[297]

[Vol . 9. No. 39. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 29, 1901. No. 39.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna

Le Iain.

CAIB. XVII.

THA IAD AG RADH.”

THA e air a radh gum falbh abhreug air astar anabarrach fada ann an ùine gle ghoirid, agus tha so fior gu leòr. Tha e mar an ceudna soilleir gu leòr do dhuine sam bith a bheir fa near e, gur ann don bhréig is luaithe a bheir daoine creideas na don fhìrinn. Ach ma bhios tomhas mòr de sgainnil anns an naigheachd fhìrinnich, siubhlaidh i cho luath ris abhréig fhein. Tha ni éiginn anns an duine gu nàdurra a tha toirt air barrachd mòr tlachd a ghabhail ann a bhithg aithris mi-chliu na ann a bhithg aithris deadh-chliu. Tha an nàdar truaillidh so ri fhaicinn aig gach àm, agus anns gach àite. Tha tomhas dhen spiorad so ri fhaicinn, eadhoin air an lathan diugh, am measg nan daoine a tha gu follaiseach ag aideachadh na diadhachd. Ni cuid diubh gàirdeachas anns an eucoir a cheart cho math ris na daoine as miosathanns an dùthaich. Chan abair mi gum bheil iad so tur falamh de spiorad na diadhachd; ach their mu gum bheil mòran de spiorad an t-seann Adamh annta fhathast. Ged a tha tomhas de ghràdh Dhe nan cridheachan, chan ann aig gràdh Dhe a tham facal as àirde ann an riaghladh an cridheachan.

Air aon dòigh no dòigh eile, sgap an naigheachd air feadh na dùthchadh gun robh am maorna dhroch dhuine mun dthainig e don dùthaich, agus gun robh ecur mòran dhe na nithean a bha bean an uachdarain acur ga ionnsuidh air son nam bochd air leith air son fheuma fhein agus feum a theaghlaich. Mar a tha e furasda gu leòr a thuigsinn, bha gach sgeul a bha air aithris ma thimchioll mòran na bu mhiosa na ruigeadh e leas a bhith. Ged a bha am maor dona gu leòr, cha robh e cho fìor dhonas a bha daoine acur as a leith.

Ach bha na naigheachdan a bha air an aithris ma thimchioll air an cur mar bu trice ann am briathran cho gleusdas nach robh e furasda urra chinnteach fhaotainn air an deanadh am maor agus a chàirdean greim. Ged a bha na naigheachdan ann am beul gach duine, cha robh duine sam bith comasach air urra a thoirt seachad bu chinntiche naTha-iad-ag-radh.” A nis, tha e soilleir gu leòr nach dean an lagh greim airTha-iad-ag-radh,” agus air an aobhar sin faodaidhTha-iad-ag-radhgu leòr a ràdh anns nach bi aon fhacal fìrinn.

Ged a bha am maorna dhuine eucorach, bha e glé thlachdar agus glé aoidheil ri daoine an àm a bhith bruidhinn riutha, agus adeanamh gnothaich riutha. Bha fhios aige nach freagradh achaochladh de dhòigh dha. Mar bu shuidhichte a bhiodh ena inntinn air gnothaichean carach, mealltach a dheanamh, is ann a baoidheiles bu bheulaiches bu bhrosgalaiche a bhiodh e ris na daoine. Agus air an aobhar sin, bha àireamh nach bu bheag dhen t-sluagh nach robh acreidsinn gun robh eucoir no eas-onair sam bith ceangailte ris.

Am measg na muinntir aig an robh amhrus làidir gum bu duine eucorach a bhann, bha àireamh bheag aseasamh gu dìleas air a thaobh. Bha iad adeanamh so, cha bann a chionn gun robh meas mòr aca air, ach a chionn gun robh araon eagal aca roimhe, agus mar an ceudna gun robh iad a smaointean gum be an gliocas agus am buanachd a bhith gu teith, dealasach aseasamh air a thaobh. Agus cha do chaill iad dad le bhith air a thaobh; oir bha e gu bog, balbh agabhail a h-uile cothrom a gheibheadh e air fearann math a thoirt dhaibh, agus air moran de dhobair an uachdarain a churnan lamhan.

Ged a fhuair am maor am mach gun robh àireamh mhòr de shluagh na dùthchadhga ruith sios air chùl a chinn, cha robh eleigeadh dad air. Bha de ghliocas agus de thuigse ann na bhatoirt air a chreidsinn gum bfhearr dha gu mòr fuireach sàmhach, agus leigeadh leis amhonabar a bhameasg nan daoine dol bàs, na tòiseachadh ris an tuilleadh diumbaidh a chosnadh dha fhein le teannadh ri bagradh air sluagh na dùthchadh gu léir. A bharrachd air so, thuig e nach biodh e idir furasda dhe a fhein a shaoradh air beulaobh abhreithimh ged a rachadh e gu lagh. Chuir e fhein agus a theaghlach rompa nach biodh coltas gruaim no diumbaidh orra ri neach sam bith dhen mhuinntir a bhalabhairt gu h-olc mun deidhinn. Mar so chaidh aca air tomhas mòr de dheadh-ghean nan daoine a ghleidheadh.

Ged a bha e air innseadh don mhaors da theaghlach gum be Aonghas is Domhull a sgaoil an naigheachd mu dheidhinn aodaichean nam bochd air feadh na duthchadh, cha robh iad an toiseachga chreidsinn. On a bha mac Lachlainn fo ainm a bhith math gu innseadh agus gu deanamh naigheachdan gun bhun gun bharr, cha robh iad atoirt mòran creideis dha. A bharrachd air so, bha meas mòr aca air Aonghas agus air Domhull, agus bha dòchas làidir aca gun leanadh iad air a bhithtathaich an taighe mar bu ghnàth leotha. Bha fhios aca gum be an gliocas a bhith réidh ri teaghlach Dhomhuill Hearraich air a h-uile cor, on a bha meas mòr aig an uachdaran air fhein agus air Aonghas a mhac. Bha fhios aca gun creideadh an t-uachdaran Domhull Hearrach air thoiseach air sluagh na dùthchadh gu léir. Agus dhfhaodadh e sin: oir bha Domhull Hearrachna sheirbhiseach cho dìleass a bhaig maighstir riamh.

Ach a dhaindeoin cho toileachs gun robh iad air càirdeas a chumail suas ri teaghlach Dhomhuill Hearraich, dhfhairlich an gnothach orra. Sguir Aonghas agus Domhull a dhol an còir an taighe aca. Ged a bha Aonghas aotrom, gòrach, agus iomadh uair glé dheas gus iomadh ni a ràdh agus a dheanamh nach biodh aon chuid freagarrach no iomchuidh, cha robh cealgaireachd sam bith ann. Aon uairs gun do thionndaidhinntinn an aghaidh amhaoir agus a theaghlach, cha rachadh e steach air an dorus aca ged a bheirteadh duais mhor dha. Agus bha Domhull, a chompanach, a cheart cho aindeonach ri Aonghas fhein mu dhol do thaigh amhaoir. Cha be cho beags a bha de cheilg ann an Aonghas a bha uile gu léir atoirt air taigh amhaoir a sheachnadh, ach a chionn nach leigeadh an nàire leis a bhith cho dànas an taighs a bàbhaist dha an deigh a bhithfarchluais aig na h-uinneagan. Ach nan robh e cho làn den cheilg ri iomadach fear, rachadh e don taigh air chéilidh mar bu ghnàth leis, gun naire gun athadh.

