lìnn far am bheil sinn fhéin agus ar cuid téaruinte, agus far am bheil laghanna teann agus cothromach ’gar dionadh o gach dochann agus sgrios a dh’ fheudadh naimhdean a dheanamh oirnn, nam biodh na laghanna co fuasgailte ’sa bha iad anns na lìnntibh o shean. Gabhadh gach neach mata, comhairle an Abstoil, a deir, “Biodh gach anam ùmhal do na h-àrd-chumhachdaibh. Oir cha ’n ’eil cumhachd ann ach o Dhia; agus na cumhachdan a ta ann, is ann le Dia a dh’ òrduicheadh iad. Air an aobhar sin, ge b’e air bith a chuireas an aghaidh a’ chumhachd, tha e ’cur an aghaidh òrduigh Dhé; agus iadsan a chuireas ’na aghaidh, gheibh iad breitheanas dhoibh féin.” — (Ròm. xiii. 1, 2). —Cuairtear nan Gleann, 1843.
Comhradh.
LE F. O. S.
CHAIDH Domhull air a’ cheum thun an taighe comhladh ri Seumas. Cha robh iad fada ’nan suidhe staigh an uair a chuir bean Sheumais, mar bu mhath a b’ aithne dhi, deadh bhiadh air am beulaobh. An uair na ghabh iad na thainig riutha dheth, agus iad gu càirdeil, còmhraiteach aig a’ bhòrd, shuidh iad taobh ri taobh air a’ bheingidh. Thug gach fear dhiubh lamh air a phiob ’s air a spliùcan, oir bha iad le chéile gu math trom air an tombaca, agus bha’n comhradh a leanas eatorra:—
SEUMAS. —Cha’n ann a chionn thu bhith ann an sin ri m’ thaobh air a’ bheingidh—agus faodaidh tu mo chreidsinn—cha’n ’eil fear eile ’san dùthaich gu léir a’s fhearr leam fhaicinn na thu. Cuimhnich, cha’n ann a’ brosgal riut a tha mi idir. Tha fhios agad fhein nach robh dad dhe’n bhrosgal annam an uair a bha sinn ’nar dlùth-chompanaich. Agus cha mhò na sin a tha e annam an diugh.
DOMHULL. —Ma ta, ’Sheumais, tha mise a’ cheart cho toilichte thusa ’fhaicinn ’s a tha thu fhein mise ’fhaicinn. Mar b’e drip an t-saoghail is fhad o’n a bha mise air tighinn a chur seachad
[Vol . 9. No. 38. p. 3]
oidhche no dhà comhladh riut. Ach feumaidh daoine an saoghal a ghabhail mar a thig e, biodh e bog no cruaidh. Is minic a bha mise glé neo-fhoiseil ’nam inntinn a chionn nach robh gnothaichean a’ dol leam cho math ’s bu mhiann leam. Ach dh’ fhalbh sin ’s thainig so.
S. —Ach fhad ’s a bhios cuimhn’ agam air, cia mar a tha Callum mac Uisdean a’ cumail ris? Bha e greis mhath aoise mu’n d’ thainig mise do’n taobh so de’n dùthaich; ach bha e cho slan ’s cho fallainn ri duine a b’ aithne dhomh. Is e bha dian thun an t-saoghail an uair ud.
D. —Tha e mar sin fhathast. Cha dubh grian ’s cha ghealaich uisge Callum bochd. Comhladh ri iomadh fear eile a rinn pòsadh air son airgid cha robh moran de thoileachadh an t-saoghail aig Callum bochd o chionn iomadach bliadhna. Is ann aige a tha’n dithis mhac cho beag feum ’s is aithne dhomhsa. Dh’ òladh iad an sgillinn nach fhac iad. Tha Callum ’na luidean truagh ag obair o mhoch gu dubh a h-uile latha deug ’s a’ bhliadhna. Tha am mac a bh’ aicese mu’n do phòs Callum i a staigh comhladh riutha. Cha’n ’eil e fhein ’s a leith-bhràithrean latha réidh. An latha bhios esan ag obair cha dean a dhithis bhràithrean aon char; agus an latha bhios iadsan ag obair cha dean esan car. Mar a tha an sean-fhacal ag radh “An uair a dh’ éireas Iain dubh laidhidh am ministear.” Nan robh i glic, bha i air fuireach ’na bantraich. Ach phòsadh i Callum ged a rachadh a muir ear thar-a’ mhuir iar. Ach mur do mheall mo bharail mise, bha iomadh lath’ aithreachais aice o’n latha ’phòs i.
D. —Shaoilinn gu’m bu chòir do Challum a bhith ’na dheadh fhear-taighe, gle chaoimhneil ri ’mhnaoi ’s ri ’theaghlach. B’e mo bharail fhin air an uair a bha mi anns a’ choimhearsnachd aige gu ’m bu duine ciùin, modhail, caoimhneil a bh’ ann.
S. —Tha e mar sin fhathast. Tha e feuchainn ri rian a chumail air an taigh cho math ’sa theid aig air; ach cha ’n ’eil sin soirbh dha. Rud a tha ’cur ioghnaidh air gu leòr, tha bhean a’ gabhail taobh a’ mhic a ’s sinne; agus mar a tha nadarra gu leòr do Challum, is iad a dhithis mhac fhein a’s docha leis. Ged a tha e ’faicinn gu soilleir gu’m bheil iad ’nam baothairean aotrom, amaideach nach dean car obrach ach an uair a thogras iad fhein, tha e gu tric a’ gabhail an leithsgeul. Tha so a’ togail na h-aimhreit anns an teaghlach, agus cha bhi teud réidh ’s a’ chlàrsaich ann am mionaid.
D. —Cha ’n ’eil ioghnadh leamsa ged a bhiodh aimhreit is easonachd ann an taigh anns nach cluinnear guth air ainm Dhé latha ’s a’ bhliadhna mur toirear ’ainm ann an diomhanas. Fhad ’s a bha mise anns an nàbachd aig Callum—agus rugadh ann mi—cha’n fhacas Callum a’ dol a steach air dorus eaglais. Agus cha mhò a chualas gu’n d’ chuir e riamh ùrnuigh suas ri Dia gu diomhair no gu follaiseach.
S. —Tha e mar sin fhathast, agus tha amhrus agam gu’m bi. Cha’n fhacas Iain—am mac a bh’ aig a mhnaoi mu’n do phòs e i—riamh ann an eaglais. Ach is minic a chunnaic mi Muruchadh is Eachunn, a dhithis mhac fhein, ann an eaglais.
