[Vol . 9. No. 42. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 19, 1901. No. 42.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna.
Le Iain.
CAIB. XX.
“MA ’S MATH LEAT DO MHOLADH, FAIGH BAS:
MA ’S MATH LEAT DO CHAINEADH, POS.”
THA ’N seanfhacal so a’ dearbhadh gu soilleir dhuinn gu ’n robh e mar chleachdadh anns an t-seann aimsir a bhith comharrachadh am mach gach cron a bhiodh ann an daoine an àm dhaibh a bhith dol a phòsadh. Ged a tha ’n cleachdadh so sean agus fad o bhith ceart, tha e fhathast cho cumanta am measg dhaoine ’s a bha e riamh.
An uair a phòs Teàrlach ruadh agus nighean a’ mhaoir, fhuair iad an cuid fhein dhe ’n dimoladh a bhiodh an leithidean a’ faotainn. Ma bha dad cearr ri radh ris na daoine o’n d’ thainig iad taobh air thaobh, bha e air aithris gu follaiseach o cheann gu ceann dhe ’n dùthaich. Ged nach robh mòran eòlais aig daoine mu dheidhinn an teaghlaich o’n d’ thainig am maor agus a bhean, bha gu leòr ri radh mu ’n deidhinn fhein. Fhuaradh am mach mu dheidhinn a h-uile car a bha e cur dheth mu ’n d’ thainig e do ’n dùthaich. Agus mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, bha gach naigheachd a bh’ air a h-aithris m’ a dheidhinn mòran na bu mhiosa na ruigeadh i leas. An uair a bhios daoine ag innseadh naigheachdan, cuiridh gach aon a char fhein annta, agus, mar is trice, cha ’n e an car ceart a chuireas iad annta. Ach ged a bha na naigheachdan a bha am marsanta-paca ag innseadh mu dheidhinn a’ mhaoir olc ann an sealladh an t-sluaigh, cha robh iad a leith cho olc ’nan sealladh ’sa bha na chual’ iad mu thimchioll mar a bha e fhein agus a theaghlach a’ cumail aca nan aodaichean a chuir bean an Uachdarain dhachaidh thun nan daoine bochda. Ged a bha ’n gnothach maslach easonarach so air a chumail an cleith car ùine, thainig e gu follais aig àm na bainnse. Ach ged a bha na h-uile ’bruidhinn air, bha eagal orra gu ’n cluinneadh am maor agus a chàirdean gu ’n robh iad ag radh facal m’ a dheidhinn. Cha robh fhios aca nach fheuchadh e fhein agus am baillidh ri dioghaltas a dheanamh orra.
Cha b’ ann mu dheidhinn Theàrlaich bu lugha bha ’n sluagh a’ deanamh de bhruidhinn. Spaideil ’s mar a bha e le ’bhùthaidh mhòir, cha robh de shùim aige dhe ’athair na chuir deise dhe ’n aodach air leis an rachadh e thun na bainnse; agus chuir so ioghnadh air gu leor. Ged a bha ’athair car diùid gu nàdarra, bu duine modhail, cùin a bh’ ann do ’m b’ aithne e fhein a ghiùlan iomchuidh gu leòr aig bòrd sam bith.
Beag air bheag sguir an sluagh dhe ’n bhruidhinn ’s dhe ’n mhonobar a bha ’nam measg agus bha dùil aig daoine gu ’n rachadh cùisean bàs, agus nach biodh guth gu bràth tuilleadh orra. Agus na ’n robh teaghlach a’ mhaoir iad fhein air a bhith glic, faicleach ’na dheigh sid, bha gnothaichean air a bhith na b’ fhearr na bha iad air a’ cheann mu dheireadh.
