[Vol . 9. No. 41. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 12, 1901. No. 41.
Facal no Dha do Chuid de Ghillean Oga na Duthchadh.
LITIR I.
NIS, ’illean, tha mi dol a dh’ innseadh na fìrinn dhuibh, suil mu ’n t-sroin, co-dhiu ghabhas sibh gu math no gu h-olc e. Tha fhios agam gu bheil an fhìrinn, iomadh uair, gle shearbh ri h-eisdeachd. Ach mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Is searbh a’ ghloir nach fhaodar eisdeachd.” Cumaibh an comhnuidh ’n ur cuimhne nach ann mar olcas ribh a tha mi idir. Is fhada uaithe ghabhadh e. Nan robh gràin agam oirbh, dh’ fhoghnadh dhomh cead ’ur coise a leigeil dhuibh, agus a radh ruibh gu robh sibh ’n ur gillean gasda, agus gu bu mhath a bha sibh a’ deanamh; agus dh’ fhaodainn a bhith cinnteach gu rachadh sibh, air a’ cheann mu dheireadh, do ’r n-àite fhein, mar a chaidh fear eiginn air an cuala sibh iomradh o chionn fada. Tha mi ’labhairt ribh mar charaid. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Is math an sgathan suil caraid.” Tha fios agam nach faigh mi taing sam bith uaibh air son an fhìrinn innseadh dhuibh agus comhairle na corach a thoirt oirbh. “Comhairle caraid gun iarraidh cha d’ fhuair i riamh am meas bu choir dhi.” Nis, ’illean, ma tha gus nach ’eil fios agaibh fein air, tha sibh ’n ur culaidh-mhagaidh aig moran anns an dùthaich. Bha ’n dunaigh oirbh roimhe so, ach tha ’n truaighe buileach oirbh a nis. Cha ’n àill leibh bhur lamh a chur ann an car cosnaidh. ’S ann a tha h-uile fear dhibh cho straiceil, ’s cho spaideil, ’s cho ard sron ’s ged bu leibh ionmhas an domhain. Tha sibh cho lan de ’n mheud mhoir ’s a tha ’n t-ugh de ’n bhiadh. Co ach sibhse! An uair bu choir dhuibh aodach bhur cosnaidh a bhith oirbh, ’s a bhith gu dichiollach ag obair, ’s ann a bhios sibh gu diomhanach a’ spaisdireachd air na cnoic, agus ’ur lamhan thun nan uillean ann am pocaidean ’ur briogaisean. Co ach sibhse le ’ur briogaisean goirid, ’s le ’ur stocainnean ballach, le ’ur botunnan, ’s le ’ur n-adachan, ’s le ’ur cotaichean, ’s le ’ur n-uaireadairean, agus ’ur athraichean ’s ’ur mathraichean, a thog ’s a dh’ àraich sibh, ’s a fhuair dragh gu leor ribh, anns na luideagan, gun chomas aca dol a mach air toll doruis am fianuis Criosduidh, a Shàbaid no Sheachduin! Faodaidh sibh a radh mar a thuirt am fear roimhe— “Mo stocainnean fhin, agus mogain m’ athar.” Nam b’ ann a’ dol do thaigh an Tighearna air latha na Sàbaid a bhiodh sibh ghabhainn ’ur leithsgeul. Ach ’s i chuis a ’s bochda nach teid sibh ach ro ainneamh a dh’ eisdeachd facail an Tighearna. Tha sibh mar a bha ’m breitheamh o shean, gun eagal Dé, gun urram do dhuine. Tha duil agaibh fhein gu bheil sibh ’n ’ur daoine uaisle; ach sibh nach ’eil. Feumaidh sibh a dhol bliadhna no dha do ’n sgoil-mhodha mu ’n urrainn sibh a dhol an cuideachd nan uaislean. Ach ma bhios sibh glic, deanadach, measail oirbh fein, ciuin, siobhalta ris gach neach, agus a’ gabhail comhairle ’ur leas o gach neach a bheir dhuibh i, cha ’n eagal nach fhaigh sibh air aghaidh. Nis, cho fad ’s is aithne dhomhsa is e bruidhinn car a’s fhearr a ni sibh. Neo-ar-thaing nach dean sibh bruidhinn; agus nan deanadh bruidhinn feum cha b’ eagal duibh. Tha ’n sean-fhacal ag radh, “Is minic a thainig guth mor a balg fas.” “Is labhrach na builg fhas.” Thug mi fanear riamh o thainig cuimhne thugam gur e ’m fear bu mho theireadh bu lugha dheanadh. Tha na paipeirean naigheachd an deigh ’ur cinn a chur troimh a cheile. Tha moran mhearachd anns na paipeirean naigheachd; ach bheir sibhse barrachd mhearachdan asda na th’ annta, do bhrigh nach aithne dhuibh an leughadh. O ’n a ni sibh bloidheachas leughaidh, tha duil agaibh gur urrainn sibh deagh Bheurla a labhairt. ’S e th’ ann, cha ’n ’eil aon chuid Beurla no Gàilig agaibh. Ged a gheibheadh sibh baile fearainn cha b’ urrainn sibh comhradh a chumail suas ann an Gailig fad ceathramh na h-uaire. Nach ’eil so nàr ri ’innseadh? Cha tugainn bonn-a- h-ochd air fear sam bith a rugadh ’s a thogadh anns a Ghaidhealtachd mur a labhair ’s mur a leugh e Gàilig air neo-ar-thaing. Ach tha sibh air fas cho Gallda anns gach doigh ’s gu feum a’ Ghàilig fhein a bhitheas agaibh a bhith Gallda! Thachair fear dhibh rium an latha roimhe, agus thuirt mi, “Tha latha briagha ann an diugh, a Sheumais.” “Tha latha splendid ann gun doubt. Nach ’eil na h-April showers air an talamh fhagail cho moist ’s gu bheil gach flower a’ togail an ceann ri teas na greine,” arsa Seumas. “Am bheil iad air ghluasad agaibh,” arsa mise. “Ma ta, cha ’n ’eil. Tha Iain gle shlack o ’n a ghabh e ’n inflamation anns na lungs toiseach Mharch. Tha e fuireach fiadhaich delicate, agus cha ’n ’eil appetite idir aige. Tha e toirt concern mor do m’ mhàthair. Tha mi fhin car anxious mu dheidhinn cuideachd.” An uair a chuala mi na briathran so cha mhor nach do leum mo nadur orm. Thionndaidh mi air falbh, agus dh’ fhag mi ann an sid e. Nis, ’illean, an cuala sibh riamh a leithid so de Ghàilig aig ’ur n-athraichean, no aig ’ur seanairean? Sibh nach cuala. Tha mi creidsinn gur anns a bhaile-mhor a dh’ ionnsaich sibh an doigh labhairt so, mar a dh’ ionnsaich sibh iomadh cleachdadh eile a b’ fhearr dhuibh uaibh na agaibh. Chuala mise mu na h-uile car a bha sibh a’ cur dhibh anns a’ bhaile-mhor. An uair a bhiodh an obair latha seachad ’s a ghlanadh sibh sibh-fein, ’s a ghabhadh sibh cupan ti, rachadh sibh gu ceann na drochaid, agus an uair a bheireadh sibh greis mhath air seanachas rachadh sibh do ’n taigh-osda. Bhiodh sibh ann an sin ri ol, ri comhradh amaideach, ’s ri baoth-shugradh gus an iarradh fear an taigh-osda oirbh aig aon uair deug a bhith ’gabhail a mach. Mar so bha sibh a’ cosg a h-uile sgillinn a bha sibh a cosnadh. Nach mor a b’ fhearr dhuibh ma bha tasdan no sia-sgillinn a chorr agaibh a chur anns a’ bhanca. Tha ’n sean-fhacal ag radh, “Coisinn mar is urrainn duit, ’s na cosg ach mar is eiginn duit.” Tha ’n doigh agaibhse calg-dhireach an aghaidh so. ’S e ’th’ agaibhse, cosg mar is urrainn duit, ’s na coisinn ach mar is eiginn duit. Nan robh ciall no mothachadh annaibh chuireadh sibh an t-airgiod a tha sibh ag ol ’s a’ caitheamh ann an nithean eile gun fheum, dhachaidh thun ’ur parantan. Cha bhi guth no iomradh air athair no air mathair, air piuthair no air brathair, an uair a shuidheas sibh mu ’n bhord-oil. Thachair athair fir dhibh rium latha, agus dh’ fheoraich mi an robh e ’cluinntinn ciamar a bha cuisean a dol le ’mhac. “Ma ta,” ars’ esan, “tha nàire orm innseadh dhuibh nach d’ fhuair sinn ach da litir uaithe o ’n a dh’ fhalbh e, bhliadhna ’n earraich so ’chaidh. Tha sinn a’ cluinntinn o dhaoine eile gu bheil e beò, slàn. Cha do chuir e fiu a’ phuinnd thi gu ’mhathair o chionn bliadhna. Tha fhios aige gu bheil sinn gle éiseil anns na bliadhnachan cruaidhe so, agus dh’ fhaodadh e bhith air poca mine no dha a chur thugainn. Ma tha e cosnadh airgid cha ’n ’eil fhios againne ciod e tha e ’deanamh ris. Ged tha mise ’gearain air mo mhac fhin, tha e coltach gu bheil a cheart uibhir a dh’ aobhar gearain aig athraichean eile. Chuala mi gu bheil mac Aonghais Bhàin air a dhol thun na dunach buileach. Ged a bha deagh thuarasdal aige roimhe so cha do chuir e sgillinn ma seach. Tha e nis na dhiol-deirce truagh, gun an t-aodach slàn m’a dhruim, a’ falbh o shraid gu sraid feuch an tachair fear-duthchadh ris a bheir dha sia-sgillinn no tasdan an iasad. B’ e sin iasad caillich gun diasan an t-iasad a gheibheadh esan. Tha mi ’g radh ribh gu ’m bu cho math a dh’ iomadh màthair is athair nach fhaca iad mac no nighean riamh.” Ciod a their sibh ris a’ chuis a nis? Na biodh duil agaibh gu soirbhich le mac no le nighinn a bhios suarach mu athair no mu mhàthair. Thugaibh urram do ’r parantan. Cuimhnichibh gur iomadh latha ’bha ’ur n-athraichean fliuch, salach, fuar, sgìth an àm a bhith ga ’r togail ’s ga ’r n-àrach. Cha b’ iad ’ur màthraichean dad bu lugha fhuair de ’r dragh. Is iomadh latha is oidhche a dh’ altruim, ’s a nigh, ’s a ghlan, ’s a laimhsich iad sibh. Ma dh’ fhaodte nach bi aca air son an dragha ach bron agus bristeadh-cridhe. Cha ’n fhaod a bhith gu ’m bi sibhse ’n ’ur meadhon air ni cho eucorach a dheanamh ri cridheachan ’ur n-athraichean ’s ’ur màthraichean a bhristeadh.