D. —Rachadh iad do’n eaglais an uair a gheibheadh iad deis’ ùr, tha mi cinnteach. Tha fear is fear dhe’n t seorsa cheudna air an taobh so dhe ’n dùthaich cuideachd. Tha mi glé chinnteach gu faighteadh companaich gu leòr dhaibh ann an iomadh àit’ eile dhe’n t-saoghal. “Cha ’n ann am Bòid uile ’tha ’n t olc.”
S. —Faodaidh fear a bhith dona gu leòr ged a rachadh e do’n eaglais. Is iomadh fear dona a chithear innte gle riaghailteach; ach tha’n truaighe buileach air an fhear nach teid idir innte.
D. —Ach ciod e bhios iad a’ deanamh Di-domhnaich?
S. —Ma bhios an latha briagha blàth, bidh iad ’nan suidhe ’s nan sìneadh air chùl gaoithe ’s air aghaidh gréine, ar neo ag amharc cia mar a tha ’m barr agus an spreidh a’ tighinn air aghart. Anns a gheamhradh bidh iad ’nan cadal a staigh, ar neo air chéilidh nan taighean.
S. —Feumar amharc an deigh na spréidhe ’s a’ bharra a h-uile latha; ar neo cha bhi cùisean ceart. Is e sùil a ghleidheas sealbh. Am fear nach seall an déigh a ghnothaich gu cùramach, cha ’n fhada gus am bi e lom, falamh. Ach tha àm ann air son a h-uile obair fo’n ghréin. Ged a tha so fìor, tha e cheart cho fìor nach ’eil e glic no cheart do dhaoine an cridhe a shuidheachadh gu buileach air gnothaichean na beatha so. Ach saoil thusa am bheil guth aig Callum air an ath shaoghal?
D. —Cha toir e guth no iomradh air a leithid; ach ma chuireas duine ceisd air, their e nach ’eil dad a dh’ eagal air roimh ’n breitheanas. Agus is e an t-aobhar misnich a th’ aige, gu’n robh e riamh ’na dhuine modhail, iomchuidh, dìchiollach, fìrinneach, onarach, agus gu’n do phàigh e a h-uile sgillinn fhiach a bha riamh air. Tha e a’ smaointean gu’n toir so a steach do nèamh e.
S. —Tha na nithean sin gle mhath annta fhein cho fhad ’s a théid iad, ach cha dean iad an gnothach ’nan ònar. Tha Callum bochd a’ toirt air fhein a chreidsinn, mar a tha iomadach fear a bharrachd air, gu’m bheil e saor o pheacadh deanadais, agus uime sin nach ruig e leas eagal a bhith air roimh ’n t-siorruidheachd; ach tha e dichuimhneachadh gu ’m bheil am peacadh dearmaid a’ cheart cho sgriosail ris a’ pheacadh deanadais.
Africa mu Dheas.
(K. W. G. ’saHighland News).
AIR latha na Bliadhn’ Uire chruinnich sluagh a bhaile so air an Ord, a dh’ amharc air na h-Albannaich a tilgeadh a chabair, a cur na cloiche-neirt, agus a dh’ éisdeachd na pìobaireachd.
Chuir Ceannard a Chomuinn-Albannaich fios ’an deadh àm gu Seanalair Eachann Dòmhnullach pìobairean a chur a nuas. Thainig fios-freagairt càirdeil air ais gu ’n robh seàthnar ri tighinn, ach cha d’ ràinig ach aon diubh; tha eagal mòr gu ’n do thuit iad ’an làmhan nam “Boer,” a tha tighinn gu math dlùth dhuinn, no gu ’n do thachair dridfhortan air chor-eiginn orra. Gu fortanach, fhuaradh fear do mhuinntir a bhaile a chluicheas a phìob mar nach olc, agus leis an aon phìobaire, do réisimeid nan Gòrdanach, a thionndaidh suas, rinneadh an gnothuch gu glé mhath.
Mar bhith sin rachadh an t-airgiod a thoirt air ais do gach duine, agus cha rachadh na cleasan air adhart. Bhiodh so duilich, oir tha ’n Comunn Albannach a deanamh obair mhath ann an toirt comhnadh do ar luchd-dùthcha an uair a tha feum aca air.
Thachair dhomh ’bhi ’m shuidhe làimh ri Bean a Cheannaird. Air do Albannach mòr àrd, le boinneid-bhiorach air, tighinn a stigh thuirt mi rithe— “Cò ’n ciòbair Gàidhealach a th’ againn’ an so? Theireadh duine gu ’m bheil e ’n déigh tearnadh á monadh an fhraoich.” “Tut!” ars’ ise a deanamh gàire, “Cha ’n ’eil an sin ach Seoc R—á Glasacho, a tha mu obair nan slighean-iaruinn! ’S ioma bliadhna o’n a thainig e mach a’ so.”
Air so thainig an Ceannard a nall le ’aodann làn àbhachdais. “Tha gill’ òg thall an sin,” ars’ esan, “anns an deise Ghaidhealach, agus thainig e stigh a caitheamh an fhéile cùl-air-bheulaobh! Cha chreideadh e mise gu ’n robh e ceàrr, ach tha Dòmhnull air a thoirt leis, creididh e esan.”
“C’ar son nach ’eil sibh féin anns an fhéilidh a nochd?” thuirt cuid againn ris. A chionn ’s e duine briagh a th’ anns a Cheannard anns an deise Ghàidhealach, agus a thuilleadh air sin cha ’n ’eil piòbaire na’s feàrr ann an Africa mu Dheas.
“Mata,” ars’ e, “Cha robh mi gu ro mhath ’s a mhadainn, agus cha b’ urrainn domh dol mu ’n cuairt ’am bhodach crom crotach agus feile-beag orm; feumaidh duin’ e fhéin a chumail deas dìreach anns an deise Ghaidhealach air neo ’s neoni e.”