Thug muinntir an àite an aire nach robh Aonghas is Domhull adol an gaoth taigh a mhaoir, agus thug sin orra gun do chreid iad gum faca no gun cualiad nithean nach do chòrd riutha. Bha iomadh aon dhiubh glé thoileach fios an aobhair fhaotainn. Agus an uair a theireadh iadTha iad ag radh, ’Aonghas, gum facas gu cuala tusa agus Domhull beag mac Sheumais nithean aig taigh amhaoir nach fhuiling an solus fhaicinn,” theireadh Aonghas riutha, “Mureil urra agaibh as fìrinniche naTha-iad-ag-ràdh,” chan fhiach bhur seanachus bonn-a- h-ochd. Mar a thuirt an seanfhacal, “Bu choirTha-iad-ag-ràdha chrochadh.” An corr fiosrachaidh chan fhaigheadh iad ged a dheanadh iad an teanga tanaga cheasnachadh. Agus mu dheidhinn Dhomhuill bhig, dhéisdeadh e ris na daoine a bhiodhga cheasnachadh mun chuis mar gum biadh e dall, bodhar. Ged a chuir Aonghas is Domhull rompa nach tugadh iad guth no iomradh ri duine sam bith air aon ni dhe na chunnaics a chualiad, ghabh a h-uile duine amhrus gum facas gun cualiad mòran dhroch nithean mu thaigh a mhaoir a bharrachd air na bha mac Lachlainn ag innseadh. Ged a bha mòran naigheachdan air an aithris o bheul gu beul air feadh na duthchadh mun deidhinn, bha na naigheachdan so air a dhol bàs leotha fhein mur be na thuirt te de nigheanan amhaoir mu dhéidhinn Aonghais is Dhomhuill. Bha teaghlach a mhaoir acumail am mach ri bean Dhomhuill Bhain gun robh meas mòr aca oirre, agus bha iad a gabhail a h-uile cothrom air a bhith caoimhneil, comhraiteach rithe, cha bann a chionn gun robh meas mòr sam bith aca oirre, ach a chum gum faigheadh iad fios uaipe air gach naigheachd a bhiodh am measg an t-sluaigh. Air latha àraidh chaidh bean Dhomhuill Bhàin air chéilidh do thaigh a mhaoir. Rinneadh fodhail mhòr rithe, agus air eagal gum faiceadh am maor i, rinneadh cuirm shòghmhor dhi anns achlosaid. Fhuair i lan na slige dhen stuth làidir a bhaig bean amhaoir anns abhotul-chéise mun do bhlais i air na nithean matha a chuireadh air a beulaobh. Bha te dhe na nigheananna suidhe comhladh rithe aig abhòrd, agus afrithealadh dhi cho cùramachs ged a be bean an uachdaran a bhiodh innte. Ged a bha bean Dhomhuill Bhàin gu nàdarra deas-bhriathrach gu leòr, chuir an stuth a bhanns abhotul-chéise gu barrachd bruidhne i. “Tha iad ag ràdh,” arsise, “nacheil mac Dhomhuill Hearraich agus mac Sheumais atighinn an



[298]

[Vol . 9. No. 39. p. 2]

còir an taighe agaibh an dràsta, agus tha e air aithris gum facas gun cualiad rudan nach do chòrd riutha. Ach cha dthug mi fhìn geill sam bith do na chuala mi. Tha amhrus agam nacheil anns an dithis ghillean ud ach sgaomairean suarach nach creid duine tùrail sam bith. Ged a than truaighe air mac Sheumais tha na seachd truaighean air mac Dhomhuill Hearraich. Cha chreidinn aon fhacal a thigeadh as a bheul ged a bhiodh an fhìrinn aige. Fhuair mise mo dhiol dhe theangaidh mhosaich mar tha, agus chaneil farmad sam bith agam ri daoine a theidna bheul.”

A nis, a bhean Dhomhuill, on is tu te thann, innsidh mise dhut ciod a thug orra an taigh againne a sheachnadh. Ach air na chunnaic tu riamh na toir guth ri duine beò gur e mise a dhinnis dhut e. Bha iad nan dithis atathaich an taighe againne, agus bha sinn aoidheil, caoimhneil riutha mar a bha sinn ris a h-uile fear eile dhen seòrsa a thigeadh rathad an taighe. Ach an uair a thuig sinn gun robh iad a maideachadh ormsa agus air mo phiuthair gus ar pòsadh, leig sinn ris dhaibh nach biodh gnothach againne ri fear seach fear dhiubh. Rud a bha nàdarra gu leòr, ghabh iad so gu h-olc. Agus chan fhoghnadh leotha an taigh a sheachnadh, ach dhfheumadh iad a bhithtogail droch naigheachdan air an teaghlach againn. Bhiodh éis pòsaidh oirnne mun gabhamaid fear seach fear dhen dithis.” Bha mòran comhraidh eatorra mu thimchioll gach naigheachd a bha air feadh na duthchadh air nach ruigear a leas iomradh a thoirt an so.

Mun dthainig ceann seachdain sgaoil an naigheachd air feadh nam bailtean gun robh Aonghas agus Domhull ag iarraidh dithis de nigheanan amhaoir, agus nach gabhadh te seach te dhiubh a h-aon aca. Bha cuidga chreidsinn, agus cuid eile nach robh. Chuala na gillean fhein an naigheachd, agus thuig iad gu math car son a thogadh i. Ach cha do chuir i gruaim sam bith orra, agus cha mhò a thuirt iad nach robh i fior. An uair a chuirteadh acheisd ri Aonghas ma dheidhinn, theireadh e:

Tri nitheans na gabh nàirasd’,
Ged nach tigeadh iad ri dchàileachd
Eachgad thilgeadh, bàtgad fhàgail,
S bean le tàirgad dhiùltadh.”

(Ri leantuinn.)


Banrigh Bhictoria.

BIDH cuimhne aig sluagh an t-saoghail gu bràth air Banrigh Bhictoria. Cha robh a leithid riamh air an talamh, agus tha sinn a chreidsinn nach bi. Chan e mhàin gun robh i ariaghladh thairis air Iompaireachd fharsuinn BhreatuinnIompaireachd dhem bheil earran anns a h-uile cearn dhen t-saoghail mun iath aghrianna bfhaide na h-aon sam bith eile a bha riamh air cathair rioghail na rioghachd, ach bha i mar an ceudna ariaghladh gu glic, gu cothromach, agus gu ceart.

Cha robh i fichead bliadhna dhaois an uair a thòisich i ri riaghladh. Thòisich i ann an ainm Dhé. An uair a dhùisgeadh as a cadal i an oidhchedheug Righ Uilleam IV., bràthair a h-athar, a chum gum biodh i gun dàil air a gairmna Banrigh, agus a thugadh an lathair Comhairle Dhiomhair na rioghachd i, be acheud iarrtus a rinn i, gun deanadh am fear dreuchd cho àrdsa bhanns an Eaglais, agus e aig an am anns an t-seòmar anns an robh aChomhairle cruinn, ùrnuigh ri Dia air a son, agus maille rithe. Cha bann ri fuil agus feòil a chuir i a comhairle, ach ris an Tighearna Dia Uile Chumhachdach, a bhana aonar comasach air eòlas agus tuigse, agus gliocas araon aimsireil agus spioradail a thoirt dhi. Bha làn fhios aice gun robh uallach ro throm gus a bhith air a leagadh air a guaillean ann am freasdal glic agus cothromach an Tighearna, agus thuig i gu soilleir nach robh en comas dhi a dleasdanas a chur an gniomh mar bu chòir dhi as eugmhais cuideachadh agus comhnadh an Tighearna aig gach àm agus anns gach àite. Chaneil ena ioghnadh mòr leinn ged a shoirbhich cho mòr leatha, oir tha facal Dhe ateagasg dhuinn gu soilleir, gum bi soirbheachadh aimsireil agus spioradail aig gach neach a thòisicheas ann an tùs a làithean ri iarraidh an Tighearna, agus a bhiosga iarraidh o latha gu latha le creideamh, agus le uile dhùrachd a chridhe.

Bhan dòigh anns an do thòisich aBhanrigh ri riaghladh, agus anns an do lean i air riaghladh gus an latha mu dheireadh, ’na bheannachd dhi fhein, dha teaghlach, agus don àireamh mhòr shluaigh a bha fo a riaghladh air feadh an t-saoghail. Chan e mhain so, ach bha ena bheannachd do chuid mhòr de rioghachdan eile an t-saoghail. Than doigh anns am bheil rioghachdan an t-saoghail gu léir an diughga caoidh, ’na dhearbhadh soilleir dhuinn gun robh meas mòr aig uile rioghachdan agus uachdaranan an domhain oirre. Tha e furasda dhuinn a thuigsinn gum bheil e nàdarra gu leòr do dhaoine, ciod sam bith inbhe anns am bi iad, eisimpleir na daoine air am bheil meas aca a leantuinn ann an tomhas beag no mòr. Agus tha dòchas againn gum bi righrean agus banrighrean an t-saoghail, gu sònraichte achuid sin dhiubh a tha nis a leigeadh ris gum bheil, agus gun robh meas mòr aca air Banrigh Bhictoria nach maireann, afeuchainn ri bhithcaitheamh am beatha gu measarra, gu cothromach, agus gu diadhaidh mar a bha ise.

Ged abhiomaid a sgriobhaidh ma deidhinn gu cionn bliadhna, cha bhiodh e an comas dhuinn trian dhe na buadhan inntinn a bhuilicheadh oirre a chur sìos anns na duilleagan so. Ged a tha mòran air a sgrìobhadh mar tha ma deidhinn, araon ann am paipearan, agus ann an leabhraichean, chaneil ann ach beagan an coimeas ris na rachadh aig daoine air a sgrìobhadh.