Cha bhi ’n corr eatorrainn an diugh, oir cha mhath leam a bhith tuilleadh ’s trom oirbh anns a’ cheud dol a mach. “Is fheairrde brà a breacadh agus gun a bristeadh.” Ma bhios mi beò a bheag a dh’ ùine innsidh mi rud no dhà eile dhuibh nach misde sibh a chluinntinn.
Is mi bhur dearbh charaid,
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Tha e muladach ri innseadh gu ’m bheil moran dhaoine ann a tha ’gabhail a’ cheart uiread de thlachd ann an sgainnil, ann am mi-chliù, ann am breugan, ann an tuaileas, ann am mi-rùn, ann an cul-chàineadh, agus ann am farmad ’s a tha ’m fitheach a’ gabhail anns na closnaichean marbha, breuna, làn de dhroch bholtrach, a thachras ris air a chuairt troimh ’n fhàsach.
[Vol . 9. No. 41. p. 2]
O Chionn Tri Fichead Bliadhna
Le Iain.
CAIB. XIX.
“A’ BHANAIS MHAGAIDH.”
ANN an iomadh dòigh thàinig mòran atharr achaidh air cleachdadh agus gnàths an t-sluaigh o chionn tri fichead bliadhna, agus is e aon de na h-atharrachaidhean so gu ’n deachaidh an cleachdadh ris an cainte “a’ bhanais mhagaidh” gu buileach air chùl o chionn fada. Ma bha no nach robh an cleachdadh so cumanta air feadh na Gaidhealtachd gu léir, cha ’n urrainn duinn a ràdh; ach tha fhios againn gu ’n robh e cumanta gu leòr anns na h-Eilean an Iar fada roimh an àm air am bheil shin ag iomradh. Agus ged a bha e ann an tomhas mòr air a dhol bàs o chionn tri fichead bliadhna, o’n a thachair e ann an co-cheangal ris an sgeul a tha sinn ag aithris, agus o’n a bha e ’na mhathair-aobhair air cealgaireachd agus eas-onair a’ mhaoir a thoirt gu soilleir gu follais, cha bhiodh e as an rathad dhuinn beagan fiosrachaidh a thoirt seachad m’a dheidhinn.
An uair a phòs Tearlach ruadh nighean a’ mhaoir, rinneadh, mar a bha cumanta gu leòr anns an àm, banais mhòr dhaibh. Bha am maor gu math air a dhòigh anns an àm, agus ged nach bitheadh, dh’ fheumadh e, gus cleachdadh na dùthchadh a chumail suas, a’ cheud bhanais a bhiodh ’na thaigh a dheanamh cho mòr ann an cuideachd, agus cho pailt ann am biadh ’s an deoch ri banais sam bith a bhiodh anns an dùthaich. Ach o’n a bha am maor agus a theaghlach ’g am meas fhein ro àrd os cionn a’ chumanta, chuir iad rompa nach tugadh iad cuireadh thun na bainnse do neach sam bith ach do na daoine a b’ fhearr na chéile a bha anns an dùthaich. Is e a’ mheud-mhòr a thug orra so a dheanamh, agus mar is minic a thachair, chuir a’ mheud-mhor an dunaigh mu ’n cinn ’s mu ’n casan air a’ cheann mu dheireadh.
An uair a bhios cleachdadh sam bith fad ùine mhor cumanta am measg dhaoine, co dhiubh a bhios e ’na chleachdadh math no òlc, cha bhi iad deònach dealachadh ris; agus faodaidh an duine a bhristeas air a bhith cinnteach gu ’n coisinn e diumbadh gu leòr dha fhein. Bha e ’na chleachdadh aig an àm ud gu ’m faigheadh a h-uile teaghlach a bheireadh seachad cuireadh gu banais, cuireadh o’n mhuinntir do’n d’ thug iad cuireadh, an uair a bhiodh banais aca. Agus o’n a bha am maor ’s am baillidh ann an ughdarras ann an co-cheangal ris na nithean a bhuineas do ’n bheatha so, cha robh pòsadh, no cruinneachadh urramach sam bith eile air nach biodh am maor agus am baillidh, agus an teaghlaichean, nam b’ fhiach leotha a dhol ann.
An uair a leughas daoine na briathran so their iad gu ’n robh na Gaidheil a bha beò o chionn tri fichead bliadhna giodalach sodalach, brosgalach ris na maoir, ris na baillidhean, agus ris na h-uachdairean. Ach mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Is fhada bhios fear o’n taigh mu ’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein.” Tha sluagh an latha ’n diugh a’ cheart cho fad’ air an ais anns an ni so ’s a bha ’n sluagh ’s an àm a dh’ fhalbh. Ma bhios maor, no baillidh, no fear sam bith eile a tha ann an rud-eiginn de dh’ ughdarras ag iarraidh a bhith air Bord na sgoile, no ann an Comhairle na Sgìreachd, no ann an dreuchd sam bith eile a bhuineas do ghnothaichean na beatha ta lathair, faodar a bhith cinnteach gu ’n toir àireamh mhòr dhe’n t-sluagh dhaibh a h-uile cuideachadh a ’s urrainn daibh, co dhiubh a bhios iad freagarrach air son na h-obrach a tha iad a’ gabhail os laimh no nach bi. Tha iad ’ga dheanamh so air ghaol buannachd aimsireil fhaotainn dhaibh fhein. Agus gus an fhìrinn innseadh gu saor, soilleir, ma bhios ministear no baillidh ag iarraidh fabhair sam bith air an t-sluagh, faodar a bhith cinnteach gur e am baillidh a gheibh am fabhar an toiseach, cha ’n ann a chionn gu ’m bheil e ’na fhear-dreuchd na’s fhearr na am ministear, ach a chionn gu ’m faigh iad buannachd aimsireil air saillibh a bhith air taobh a’ bhaillidh.
So mar a thachair o chionn tri fichead bliadhna an uair a bha am maor agus a theaghlach air an cuireadh a dh’ ionnsuidh a h-uile banais a bha anns an dùthaich. Agus an uair a bha an nighean bu shinne aig a’ mhaor a’ dol a phòsadh bha gach aon a thug cuireadh dhaibh gu banais an duil gu ’m faigheadh iad fhein cuireadh gus a dhol gu banais nighean a’ mhaoir. Ach cha mhor dhiubh a fhuair cuireadh.
O nach robh banais nighean a’ mhaoir ann an iomadh dòigh ach coltach ris na bainnsean eile a bha anns an dùthaich, cha ruigear a leas a’ bheag a radh mu deidhinn. Anns an àm, cha b’ ann oirre a bha sluagh na dùthchadh a’ bruidhinn ach air a’ bhanais-mhagaidh.
Latha no dhà roimh ’n bhanais choinnich àireamh bheag dhe na gillean òga nach d’ fhuair cuireadh thun na bainnse, agus rinn iad suas eatorra fhein gu ’n deanadh iad “banais-mhagaidh.” Leig iad gu bog balbh fios air feadh nam bailtean ciod a bha ’nam beachd a dheanamh, agus shuidhich iad gu ’n cruinnicheadh iad air an raonaidh a bha air beulaobh taigh a’ mhaoir. Ach gus an tuilleadh dragh agus mi-thoileachadh a chur air muinntir a’ mhaoir, chum gach aon aig an robh fios air mar a bha gnothaichean gus a bhith an diomhaireachd cho math ’s nach cual’ aon chuid am maor no a chàirdean guth no iomradh air a’ chùis.