Fhad ’sa bha eagal air a’ mhaor agus air a theaghlach gu ’n cluinneadh an t-Uachdaran agus a bhean na naigheachdan a bha air an aithris mu ’n deidhinn, bha iad anabarrach ciùin, caoimhneil, beulach, brosgalach ris gach duine. Ach an ceann bliadhna no dhà, an uair a shaoil iad gu ’n deachaidh a h-uile aobhar bruidhne a bha aig an t-sluagh gu buileach air dichuimhn, thòisich iad ri fàs cho neo-ar-thaingeil, agus cho mòr asda fhein ’s a bha iad riamh. O nach robh am baillidh a’ tighinn do ’n dùthaich ach uair ’s a’ bhliadhna ’thogail a’ mhàil, bha riaghladh na h-oighreachd ann an tomhas mòr ann an lamhan a’ mhaoir. Agus an uair a thigeadh am baillidh do ’n dùthaich, bhiodh aige ri iomadh cùis a réiteachadh, agus ri iomadh atharrachadh a dheanamh mu ’m falbhadh e. Mar a bha nàdarra gu leòr, chuireadh am baillidh a chomhairle ris a’ mhaor, o’n a b’ ann aige a b’ fhearr a bha fios air suidheachadh na dùthchadh, agus air na h-aobhair air son am biodh e feumail atharrachadh a dheanamh air suidheachadh cuid dhe ’n tuath. Agus ciod sam bith comhairle a bheireadh am maor air a’ bhaillidh, ghabhadh am baillidh gu toileach uaith’ i. Cha robh facal Gailig aig a’ bhaillidh, agus an uair a bhiodh eadar-theangachadh ri dheanamh, b’ e am maor an t-eadar-theangair. Ged a bha fear is fear ann a thuigeadh Beurla gle mhath, agus a bheireadh an aire nach robh an t-eadar-theangachadh a bha am maor a’ deanamh ceart no cothromach, cha bu dàna leotha am beoil fhosgladh ris a’ mhaor no ris a’ bhaillidh. An uair a dh’ aithnicheadh am maor ’s am baillidh nach robh an sluagh glé riaraichte leis na nithean a bhiodh iad a’ deanamh, theireadh iad nach robh iad ach a’ deanamh mar a bha ’n t-Uachdaran ag iarraidh orra. Ach cha robh iad ag innseadh na firinn. Bha ’n t-Uachdaran a’ fàgail riagladh na dùthchadh ann an lamhan a’ bhaillidh agus a’ mhaoir. Bha e ’n dùil gu ’m bu daoine iad a dheanadh ceartas eadar duine agus duine, agus a bheireadh misneach do gach duine bochd, lapach a bhiodh air thuar tuiteam bhar a chas le mi-fhortan agus le trioblaidean an t-saoghail. Mar is minic a rinn iomadh fear dhe ’sheorsa, rinn e gnothach cearbach an uair a dh’ earb e riaghladh na h-oighreachd gu buileach ri luchd dreuchd.
Ged a bha am maor a leigeadh air nach robh e cur sùim sam bith anns na bha daoine ag radh m’ a dheidhinn, bha e aig a’ cheart àm a’ dealbh innleachdan cuilbheairteach leis an rachadh aige air dioghaltas a dheanamh air gach aon air am faigheadh e cothrom. B’ e, “dioghlaidh coireach no neo-choireach,” a’ phuing a b’ àirde a bh’ anns a’ chreud aige ’san àm ud. Cha robh e fhein falamh dhe ’n droch nàdar, agus bha na càirdean ’ga bhrosnachadh gu mòr leis na bha iad a’ toirt de naigheachdan a dh’ ionnsuidh a chluasan. Gus a dhroch innleachdan a chur air am bonn cho math ’s a ghabhadh deanamh, bha luchd feall-fholach aige ’mach air feadh na dùthchadh. Bha fhios aige gu ’m biodh iomadh naigheachd air an aithris anns a’ mhuillean, anns a’ cheardaich, ann an taigh a’ ghreusaiche, ann an taigh an t-saoir, anns a’ bhuthaidh aig Teàrlach ruadh, agus anns gach àite anns am bu ghnàth le muinntir nam bailtean a bhith ’cruinneachadh an àm dhaibh a bhith ri nàbachd; agus cha robh facal a theirteadh mu dheidhinn fhein ’s m’ a chàirdean nach innseadh an luchd feall-fholach dha. Mar so fhuair e làn fhios cò iad a bha air a thaobh agus cò iad nach robh. Bha mòran ann nach abradh aon fhacal air a thaobh no ’na aghaidh; oir bha de ghliocas annta na chumadh am beòil dùinte an uair a chluinneadh iad feadhainn eile ’labhairt le suarachas mu’n dol am mach a bh’ aige. Bha fhios aca so gu ’n tigeadh an t-olc gu follais luath no mall, agus gu ’n robh neach ann a bha do ghnàth a’ toirt fa near gach ni diomhair a bha ’dol air aghart am measg dhaoine air an talamh.