Tha àireamh mhòr de shluagh an t-saoghail asmaointean gum bheil na righrean agus na banrighrean acaitheamh am beatha gun mòran math a dheanamh. A thaobh an dòigh air am bheil an Iompaireachd fharsuinn dom buin sinne air a riaghladh, tha cuid mhòr dhen t-sluagh asmaointean gum bheil cùram agus uallach na rioghachd gu léir air an leagadh air guaillean na Parlamaid. Ach chaneil so fior ach ann an tomhas beag. Mar is àirde suidheachadh neach sam bith, is ann is tha de dhuallach ma cheann. Faodar a ràdh le firinn nach robh neach beò air an talamh aig an robh uiread ri dheanamhs a bhaig aBhanrigh. Cha robh gnothach cudthromach sam bith a thigeadh, o àm gu àm, fa chomhair luchd-riaghlaidh na rioghachd nach robh air a thoirt air beulaobh na Banrigh. Ged a bha comhairlichean lionmhor aice, bu mhath leatha fios a bhith aice air a h-uile gnothach cudthromach a thigeadh fan comhair. Be a dleasdanas, a reir an ordugh-riaghlaidh leis an robh an rioghachd air a riaghladh o chionn iomadh linn, a bhith ag aontachadh leis gach ni a chitheadh na h-àrd-chomhairlich agus aPharlamaid iomchuidh a dheanamh. Ach bu tric a thàinig oirre a bhithreusanachadh ris an luchd-comhairle an uair a thigeadh iadna làthair air cheann an gnothaich. Tha cuid dhiubh a nis ag aideachadh, gum bann na ceann-se a bhachomhairle cheart acinntinn mar bu trice, agus nach bannnan cinn-san. Ach aon uairs gum faiceadh ise nach biodh na comhairlich idir deònach deanamh mar a bhiodh e ag iarraidh orra, leigeadh i leotha deanamh mar a chitheadh iad fhein iomchuidh. Tha iad ag aideachadh gu saor gum bann aicese a bhachomhairle bu ghlice, agus an uair a dheanadh iad rud sam bith nach robh ceartna sealladh-se, gum biodh aobhar aithreachais acana dhéigh sin. Ged a thachradh dhi, mar is minic a thachair, a bhith ùine mhath areusanachadh ris na comhairlich, agus ag iarraidh orra deanamh mar a bhiodh i fhein asmaoineachadh a bha ceart, chan aithnicheadh a h-aon aca gun robh gruaim sam bith oirre riutha. Cha chualas riamh gum facas coltas feirge air a gnùis. Tha so anochdadh dhuinn, gun robh i anabarrach làidirna h-inntinn. An neach a tha làidirna inntinn, theid aige air smachd a chur air an fheirg agus air achorruich, an uair a thòisicheas iad ri dùsgadh an taobh a staigh dheth.

Tha aobhar sònraichte air cùl a h-uile rud a thatachairt anns an t-saoghal. Tha cuid dhen aobhar leis am bheil soirbheachadh aimsireil agus spioradail a tighinn a dhionnsuidh dhaoine, ann an làmh an Tighearna, agus cuid eile ann an làmhan dhaoine. Be athair na Banrigh, Diuc Chent, am mac a bòige a bhaig Righ Seoras III. Agus be am mac cho maths a bhaigathair. Cha robh mòran airgid riamh ma làimh, agus cha bu mhisde cùisean sin dad. Phòs e bantrach Prionnsa anns aGhearmailt. Bha abhantrach sona boirionnach anabarrach glic, tuigseach, diadhaidh, agus mnaoi cho math agus cho dleasdanachs a burrainn a bhith.

An uair a thuig Diuc Chent agus a bhean gun robh teaghlach air thuar a bhith aca, chuir iad rompa gun tigeadh iad do Shasuinn mum beirteadh an leanabh. Bha fhios aca gum be an leanabh a bha gu tighinn, co dhiubh bu mhac no bu nighean a bhiodh ann, a bhiodhna oighre air Crùn Bhreatuinn. Agus air an aobhar sin, cha bu toil leotha gum biodh an leanabh air a bhreith anns aGhearmailt. Ach gu mi-fhortanach bha iad cho gann a dhairgiods nach robh en comas dhaibh tighinn gu ruige Sasunn anns an doigh anns am bu mhath leotha tighinn. Chuir an Diuc fios gu fear dhebhràithrean adhiarraidh airgid air gus aghnothaichean a chur an òrdugh, agus am faradh a phàigheadh gu ruige Sasunn mar a dhfheumadh fear dhe sheòrsa a dheanamh. Agus mar is minic a thachair, cha dthug a bhrathair fuasgladh dha ann an latha na h-éiginn. Ach thug neach eile dha na bha dhìth air. Beagan ùine an deigh dhaibh tighinn doShasunn, rugadh an leanabh, agus thugadh Alecsandrina Bhictoria mar ainm oirre.

Cha robh i bliadhna dhaois an uair a dheug a h-athair. Rinn a mathair gach ni a ghabhadh deanamh gus a togail anns gach dòigh a bha math, agus fiorghlan, agus cliùiteach. Ged a bha gach frithealadh air a dheanamh dhi le deadh bhanaltruman, is gann gun leigeadh a màthair as a sealladh i, air eagal gum faiceadh no gun cluinneadh i dad sam bith a chuireadh droch eisimpleir roimpe, no a thogadh droch smaointeanna cridhe. Bha e eadhoin air a thoirmeasg dhaibhsan a bhiodh afrithealadh dhi, innseadh dhi gun robh i gus a bhith fhathastna Banrigh, air eagal gum fàsadh i mòr aisde fhein.

O thùs a h-òige bha i air a teagasg o fhacal Dhé. Bhiodh am mathair ag ùrnuigh air son agus maille rithe gach madainn is feasgar. An uair a bha i eadar a seachd deugs ah-ochd deug, air dhi a bhithtuigsinn gun robh i gus a bhithna Banrigh, rùnaich i, ann an neart an Tighearna, gun tugadh i i-fhein suas gu buileach do Dhia agus dha sheirbheis. Agus chum i ris abhòid so gu lathabàis.



[299]

[Vol . 9. No. 39. p. 3]

On a bha i fheinna dilleachdan, agus a mathair gann gu leòr de nithean matha na beatha so, a reir an t-suidheachaidh anns an robh i, bha truas mòr aice riamh ris na dileachdain. Bha i ochd bliadhna deug ar fhicheadna bantraich agus air an aobhar sin, bha co-fhaireachadh mòr aice ris na bantraichean.

Bha ina mnaoi mhath, ’na màthair mhath, ’na Banrigh mhath, agusna coimhearsnach math. Faodar a ràdh ma deidhinn mar a thuirt am fear-eachdraidh mu dheidhinn Heseciah, righ Iudah: Rinn i an ni sin a bha math, agus ceart, agus fìrinneach ann am fianuis an Tighearna a . Agus a thaobh gach oibre air an do thòisich i ann an seirbhis taighe Dhé, anns an lagh, agus anns na h-àitheantaibh, a dhiarraidh a , rinn i e le a h-uile chridhe, agus shoirbhich leatha.

Rinn sluagh na h-Iompaireachd fharsuinn a bha fo riaghladh, caoidh is bron air a son, agus mar an ceudna, àireamh do-àireamh de shluagh eile an t-saoghail. Is e barail nan uile nach robh nàmhàid fon ghrein aice.

IAIN.


Sgeulachdan Arabianach.

Ganem.

CAIB. VII.

ANNS acheart am chuir an righ air falbh Giafar, agus air dha bhith gu mor fo bhuaidh na feirge, sgriobh e lelaimh fhein an litir a leanas a dhionnsuidh righ Shiria, a bha chomhnuidh ann an Damascus, agus a bhag iocadh cis dha:—

Litir o Righ Haroun Alraschid gu Mohamed Sinebi, Righ Shiria.

A CHARAID, —Than litir so ag innseadh dhut gun dthug marsanta a Damascus, don ainm Ganem, mac Abou Aidhoub, a thaobh Fetnah, abhan-oglach as tlachdmhoire a bhagam, agus gun do theich e. Is e mo thoil-sa, an uair a leughas tu an litir so, gun dean thu mion-rannsachadh air a shon, agus gun cuir thu ann an sas e. Agus an uair a gheibh thu greim air, cuiridh tu ann an iaruinn e, agus tri latha an deigh a cheile, bheirear leith cheud buille dha le cuip. ’Na dheigh sin falbhar leis feadh abhaile gu leir, agus biodh fear aglaodhaich roimhe, ag radh, ‘So am peanas as lughani ceannard nan creideach air fear sam bith a bheir oilbheum dha, no a thruailleas aon de chuid banoglach.’ ’Na dheigh sin cuiridh tu an so e gam ionnsuidh-sa fo fhreiceadan laidir. Is e mo mhiann gun tugadh tu fa near a thaigh a spuinneadh; agus na dheigh sin gum biodh a h-uile clach dheth air a leagadh gu lar, agus gun tugteadh a h-uile ni dhem bheil an taigh air a thogail am mach as abhaile a dhionnsuidh meadhain achomhnaird. A bharrachd air so, ma tha athair, no mathair, no peathraichean, no mnathan, no nigheanan, no luchd-daimh sam bith eile aige, thoir aithne an rusgadh; agus an uair a bhios iad ruisgte, thoir fa chomhair sluagh abhaile iad fad thri latha, agus bagair am bas air duine sam bith a bheir biadh no fasgadh dhaibh. Tha min dochas gun dean thu mar a tha mi ag aithneadh dhut gun dail sam bith.