Anns an àm anns an robh sgiobadh na bainnse, agus na càirdean a fhuair cuireadh ’nan suidhe aig a’ chuirm shòghmhoir a chaidh a dheasachadh dhaibh, agus iad gu subhach, sunndach, cridheil ag itheadh ’s ag òl ’s a’ comhradh gu càirdeil ’nam measg fhein mar bu ghnath do chuideachd dhe’n t-seorsa bhith, chualas iolach àrd, agus ceol fonnmhor na piobadh am muigh air an raonaidh. Sheall na bha ’nan suidhe aig bòrd na bainnse air a chéile le aghaidhean air nach robh coltas aoidheil sam bith. Thuig iad anns a’ mhionaid gu ’n robh a’ “bhanais-mhagaidh” air a bonn am muigh air an raonaidh, agus ghabh iad amhrus anns a’ mhionaid gu ’m faodadh gu ’m biodh, mar is minic a thachair, tuasaid gu leòr eadar na daoine do ’n d’ thug am maor cuireadh, agus na daoine a bha am muigh air an raonaidh aig a’ “bhanais-mhagaidh.”
Cha do thuig am maor agus a theaghlach gu ro mhath aig an àm ciod bu chiall do ’n cheol ’s do’n dannsa ’s do ’n ard-iolaich a bha am muigh air an raonaidh; oir cha robh iad ùine fhada anns an dùthaich, agus cha do thachair gu ’n robh “banais-mhagaidh” anns an dùthaich o’n a thàinig iad innte. Ach bha iomadh neach aig a’ bhord a thuig gle mhath ciod a b’ aobhar gu ’n robh a leithid de chruinneachadh sluaigh am muigh. Cha do leig iad dad orra ged a bha ’n gnothach a bh’ ann a’ cur dragh gu leòr orra.
A reir a’ chleachdaidh a bha ’dol anns an àm, bha aig a’ phears eaglais a dheanadh am pòsadh ri suidhe aig ceann bord na bainnse mar “uachdaran na cuirme,” gus riaghailt a chumail air an t-sluagh. Bha fhios aigesan gle mhath ciod bu chiall do ’n obair a bha am muigh air an raonaidh; oir bha e ’na sheann duine, agus bha e moran bhliadhnachan anns an àite. An uair a thug e an aire gu ’n robh na daoine a bh’ ann an taigh na bainnse a’ fàs corrach ’nan inntinn thug e comhairle orra gu ’n suim sam bith a chur anns an iorghaill a bha ’muigh air an raonaidh. Thuirt e riutha nach robh anns a’ chuideachd ach baothairean de dhaoine òga gun mhodh, gun smachd a bha mi-thoilichte a chionn nach d’ fhuair iad cuireadh thun na bainnse, agus gu ’m b’ fhearr do na h-uile duine leigeadh leotha a bhith ’cur nam both dhiubh am muigh air a’ chnoc gus am biodh iad seachd sgìth. Ach ged a ghabh iad a chomhairle fhad ’s a bha e anns a’ chuideachd, cha bu luaithe dh’ fhalbh e na thòisich na bh’ ann an taigh na bainnse ri fàs gle chorrach ’nan inntinn. Bha ’n ceòl ’s an dannsa ’s a’ ghlaodhaich a bha aig a mhòr-chuideachd a bh’ air an raonaidh ’g am brosnachadh gu droch nàdar. A bharrachd air so, bha ’n deoch làidir tuilleadh is pailt; oir chuir am maor roimhe, an uair a thuig e mar a bha cùisean, gu ’n tugadh e dhaibh na dheanadh gu math cridheil iad. Bha e ’n duil gu ’n tugadh e air na bh’ anns an taigh, le pailteas dhe’n deoch làidir a thoirt dhaibh, gu ’n dol a chur dragh sam bith air na daoine aotrom, amaideach a bha air an raonaidh. Ach an àite an aimhreit a bha air thuar eirigh a bhàthadh leis an deoch làidir, mar a bha e an dùil, is ann a bha e ’g a beothachadh.
Ma bha ’n deoch làidir pailt ann an taigh a’ mhaoir an oidhch’ ud, bha i a’ cheart cho pailt aig an fheadhainn a bh’ air an raonaidh. Agus o nach robh iad a’ gabhail bìdh, chaidh na bha iad ag òl cho mòr ’nan cinn ’s gu ’n robh iad an impis a bhith air mhearainn leis a’ mhisg.
Ach cha b’e na dh’ òl iad a thog an aimhreit air a’ cheann mu dheireadh ach an co-fhaireachadh bha eadar cuid dhe na bha ann an taigh na bainnse agus an fheadhainn a bha ’deanamh na “banais-mhagaidh.” Mu ’n robh a’ “bhanais-mhagaidh” dà uair an uaireadair aig ceòl ’s aig dannsa, is gann gu ’n robh duine òg dhe na bha ann an taigh na bainnse nach deachaidh gu bog, balbh am mach as an taigh thun na “banais-mhagaidh.” B’ fhearr leotha gu mòr a bhith anns a’ chuideachd aotrom, bhaoth a bha ’cluich ’s a’ gabhail a’ chaoich air an raonaidh na bhith anns an taigh anns an robh a’ chuirm agus na h-uaislean beaga a fhuair cuireadh thun na bainnse.
Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, is e thainig as a’ chùis air a’ cheann mu dheireadh gu ’n deachaidh triuir no ceathrar dhe na daoine aig an robh meas mòr air a’ mhaor am mach, agus iad air fàs tuilleadh is blàth le uisgebeatha, gu smachd a chur air an fheadhainn a bh’ air an raonaidh. Ach cha ghabhadh iad smachd uapa. Ann an tiotadh bha àireamh dhiubh ann an uignean a chéile mar gu ’m biodh na coin ’s na cait. Cha robh ciall no reusan ann an aon seach aon dhiubh agus mu ’n d’ fhuaradh sìth a chur orra bha ’n àireamh bu mhò dhiubh agus am fuil gu talamh. Bha Tearlach ruadh—fear na bainnse—air a ghearradh ’s air a bhruthadh cho mor ’s gur gann a dh’ aithnicheadh duine e.
Is minic a thainig math as an olc. Agus ged a bha banais Thearlaich ruaidh ainmeil gu leòr air shaillibh na tuasaid agus na h-iorghaill a thog a’ “bhanais-mhagaidh,” rinn an t-Uachdaran lagh, an uair a chual’ e mar a thachair, gu ’n rachadh càin throm a leagadh air na h-uile a thogadh tuasaid dhe ’n t-seorsa rithist. Chuireadh mar so
[Vol . 9. No. 41. p. 3]
crìoch air a’ chleachdadh shuarach ud a thogail eadar theaghlaichean, agus eadhoin eadar chàirdean. Agus bha ’n t-àm ann.
Ged a tha iomadh gnothach gòrach mi-riaghailteach a’ tachairt ’nar measg-ne, agus ged a bhios sinn gu tric a’ smaointean gu ’m bheil cùisean na ’s miosa ’nar latha fhein na bha iad ’san aimsir a dh’ fhalbh, bu choir dhuinn a chuimhneachadh gu ’m bheil dòighean agus beachdan an t-sluaigh an diugh na ’s fhearr na bha iad riamh roimhe.
(Ri leantuinn.)
Sgeulachdan Arabianach.
Ganem.
CAIB. IX.
GED a chuir na dhaoine a chuir Sinebi air falbh gus Alcolomb agus a mathair fhuadach am mach a Damascus ann an tomhas an t-ordugh a fhuair iad an gniomh, cha robh iad cho deas gus gach ni a dheanamh mar a dh’ ordaich Haroun Alraschid ’sa bha Sinebi fhein. Thug iad airgiod do na mnathan truagha gus biadh a cheannach, agus thug iad dhaibh poca an te gus am biadh a ghiulan.
Anns an t-suidheachadh thruagh so thainig iad gu baile beag. Chruinnich mnathan a’ bhaile mu ’n timchioll, agus ged a bha iad ann an suidheachadh truagh, dh’ aithnich iad gu ’m bu bhoirionnaich iad a bha aon uair ann an suidheachadh cothromach. Agus dh’ fheoraich iad dhiubh c’ar son a bha iad a’ siubhal troimh ’n duthaich am freasdal leine de dhroch aodach. An aite freagairt a thoirt do ’n cheisd a chuireadh orra, is ann a thoisich iad ri caoineadh. Thug so air sluagh a’ bhaile gu ’n robh am barrachd ioghnaidh orra, agus gu ’n do ghabh iad am barrachd truais dhiubh. Dh’ innis mathair Ghanem dhaibh a h-uile car mar a thachair dhi fhein agus dh’ a nighinn. Chuir so doilghios mor air mnathan a’ bhaile, agus dh’ fheuch iad ri comhfhurtachd a thoirt dhaibh. Nochd iad dhaibh a h-uile comhfhurtachd is caoimhneas a b’ urrainn daibh. Thug iad dhiubh na leintean a bha umpa agus thug iad dhaibh leintean is brogan is aodach cuim, agus comhdach cinn cho math ’s a bh’ aca.
