[25]

[Vol . 9. No. 4. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, IULAIDH 27, 1900. No. 4.


BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. II.

TAISDEAL APHRIONNSA DO DH-ALBAINN.

Anns abhliadhna 1740 gheall cuid de na Fineachan Gàelach éiridh le Rìgh Seumas nam be as gum faigheadh iad còmhnadh sluaigh agus àrmachd as an Fhràing agus ma dheireadh na bliadhna 1743, dh-aontaich cùirt na Fhràinge sin a thoirt dhaibh, agus chuir iad fios air a Phrionnsòg, Tearlach mac Sheumais, ethighinn air ball as an Ròimh gu falbh air ceann na feachda do dh-Albainn, agus ma thùs a Mhàirt sabhliadhna 1744, bha cabhlach anns an robh cùig mìle fear, acuir fa-sgaoil gu oirthire na Fhràing fhàgail, ach chaidh grabadh a chur air an turas le cabhlach Shasunnach a thòisich air losgadh orra, agus ni nach bfhasa, dh éirich storm anabarrach gaoithes doirinn a thilg an loingeas Fràngach air tìr, a chuir cuid dhiùnan spealgan, agus a chuid eile á uidheam air chor is nach burrainn iad an cuan a ghabhail air sheòl sam bith. ’Nuair a chunnaic Tearlach so bu mhòr a chràdh cridhe, agus chur e roimhe seòladh a dh-Albainn ann am bàta beag iasgaich a chum e-féin a chuir air ceann a chàirdean, an dochas nam faiceadh iad aon sealladh dheth a ghnùis gum bu leor e gu thoirt orra eiridh suasna aobhar, ach chuir luchd-comhairlathar ìompaidh air gun e sin a dheanamh, agus dhfhan e ann an àitiomalach den Fhràing gus am faigheadh se e féin na buidheamaichte, agus cothrom na bfhàbharaich.

Ann am fior thoiseach na bliadhna 1745, dh-fheuch e na h-uile sheòltachd a bha na chomas gu thoirt air a chairdean-cùirt ath-ionnsaidh thoirt air na Fràngaich Albainn a thoirt orra, ach chan eireadh a h-aon diubh. Air an aobhar sin sgrìobh e mar so as an Ròimh a dh-ionnsaidh athar,— “Bfhearr leam gun reiceadh tu muile sheudan: oir air an taobh so den chuan chan fheud mi am mealtainn ach le cridhe goirt: a smaointeach gum faodainn an cuir gu buil na bfhearr, gu freasdal air mfheum an am na cròdhaig.” Thuirt e ann an earrainn eile den litir so ma shùim airgeid a bha eg iarraidh air athair, gu ceannach chlaidhmhean:— “Mas bithinn a dh-easbhuidh an airgeid reicinn mo leine agus is ann air son a leithid so de ghnothach* a bhios mi do ghna ag iarraidh airgeid ort, agus chan ann air son aodaichean rimheach as rudan suarach mar sin.”

Fadheoigh air dha géill a thoirt nach coisneadh e tùrn air an t-sheòl ud, chuir e roimhe an Fhràing fhàgail gun dàil, oir bha mòr earbsaig as na h-Albannaich agus gu h-àraid as na Fineachan Gàelach, a thug cheana misneach dha a thighinn dan ionnsaidh, nam burrainn e foghnadh òir agus àrmachd a thoirt leis: shaoil e nan sgaoileadh e aon uair a bhratach ri crann an Albainn gun cruinnicheadh a chàirdean gu grad ma thimchioll agus gun cumadh e làrach gus an tigeadh cobhair da ionnsaidh as an Fhràing.

Mun àm so thug duin’ -uasal a bha na bhancair ann am Parais (àrd bhaile na Fràinge) an coingheall do Thearlach cùig mìle pund Sasunnach leis na cheannaich e cùig-ceud-diag gunna-glaice, agus ochd-ceud-diag claidheamh maille ri rud math fùdair, peileirean, sporun, biodagan, agus fichead gunna mòr. An nise rinn Tearlach gach ni deas air sonTaisdeal nan tonn -ghorm,” agus na daoinuaisle so mar ris; a chiad fhearr as còir dhomh ainmeachadh Diuc Abhall [a theich á Sliabh an t-Siorraimh sabhliadhna 1715, agus a bha mun àm sin san Fhràing air fògradh, ni a chum e bho shéilbh fhaotainn air oìghreachd athar a thug Rìgh Seòras seachad da bhrathair a bòige. ] Be càchSir Tomas SeridanSir Iain Domhnullach, —oifigeach a bhanns an arm Spàinteach, —Mr. Kelly, ministear Sasunnach, agus OSuilibhan,oifigeach Eireannach a bhanns an arm FhràngachMr. Stricland, duin’ -uasal Sasunnach, agus Aonghas Domhnullach, tànaistear Thighearna Chinn-Locha-Mùideart a bha na Bhancair ann am Parais. Ma sheachd uaireans an fheasgar, air an darra latha thar fhichead de dharra mìos an t-Sàmhraidh, ’s an t-sheana chunntais, chaidh am Prionnsa agus an t-seachdnar dhaoin’ -uaisle dhainmich mi air bòrd an Doutelle, long bheag chogaidh a fhuair e bho cheannaiche Fràngach, dam bainm Bhailsh.

Air dhaibh gach goireas a nis fhaighinn air dòigh, sheòl an Doutelle, agus long-chogaidh eile dam bainm an Ealasaid, a bha giùlan armachd agus treathlaich-chòmhraig aPhrionns’, air an dara latha do threas mìos an t-Samhraidh. Air an cheathramh latha dhaibh air fàirge thainig long-chogaidh Shasunnach nam fradharc, agus loisg an Ealasaid oirre, ach mharbh an nàmhaid ma thuaiream da-fhichead fear de làmhan na h-Ealasaid, agus rinneadh uidhir dhochainn air a crannaghails gum bfheudar dhi teicheadh aìr a h-ais don Fhraing le uilarmachd agus treathlaich-chogaidh a Phrionnsa! Ach cha tug sin air Tearlach pilleadh on a bhan soirbheas fabharach: “chàraich e rithe gach seòl bréid-gheal,” a dol air aghaidh le mòr mhisnich, agus deagh dhòchas gun eireadh na Fineachan leis cho luaths a ruigeadh e Albainn.

Air an taisdeal so chuir Tearlach uime deise mar òganach Albannach, a bhiodh a fòghlum na sagartachds an Fhràing, agus gu e-féin a chur na bu mhò as aithne cha do bhearr e fhiasag bhon latha chaidh e air bòrd. Air an oidhche chuir iad ás gach teinas solus a chums gum bann a bfhearr a sheachnadh iad aire nàimhdean no luchd-tòrachd a dh’ -fhaodadh a bhi air an air aon àm thainig long Shasunnach cho faisg orra ri àite teine, ach air ball dheirich oiteag chruaidh ghaoithe, agus bha long a Phrionnsa cho gleustas gun sheòl i gu grad á cunnard, agus cha bfhada gus na dhfhàg i fradharc an nàmhaid gu tur. Air an dara latha fichead de threas mìos an t-Sàmhraidh rainig iad cùl Leòghais, agus air dhaibh a bhi teannadh ri fearrann thainig iolaire mhòr riabhach a dh-itealaich os-ceann na luinge, agus thòisich i air cumail suas riu. Be Diùc Abhall a thug an aire don fhir-eun air tùs, ach cha dubhairt e smid ma dhéibhinn le eagal gum biodh na daoinuaisla cur fuar-chràbhadh nan seana Ghàel as a leth; ach air dha féin agus do Thearlach a bhi spaidsearachd air clàr-uachdair na luinge as dèigh an dinneir, agus an iolaire bhi sìr chumail suas ris an luing, thuirt e mar so ris aPhrionns’— “Seall suas, faic an t-ian ud, Prionnsa na h-ealtain, acuir fàiltair do mhòrachd rìoghail, Prionnsa fir Alba, gu rìoghachd a shinnsir!”

Sheòl iad an sin a steach do chaol eadar Eireasca agus Uidhist a chinne-deas, agus air dhaibh fradharc-cuain a dheanamh air long Shasunnaich chaidh iad gu grad air tìr ann an Eireasca agiùlan leo an cuid armachd agus gach treathlaich-chòmhraig eile bha aca. Chaidh am Prionnsa air ball a dhionnsaidh taigh tuathanaich a bhanns an eilean sin, agus dhinnis an tuathanach dha gun robh Mac- ’Ic-Ailein agus a bhràthair, fear Bhaosdail, san àm an Uidhist, agus gun robh oighre Mhic- ’Ic-Aileinno Tighearn òg Chlann Raonaill, mar a their cuid, air tìr-mòr ann am Mùideart. Cha luaithe chuala Tearlach so na chaidh e air ball gu taigh Fhir Bhaosdail, agus chaith en òidche maille ris an duinuasal sin.