HAROUN ALRASCHID.”

An uair a sgriobh an righ an litir so, chuir e teachdaire air falbh leatha le cabhaig, agus dhordaich e don teachdaire calamain a thoirt leis a chum gum faigheadh e fios na bu luaithe ciod a rinn righ Shiria ri Ganem.

Tha calamain Bhagdad comharraichte anns an doigh so; ciod sam bith cho fada air falbhs gun toirear iad, tillidh iad do Bhagdad cho luaths a leigear as iad, gu sonraichte an uair a bhios na h-eoin aca. Tha litir air a ceangal fo na sgiathan aca, agus air an doigh so, gheibhear fios ann an uine ghoirid a aiteachan fad air falbh.

Bhan teachdair a chuir an righ leis an litir adol air adhart gun stad a lathas a dhoidhche, on a bhan gnothach a dhearbadh ris cho cabhagach. An uair a rainig e Damascus, ghrad chaidh e do luchairt an righ, agus mar urram do righ Bhagdad, shuidh righ Shiria air an righ-chathair mun do ghabh e as a laimh an litir. An uair a thug an teachdaire an litir dha, sheall e oirre, agus an uair a dhaithnich e an lamh-sgriobhaidh, dheirich ena sheasamh mar chomharradh air an urram a bha emeas dligheach do righ Bhagdad, agus phog e an litir. Chuir e a lamh air a cheann mar chomharradh gun robh e deas gus umhlachd a thoirt don aithne a fhuair e. Dhfhosgail e i, agus an uair a leugh e i ghrad thainig e nuas bhar na cathrach. Gun dail sam bith, mharcaich e fhein agus àrd oifigich na cùirte air falbh gus a dhol a dhionnsuidh an taighe aig Ganem. Chuir e fios air ard-bhreitheamh abhaile gus a dhol comhladh ris fhein agus ris an fhreiceadan.

Cha dfhuair a mhathair litir no fios sam bith eile o Ghanem on a dhfhalbh e gu ruige Bagdad. Ach thill na marsantan eile a dhfhalbh comhladh ris dhachaidh, agus dhinnis iad dha mhathair gun dfhan e ann am Bagdad, agus gun robh e slan fallain. Ach air a shon sin, o nach do thill e dhachaidh mar a rinn cach, agus nach do sgriobh e ga h-ionnsuidh, cha chreideadh a mhathair gun robh e beo. Bha i ga deanamh fhein cho cinnteach gun robh e marbhs gun do chuir i uimpe eideadh broin. Bha icaoidh Ghanem mar gum biodh i fhein an deigh fhaicinn abasachadh, agus mar gum biodh i an deigh a shuilean a dhunadh. Cha robh mathair riamhna leithid de staid bhronaich. Agus an aite comhfhurtachd a ghabhail, is ann a bha icumail suas abhroin.

Thug i fa near taigh-adhlacaidh a thogail anns achuirt a bha mun cuairt an taighe aice, anns an do chuir i iomhaidh a mic, comhdaichte le aodach dubh. Chuir i seachad achuid bu mho dhen lathas dhen oidhche anns an taigh so acaoidh gu trom air son a mic, mar gum biodh e air adhlacadh ann. Agus bha Alcolomb, a h-ighean mhaiseach, an comhnuidh maille rithe, agus asileadh nan deur cho frasach rithe fhein.

Bha iad greis mhath acur seachad na h-uine ri bron mar so. Agus on a bha na coimhearsnaich an comhnuidhg an cluinntinn aguls acaoidh, bha truas gu leor aca riutha. An uair a thainig Mohamed Sinebi, an righ, thun an doruis agus a bhuail e aige, dhfhosgail an t-searbhanta an dorus dha. Ghabh e steach le cabhaig, agus dhfheoraich e an robh Ganem a staigh.

Ged nach fhacan t-searbhanta Sinebi an righ riamh roimhe, thuig i gu math leis na bha de dhaoinena chuideachd gum feumadh gur e aon de na h-ard oifigich a bhuineadh do Dhamascus a bhann. “Mo thighearna,” arsise, “than Ganem sin a tha sibh ag iarraidh marbh. Thamhathair, mo bhanamhaighstirsa, anns an taigh-adhlacaidh sin thall, agus i gu tromg a chaoidh.”

Cha do chuir an righ suim sam bith anns na thuirt an t-searbhanta ris, ach thug e ordugh do na saighdearan an taigh a rannsachadh gu math feuch am faigheadh iad Ganem. An sin chaidh e thun an taigh-adhlacaidh, far am face amhathair agus an nigheannan suidhe air lar-bhrat mu choinneamh iomhaidh Ghanem, agus iad asileadh nan deur gu frasach.

An uair a chunnaic na boirionnaich bhochda so an righ, chuir iad srol air an aghaidhean. Ach dhaithnich mathair Ghanem gum be righ Dhamascuis a bhann. Dheirich i as an aites an robh ina suidhe, agus leig i i-fheinna sineadh aig a chasan.

Mo bhean mhath,” arsesan, “bha mi ag amharc air son do mhic Ganem; am bheil e an so?”

Ochan! mo thighearna,” arsamhathair, “is fhad on a dheug e. Bfhearr gun dfhuair mi de thoileachadh a chuir anns achiste-laidhe le mo lamhan fhin, agus gun robh a chnamhan agam anns an taigh-adhlacaidh so! Oh, mo mhac, mo mhac gradhach!” Bha i air an corr a radh mur be gun robh i air a claoidh cho mor le trom-bhrons nach robh en comas dhi leantuinn air bruidhinn ris.

Bha Sinebi na dhuine caomhail a thaobh nadair, agus bha co-fhaireachadh aige ri creutairean truagha.

Mas ann aig Ganemna onar a thachoire,” arsesan ris fhein, “car son a dheanteadh dioghaltas air a mhathairs air a phiuthars iad neo-chiontach? Ah! a Haroun Alraschid, is cruaidh an cridhe a thagad! Nach tu a thacur an doilghios orm an uair a tha thutoirt orm dioghaltas a dheanamh air creutairean neo-chiontach nach dthug oilbheum sam bith dhut!”

Thainig na saighdearan agus dhinnis iad don righ nach dfhuair iad Ganem ged a rannsaich iad gu math air a shon. Bha fhios aige gle mhath nach robh e rifhaighinn; oir thug an suidheachadh deurach, tursach anns an robh na mnathan dearbhadh dha nach robh es an taigh. Bha e an impis a dhol as a chiall a chionn gun robh aige ri umhlachd a thoirt don ordugh a thug righ Bhagdad dha.

Mo bhean mhath,” arsesan ri mathair Ghanem, “thig fhein agus do nighean am mach as an taigh-adhlacaidh sin! chan aite sabhailte dhuibh e.”

Chaidh iad am mach, agus air eagal gun tugadh neach sam bith tamailt dhaibh chur e dheth an fhalluinn a bha uime, agus chuir e timchioll orra le cheile i, agus dhiarr e orra cumail dluth dha.

An sin thug e ordugh don t-sluagh gach ni a bhanns an taigh a thoirt leotha. Rinn iad so le ciocras mor, agus iad aglaodhaich cho ards gun do chuir iad eagal mor air mathair Ghanems air a phiuthair, gu sonraichte a chionn nach robh fhios aca car son a bha leithid a dhroch obair adol air aghart. Thug an sluagh leotha am bathar bu luachmhoire bhas an taigh, cisteachan lan saoibhreis, lar-bhrait Phersianach agus Innseanach a bha anabarrach grinn, cluasagan a bha comhdaichte le aodach fighte le or is airgiod, soithichean shina ro luachmhor: a dhaon fhacal, cha dfhag iad dad an taobh a staigh dhen dorus ach na ballachan loma. Bu shealladh ro bhronach do na mnathan uaisle a bhithfaicinn an cuid dhen t-saoghal air a thoirt air falbh agus gun fhios aca car son a bha leithid de ghnothach eucorach air a dheanamh orra.