Thug Alcolomb agus a mathair moran taing do na mnathan a bha cho fior chaoimhneil riutha, agus dh’ fhalbh iad as a’ bhaile, agus ghabh iad an rathad bu ghiorra gus a dhol do Alepo. An uair a thigeadh an oidhche bhiodh iad a’ dol do na h-eaglaisean, far am biodh iad a’ cur seachad na h-oidhche ’nan sineadh air an lar-bhrat, nam biodh e ann, ar neo air an urlar lom. Agus air uairibh bhiodh iad a’ cur seachad na h-oidhche anns na h-aon taighean ri luchd turuis eile. Cha robh dad de chion bidh orra, oir thachair dhaibh a bhith gu tric ann an aiteachan anns am biodh daoine bochda a bhiodh a’ siubhal troimh ’n duthaich a’ faotainn bidh dhe gach seorsa an nasgaidh.
Mu dheireadh thainig iad gu Alepo. Ach cha ’n fhanadh iad ann. Ghabh iad air an aghart gus an d’ rainig iad amhainn Euphrates. Chaidh iad tarsuinn na h-aimhne gu ruige Mesopotamia, agus as a sin ghabh iad air an aghart gus an d’ rainig iad Mosoul. Agus as an sin, a dh’ aindeoin gach uidil is sgios a dh’ fhuiling iad, ghabh iad air an aghart gu ruige Bagdad. B’ ann do ’n aite so a chuir iad rompa a dhol an uair a dh’ fhalbh iad a Damascus o’n a bha dòchas aca gu ’m faigheadh iad Ganem ann, ged nach robh e coltach gu ’n smaoinicheadh iad gu ’m biodh e anns a’ bhaile anns an robh an righ a’ fuireach. Ach bha dochas aca gu ’n tachradh e riutha anns a’ bhaile do bhrigh gu’m b’e so am miann. A dh’ aindeoin gach mi-fhortain a bha ’tachairt riutha, bha iad a’ sior fhas na bu mhiudhaile air Ganem. Bhiodh iad an comhnuidh a’ bruidhinn air agus a’ feorach m’ a dheidhinn dhe gach neach a thachradh riutha. Ach fagaidh sinn a nis Alcolomb agus a mathair far am bheil iad, agus bheir sinn iomradh air Fetnah.
Bha i anns a’ phriosan dhorcha riamh o’n latha dhealaich i fhein is Ganem. Ach ged a bha ’m priosan gle neo-thlachdmhor leatha, cha robh e ’cur a leith uiread de dhoilghios oirre ’s a bha na smaointeanan a bha ’g eiridh suas ’na cridhe a thaobh Ghanem, agus gach mi-fhortan a bha i cinnteach a thainig ’na rathad. Agus o nach robh fhios aice ciod a thachair dha, bha ’cridhe gu bristeadh leis a’ bhron. Bha i ’g a chaoidh gun fhois gun tamh.
Bha e mar chleachdadh aig an righ a bhith gu tric a’ falbh air an oidhche mu ’n cuairt na luchairt feuch ciod a chitheadh no chluinneadh e; oir bha e ’na dhuine cho farraideach ’s a bha air an t-saoghal. Agus bu tric a thachair dha fios fhaotainn air an doigh so air iomadh rud a bhiodh a’ tachairt anns an luchairt air nach fhaigheadh e fios air dhoigh sam bith eile. Air aon de na h-oidhcheachan so thachair dha a dhol seachad air a’ phriosan dhorcha. Ar leis gu ’n cual’ e cuideiginn a’ bruidhinn, agus sheas e, agus an sin thug e ceum na bu dluithe do dhorus a’ phriosan feuch ciod a chluinneadh e. Chual’ e math gu leor na briathran so a bha Fetnah a’ labhairt, agus a smaointeanan, mar bu ghnath leotha, suidhichte air Ganem. “Oh Ghanem, a Ghanem mhi-fhortanaich! C’ ait’ am bheil thu aig an am so? Co ’n taobh a threoraich an cruaidh fhortan thu? Ochan! is mise a dh’ fhag cho truagh thu! C’ar son nach do leig thu leam basachadh gu truagh an tiodhlacadh beo na aite mo bheatha shabhaladh dhomh? Nach muladach ri innseadh an duais a fhuair thu air son gach curam is urram a nochd thu dhomhsa! Tha ceannard nan creidmheach ’g ad gheur-leanmhuinn an aite duais a thoirt dhut. Agus a chionn gu ’n do ghluais thu thu-fhein gu measail modhail, moralta do mo thaobh-sa, thugadh uat do chuid de ’n t-saoghal, agus b’ eiginn dhut fhein teicheadh le do bheatha. Oh ’righ, a righ chruaidh-chridhich, ciod a their thu gus do leithsgeul a ghabhail an uair a sheasas tu comhladh ri Ganem aig cathair an Ard-bhreitheamh, agus a dh’ innseas na h-ainglean an fhirinn ’na do lathair? Cha dean an cumhachd mor a th’ agad an drasta, agus a tha ’toirt air sluagh an t-saoghail a bhith criothnachadh romhad, do chumail an uair ud o dhiteadh agus o pheanas air son gach foirneart agus eucoir a rinn thu.”
Cha dubhairt Fetnah an corr; oir chuir a deoir agus a h-osnaichean stad air a cainnt.
Bu leor na briathran so a chual’ an righ gus toirt air toiseachadh ri smaointean air mar a rinn e. Thuig e gu math, ma bha na chual’ e fior, gu ’n robh Fetnah neo-chiontach, agus gu ’n robh e fhein tuilleadh is grad an uair a thug e ordugh dioghaltas trom a dheanamh air Ganem agus air a luchd-daimh. O’n a bha toil aige fios cinnteach fhaotainn mu dheidhinn gnothaich a bhuineadh do riaghladh ceart agus cothromach—agus bha e a’ creidsinn nach robh righ sam bith a’ riaghladh cho ceart agus cho cothromach ris fhein—ghrad thill e steach d’ a sheomar fhein, agus anns a’ mhionaid thug e ordugh do Mhesrour a dhol do’n phriosan dhorcha, agus Fetnah a thoirt d’ a ionnsuidh.
An uair a fhuair Mesrour an t-ordugh so, thuig e air an doigh anns an do labhair an righ gu ’n robh e gus mathanas a thoirt dhi, agus gus a gabhail a rithist g’ a ionnsuidh. Thug so toileachadh mor dha, oir bha meas mor aige air Fetnah, agus bha doilghios mor air a chionn i bhith ann am priosan. Agus uime sin air dha greasad do ’n phriosan thuirt e rithe, agus coltas aoidheil air, “A bhainrighearna, lean mise, ma ’s e do thoil e; tha mi ’n dochas nach till thu tuilleadh do ’n phriosan so. Tha toil aig ceannard nan creidmheach bruidhinn riut, agus tha sin ’na chomharradh math leam.”
Lean Fetnah Mesrour as a’ phriosan a steach do sheomar an righ. Leig i i-fhein ’na sineadh air a bheulaobh, agus i ’sileadh nan deur gu frasach.
Cha d’ iarr an righ oirre eirigh, ach thuirt e, “Fhetnah, tha mi ’tuigsinn gu ’m bheil thu ’cur foirneart agus eucoir as mo leith-sa. Co am fear a tha ann an staid thruaigh, a dh’ aindeoin gach tlachd agus meas a bh’ aige dhiomsa? Innis dhomh gu saor soilleir. Tha fhios agad gu ’m bheil mi gu nadarra caoimhneil truacanta, agus gur e mo thlachd ceartas a dheanamh.”
Thuig Fetnah gu soilleir o na briathran so gu ’n cual’ an righ na thubhairt i; agus o’n a bha toil aice an cothrom math so a ghabhail gus a dhearbhadh gu ’n robh Ganem neo-chiontach, thuirt i, “A cheannaird nam fior chreidmheach, ma labhair mi briathran sam bith nach do chord ri bhur morachd, tha mi ’guidhe gu h-umhail oirbh gu ’n toir sibh dhomh mathanas. Ach is e Ganem, am mac mi-fhortanach aig Abou Aidhoub, marsanta a Damascus, an duine neo-chiontach, truagh mu ’m bheil sibh ag iarraidh fiosrachadh. Is esan a shabhail mi gu tearuinte o gach cunnart ’na thaigh. Feumaidh mi aideachadh gu ’n robh ’chuis coltach, gu ’n robh ’na bheachd, o’n cheud shealladh a chunnaic e dhiom, e-fhein a thoirt seachad gu buileach dhomh, agus gu ’n robh e ’smaoineachadh gu ’n tugainn-sa mo lamh agus mo chridhe dha. Thuig mi so o ’n doigh anns an robh e cho deas gus a h-uile toileachadh a thoirt dhomh, agus gach frithealadh air an saoileadh e am biodh feum agam. Ach cho luath ’s a chual’ e gu bu leibhse mi, thuirt e, “A bhain-tighearna, an ni a bhuineas do ’n mhaighstir, tha e ar a thoirmeasg do ’n seirbhiseach.” O ’n mhionaid ud chum e ris na briathran a labhair e, agus ghluais e e-fhein cho iomchuidh ’s a b’ urrainn a bhith. Ach air a shon sin, a cheannaird nam fior chreidmheach, tha lan fhios agaibh gu ’n d’ fheuch sibh anabarrach cruaidh ris, agus feumaidh sibh cunntas a thoirt seachad air a shon aig cathair breitheanais Dhe.”