Faodar a thuigsinn gu ’n do chum sinn ar sùil air gille beag an fhéilidh an déigh sin, gu sonruichte an uair a leum e gu meadhon an ùrlair le casan cho tana, fada ri casan féidh. Chaidh an dithis an dail air dannsaidh, le ioma “Huh!” agus heic. Nach cum thu do shàiltean bhàrr an ùrlair!” ars’ an Ceannard. “ ’S ann a tha na fir so ’sgriachail mar na cait!” ars’ e ’rithis. Bha ’n Ceannard air a chréineadh nach d’ rinn iad na b’ fheàrr. Rinn an Piòbaire dol roimh a chuid féin gu math ciamar ’sam bith mar a fhuaras càch. Bha e còmhladh ri “Findlater” aig blàr Dargai; bha e aig Magersfontein—ainm a bheir crith air feòil gach fiòr Ghàidheal fad ioma là is bliadhna; —Bha e aig Paardebearg, ’s an ioma blàr eile. Aig aon àm bha ’n cath anns an robh e, air taobh sléibhe, cho dian gu ’n do chroch e féin agus piòbaire eile na piòban aca air preas, agus sheàp iad às a chunnart, a fàgail nam piòban mar thargaid aig an namhaid, a leig ioma dairearach orra, a chionn gu ’n robh iad furasd fhaicinn. Cho luath ’s a fhuair an Seanalair a mach mar a rinn iad, chuir e air ais iad a thoirt an deadh throid dhoibh a chionn an innealan-ciùil fhagail as an deigh. Thill iad, agus thug iad a nuas na piòban, a bha air an tolladh le peileirean.
Cha bu lugha na ceithir duaisean a thug e mach aig na spuirt air Latha na Bliadhn’ Uire. ’S e “Duguid” is ainm dha: tha e ’mhuinntir “Insch,” an siorr’achd Abaraidhean.
Mar bhith gu ’m bheil an ùine cho fad’ air ruith dh’ innsinn duit mar a chuir sinn seachad Oidhche Shamhna.
Cha chual a’ mhuinntir òg a fhuair cuireadh iomradh riamh roimh air a leithid. Bha na h-uile cleas ùr dhoibh, agus thuirt iad nach d’ fhuair iad riamh uidhir toileachadh. “Cha do thuig mi gus a nis,” arsa caileag mu ochd bliadhna dh’ aois, “ciod a bu chiall do Chruinneachadh Albannach!” “C’uin a thig Oidhche Shamhna m’ an cuairt a rithis?” dh’ fharaid té eile a tha mu dhusan bliadhna, “b ’fhearr leam gu ’m biodh e ’n ceann seachdain eile!”
Cha ’n ’eil mi ’toirt guth air a chogadh, oir tha gach sgeul a dol dachaidh mu ’m faigh sinne e. Tha mo chridhe trom, trom thairis air uile.
Tha mi cho dìleas agus a bha mi riamh air chùl mo dhùthcha, agus “a chionn gu ’m bheil,” tha mi air mo chràdh air son nam muinntir a tha seasamh suas ’n ar n-aghaidh air son an dùthaich ’s an dachaidh. Tha sinn a lom-sgrios nan stàidean àillidh gu ’n cùl. Tha eagal mòr orm gur ann an uair a bhios e tuilleadh ’s anmoch a ghabhas ar rioghachd-ne an t-aithreachas. Chaill sinn Staidean America le ’bhi reasgach, agus tha sinn a dol air aimhreadh anns a cheart doigh a thaobh Africa mu Dheas.
Tha e ’n a fhaochadh mòr leam fhaicinn anns na pàipeirean gu ’m bheil muinntir aig an tigh a tòiseachadh ri gràin a ghabhail do ’n dol air adhart a th’ann. Gu’n deònaicheadh am Freasdal nach éil e tuille ’s anmoch stad a chur air a mhilleadh gun chiall a th’anns an dùthaich so.
[Vol . 9. No. 38. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, AM MART 22, 1901.
Tha Diùc agus ban-Diùc Chornwall, an deigh an turus timchioll an t-saoghail a thòiseachadh. Dh’ fhàg iad Breatunn Di-satharna s’a chaidh. Tha iad air tùs a’ dol direach do Australia, far am bheil aig an Diùc ris a’ phàrlamaid ùr fhosgladh, agus thig iad do Chanada toiseach an fhoghair. Theid iad an iar cho fada ri Victoria, an Columbia Bhreatunnaich, agus an ear, tha sinn an dòchas, cho fada ri Sidni. An deigh a chuairt so a chur air Canada, theid a’ chàraid rioghail do Newfoundland, agus á sin theid iad dhachaidh do Shasuinn.
A thaobh an iarrtais a chuir sinn anns an àireamh mu dheireadh—ar càirdean a thoirt fios dhuinn an robh MAC-TALLA, na’m barail-san, a’ dol na b’ fhearr no na bu mhiosa—fhuair sinn àireamh fhreagairtean air an t-seachdain so, ach cha chuirear aon dhiubh an clò gus am faigh na h-uile cothrom air am barail a chur an céill; tha so air a dheanamh air eagal gu ’m faod barail na feadhnach a sgriobh an toiseach atharrachadh ann an dòigh sam bith a thoirt air barail na feadhnach a thig ’nan deigh. B’ fhior thoigh leinn àireamh mhor fhreagairtean fhaotainn. Cha’n ’eil sinn a sireadh molaidh no di-molaidh, ach tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach neach a bharail a thoirt dhuinn gu saor, soilleir. Cha chuir ar moladh gu meud-mhoir sinn ’s cha chuir ar di-moladh gu feirg sinn. Ach guidheamaid orra-san aig am bheil barail ri thoirt dhuinn iad a ghreasad orra, oir tha toil againn a’ chùis a chur a thaobh ann an ùine cho goirid ’sa ghabhas deanamh.
Tha aimhreitean mora dol air adhart ann am bailtean mora Ruisia, agus tha e air aithris gu bheilear an deigh fios fhaotainnair ionnsuidh no dha a bhatar a’ dol a thoirt air beatha an t-Sàir. Anns na h-aimhreitean a bh’ ann am baile St. Petersburg, bha àireamh de’n t-sluagh air am marbhadh, agus moran air an leònadh. Is dùthaich Ruisia air am bheil tìmeannan cruaidhe, trioblaideach a feitheamh. Tha sluagh mor innte, agus iad air am fior dhroch riaghladh. ’Nuair a dh’ éireas an sluagh sin air son an còirichean fein fhaotainn, rud a ni iad, cha ’n eil ni is cinntiche na gu ’m bi moran fala air a dòrtadh. Tha an Sar ’na dhuine ceart, leis ’m bu mhiann an Impireachd a riaghladh air dhòigh na ’s fhearr na thatar a’ deanamh, ach tha e air a chuartachadh le oifigich ’s le luchd dreuchd nach urrainn dha a chur á ùghdarras, agus fhad ’sa bhios iad ann, tha ’nan comas esan a chumail o a rùintean matha féin a chur an gniomh.
Cha d’thainig sgeul air sith ann an Africa mu Dheas fhathast. Dhiùlt an Seanalair Botha gabhail ris na cumhachan a bha air an tairgse le Kitchener os leth Bhreatuinn, agus mar sin tha an cogadh ri dhol air adhart gus am bi na Boerich uile air an toirt fo chìs. Is gòrach an ni dhaibh a bhi seasamh a mach, oir cha bhi na cumhachan a theid a chur ’nan tairgse an uair sin idir cho fabharrach ris na chaidh a thairgse dhaibh air an turus so.