An uair a thugadh gach ni air falbh as an taigh, thug Mohamed Sinebi ordugh don ard-bhreitheamh an taigh-comhnuidh agus an taigh-adhlacaidh a leagadh gu lar. Agus am feadhs a bhan obair so adol air aghart, thug e leis Alcolomb agus a mathair don luchairt. Bann an sin a thug e an tuilleadh broin dhaibh an uair a dhinnis e dhaibh mun ordugh a thug righ Haroun Alraschid seachad. “Tha e ag aithneadh dhomhsa,” arsesan riutha, “an t-aodach a thoirt dhibh, agus bhur cur air falbh dearg ruisgte air feadh abhaile fad thri latha a chum gum faic an sluagh sibh. Tha e anabarrach fad an aghaidh mo thoile abhinn chruaidh-chridheach agus mhaslach so a chur an gniomh.”

Labhair an righ na briathran so air a leithid de dhoighs gun robh e soilleir dhaibh gun robh e air a bhioradhna chridhe le truacantas agus le bron. Ged a bha truas mor aige riutha, dhfheumadh e an t-ordugh a fhuair e a chur an gniomh ar neo bheirteadh an rioghachd uaithe. Ach cha drinn e uile gu leir mar a dhaithn Haroun Alraschid dha. An aite na mnathan truagha a chur air falbh air feadh abhaile dearg ruisgte, dhordaich e leintean mora gun mhuilicinnean a dheanamh dhaibh dhen aodach cho donas a bha ri fhaotainn.

(Ri leantuinn).



[300]

[Vol . 9. No. 39. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, AM MART 29, 1901.

An t-Arm Breatunnach.

(Oban Times) .

Thug an cogadh mu dheireadh so an dùthaich gu bhi faicinn nacheil an t-arm cho làidirs a bu chòir air son dìon na dùthcha. Anns na laithibh so féin tha e car brònach a bhi toirt fainear nacheil ach armailt glé shuarach aig an tigh; agus nan tigeadh na naimhdean oirnn gum biodh sinn ann an teinn glé thruagh. Roimhe so o cheann lìnn no dhà bha sinn acur ar n-earbsa as achabhlach mhor neartmhor as am bheil sin uile làn do uaill. Bha sinn ameas gun robh an cuan féinna dhion duinn; agus chaneil teagamh nach robh agus nacheil dìon ann an cearcal na fairge. Ach tha na h-amanna ag atharrachadh. Tha dùthaichean eile mar an ceudna ag atharrachadhnan daimhean dor taobh fein. Tha eud is droch mhunadh mun cuairt oirnn an diugh nach robh cho làidir riamh roimhe. Tha an t-Ard-Riaghladh, uime sin, asonrachadh gum biodh barrachd shaighdeirean air an cur air chois. ’S e an àireamh air am bheil iad asuidheachadh seachd ceud mìle (700,000); ach tha eagal mor air cuid nach fhaighear na bheil an so as eugmhais a bhi ag éigneachadh an t-sluaigh. Bidh còmhstri mhor mun chùis so mum bi nithean air an cur an eagaibh a chéile gu ceart. Tha feum air gum biodh an sluaghs gach àite ag altrum spiorad na sith.


Bha i-Fhein cho Caoimhneil.”

Tha an sgeul beag a leanas, a thainig á Bail-a- cliabh, an Eirinn, a nochdadh cho morsa bhan gràdh a choisinn Ban-righ Victoria dhi féin am measg an t-sluaigh anus gach cearna den rioghachd:—

Bha gille beag, bochd, air droch aodachs air an robh coltas na caitheimh, a coiseachd air sràid Ghrafton, am Bail-a- cliabh, nuair a chunnaic e air an làr paipear air an robh na facail, “Bas na Ban-righ,” air an clo-bhualadh ann an litrichean mora, dubha. Chaidh e air ball far an robh caileag og a bha astar beag air falbh acreic fhlùranan, agus cheannaich e leis an aon sgillinn a bhaige badan beag de fhlùranan bòidheach gorma, agus gun fhacal a radh, ’s na deòir asruthadh le ghruaidhean, chàirich e iad gu cùramach air an fhacalBan-righ.” Beagan mhionaidean an deigh sin ruith each is carbad thairis air, agus bha e air a ghiùlan don tigh-eiridinn, abàsachadh. Anns an tigh-eiridinn chaidh fheòrach dheth le duin’ -uasal a chunnnaic na rinn e, agus a lean air a shàil an deigh don sgiorradh tachairt, car son a chaidh e chosg an aon sgillinn airgeid a bhaige anns an dòigh ud. “Odhuin’ -uasail,” ars esan le guth fann critheanach, “nach robh i-fhein cho caoimhneil ris na saighdearan; agus nach eil mo dhithis bhràithrean, Pàdruig agus Pheilim, an drasta fhéin anns a chogadh.” Uine ghoirid an deigh sin chaochail e, agus chaill Righ Iomhar aon de na h-iochdarain bu dilse bha riamh aig a mhàthair.


Tuilleadh dhe dAirgead.”

Bha baintighearnuasal, àrd aon uairan Glascho, a bàbhaist dol gu riaghailteach don eaglais, air a h-éideadh gu riomhach ann an sìoda, ’s gach seorsa de dhuidheam a bu bhriagha na chéilesròl àrd luachmhor ma ceann, sgàileagan sìodan a làimh, agus uaireadair òir air a taobh. Cha bàbhaist di aon pheighinn a chur anns amhèis air son nam bochd mar a rachadh i seachad, ach thionndadh i ris na foirfich le mòr mhodh, agus dheanadh i beic ìosal man coinneamh, agusn a dhéigh sin sheoladh i a stigh don eaglais le anabarr modhalachd. Latha de na làithean, mar a bha i atighinn a stighs a dlùthachadh air amhèis, adol adheanamh beic mar bu ghnàth leatha, ghabh seann duine còir a bhan a sheasamh aig amhèis misneach agus thubhairt e:— “A bhean-uasal àrd, fhlathail,” arsesan, “tog dheth so; thoir dhuinn nas lugha de dmhodh agus barrachd de dairgiod.” Ghabh abhean-uasal an sanas a thug am foirfeach dhi. Cha deach i tuilleadh seachad air amheis gun a sgillinn a chur innte, agus beic a dheanamh mar an ceudna.


AChoille.

Mur cumar suas a choille cha bhi slàinte aig daoine. Is còir earann iomchuidh de gach dùthaich a bhi fo chraobhan ma thatar air son slàinte agus fallaineachd a bhi air am meall tuinn leis an t sluagh. Esan a tha saoithreachadh os leith na coille tha e saoithreachadh air son math agus buannachd sluaigh na dùthcha. Faodaidh craobh a bhi anns an rathad, ach chaneil i gun fheum idir. Is en diugh an t-ám air son obrachadh ma tha sinn air son a bhi air ar beannachadh an àite bhi air ar mallachadh le sluagh nan linntean ri teachd. An cinneach a tha deanamh dearmad air na coilltean, is cinneach e dan dàn a dhol am mugha. —Hon . Elizur Wright.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Confederation Life Association.

Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871.
ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich.

Earras $8 ,000,000. Urrasachadh an Greim $33 ,000,000.
Teachd-a- stigh, os Ceann Milleansa Bhliadhna.

Cha ghabh na Policies bristeadhTha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh.

F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.

Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[301]

[Vol . 9. No. 39. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Chaidh fear Domhnull Mac Cormaic, a bhag obair ann am mèinn International, am Bridgeport, a ghoirteachadh le tuiteam guail maduinn Diordaoin sa chaidh.

Dhfhosgladh pàrlamaid Eilean a Phrionnsa Di-màirt leis gach greadhnachas is àbhaist a bhi air a chleachdadh. Chaneil dùil ri i bhi na suidhe ach ùine ghoirid, oir chan eil moran gnothuich ri dheanamh, agus tha a mhor chuid de na buill air an aon taobh. Cumaidh sin iad o bhi tarruinn uine le òraidean fada.

Tha na gillean a bhiodh a draibheadh nan each ann am mèinnean Ghlace Bay adiùltadh obrach air an t-seachdain so. Tha iad ag radh gun robhtar acur tuilleadh sa chòir mun coinneamh, agus air an aobhar sin, sguir iad. Chan eil ach fior bheagan guailga chur a mach as an da mhèinn sin o chionn dha no tri lathaichean.

Tha stoirmeannan mora sneachda anns na Stàidean an Iar o chionn seachdain no dha air ais. Ann an Colorados an Nebraska, bha iad cho fiadhaichs gu robh na miltean de chrodhs de dheichs de chaoraich air an call, cuid dhiubh air an reothadh gu bàs air na h-àiteachan nochte, agus cuid air an tiodhlacadh fon t-sneachda anns na glinns am bruaichean nan aibhnichean farn do ghabh iad fasgadh.