(Ri leantuinn.)
Tamhaisg.
LE IAIN MAC PHAIDEIN, AN GLASACHO.
CIOD iad? no co as tha tamhaisg? Tha na ceisdean so ni ’s fhasa am farraid na tha e am freagairt. Ach co-dhiù, tha na tamhaisg daonnan maille ruinn. Cha ’n ’eil sluagh fo ’n ghréin, air am bheil iomradh no eòlas sam bith againn, nach ’eil a creidsinn agus a géileachdainn ann an tomhas mor do ’n neo-fhaicsinneach; agus ged a dh’ fheumar aideachadh gur a h-iomadh ni a chuir eagal air iomadh neach, agus a shaoil iad a bhith mi-nàdurra, a ghabhas mineachadh agus tuigsinn, agus ’n uair a chuigear iad chitear gu ’m bheil iad nàdurra gu leòir.
Bidh na Goill a tilgeadh air na Gàidheil gu ’m bheil iadsan tuilleadh ’sa chòir gisreagach, ach tha na Goill iad fein a chearta cho gisreagach ris na Gàidheil, mur a bheil ni ’s miosa. Co dhiu, cha chuala mise riamh o Ghàidheal naigheachd cho fiadhaich ri naigheachd a chuala mi uair is uair o h-aon no dha de mhuinntir Dhumfris. Tha naigheachd acasan a tha ’g ràdh, an uair a shiubhail an duine fuilteach sin, Grearson an Lag(Grearson of Lag) ,air an cuala gach neach do ’n aithne eachdraidh nan Cùnnandach(Covenanters)iomradh. An uair a dh’ fhàg an anail an duine sin, dh’ fheumadh e a bhi air a thiodhlacadh coltach ri daoin’ eile. Ach ’n uair a chuir iad a chiste-mhairbh, anns an robh a chorp, air a charbad a bha gus a thoirt do ’n chladh, cho luath ’sa cheangail iad an t-each anns a charabad, thuit a bhrùid fuar, marbh. Dh’ fheuch iad each ’us each eile, gus am fac iad nach robh siud a dol a dheanadh math sam bith, a chionn bha gach each a tuiteam marbh cho luath ’s a rachadh e ’n greim anns a charabad.
Ach thachair gu ’n robh duine tapaidh anns a’ bhaile aig an àm, aig an robh dà òigeach (each òg), agus thuirt an duine so gu ’n tugadh esan an corp do ’n chladh, ged a robh e cho làn de na deamhain ’s a tha mhucag* do ’n fhras. Chuir e na h-òigeich an greim anns a charbad, ’s dh’ fhalbh an torradh; ach thainig eun mor dubh ni bu mhotha na fitheach, agus shuidh e air a
[Vol . 9. No. 42. p. 2]
chiste-mhairbh, agus cha d’ fhàg e sud gus an d’ ràinig iad cachladh a chlaidh, agus an sin chaidh an t-eun as an t-sealladh; agus thuit an dà òigeach fuar marbh air an làr. Ach co dhiù chaidh aig na daoine air a chorp a chuir fo ’n talamh. Agus ged a tha ceudan bliadhna o’n a thachair sud, bha iomadh neach beò anns an sgireachd ud, o chionn deich bliadhna fichead, a chunnaic spiriodagan teine a thiginn a mach á uaigh Fir na Lag.