Bas na Ban-righ.
Chaidh fios-dealain feadh nan tirean
A’ toirt naigheachd bhròin gu miltean;
Sgeula bàis a Morachd Rioghail,—
’S bochd gar firinn is nach sgleò e.
Fad is farsuinn chaidh an sgeula;
Chualas thall an tirean céin e;
Chuala Breatunnaich gu leir e;
’S fagaidh sud an éideadh bròin iad.
Sròil tha bhàin gu leith nan crannaibh;
Cluig le fuaim a’ bualadh ainneamh;
Mar sin ’s nuallan cruaidh nan canan;
Uile labhairt ruinn, “Cha bheò i.”
A bhean-uasail, bha thu cliùiteach,
Riamh o’n cheud la ’chaidh do chrùnadh;
’S tha ’n diugh t-impireachd fo thùrsa,
Bho ’n a dhùineadh thu ’s na bòrdaibh.
’S fada chum thu crùn do shinnsre,
’S ghleidh thu glan gun smal gu crich e;
Sud an teiste bh’ ort ri innse,
O’n la fhuair thu d’ nigh’naig còir air.
Ge b’ e co chuir ceart no cam e,
Luidh e comhnard air do cheannsa;
Cluinnidh linntean nach eil ann e;
Oir bha thus’ ad’ Bhan-righ òirdheirc.
Chuir thu ùigh an tir nan àrd-bheann,
’S cha bhiodh feum agad air geard ann;
Bha thu earbsach as na Gàidheil,
’S iad dhuit blàth-chridheach an còmhnaidh.
Anns gach dòigh bha moran loinn ort,
Fhuair thu ciall gu riaghladh rioghachd;
Broilleach blàth na màthar chaoimhneil;
’S cridhe daimheil na mna-pòsda.
Bha do shonas lan gu’n traoghadh,
Nuair bha ’m prionnsa leat gun chaochla;
’S ged a thug am bàs o d’ thaobh e,
Mhair do ghaol dha: dh’ fhan thu t’ònar.
Bha iad romhad a chur fàilt ort,
Clann is companach is màthair;
Tacan goirid sgar am bàs sibh;
’S tha na càirdean tuille còmhla.
Fhuair thu nise trusgan àghmhor,
Agus crùn a chaoidh nach fàilnich;
Air an ceannach dhuit le d’ Shlan’ear,
Anns na chuir thu tràth do dhòchas.
’S maith leinn gu’n a dh’ fhàg thu oighre,
’S gur a mac leat fhein is righ oirnn;
Saoghal fada dha mar chuibhrionn,
Sith is aoibhneas fhad ’s is beò e.
C. C.
Strathalba, E. P. I., March 14, 1901.
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Confederation Life Association.
Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871.
ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich.
Earras $8 ,000,000. Urrasachadh an Greim $33 ,000,000.
Teachd-a- stigh os Ceann Millean ’sa Bhliadhna.
Cha ghabh na Policies bristeadh—Tha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh.
F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.
Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 38. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Ann an Chaplin, Cuebec, Di-haoine s’a chaidh, chaidh tigh le fear Gauthier na theine; agus bha a bhean agus ceathrar chloinne air an losgadh gu bàs. Leum Gauthier [fhéin a mach air an uinneig agus bha a chas air a bristeadh.
Bha uair a bhiodhte a’ crochadh dhaoine fo lagh Bhreatuinn air son meairle. Ann an cearnan de na Stàidean thatar a deanamh sin gus an latha ’n diugh, ged nach ann fo’n lagh. Tha daoine gle thric air an cur gu bàs air son goid each anns na Staidean an iar.
Tha na daoine tha dol am mach do Africa mu Dheas gu gabhail ann am feachd mhaor Bhaden-Powell a cruinneachadh ann am baile Halifacs. Tha mu dheich ceud ann dhiubh air fad, agus buinidh da cheud de’n àireamh sin do na Roinnean Iochdrach. Bidh iadsan a tha ’gabhail ’san fheachd so ann an Africa àireamh bhliadhnaichean, gus am bi an dùthaich cho sitheil ’s cho sàmhach ’s nach bi an còrr feum’ orra.
Bha cuideachd an iaruinn air an t-seachdain s’a chaidh a creic fiach thri muillean dolair de shares anns a chuideachd. Bha an t-airgiod a dhith orra air son tuilleadh obraichean a tha iad a’ dol a chur air adhart. Mu’n robh na leabhraichean air an dùnadh, bha tairgsean a stigh air son a thri uiread ’sa bhatar a’ creic, ni a tha a’ nochdadh gu bheil barail gle fhallain aig daoin’ airgeadach air cuideachd an iaruinn.
Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh, fhuaireadh fear Eideard O’Connor na shineadh leòinte air an rathad-mhor faisg air baile Ghuysboro. Bha slige chinn aige air a bhristeadh gu dona, agus chaochail e an latha sin féin. Tha e ro-choltach gu’n robh e air a leònadh ann an sabaid daoraich an oidhche roimhe sin, agus bha dithis dhiubhsan a bha air am faicinn comhla ris aig an àm sin air an cur an greim.
Tha sgeul air tighinn á Sina gu bheil Li Hung Chang gu tinn, agus fior choltas a bhàis air. Tha e ’na sheann duine, agus thatar ag innse gu bheil e o chionn ghoirid air fàs anabarrach breòite. Ged nach eil gradh no spéis mhor sam bith aig na h-Eòrpaich dha, bhiodh iad gle dhuilich na’n sàbhladh e aig an àm so, oir is e an aon duine aig am bheil comhairle sam bith na cheann ris an éisd an teaghlach rioghail, agus na’m biodh e air a thoirt air falbh, cha’n eil fhios nach rachadh cùisean air adhart moran na bu mhiosa na tha iad a’ dol fo a stiùireadh-san.
Thachair bàs muladach ann anScott ’s Bay,an siorrachdKing ’s, N. S. ,o chionn seachdain no dha air ais, —boirionnach a bha tinn fad deich no dusan latha, ach a dhiùlt gnothuch a ghabhail ri dotair, no cungaidh-leighis sam bith a chleachdadh. Bha i [ ? ]in ’sa fear-pòsda nan luchd-leanmhuinn aig fear Dowie ann an Chicago, a tha teagasg nach eil feum ann an lighichean no an cùngaidhean, ach gu’n gabh gach tinneas agus eugail leigheas le ùrnuigh. Nuair a dh’ fhàs a’ bhean ro-thinn chuireadh fios no dha gu Dowie so e dheanamh ùrnuigh air a son, ach ma rinn e an ùrnuigh, cha d’ fhuair i éisdeachd, agus chaochail a bhean an ceann latha no dha.