Chaidh fear Seumas Mathanach, a mhuinntir Eilean aPhrionnsa, a ghoirteachadh aig an obair-iaruinn, Dior-daoin, le tuiteam bhar fùirneis air an robh eg obair. Cha robh e air a ghoirteachadh ro-dhona, agus tha edol gu math am feobhas cheana. Beagan lathaichean roimhe sin chaidh triùir dhen luchd-obrach a losgadh le spraidheadh gas. Bidh iad air an cumail o obair gu ceann treis a dhùine, ach chan eil iad ann an cunnart sam bith.

Tha neo-chòrdadh a rithist ann am mèinnean-guail Phennsylvania eadar an luchd-obrach agus luchd-seilbh nan mèinnean; than luchd-obrach amaoidheadh mur tig na maighstirean gu bhi leagte rin iarrtus-san romhn cheud latha de dhAprail gun seas iad a mach a rithist. Cha bhi sin buileach cho dona ri iad a sheasamh am mach toiseach agheamhraidh. Tha luchd-seilbh nam mèinnean acur rompa an obrachadh,an deigh so, deich uairean a h-uile latha. Tha na daoine dhen bharail gur ann a tha iad a deanamh sin air son moran guail a chur ma seach air choinneamh strike, agus tha iad abagradh a dhol am mach air ball.

Tha leabhran miosail gar ruighreachd á baile New York dan ainmAn Gaodhal.” Tha e air a chlo-bhualadh gu snasail ann am Beurlas an Gàilig-Eireannach, agus chan urrainn e ach a bhi taitneach leothasan a tha de shliochd na h-Eirinn, oir tha moran fiosrachaidh ann mun dùthaich sin agus mu h-eachdraidh. La Fheill Padruig, chuirAn Gaodhala dhionnsuidh gach aon de luchd-gabhail litir anns an robh seamrag bheag ghorm a dhfhàs air fonn na h-Eirinn féin, agus a thugadh a mach do America air son ainm agus cliù Naomh Padruig ùrachadh ann an cridheachan an t-sluaigh a thainig a nall as an dùthaich a bha air a beannachadh cho mor treshaothair.

Chaidh bristeadh a stigh don stòr aig M. Caimbeul & Co., ann an Glace Bay oidhche Di-màirt, agus chaidh fiach ceud gu leth dolair de bhathar a ghoid. An oidhche cheudna, chaidh a mheairle cheudna dheanamh ann an stor cuideachd aghuail aig Caledonia.

Tha fios a tighinn as na h-Eileanan Philippeach, gu bheil Aguinaldo, ceannard nan ceannairceach, air a ghlacadh, agus a nisena phriosanach aig arm nan Stàidean. Tha dòchas aig muinntir nan Stàidean gun comhairlich Aguinaldo do na ceannardan eile striochdadh, agus ma ni iad sin, bidh an cogadh air a thoirt gu crich.

Bha an t-uisge trom ann fad an lathan . Thug e isleachadh mor air an t-sneachda, agus far nach robh sneachda ghlan e am poll bhar nan ròidean. Tha an deigh air an acarsaid gu math crion, agus ma leanas an t-side car blàth, bidh e as an rathad an ùine gle ghoirid, agus bidh cothrom aig na bàtaichean-aiseig air ruith eadar an da bhaile.

Tha comhairle ùr Ghlace Bay ann an trioblaid. Thatar a deanamh a mach nach robh an taghadh laghail, agus mar sin nach eil còir aca bhi suidhe mar comhairle. Chaidh gach ball den chomhairle a shumanadh an la roimhe, agus tha aca ri cùirt a sheasamh; ach chan eil fhios nach dean iad sin a sheachnadh le an àiteachan a thoirt suas, agus taghadh ùr òrduchadh. Cuiridh sin gach cùis ceart agus cumhnaidh e cosguis.

Tha na Boerich acogadh fhathast. Tha iad a seasamh am mach cho maths is urrainn iad, ach tha iad a sior challs asior fhàs nas laige. A reir nam fiosan mu dheireadh a thainig, chan eil iad adeanamh a bheag ach a teicheadh roimhn arm, agus a deanamh gach call a thanan comas a chur air na Breatunnaich. Tha an Seanalair Botha, a reir sgeòil, a cheanagabhail aithreachais nach do ghabh e ris na cumhachan a bha air an cur na thairgse le Kitchener.

Tha soirbheachadh mor le iasgairean nan ròn ann an Newfoundland air an earrach so. Tha na soithichean a chaidh am mach a tilleadh làn luchdaichte. Thatar a meas nach eil àireamh nan ròn a chaidh a ghlacadh nas lugha na ceithir ceud mile, an àireamh as motha chaidh a ghlacadh air aon earrach o chionn fichead bliadhna. Bidh so na chuideachadh mor do mhuinntir Newfoundland, far am bheil achuid is motha den t-sluagh an earbsa ri toradh na mara air son am beòlaind.

Mar a chaidh iomradh roimhe, bha còrdadh air a dheanamh eadar Ruisia agus Sina, leis an robh Manchuria ri bhi air a chur gu h-iomlan fo riaghladh Ruisia. Chuir Breatunn an aghaidh so gu làidir, ag agairt nach bu chòir do Shina còrdadh sam bith a dheanamh ri aon rioghachd seach rioghachd eile gus am biodh cùisean na dùthcha an toiseach air an socrachadh air dhòigh a riaraicheadh na rioghachdan uile. Ghabh na Staidean agus Iapan pàirt Bhreatuinn anns a chùis, agusse bu chrich dhan chòrdadh nach cuireadh luchd-riaghlaidh Shina an ainmean ris idir. ’S mor is fheairrde Ruisia sùil a chumail oirre. Tha sannt mor fearainn oirre, agus tha i gle thric coma ciod an dòigh air am faigh i e.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHDS AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.


Ged nach eil againn ach roinn bheag de na tha air an t-saoghal de
BHIADH BHEOTHAICHEAN,
tha na tha againnnan deagh chunnradh.

Min Bhuidhe (air a deagh bhleth) $1 .30 am poca.
Biadh PronnCorca, Corn agus Crithneachd.
Corn Briste, Min Innnseanach, Min Lin, Prann.

Tha beagan bharaillean dhen fhlur mhath a bha sinn a creic air $4 .00 againn fhathast.
Drochaid an Rathaid Iaruinn, SIDNI, C. B.
F . & J. MORLEY.



[302]

[Vol . 9. No. 39. p. 6]

BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. XXXII.

Bha Cluainidh agus Loch-Iall nan oghaichean, agus uime sin ro ghaolach air achéile, rinn iad ionad falaich dhaibh féin ann am Meall-an-Iubhair air Beinn-altair, agus bha Mac-a- Phearson Bhracachaidh a bha pòsda ri piuthar do Chluainidh acur thuc a bhiadhsa dheoch mar chaitheadh iad.

Air an deicheamh latha fichead de mhìos dheireannach an fhoghair (an darra latha an deigh do Chluainidh falbh an coinneamh aPhrionns’) bha Loch-Iall, Fear-Bhracachaidh agus dithis eile, acluich air na cairtean ann am bothan falaich Mheall-an-Iubhair a chum cur seachad na h-ùine, ’nuair a bha gillòg eile dam bainm Ailean Cam-Shron acumail freiceadain air uchdan os-ceann a bhothain. Air dhaibh a bhi co-strì maghlacadh na deichthainig Ailean Cam-Shron a staigh le cabaig a dhinnse gun robh cùignear dhaoine fon armachd atighinn a dhionnsaidh abhothain, (se sin ri radha: am Prionnsa, Fear-Locha-Garaidh, Gilleasbuig Cam-Shron bràthair Loch-Iall féin, agus a dhà sgalaig, biad so na fir thainig maille ris aPhrionnsa bho Acha-na-Garaidh.) Bu diamhain do Loch-Iall a nisionnsaidh thoirt air teicheadh; ged a bhiodh a phairtidh nàimhdean, mar a shaoil iad a bhi ann, ni bu leonmhoire; bha ghunna dhiag agus ceithir dagachan aca làn anns abhothan, agus bha iad an deigh cuid dhiu a chur a mach tro thuill a bhair abhalla chum làdach chinnteach a losgadh air a phàirtidh a bha dlùthachadh riu, agus cha bann gus an robh an t-iarunn-leagta ga tharuinn thuige a dhaithnich Loch-Iall gum be am Prionns agus a chàirdean féin a bha tighinn!