Air an ath mhadainn chaidh am Prionnsa ga luing, agus cha robh fear Bhaosdail fada gun a thighinn air bòrd as a dheighidh. Mun ann so be fear Bhaosdail ard-chomhairleach a bhràthar, Mac- ’Ic Ailein, a thaobh ebhi le aois agus easlainnt neo-chomasach air a ghnothaichean féin a riaghladh gu ceart. Bha fios aig Tearlach air so, agus shaoil leis gun deanadh fear Bhaosdail gach ni bha na chomas gu Clann-Dòmhnuill a thogail suas na aobhar, ach cha do dhearbh a chùis sobhi mar shaoil le Tearlach. Gun teagamh sam bith bha Fear Bhaosdail an deagh rùin don Phrionns’, agus be fhior dhùrachd gun soirbhicheadh leis na thuras do dh-Alba’: ach a thaobhs nach robh e ga fhaicinn na ghnothach coltachsan àm a dhol a chogadh ri feachd Rìgh, le beagan dhaoine gun armachd, gun chosgais chogaidh, thug e chomhairlair a Phrionnspilleadh dhachaigh an taobh as an tainig e, gus an faiceadh e àm bu ghealltanaichair buaidh a chosnadh: ’nuair a chuala Tearlach so thuirt e— “Is ann a tha mi air ùr thighinn dachaigh, agus chan urra mi idir smuainteachadh air pilleadh an taobh as an tainig mi, tha mi làn-dhearbhta gun seas mo chuid Gàeil dhìleas, chalma, mise.” Thuirt fear Bhaosdail gu robh eagal air gum biodh en aith-ghearr de chaochladh barail. Thuirt am Prionnsa gun robh mòr earbsaigá Mac-Leòid Dhùnbheagain, agus á Sir Alasdair Mac-Dhòmhnuill Shléibhte, da cheann-taighe a burrainn -cheud-diag fear-claidheimh a thoghail air am fearann féin uair sam bith a bàill leo. Thuirt fear Bhaosdail ris gun robh na daoin’ -uaisle sin a cuir rompa nach eireadh iad leis, ach gum bu mhòr bu dàch iad cuir na aghaidh. Chum so a dhearbhadh chuir am Prionnsa teachdaire dhionnsaidh Shir Alasdair agus



[26]

[Vol . 9. No. 4. p. 2]

Mhic-Leòid, an sin dhfheuch e, ach gu diamhain, ri iompaidh a chuir air Fear Bhaòsdail gus na h-Uidhistich, agus na Mùideartaich, tuath-cheathairn a bhràthar, a thogbhail. Thuirt fear Bhaosdail ris gur ann a dh-fheuchadh e ri stad-feachd a chuir orra nam faiceadh e iad féin togarrach air éiridh.

Ghabh Tearlach gu mòr gu cridhe fionnarachd Fhir Bhaosdail mun chùis, ach chum e air féin cho math as nach do leig e bheag ris dheth a dhiombadh. Dh-òrduich en long a chuir fa-sgaoil agus rinn e air son na mòr-thir. Chaidh fear Bhaòsdail cunntais mhìltean leo air an luing, agus thug am Prionnsan ath ionnsaidh air gu Clann-Dòmhnuill a dhùsgadh, ach thuirt fear Bhaosdail na ceart bhriathran a thuirt e, ’nuair a labhair am Prionnsaris air tùs, ma thimchioll a ghnothaich. Chaidh fear Bhaosdail an sin na bhàta a bhan ceangal ri deireadh na luinge, agus leig e leis a Phrionnsa buanachd air a shlighe mhi-ghealltanaich féin.

An àm dhaibh a bhi seòladh a dhionnsaidh na Mòr-thir bham Prionnsanns acheart aigneadh anns an robh e an àm fagail na Fráing’, acuir roimhe nach geilleadh e gus ambiodh fuil Shasuinn air fraoch Alba;” agus air an naoidheadh latha-diag de mhìos dheireannach an t-Sàmhraidh leag e acair ann an Loch-nan-uamh eadar Mùideart agus Arsaig. Bhan t-àite so anns na rùnaich e thighinn gu cala cho duaichnidh, agus cho leith-oireachs a burrainn e fhaotuinn air feadh rìoghachd a shinnsir gu léir.

Be cheud ni a rinn e an deighidh an acair a leagadh bàtachuir air tìr le litir a dh-ionnsaidh Tighearnòg Chlann-Raonaill. Bha mòr earbsaige gun robh an duin’ -uasal sin ro eudmhor na aobhar, agus cha bu luaithe a fhuair e a litir na thainig e-féin, agus a dha charaid, Fear-Ghlinn-Ealadail, agus Fear Dhailealea, agus dithis no thrùir de dhaoinuaisleile gu baile beag, ris an canair Forsaidh, fa-chomhair an àitanns an robh an long na laidhe. Tha fear dheth na daoin uaìslatoirt achunntais so air an turas gu long a Phrionns’— “Air dhuinn gairm air a bhàta gu tìr thàinig i air ball agus ghiùlanadh sinn gu bòrd, ar cridheachansan am aplosgartaich le h-éibhneasn-ar nuchd, asmuainteach gun robh sinn gu bhi athiotadh ann an comunn a Phrionnsòig, a bha sinn bho cheann-fada cho déigheil air fhaicinn. Air dhuinn dìreadh, fhuair sinn bùth air a thogail air clàr na luinge air a thuthadh le cainb agus bòrd mòr rìmheachna mheadhon, comhdaichte le iomadach seòrsa fìona agus deochanan laidir eile. Air dhuinn a dhol a steach don bhùth so dh’ -fhàiltich Diùc Abhall sinn gu suilbhear’, duin-uasal air na chuir sinn gu léir eolas latha Sliabh an t-Siorraimh. ’Nuair a bha sinn mar so agabhail naigheachad an Diuc chaidh Tighearna Chlann-Raonaill, agus Tighearna Locha-Muideart a ghairm siosfo bhòrdfar an robh am Prionns’, agus dhinnseadh dhuinne nach faiceadh sinn a mhòrachd air an fheasgar sin.”

Thoisich Tighearna Chlainn-Raonaill air cuir an céill do Thearlach cho -choltach sabhiodh e dhaibh toiseachadh air cogadh; thuirt a charaid Tighearna Locha-Muideart an cianda ach thoisich Tearlach air am brosnachadh suas le binn-bhriathran fileanta, deas, gum bu chòir dhaibh am Prionns’, agus an caraide féin a chomhnadh an àm foirneart, ach le fior briathran blatha nach bu chearbaiche na sin chuir an dithis Thighearnan òga ìompaidh air-san, gun e bhi cho bras ann an gnothach cho cuidreamach, nach biodh ann an eirigh a mach an aghaidh feachd Rìoghachd le prasgan de shluadh gun ionnsachadh ann an cleasan an airm, agus gun oifigich earbsach agus armachd cheart, ach léir-sgrios obann a thoirt anuas air ceann gach neach a tharladh na leithid de chumaisg gun chiall; air dha na daoin-uaisla bhi mar so a còmhradh, thainig Gàel òg dealbhach na làn armachd gu bòrd agus sheas e balbh ag eisdeachd le geur aire, conaltradh nan uaislean ris a Phrionnsa; ben t-òganach so a thainig tànaisdear Thighearna Chinn-Locha-Muideart, a thainig a dhamharc na luinge gun fhios aige ro-laimh co bha air bòrd. ’Nuair a thuig e gum ben coigreach a thainig a nuadh an tìr oighre rioghail, dligheach Bhreatuinn, agus a chunnaig e nach rachadh a cheann-cinnidh no a bhrathair a chogadh na aobhar, chaochail e snuadh, las a shuilean na cheann agus dhfhàisg e ceann a chlaidheimh na dhòrn: an sin thug Tearlach an aire gun robh bruaillean air aigneadh, agus labhair e ris mar so,— “Nach éirich thusa leam?” — “Eiridh,” (arsa Raonull òg, oir be so ainm,) “ged nach tàirneadh aon duineil an Albainn claidheamhna taobhar, tha mis ullamh gu bàsachadh air do shon.” Air cluinntinn so do Thearlach thainig reachd na mhuineal agus deoir le ghruaidhean, agus thug e taing don òganach mhisneachail, agus thuirt e gum bfhearr leis gun robh gach Gàel coltach ris. An uair a chualan dithis dhaoin’ -uaisle so cha burrainn iad Tearlach àicheadh na bfhaide.