Thatar a rithist a bruidhinn air rathad iaruinn a thogail air taobh-deas an eilean, eadar Caolas Chanso agus Louisbourg. Tha riaghladh Nobha Scotia a’ gealltuinn cuideachaidh, agus thatar a’ dol a’ dh’ iarraidh cuideachaidh air an àrd-riaghladh. Thatar mar an ceudna bruidhinn air rathad-iarruinn a thogail eadar Orangedale agus àit-eigin an ceann a tuath siorrachd Inbhirnis, far am buail e stigh anns an rathad ùr a tha ruith an cois a chladaich.
Tha Ruisia an deigh aontachadh a greim air Manchuria fhuasgladh, agus an aon chothrom a bhi aig rioghachdan eile anns a’ chearna sin de Shina ’sa bhios aice fhéin. Bidh cùisean mar sin gus am faigh i cothrom air a greim a theannachadh a rithist. Tha ciocras mor fearainn air Ruisia daonnan, agus a thaobh seilbh a ghabhail air dùthaich no mor-roinn a tha i ’sanntachadh, cha’n eil bòid no gealladh a bheir i seachad a dol ’ga cumail air ais aon uair ’s gu’m faigh i deagh dhòigh air am bristeadh.
Is e ’n cuideachadh a tha ri bhi air a thoirt do rathad-iaruinn a chladaich a deas le riaghladh Nobha Scotia deich mile dolair air son gach mile dhe ’n rathad a theid a thogail. Tha so ri bhi air a phàigheadh air ais do ’n riaghladh ’nuair a bhios cuideachd an rathaid comasach air sin a dheanamh, agus gus am bi, bidh mortgage aig an riaghladh air an rathad. Is dòigh ùr so a tha an riaghladh a’ gabhail agus is dòigh i is fhearr na’n t-seann dòigh, a’ toirt seachad airgeid do ròidean-iaruinn gun a bhi cumail greim sam bith orra.
Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, chaochail an Seanalair Harrison, a bha fad cheithir bliadhna—l889 gu 1893—na ard-Uachdaran air na Staidean. .Bha e tinn o chionn treis a dh’ ùine, agus bha fhios gu robh a bhàs faisg air làimh. Bha e ’na dhuine ’bha anabarrach measail, agus a choilion an dreuchd àrd a bhuilich muinntir a dhùthcha air gu h-onarach agus gu comasach. Bha a dhachaidh ann an Indianapolis, far ’n do chaochail e, agus bha e air a thiodhlacadh an sin là na Sàbaid s’a chaidh. Bha mu choig mile deug sluaigh cruinn aig an tòrradh, agus am measg na feadhnach a bha còmhla ri dlùth-chàirdean féin aig ceann na h-uaghach, bha an t-ard-Uachdaran Mac-Fhionnlaidh.
Bha sabaid fhuilteach eadar coignear dhaoine faisg air Shubenacadie Di-dònaich an l0mh la—triùir bhràithrean dhe’n ainm Lantz air aon taobh, agus dithis d’an ainm Emack agus Ettinger air an taobh eile. Bha aimhreit eadar an dha phàirtidh o chionn fada, agus air an lath’ ud rinn Emack agus Ettinger feall-fhalach air na bràithrean Lantz ’s iad sin a dol dhachaidh as an eaglais. Thòisich iad leis na buillean, ach an deigh sin bha dagaichean air an toirt ris, agus mu’ n do sguir an t sabaid, bha triùir air an tilgeadh, Emack, Ettinger agus am fear a b’ òige de na Lantzich. Tha Emack air a leònadh cho dona ’s gu’n do chaochail e an ceann latha no dha. Ged a bha ’n dithis eile air an droch leònadh cha’n eil iad an cunnart sam bith. Thug an dithis Lantzach nach robh air an leònadh iad fein suas, ach thug an jury a mach mar bhreth nach robh iad ri ’n coireachadh, nach robh iad ach ga ’n dion féin.
Cha ’n eil sinn cruaidh ort!
Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10—bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1 .15—tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.
H . H. Sutherland & Co.
Bathar Cruaidh
Tha sinn a’ cumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.
Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de
BHIADH BHEOTHAICHEAN,
tha na tha againn ’nan deagh chunnradh.
Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1 .30 am poca.
Biadh Pronn—Corca, Corn agus Crithneachd.
Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann.
Tha beagan bharailean dhe ’n fhlur mhath a bha sinn a creic air $4 .00 againn fhathast.
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.
F . & J. MORLEY.
[Vol . 9. No. 38. p. 6]
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. XXXI.
A nise dhealaich na h-uaislean gu léir ri Tearlach an so ach Fear Ghlinn Aladail na aonar; mheasadh gu ’m b’ fheumail dhasan fantainn mar eadar-theangair, eadar am Prionns’ agus na ceathairneich: oir cha robh aig a mhorachd rìoghail ach droch Ghàelig, agus cha robh aig na gaisgeich ach bristidhean Beurla. Cha d’ fhan iad ann an Coirre-Ghoth an deigh do ’n Phrionnsa thighinn còmhladh riu ach trì òidhche. Air an treas latha do chiad mhìos an fhoghair, chaidh iad gu uamh a’ Choire-Riabhaich a bha ma astar dhà mhìle bho Choirre-Ghoth. Air feasgar an t-seachdamh latha de ’n mhìos, ghabh iad thar a mhonaidh gu Srath-Ghlais; fhuair iad ann am braigh’ an t-Sratha bothan-àiridh falamh, bheothaich iad teine agus rinn iad leabaidh luachrach do Thearlach anns ’na chaidil e gu trom gu ochd uairean sa’ mhadainn. ’Nuair a dh’ eirich iad gu léir ’sa ghabh iad am biadh maidne, chaidh fear de na gaisgeich a chur air theachdaireachd gu Poll-Iù a dh’feuchainn an robh an dà long Fhrangach fathast ga fheitheamh; thuirt iad ris an teachdaire so mu ’n dh’fhalbh e gu ’n faigheadh e iad air chinn da pilltinn air ais, air mulach Beinn-Eacharain. Moch air madainn (an naoidheamh latha de ’n mhìos) thog Tearlach agus a phàirtidh orra gu tuath, agus thainig iad an òidhche sin gu bothan àiridh eile, far na leig iad an anail car ùine bhig. Mu dhà uair sa’ mhadainn (an deicheamh latha) thriall iad n’a b’ fhaid’ air an aghaidh, agus bha iad ma fheasgar ann an Gleann-Canaich far na dh’ fhan iad gus na dhorchnaich an òidhche. An sin chaidh iad gu taigh tuathanaich far an d’ fhuair a phàirtidh gu léir deagh aoidheachd. Mu dha uair sa’ mhadainn dh’ éirich iad agus dhìrich iad a’ monadh gus an d’ ràinig iad mar gheall iad do ’n teachdaire, mulach Beinn-Eacharain air taobh tuath Ghlinne-Canaich, ma thuaream da fhichead mìle bho Pholl-Iù. Dh’fhan iad ann an taigh frithe Beinn-Eacharain, ged nach robh ann ach bothan beag, suarach, fad dhà latha, gus an tigeadh an teachdaire chaidh gu tuath air ais. Mu shia uairean sa’n fheasgar (air an treas latha deug) thainig e le fios gu ’n tainig dà long Fhrangach a steach do Loch-Iù a los am Prionns’ a thoirt tharais, ach a thaobh nach do dh’ amais iad air gu’n robh iad a nis air falbh, gu ’n chuir iad ceathrar de ’n sgiob’ air tìr, agus gu ’n deach triùir a dh’amharc a mach air a son do Dhùthaich Loch-Iall, agus nach tainig iad riamh air an ais, agus gu ’n sheol an luingeas as an aonais.
