[305]

[Vol . 9. No. 40. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 5, 1901. No. 40.


Litir a Alba.

Bodachan aghàraidh
Cho friogadachs cho frogadach,
Bodachan aghàraidh
Cho frogadachs a bha e riamh.

MO BHALACH GASDA: —Feumaidh mi aideachadh gu saor, soilleir nacheil mi toilichte dhiom fhin a chionn nach robh mitoirt oidhirp air sgrìobag a chur ugad an dràstasa rithist. A réir mar a tha mituigsinn o chuid de na briathran a tha mileughadh anns aMHAC-TALLA o àm gu àm, tha àireamh dhe do luchd-leughaidh mar an ceudna mi-thoilichte dhiom a chionn nacheil misgriobhadh ugad. Ach nam biodh fhios acasan air na bheil fhios agamsa, cha chuireadh e ioghnadh sam orra gum bheil mi cho ainneamh asgriobhadh ugad. Ma bhios iad fada beò is docha gun tuig iad air aon dòigh no dòigh eile car son nacheil misgriòbhadh ugad nas trice na tha mideanamh. Faodaidh mi le fìrinn a ràdh nacheil mo pheann ameirgeadhna thamh idir. Chaneil a h-aon dhe mo sheòrsa ann an Gàidhealtachd na h-Alba, ged is mòr am facal e, a thasgriobhadh uiread rium eadar da cheann na bliadhna. Agus mar a than seanfhacal ag radh,

Ge math an cu [ ? ]
Cha fhreagair e thalls a bhos.”

Ach tha mi suidhichte gun cuir mi litirs amhios ugad gus an dthig deireadh na bliadhna, sin ri ràdh, ma bhios mi beò, agus air chomas sgriobhadh a dheanamh. On a tha mi nisnam sheann duine bu choltach dhomh gum biodh tomhas riaghailteach agam de dheòlas air iomadach rud air am bheil òigridh na dùthchadh aineolach gu nàdarra. Air an aobhar sin tha micur romham gun toir mi comhairle no dhà air aon is aon dhen mhuinntir oig, agus ma dhfhaoidteadh, air cuid den t-seana mhuinntir. Chaneil amadain sam bith cho amaideach ris na seann amadain. Tha seanfhacal ann a thag radh: “An car a bhioss an t-seana mhaide is deacair a thoirt as.” Ach ged a tha so fior, bheir mise mo chomhairle orra, gabhadh iad i, no fàgadh iad i.

A nis, innsidh mi dhut mar a tha micur romham a dheanamh: Bidh na litrichean air an ainmeachadh air amhuinntir a dhionnsuidh am bheil mi gus an cur. Ach cuiridh tusa anns aMHAC-TALLA iad direach anns na ceart bhriathran anns am bheil misegan sgrìobhadh. So agad, ma ta, ainm na ceud litreach a tha mi gus a chur ugad: “Facal no dha do chuid de ghillean oga na duthchadh.”

A nis, tuigidh bu fhein, agus do luchd-leughaidh mar an ceudna, nacheil eòlas sam bith agamsa air na gillean òga a tha agaibh ann an America. Ach tha car de dhamhrus agam gum bheil fear is fearnam measg a dhfheumadh beagan comhairleachaidh, mar a dhfheumas cuid dhe na gillean òga a than taobh so den chuan. Gheibhtear gillean òga, gòrach, cosgail anns gach dùthaich. Chaneil America falamh dhiubh.

Tha micur na ceud litreach gad ionnsuidh an diugh. Cuiridh tu anns aphaipear i cho luaths a gheibh thu an t-àm freagarrach.

Ma chluinneas tu gum bi fear sam bith dhe na gillean òga a tha taobh thall dhen chuan diumbach dhiom, chaneil agad ach fios a leigeadh gam ionnsuidh. Is mi do charaid

BODACHAN AGHARAIDH.
Taobh an Locha, 9, 3, ’01.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna

Le Iain.

CAIB. XVIII.

IS MARBH FEAR NA H-EISEAMAIL.”

AN uair a bhios cogais an duine ag innseadh dha gun drinn e nithean nach bu chòir dhadheanamh, tha, mar is trice, de thùr agus de ghliocas ann na bheir air a thuigsinn gur fhearr dha cluas bhodhar a chumail ris gach fathunn agus monabur a bhios ann am beul an t-sluaigh na tòiseachadh ribhreugnachadh. Thug so air amhaor agus air a chàirdean gu léir nach robh iad gu follaiseach aleigeadh orra gun robh droch bharail sam bith aig àireamh mhòr de shluagh na dùthchadh air an dòigh anns an robh ecur an gniomh an dleasdanais a bha air earbsadh ris mar sheirbhiseach don Uachdaran. Be so an dòigh bu ghlice a burrainn daibh a ghnàthachadh gus na naigheachdan a bha am measg an t-sluaigh a chur bàs. Agus faodar a ràdh gun deachaidh an gnothach leotha na bfhearr na bha iad fhein an toiseach an dùil.

Aig acheart àm bha am maor agus a theaghlach mòran na baoidheiles na bu chaoimhneile ris a h-uile neach a thachradh riutha, no a rachadh thun an taighe aca, na bha iad riamh roimhe. Thug so air iomadh neach aig nach robh meas sam bith orra roimhe sid a bhith gu tric asmaointean agus ag radhnam measg fhein gum feumadh gun robh iad na bfhearr nàdar na bha daoine acur as an leith. Bha fhios aig na h-uile gur e math a dheanamh an aghaidh an uilc rud cho doirbh a dheanamh, ach glé ainneamh, ’s a tha Dia ag àithneadh dhaibh. Agus feumar a radh gur ainneamh àite anns an tachair duine ruinn a bhios deas aig gach àm gu math a dheanamh an aghaidh an uilc. A bharrachd air so, dhfhàs am maor agus a theaghlach anabarrach cràbhach. Bhiodh iad anns an eaglais a h-uile Latha Sàbaid le cinn chroma, agus le aghaidhean fada, gruamach, agus a reir choltaisnan luchd-aoraidh cho dùrachadh agus cho stòldanan inntinn ri daoine a burrainnear fhaicinn ann an àite sam bith.

Aig an àm ud, mar air an lathan diugh, biad na daoine a bhiodh agiùlan cleòca na diadhachd bu mhò air an robh de mheas aig cuid mhòr dhen t-sluagh na na daoine anns an robh fior spiorad na diadhachd. Agus cha be mhàin gun robh mòran dhen t-sluagh gu buileach air am mealladh leis acholtas chràbhach, ghruamach a bhiodh air amhaor agus air a theaghlach anns an eaglais gach Sàbaid, ach bha am ministear fhein air a mhealladh. Bu duine e a bha anabarrach saor o dhroch amhrus. Agus ged a chuala e iomadh rud mu dheidhinn amhaoir agus a theaghlaich nach robh atighinn a réir ceartais agus fìrinn, cha robh etoirt geill no creideis dhaibh. Mar a theireadh e gu tric ris gach neach a rachadh ga ionnsuidh le naigheachdan tuaileasach, “Cha dearbhadh air duine amhrus.”

Aig toiseach an fhoghair gach bliadhna, bhan t-Uachdaran agus a bhean atighinn don dùthaich a shealg agus a chur seachad greis dhen ùine. Bhiodh iad le chéile, agus mar an ceudna àireamh mhath dhe na seirbhisichs dhe na searbhantan a bhaca, adol gu riaghailteach don eaglais gach latha Sabaid; oir bha tomhas mòr de spiorad na fior dhiadhachd annta. Bha iad gu nàdarra agabhail beachd air a bhiodh anns an eaglais, agus nach bitheadh. Agus an uair a thug iad an aire gun robh an suidheachan anns am biodh am maor agus a theaghlachnan suidhe an comhnuidh gu math làn, cha robh teaghlach cho saor o euceart agus o chealgaireachd ri aon teaghlach a gheibhteadh air an oighreachd gu leir. Ged a theirteadh a chaochladh so riutha, cha chreideadh iad o dhuine sam bith e.