Cha robh diumbadh sam bith aig an righ air Fetnah a chionn cho saor ’s a dh’ innis i a h-inntinn dha. “Ach am faod mi earbsa a chur anns a’ bharantas a thug thu dhomh air deadh bheus Ghanem?” ars’ an righ.
“Faodaidh gu dearbh,” arsa Fetnah. “Cha chumainn an fhirinn an cleith oirbh air son an t-saoghail. Agus mar dhearbhadh dhuibh gu ’m bheil mi ag innseadh na firinn, feumaidh mi aideachadh a dheanamh dhuibh, agus faodaidh e bhith nach cord e ribh. Ach tha mi roimh laimh ag iarraidh mathanais air bhur morachd.”
“Labhair, a nighean,” arsa Haroun Alraschid, “tha mi ’toirt mathanais dhut air chumhnanta nach cum thu rud sam bith an cleith orm.”
(Air a leantuinn air taobh 318).
[Vol . 9. No. 41. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, APRIL 12, 1901.
THA dòigheannan Uilleim, Iompaire na Gearmailt, aig an àm so a’ cur iomguin air a chuid iochdaran fein, ’s air muinntir na Roinn-Eòrpa air fad. Tha e ’deanamh ’s ag ràdh iomadh ni nach eil a’ nochdadh moran tuigse, agus tha fathunn a dol mu ’n cuairt gur e ’s coireach ri sin gu bheil e air a dhol car air aimhreit ’na inntinn. Tha e ’na dhuine an-fhoiseil, a tha gle throm air féin ann an obair, agus cha ’n eil e ach ann an droch shlàinte moran dhe ’n ùine. Tha na nithean sin, a reir an t-seanachais, an deigh inntinn a lagachadh ’sa chur beagan troimhe-chéile. Tha dòchas aig daoine nach eil an seanachas sin fior; ach feumar aideachadh gu bheil tomhas mor de choltas na firinn air.
THA ceannairc eile air bristeadh a mach ann an Sina. Ann am mor-roinnean Mongolia agus Shen Si tha mu aona mile deug saighdear, fo cheannardachd an t-Seanalair Tung Fu Sian, a’ cur rompa an teaghlach rioghail agus an riaghladh a chur á dreuchd. Thatar a’ deanamh a mach gu bheil lamh aig Prionnsa Tuan anns a’ ghnothuch, ged nach eil e-féin air lom fhathast. Tha a’ chuid sin de na Sineich a ghabhas orra fein labhairt, ag amharc air a cheannairc so mar ni mi-fhortanach, a chuireas call mor air an dùthaich. Ach cha ’n eil teachdairean nan rioghachdan Eòrpach ro-chùramach mu ’n chùis idir. Tha iad dhe ’n bharail na ’n robh an teaghlach rioghail as an rathad, gum biodh e gu math na b’ fhurasda dhaibhsan cùisean a réiteachadh na tha e aig an àm so.
THA Iapan a’ dol ’na cabhaig a thaobh mar a tha Ruisia ag obrachadh ann an Sina. Tha i a’ tuigsinn gu math gur e tha fa-near do Ruisia, ma ’s urrainn dhi a dheanamh, uachdaranachd fhaotainn dhi fein air a mhor chuid de Shina, agus ma theid sin leatha nach bi aig Iapan ’s aig na dùthchannan eile tha faisg air Sina ach an droch cheartas. Tha Iapan, uime sin, air son a casg mu ’n teid i tuilleadh us fad air adhart. Chuir i teachdaireachd gu St. Petersburg o chionn ghoirid, agus cha d’ fhuair i fios-freagairt a thaitinn rithe. Tha i nise ’n deigh teachdaireachd eile chur dh’ an àite cheudna, agus mur faigh i fios-freagairt a chòrdas rithe, tha i ’bagairt trioblaid a dheanamh. A reir coltais tha i faicinn gu bheil aice ri a còirichean féin a sheasamh an aghaidh Ruisia uair no uair-eigin, agus gur ann mar is luaithe ni i sin a’s fhearr. Cha ’n eil fhios nach eil i cuideachd a’ smaoineachadh gu bheil i na ’s cinntiche á cuideachadh fhaotainn o rioghachdan eile aig an àm so na bhitheadh i beagan bhliadhnaichean an deigh so.
THA luchd-àireamh an t-sluaigh a’ tòiseachadh air an obair, agus cha ’n fhada gus an taghail fear dhiubh air gach teaghlach ’san dùthaich. Tha àireamh mhor cheistean aca ri chur. Faodaidh cuid a bhi smaoineachadh gur ceistean gun fheum cuid dhiubh, ach tha iad uile airidh air freagairt. Tha moran fiosrachaidh a dhith air daoine thaobh na dùthcha agus an t-sluaigh nach gabh faotainn ma chumas cuid air ais pàirt de ’n fhiosrachadh a tha ’nan comas féin a thoirt seachad. ’S i a’ chomhairle bheireamaid air ar luchd-leughaidh iad a fhreagairt gach ceist a chuirear orra gu firinneach, soilleir, ged a b’e aon de na ceistean sin— “Am bheil thu pàigheadh a MHAC-TALLA?”
THA na Breatunnaich a sior chosnadh ann an Africa mu Dheas. Cha ’n eil de neart aig na Boerich na chuireas a’ bheag de thilleadh air arm tuilleadh, agus faodar a bhi ’g amharc a mach air son crioch na còmhstri an ùine ghearr. Tha DeWet fhathast a’ seasamh a mach, ach tha a luchd-leanmhuinn a fas na ’s gainne gach latha; tha moran dhiubh ’ga fhàgail ’sa toirt an dachaidhean orra. Chaidh Pietersburg—am baile anns an robh an “riaghladh” Boerach a tuineachadh o’n chaill iad Pretoria—a ghlacadh air an t-seachdain s’a chaidh. A bharrachd air am baile so a bhi na cheanna-bhaile aca, ’s ann a tha an rathad-iaruinn a tha ruith troimh ’n dùthaich a criochnachadh, agus tha a ghlacadh a’ cur an rathaid sin gu h-iomlan an lamhan nam Breatunnach.
Bais.
Ann an Gisla, Winslow, faisg air Milan, an Cuebec, air an treas latha deug dhe ’n Mhàrt, Coinneach Domhnullach, tri fichead us ceithir bliadhna deug a dh’ aois.
Air taobh an Iar Loch Ainslie, C. B., air an darna latha deug dhe ’n Mhàrt, Donnachadh Mac Aonghais, ceithir fichead us tri bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann an Lochabar, an Alba, ’sa bhliadhna 1818, agus nuair a bha e naodh bliadhna dh’ aois, thainig a phàrantan do Cheap Breatunn, agus shuidhich iad far an robh esan gu àm a bhàis. Bha e ’na eildear de ’n Eaglais Chleirich an coithional Loch Ainslie o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean, agus bidh fior ionndrain air. Dh’ fhàg e bantrach, triùir mhac agus coignear nighean. Bha e ro-mheasail anns a choimhearsnachd, agus bha sin air a nochdadh leis a chomhlan mor sluaigh a lean an giùlan dh’ ionnsuidh an àite ’s am bheil e nise ’na chadal deireannach a’ feitheamh ri trompaid na h-aiseiridh.
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Am Policy
a tha cordadh gu math ris gach seorsa dhaoine tha ’n Canada—am policy a tha air a sgriobhadh leis a
Confederation Life Association.
Is e so am Policy anns am bheil tearuinteachd. Cha ’n eil cumhachan teagmhach sam bith ann. Cha ’n eil ann ach gealltanas pàigheadh. Sgriobh gu ar luchd-gnothuich air son tuilleadh fiosrachaidh.
Earras $8 ,000,000. Urrasachadh an Greim $33 ,000,000.
F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.
Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 41. p. 5]
Naigheachdan.
Chaidh fear Eoseph Wood, saor soithich, a mharbhadh ann am Parrsboro Di-mairt s’a chaidh le tuiteam bhar clar-uachdair soithich a thatar a’ togail anns a phort sin.
’S i bhreth a thugadh ann an càs a’ Chuimeinich, gu bheil e air a chur fo urras gu ’n seas e aig a’ Chùirt Mhoir air a mhios s’a tighinn ma chuirear sin mar fhiachaibh air. Cha ’n eil an t-urras ach aotrom— $600 .00—agus tha e air a roinn eadar e-fhein agus dithis eile: e-fein $300 , agus an dithis eile $150 am fear.
Tha na Staidean, airson a criochan a mheudachadh, a’ feuchainn ri dha mo tri dh’ eileanan beaga anns na h-Innsean an Iar a cheannach o Denmarc. Tha Denmarc deònach an creic ach air chumhachan nach eil na Staidean deònach a ghabhail, agus tha riaghladh nan Stàidean a’ fàs feargach mu’n chùis. ’Se ’s dòcha, co-dhiu, gu ’n tig iad gu còrdadh mu ’n ruith moran ùine.