Chunnaic iad a nise nach robh buannachd sa’m bith dhaibh a dhol na b’fhaide gu tuath; agus phill iad air an ais air uisge-Chanaich air an fheasgar sin féin, (an treas latha deug,) agus ma dhà uair sa mhadainn bha iad ann am Fàs-na-Coill ann an Srath-Ghlais: fhuair iad gabhail riu ann an so gu fiùghantach, fiall, ann an taigh Iain Shiseil, tuathanach cothromach, a bha mach le Sisealaich eile na dùthcha sin ann an cogadh Thearlaich féin latha Chuil-Fhodair.
Air madainn an t-seachdamh latha diag thog iad orra; ghabh iad an t-ath ghoirid, agus bha iad aig Bruthaichean Ghlinne-Moireaston mu dheich uairean ro mheadhon-latha. Chuir iad a’ chuid a bha rompa de ’n latha sin seachad air mulach a’ bhealaich, agus mu òidhche chaidh iad mìle air an aghaidh; agus ghabh iad fasgath ann am bothan àiridh gus an tigeadh an latha. Cha robh nise dad aca a dh’ itheadh iad, agus chaidh Pàdruig Grannd agus Alasdair Siseal a chur sìos gu srath na dùthcha a dh’ fheuch am faigheadh iad biadh r’a cheannach. ’Nuair a theirinn iad le leathad co thachradh riu ach Granndach Ghlinne Moireaston. Labhair an duin’ -uasal sin riu mar so:— “C’ àit’ ’fhearamh am beil sibh a chòmhnaidh anns na h-amannan truaighe so, ’nuair a’s ainmig a tha duin’ agaibh r’a fhaicinn, no cia mar idir tha sibh beò?”
Fhreagair Pàdruig Grannd an duin’ -uasal mar so:— “O’ n tha sinn a’ faicinn an nàmhaid a creach na dùthcha, chuir sinn romhainn gu ’m biodh ar cuid againn do’n chrich; agus nach saoil sibh féin gu’m bu mhòr am beud mar bidheadh.”
Air madainn am lathairne-mhàireach (be sin an naoidheamh latha deug de ’n mhìos,) thàinig iad far an robh am Prionns’ agus a’ chuid eile de’n phàirtidh, le biadh gu leòir a’s pailteas. ’Nuair a ghabh iad gu léir na chaisg an acras, thriall iad air an turas, agus do bhrìgh gu ’n robh an latha araon ceòthach agus fluich, fhuair iad tro Ghleann-Moireaston agus tro Ghleann-Laoidh gun sùil choimheach da’ m faicinn ged a bha nàimhdean a nise da’m feitheamh air gach fàireadh, agus bha iad mu òidhche aig Bhrudhaichean Ghlinne-Garaidh. ’Nuair a rainig iad Uisge-Gharaidh mhothaich iad gu ’n robh an àth air éiridh le sileadh na dile, agus ged a bha ’n linne ruigsinn nan achlasan aig na gaisgeich, ’nuair ’chaidh na treun-laoich ’an guailean a’ chéile, thug iad am Prionns agus Fear Ghlinn Aladail sàbhailt “gu bruaich!” Air dhaibh a thighinn as an uisge dhirich iad an uchdach agus dh’ fhan iad air an àrd réidh na h-òidhche; ged a bha’n t-sian air drùghadh orra gu ruig’ an craiceann.
Air an ath mhadainn bha ’n ceò agus an t-uisge gun chaochladh, ged a bha sin mi-ghoireasach air dòigh bha e glé shealbhach air sheòl eile, a thaobh nach bu léir do na nàimhdean am fai-
AODAICHEAN DEANTE
COTAICHEAN-UACHDAIR foghair us geamhraidh, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.
Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.
F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
[Vol . 9. No. 38. p. 7]
cinn ged a bha iad mu’n àm glè dhlù dhaibh. Thoisich iad gu calma agus bha iad m’u dheich uairean sa’n fheasgar aig Ach-nan-sabhal, air an fhicheadamh latha de’n mhìos. ’Nuair a leag iad an aineil ann an so car tacain ghluais iad gu badan coille a bha ma thuaiream da mhìle bho Acha-nan-sabhal, agus dh’ fhan iad ann an sin rè na h òidhche fo shiann ’s fo dhoireann.
Air an ath madainn thàinig Dòmhnullach Locha-Garaidh agus Cam Shronach nan Cluainean ’nan ceann. Ghluais a phàirtidh gu léir as a’ so agus ràinig iad bothan falaich a bh’ aig an dithis dhaoin-uaisl’ a chaidh aithris, Fear Locha-Garaidh, agus Fear nan Cluainnean ann an badan coille aig ceann-shios Loch-arcaig. Dhealaich na ceathairneich ri Tearlach ann an so, agus phill iad dhachaigh gu’n gleann féin. Thug Tearlach dhaibh mar thuarasdal air son an caoimhneis, trì ginnidhean òir an fhir.