Cha bu lugha na tri uairean de thim a chaith Tighearna Chlann-Raonaill aconaltradh diamhair ris a Phrionnsa fo chlàr; thainig en sin don bhùth far an robh a chàirdean a bha fad na h-ùine ga fheitheamh. Ma thimchioll leth-uair an deigh sin thainig gallan dìreach de ghillòg a bha ro thlachdmhor a steach don bhùth, sgeudaichte le casaig dhuibh, leine chaol, gheal, agus stoc geal cambraic ma mhuineal agus bucal airgeid da dhùnadh, stocainean dubha, agus bucail bhuidhe umha na brògan, ad dhubh agus sreang chorcraich ma timchioll, agus ceann na sreinge ceangailte ri aon de phutánan na casaig. Cha luaithe chunna mim fiùran so na mhothaich mi mo chridhe le h-eibhneas a dìreadh suas ri mshlugan, ach thuirt OBrian, Pears-Eaglais a bhair bòrd rium gur h-e bhann Easbuig Sasunnach a bha air son na Gàel fhaicinn; dhiarr OBrian gun duine sam bith abha na shuidhe éiridh, tharladh gum be mhi-fhin an aon duine bha na sheasamh an uair a thainig e steach, agusnuair a shuidh mi, rinn e suidhe làimh rium; ach dheirich e suas le gradaig agus dhiarr e orm suidhe an taice ris air ciste; air dhomh a shaolsainnsan àm nach robh ann ach Pears-Eaglais labhair mi ris gu saor: Be chiad sheanachas a rinn e rium, ma dhéibhinn mo dheise Ghàelichdh-fharraid ean robh mi amothachadh fuachd anns an deise sin? ’, fhreagair mi, gun robh mi saolainn gur ann a bhidhinn fuar ann an deise sam bith eile. ’Nuair a chuale so, rinn e fàite gàire, dhfheoraich en sin, “cia mar a laidhinn annsan òidche?” Thuirt mi gun deanadh mo bhreacan-guaile gniomh plaide dhomh, agus sheall mi dha mar a dheanainn; thuirt en sin, “nach bithinn ullamh gu eiridh nan tigeadh baobhaln am dhàilnuair a bhithinn am shuain.” Thuirt mi ris, ri àm cogaidh no gàbhaidh eile gun suainnsinn mo bhreacan cho fuasgailteachs gum bithinn air mo bhuinn ann am priobadh nan sùl le claidheamh rùiste ann am laimh dheis, agus daga làn ann am làimh chli. As deigh tuille conaltraidh mar so, dhiarr e drama agus air dha fhaotainn dh-òl e oirnuile mun cuairt agus dh-fhàg em bùth.

an latha sin agus an ath latha dhfhan Tighearna Chlann-Raonaill maille ri Tearlach, bha Diùc-Abhall agus Tomas Seridan a cuir an comhairle ra chéile ma cia mar a burrainn iad a thoirt air a chuid eile dheth na Fineachan éiridh, a bha mun àm sin ma thuaiream -mhile-dhiag fear. Air an dara latha-fichead de mhìos mheadhonach an t-Sàmhraidh chaidh Tighearna Chlann-Raonail agus Aìlean Dòmhnullach bràthair do Thighearna Chinn-Locha-Mùideart, don Eilean-Sgiathanach far an robh Sir Alasdair Mac-Dhòmhnuil Shléibhte, agus Mac-Leòid. ’Nuair a dhfhalbh na daoinuaisle sin air an turas, chaidh Uisdean Dòmhnullach bràthair Fhir Mhòr-thir don luing a shealltainn air a Phrionnsthuirt an duin-uasal sin ri Tearlachgum bu chòir dha bhi na fhaicheall nach robh e ro fhada bho Ghearasdan Inbher-Lòchaidh, agus nach bfhusa dha car na Caimbeulaich, nan cluinneadh iad gun tainig e nall.” Thuirt TearlachChan eil eagal sam bith orm á aon ni dhiù sin.” An sin labhair fear Bhaosdail, “gum bfhearr dha pilleadh air ais don Fhràing,” ach thuirt e-sannach robh e air son e-féin a thilgeadh air muin choigreach, agus nach na sin a chuireadh e dhearbsasda, ach á chàirdean féin, agus gun tainig e nise thoirt comais daibh air an càirdeas a thaisbeanadh, le chòir thoirt air ais da bho nàimhdean, agus nach biodh aig Fràngaich no aig almharaich sam bith eile ri ràdh gun do thilg se e-féin air a chàirdean agus gun thréig iad e, agus gum beiginn da teicheadh uapa gu tìr choigricha dh-aon fhacal, thuirt e, ged nach faigheadh e ach seiseir dhiùlannach dìleas a dhéireadh leis gum bfhearr leis teicheadh leo mar fhògarach feadh bheantaichean Alba no pilleadh air ais don Fhràing.”

Air a chuigeamh latha fichead den mhìos thainig e air tìr as an luing agus an t-seachhnar dhaoin’ -uaisla thainig thar chuan leis maile ris. Chuir e chiad chas air tìr-mòr na h-Alba ann an Bòrghadal, baile fearainn a bhuineas do Mhac- ’Ic-Ailein, a tha fagus do Loch-nan-uamh; am fìr mheadhon oirthire siar na h-Alba, a tha ma thuaiream ceud as ceithir fichead mìle bho Dhunéideann.

Bha Tighearna Chlann-Raonaill, mar chaidh cheanaithris, mun àm so anns an Eilean-Sgiathanach, ach chruinnich caochladh dhaoin’ -uaisle dheth na Dòmhnullaich mar gheard ma thimchioll a Phrionns’, a thog a chairtealan ann an taigh Bhòrghadail. ’Nuair a smuainicheas sinn nach deirich ceann-cinid, air bith eile le Tearlach mun àm so, chan urra sinn gun a radh gun ghabh an teaghlach so mòran orra féin; a thug fasgath as biatachd don Phrionnsa; da uaislean, agus do cheud fear a bha mar gheard air a phearsa. Bham Prionnsa féin na shuidhe ann an seòmar mòr farsuinn as am faiceadh e a luchd-leanmhuinn a dhaon sealladh. Aig a chiad bhiadh a ghabh iadsan àite so, dh-òl Tearlach air an deagh shlàintann am Beurla, agus dh-òl a chuideachd ann an Gàeligdeoch-slaintan Righ.” Thaitinn sin gu ro mhath ris gach neach a bha lathair, agus dhfharraid Tearlach ciod bu chiall da; ’nuair a dh’ -innis iad dha, dh’ -iarr e na briathran aithris a rithist, gus an ionnsaicheadh e-féin an cantainn; dh-òl e sin deoch-slaint an Righ ann an Gàeligdhiarradh an sin deoch-slainta Phrionnsagus an Diùc òl anns achànan chianda, agus thaitin e ro mhath ris na Gàeil, am Prionnsabhi cho toigheach air aGhàelig.

(Ri leantuinn.)


Tha teas mor ann an Sasunn o chionn dha no tri sheachduinean, agus tha morannan laidhe tinn le bualadh-gréine. Ann an Lunnainn bha an teas uair us uair cho àrd ri 120° anns a ghréin agus 84° anns an dubhar. Chan eil muinntir na seann dùthcha cleachte ri teas cho mor, agus mar sin tha iad acur ann barrachd uibhreachd air.



[27]

[Vol . 9. No. 4. p. 3]

ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. IV.

MAIRIS APHRIOSAN.

Cha robh a bheag de mhothachadh aig Mairinuair a bha iadga slaodadh don phrìosan. ’Nuuir a thainig i uice fhéin, bha ìgals ag osnaich,afàsgadh a lamh, ag ùrnaigh, ’sa tuiteam sios air an leabaidh, ciosnaichte le geiltus mulad, gus ma dheìreadhna thuit i seachad ann an cadals a sùilean fliuch le deòir. Dhùisg in uair bu duirchan oidhche. Bha e dorcha mun cuairt dhi agus cha deanadh i am mach ni sam bith. Cha do chuimhnich i fad ùine mhoir, cait an robh i. Bha trioblaid an fhàine di mar aisling oillteil; agus bha ismaointean an toiseach gun robh ina leabaidh fhéin. ’Nuair a shaoil leatha bha i dol a dhfhaighinn beagan toileachaidh, dhfhairich i na geimhlean fuara ri fuaim uamharra air caol a da làimh. Dhéìrich i le geilt on leabaidh chonnlaich. Thuit i rithisd sios air a glùinean, agus ghlaodh imach: “O ciod eni mi, ach mo làmhan ceangailte, a thogail riutsa, O Athair ghràdhaich! Seall a nuas orm anns aphrìosan so, agus faic mian so air mo ghlùinean. Tha fios agad gu bheil mi neo-chiontach! Is tusa fear-dion nan neo-chiontach. Teasraig mi. Gabh truas dhiom, gabh truas dem sheann athair bochd! O deonaich sòlas crìon air choir eigin dachridhe, agus tuiteadh gach bochdainn dùbailtormsa! Nuair a chuimhnich i air a h-athair, shil a suilean gu frasach. Chaill ibruidhinn le amhghairus le mulad. Bha icaoineadhs ag osnaich fad uine mhoir. Aig a cheart am so, aghealach, a bha uige so air a falach le neoil dhubha, shoillsich ron uinneig bhig dhorcha, agus thilg solus air ballachan a phrìosain. Le solus na gealaiche, chitheadh Mairi gu soilleir ceithir ballachan aphrìosain chaoil, achlach gharbh, dhubh air an robh iad air an deanamh, an t-aol-tàthaidh geal eatorra, a spreoid a bha mach a cuil air son bord-bidhe, an da shoitheach neo-fhinealta a bhair abhord, agus gach cuiseag fhodair a bha deanamh suas na leapadh aice. Dhfhas cridhe Mairi ni baotroman uair a dhfhalbh an dorchadas a bha mun cuairt oirre. Bhaghealach asealltuinn mar shean bhana-charaid. Ars ise, “Bheil thu tighinn a ghealaich chaomh, agus a faicinn do bhan-charaid bheag ann an so? O, air am eile bha thu soillseachadh a stigh dha msheomair beag, troimh dhuilleagan nam fìonan, bha do sholus na bu bhoidhche na tha en drasda, atighinn tromh na slatan iarruinn tiugha, dorcha so. Am beil thusa, cuideachd, a caoidh maille riumsa? Ah, cha do smaointich mi riamh gum faicinn thus an doigh so! Ciod tha mathair adeanamh an dràsda? Am beil e fhathasdn a dhùsgadh, agus am beil egals acaoidh mar tha mise? O nach faodainn fhaicinn car tiota beag! Thusa, ’Ghealach chaomh, tha thu faicinn mar an ceudnastighna phriosan-san! O nach burrainn duit bruidhinn los gun innseadh tu dha mar tha a Mhairi ag caoidh sagal air a shon! Ach cho amaideachs a tham bron afàgail mo bhruidhne! Thoir mathanas domh, a Dhia, anns na briathran diomhain so! Tha thusafaicinn a stigh am priosan mathair! Tha thugar faicinn le cheile! Tha thu faicinn ar cridheachan! Cha n’ ’eil ballachan no slatan iaruinn acur bacadh air do chumhachd-sa. O co-fhurtaich airnadheuchainean.”