Air an fhoghar ud gu sònraichte, bha am maor agus a theaghlach na bu fhritheiltiche na babhaist dhaibh anns an eaglais. Agus shaoileadh duine sam bith aig nach robh eòlas air an caitheamh beatha agus an giùlan nach robh na biomchuidhe, na bu treibhdhiriche, na bu mheasaile, agus na bu chliùitiche na iad anns an dùthaich gu léir. Rud nach babhaist dhi a dheanamh, thaghail bean an Uachdarain orra gu math tric fhads a bha i anns an dùthaich. Chòrd an dòighean agus an coltas rithe glé mhath. Bha iad uile láidir, fallain, dreachar; agus mar a bha nàdarra gu leòr dhaibh, thug iad uile urram agus modh dhi ris nach robh duil sam bith aice. Bha igan ceasnachadh mu thimchioll staid nan daoine bochda, agus thug na freagairtean a fhuair i oirre a bhith lan chreidsinn nach robh teaghlach eile anns an dùthaich a bheireadh barr orra ann an iochd, ann an caoimhneas, agus an truacantas. Chuir i roimpe gun cuireadh i dhachaidh aig toiseach an ath gheamhraidh barrachd aodaichean laidhe agus eirigh air na babhaist dhi.

Thug an sluagh an aire gun robh bean an Uachdarain ataghal gu math tric ann an taigh amhaoir air an fhoghar ud, agus thug sin orra nach robh iad cho deas gus a bhithfaotainn beum don mhaor agus dha theaghlach. Bha toil aca, mar a bha nàdarra gu leòr dhaibh, a bhith staigh air an Uachdaran, agus thuig iad gu math gum be an gliocas a bhith staigh air amhaor. Bha fhios aca glé mhath nam biodh iad a staigh air amhaor gum biodh iad a staigh air aBhaillidh, agus nam biodh iad a staigh air aBhaillidh gum biodh iad a staigh air an Uachdaran.

Aig toiseach acheart shamhraidh ud fhein dhfhosgladh abhùth do Thearlach Ruadh. Mar a dhainmicheadh mar tha, bha Tearlach agus te de



[306]

[Vol . 9. No. 40. p. 2]

nigheanan amhaoir an dùil pòsadh mun teirgeadh abhliadhna, agus mun rachadh am pòsadh air aghart, bha toil aig amhaors aig a theaghlach gum biodh Tearlachna mharsanta mòr, ainmeil.

Ged a bha bean an Uachdarainna boirionnach iochdar, còir, fialaidh, bha i anabarraeh deidheil air naigheachdan. Chaneil an so ach galair a bha agus a tha, air iomadh dheseorsa. Chaneil anns an t-saoghal nas déidheile air smodal de naigheachdan faoine, agus air fothall, na cuid de na mnathan uaisle. O nacheil mòran eile aca ri dheanamh, cha bhi an inntinnean riaraichte mur bi iad, mar a bha muinntir baile na h-Aithne o shean, acluinntinn agus ag innseadh naigheachdan.

Ach feumar aideachadh nach robh tlachd sam bith aig bean an Uachdarain do naigheachdan faoine agus mi-iomchuidh. Biad na naigheachdan a bfhearr leatha chluinntinn, naigheachdan mu dheidhinn cor agus suidheachadh an t-sluaigh a bha air an oighreachd. Chuali gun dfhosgail Tearlach Ruadh bùth mhòr, agus bha i ro thoilichte, araon a chionn gum bu mhath leatha an tuath fhaicinn asoirbheachadh, agus mar an ceudna a chionn gun robh amhrus aice gun robh na marsantan-paca a bha aig an àm ud cho lionmhor, areic abhathair anabarrach daor ris an t-sluagh, agus atoirt moran airgid air falbh as an dùthaich.

Gus misneach a thoirt do Thearlach ann an toiseach a thòisich chaidh i don bhùthaidh aige, agus cheannaich i faisge air fiach chòig puinnd Shasunnnach uaithe. Ma bha meud-mhòr ann an Tearlach roimhe sid, bha mòran a bharrachd ann an déigh na cheannaich bean an Uachdarain uaithe. Agus mu dheidhinn na bha de mhoit air a mhathair, cha ghabh e innseadh. Is gann gum burrainn i iomradh a thoirt air rud sam bith eile ach air achomhradh thaitneach a bha eadar Tearlach is bean an Uachdarain an àm dhi a bhithceannach abhathair uaithe.

Cha bann air teaghlach amhaoir bu lugha a bha de mhoit. Thuig iad gu math gun cuireadh acheannachd a rinn bean an Uachdarain mòran a staigh ri Tearlach; agus bfhior dhaibh sid. Na daoine a bha roimhe sid glé shuarach mu Thearlach, dhfhàs iad measail air, a chionn gun robh e, a réir choltais, air thuar a bhithna dhuine beairteach. Is e so dòigh an t-saoghail mar is trice. Ma bhios cuid mhath de mhaoin an t-saoghail so aig daoine, bidh meas gu leòr orra. Ciod sam bith cho measails cho cliùiteachs cho maiseachs a bhios daoinenan caitheamh beathas nan giùlan, cha bhi uiread a dhurram aca o shluagh an t-saoghails a bhiodh aca nam biodh pailteas de dhairgiods de dhòr aca. Tha òr is airgiod feumailnan àite fhein, ach chaneil iad rin coimeas ri fìrinns ri onairs ri ceartaiss ri fiorghlaine. Tha iomadh ni glé mheasail am measg dhaoine nacheil measail ann an sealladh Dhe. Ge be leis an aill a bhith sona aig uair a bhàis, agus fad uile linntean na bith-bhuantachd, seachnadh e gach uile choslas uilc, agus dlùth-leanadh e ris an ni a tha math.

(Ri leantuinn.)


Co a phòs thu?’ ars am fear-ceartais ri duine dubh, a bha air a thoirt fa chomhair air aimhreit teaghlaich.

Phòs sibh féin,” ars an duine dubh, “agus cha dthug mi mathanas riamh dhiubh air son a dheanamh.”


Luchairt na Druidheachd.

SGEUL BREATUNNACH.

THA e dluth air meadhon-oidhche, an uair a tha gach fior chriosdaidh na chadal seimh air achluasaig mhìn, agus na paisdean a bruadar mu na sithichean matha. Chi iad na daoine beaga a dannsadh gu mireagach fo dhuilleach uaine nan craobh, agus a ghealach a sealltuinn gu mìog-shuileach orra bhon speur. Than -seilge luathna shuain aig taobh an teintein, om bheil solus deireannach na griosaich a tilgeadh lannair critheanaich air cathair liomhte fear an tighe.

Is buidheach, sàmhach gach duil beò anns achlachan, ach aon amhàin. ’S e so Hervé, an t-iasgair.

Bha esanna òigear mi-thoilichte, glòir-mhiannach. Ghabh e farmad ri sonas agus beairteas chàich. Bu mhiann leis bhina duine saibhir, a chums gum biodh falluinn sioda deirg aige, agus gun deanadh na daoine bochda ùmhlachd dha an uair a rachadh e seachad. Agus a nis, an uair a tha muinntir achlachain aig fois air an leapaichean, agus air an dion o gach olc le ainglibh néimh, than t-iasgair a spaidsearachd air ais agus air aghart air an traigh, aig cois nan muraichean aonarach, le iomadh miann agus togradhna chridhe, ’s iad cho lionmhor ri nid nam faoileannan am measg nan creag air oir na fairge.

Thainig osnaich nan tonn gu brònach on àird an iar; bu choltach fuaim na gaoithe ri feadaireachd iosail an gaidsear air an traigh, ach dhimich Hervé gun sgur. Chum e a shuil air abheinn uaignich, agus thainigna chuimhne a rithisd na h-uile ni a dhinnis an sean deirceach glic dha an uiridh. A nise bha fios aig an t-seana-bhodach so air iomadh ni a thachair fon ghréin, linntean roimh so, an uair a bha na daraichean as sine againne fhathasdn am fiùrain mhaotha, agus an uair nach robh na h-iolairean as sine fhathasd guirte.

A nise, thubhairt am bodach ris gun robh baile mòr sluaghmhor, o chionn mòran linntean, anns an àite far nacheil an diugh ach mùraichean a sineadh fad us farsuing. Sheòl cabhlaichean abhaile mhòir so gu ceàrnan iomallaich a chuain, agus thainig iad air an ais, luchdaichte le bathar luachmhor de gach seòrsa. A thuilleadh air sin, bha aig riaghladair abhaile slatag challtuinn an aite slait-rioghail, agus, tre dhruidheachd na slataig so, burrainn dha gach ni chur fo gheasaibh a reir a mhiann.