Bha Tearlach a nis’ air son dol a chomhnuidh maille ri Cluainidh agus ri Loch-Iall, a chual e a bhi fantainn ann an ionad fhalaich sheasgair ann am beanntaichean Bhàideanach. Air an aobhar sin chuir e duine do’m b’ainn Iain Mac-Coilbhinn, fear do choitearan Loch-Iall féin, le litir do Bhàideanach a dh’ -feuch am biodh na h-uaislean air son da dol a chòmhnaidh maille riu.
Air an lathairne-mhaireach an deigh sin ghluais am Prionns’ agus a phàirti do Thorra-mhuilt fagus do dh-Acha-na-Garaidh. Dh’ fhàg Fear Ghlinn-Aladail am Prionns’ ann an so, agus chaidh e sìos thun a chladaich far an robh sùil gach latha thighinn a nall; agus bha e gu fios a leigeadh gu Tearlach a cheart cho luath sa thigeadh iad. Mu dheireadh a mhìosa bha Tearlach air a chuir thuige gu mòr luasgan ann an Acha-na-Gairidh, le ’chluinntinn gu ’n robh dà chiad fear, de Chaim-Beulaich Earra-Ghàel, agus do Ghranndaich Shrath-Spé, fo chomanda Chaiptin Ghrannd a Chnocain-duibh a’ tighinn fo làn armachd gu criochan Loch-Iall, thaobh gu ’n robh Tearlach ga fhalach air sgàth an àite sin. Mar bha ’n sealbh an dàn do Thearlach theòraich na diùlaich a bha còmhladh ris e mach tro na choille air chor is gu ’n do sheachainn e sùilean an nàmhaid, agus theich iad gu mulach Maoil-an-t- Sagairt beinn ard, chreagach, chas, ro dhuilich ri dìreadh. Rinn iad stad air aonach na beinne so ré na h-òidhche, gun bhiodh, gun dràm, gun tombaca!
Air an ath latha theirinn am prionnsa mar bu dù dha bhith gu fuar, acrach, Maol-an-t- sagairt, agus chaidh e thar Loch-arcaig; agus rinn e-féin agus a luchd-leanmhainn taigh falaich de bharrach nan crann ann an Giùbhsach Mhic Dhòil’ -Duibh. Cha b’ fhada bha e chòmhnaidh ann an sin ’nuair a thainig gille ’s litir dha ionnsaidh bho Chluainidh, a dh’ innse dha gu ’n robh dùil aig Cluainidh féin tighinn air a thoir gu ruige a Ghiùbhsach chum a threòrachadh do Bhàideanach far an robh e-féin a’s Loch-Iall a chòmhnuidh. Cho luath sa leugh am Prionns’ an litir “cha d’ rinn e lugha fir òrain,” ach thog e air air ball agus thriall e do Bhàideanach, an dòchas tachairt ri Cluainidh air an rathad a tighinn. Bho ’nuair a dh’ fhàg Tearlach Acha-na-Garaidh cha deach e fo thaigh gus an d’ rainig e taigh Mhic Dhòmhnull na Tulaiche-cruime ri taobh Loch-Lagain, far do ghabh e biadh a’s deoch a’s clò beag cadail. ’Nuair a dh’ éirich e sa’ mhadainn, chunnaic fear na Tulaiche-cruime gu’n robh éideadh air dol gu tur gu chùl, agus thug e dha cota-gearr de chlò donn, leine agus daothain bhròg? Rainig e Bàideanach air an naoidheamh latha fichead de ’n mhìos, agus chuir e chiad òidhche seachad ann an Coirr’ -an-Iubhair fo iochdar Beinn-Altair. Tha’n t-àite sin do Bhàideanach “cho gann do choille is mach falaicheadh fiadh a chabar ann:” ach a dhaindeoin sin cha robh ionad falaich air tìr-mòr cho math ris; tha e làn chàrn, gharbhlach a’s chòs.
(Ri leantuinn.)
Tha an Stor Mhor Innsridh
a tairgsinn
.500 Brat-leapach.
air an deanamh leis a’ chuideachd ainmeilAlaska Feather & Down Co.Ri bhi air an creic mu ’n toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air
$1 .50
Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu t’ airgead air ais.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, Manager.
Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
SANAS.
THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.
DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —Os ceann StorC . P. Moore.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 38. p. 8]
Oran
Do Dhòmhnall Cràbhart a Tireadh, a chaidh do na h-Innsean agus a rinn moran beartais ’san àite sin.
LE GILLEASBUIG MAC-PHAIL.
Fonn: —Air tuiteam am chadal.
Gu’n d’ fhuair mise sgeul
’Thug toilinntinn dhomh ’s éibhneas,
’S a neartaich mo spéiread
Na ’s treine na bha mi;
Sgeul ’thug gu bhith òg mi;
An aois chaidh air fògradh,
’S cha dig i ga m’ chòir,
Sin mo dhòchas gu làidir;
An aois greannach shuarach,
Bho ’n dh’ fhògair mi bhuam i,
Gu ’m bi mi gle uallach
’Deanamh suas mar a b’ àbhaist;
’S e ’n sgeul a dh’ fhàg ait mi
Gu bheil an t-òg gasda
Thar saile ’tigh’nn dachaidh
A dh’ fhaicinn a chàirdean.
A Dhomhnaill gur toil leinn thu,
Slainte gun ghainne dhuit,
Sòlas nach teirig dhuit,
’S eireachdas làitheil.
Gnuis thaitneach a chiataibh,
Cridh’ flathail na fialachd;
Iochd ’s beannachadh Dhia ort,
’S deagh riaghailt a’ fàs riut.
’S beag ionghn’ thu ’bhith fiachail,
Cha choill’ ’san robh crìonach
Bho ’n d’ rinn thusa cìnntinn,
De ’n fhior fhuil a’s aird’ thu.
’S fuil rioghail gun truailleadh
’Tha ’direadh mu d’ ghuailibh
Na ’sruthain mhear’ uasal,
’S cur uabhair ad nàdur.
A Dhomhnaill na ’n digeadh tu
Thogadh mo chridhe,
’S cha tuiteadh e rithist
’S an tilleadh am bàs e.
Gu ’m bithinn cho eutrom
Ri eun air a sgéith
No ri bradan a leum
A dh’ aon bheum as an t-sàile;
Le àgh a bhith ’faicinn
’N oig shiobhalta, thlachdmhoir,
Dheas, fhirinnich, thaitnich,
A’s fasanta gnàth’chadh.