Thug Mairi a nise fonear gun robh fàileadh cùbhraidh air feadh aphrìosain. Anns amhaduinn chuir i gucag letheach sgaoilte, a thug i as abhascaid, comhla ri flùrs eile air an robh meas sonruichte aice, ’na broilleach. ’S iad sobhan drasdatoirt seachad an fhàile chùbhraidh. ’Nuair thug in aire dhaibhna broilleach, thubhairt i, “am beil sibh an sin, a fhlùranan gaolach, agus am feum sibhse, a chreutairean neo-chiontach, searg maille rium-sa anns aphrìosan? Cia mar a choisinn sibhse? Achs e mo dhòchas nach do choisinn misebhin so na bu mhomha na sibh fhéin.”

Thog i suas am bad fhlùrs agus thoisich i air coimhead orra ri solus na gealaiche. “Mo chreach!” ars ise, “anns amhaduinnn uair a bhuain mi a ghucag-ròs so agus na flùrs eile ri taobh an uillt a bhas a choimhearsnachd, co a chreideadh, man dthigeadh an oidhche gum bithinnn am shineadhs aphriosan so! ’Nuair a bha mi fithe nam fleasgan so airson na bascaide, co a chreideadh gum bithinn a cheart latha sin a cosg nan slabhraidhean iarruinn so? Tha h-uile rud a thair uachdar an talmhainn cho neo-chinnteach so! Is beag tha fhios aig duine cuin a dhfhaodasfhortan caochladh, no gu de a chrioch a dhfhaodas tighinn air na gniomharan as neo-chiontaich, air uairibh! Tha réusan mor agaìnn a h-uile maduinn air curam faiceallach Dhé iarraidh gu dùrachdach.”

Thoisich i ri gal as ùr: thuit a deoir sios air na flùrs agus bha iad a soillseachadh mar dhealtann an solus na gealaiche. “Esan nach dean diochuimhnair na flùrs agustha cur uisgis dealtagan ionnsaidh, chan urrainn dha diochuimhna dheanamh orm-sa,” ars ise. “O, Athair ro-ghradhach, dòirt earbsan am chridhe agusan cridhe mathar, ionnas mar tha thulionadh copain na flùrs le dealta ghlan nan spéur!”

Le deoirnasuilean, chuimhnich i air a h-athair. “Mo chreach, a dheagh athair,” thuirt i, le osna throm, “ ’nuair a sheallas mi air abhad fhlùrs so, tha moran dheth na thuirt sibh rium mun deibhinn a tighinn gum chuimhne! Thainig a ghucag-ròs so fo bhlàth a measg nan drisean: mar so faodaidh toilinntinn eirigh á bròn! Neach sam bith a dhfheuchadh ris a ghucag so fhosgladh ni bu luaithe, mhilleadh e i. Dhfhosgail Dia a flùranan lag, boidheach uidh air n-uidh, mar gum bann le meoirean aotram, finealta, agus sheid e a stighn a cridhe achubhraidheachd fhiachail so. Cuiridh e, mar an ceudna, an dara taobh mo dheuchainean-sa, agus bheir en uachdar am mathas sin tha iad afalach. Feithidh mi gu faighdeannach gus an dthig an t-am, a chi Esan iomchuidh, man cuairt. Tha am fluran so, forget-me-not, ’curn am chuimhne a cruthadair! “Feithidh mi, aDhia ghràdhaich! Cha diochuimhnich mi Thu, a chionn tha cuimhnagadsormsa. Tha dath gorm nan speur fhéin air na flùrs so. A measg gach trioblaid shaoghalta bithidh stéidh mo dhòchais anns na Flaitheas. ’An so tha peasair-mhillis le cuid maoth dhuilleagan geal is dearg! Snagaidh am plannt lag so anns an eabar mur am faigh e cuideachadh; ach ma ghreimicheas e air slatag sam bith faisg air, fàsaidh e suas, thig e fo bhlàth agus sgapaidh a chuid dhuilleaganan astar mun cuairt: ceart mar so a ghreimicheas mise ort-sa, a Dhia, gus mo theasragainn bho gach bron agus trioblaid shaoghalta.”

Achsem flùran so, am mignonette, gu h-àraid a chuir am fàileadh cubhraidh cho mor air feadh aphrìosain. A fhlùranan millis, uasal, tha sibhtoirt mor thoileachadh eadhon dhomsa, a bhuain sibh, ler cubhraidheachd. Bithidh mise, cuideachd, coltach ribh-se, agus bithidh mi math don fheadhainn sin, ged nach drinn mi an coire, a shlaod mi as mo ghàradh, agus a thilg mi anns aphrìosan so.”

Ann an so tha cuiseag de ghille-fionn (periwinkle). Fanaidh so ùrail, eadhons agheamhradh, agus cumaidh e suas ann an duldachd na bliadhna, duilleagan boidheach gorm an dòchais! Cha chaill mise, cuideachd, mo dhòchas, an am na deuchainn. An Dia a chumas am plannta beag, lag so suas an teis meadhan stoirmnean agheamhraidh, ’s urrainn misetheasragainn a measg gàbhaidh mo thrioblaidean

Ann an so, a rithisd, tha da dhuilleag far craoibh laibhreis (laurel tree). Tha iad so a curn am chuimhne a chrùin bhuain laibhreis sin a tha feitheamh, anns na Flathas, air gach aon a dhfhuilgeas le foighdinn agus umhlachd. Tha e air a ghleidheadh domhsa; cha mhor nach faic mi e air a chuartachadh le gathan òr-bhuidhe, an crùn neo-sheargte, glormhoir na buaidh! Tha flùrs na talmhainn, coltach ris gach toileachadh saoghalta, neo-mhaireannach; seargaidh iad uile air falbh. Ach, an deigh trioblaidean gearr an t-saoghail sodhol seachad, tha am feitheamh oirnn gu h-ard, toileachadh agus glòir a bhios neo-bhàsmhor agus maireannach.”

Anns acheart am so thainig neul dorcha air aghealaich. Cha bu leir do Mhàiri na flùrs na bfhaide, agus lion dorchadas eagalach am prìosan. Thuit a cridhe sios uair eile. Achan uine ghoirid chaidh aneul seachad, agus shoillsich a ghealach gu boisgeil mar a rinn i roimhe. “Direach mar so,” arsa Màiri, “theid neo-chiontas a dhubhadh car uine; ach air a cheann ma dheireadh, dealraidh i a mach a rithisd boidheach agus glan. Direach mar so, a Dhia, a bheir thun uachdar an deagh am mo neo-chiontachd-sa, as gach cuis-dhitidh mheallta, ged a tha i air a falach, an drasda, le ceo trom, tuigh an amharuis.”

Leig Mairi i-fhein sios a rithisd air an leabaidh chonnlaich, agus chaidil i gu sitheil, le earbsùr. Chunnaic i aisling bhoidheachna cadal, a thug socair inntinn dhi agus a thug togail air a spiorad. Chunnaic i i-fhein a bhi dol mun cuairt ann an gàradh coimheach, ri solus no gealaiche, an gàradh air a shuidheachadh an teis meadhoin coille mhoir ghairbh ghiubhais; bha e do-innseadh eireachdas agus a mhaise. Chunnaic i a h-athair, cuideachd, anns aghàradh eireachdail so. Shoillsich a ghealach air a ghnuis aoidheil, fhiachail. Ruith ega ionnsaidh, agus shil i airamhaich, le toileachadh, moran de dheoir leis an robh a gruaidhean fliuchnuair a dhuisg i.

(Ri leantuinn.)


Ceithir-La-Deug ann am Fion-Lios.

Air a leantuinn.

Air feasgar na Sàbaid thàinig mu dhà fhichead de dhaoine oga, fir is mnathan, a nuas thar a mhonaidh gu tòiseachadh air buain nan dearc aig sèa uairean maduinn Di-luain.

Thug so gu mchuimhne mar a bàbhaist do na Gàidhil doln an buidhnean don Ghalldachd thun na buain.

Oir thàinig a mhuinntir òg sin á tìr nam beann aca-san, agus cha robh cuid dhiubh eu-coltach ri muinntir nan eilean againn, ’nan dreach, agus dath an sùilean.