Ach bha an righ agus an sluagh cho olc, aingidhs gun do chlaoidh iad mu dheireadh fad-fhulangas , agus aon , gun rabhadh sam bith, dheirich gainmhich na trasgad mar thonnan goileach na mara agus shluig iad am baile suas gu buileach maille ri gach creutair beò a bha an taobh a staigh dheth. Ach a reir seanachas abhodaich ghlic, air oidhche Shàmhna de gach bliadhna, aig a cheud bheum meadhon-oidhche a ni an clag an tùr na h-eaglais, fosglaidh clais an aodann na beinne, agus is urrainn do neach air bith dhol air an t-slighe dhorcha gu ruig lùchairt an righ. Anns an talla nis fhaide as den lùchairt gheibhear slatag na druidheachd, ach a chum ruigsinn oirre, is eigin ghreasadh, oir, cho luaths a sguireas fuaim abheuma dheireannaich, duinear an sgoltadh le cùmhachd neo-aithnichte eigin, agus chan fhòsgail e a rithisd re bliadhneile. Chum Hervé an sgeul sona chuimhne, agus bann air an aobhar sin a bha e air an tràigh cho anamoch air oidhche Shamhna.

Mu dheireadh, ghliong an clag an tùr na h-eaglais, aguss an àm cheudna chrith Hervé le eagal. Thog e a shuil agus, ri soillse chrith-bhoillsgeach nan rionnagan, chunnaic e sgoltadh mòr an aodann na beinnes e fàs farsuing uigh air n-uigh, mar pheirceall dragoin air a dhusgadh o shuain. An sin ruith e gu dana air an t slighe sgoilte, a bha nis air a soillseachadh gu mac-meamnach le teine-sionnachain agus coinnle-bianain, agus mu dheireadh ràinig e lùchairt mhòr an righ. Chaidh e a steach gu luath don cheud seòmair agus fhuair e an sin iomadh cìste iaruinn, cho làn de dhairgeads a tha ùbh làn bidh; ach chan fhòghnadh an t-airgead dha agus mar sin ghabh e air aghart. Anns an dara seòmair bha cìsteachan umha gun àireamh agus iad air an lionadh le h-òr. Ghabh an t-iasgair iongantas mòr, ach bu mhiann leis tuilleadh na sin agus ghabh e seachad. ’Nuair dhinntir e anns an treas talla, sheirm an seachdamh beumna chluais agus thainig e da ionnsaidh fhein le clisge. Ach anns an talla so bha muillionnan neamhnaid air an càrnadh suas air an làr mar àrbhar anns an sgiobal an deigh deire-buana, agus thubhairt e ris fhein, “Cha ruig mi bhi air chabhaig.” Ach ràinig an t-ochdamh beum air a chluais le fuaim lag thiamhaidh agus chaidh e a mach gu luath.

Anns a cheathramh seòmair bha miltean cìste òir agus airgids iad loma-làn daoimeanan; bhoillsg agus dhearrs iad an suilibh an iasgair agus chaidh ena cheò. An sin sheirm an clag an naoidheamh uair agus bhuail Hervé air aghaidh gus an dràinig e an talla deireannach. Ach an sin stad e, fo amhluadh us iongantas. Aig ceann eile den talla chunnaic e an t-slatag chailltuinn, ’s i an crochadh ri sail os ceann cathair an righ; ach eadar Hervé agus miann a chridhe bha ceud gruagach lurach a mhealladh naomh. Bha iad a seasamhn an sreathan agus bha aig gach dhiubh crùn duilleagach an aon làimh, agus cuach de dhfhion anns an laimh eile. Bha Hervé air cur an aghaidh tàladh an airgid agus an oir; ged a chaidh a bhuaireadh gu trom le lannair nan clachan luachmhor agus nan daoimeanan, cha do striochd e. Ach a leithid so de shealladh chan fhace riamh roimhe; agus an uair a bheachdaich e air na gruagaichean boidheach so, agus iad asméid air gu miog-shuileach, guanach, ’s ann a théirig amhisneachs a chuimhne gu buileach. Thuit fuaim an deicheamh beumair a chluasaibh, ach cha dthug e fanear; chuala e an t-aona fear deugs e toirt rabhaidh uamhasaich dha ach cha do chairich e.

Mu dheireadh dhath-fhuaimnich am beum deireannach gu h-eagalach, neònach, air feadh sheòmraichean na lùchairt mar gum bann an tuam.

An sin gu h-obann chuimhnich Hervé briathran an t-sean-deircich agus ruith e gu luath thun an doruis ach bha e tuilles anamochbhan dorus duinte gu teann. Bhuail e air ledhòrn ach cha robh feums am bith ann an sin. Thionndaidh e, ach an àite ghruagaichean lurach chunnaic e a nise ceud iomhaigh cloiche a seasamh ma choinneamh. Uigh air n-uigh chaidh an solus as agus thuit tiugh dhorchadas na h-uaighe air lùchairt na druidheachd. Bha e caillte.

. . . . . . . .

Agus air an maireach, dheirich aghriann a glòir mar bàbhaist, agus bhris na tonnan beaga le fuaim air an tràigh, agus sheinn na h-eòin gu ceòlmhor air barraibh nan geug, oir bu shona iad uile. Ach bha cridheachan brònach, troma anns achlachan ud thall. —W. H. ’saHighland News.



[307]

[Vol . 9. No. 40. p. 3]

Sgeulachdan Arabianach.

Ganem.

CAIB. VIII

AIR an ath latha thugadh an t-aodach bhar an dithis boirionnach, agus chuireadh umpa na leintean de dhroch aodach a rinneadh dhaibh. Thugadh dhiubh an comhdach a bhair an cinn, agus bha am falt mar so sgaoilte sios air an druim. Bha falt air Alcolomb cho briaghas a bhair an t-saoghal. Bha e ruighinn sios gu a sailean. Anns an doigh so thugadh fa chomhair an t-sluaigh iad. Bha ard-bhreitheamh abhaile agus a chuid maor maille riutha. Thugadh troimhn bhaile gu leir iad. Bha fear afalbh rompa, agus e an drastas arithist aglaodhaich, “So am peanas a tha dligheach dom mhuinntir a thairneas orra fhein diumbadh agus corruich ceannard nan creidmheach.”

Am feadhs a bha iad mar so ag imeachd air aghart troimh shraidean Dhamascuis, len gairdeannan agus len casan ruisgte, agus comhdaichte leis an eideadh neonach so, bha iad afeuchainn ris an naire a bha air an gnuis fhalach le am falt. Bha sluagh abhaile gu leir asileadh nan deur gu frasach. Bha na mnathan uaisle gu sonraichte, agus iad ag amharc orra mar chreutairean neo-chiontach. Bha iad gu mor air an lionadh le bron an uair a chunnaic iad cho og agus cho maiseachs a bha Alcolomb, agus chluinnteadh iad air astar fadaglaodhaich gu goirt. Bha ghlaodhaich ghoirt so a toirt air clann abhaile a bhith glaodhaich mar an ceudna, agus acur am barrachd uamhais air sluaigh abhaile. A dhaon fhacal, ged a bhiodh an namhaid air tighinn a chur a bhailena theine, cha burrainn am barrachd uamhas a bhith air an t-sluagh.

Bha e dluth air an oidhche mun do chuireadh crioch air an t-sealladh mhuladach so. Thugadh air ais iad le cheile do luchairt an righ. O nach robh iad cleachdadh ri bhith falbh cas-ruisgte, bha iad air an claoidh cho mors gun robh iad uine fhada ann an laigse. Ged nach robh righ Haroun Alraschid aceadachadh cuideachadh no comhnadh sam bith a dheanamh leotha, bha leithid de thruas aig banrigh Dhamascuis dhiubhnan suidheachadh muladach mi-fhortanachs gun do chuir i feadhain dhe na mnathan-coimhideachd a thoirt comhfhurtachd dhaibh, agus le fion is biadh de gach seorsa chum an neartachadh. Dhfhalbh iad comhladh, agus an uair a rainig iad, fhuair iad iad le cheile cho lags cho fanns gur gann a dheanadh aon ni dhe na chuireadh gan ionnsuidh feum sam bith dhaibh. Ach air a shon sin chaidh aca, an deigh dhaibh moran saoithreach a ghabhail riutha, air an toirt as an laigse.