Tha an seana chònsachadh a thaobh ruith nan carbadan-iarruinn air tòiseachadh a rithist eadar bailtean Shidni agus Shidni Tuath. ’S e bonn na còmhstri an carbad a bhi ruith a mach ’sa stigh á Sidni Tuath, ’s mar sin a’ cur maille air Sidni. Tha Mr. Blair, co-dhiu, a’ gealltuinn na carbadan a ruith air an t-samhradh so air dhòigh a bheir làn riarachadh do mhuinntir an da bhaile. Tha sinn an dòchas gu ’m bi e ’na chomas a ghealladh a choilionadh.
Chaidh an soitheach-smùide bu mhotha chaidh a thogail riamh a chur air sàl ann am Belfast, an Eirinn, Dior-daoin s’a chaidh. Se ’s ainm dh’i an Celtic, agus tha i gu bhi ruith air an Atlantic. Giulainidh i 2,859 de luchd-turuis, agus luchd 3,600 tunna na ’s motha na an Oceania, an soitheach bu mhotha bha air cuan roimhe so. Bidh 335 de sgioba oirre. B’ ainmeil anGreat Eastern ’na latha féin, ach cha robh i ach gle bheag an coimeas ris an t-soitheach ùr so.
Chaidh luchd-riaghlaidh Halifacs gu dragh mor air an earrach so a feuchainn ri lagh ùr fhaotainn a thaobh creic deoch làidir anns a’ bhaile sin. Anns a bhill a rinn iad a dhealbh bha moran nithean a tha mi-laghail a reir an lagha th’ aca ’n dràsda, ri bhi air an deanamh laghail, agus bha gnothuichean gu bhi gu math aotrom air luchd nan taighean-òil. Ach ’nuair a rainig am bill so tigh na pàrlamaid, cha d’ fhuair e aoidheachd sam bith. Chaidh a thilgeadh a mach gun duine thogail guth air a thaobh. Bha iad ag amharc air mar cheum air ais.
Bha sabaid gu bhi ann an Glace Bay oidhche Di-ciaduin eadar Scott agus Martell, dithis dhaoine tha leantuinn na ceairde rinn Iain L. Sullivan cho ainmeil na latha féin. Bhatar ag innse dhaibh gu’n cuirte stad orra leis an lagh, ach bha iadsan a cur rompa dhol air adhart, lagh ann no as. Ach Di-ciaduin chaidh an glacadh ’s an ceangal ris an t-sith gu ceann bliadhna, agus chuir sin stad air an t-sabaid gu buileach. Tha am Bàillidh Burchell, agus comhairle a bhail’ ùir ri ’m moladh air son cho seasmhach ’sa bha iad anns a’ chùis. Bhiodh e na ni maslach a leithid a leigeil air adhart ann an Ceap Breatunn.
Tha pris a’ ghuail chruaidh air isleachadh anns na Staidean leth-dolair an tunna. Tha e nise creic o choig dolair gu coig gu leth, na prisean air an robhas gu chreic toiseach a gheamhraidh ’nuair a bha na meinnean nan tàmh.
Tha tuiltean mora aca ann an Maine air an t-seachdain so: an sneachd ag aiteabh anns na beanntan, agus an t-uisge tha tigh’nn uaithe ag at nan aibhnichean. Tha an deigh a’ bristeadh air na h-aibhnichean, agus tha moran dhrochaidean air an sguabadh air falbh leatha.
Chaidh an stor aig D. J. Moireastan, air an Abhainn a Tuath, a losgadh, o chionn ghoirid, leis gach bathar agus ni eile bha innte. Cha robh urrasachadh aona chuid air an stor no air a bhathar, agus tha an call mu mhile dolair. Cha ’n eil fhios ciamar a thòisich an teine.
Tha na bàtaichean a ruith an aiseig eadar an da Shidni o chionn còrr us seachdain. Tha an t-side blàth ach anabarrach fliuch, agus tha na sràidean ’s na ròidean neo-chumanta bog. Cha ’n eil teagamh nach eil lamh aig an deigh mhoir anns an t-side, mar is àbhaist mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna.
Ann an Tadousac, an Cuebec, bha bean Alasdair Terrlin, agus a coignear chloinne air am bàthadh air an Abhainn Saguenay maduinn Dior-daoin s’a chaidh. Bha an teaghlach a’ tighinn á àite os ceann Saguenay far an robh iad a’ cur seachad a gheamhraidh. Chaidh am bàta anns an robh iad thairis, agus cha d’ fhuair as le ’bheatha ach Terrlin ’na aonar.
Tha Hiram Donkin, a bha ’na ard-mhanager air na meinnean guail o chionn àireamh bhliadhnaichean, an deigh an dreuchd sin a leigeil dheth, agus tha fear Christopher Shields á Virginia air a chur ’na àite. Bidh moran duilich Mr. Donkin a bhi fàgail an àite. Bha e anabarrach measail aig na mèinneadairean ’s aig muinntir eile. Tha e ’dol a dh’ fhuireach ann am Montreal.
Cha’n eil e suidhichte fhathast càite ’m bheilear ri tòiseachadh air togail shoithichean. A reir aon sgeul bha Halifacs air a shònrachadh, agus a reir sgeul eile ’s ann an Sidni a bhios na h-obraichean air an cur suas. Tha e gle choltach, co-dhiu, nach teid mor-ùine seachad gus am bi na h-obraichean air an suidheachadh an àit-eigin anns na Roinnean Iochdrach, agus ’nuair a bhitheas ni iad feum mor do ’n dùthaich air fad, cha ’n ann a mhàin do ’n phort anns am bi iad. Mar sin faodar leigeil leothasan a tha ’n ceann a ghnothuich an t-àite ’s roghnaiche leotha fein a thaghadh.
Tha sgeula muladach a’ tigh’nn as an àirde ’n ear a thaobh sgioba soithich a dh’ fhalbh á Nobha Scotia ’s an fhoghar ’sa chaidh, ’sa bha air a bristeadh astar shia latha bho Mhanilla. Bha àireamh dhe’n sgioba air ràth fad da fhichead latha ’sa dha an deigh do ’n t-soitheach bristeadh. An ceann treis a dh’ ùine chaidh iad uile as an rian leis an acras ’s leis a’ phadhadh, agus thòisich iad air marbhadh ’s air ithe cach a chéile. Bha da dhuine dheug air an ràth an toiseach, ach cha d’ rainig tir beò ach an dithis, Suaineach agus Spàinnteach. Chaidh an ràth air tir leotha so faisg air Borneo, agus chuireadh á sin iad air bord soithich gu Singapore anns na h Innsean.
Cha ’n eil sinn cruaidh ort!
Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10—bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15—tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.
H . H. Sutherland & Co.
Bathar Cruaidh
Tha sinn a’ cumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.
So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman a’s fhearr.
Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.
Mar an ceudna—
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.
F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.
[Vol . 9. No. 41. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 315).
“Gle cheart, ma ta,” arsa Fetnah, “ceadaichibh dhomh innseadh dhuibh gu ’n do ghabh mi tlachd mhor dheth air son cho modhail ’s cho measail ’s a bha e anns gach doigh, agus mar an ceudna air son a liuthad gniomh math a rinn e dhomh. Chaidh mi na b’ fhaide na so; tha sibh fhein a’ tuigsinn gu ’m bheil an gaol a’ deanamh ain-tighearnas air daoine. Dh’ fhairich mi gluasdan a’ ghaoil ag eirigh suas ann am ’chridhe. Thug esan an aire gu ’n robh mi anns an staid so, agus an aite cothrom a ghabhail air m’ anmhuinneachd, agus a dh’ aindeoin a’ ghaoil a bh’ aige orm, sheas e gu daingean ri ’dhleasdanas dhuibhse; agus ged a bha e ann an trom ghaoil orm, theireadh e an comhnuidh, “An rud a bhuineas do ’n mhaighstir, tha e air a thoirmeasg do ’n t-seirbhiseach.”
Dh’ fhaodadh an aidmheil shaor so iomadh duine eile a chur ann an corruich mhoir; ach is ann a chiuinich e inntinn an righ gu buileach. Dh’ aithn e dhi eirigh, agus suidhe ri thaobh. “Innis dhomh do naigheachd o thoiseach gu deireadh,” ars’ esan.
Rinn i so gu h-ordail pongail; ach thuirt i cho beag ’s a b’ urrainn i mu dheidhinn na rinn Sobaide oirre. Ach thug i dha lan chunntas air gach urram agus caoimhneas a nochd Ganem dhi; na rinn e de chosgais air a son. Agus os cionn gach rud eile, mhol i gu mor e air son cho faicleach agus cho glic ’s a bha e. Bha i mar so a’ feuchainn ri thoirt air an righ a thuigsinn gu ’m b’ eiginn di fuireach am falach anns an taigh aig Ganem air eagal gu ’m faigheadh Sobaide fios gu ’n robh i beo. Mu dheireadh dh’ innis i do ’n righ mar a theich Ganem as an taigh, agus gur i fhein a chuir ’na cheann an doigh leis an d’ fhuair e teicheadh, air eagal gu ’n tuiteadh a throm chorruich air.