Ach fhuair mi naigheachd eile o mhuinntir shiorramachd Inaràir, a tha gle choltach ri cuid de na naigheachdan a bha sinn eòlach air a bhi cluinntinn aig seann Ghàidheil, agus a tha nochdadh gu soilleir cho làidir ’sa tha sluagh na h-Alba anns a bheachd:
“Ged a dh’ iathar laimh mar laimh,
Cha d’ theid an t-aingidh as o chiont;”
agus gu ’n leanar aingidheachd nan athraichean air a chloinn. Thachair aig an àm ud, ann an eachdraidh ar dùthcha, an uair a bha na Cùnnantaich, mar a theirte riutha, air an ruagadh feadh monaidhean ’us choilltean na dùthcha, thachair gu ’n robh fear dhiubh air latha sonraichte a gabhail an rathaid seachad air tigh tuathanaich, agus bha e air fior dhroch càradh. Cha do bhlais e biadh fad dà latha agus aig an àm san robh e tighinn faisg air tigh an tuathanaich, bha e fo amhrus gu ’n robh na trupairean as a dheigh; ach chaidh e stigh do thigh an tuathanaich agus dh’ iarr e biadh: cha tugadh an tuathanach sud dha; dh’ iarr e deoch bhainne: cha tugte sud dha ni bu mhò; dh’ iarr e deoch dh’ an uisge, ’s chaidh sud a dhiùltadh dha cuideachd. Ghabh an Cùnnantach bochd a mach gu fann, acrach mar a bha e, ’s dh’ fhalbh e air a thurus na ’leum. Bha e air a ràdh gu ’m b’e ’n t-eagal, ’s nach b’e ’n spìochd, a b’ aobhar gu ’n do dhiult an tuathanach do ’n allabanach bhochd an rud a dh’ iarr e, a chionn, bha e, air reir an lagha aig an àm, cho dona do neach cupa de dh’ uisge fuar a thoirt do aon de na Cùnnantaich ’sa bhiodh e dha a bhi na Chùnnantach e fein. Ach biodh sin mar a thogras e. O’n latha ud air na dhiult e iarrtus an allabanaich thruaigh, gus an latha air an d’ fhàg e ’n saoghal, dh’ fhairlich air an tuathanach a phathadh fein a chasg; agus a bharrachd air a sin, lean am pathadh nach gabhadh casg na shliochd na dhéigh, ’s tha iad aithnichte do shluagh na dùthcha gus an latha ’n diugh. Bha mi eolach air neach fad moran bhliadhnachan, agus chuala mi e ’g innseadh uair is uair, gu ’n robh e féin ag obair air spealadh feoir aon bhliadhna còmhla ri h-aon deth na daoine so—sliochd an tuathanaich—agus gu ’n robh am pathadh nach gabhadh casg air an neach ud ann an tomhas trom. Bha soitheach uisge aige air gach ceann de ’n staogh. Cha b’ urrainn e an da staogh a thoirt a mach gun deoch a ghabhail.
Ach am measg nan tamhasg uile— ’s tha atharrachadh am measg nan tamhasg mar a tha ann am measg chreutairean feòlmhor— ’s e spiorad an duine bheò tamhasg is miosa, a chionn ged a chi thu spiorad a mhairbh, cha ’n ’eil ann ach sgàileadh nach dian coire sam bith ort, ach air an laimh eile, nan tachradh spiorad a bheò ort, dh’ fhaodadh e do dhroch ghiollachd a thoirt dhuit. Chuala mi iomadh uair mnathan a bachdadh agus a trod ri cloinn, a chionn a chlann a bhith a guidhe iad féin a bhith ann an àiteigin eile, seach an t-àite anns an robh iad. ’S e sin, nan abradh balach ann an éisdeachd a mhàthair—gu sònraichte anns an oidhche— “B’ fhearr leam gu ’n robh mi anns an àit’ ud no anns an àit’ ud eile.” Theireadh a mhàthair— “Bi sàmhach, a shlaoightire, c’ar son a bhios tu ’g ràdh leithid sin; dh’ fhaoidte gu ’m faic iad do thamhasg anns an àite sin anns am bheil thu guidhe a bhith.” Ach ma ’s fior na sgeòil, chaidh daoine fhaicinn ann an àiteachan anns nach robh iad gu ’n guidhe féin a bhith idir; cha b’ urrainn iad sin a dheanamh, a chionn cha b’ aithne dhaibh aig an àm na h-àiteachan anns am facas an tamhaisg.