Ghrad thug mathair Ghanem buidheachas dhaibh air son achaoimhneis a nochd iad dhi. “Mo bhean mhath,” arsa te dhiubh, “than amhghair a tha thu fulang a cur dragh mor oirnn, agus chuir ar bana-mhaighstir, banrigh Shiria, a dhurram oirnn gun do chuir i an so sinn a fhrithealadh dhuibh. Tha doilghios mor oirre air bhur son, agus tha doilghios air an righ mar an ceudna.”

Ghuidh mathair Ghanem air mnathan-coimhideachd na banrigh mile taing a thoirt don bhanrighna h-ainm fhein agus an ainm a h-ighinn Alcolomb. An sin thionndaidh i ris an te dhiubh a labhair rithe, agus thuirt i, “A bhaintighearna, cha dinnis an righ dhomh car son a dhordaich ceannard nan creidmheach a leithid so de dhroch dhiol a dheanamh oirnn. Innis dhuinn, guidheam ort, ciod an t olc dhem bheil sinn ciontach.”

Mo bhean mhath,” fhreagair i, “is e Ganem do mhac is mathair-aobhair do gach mi-fhortan a thainig ort. Chaneil e marbh mar a tha thusmaointean. Tha e air a chur as a leith gun do ghoid e Fetnah, an aon te as maisiche dhe na banoglaich a thaig righ Haroun Alraschid, agus an te air am mo air am bheil de ghaol aige. Theich e fhein ann an àm roimh chorruich an righ, agus than dioghaltas a thoill e air a dheanamh ortsa na aite. Than saoghal gu leir aditeadh an righ air son mar a tha ecur a chorruich an geill oirbhse; ach tha eagal air sluaigh an t-saoghail roimhe. Agus tha sibh afaicinn nach dana le righ Sinebi fhein cur an aghaidh an orduigh a thug e seachad, air eagal gun cuirear bhar achruin e. Chaneil e an comas dhuinn dad a dheanamh ruibh ach air truas a nochdadh dhuibh, agus comhairle thoirt oirbh foighidin mhath a bhith agaibh.”

Is aithne dhomh mo mhac,” arsa mathair Ghanem; “thug mi foghlum math dha anns gach doigh, agus gu sonraichte a thaobh na h-urram is coir dha nochdadh do cheannard nan creidmheach. Cha do chuir e an gniomh an cionta a tha air a chur as a leith. Tha mi cinnteach gum bheil e neo-chiontach. Ach sguiridh mi de ghearain agus de chaoidh, on is ann air a shonsan a tha mifulang, agus o nacheil e marbh. O Ghanem!” arsise, agus i air a lionadh le gradh agus le aoibhneas, “mo mhac gradhach Ganem! am bheil e comasach gum bheil thu fhathast beo? Cha chuir call mo chodach dragh sam bith orm tuilleadh. Agus ciod sam bith cho fada cearrs a tha ordugh an righ, tha mitoirt mathanas dha, mas e gum bheil mo mhac beo. Chaneil acur curaim orm ach mo nighean. Is e na tha ifulang a thacur doilghios orm. Ach tha mi creidsinn gum bheil i na h-ighinn cho maths gun lean i meisimpleir fhin.”

Gus a so bha Alcolomb mar gum biodh i gun fhaireachadh, ach an uair a chual i mar a labhair a mathair, thionndaidh i rithe agus chuir i a da laimh ma h-amhaich, agus thuirt i, “Leanaidh mi deisimpleir, a mhathair ghradhach, aig gach am, ciod sam bith staid a dhionnsuidh an toir do ghradh do mbhrathair thu.”

Bhamhathair agus an nighean agul gu goirt, agus greim aca air a cheile fad uine mhath. Aig acheart am bha mnathan na banrigh, agus iad fo mhulad, acomhairleachadh do mhathair Ghanem agus do Alcolomb beagan den bhiadh a ghabhail. Air an comhairle ghabh iad beagan dheth.

On a dhordaich Ceannard nan Creidmheach gum biodh luchd daimh Ghanem air am maslachadh fa chomhair sluagh abhaile fad thri latha an deigh a cheile anns an t-suidheachadh a dhainmicheadh mar tha, thugadh Alcolomb agus a mathair air feadh shraidean a bhaile mar a rinneadh an latha roimhe sid, agus bha iad ann o mhaduinn gu feasgar. Agus air an lathud agus an lathana dheigh, bha atharrachadh mor air cuisean anns abhaile. Cha robh duine ri fhaicinn air sraidean abhaile. Leis mar a chuir an droch diol a rinneadh air Alcolomb agus air a mathair an sluaigh gu corruich cho mor, dhuin na marsantan na buithean, agus cha deachaidh duine dhiubh am mach air na dorsan. Cha do sheall aon te dhe na mnathan uaisle am mach air uinneig. Cha robh duine beag no mor, sean no og, bochd no beairteach ri fhaicinn air sraidean abhaile. Bha am baile gu leir mar nach biodh duine beo afuireach ann.

Air acheathramh latha, air do righ Sinebi a bhith runaichte gun tugadh e lan-umhlachd don aithne a fhuair e o Haroun Alraschid, ged nach bann le a lan-thoil, chuir e fear air feadh abhaile a glaodhaich, agus a radh, gun robh e air a thoirmeasg do neach sam bith ann an Damascus greim den bhiadh no deoch dhen uisge, no fasgadh na h-oidhche a thoirt do Alcolomb no da mathair, ar neo nan deanadh iad so, gun rachadh an cur gu bas, agus gum biodh an cuirp air an tilgeadh thun na sraide gus a bhith air an itheadh le coin a bhaile.

An uair rinn am fear a bha glaodhaich mar a dhiarr an righ air, dhordaich righ Shiria Alcolomb agus a mathair a chur am mach as an luchairt, agus leigeadh leotha a dhol a dhaite sam bith a thogradh iad.

Cha bu luaithe a chuireadh am mach air an t-sraid iad na thoisich a h-uile neach a bhatachairt riutha ri teicheadh uapa, on a chuir an t-ordugh a thug an righ seachad eagal orra. Thug na mnathan truagha an aire anns amhionaid gun robh na h-uileg an seachnadh. Ach o nach robh fhios aca car son, bha iongantas gu leor orra. Agus bha uamhas mor orra an uair a thainig iad gu sraidean anns an robh daoine air an robh iad eolach, agus a bha roimhe sid gle chairdeil riutha, ach a bha aig an am ateicheadh rompa mar a bha cach.

Ciod is ciall dha so?” arsa mathair Ghanem. “Am bheil aphlaigh oirnn? Am feum an gniomh eucorach agus cruaidh-chridheach a rinneadh oirnn ar deanamh graineil ann an sealladh ar co-chreutairean? Tiugainn, mo leanabh,” arsise, “biomaid a grad fhalbh a Damascus. Na fanamaid nas fhaide ann am baile anns am bheil sinnnar culaidh eagail do ar cairdean.”

Mar a bha an dithis bhoirionnach thruagha alabhairt mar so eatorra fhein, rainig iad iomall abhaile, agus chaidh iad a staigh do thaigh fas a thachair riutha gus an oidhche chur seachad ann. An uair a thainig an oidhche, thainig daoine caoimhneil, caranta far an robh iad le biadhs le deoch. Ach cha bu dana leotha fuireach fad na h-oidhche a chumail cuideachd riutha, air eagal gum faighteadh fios gun robh iad ann, agus gum fuiligeadh iad am peanas a dhordaich an righ dhaibh.

Anns an am leig Sinebi an righ air falbh na calamain gus fios a thoirt do Haroun Alraschid gun drinneadh mar a dhordaich e. Dhinnis e dha gach ni a rinneadh, agus dhiarr e air fios a churg a ionnsuidh ciod a dheanadh e ris amhathair agus ris aphiuthair. Ann an uine gun bhith fada fhuair e fios air ais an cur air falbh a Damascus. Gun dail sam bith chuir righ Shiria daoinedhionnsuidh an taighe anns an robh na mnathan afuireach, agus dhordaich e dhaibh Alcolomb agus a mathair a thoirt air falbh astar thri latha o Dhamascus, agus am fagail an sin, agus ordugh teann a thoirt dhaibh gun tilleadh gu brath tuilleadh do Dhamascus.