Bha sinn tràth air ar cois air madainn Di-luain, agus bu chridheil an sealladh na daoine òga fhaicinn araon dithis is dithis, tarruing nan stòpan mora, luchdaichte le bagaidean, o na mnathan a bhag am buain, ’sg an giùlan eatorra don t-seileir. Baluinn an sealladh, mun cuairt oirnn air a h-uile taobh daoinfhaicinn a trusadh nam fion-dhearc, chan emhàin ann an aon ghàradh, ach air gach druim, is slios, air gach bruthach agus gleann, a tarruing nan luchdan troma a dhionnsuidh nan amar-bruthaidh, a seinn aig an obair aoibhinn.

(Air a leantuinn air taobh 30.)



[28]

[Vol . 9. No. 4. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh do n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, IULAIDH 27, 1900.

Chulas moran, o chionn beagan bhliadhnaichean air ais mu bharail a bha measg dhaoine gum bu chòir an Impireachd Bhreatunnach a bhi air a h-aonadh gu h-iomlan fo aon Ard-phàrlamaid. Bhiodh a pharlamaid sin adeanamh reachdan do gach dùthaich us roinn a thag aideachadh uachdaranas a chrùin Bhreatunnach. Achsi bharail choitchionn a tha aig daoine an diugh nach eil en dàn don aonadh sin tighnn gu crìch, gu bheil na dùthchannan a tha fo riaghladh Bhreatuinn cho eadar-dhealaichte ann an iomadh dòighs nach urrainnear laghannan no reachdan-cusbuinn a dheanamh a fhreagras dhaibh uile. Tha an Impireachd Bhreatunnach an diugh air a tàthadh ri chèile nas dlùithe na bha i riamh roimhe. Chan eil àitanns an bheil a bratach an crochadh ri crann anns nach eil a h-iochdarain a guidhe sith agus soirbheachaidh dhi; chan e sin a mhàin ach tha iad acruinneachadh as gach cearna dhen t-saoghal ga cuideachadh, agus a dòrtadh am fala air a sgàth air raointean tetha, tioram Africa. Ged a bhiodh ard-phàrlamaid asuidhe ann an Lunnuinn anns am biodh daoine air an cur as gach cearna dhen domhain, tha e cho dòcha nach biodh an Impireachd cho aonaichtesa tha i aig a cheart àm so.

Chaidh mu aona ceud deug dolar a chur cruinn an an New York o chionn ghoirid air son cuideachadh le bantraichean us dileachdain nam Boereach a chaidh a mharbhadhsa chogadh. Bha coinneamh mhor air a cumail aig an deachaidh moran òraidean a liubhairt air taobh nam Boereachs an aghaidh nam Breatunnach. Chaidh gach cosguis a bha timchioll na coinneamh sin a phàigheadh as an airgead a chuireadh cruinn; bha suimeannan mora air am pàigheadh air son fion, ceòl, agus giùlan luchd nan òraidean o chearna gu cearna den bhaile. Agus nuair a chuir an t-ionmhasair a stigh na cùnntasan, cha robh air fhàgail den aona ceud deug dolair ach ochd dolair dheug! Tha sinn an dòchas gum bi Crugarsa cho-luchd-dùthcha cho taingeils is còir dhaibh a bhith air son an tabhartais sin. Chan eil teagamh againn nach robhOom Pola call cadal na h-oidhche le cùram a thaobh nam bantraicheans nan dileachdan a dhfhàg an cogadh air a làmhan, achnuair a ruigeas na h-ochd dolair dhug ud á New York e, cha bhi an cor bochd a cur an còrr iomguin air.

Tha treibh de dhaoine beaga a chomhnuidh ann an Africa Mheadhonach, na daoines lugha tha rim faotainn air an t-saoghal. Air an t-samhradh so, chaidh buidheann Ghearmailteach dan dùthaich agus ghlac iad àireamh de na daoine so air son an toirt dhionnsuidh na féille moire tha dol air adhart ann am Paris. Ach chaidh an t-Easbuig Tucker a dhobair gu duineil air son an saorsa thoirt dhaibh; fhuair e na Breatunnaich gu dholsan eadraiginn agus bfheudar do na Gearmailtich leigeil leis na daoine beaga dhol air ais don dachaidhean coillteach féin.

Air an t-seachdamh latha deug dhen mhios so, chaidh coignear dhaoine a chur dhan tigh-obrach fad bliadhna, sianar don phriosan fad shia miosan, agus ùmhladh a chur air gach fear dhiubh a bharrachd air sin o leth cheud gu ceud gu leth dolair, air son a bhi creic deoch làidir air Di-donaich. Rinneadh so, cha bann am baile Shidni, dan goirear ceanna-bhaile Cheap Breatunn, ach ann an Camden, ceanna-bhaile siorrachd ann an New Jersey.

Tha nise dha no tri bhliadhnaichean on chaidh Andre a dhfheuchainn ri ceann a tuath an t-saoghail a thoirt am mach, agus tha e gun tilleadh fhathast. Tha nise tri buidhnean de dhaoine air falbh as an Roinn-Eorpaga shireadh. Chan eil mor dhùil aig daoine gu faighear aona chuid Andre no sgeul air, ach meudaichidh turas nan daoine tha dolga iarraidh eòlas a chinne dhaonna air an earrain sin dhen t-saoghal.

Tha corruich mhor air na Gearmailtich air son mort an teachdairean ann an Sina, agus chan cil e nise sabhailte don teachdaire Shineach no da luchd-leanmhuinn iad féin a nochdadh air sràidean Bherlin. Chaidh fear no dha dhiubh a chlachadh leis an t-sluagh cheana.

Tha mu mhile de luchd-imrich á Iceland air tighinn do Chanada o thoiseach na bliadhna. Tha iad sonan sluagh math a bhiosnan neart agusnan creideas don dùthaich an ceann beagan bhliadhnaichean. Tha iad fada air thoiseach air na Galicians agus na Doukhobors a thainig re an da bhliadhna chaidh seachad.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceaunaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


A thaobh Caiseart.

S ann againn a than stoc Bhrog as mothasa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia be de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOROBRACH againn cho math ris na seorsachan as grines as fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh.

A . W. REDDEN & CO.
June 29, 1900 1yr


Iadsan a Phaigh.

Seumas Jack, Peterboro, Sasunn
Iain Jack, Caisteal-Ruadh, Alba
An t-Urr. Iain Noble, Lairg, Alba
An t-Urr. N. Caimbeùl, Craoich, Alba
Bean Iain Dughlaich, Mooreton , Dakota.
Iain Domhnullach, Cnoc nan torran, Alba.
Eachunn Mac Fhionghain, Priceville , Ont.
Alasdair Mac Eàlair, Penetang , Ont.
Alasdair Buchanan, Braidalbainn, E. P. I.
D. Mac- ’Ille-Ghlais, Baile nan Reul, N. S.
A. Domhnullach, Allt Mhic Ara, N. S.
Domhull Domhnullach, Montreal.
Michael Mac Fhionghain, Sidni.
Bean Dhomhnuill Dhomhnullaich, Sidni.
Somhairle Mac-a- Phearsain, Sidni.
Gilleasbuig Mac Fhionghain, Beechmont .
Eachunn Mac Neill, Baddeck..
Mor A. Mic Gillean, Loch Ainslie.
M. B. Domhnullach, na Narrows Mhora.
Ruairidh Domhnullach, Loch Ghabarns.
Bean Sheumais Johnstone, Cobh a Bheabheir.
An t-Urr. W. A, Mac-a- Phearsain, Johnstown .
Aonghus Mac Cuthais, Seana Bhridgeport.
An t. Urr. Callum Mac Leoid, Baile nan Gall.
Alasdair Dùghlach, S .W. Margaree
Niall Mac Gilleain, Fourchu .
Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove.
Seumas Patterson, Sydney Forks.
Coinneach Mac Gill-fhinnein, Amhuinn Mheadhanach.
M. D. Caimbeul, Baoghardal.
Iain Mac Aonghais, Gleann nan Sgitheanach.
Tormad Mac Leoid, Reserve Mines.
Iain S. Gillios, Loch Ainslie.
Padruig S. Mac Neill, Irish Cove.
Caitriona Chaimbeul, Bras dOr Beag.
Padmig Dughlach, Loch Uidhist.
E. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhenis
Ailean I. Gillios. S . W. Margaree.
M. S. Ghillios. S . W. Margaree.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B.



[29]

[Vol . 9. No. 4. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha geamhradh tràth aca ann an Australia, agus tha stoirmeannan agus tuiltean mora ann on thòisich e, acur call mor air an dùthaich. Tha an sneachda ann am moran àiteachan ochd troighean a dhoimhnead.

Chaidh an t-Urr. Murchadh A. Buchanan a phòsadh ris an eaglais chléirich ann an Louisburg feasgar Di-mairt air an t-seachdain sa chaidh. ’Se Mr. Buchanan acheud mhinisteir suidhichte anns an eaglais sinn, agusse ar guidhe dha gum bi soirbheachadh mor leis.

Chaidh mac an Dr. Borden, a bhana mhàidsearsa cheud reiseamaid a chuir Canada a dhAfrica Deas, a mharbhadh leis na Boerich toiseach na seachdain sa chaidh. Bha ena dhuinòg foghainteach, treun, agus gle mheasail aig a chompanaich. Cha robh mac aigathair ach e fhéin.