Air ball chaidh Loch-Iallan coinneamh na pàirtidh agus air dha fàilte shuilbhear a chuir air aPhrionnschaidh iad gu léir a staigh don bhothan. Ged nach robh am bothan so ro mhòr, no rimheach, bha e fada bho bhi na thalla dòlum: bha gu leòir a staigh ann de mhuilt-fheoil ùr as shàilt, de dhìm, de chàise, de dharan agus do dhuisge-beatha. Cho luath sa rinn Tearlach suidhe dhiarr e cuach a lionadh de dhriùchd Béinn-Altair, air dha a sin fhaotainn dhòl e air stàinte na cuideachdabho bhala gu balla.” Air don phàirti an dìnnear a ghabhail, thuirt Tearlach:— “Tha mi misa dhaoin’ -uaisle a cheart cho sona ri Prionnsa.” Dhfharraid en sin do Loch-Iall, “an robh e beò cho sòghar sud bho latha Chuil-Fhodair:” Thuirt Loch-Iaill:— “Bha mi fhìn agus mo chairid Cluainidh dìreach mar tha sibh afaicinn bhon uair sin, gun a bhi car nis bu mhiosa na so, agus buidheachas do nèimh a luthaig do bhur mòrachd riòghail-satighinn a nise ghabhail pàirt dheth na thagainn.”

Nuair a ràinig Cluainidh Acha-na-Garaidh, agus gun am Prionnsa bhi air a chinn, phill e air ais air ball do Bhàideanach; agus rainig e Meall-an-Iubhair latha an deigh aPhrionns’. ’Nuair a chaidh e steach don bhothan agus a chunnaic Tearlach e rinn e iathadhna ghlacan agus phòg se e; “Boil leam,” ars esan, “a Chluainidh nach robh thu féin agus do chuid Pearsonach linn latha Chuil-Fhodair; ’s ann bho cheann ghoirid a chuala mi gun robh thu cho faisg oirnn an latha sin.”

Mun àm sin thuig Cluainidh gun robh am Prionnsa na lùim a chin aineirt-cneis, cha robh aon leine ghlan no shalach aige ach aon droch giobal de dhanard garbh a bha ma dhruim, do noch do bhun boine uisge, ach na bha drùdhadh air de dhìlan adhair, o cheann chùig seachduinnean. Uime sin thug e air a thriùir pheathraichean tòiseachadh air léintean a dheanamh do thearlach, ni nach robh iad leisg air a dheanamh. Air madainn an latha bha leine bho gach de na mnathan uaisle so ann am bothan Mheall-an-Iubhair.

Air an lathairne-mhàireach, mheasadh iomchaidh Meall-an-Iubhair fhàgail, uime sin ghluais iad gu achadh àiridh Uisge-chill-rath, an deigh dhaibh trì òidhche chur seachad anns abothan àiridh air an achadh so, a bha ro neo-sheasgair agus ceòthach; chaidh iad iomraich a rithist gu taigh diona a thog Cluainidh gu ro innleachdach ann an Leitir-na-Lic, ma astar mhìle nas faide suas ann an Beinn-Altair. Bham bothan so air a dheanamh a meas gharbhlach chlach as chràmsgas chraobh, ann an aodann beinnard chas; bha eair iathadh le dìgair a bhial-thaobh, agus le creag ard liath air a chùl-thaobh. Bha àitair a dheanamh don cheò a mach ri aodainn na creige, so: agus do bhri gun robh an ceò agus a chreag air an aon tuar, ’nuair a sgaoileadh, no dhìreadh e ri aodainn na creige, mar thuirt mfhear sgeoil riumsa, “cha dhfhuair duine sùilna chlaigeann a chuireadh eadar-dhealachadh eadar e-féin sachreag. Thug na h-uaislean ansìth-bhruthmar ainm air an taigh-dhiona so, agus gu deimhin bu mhath an t-ainm air e, oir cha burrainn don na siochraichean a bhi ni bu shàbhailte nam bruth féin na luchd-còmhnaidh an talla so!”

Bhan sìth-bhruth cho farsuinn is gun robh rùm math ann do shianar no sheachdnar. Bu tric a bhiodh ceithrear dhiu sog iomairt air chairtean agus an triùir eile ri fearas-taighe; fear a fuine, fear a tuinndadh nam bonach ris an lic, agus fear eile ri cumail freiceadain ma bhraighe na beinne.

Fa-dheòigh air an t-siadhamh latha


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.

Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.

F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.


Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc as mothas as saoire de
Bhathar Paipeirs de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.



[303]

[Vol . 9. No. 39. p. 7]

de Mhìos mheadhonach an fhoghair, thainig long-chogaidh Fhràngach a steach do Loch-nan-Uamh dam bainm LHereuz agus La Princessi, a chum am Prionnsaiseag don Fhràing. Chuir iad so air tìr dithis dhaoinuaisle Caiptin Seiridan agus Mr OBreine, los am Prionnsafhaotainn a mach: chaidh iad air achiad tarainn far an robh Fear-Ghlinn-Aladail. Air ball chaidh Fear-Ghlinn-Aladail do dhAcha-na-Garaidh far an dhfhàg e Tearlach, thaobh nach robh fios aige gun dfhalbh e as an sin do Bhàideanach. —Faodaidh sinn a nis a smaointeach gun robh Fear Ghlinn-Aladail ann am mòr chàmparnuair a fhuair em bothan anns an dfhag e Tearlach air a losgadh sìos gu làr leis na saighdearan dearga, gun fhios sam bith aige càitan rachadh e dha iarraidh féin. Bha Fear-Ghlinn-Aladail a nisann an an imcheist mhòir, a dol an nullsanall, ag iarraidh Thearlaich air seacharan, agus mar a faigheadh se e ann an ùinghearr, bhan luingeas gu seòladh dhathaigh as aonais, mar rinn an long a thainig am meadhon an t-sàmhraidh do Loch-.

Bha Fear Ghlinn-Aladail a falbh air alaban mar so fad thrì latha, gus fa-dheòigh gun thachair e tri seanna bhean a dhinnis dha gun dfhalbh am Prionnsa crìochan Loch-Iall gu tur, agus gun robh e nise an Bàideanach còladh ri Cluainidh. Gun tuile dàlach chuir e Iain Mac-Coilbhinn, a chaidh air an turas roimhe so, le fios do Bhàideanach gun tainig an luingeas; an deigh sin phill Fear-Ghlinn-Aladail gun stad a dhinnse do na h-uaislean Fràngach gum biodh am Prionnsa còladh riu ann am beagan ùine.

Air an t-slighe do Bhàideanach thachair Cluainidh agus Mac-Coilbhinn ri chéile; chuir Mac Coilbhinn an céill a theachdaireachd. Phill Cluainidh air ais gun stad a dhinnse sgeul an àigh do Thearlach. Air don Phrionnsan naigheachd so a chluinntinn, air ball theirinn e-féins na h-uaislean le bruthach, agus bha iad air madainn an t-seadhamh latha diag ann an Acha na-Garaidh, far an dfhuair iad caisteal Mhic-Dhòil-Duibh air a losgadh gu làr, pàirtidh dheth an àrm dhearg a a thainig a nuas a Cille-Chuimean, co dhiù leag iad an aineal ann an sin gus na chrom a ghrian. ’Nuair a chiaraich an òidhche dhfhàg iad Acha-na-Garaidh, agus bha iad ma dha uair samhadainn ann an Gleann-Camaghair aig ceann Loch-Arcaig. Spad iad ann an so, agus rinn iad an suipeir air aran coirce as feòil as slige no dha an fhir de dhuisge-beatha, Ma bhial an latha air an ochdamh latha diag dhfhag iad Gleann-Camaghair, agus bha iad ma choinneamh an luingeis aig ceann Loch-nan-Uamh air an ochdamh latha diag de mhìos mheadhonach an fhoghair.

Ghabh Cluainidh agus Fear-Bhracachaidh an cead do Thearlach agus do Loch-Iall ann an so, agus phill iad air an ais do Bhàideanach: bu roghnaiche leo fantuinn fo thuinn nan dùthaich féin no dhol a dhiarraidh fasgaith ann an tìr choigreich anns nach robh iad cinnteach ri gabhail riunuair a ruigeadh iad.

Air feasger an naoidheamh latha diag, chaidh am Prionnsagus na h-uaislean so air bòrd na LHereuz: —Loch-Iall, Tighearn òg Chlainn-Raonaill’, Fear Ghlinn-Aladail, Dòmhnullach Dhail-a- leith agus a dhà bhrathair, Iain Ruadh Stiùbhart Chinne-Chardainn, agus an t-Olla Cam-Shron bràthair Loch-Iall. Ghlac iad Colla Bàn Bharasdail, agus thug iad leo e na phrìosanach don Fhràing, a thaobh gun cual iad gum bu ghnà leis a bhi sgrìobhadh litrichean brathaidh a dhionnsaidh Dhiùc Uilleam do Chille-Chuimein!