Chaidh duine mor, briagha bhar tir-mor do h-aon de na h-eileanan an Iar, agus ghabh e fearann ann an sin. Chunnaic gille agus nighean òg an duine sin a dol mu ’n cuairt an àite bliadhnachan mu ’n do chuir e riamh a chas air an eilean. Cha b’ ann aig an aon àm no anns an aon àite a chunnaic an nighean agus an gille an duine; ach thogadh a h-aon sam bith dhe ’n dithis a làmh ann an cùirt an t-siorram, agus bheireadh iad a mionnan gu ’m faca iad e; agus cha bu duine e a ghabhte ann an àite duine eile, a chionn ’s ann ainneamh a bha leithid. Bha e na choltas sonruichte briagha: nan tachradh e air an t-sràid ort cha b’ urrainn thu gun sealltainn as a dheigh ’n uair a rachadh e seachad. Bha an nighean na banaraich aig a h-aon de dhaoine mora an eilean aig an àm, agus bha i tighinn a mach á tigh a bhainne air feasgar samhraidh ann an dol fodha na gréine, ’s chunnaic i ’n duine so a spaidsearachd air beulaobh an taighe, agus chaidh e stigh air an dorus mhor. Cha do chuir sud eagal no ioghnadh sam bith oirre, a chionn dh’ fhaodadh coigreach a bhi air tighinn ’dh’ ionnsuidh an taighe ’s a bhi air aoidheachd aig a maighstir, ’s gun fios a bhi aice-se air. Ach ’n uair a chaidh i stigh ’sa dh’ fheoraich i de a co-sheirbheisich de ’n duine mor, briagha a bha stigh, chaidh innse dhith nach robh coigreach idir a stigh no neach ach muinntir an taighe.
’S ann anns an fheasgar a chunnaic an gille e cuideachd, aig fang nan caorach. Bha ’n gille tighinn dhachaidh as a mhonadh, agus ’n uair a bha e dlùthachadh ris an fhang choinnich e duin’ nach d’ aithnich e, na sheasamh air taobh balla an fhaing, agus direach ’n uair a bha e gu bhi aige, ann am prioba na sùl chaidh an duine as an t-sealladh. ’S e ’n doigh anns an robh e na sheasamh: bha a dhà laimh air mullach a bhalla, agus e, mar gum b’ eadh, a sealltainn a stigh anns an fhang mar gu ’m biodh e a gabhail beachd air treud a bhiodh ann, ach cha robh creutair beò san fhang aig an àm. Cha do ghabh an gille eagal sam bith roimh ’n duine, mor ’s mar a bha e, fhad ’sa dh’ fhuirich e na shealladh, ach an uair a dh’ fhàg e ’shealladh cho luath agus cho miorbhuileach, ghabh an gille ’n t-eagal an sin ’s thug e chasan as cho luath ’sa bha na chomas. Ach thuirt e fein, agus an nighean cuideachd, cho luath ’sa chunnaic iad an duine anns a chollainn, gu ’m b’e sud an duine. Agus bha an nighean deich no dusan bliadhna na banaraich aige; agus ’s iomadh uair anns an ùine sin a chunnaic i a spaidseireachd air beul an taigh mhoir, anns a cheart dòigh anns am faca i e mu ’n robh e riamh ’san dùthaich.