Phàigh cuideachd aghuail, air an t-seachdain sa chaidh, còrr us deich mile fichead dolair don luchd-obrach, tuarasdal seachdain. ’Se so suim cho morsa phàigh aon chuideachd ann an Ceap Breatunn riamh air son obair seachdain, agus tha e nochdadh gu bheil na mèinnean guail air an deagh obrachadh air an t-samhradh so.

Bhan t-side gu math teth air an t-seachduin so, agus a leantuinn an uisge bhann o chionn ghoirid, thig adhartas mor an an fheurs air gach seòrsa barra. ’S i barail nan tuathnach an nise gum bi am feur beagan anmoch ach gun bi e pailt cho tromsa bàbhaist dha bhi bliadhnaichean eile.

Tha teas anabarrach ann an Boston aig an àm so. Tha daoine air am bualadh leis a ghréin gach latha, agus tha àireamh mhor each abàsachadh. Tha h-uile neach is urrainn sin a dheanamh afàgail abhailesa dol thun nan cladaichean no mach don dùthaich Agus tha moran a thanns a bhaile sin mhuinntir na dùthcha so a tighnn dhachaidh gus am bi an aimsir theth seachad.

Ann an Regina, ’san Iar Thuath air an t-samhradh so, bha moran theintean abristeadh a mach ann an saibhleans an taighean fàs air feadh a bhaile, ’s cha robh fhios ciod a baobhar dhaibh. An la roimhe dhaidich dithis ghillean beaga, bràithrean, gum biadsan a bha fadadh nan teintean air son spòrs dhaibh féin. Chan eil na gillean ach sia us ochd bliadhna dhaois.

Toiseach an t-samhraidh so, fhuaireadh corp duine anns an uisge aig ceann laimhrig an acarsaid Louisburg. Dhaithnicheadh gum be bhann corp fir Aonghas Mac Leoid, a bha air chall ceithir no coig a mhiosan roimhe sin, agus tha àmhrus làidir gu robh làmh aig cuid-eiginna chur a dhith. Chunnacas e mu dheireadh tri lathan deigh na Nollaigna shineadh faisg air an stor aig Snow; cha deachaidh cùram sam bith a ghabhail dheth, agus chan fhacas tuilleadh e gus an dfhuaireadh a chorp anns an acarsaid.

Chaidh duine bhag obair air an rathad-iaruinn ùr a thatar atogail an siorrachd Inbhirnis, a mharbhadh faisg air Mabou, le spraidheadh dynamite, Di-màirt air an t-seachdain sa chaidh. Bha triùir eile air an goirteachadh aig an aon àm.

Chaidh each le Iain Bertram & Co., a bhàthadh aig laimhrig Ingraham feasgar Di-luain. Chaidh e thar na laimhrig an comhair a chùil, le carbad a bha e tarruinn, agus chum cudthrom a charbaid fon uisge gus an robh e bàite. Bfhiach an t-each ceud gu leth dolair.

Bidh iadsan a tha trom air an ti duilich a chluinntinn mun ar-a- mach a tha ann an China. ’S anns an dùthaich sin a tha chuid mhor dhen ti a fàs; cuiridh an troimhe-chéile grabadh mor air a togail; ’s dual dhi mar sin fàs gann, agus cho luathsa dhfhàsas i gann, fàsaidh i daor.

Thachair sgiorradh muladach faisg air Victoria Park maduinn Di-dònaich sa chaidh. Bha gille beag dam bainm Eoseph Domhnullach, aois thri bliadhna, a cleasachd air an t-sràid, agus chaidh e tuilleadh us faisg air each a bha ciromadh ri taobh an rathaid. Bhreab an t-each e, agus chaochail e am feasgar sin fhéin.

Chaochail an t-Urr. Francis I. Domhnullach, sagart St. Georges, an Eilean a Phrionnsa, air an naodhamh latha dhen mhios so. Bha e ceithir fichead bliadhnasa coig a dhaois, agus bha ena shagart fad tri fichead bliadhna. Be an sagart bu shine bhan Canada, araon am bliadhnaichean agus ann an dreuchd na sagartachd. Rugadh e air an Eilean; fhuair e fhoghlum ann an Cuebec, agus chuir e seachad a bheatha a saoithreachadh anns an aon pharaiste.


BAS.

Am Broad Cove, Siorramachd Inbhirnis, air an 8mh la de Iulaigh 1900, Gilleaspuig Mac Illeollain— “Gilleaspuig Mac-an-Taillear.” Rugadh e am Morair, Siorramachd Inbhirnis, Albain,. air an 8mh la den Mhaigh 1805. Thainig e don dùthaich sosabhliadhna 1815, agus dhfhuirich e coig bliadhna air an Abhainn-a- Deas, Antigonish. Thainig e fhéins an corr den teaghlach do Bhroad Covesa bhliadhna 1820, far an do shoirbhich leotha gu math. Phòs e Mairi Nic Pharlainsabhliadhna 1828. Thog iad teaghlach mor, agus than cuid oghaichean is iar-oghaichean gle lionmhor. Tha a bhean tapaidh fhathasd. Bha ena dhuine measails na dheagh Chriosduidh. An deireadh a làithean, theann e ri bàrdachd, agus am measg chàich rinn e oran boidheach do MHAC-TALLA.


Lan tomhas, fior ghlan, agus an séorsas fhearr a chaidh e chreic riamh air a phris. Sin an cliù a choisinn Union Blend Tea, a tha air a creic ann am pasgan luaidhe air 25, 30, 35, agus 40 rent am punud. Iuchair anns gach pasg puinnd. $400 don luchd-ceannach truth an Desember.


L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.

Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.


Fhuair sinn an diugh
500 Paidhir de bhrogan fhirionnach
Dong. Bals.

Luach airgeid cho mathsa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1 .25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1 .40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonnsa dhuachdar.

Tha prisean arn aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn.

Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne
dhen t-seorsas fhearr, ’s dhen deanamh as uires as fasanta.

H . H. Sutherland & Co.
Stor Airgeid na h-aon Phrise.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.



[30]

[Vol . 9. No. 4. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 27.)

Aig -uair dheug sguir an obair fad uair an uaireadair, agus thàinig an luchd-trusaidh thun am bìdh. Cha robh iad a faotainn ach thràths an latha; aon aig meadhon-, agus tràth feasgair an déigh sgur aig sèa uairean. Air na buird bha truinnsear air son gach pearsa, agus làimh ris, sgonn mhath de bhrochan min-Innseanach, cho tiugh air a bhruichs gun robh e air a ghearradh le sgithin. ’S iad na Roumànaich, na h-Eadailtaich, agus na h-Albannaich trì slòigh na Roinn-Eorpa a tha ann an cuid mhòr a tighinn beò air am brochan. ’S emama-liga” ’their iad so ris. Bhan deadh staoig mhath aig gach aoin, an àitarain, na buntàta. Bha brot feòla ann agus gu leòir de chàls do fheòil, agus sin air an thràth. Chaneil teagamh nach robh e glé bhlasda leò, sgìth len obair. Bha iad uile gu leir nansuidhe air an lar, ged a bha cuid cho pongail gun do chuir iad còta na ball aodaich eile fodhpa.

Chaidh latha na dhà seachad mun dfhuair mimhisneach dol siosnam measg. Cha robh mi diomhanach air a shon sin. Bha duine geur-chuiseach, fiosrach dam bainm Ioseph, thairis air gnothuichean an tighe againn.

Ioseph,” arsa mise ris latha, ’n uair a bha sinn a machs an lios, “Co dhiubhthatar a cur fras, nastobadh fàillean anns an talamh ann an suidheachadh gàradh fìona mar so?”

Rinn Ioseph snodha gàire. “Chaneil fìonain anns an ghàradh nach fheum a bhi air a suidheachadh ann an freumh freagarrach, air neò cha bhi math ann!”

Car son sin?” dhfharraid mi.

A chionn, as eugmeais sin ge be air bith cho fallains a dhfhaodadh e bhith, ’s e torradh fiadhaich a ghiùlaineadh e.”

Seadh, Seadh!” thuirt miam inntinn fhein, “ ’S furasd a thuigsinn a nis car son a dhfheumas làmh an Athar na geugan a shuidheachadh anns an Fhionain fhior, Freumh agus Gineail Dhaibhidh!”

Latha na dithis os deigh so ghuidh mi air Ioseph mo thoirt a dhfhaicinn obair bruthaidh nam fiondhearc. Bha so a gabhail àite anns an roinn gu h-ìosal don tigh; sin ra ràdh, an t-urlar fodhainn, a bhana dhà sheòmar eile air son seileir, agus anns an robh na togsaidean air an cliathaich, gach aon air furm iosal, ga chumail bhar an urlair.

Chaidh sinn a stigh an toiseach gu àite saltart an fhiona.

Bha aig taobh thall an t-seilleir, armar fhada, air furm mar a bhios againne aig lomadh nan caorach. Bhan ceann shuas dheth beagan na bàirde nan ceann a bhos, agus bhan ceann a bha ruinn mar shiolachan. Fon t-sìolachan so bha tuba mhor air son sùgh nan dearc a cheapadh. Bha tuba mhòr eile làimh ris, le faradh beag ann. Anns an amar bha da ghille òg ann an deise chotain, dearg a suas gun troidhean ann an fuil nan dearc. Bha dithis eile a frithealadh, ann an tarruing an t-suigh as an tuba, agusg a churs na togsaidean.