Chùm Tearlach an luingeas fad thrì latha ann an Loch-nan-Uamh an deigh dha féin agus do na h-uaislean a dhainmaich mi dhol air bòrd, a chum gum biodh ùinaig achuid eile de na Gàeil a bha nam fògaraich air feadh nan Gàrbh-chrioch cruinneachadh a dhionnsaidh an luingeis, a chum Breatunn fhàgail mar an ceudna. Uime sin cha bu lugha na trì fichead duin’ -uasal agus cùig fichead saseachd den tuath-cheathairn a ghabh an t-aiseag don Fhràing maille ri Tearlach. Sheòl iad air an treas latha fichead de mhìos mheadhonach an fhoghair. Bha mhuinntir a chunnaic iad ag aithris, gum faichte na deòir atearnadh bho shùilean gach uasail as iosail, mar bhan luingeas aseòladh o thìr, agus iadsan aghabhail an cead do bheanntaichean corrach Alba, ged a bha iad gu léir an dòchas pilleadh air an ais ann an ùinghearr— “Le pannal ghruagach a luaigheadh an clò ruadh gu daigheann.”

(Achrioch.)


Tha an Stor Mhor Innsridh
a tairgsinn
.500 Brat-leapach.
air an deanamh leis achuideachd ainmeilAlaska Feather & Down Co.Ri bhi air an creic mun toisichear air gabhail luach an stuic. Smaoinich fhein: Brat-leapach math air
$1 .50
Agus mur cord e riut an deigh dhut a thoirt leat, gheibh thu tairgead air ais.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. T. GRANT, Manager.


CuirearLeabhar nan Cnocleis a phosta gu àite sam bith an Canada nos na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


SANAS.

THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dhaois, gu dhol a dhobair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uairsa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a bfhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhadsa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.


DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.



[304]

[Vol . 9. No. 39. p. 8]

Cumha do Chlann Baillidh Thireadh.

LE GILLEASBUIG MAC-PHAIL.

Fonn: —Mort Ghlinne-Comhann.

N Aird-nan-Cros than sgeul tùrsach,
S tha sin bitheanttighnn ùr ann an dràsd.
Fhads a mhaireadh na daoine
Thig fiosrachadh daonnan mum bàs,
Gus na thainig iad uile
Ach an t-aon thasa chunnartn robh càch.
Is gun còmhnadh Mac leis
Gach aon rathad a théid e gu bràth.

Gum biad sin na fir smearail,
Bha gu foghainteach, fearail, neo-chrion,
Bha gu misneachail, dàna,
Is nach tilleadh roimh namhaid gun sìth.
Gur h-e ghiorraich bhur làithean
Cho ro dhìleass a bha sibh don rìgh,
S àirdur beachd an àm cruadail,
Chuir cho tric ur luchd-fuathair ur .

Bu laoch calmthu, ’Ghilleasbuig,
An am cruadails tusheasadh ri feum;
Is aig Admiral Nelson
Gun robh moran de mheas ort thar cheud.
Dhearbh thu cuid dhe do ghaisge
Nuair a chuir thu suas batraidh leat féin,
S tu ri giulan a tachlais
Lòid a chuireadh fo shac a dha dheug.

De na gunnaichean móran
Bha thu tarruinn na dhfhóghnadh gu tìr,
Dìreadh chreagachan àrda,
S tu cur romhad gach nàmh thoirt fo chìs.
Nuair a chuir thu nan àit iad,
Is gach ni mar a bàill le luchd-strì,
Chuir sibh séisd ris a bhaile,
S dhfheum e géilleadh gu h-ealamh ler gniomh.

Nuair bha crioch air a chumasg
Is a fhuair sibh gach duine fo ghéill,
Ghabh thu dhionnsuidh do luinge,
S gun do chuir thumach fuil air do bheul.
Leis mar sgàin thu do chridhe,
S truagh a dhfhàg thu do chinneadh ad dhéidh.—
Thainig sparrag am inntinn,
Is chan urrainn mi innsort beachd-sgeul.

Càit an robh ann an Albainn
Cha bu mhearachd sheanachass e fior
Leithid Dhonnachaidh òig Chaimbeil
Na chomanndair an armailt an rìgh,
Anns an Spàin a toirt òrdaigh
Air gach ni mar bu chòirchur an gniomh.
S e gun leanadh an ruaig orr’,
Is nach tilleadh gun fhuathas rilinn.

Ghabh do naimhdean sar bheachd ort
Ann an toiseach a bhaiteildol sios;
Bha iad faireil sgad chuallach
Mar gum bitheadh ann buachaille dion’;
Ghabh iad cothrom gu h-uaigneach
Air tighinn mun cuairt dhuit a rìsd.
Le neart fùdair is luaidhe
Gun do rinn iad do bhualadh fon chìch.

Thuit thun sin, ’s gum ben diubhail,
Bha na Gaidheil gu tùrsach ad dhéidh;
S fada chluinntiad a gàirich,
S iad mar uainbhiodh gun mhàthair air threud.
Aca fein a bhan riasan,
Chaill iad urraim gun tiarnadh bho bheud;
Dhan robh comhairles riaghailt,
Moran tuigses deagh chiall air a reir.

Thuit thusAlasdair alainn,
Ann an cogadh na Spaine le cliu;
Bu tun t-og a bha ceutach,
Mar mhac-samhailt don ghrein bha do ghnuis.
Cha do sheall ann an aodann
Aon nach dugadh dhuit gaol, is gum bfhiu;
Fear do ghiulains do nadair
Cait an robh ann san àite bho thus.

S beag an t-ionghnadh do mhàthair
A bhi eisleineach, cràiteach, gun neart;
Fhuair i riasan no dha air,
Ged a thigeadh a gàbhadh mu seach.
Ach cuid mhor dheth thighnn còmhla,
Dhfhàg sin ise gun treoir, air bheag math;
Nis cha dean i car eibhinn
Mur a gluais i air eiginn le bat’.

Tha do mhuime bochd, cianail,
Gur tric snighe nan diar air a gruaidh,
Caoidh an ailleagain chiataich
Bha ig altrum tri bliadhna le uaill.
Dhfhalbh a h-aighears a sòlas,
Isnan àit thainig bròn is droch shnuadh;
Bidh a cridhe dheth cràiteach,
Gus an deanar a càradhsan uaigh.

Gu bheil toide gu deurach,
S beag an t-ionghnadh dha féin a bhi ann,
S a chul-taican déidhfhagail
Nuair a thigeadh air càs a bhiodh teann.
S tu gun dugadh a nuas e,
Dhaindheoin ìslean is uaisleanbhiodh ann;
Ach cha dean thu sin tuilleadh;
Dhuinnes brònach bha cumasg nan lann.

Dhfhalbh na fiurain dheas ògud,
S cha dean misen toirt beò le mo chainnt;
Chneidh as uires is cràitich’,
Dhfhalbh am flur bharr a ghàraidh na dheann.
Chraobh bhios tric air a rùsgadh
Theid a cnodhan no h-ùbhlan air chall;
Gur h-e crionadh as dhi,
Cha dig snothaichean ùr oirrach mall.

S ionnan sins mar tham Bàillidh,
N déidh a lomadhsa chràmh air gach taobh;
Aig an rioghachd bha màl air,
S gun do rinn e a phàigheadh gu daor.
Chan e airgiod no airneis
A thoirt seachad a dhfhàg e lan ghaoid,
Ach na gaisgich ùr, aluinn
Thuit an cogadh a chràidh air an taobh.


Buidheann mo Chridhe Clann-Ualraig.

Oran le te a mhuinntir Lochabair da leannan, Fear Achaluachrach.

LUINNEAG.

Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig;
Bheireadh iad suas na h-iomainean.
Bheireadh iad crodh dhe na buailtean
S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh.

S olc a fhuair sinn crodh nam baran,
Bodaich bheagnam briogais gheala;
Cha biad a burrainn air an fhalachd,
Ach fir Strath-Eireanns Strath-Narrainn.

S olc a fhuair sinn crodh nan Ròsach,
Is Clann-Chatain air an tòrachd,
Baran liath na coise breoite;
S air mo dhaoine srinn iad feolach.

S a Chrò-chlach am Braigh Srath-Eireann,
Oidhche dhorchair nach bu leir dhaibh,
Cur nan saighdean ait a cheile,
Thuit mo leannans deich fir threuna.

Nuair a shaoil leambhi gu uasal
Am bhean-taighe Achaluachrach,
S ann a tha mi gu bochd, suarach
Bleoghann a chruidhfeadh a bhuachair.


Chaidh Fear Achaluachrach a thogail creiche bho na Ròsaich mun bhliadhna 1670. Thug e leis a chreach, ach chaidh buidheann de Chlann-an-Tòisich nadhéidh. Mharbh iad e agus thug iad an crodh air ais a chum nan Ròsach. Bha Iain Beag Mac-Anndra maille ris na Tòisich. Is e a thilg an t-saighead leis an do thuit Fear Achaluachrach.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Ciamar tha do Shuilean?
Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagairt ort air an teid sinn an urras.
Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig
Bezanson .
An togalach Hanington,
Sraid Shearlot, Sidni.


BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.

So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90

Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.

Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 39
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla IX No. 39. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page