(Ri leantuinn).


An deachaidh duine chall riamhs an abhainn so?” arsa bhean-uasal air an robh eagal a bhàthaidh ri fear a bhàta. “O, cha deachaidh,” arsa fear abhata, “cha robh duine riamh nach dfhuaradh an ceann dha no tri lathaichean.

Ceud dleasdanas an fhior Ghàidheila bhigabhail MHIC-TALLA. Am fear nach eil acuideachadh an aon phaipeir Ghàilig na biodh eg radh Gàidheil ris féin idir.



[308]

[Vol . 9. No. 40. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, APRIL 5, 1901.

BHA e air aithris o chionn ghoirid gu robh Pòl Cruger a dol a tighnn air chuairt do America, ’a dol a liubhairt òraidean am bailtean mora nan Staidean. Tha e air innse nise nach eil sin fior: nach do smaoinich e riamh aig tighinn thar na h-Atlantic. ’S fheudar dha fuireach far am bheil e gus an ionnsaich e Beurla, no gus an ionnsaich muinntir nan Staidean cànain nan Dùitseach.

THA bill air beulaobh na h-àrd-phàrlamaid air son an ceathramh latha fichead dhen Mhàigh a bhina latha saor mar chuimhneachan air breth agus beatha banrigh Bhictoria. Ged nach biodh e ro-iomchuidh na lathaichean saora dheanamh nas lionmhoire na tha iad, thatar ameas gu bheil banrigh Bhictoria airidh air an urram so a chur air a cuimhne, agus a bhàrr air sin, tha an ceathramh latha fichead dhen Mhàighna latha saor cho measail ann an Canada, agus an sluagh cho cleachte ris, ’s nach biodh iad toileach deanamh as aonais. Bidh latha-breth an righ ri chumail ann an Nobhember. Tha cuid air son latha taingealachd a chumail air latha-breth an righ, air chors nach bi againn ach an aon chùnntas de lathaichean saorasa bha againn roimhe so.

THAMr . Herbert Gladstone,mac don Onarach Uilleam E. Gladstone, nach maireann, adeanamh ainm dha fhéin am measg bhall na pàrlamaid Bhreatunnaich. Ann an litir a sgriobh e gu muinntir na siorrachd air son am bheil esuidhesa phàrlamaid, Leeds an Iar, tha e nochdadh tuigse agus géiread inntinn a choisinneas àit urramach dha am measg cheannardan na pàirtidh dam buin e, ma chumas e roimhe cho gealltannachsa tha e air tòiseachadh. Tha na liberals ann am Breatunn gle lag anns na bliadhnaichean so, agusse thag am fàgail mar sin dìth nan ceannardan. Agus chan eil a phàirtidh a than dreuchd moran nas fhearr dheth anns an dòigh sin. Chan eil aphàrlamaid Bhreatunnach cho saibhir ann an daoinesa bha inuair a bha Gladstone us Disraeli nan ceannardan innte.

THA aoibhneas nach beag anns na Staidean on fhuaireas an sgeul gu robh Aguinaldo air a ghlacadh. Tha a mhor chuid dhen t-sluagh dhen bharail gu bheil an cogadh mar sin air a thoirt gu crich: nach seas na Philippinich a mach nas fhaide on thugadh an ceannard uatha. Tha an t-Admiral Dewey, aig am bu chòir an deagh eòlas a bhith air cùisean nan eileanan, dhen bharail cheudna. Ma tha bharail sin ceart chan fhada gus am bi lan chothrom aig na paipearan Geancach air an aire thoirt gu h-iomlan do bhi càineadhsa comhairleachadh Bhreatuinn a thaobh cogadh nam Boerach ann an Africa mu Dheas.


Chluinn sinn gu tric iomradh air daoine a tha comasach air labhairt ann an iomadh canain, ach is ainneamh a chluinear iomradh air duine aig am bheil eòlas coimhlionta air a chainnt mhàthaireil.

Tha aphlàigh gle dhona ann am baile Chape Town, an Africa mu Dheas. Bha tri cheud us coig deug tinn leatha uile gu leir, agus chaochail ceudsa seachd leatha. BEorpaich a dha air fhichead dhiubh.

Fhuair Tearlach beag coig sentichean o mhàthair gus a chuideachadh ann an ceannach soitheach-cogaidh a bha ri faicinn ann an uinneig bùtha. Ach air a thurus dhionnsuidh na bùtha sin, smaoinich e gum bu ni gle aingidh an cogadh, agus cheannaich e fiach nan coig sentichean de mhillseanan.

Chan eil neach o mhearachd saor,” eadhon luchd-deasachaidh nam paipearan, ni iad a dhol cearr uaireannan. Bha fear dhen dreuchd sin uair ag innse mu chù a chaidh as a rian, agus ars esan, “mun dfhuaireadh am beothach caothaich a thilgeadh, ghreim e Mr. Sampson agus a dha no tri de choin eile!”

Chaochail Eoseph Murphy ann an Truro Di-ciaduin. Be so aon de na fianuisean a bhan aghaidh aChuimeinich anns abhaile so air an t-seachdain sa chaidh, agus an deigh dhafhianuis a thobhairt, bha e air a ghlacadh. Bha e mach air urrasnuair a dhfhàg e am baile. Bha e ann an Truro o Dhior-daoin sa chaidh, agus bha ena laidhe tinn fad na h-ùine sin.

Tha misneach a cheart cho feumail dhuinn ri eòlas. Cha dean saighdear gun mhisnich feum sam bith anns achogadh? Nach faodar a radh le firinn gur e cogadh a thann am beatha gach duine? Nacheil gach duine a cogadh an aghaidh trioblaid, bròin, agus bais? Nacheil sinn acogadh an aghaidh laigse agus an amhuinneachd? Nacheil sinn a cogadh an aghaidh uilc agus aineolas? Agus nacheil sinn acogadh an aghaidh bochdainn, agus éis, agus camadh crannachuir?


Bas.

Ann an Cobh nan Eirionnach, C. B., air an t-seachdamh latha deug dhen Mhàrt, Bean Fhionnlaidh Ruaidh Dhomhnullaich, leth-cheud us ceithir bliadhna dhaois, a fàgail sianar chloinne maille ri céile acaoidh an call.

Air an Abhainn a Tuath, air achoigeamh latha fichead dhen Mhàrt, Domhull Domhnullach, tri fichead us coig bliadhna deug a dhaois.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Confederation Life Association.

Cuideachd Canadach. Steidhichte an 1871.
ARD-OIFIS, TORONTO. J. K. DOMHNULLACH, Ard-fhear-gnothuich.

Earras $8 ,000,000. Urrasachadh an Greim $33 ,000,000.
Teachd-a- stigh os Ceann Milleansa Bhliadhna.

Cha ghabh na Policies bristeadhTha iad lan chinnteach an deigh na ceud bhliadhna. Gun chumha sam bith ach pàigheadh.

F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.

Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[309]

[Vol . 9. No. 40. p. 5]

Naigheachdan.

Bhatar ag aithris toiseach na seachdain so gu robh cuideachd iarruinn Nobha Scotia, adol a thogail nan obraichean ann anTrenton , N. S. ,an àite an cur suas ann an Sidni Tuath. Chan eil fhios fhathast co-dhiu tha no nach eil sin fior.

Anns an troimhe-chéile bha an St. Petersburgs an Kharkoff o chionn ghoirid, bha tri air fhichead do dhfhoghlumaichean òga air am marbhadh. Bu nigheanan a triùir dhiubh. Tha an riaghladh Ruiseanach a deanamh uile dhichioll air gach ni dhe na thachair a chumail an cleth.

Tha an deigh air falbh bhar na h-acarsaid gu buileach, agus tha bàtaichean air aiss air adhart o chionn faisg air seachduin. Thainig beagan chnapan den deigh mhòir a stigh Di-màirt, ach bitheamaid an dòchas nach tig an còrr dhith. Tha an t-side bho thoiseach an t-seachdain so anabarrach briagha, le lathaichean blàtha, grianach, a tha tiormachadh an talmhainnsa cur coltas an earraich air an dùthaich.