Aig an tuba eile bha dithis a frithealadh dhoibhsan a bhatarruing nan dearc. Thainig paidhir dhiubhstigh le stòp fhada làn dhearcan. Leig iad sios i bhar an guailibh oir bha i air a giùlan eatorra air rong a bhair a cur roimh chlusan an stòp, agus chuir iad na dearcan troimh chéile le maide, gam briseadh gu math mun do thaom iad a mach iads an tuba. Lion an dithis a bha frithealadh, poca làidir cainb leis na dearcan a bha mar so air am bruthadh, chuir iad am poca air rongais an fhàraidh, ghabh iad aige, agus thog iad a null e thun an amair gu bhi air a saltairt, leis na pocaichean a bha ann cheana.

An uair a bha na pocaichean air an saltairt gu math, chaidh an toirt as, agus chaidh a chnàmhag a thilgeadh an ann soitheach air leth, gu spiorad-fiona dheanamh as.

Bham fion a ruith na alld ruamailte as an t-siolachan, agus bha e a cumail na dithis a bha frithealadh gu math trang.

Am bu mhath leibh am fìon ur a bhlasad?” dhfheoraich Ioseph.

Bu ghle mhath leam e,” fhreagair mise.

Aig facal uaith, thog fear de na gillean làn gogain agus chuir e ri mbhilean e an am prioba. ’S ann a ghabh mi athadh mo bueul a chur ri a leithid de lan-soithich.

Olaibh e! òlaibh e!” ars Ioseph,agus dhòl mi deoch nach dìchuimhnich mi ri mbheò. Be sin an deoch gu dearbh!

Chaidh sinn a sin a stigh far an robh na togsaidean.

A nis,” arsa mise, “cuin a thoisicheas am fìon so ri oibreachadh?”

Cuiribhur cluas ris a cheud togsaid a chaidh a lionadh a chionn ach beag seachduin, agus cluinnidh sibh a ghoil air toiseachadh.”

Agus cinnteach gu leòir, bha e direach mar a thubhairt e.

Cuin,” thubhairt mirithis, “a dhfhaodadh so a bhi air a reic?”

An ceann shèa miosan; ach bhitheadh e cho ruamailte ri uisge nan soitheachan; chan òladh coigreach e le mòran tlachd, bithidh e cho geur. Tham fìon coitchionn, aig sèa miosan a dhaois air a reic air son sgillinns bonn na séa am botal. Achs ann air son uis an tighetham fìon so, mar sin chaneil cùram air a ghabhail gu aon seorsachumail air leth o sheòrseile. A thuilleadh air sin, chaneil na dearcan so de sheòrsa làidir gu leoir air son gleidheadh; mar sin chaneil uidhir chùram man deanamh.”

Cuin a dhfhasas an fion glan,

Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


J. J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.



[31]

[Vol . 9. No. 4. p. 7]

soiliear mar tham fion ceannaich; Am bheil sibh a cur branndaidh ann?”

Chaneil sion. Ach tham fion a tha ri ghleidheadh air a thaomadh bhar a dheasgainnean aig ceann gach bliadhna; air an doigh so, mar is sine es ann is gloine bhios e. Tha fion a tha còig na sèa bliadhna dhaois mar nach olc, ach theid e ealamh gu ceann duine. Tha fion na deich bliadhna ciatach, a chionn thabheirm ach beag air a neart a chaitheadh. Mar is sine fions ann is feàrr e, oir cha teid am fion a thair sgur a dhoibreachadh gu ceann duine nas modha na fion ùr.”

Seadh,” arsa mise eile ri Ioseph, “ma tha sibh cho math dheth thaobh an fhiona, chan fhaod e bhi gum bheil drongairnur measg?”

Nacheil? fhreagair e, “tham facal cumantagainn— “Cho misgeach ri Pòlach.” Chaidh e air adhart— “Nach dthug sibh riamh an aire don stroilichs a ghleadhar a bhiodh a dol air adhart air uaireanan aite-codail nan seirbheiseach, aig an taigh?”

Thug,” fhreagair mi, “ach ciod am fios a bhagamsa ciod a bhann.”

Matà, ’s e Petri a bhann a gabhail air a bhean.”

S nach dthug sibh riamh an aire cho bitheantasa tha duilleag chail agus bréid mu cheann goirt Nicolai? ’S nach dthug sibh an aire cho ainmigs a than cocairena thùrs na thoinisg fhéin? Chaneil ann ach duinòg, ach shaoileadh duine gun robh e suas eadar -fhicheads leth-cheud a chionn tha e gun tàmh a rugaireachd am measg dibhe.”

Ciod an uidhir a dhòladh duine don fhìon choitchionn mun aithnicheadh sibh air e?” dhfheoraich mise.

Mu choig na sea de bhotail,” fhreagair Ioseph. “Misen diugh! Chuireadhtealaidir air an daoraich duine mun deanadh am fion sin e! Feumaidh gur rugaire da rìreadh an còcaire mas ann mar sin a tha?”

Chan e idir am fìon a thagam fàgail uiles an t-suidheachadh a dhainmich mi ach deoch làidir.”

Ciod ris an abair sibh deoch-làidir?”

Tha ioma seòrsann dith; Tha Spiorad-fiona air a dheanamh a cnàmhag nan dearca-fìona; ach an deoch-làidir is cumantas i béisdealachd a tha na Ruisianaich a deanamh as an reis (rice). Ach ciod e as nach deanar branndaidh? Tha branndaidh nan guigis cumanta, achs i branndaidh nam plumbais is neo chronailes aithne dhomh. Ach tha aon rud a dhinnseas mise dhuibh, aguss e sin nach ceannaicheadh sibh am feasd am fìon a tha air a reican Sasunn nam biodh fhios agaibh ciod an stuth a thadol ann. Bha mise aig aon àm ag obair ann anobair-fhionagus an déigh dhomh fhaicinn nn bha na marsandan fiona cur anns mi nach òladh deur tuìlleadh dheth.”

Tha sibh eòlach air a bheoir cuideachd, oirs ann a dùthaich na beoir a thainig sibh; innseabh dhomh a nisur barail air a bheoir?” dhfharraid mi.

Tha i gle theòma air duinethionndadh gu bhi na bhuideal beoir e féin,” fhreagair Ioseph.

Tha midol a dhfheòraich aon cheisd eile dhìbh,” thuirt mi ris. “Ciod a bhuaidh eadar-dhealaichte a thaig na mùgha sheòrsaichean deoch thairis air duine?”

Cha robh an fhreagairt fadatighinn, ged nach robh Ioseph de chomunn na stuamachd— “Theirinn so umpa; tha bheoir a deanamh amadan deth, agus thabhranndaidhg a dheanamhna fhear-cuthaich.”

na h-ùine so bha micur eòlais air teaghlach a ghàradair. Bha bean laghach aige air an robh trioblaid mhòr a chionn nach burrainn duinn bruidhinn ri chéile uidhirs a bu mhath leinn. Ged a thuiginn a chuid mhòr de na theireadh i, cha robh mi ach gagach ann am freagairt.

Bha aice leanabh bòidheach, balachan mu choig bliadhna dhaois anns an do ghabh mi tlachd. Bha e toigheach air dol leam a h-uile taobh. Bainm dha Ionica, ’se sin, “Iain beag.” Cha robh de aodach air ach léin fhada, agus boineid chruinn de chraicionn uain. ’S ioma facal a dhionnsuich e dhomh nach dìchuimhnich min ealachd.

Air feasgar àraidh, an déigh do na h-uile duine bhi thairis len obair, agus agabhail toileacha anns an t sàmchair, thainig buidheann Cheàrd len innealan-ciùil. Thrus a mhuinntir oga mun cuairt doibh, agus thoisich a chluich. Shéid iad a suas a Phiob-shionnaich, agus innealan eile, rinn mu fhichead do na buanaichean cuairt, a beirsinn air lamhan a chéile mar a bhios clann na sgoil againne deanamh, agus chaidh iad mun cuairts mun cuairt, a cur sgaoim air a mhuic, ’s air na tunnagan a bha tighinn dachaidh on sràid fheasgair.

Ann uair a bhacheud bhuidheann sgìth dhéirich càch. Bhan garadair, ’s a bhràthair, ’gan cumail air adhart, chaidh Ioanica agus a sheanair a stigh am measg na cuideachd, agus mu dheireadh, thug bean a ghàradair an leanabh òg as a lamhan do aon de na h-ingheanan, agus, gu modhail, ghabh i stigh eadar a céile agus a bhràthairs chaidh i mun cuairt le càch, a cumail tim ris a cheòl.

Chaidh iad an sin roimh chleas eile ris am faodarCailleach a Chrubaina ràdh.

Chaidh a chluich so air adhart gus an deirich a ghealach aluinn os an cionn; agus a dhfhas a chlann sgìth.

Bha abhainn a dealradh mar nathair airgid am measg nam preasan shios air a chomhnard, agus gach creutair a gabhail gu fois an uair a dhfhalbh an luchd-ciùil.

Gabhaidh sinne, cuideachd, ar cead don fhionlios aig an àm so, a tasgadh gach toileachadh agus buanachd a fhuair sinn, a suas ann ar cridhe.

K. W. G.

(AChrioch.)