An uair a chuir i crioch air na bh’ aice ri innseadh, thuirt an righ rithe, “Tha mi ’creidsinn a h-uile facal a dh’ innis thu dhomh; ach c’ar son a bha thu cho fada gun fios a leigeadh ugam? An robh aobhar sam bith agad gun fios a leigeadh do m’ ionnsuidh c’ait’ an robh thu?
“A Cheannaird nam fior chreid mheach,” arsa Fetnah, “b’ ainneamh le Ganem a dhol am mach as an taigh aig an am ud, agus cha ruig e leas ioghnadh a chur oirbh ged nach robh sinn air a’ cheud fheadhainn a chuala gu ’n do thill sibh. A bharrachd air so, ged a sgriobh mise litir gu Nouron Nihar, bha Ganem uine mhor a’ feuchainn ris an litir a chur ’na laimh mu ’n d’ fhuair e an cothrom air sin a dheanamh.”
“Tha sin gu leor, Fetnah,” ars’ an righ. “Tha mi ag aideachadh gu ’m bheil mi ciontach, agus bu gle thoigh leam cuisean a chur ceart, le iomadh fabhar a nochdadh do ’n mharsanta og a Damascus. Smaoinich fhein, ma ta, ciod is coir dhomh a dheanamh air a shon. Iarr rud sam bith a smaoinicheas tu, agus bheir mise seachad e.”
An uair a chuala Fetnah mar a labhair an righ, leig i i-fhein ’na sineadh aig a chasan, agus a h-aghaidh air an lar. Agus an uair a dh’ eirich i, thuirt i, “A Cheannaird nam fior chreidmheach, an deigh dhomh taing a thoirt do bhur morachd air son Ghanem, tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu ’n toir sibh fa near fios a chur air feadh bhur rioghachdan gu leir, gu ’m bheil sibh a’ toirt mathanas do mhac Abou Aidhoub, agus gu ’m bheil e sabhailte dha tighinn far am bheil sibh.”
“Ni mi na ’s mo na sin ris,” ars’ an righ; “mar thuarasdal a chionn gu ’n do shabhail e do bheatha, agus air son na h-urram a nochd e dhomh; gus an call a dh’ fhuiling e a chur ’na aite fhein, agus, a dh’ aon fhacal, gus an cron a rinn mi d’ a theaghlach a chur ceart, tha mi ’ga thoirt dhutsa mar d’ fhear-posda.”
Is gann gu ’m b’ urrainn Fetnah briathran freagarrach fhaotainn gus a taingealachd do ’n righ air son a chaoimhneis a chur an ceill. ’Na dheigh sin chaidh i do ’n seomar anns am bu ghnath leatha ’bhith mu ’n do thachair na tubaistean muladach ud dhi. Bha ’n t-innsreadh ann mar a bha e roimhe. Cha d’ thugadh dad as. Ach b’ e an rud a thug toileachadh mor dhi gu ’n robh na cisteachan agus na pacannan bathair a bhuineadh do Ghanem far an do chuir Mesrour iad.
(Ri leantuinn.)
LITIR A LOCH KATRINE.
A CHARAID IONMHUINN, —Cha ’n fhaca mi facal as an àite so anns a MHAC-TALLA o’n thòisich e air tighinn do ’r n-ionnsuidh. Tha e cur beagan tàmailt orm nach ’eil aon do shliochd nan gaisgeach a thainig á tir nam beann agus a thuinich mu ’n Loch bho cheann tri fichead bliadhna a toirt ionnsuidh air beagan a sgriobhadh, agus air an aobhar sin bheir mi dhut e mar is fhearr ’us urrainn dhomh. Dh’ fhaodainn iomradh a thoirt air moran nithean a tha tachairt an so, ach foghnaidh dhomh beagan innseadh mu chruinneachadh a bha anns an taigh-sgoil an oidhche roimhe, ris an can iad ’sa Bheurla concert, air son airgiod a chur cruinn gu nithean feumail mu thimchioll a mhanse anns a bheil an t-Urr. A. I. Domhnullach a tàmh, a cheannach. Chruinnich moran sluaigh; agus bha moran do ’n oigridh a gabhail iongantais c’ar son a bha cuirtearan air an crochadh an ceann an taigh-sgoil. Ach mu dheireadh dh’ fhosgladh am brat-sgaol agus an sin bha ainnir òg, àluinn na suidhe aig organ agus corr us fichead do ghillean us do nionagan nan seasamh deas gu tòiseachadh air seinn. Chaidh an sanas a thoirt—chaidh an t-òran a sheinn—agus ged nach ’eil mi fhein ro eolach air na
AODAICHEAN DEANTE
COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
BRATAN EACH
Tha stoc iomlan dhiubh againn, agus air prisean a tha ceart.
Bein Shleigheachan
anns na seorsachan a leanas: Musk Ox,Gobhar Dubh, Gobhar Glas, Wombat, agus bian ainmeil anSaskatchewan Buffalo.
F . Falconer & Son,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean,
SIDNI, C. B.
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boidheach
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
[Vol . 9. No. 41. p. 7]
h-òrain Bheurla a bh’ aca, dh’ aithnich mi gun do chord an t-seinn gu math ris a chuideachd leis an othail a rinn iad nuair a chaidh am brat a leagail. Bha D. C. Domhnullach agus Anna a phiuthar air an gairm an sin gu ceol air an fhidheil us air an organ, agus gu dearbh ’s math a thig i dhalbh; cha ruigeadh iad a leas nàire a bhith orra cluich an làthair Righ Eideard VII. Bha ’n sin comhradh(dialogue)ann eadar triùir ghillean agus aon nighean a thug moran spors do ’n oigridh. Chaidh an oidhche chuir seachad mar sin gu toilichte, a seinn orain Shasunnach, orain Gheancach, agus orain dhaoine dubha; ach bha sinn ag ionndrainn nach robh oran Albannach no Gàilig ann air fad. Tha mi creidsinn gu ’m bi iad ag radh gu bheil mi iongantach agus nach aithnich mi òran math nuair a chluinneas mi e, ach tha mi an dochas gun gabh iad mo leithsgeul ma their mi gu ’m b’ fhearr leam a bhi ’g eisdeachd Mairi Dhomhnuill Mhic Ruaraidh a seinn Oran a Phrionnsa, le Mac Mhaighstir Alasdair, no na chuala mi a dh’ òrain fad na h-oidhche. Is mi do charaid dìleas
T.
Loch Katrine, siorrachd Antigonish.
LITIR A CEAP NOR.
GED is minic a bhiodh moran sneachda tuiteam ’s an aite so ’s na bliadhnaichean a dh’ aom, cha do thuit air a gheamhradh so ach na bha sinn a meas feumail dhuinn, gu leor air son deadh rathaidean gach taobh. Ach ann amPleasant Bay,beagan mhiltean an iar thuath air an aite so, agus far nach b’ abhaist ach beagan sneachda tuiteam, thuit aireamh throidhean ’an uine ghoirid air a gheamhradh so, air chor ’s gu ’n robh an sluagh air an sàrachadh mun d’ fhuair iad na rathaidean a bhriseadh. Tha mar an ceudna biadh spreidhe gle ghann aca, agus o nach ’eil doigh aca air sin a’ leasachadh tha e gle choltach gu ’m bi earrann dhiubh air an call. Saoilidh mi nach bi gainne air spreidh an aite so, ged chaidh roinn mhor feur agus coirce a reic ri sluagh Ingonish agus Acarsaid Neill o thainig an geamhradh a stigh.
Cha robh an grip riamh cho dona an taobh so sa tha e ’m bliadhna. A bharr air sin fhuair cuid an sarachadh leis an droch thinneas pneumonia. Air an t-seachduin s’a chaidh chuireadh Coinneach Mac Fhionghain, a bha car uine ’an trioblaid inntinn, air falbh gu Halifax agus e air dol as a rian. Bu duine stòlda riamh e, agus aon de ’n fheadhain mu dheireadh a shaoilte a thigeadh gu bhi ’s an t-suidheachadh dheuchainneach ud. Tha ’theaghlach lag air am fagail ’n a dheigh ’s an dachaidh, ach tha sinn uile ’an dochas nach teid moran uine seachad gus an tig e air ais d’an ionnsuidh gu slan fallainn, araon am bodhaig ’s an inntinn. Is iongantach na beachdan a gheibhear cuid ag altrum a thaobh muinntir a chailleas an rian. Tha cuid ’s an t-saoghal a tha ’m barail gu bheil e eucomasach do neach sam bith dol as a cheann gun Satan a bhi ’n deigh tomhas neo-ghnathach do lamh-an-uachdar fhaotuinn air. An urrainn beachd a bhi ni ’s mearachdaiche? Nach ’eil cunntas againn air cuid a bha comharraichte mar chriosdaidhean a chaidh mar so as an ceann, agus a fhuair bas anns an t-siudheachadh sin mar an ceudna? Nach robh gach aon dhiubh sud cho sabhailte aig uair a bhais ’s ged nach biodh ni air tigh’n cearr ri’n inntinnean riamh? Nach ’eil deadh aobhar againn a bhi creidsinn nach ’eil ni olc a dh’ fhaodas an criosdaidh a radh no dheanamh am feadh a tha e as a rian ri bhi air an cur as a leth? Nach faodar gu cothromach a radh m’an timchioll, “Cha ’n iadsan ni ’s mo a tha deanamh so, ach an trioblaid no ’n tinneas a tha gabhail comhnaidh annta?” Ach an deigh gach ni bheir sinn tomhas do rùm do ’n bheachd gu bheil Sàtan a cur cuid as an rian, ach ma tha, ’s tric a tha sin a tachairt a chionn iad a bhi air a’ chomhairle mar nach ruigeadh iad a leas. ’S tric a tha misgearan agus mòran eile ’dol as an rian le bhi dluth leantuinn ri ’n ana-miannan, agus sin gun Sàtan a dhol gu spairn chruaidh sam bith a chum an tarruing a dh’ ionnsuidh an t-suidheachaidh dhoilghiosach sin.