Thatar ag innse air an t-seachdain so gu bheil cuideachd an t-soluis agus cuideachd an aiseig adol a chreic ri cuideachd làidir a thatar a cur ri cheile ann a Halifacs so cheannardachdB . F. Pearson.Tha achuideachd ùr so, ma ni iad an ceannach, adol a chur bhataichean ùra air an aiseag, agus adol a thogail rathad-iaruinn electric eadar Sidni agus na mèinnean. ’S in t-suim a bha air ainmeachadh a tha cuideachd an t-soluis a faotainn, da fhichead mile dolair.

Tha càs a Chuimeinich, a bha dol air adhart o chionn còrr us seachdain, a nise seachad, agus bidh broth na cùirte air a toirt am mach an ceann latha no dha. Bha Mr. Cuimean air a chur an sàs le àireamh de luchd-cumail nan taighean òil, ’s iad afàgail air gu robh e tairgse airgead a ghabhail uapa agus leigeil dheth a bhigan ùmhladh air son a bhi creic an stuth làidir. Bha mionnan a Chuimeinich agus mionnan cuid de na fianuisean a bhana aghaidh calg-dhireach an aghaidh a chéile.

Thainig bàs uamhasach air fear Domhull Mac-Iomhair, a mhuinntir nan Narrows Bheaga, ann an Louisburg, Di-satharna sa chaidh. Bha eg obair do chuideachd a ghuail a càradh car a bha air an rathad-iaruinn. Bha eg obair fon char, nuair a chaidh a bhualadh le inneal leis an robhas a gluasad charbadan eile. Chaidh na cuidhlichean thairis air mun tug e fa-near ciod a bha tachairt, agus cha mhor nach robh e air a ghearradhna dha leth. Bha e marbh air ball. Dhfhàg e bean us ochdnar chloinne.

Thatar a corpachadh cuideachd ann an Eilean aPhrionnsa air son soithichean-smuide a chur a ruith eadarNewcastle , N. B. ,agus Sidni, a taghal ann am Baile-Shearlots an caochladh phuirt anns an eilean. Bidh aon soitheach air a chur air an astarsa cheud dol am mach, agus bidh edeanamh na cuairt a dha no tri uaireansa mhios. Tha malairt mhor eadar Ceap Breatunn us Eilean aPhrionnsa on thoisich an obair-iaruinn, agus chan eil teagamh nach faigheadh soitheach-smùide obair gu leor a ruith eadar an da eilean.

Chaidh a cheud luchd-soitheach de dhiarunn Shidni a chur air tir ann am Boston Di-ciaduinmu sheachd ceud gu leth tunna. Chaidh beagan dhen iarunn a chur suas do Chanada roimhe so. Cha bhin ùine fada gus am bi iarunn Shidniga chreic ann an tomhasan mora.

Thug Riaghladh Nobha Scotia ionnsuidhe air cur as donLegislative Councilaig an t-suidhe so. Chaidh bill a chur troimhn tigh iseal air son sin a dheanamh, ach an uair a rainig e uaislean an taighe eile, chan fhac iad ni a biomchuidhe na a thilgeadh am mach gun uireadsa leughadh.

Chaidh da fhichead duine mach air strike aig Dominion No. 1 Di-luain sa chaidh. Bha iad so ag obair do chuideachd a ghuail, agus bha a chuideachdg am bòrdadh air naodh dolair sa mhios, ach Di-sathairne sa chaidh, bha pris a bhùird air a chur suas gu coig deug gu leth dolairsa mhios. Cha seasadh na daoine ri sin, agus sguir iad a dhobair.

Bha uair a bha moran shoithichean air an togail ann an Nobha Scotia, agus gu h-àraidh anns na sìorrachdan an iar. Tha beagan dhen obair sin adol air adhart fhathast; ann am baile Lunenburg tha coig soithichean ficheadg an togail air agheamhradh sos ri bhi air an cur air sàl romh dheireadh an earraich. Is soithichean-iasgaich iad uile.

Be Di-luain sa chaidh latha nan amadan, latha nach eileas anns na bliadhnaichean so acumail cho mathsa bhatar a deanamhs na bliadhnaichean a dhfhalbh. Chan eil sinn ri bhi creidsinn, air son sin, nach fheil iadsan air am bheil an latha air ainmeachadh a cheart cho lionmhor aig an àm sosa bha iad riamh o thoiseach an t-saoghail. Is duine air leth esan nach eil uair no uaireigin na amadan ann an sùilean muinntir eile.

A reir lagh ùr a tha air a dheanamh ann an New York, cha leigear a leas daoine chur gu bàs leis an lagh anns an staid sin tuilleadh. Air son mort faodaidh an jury, an àm a bhi faotainn duine ciontach, a shuidheachadh co-dhiubh chuirear gu bàs e na bhios tigh-obrach ri bheò air a thoirt dha. Agus a thaobh mort anns nach bi cionta a mhortair an-tromaichte, faodaidh iad an àireamh bhliadhnaichean den tigh-obrach a chi iad iomchuidh a thoirt dha; ach chan fhaod an ùine a bhi fo dheich bliadhna fichead.

Tha bòrd na sgoile an deigh, achùis a rannsachadh, afaotainn gu robh Mr. Heustis ceart gu leòr anns a chuid mhor de na thuirt e mu sgoilear abhaile, gu bheil moran de dhroch cainnt air a cleachdadh leis na sgoilearan, agus nach eil an luchd-teagasg ag amharc thairis orra mar bu chòir dhaibh. Tha iad acur mar dleasdnas air an luchd-teagasg a bhi nas cùramaiche ag amharc thairis air na sgoilearan an deigh so, agus tha buill a Bhuird iad féin ri bhi taghal na sgoile nas trice na bha iad a deanamh roimhe so. Chan eil an òigridh a tha dol dhan sgoil an Sidni nas miosa na an leithidean ann am bailtean eile, ach tha beagan nam measg a bfheairrd iad as, agus rinn am beagan sin, le cions nach robhas asealltuinn thairis orra, moran de chàch a mhilleadh agus droch cliù a thoirt air an sgoil.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.


So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman as fhearr.

Croinn ThreabhaidhVerityaon each. Croinn TreabhaidhVerityda each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.

Mar an ceudna
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.

F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.



[310]

[Vol . 9. No. 40. p. 6]

Muthan ri Linn Bhictoria.

LE CEIT STIUBHART, AN GLEANN-LIOBHAIN.

[Aig a Mhod Ghàidhealach, air an fhoghar sa chaidh, bha duaisean air an toirt seachad air son sgriobhaidh le gillean us nigheanan òga. Thug am paipear a leanas am mach an duais a bàirde. ]

S ioma caochladh a tha air tighinn air Ghaidhealtachd na h-Alba bhon a thainig abhan-righ Bhictoria stigh air an righ-chaithir bho cheann trì bliadhna agus trì fichead. Aig an àm ud bha mòran sluaigh anns aGhaidhealtachd. Bha achuidbu mhò don dùthaich ann an làmhan tuath bheag a bha saothrachail, grunndail. Bha iad togail bàrran math do choirces do eòrna, agus bha mar so pailteas bèidh aca aig an tigh. Aig an àm ud cha robh galar abhuntàta air tighinn staigh don dùthaich, agus bha an sluagh deanamh mòran feum dheth air son am beathachadh; amannan don bhliadhna bhiodh e aca trì uaireansan latha. Ri oidhchean fada geamhraidh bhiodh aon no dhà do theaghlachsgrìobadh bhuntàta ann an cùil air son buntàta pronn na suipearach, agus theagamh bean-an-tighe, agus an searbhanta no aon de na h-igheanan asnìomh snàth air achuibhle chrinn, air son aodach don teaghlach.

Aig an àm ud cha robh do sholus aca aig oidhche ach solus aghiubhais, solus coinnle no solus chrùisgein anns an robh iadlosgadh olabha air a thoirt a saill na muice-mara. Bha achuid is do na tighean aca tubhte le raineach no fodar, ach cuid dhiubh le fraoch is bealaidh. Ged nach robh na tighean ach beag, far an robh iad air an cumail ceartan òrdugh, bha iad blàth seasgair. Leis mar a bha iad deanamh achuid mhòr don aodach fhéin is togail pailteas coirc air son bidh, cha robh mòran do bhathar mharsantan tighinn stigh don dùthaich. ’Nuair bhiodh iad dol bhon tigh dhfheumadh iad coiseachd no falbh marcachd air eich, no ann an cairtean.