Ann an àite eile chaidh boirionnach a mach as a tigh féin, agus chunnaic i boirionnach eile a dh’ aithnich i a dol a stigh do thigh a h-aon de na coimhearsnaich. Bha am boirionnach a chaidh a stigh do ’n tigh a fuireach mìltean o’n bhaile ud, agus leis gu ’n robh an t-anamoch ann smaointich an te a chunnaic a dol a stigh i nach fàgadh i ’m baile air an oidhch’ ud. Ach chuir e beagan neònachais oirre gur h-e sud tigh anns am fanadh i, a chionn bha dlùth charaid aice anns a’ bhaile agus a thigh gun a bhi fada as. Ach co dhiu, a dh’ fheuch an robh sgeul ùr aig a bhan-choigrich, chaidh am boirionnach a chunnaic a dol a stigh i a stigh as a deigh, ach an te a shaol i a bhi stigh cha robh i a stigh roimhpe, agus bha e dearbhte gu leòir nach robh i anns a bhaile ud air a bhliadhn’ ud.
Ach, co dhiu, b’e sud an tigh anns na chuir i seachad a chuid mu dheireadh deth a saoghal—thug i cho math ri deich no dusan bliadhna ann, agus ’s ann a shiubhail i—ged bu bheag dùil a bh’ aice fein no aig neach eile, air an fheasgar air am facas a tamhasg a dol a stigh ann, gu ’m biodh i gu bràth a comhnuidh ann.
A nis, cha robh dad sonraichte ann am beatha a bhoirionnaich ud, no ann am beatha an duine mhoir a dh’ ainmich mi cheana, a shaoileadh neach a bhi na aobhar air gu ’m faicte an tamhasg-san seach tamhasg neach eile anns an sgireachd. Cha robh iad dad ni b’ fhearr no ni bu mhiosa na ’n coimhearsnaich, agus an fheadhainn a chunnaic na tamhaisg aca, cha chuala mi gu ’m fac iad ni riamh, roimhe no na dhéigh, a chuir aona chuid ioghnadh na eagal orra.
(Ri leantuinn).
Sgeulachdan Arabianach.
Ganem.
CAIB. X.
AIR an ath latha thug Haroun Alraschid ordugh do Ghiafar fios a chur air feadh gach mor-roinn a bha fo ’riaghladh, gu ’n robh e ’toirt mathanais do Ghanem, mac Abou Aidhoub. Ach cha d’ rinn so feum sam bith, oir chaidh uine mhor seachad agus cha chualas guth no iomradh air Ganem. Bha Fetnah ’ga deanamh fhein cinnteach nach b’ urrainn e bhith beo as a h-aonais fhein. Dh’ fhas i anabarrach neo-fhoiseil ’na h-inntinn. Ach o ’n is e dochas an rud mu dheireadh a threigeas cridheachan dithis a th’ ann an gaol air a cheile, ghuidh i air an righ cead a thoirt dhi falbh air a thoir. Thug an righ an cead so dhi. Thug i leatha sporran anns an robh mile bonn oir, agus dh’ fhalbh i as an luchairt a’ marcachd air aon de mhuileidean an righ air an robh acfhuinn ro riomhach. Dh’ fhalbh dithis sheirbhiseach maille rithe, agus a lamh aig gach fear dhiubh air bun an earbaill aig a’ mhuileid.
Chaidh i o eaglais gu eaglais, agus i ’toirt deirce do na daoine bochda a bha fior dhiadhaidh, ag iarraidh orra ’bhith ’g urnuigh gu ’n soirbhicheadh gnothach air an robh sonas dithis an crochadh. Chuir i seachad an latha agus am mìle bonn oir le bhith ’toirt seachad deirce aig na h-eaglaisean, agus thill i do ’n luchairt anns an fheasgar.
Air an ath latha, thug i leatha sporran eile anns an robh mile bonn oir, agus dh’ fhalbh i ’marcachd air muileid mar a bha i an latha roimhe sid, agus chaidh i do ’n aite anns am bheil buithean nan orcheardan. Stad i aig an dorus gun tighinn bhar muin na muileid; chuir i fear dhe na seirbhisich a steach far an robh an t-ard mharsanta a dh’ iarraidh air tighinn am mach a bhruidhinn rithe. Bha ’n t-ard mharsanta ud ’na dhuine cho caranta ’s a bha beo, agus bha e ’toirt seachad an treas cuid dhe ’thighinn-a- staigh gus cuideachadh a dheanamh le coigrich bhochda, co dhiubh a thachradh dhaibh a bhith tinn no ann
[Vol . 9. No. 42. p. 3]
an eiginn. Dh’ aithnich e air an trusgan a bh’ air Fetnah gu’m buineadh i do ’n luchairt, agus cha do chum e moille sam bith oirre.