Bu mhath do’n t-saoghal mur biodh daoine cho ro lionmhor ann a tha gu mor ni’s mo fo stiuradh Shàtain na aon dhiubhsan a chaill an ciall. Na ’m feumadh iad sin dealachadh ris an t-saoghal gun dàil ’s i mo bharail gur e àireamh ro thearc do luchd malairt dibhe laidir a rachadh fhagail air uachdar; bhiodh iad air an sguabadh bharr aghaidh na talmhainn a dh’ ionnsuidh an ionaid sin ’s am bheil na mìltean dhiubhsan a rinn iad féin a chur gu truaighe neo-chriochnach.
Ceap Nor, Mart 30. M. D.
INNSRIDH TAIGHE ’S BRAT-URLAIR.
THA SINN A’ CREIC
Paipearan Balla Geancach
Dhe gach searsa. Cuiridh sinn
Taighean nan lan Uidheam
FAIC AN DESK-SGOILE UR LEIS AN T-SUIDHEACHAN-LUTHAIDH.
GORDON & KEITH,
SRAID SHEARLOT.
A . T. GRANND, Manager.
Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
SANAS.
THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc,. etc.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.
DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 41. p. 8]
Tha na Gillean Grinn fo ’n Armaibh.
Oran do Niall Caimbeul, fear Dhun-Stathinnis, le Seumas Caimbeul, an I-Chaluim-Chille.
LUINNEAG.
Tha na gillean grinn fo ’n armaibh,
’S gur bòidheach leam fhin
’Thig an t-aodach dearg dhaibh.
Biomaid sunndach, eutrom,
Seinneamaid gu h-éibhinn
Cliu an fhiurain ghleusda
Dh’ am beus a bhith ri armachd.
’S e mo rùn-sa marcaich’,
Nan each cruitheach tart’rach;
Ni thu ’n t-òr a sgapadh
Anns na bailtean margaidh.
Nuair rachadh tu ’mharcachd
A’ d’ dhiollaid mar chleachd thu,
B’ e do mhiann ’s do thaitneas
Each aigeannach, meanmnach.
’Righ, gu ’m meal thu ’n oighreachd
A fhuair thu mar staoileadh
Dun-Stathinnis chaoimhneil
Ann am boinn neo-chearbaich.
Do shuil mar an dearcan,
’S do dheud mar a chailce;
’S i do cheile leapa
’Fhuair am mairist’ ainmeil.
Do chridhe mar dhaoimean,
No mar reul ’san oidhche,
No mar ghréin gu caoimhneil
A boillsgeadh ’san anmoch.
’S e mo dhòchas cridh’ -sa
Gu ’n dean t’ oighre cìnntinn;
B’ aighearach leam fhin sud
’S leis na ni ort leanmhuinn.
Tha cuid a seinn na luinnig mar so:—
Tha na gillean grinn
Fo ’n cuid armachd,
’S gur bòidheach leam fhin
’Thig an t-aodach dearg dhaibh.
Mac-Neachdainn an Duin.
Tha an oidhche ’nochd fuar,
’S och, mo thruaighe! gur fad i;
Ged tha càch na ’n sior shuain,
’S beag mo luaidh-sa air cadal.
Cha ’n e giorrad mo ruim,
’S cha ’n e cuingead mo leapa,
Ach fear òg a chùil duinn
’Chuir an truim’ so air m’ aigneadh.
Gu ’n do bhruadair mi ’n raoir,
Thus’, a ghaoil, a bhith agam
Ann an leaba chaoin, mhìn,
Is tu sìnt’ ann am ghlacaibh.
Ach nuair thionndaidh mi ’nùnn
Bha do rum-sa fuar, falamh;
Thainig snigh’ air mo shùil,
’S b’ fhad’, a rùin, thu á m’ shealladh.
’Dheagh Mhic-Neachdainn o ’n Dùn
Is o thùr nan ard bhaideal,
B’ fhad’ a dh’ aithnichinn do chùl
’Dìreadh stùc agus chreachann,
Le do ghille ’s le d’ chù,
’S le d’ cheum lùthar mar ghaisgeach,
’S le do chuilbheir caol, ùr,
’S e nach diultadh dhuit sradag.
’S math thig boineid ghorm, ùr
Air do chùl boidheach, dathte,
’S math thig dag dhuit is sgiath,
’S claidheabh giar, guineach, sgaiteach.
Leam bu mhìllse do phòg
Na mil shòghail nam beachan;
Is na ùbhlan nan craobh
Gu ’m bu chaoine leam t’ anail.
’N cuala sibhse bean riamh
’Chaill a ciall mu ceud leannan;
Mur a h-innis mi breug,
’S i mi-féin an diu ’bhean ud.
’S iomadh bàt’ agus long
Tha le fonn a dol thairis
Eadar Eirinn an t-slòigh
’S dùthaich bhòidheach Mhic-Cailein.
Nam biodh fios aig mo ghràdh
Mar a tha mi ga ’acain,
Bhiodh e ’nall, tha mi ’n dùil,
An gearr ùine gu m’ fhaicinn.
’The ’thug bhuamsa m’ fhear féin,
’S a chuir creuchdan fo m’ aisnibh,
’Chaoidh nior fhaicear ort bréid
Latha féille no clachain.
Is nior fhaicear do chlann
Dol do theampull a bhaistidh;
Ach ga ’n cur anns an uaigh,
’S tu bhith buan dheth gun mhac leat.
Biodh leac shleamhainn ri d’ bhonn,
’S talamh tolltach fo d’ chasaibh,
’S boinne snighe fliuch, fuar
Tigh’nn mu bhruachaibh do leapa.
Mur a bhith do dhroch bheus
B’ oil leam fein sud a thachairt;
Oir, ged ’s cruaidh e ri ràdh,
’S i ’n aon mhàthair a bh’ againn.
Tha an oidhche ’nochd fuar,
’S och, mo thruaighe! gur fad i;
Ged tha càch na ’n sior shuain
’S beag mo luaidh-sa air cadal.
Bha triùir nighean aig Sir Seumas Caimbeul, triath Airdchonaghlais. Bha Iain Mac-Neachdainn an Dundàraimh a dol a phòsadh na te a b’ òige. Chuireadh an daorach ’s an dallanach air air latha na bainnse agus phòsadh e ris an nighinn bu shine. Thug e leis dhachaidh i, agus bha mac aige rithe. Goirid an déidh do ’n mhac so tighinn theich e do dh-Eirinn leis an te a bha e ’g iarraidh a phòsadh. Is ann an sin a rinn a bhean aige ’n t-òran so. Greis an déidh do Mhac-Neachdainn a fàgail phòs Sir Seumas Mac-a- Léith i. Pheacaich a piuthar gu gràineil le ruith air falbh le Mac-Neachdainn; ach rinn ise gniomh maslach an uair a thug i Mac-Neachdainn bho a piuthair, agus cha b’ iongantach leinn god a fhuair i aobhar air deoir. B’ fhearr dhi gu mor a droch rùintean a chur fo cois na ’n cur mar ghuidheachan na ’h-oran.
Guidhe a Gheocaire.
Nam faighinn-sa m’ iarrtas,
B’ e mo mhiann air an uair so
Cruachan-Beann ’bhith na ’ghruthaim
Is Loch-Odha na uachdar,
Is gach gleann a tha làmh-ris
Bhith làn blàth bhainne buaile.
Cha bhiodh cùram gum bàtht’ sinn
Nam bu bhlàthach bu chuan duinn.
O, b’ éibhinn an t-aran
Is stràic thairis de ’n ìm air!
Bhiodh taoibh dhìonach a’ m’ bhàta
De bhuntàta math suaite;
Druim dìreach de dh-aran,
Is rol mharag mu ’n cuairt air:
Bhiodh a tobhta de chabhraich,
’S bhiodh an dram ’dol mu’n cuairt innt’;
’S mi gun iomaireadh gu làidir,
Is raimh chàis’ air a gualainn.
O, b’ éibhinn an t-aran,
Is stràic thairis de ’n ìm air!
AMY MHORAIDH.
Feasgair de dh’ Orain Albannach
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Ciamar tha do Shuilean?
Ni an Suileadair againne gloinneachan a fhreagrairt ort air an teid sinn an urras.
Cha bhi cosguis sam bith ann dhut do shuilean fheuchainn aig
Bezanson .
An togalach Hanington,
Sraid Shearlot, Sidni.
BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.
So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90
Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.
Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 41 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 41. %p |
parent text | Volume 9 |