Gu ’n còmhnadh Mac De leat
’S gach àit anns an déid thu,
’S tu ’gluasad gu spéiseil
’Sna ceumaibh a dh’ àithneadh;
Gu’m biodh e ga do stiùireadh
A dh’ionnsuidh do dhùthcha,
An tir ’sam bu dù dhuit
Bho thùs a bhith stàtail;
Lan airgid is stòrais
’S gle phailt de gach seòrsa,
Gu’m faiceam an-t- òigear
A’s boidhche ’measg Ghàidheal;
Cridh’ glan mar an daoimean,
Is t’ aigneadh làn soillse
Mar ghréin shoilleir, chaoimhneil,
A’ boillsgeadh air fàire;
Gur h-iomadh òigh cheutach
’Tha ’suil riut mar chéile,
’S i ’n te ’gheibh dhi fhein thu
’Bhios eibhinneach, àghmhor.
Nan digeadh tu dhachaidh,
’S gu’n ceannaicheadh tu fearann,
’S gu’m fanadh tu mar-ruinn,
Bhiodh aighear ’san àite.
Do chàirdean gu leir
Tha fo chùram mu d’ dhéibhinn,
Is eilean Shémeuca
Làn eucailean bàsmhor.
Gur cliu an t-og meanmnach
Do’n chearn so de dh’ Albainn;
’S nan deanainn an leanmhuinn,
Gu’m b’ ainmeil do chairdean.
Na Cràbhartaich mheanmnach
A’s tric chaidh a dhearbhadh,
’S na Leathanaich ainmeil
’Bhiodh garg anns na blàraibh.
Gur daicheil am pears’ thu,
’S tu àlainn ri t’ fhaicinn,
’S do nàdur ’toirt barrachd
Air ’n t-sealladh ’th’ aig càch ort.
Craobh eireachdail, ùr thu
An gàradh nan ùbhlan,
’S na measan a’s cùbhraidhe
’Lùbadh a h-àrd-mheoir.
Ar ceol, ’s ar n-ol fion thu,
’S ar tobraichean fior uisg’
A chaisgeadh ar n-iotadh
’N deidh sgios agus fàilinn.
Do ’n chuid a bhiodh tinn dhinn
Gu’m biodh tu ’nad iocshlaint;
Nan digeadh tu ’n tir
Cha ’n fheil cridh’ nach biodh àghmhor.
Oran Gaoil.
Is ann feasgar Di-haoine
’Dh’ fhalbh mo ghaol thar a mhàm,
’Nuair a ghabh mi mo chead diot,
Bha m’ aigneadh fo phràmh,
Ort a bhruadair mi ’m chadal
Air lota ’s taigh bhàr;
’S nuair a dhùisg mi ’sa mhaduinn
Bha thu fad’ bhuam, a ghràidh.
Ach ged chaidh tu orm thairis,
Gur mor mo bharail ’s mo dhuil
Gu’n till thu rium fhathast
Le aighear ’s le mùirn.
Gu’n doir thu bho’n chléir mi
Le ceutadh ’s le cliu;
’S nach doir thu cion falaich
’Nighean barain no diuc’.
Cha ruig thu leas a bhi ’m barail
Gur h-e do bharantas cuil,
Bheireadh dh mhs’ a bhith ’m barail
Gu’m bu leann an dhomh thu.
Ach tu bhith ’shiol nam fear mora,
’S tu cho boidheach ’s cho cuimt’.
’S mi gu’n deanadh do phosadh
Ged bhiodh do stòras air crun.
Ach mur h-fhéil’ do ghaol agam
Tha mi fad’ ann an call;
’S mor is misde mo phearsa
’N gaol beachdaidh so bh’ ann.
Ged bu leamsa de bheairteas
Siorrachd Pheirt s Innse-Gall,
B’ fhearr leam cumhnanta t’ fhacail
Na gach pailteas fo ’m laimh.
’S ma ’s a beag leat mo thochradh
Gu bheil m’ fhortan aig Dia;
Gur a lionmhor mo chinneadh
Gus na shireadh tu ’dhiol
Ma ’s e lughad mo nithe
A bhrisd orm do ghràdh,
’S mairg mis thug cion falaich
Dhuit-sa thairis air càch.
’S daor a cheannaich mi ’n grinneas
Bha air inneal do làmh;
Nuair a chunnaic mi’n gille
Chaidh mi ’n iomairt mo bhais,
Le ro mheud ’s thug mi thlachd dhuit,
Leig mi seachad orm càch;
’S tha mi ’g inns’ ann am chòmhradh
Gur tu-s’ , a Dhòmhnaill, mo ghràdh.
Tha e air a ràdh gur h-ann do Dhòmhnall Donn Bhoth-Fhionntainn a chaidh an t-oran so a dheanamh, agus gur h-i nighean do thighearna Ghlinn-Moireastain a rinn e. Bi a chlàrsach inneal a làmh.
Cumha
MHIC-DHONNACHAIDH GHLINNE-FAOCHAIN.
Ho, gur mi à ’tha air mo leonadh,
Na i ri ri ho ro;
Ho, gur mi ’tha air mo leonadh,
Na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
Bho latha blàr Inbhir-Lòchaidh;
Bha ruaig nan Eirionnach dòite,
’Thàinig do dh’ Albainn gun stòras,
A bha dh’ earras air an cleòcaibh.
Thug iad spionnadh do Chlann-Domhnaill;
Mharbh iad m’ athair is m’ fhear-pòsda,
’S mo thriuir mhacanan grinn òga,
’S mo cheathrar bhràithrean ga ’n stròiceadh,
’S mo naoidhnear cho-dhaltan bòidheach.
Loisg iad mo chuid coire’ is eòrna.
Mharbh iad mo chrodh mór gu feolach,
’S mo chaoraich gheala ga ’n ròsdadh.
Ho gur mise ’th’ air mo chlaoidheadh
Mu Mhac-Dhonnachaidh Ghlinne-Faochain;
Tha gach fear ’san tir s’ ga d’ chaoineadh
Thall ’sa bhos mu Inbhir-Aora,
Mnathan ’sa bhasraich ’s am falt sgaoilte.
Ho gur mi tha air mo mhilleadh,
Mu mharcaich’ nan srian ’s nam pillein,
’Thuit ’sa chaonnaig le ’chuid ghillean,
Thug Mac-Cailein Mór an linn’ air,
’S leig e ’n sgriob ud air a chinneadh.
’Se Caimbeulach a bha am Fear Ghlinne-Faochain. A reir coltais ’s i a bhean aige a rinn an t-oran.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Ciamar tha do Shuilean?
Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagairt ort air an teid sinn an urras.
Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig
Bezanson .
An togalach Hanington,
Sraid Shearlot, Sidni.
BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.
So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90
Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.
Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 38 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 38. %p |
parent text | Volume 9 |