Anns an Earrach bha iad treabhadh na talmhuinn le croinn, a chuid is dhiubh do fhiodh le suic is coltair iarruinn. Anns t-fhoghar bha iadbuain achoirc le corain. Aig an àm ud bhiodh mòran don oigridh falbh thun an fhoghairidh, oir cha robh an coisinn ro phailt ri fhaotain aig an tigh. Aig toiseach an t-samhraidh bhiodh mòran do ghuillains do chailleagan dol gu deas dhionnsachna Beurla, agus a bhuachaileachd achruidh air aGhalldachd. Nis tha aGhaidhealtachd, cha mhòr, ’na fàsach. Anns na Glinn tha fada bho na rathaidean iaruinn chaneil ach cor thuathanach mòr chaorach agus beagan chìobairean thalls a bhos; no theagamh nacheil sin fhéin ann, oir tha mòran don dùthaich nis air a cur fo fhéidh. Ann an cumantas tha tighean math sgliata aig an t-sluagh a tha air fuireach. Tha croinn throm iaruinn aca gu treabhadh leo, tha agus innealan gearraidh agus ceangail air son na buaines t-fhoghar. Nis chaneil na Gàidheil òga aon chuidsan t-samhradh nos t-fhoghar falbhshireadh coisinn air aGhalldachd, oir tha iad tuilles gann aig an tigh. Ma bhitheas iad falbh nis bhon tighs ann air na rathaidean iaruinn no air na soithichean-toit. Tha mòran eile nis asiubhal astaran fada air na cuibhleachan -rothach.

Chaneil moran snìomh no figheadaireachd dol aig an tigh nis, agus tha mòran do ghnothuichean marsandachd tighinn stigh don dùthaich. ’An àite solus giubhais tha nis aig an t-sluagh lòchrain shoillseach ola, ’na ghaoithe, no ann an cuid àiteachan tha dealanach na speur fhéin deanamh soluis dhoibh. Tha mòran do nithean aig na Gàidheil nis gu tuille comhurtach thoirt dhoibh na bha aca aig an àm ud. Tha airgiod agus coisinn nas pailte, ach tha e teagamhach a bheil iad nas sona. Tha e teagamhach a bheil iad cho caoimhneil fhialaidhs a bha iad aig an àm ud. Ged tha mòran tuille do choineamhan air an cumail a nis anns na h-uile sgìreachd is baile beag far a bheil ceòl is litreachas air an gnàthachadh gu toileachas a thoirt don òigridh, tha e teagamhach a bheil iadsan afaotain urrad riarachadh as na h-uile ni a than sos a bha an sinnsir afaotainn bho na h-òrain bhinns na sgeulachdan gasda Gàidhealach a bha air toirt seachad aig na seana chéilidhean. Tha e teagmhach cuideachd a bheil buaidh cho mor aig diadhachd fìrinn agus onair air an t-sluaghs a bhaca aig an àm ud.

Tha mùthadh mòr air tighinn air na sgoilean. O chionn trì fichead bliadhna bhiodh na sgoilearangiùlan foid-mhòine leo h-uile maduinn air son teine a chumadh blàth iad anns na tighean beag dorcha far an robh, ’na uairean, deagh sgoilearan air an ionnsachadh. Tha tighean mach ùr sgoile aca nis, far a bheil na h-uile cothrom aig achloinn. Tha paipearan-naigheachd nis air an reic air son sgillinn agus bonn-a- sèa. Bha iad aig an àm ud costa sèa sgillinn, leis achìs a bha air aphaipear. Tha leabhraichean eile saor do réir sin air doighs gu bheil eòlas gu mòr air a mheudachadh.

COILLE DHUBH.


A CHEARC.

BHA boireannach ann roimhe seo agus rug i cearc ann an sgorr cladaichs iad an deigh a cur air fuadach air doigh air chor-eigin. Dhfhas a chearc mor, ’s bhiodh idol do thaigh an righh-uile latha feuch am faigheadh i rud a bheireadh i ga mathair. Thainig an righ mach latha de na laithean, ’s thuirt e rithe:
De, a chreutair bhig, mhosaich a


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.

Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.

F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.


Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc as mothas as saoire de
Bhathar Paipeirs de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.



[311]

[Vol . 9. No. 40. p. 7]

tha thu deanadh at sheasamh air mo dhorus an sin.”

Mata gad a tha mi beag, mosach fhein, ni mi rud nach dean a bhanruinn mhor, bhriagha agadsa,” arsise.

ni thu?” arsan righ.

Leumaidh mi o sparr gu sparr, ’s an clobhs buthal na poite slaodadh rium.”

Dhfhalbh e staighs dhinnis e siud don bhanruinn. Chaidhfheuchainn ris achircs rinn i e. Cheangail iad am buthal san clobha rithe, ’s leum i thar tri sparrannan, ’s thainig i air làr. Cheangail iad am buthal san clobha ris a bhanruinn an sin, ’s dhfhalbh is thug i leum aisde, ’s ghearr i faobhar an da lurga aice, ’s thuit i, ’s chaidh an t-eanchainn aisde. Bha ceithir banruinnean aiges chuir achearc as doibh, air fad, leis an obair seo.

“ ’S fhearr dhuibh,” arsachearc, “mo mhathair a phosadh; tha ina boireannach briagha.”

Seachainn mi,” arsan righ; “rinn thu call gu leoir dhomh cheana, a chreutair mhosaich.”

Mata chan e sin as fhearra dhuit ach a posadh,” arsachearc.

Cuir a nuas do mhathairs gum faiceamaid i,” arsan righ. Dhfhalbh i far an robh a mathair, ’s arsi rithe, “Than righgar n-iarraidh a mhathair; bha mise ag iarraidh air bhur posadh.”

Chaidh i suass phos i fhein san righ.

Bhan sin Domhnachs bha iad adol don t-searmoin an righs abhanruinn, ’s cha dfhag iad a staigh ach a chearc, ’s mac on cheud mhnaoi. Dhfhalbh a chearc nuair a dhfhalbh iad, ’s chaidh i do sheombar, ’s thilg i dhi an cochall a bha orra, ’s dhfhalbh an gille stigh don rums chunnaic en cochall a bha orra. Rug e airs chuir en teis meadhoin an teine e. Thainig ise nuass cha robh sgeul aice air a chochall. Thainig i far an robh an gilles claidheamh ruisgte aices thuirt i ris, “Faigh dhomhsa mo chochall air neo bheir mi an ceann diot an aghaidh na braghad.”

Ghabh an gille moran eagails cha burrainn e facal a radh rithe.

A chreutair mhosaich,” arsise, “ ’s mor leamsa do bhàs a bhith air mo lamhan. Chan eil fiosm a nis ni mi; ma gheibh mi cochall eile saoilidh iad gur buitseach a thannam; aguss fhearr domh fantail mar a tha mi.”

Nuair a thainig an righ dhachaidh chunnaic em boireannach breagh sin a staigh air feadh an taighe, ’s cha robh fios aige chuir ann i. Bfheudar gum faigheadh an righ mach n seorsa boireannaich a bhinnte. Phos ifheins mac an righs rinneadh banais mhor daibh. —Sgeulachd.


Iadsan a Phaigh.

Tormad Canonach, Rudhan Rothaich.
S. Mac Neacail, an Abhainn Mheadhonach
D. Domhnullach, Beinn nan Sgitheanach.
Alasdair Domhnullach, Beinn nan Sgitheanach.
R. Barclay, Sidni.
Iain P. Joy, Sidni.
I. Murphy, Acarsaid Chloinn Fhionghain.
Cairistiona Dhomhnullach, Cul Iona.
Steaphain Mac Neill, Benacadie .
Am Brathair Ananias, San Francisco, Cal.
Miss Amy Mhoraidh, New York.
Iain Dùghlach, Malden , Mass.
Iain N. Beutan, Kellog , Calfiornia.
Eachunn Mac-a- Phi, Miner , Mich.
M. McGuggain, M .P. , Mount Brydge, Ont.
Dr. D. Mac Dhiarmaid, Maxville , Ont.
Iain T. Domhnullach, Cornwall , Ont.
Niall Mac Dhiamraid, Duntroon , Ont.
Domhull Mac Mhuirich, Flesherton , Ont.
Seumas E. Mac Ille-mhaoil, Lagan , Ont.
T. Mac Leoid, Ft . Saskatchewan, N.W. T.
Domhull Mac Coinnich, Glaschu, Alba.
Domhull Johnston, Springhill , N. S.
An t-Urr. R. L. Domhnullach, Arisaig, N. S.
Alasdair Coannach, Braidalbain, E. P. I.
Murchadh Mac Leoid, Springton , E. P. I.