Chuir i an sporran ’na laimh, agus thuirt i ris, “Tha mi air tighinn far am bheil thu o ’n a tha thu ainmeil air feadh a’ bhaile air son do dhiadhachd. Is e mo mhiann gu ’n roinneadh tu an t-or so am measg nan coigreach bochda air am bheil thu ’deanamh fuasglaidh; oir tha fhios agam gu ’m bheil tlachd mor agad ann a bhith ’toirt cuideachaidh do choigrich bhochda a bhios ag iarraidh cuideachaidh ort. Tha fhios agam gu ’m bheil thu ’g an cumail o bhith ann an eis, agus nach ’eil rud sam bith a’s mo a bheir de thoileachadh dhut na cothrom fhaotainn air fuasgladh a thoirt do dhaoine bochda truagha.”
“A bhaintighearna,” ars’ esan, “bheir mise gu toilichte umhlachd do ’n aithne a thug sibh dhomh; ach ma tha toil agaibh carantas a nochdadh le bhur laimh fhein, agus ma ’s e bhur toil a dhol a steach do m’ thaigh-sa, chi sibh ann dithis bhoirionnach aig am bheil feum mor gu ’n gabhadh sibh truas dhiubh. Thachair iad rium an de an uair a bha iad a’ tighinn do ’n bhaile. Bha iad ann an suidheachadh muladach, agus an uair a dh’ aithnich mi air an coltas gu ’n robh iad roimhe so ann an suidheachadh ard, ghabh mi am barrachd dragha. Troimh na luideagan a bha umpa, agus a dh’ aindeoin mar a loisg a’ ghrian an aghaidhean, dh’ aithnich mi gu ’m b’ uaislean iad, agus nach robh mi ’faicinn an leithidean am measg nan daoine bochda air am bheil mi ’deanamh cobhair. Thug mi do mo thaigh iad, agus chuir mi air curam mo mhna iad. Tha ise dhe ’n aon bheachd rium fhin dhe ’n taobh. Thug i air na searbhantan leapannan a dheanamh deiseil dhaibh am feadh ’s a bha i fhein a’ nigheadh an aodain, agus a’ toirt dhaibh aodach glan. Cha ’n ’eil fhios againn fhathast co iad, oir tha toil againn leigeadh leotha beagan fois a ghabhail mu ’n cuir sinn dragh orra le bhith ’faighneachd cheisdean dhiubh.”
Dh’ fhairich Fetnah gu ’n robh miann laidir aice sealladh fhaotainn dhiubh, ged nach b’ urrainn i a radh car son. Thairg am marsanta a dhol leatha thun an taighe, ach cha leigeadh i leis an dragh so a ghabhail, agus thuirt i ris gu ’m foghnadh dha aon de na seirbhisich a chur a shealltainn an taighe dhi.
Thainig i air lar aig an dorus, agus lean i seirbhiseach a’ mharsanta, a dh’ fhalbh roimpe gus fios a thoirt d’ a bhanamhaighstir. Bha i aig an am anns an t-seomar maille ri Alcolomb, agus ri ’mathair, oir b’ iad so na boirionnaich mu ’n robh am marsanta a’ bruidhinn ri Fetnah.
An uair a chuala bean a’ mharsanta o ’n t-seirbhiseach gu’n robh bean uasal as an luchairt anns an taigh aice, bha i ’dol am mach as an t-seomar gus a coinneachadh. Ach lean Fetnah cho dluth air sail an t-seirbhisich ’s nach d’ fhuair i uine air a dhol am mach as an t-seomar. Agus an uair a chaidh Fetnah a steach do ’n t-seomar, leig bean a’ mharsanta i fhein ’na sineadh air a beulaobh, mar chomharradh do ’n righ.