DAIBHIDH GREOSGACH, CROM, CIAR.

LE MR. AONGHUS MAC-GILLEMHOIRE.

Ged a tha mo chorc an cunnart
Bhith air a fhroiseadh gu buileach,
Tha Daibhidh ag radh e dhfhulung,
Nach dig e dhen bheairt an duigh dhomh.
Daibhidh Greosgach, crom, ciar,
S gilen ròcais na bhian;
Bha mi eolach ort riamh,
Fear bu ghreallaiche fiamh.
Dhaibhidh an deid thu bhuain?
S gheibh thu paigheadh Di-luain.

Nuair thogadh tu ritheh-aodach,
S a lionadh tu balg na gaoithe,
Cha bhiodh crann gun ròpan caol ris
Toirt àbhsaidh o thaobh gu taobh dhi,
Gur h-em buamasdair blàr,
Bheireadh ruaig air an spàl,
M fear bu luainiche làmh
Timchioll chuachsam biodh snàth.
Dhaibhidh an deid thu bhuain?
S gheibh thu paigeadh Di-lualn.

Cha do chuimhnich mi do bhoineid,
Airn do chàirich thum breid soilleir,
Air a chùl a tha neo-loinneil
Dhfhàg na gadmuinn gartach, goirid.
O, brògan ard air mo ghaol!
Da chois stabhachs iad caol.
Be sud meirleach nam faobh.
Ceann nan cnàmh a dhfhàs faoin.
Dhaibhidh, an deid thu bhuain?
S gheibh thu pàigheadh Di-luain.

Chan iarradh tu solus gu dshuipeir
Ach sàthadh crom mar a mhuc innt’;
Bu leathann do lorgsa bhutar,
Bhiodh forc nan coig meur gaphutadh.
S tu nach iarradh an sgian
Gu dhol siobhalt’ ’san im;
Gum ben ordag do mhiann
Cur greim glocach gu dbhial
Dhaibhidh, an déid thu bhuain?
S gheibh thu pàigheadh Di-luain.

N fheusag a bfhaide gun bhearradh,
Chan fhagadh an siabunn glan i.
Chan fheil duine beo air thalamh
A dhfhaodadh seasamh ri tanail.
O! an tochdtha den bheisd,
Fuil is feoil agus créis,
Tuiteam sios air a chléith;
S tu bu chailtichair spréidh.
Dhaibhidh, an déid thu bhuam?
S gheibh thu paigheadh Di-luain.

Griosgach, grinning ;greallachd, dirty ;gadmuinn, mialan; clèith, the dative case ofcliath, the treadles of a loom.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


The Scotish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


H. A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Aig an am so an tigh Iain Mhic Fhionghain, air Sraid Bhentick.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .



[32]

[Vol . 9. No. 4. p. 8]

Clann Alasdair.

Bha da mhac aig Domhnall, gineadair Chlann Domhnaill, Aonghus Mor agus Alasdair; agus bha da mhac aig Aonghus Mor, Alasdair Og agus Aonghus Og. Tha cuid ag radh gun dainig clann Alasdair bho Alasdair mac Dhomhnaill. Tha cuid eile ag radh gun dainig iad bho Alasdair Og mac Aonghuis Mhoir.

Anns a bhliadhna 1366 bha cogadh ann an Eirinn eadar Domhnall ONeill agus Niall ONeill. Bha Tearlach Mor Mac Alasdair Oig air taobh Dhomhnaill. Chaidh Raonall Mac Alasdair, ceann-cinnidh Chlann Alasdair, a null a Albainn do dh-Eirinn a chogadh air taobh Neill. Anns a bhlar a chuireadh chaidh fear de mhic Raonaill a mharbhadh agus chaidh Alasdair mac Thearlaich Mhoir a ghlacadh na phriosanach. Bha cuid ag iarraidh Alasdair a mharbhadh, ach leig Raonall as e air sgàth a chairdeis a bha eadar e fein agus Alasdair. An nis chan fheil iomradh againn air Raonall Mac Alasdair a bhuineadh do Thearlach Mor ach Raonall a bhrathair. Faodaidh cuid a radh nach biodh Tearlach Mor agus Raonall a bhrathair a cogadh an aghaidh a cheile. Chan ann an aghaidh a cheile a bha iad a cogadh. ’S ann a bha iad a cogadh as leth dhaoine a thachair a bhith an aghaidh a cheile. Bha Tearlach Mor na cheannard sluaigh aig Domhnall ONeill, agus a fuireach ann an Eirinn; ach bha Raonall a fuireach ann an Albainn; cha do rinn e ach a dhol a null do dh-Eirinn a chur catha no dha. Tha e mar sin furasda gu leoir a chreidsinn gum faodadh Raonall Mac Alasdair oig a bhith air an darna taobh agus Tearlach Mor a bhrathnir air an taobh eile.

Tha Uisdean Domhnallach, seannachaidh Shléite, ag radh gur h-ann bho Alasdair Og a thainig Clann Alasdair, agus tha Mac-Mhuirich, seannachaidh Mhic- ’Ic-Ailein ag radh a cheart ni. A bharrachd air a sin tha Clann Alasdair iad fhein dhen bheachd gur h-ann de shliochd Alasdair Oig a tha iad. A rithisd bha aobhar aig sliochd Alasdair Oig nam beachd fhein air cul a chur ris na Domhnallaich, ach cha robh aobhar sam bith aig sliochd Alasdair, mac Dhomhnaill, air sin a dheanamh. ’Se Alasdair Ogbu shine na Aonghus Og; ach chuir na Domhnallach cùl ri Alasdair Og agus ghabh iad a bhràthair, Aonghus Og, mar cheann-cinnidh. Thug am Brusach fearann Alasdair Oig do dh-Aonghus Og, agus tha e soilleir gun robh Aonghus Og deonach gu leoir air an fhearann a ghabhail agus a chumail. Chunnaic oighre Alasdair nach burrainn da a bhith na cheann-cinnidh air na Domhnallaich. Dhfhalbh e an sin agus rinn e cinneadh urClann Alasdair. Cha robh aige ach beagan sluaigh, ach air a shon sin bha e na cheann-cinnidh.

Faodaidh cuid a bhith dhen bharail ma thainig Clann Alasdair bho Alasdair Og gum be triath Chlann-Alasdair da rireadh ceann-cinnidh Chlann-Domhnaill. Chan fheil an sin ach barail amaideach. Bha Clann-Alasdair nam fine leotha fhein, agus cha burrainn fear de dh-aon fhine a bhith na cheann-cinnidh air fine eile. A bharrachd air a sin, chuireadh cul ri Alasdair Og mar cheann-cinnidh agus chuireadh Aonghus Og a bhrathair a staigh naaite. Ged a bha am mac bu shine am bitheantas a tighinn a staigh an aiteathar cha robh e a leanachd gum feumadh sin a bhith mar sin. Nan tachradh don mhac bu shine a bhith na leth bhurraidh, saoil am freagradh e mar cheann-cinnidh?

Ged a tha sinn gu làidir den bheachd gur h-ann bho Alasdair Og mac Aonghuis Mhoir a thainig Clann Alasdair, chan fheil sinn ag radh gu bheil am beachd sin ceart. Faodaidh e a bhith nach h-fheil.

Rinneadh Tearlach Mac-Alasdair na bhàillidh air cinntire an 1481. Be Aonghus Mac-Alasdair, Aonghus mac Iain Duibh, tighearna na Lùib agus ceann-cinnidh Chlann Alasdair an 1515. Be Alasdair Mac-Alasdair an ceann-cinnidh an 1529, agus gu 1540. Thuit Eoin Mac-Alasdair, Eoin mac Eoin Duibh, tighearna na Lùib ann am blar an Eirinn an 1572. Thainig Alasdair a mhac a staigh na dheidh air an Lùib. Be Goiridh mac Eachainn Mhic Alasdair tighearna na Lùib an 1598.

Fhuair Tearlach Mac Alasdair, a bhacomhnuidh an Tairbeart, coir air beagan de dh-fhearann an 1580. Is ann bhuaithe a thainig Clann Alasdair an Tairbeirt.

Bha feadhainn de Chloinn Alasdair ann an Arainn, ris an abairteadh sliochd Iain Uidhir Mhic Alasdair. Fhuair Raonall Mac-Alasdair, fear den dream so, seilbh a air roinn mhath de dh-fhearann an Arainn an 1445. ’Se Goiridh mac Alasdair Bhig a bha air ceann Sliochd Iain Uidhir an 1581. Bha coig mic aige; Donnachadh, Alasdair, Domhnall, Iain Odhar, agus Tearlach. Tha Iain Dubh mac Alasdair mhic Raonaill air ainmeachadh an 1591.

A. M. S.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


Uaireadairean
air prisean a tha ruith o $1 .75 gu $200 .00
AIG
Bezanson

ANNS AN
Stor Ur Sheudan
AIG
K . Bezanson
An Togalach Hanington,
SIDNI, - - C. B.
Ghibear an stoc as mothas as fhearr de dh
Uaireadairean, Seudan, Bathar Airgeid, agus Innealan Ciuil
a thann an Ceap Breatunn.
Bidh e thoilicht thu thaghal air a dhfhaicinn a chuid bathair.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


A. R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’001yr


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.

titleIssue 4
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 4. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page