AMY MHORAIDH.
Feasgair de dhOrain Albannach
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, agabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.


INNSRIDH TAIGHES BRAT-URLAIR.
THA SINN ACREIC
Paipearan Balla Geancach
Dhe gach searsa. Cuiridh sinn
Taighean nan lan Uidheam

FAIC AN DESK-SGOILE UR LEIS AN T-SUIDHEACHAN-LUTHAIDH.

GORDON & KEITH,
SRAID SHEARLOT.
A . T. GRANND, Manager.


CuirearLeabhar nan Cnocleis a phosta gu àite sam bith an Canada nos na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


SANAS.

THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dhaois, gu dhol a dhobair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uairsa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a bfhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhadsa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.


DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.



[312]

[Vol . 9. No. 40. p. 8]

Thig an Samhradh leBhruthainn.

Thig an samhradh lebhruthainn;
S thig a chubhag á Eirinn;
Thig gach ian bhàrr na machrach,
S iad an taice richeile,
Dheanamh ciùil air na crannaibh
Is air bharraibh nan geugan;
Ach tha misis mo leannan
A sior theannadh bhochéile.

S mairg nach iomraich an copan
Sùmhail socrachs e dèarlan;
Cha be sin a rinn mise,
S ann a bhrisd mi fein bèarn as.
Gur h-en t-iomadaidh uaigneas
N i den ionracan mèirleach;
Chuir sud mise gu saothair,
S tha e daor do mo chàirdean.

Ghruagach àillidh an leadain,
S mi gum freagradh dha tòrdadh,
Ann an glaice nan creagan
S ann am preasaibh beagbòidheach.
Aig a mheuds thug mi ghaol duit,
Gun do dhaoine bhith deònach,
S mi gun laigheadh ri dthaobh
An gleannan caomh nan laogh òga.

Cha déid mise don chaisteal
No an taice rim fàilteachd;
Ged bhios piob acis fiodhull
Agus binneas na clàrsaich,
Chan fheil ceol tha fon athar
Nach bi feitheamh mo ghràidh-sa.
S truagh, a righ, gun bhith mar-riut,
Gheug nam meall-shuilean tlàtha.

Tha mo mhaighstir àrd, prìseil
Fo mhigheans fo ghruaim rium,
Is cha déid mi nashealladh
Mun dig ruthadh a ghruaidhean.
Gur h-e sgeula na dunaidh
Fhuair sinn uilesan uair so;
S ann a dhiarr e le gradaig
Iad ga mspadadh le luaithe.

S mairg nach sealladh greis roimhe
Air na mnathaibh gam bòidhchid,
Mun gabhadh epheacadh,
An cur seachad air pòsadh.
Tha a bhuaidh sin air fad orr
Bhith gu socharach, gòrach;
S e mo ghealladh-smar thochradh
A chroich airneom fògradh.

Ochain, ochain, mar tha mi,
S goirt mo chràdhs mi fo mhulad;
Tha mo ghruaidhean air seacadh,
Caoidh nach faic mi mo chruinneag.
Ach chan urrainn mi tàicheadh
Ged a dhfhàgainn an cruinne.—
S truagh, a righ, nach bu bhàs dhomh
Air na tràighibh gun fhuireach.

Och, is truagh nach bu bhàs dhomh
Nuair bu phàisdean beag òg mi,
Mun do dhearc mi air taodann
Is nach faod mi do phòsadh.
Troigh chruinn am bròig chumhainn,
Dom bu chubhaidh bhith spòrsail,
Fo do chalpannan mìn-gheal,
Troigh nach ìslich am feoirnein.

Uilleim Oig Abaràrdair
Bu tum bàillidh gun tròcair,
Nuair a dhiarr thu mo spealtadh
Eadar eich Mhic-an-Tòisich;
Mo thoirt timchioll a chabhsair
Gun mo chàirdean amchòmhdhail.
S mor gum bfhearr a bhithm Flànras
Na bhithn làthair a mhòid sin.

A reir innse sgeoil cha robh aig Fear Abaràrdair ach aon nighean. Fhuair an gille-stabaill aige trom i. Bhagair e gun sracadh e an gille as a cheile eadar da each. Dhinnis an nighean don ghille mun chunnart anns an robh e, agus thug e a chasan as. Spàrr Fear Abaràrdair a nighean ann an seòmbar agus chum e ann i gus an dfhuair i bàs le mulad agus brisdeadh-cridhe.


Oran

Le Mac-Philip, fear-brataich Mhic-Ic-Iain, air dhaibh a bhith a cur air gun do thill e bho fheachd air comhairle na mnatha.

LUINNEAG.
Hilinn o ho ro bha ho u ho,
Hilinn os mi falbh leatha,
Hilinn o u i o u,
Hùbh os mi falbh leatha.

S misa rinn an cruaidh thilleadh
An taobh sa dhinnein a cheathaich;
Thainig deoir air mo shùilean
Agus tùchadh nam labhairt.

Thainig deoir air mo shùilean
Agus tùchadh na mlabhairt,
Nuair a thog iad mar sgeul orm
Gun do gheill mi do mhnathaibh.

Ach cha deanainn féin géilleadh
Do dh-aon te tha fon adhar,

Ged bu nighean don rìgh i,
S tri rioghachdan leatha.

Gum ben cleachdadh bu dual dhuinn
A bhith cruadalach, fearail.

Gun bhith gealtach no sgàthach
Dhol an làthair na carraid.


Mort Ghlinne-Comhann.

LE AONGHUS MAC ALASDAIR RUAIDH.

S mi am shuidhair a chnocan,
Chaidh mo léirsinn an olcas;
Is mi aon mhac an trotain air mfhàgail.

Tha micoimhead a ghlinne,
Far am baighearach sinne,
Gus an daom oirnn an fhinen robhn fhàilinn.

Rinn na Duibhnich oirnn leadairt,
Bhan fhuil uasal galeagail,
S bha Gleann-Liobhann na sheasamh mar cheannard.

Ach nam bionnan dur macnus
S nuair bha mise nur taice,
Nàile rachadh iad dhachaidh nan deannruith.

Bhiodh Mac-Fhilip lebhrataich
Air tùs an fhine neo-ghealtaich,
Ged a fhuair iad an nasgadh le ainneart.

A Mhic-Eanruig nam feadan,
S tric a bha mis tu beadradh
Leis a mhuinntir a ghreas don taigh-shamhraidh.

Bha Clann Iain nan gadhar,
Rinn na h-uaislean a thadhal,
S iad gan riasladh le cuthach gun chàirdeas.

Dhfhàg sibh marcaich’ ’n eich uaibhrich,
Reubtair righe nan ruadh-bhoc,
Ann an sneachda trom fuar nam beann àrda.

Dhfhàg sibh làraichean dubha
Far am bàbhaist duibh suidhe
N comunn luchd an fhuilt-bhuidhe, chais, amlaich.

Fhir Bhail’ -Fhèarna nam badan,
Bu cheann-feadhnthu air brataich,
Is chaidh smùidchur ri taitreabh nasmalaibh.

Bha do chomh-bràthair guailte,
Deagh fhear Baile nam Fuaran,
Leam is goirt e, ’san uair air dhroch càradh.

Ach mas deonach ler Righ e,
Bidh eile gadhiol sin,
Agus maighdeanan lìobhte cur cheann diu.

Bidh na Tuirc air an dathadh,
S bidh righ Uilleam nalaighe,
S bidh cùird mhor air an amhaich dhen antoil.

Be mo rogha sgeul éibhnis,
Moch Di-luain is mig éirigh,
Gun robh againn righ Seumass na Frangaich.

Chiteadh iomain ball achaidh
Air fir mhealltnam balg craicinn,
Loisg ar n-arbhars ar n-aitreabhsa gheamhradh.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Ciamar tha do Shuilean?
Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagairt ort air an teid sinn an urras.
Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig
Bezanson .
An togalach Hanington,
Sraid Shearlot, Sidni.


BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.

So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90

Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.

Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. McGILL-FHINNEIN, Supt .


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 40
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla IX No. 40. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page