“Mo bhean mhath,” arsa Fetnah, “tha toil agam gu ’n leigeadh tu leam bruidhinn ris an dithis choigreach a thainig do Bhagdad an raoir.”
“A bhaintighearna,” arsa bean a’ mharsanta, “tha iad ’nan laidhe anns an da leabaidh bhig a tha sibh a’ faicinn dluth air a cheile.”
Chaidh Fetnah gun dail thun na leapadh anns an robh mathair Ghanem ’na laidhe, agus an uair a dh’ amhairc i gu dluth oirre, thuirt i, “Mo bhean mhath, tha mi air tighinn a thairgseadh cuideachaidh dhut. Tha tomhas de chumhachd agam anns a’ bhaile so, agus theid agam air beagan cuideachaidh a dheanamh leat fhein agus le do chompanach.
“A bhaintighearna,” arsa mathair Ghanem, “tha mi ’tuigsinn o ’n tairgse mhath a tha thu ’toirt dhuinn nach do threig Dia sinn gu buileach fhathast, ged a bha sinn a’ smaointean gu ’n do threig, an deigh a liuthad mi-fhortan a thainig ’nar rathad.”
An uair a labhair i na briathran so, ghuil i cho goirt ’s nach b’ urrainn Fetnah agus bean a’ mharsanta gun na deoir a shileadh mar an ceudna.
An uair a thiormaich Fetnah na deoir o a suilean, thuirt i ri mathair Ghanem, “Bi cho caoimhneil ruinn ’s gu ’n innis thu dhuinn do naigheachd agus gach cruaidh-fhortan a thainig ’na d’ rathad. Cha ’n urrainn dut do naigheachd innseadh do shluagh sam bith a tha na ’s deise gus cuideachadh is comhfhurtachd a thoirt dhut na sinne.”
“A bhaintighearna,” arsa mathair Ghanem, “is e bean uasal do ’n ainm Fetnah, a’ bhanoglach a’s docha le Ceannard nan Creidmheach, is mathair aobhair do gach cruaidh fhortan a thainig ’nar rathad.”
Chuir na briathran so clisgeadh air Fetnah mar gu ’n deanadh beithir a thigeadh as na speuran; ach chaidh aice air staid a h-inntinn a chumail am falach, agus mar sin leig i le mathair Ghanem a dhol air aghart leis na bh’ aice ri radh:— “Is mise a’ bhantrach aig Abou Aidhoub, marsanta a bh’ ann an Damascus. Bha mac agam do ’m b’ ainm Ganem. Thainig e do Bhagdad a mhalairt. Tha e air a chur as a leith gu ’n d’ thug e air falbh Fetnah. Dh’ ordaich an righ rannsachadh a dheanamh air a shon anns gach aite gus a chur gu bas. Agus o nach d’ fhuaras e, sgriobh e litir gu righ Dhamascuis, a dh’ iarraidh air cead a thoirt do ’n t-sluagh gach ni a bh’ anns an taigh againn a thoirt leotha, agus ’na dheigh sin a h-uile clach a bh’ anns an taigh a leagadh gu lar. Dh’ ordaich e mar an ceudna mise agus mo nighean a thoirt tri latha an deigh a cheile air feadh sraidean a’ bhaile, agus sinn dearg ruisgte, agus an deigh sin, ar fuadach am mach a Siria gu brath. Ach ged a rinn an righ an droch dhiol so oirnn, bhiomaid toilichte gu leor nam biodh mo mhac beo, agus gu ’m faicinn e. Nach ann agam fhin agus aig a phiuthair a bhiodh an solas nan faiceamaid e! Leigeamaid air dichuimhn gach call a thainig oirnn agus a h-uile trioblaid a dh’ fhuiling sinn air a shon. Ochan! tha mi lan chinnteach gu ’m bheil e cho neo-chiontach a thaobh na tha ’n righ a’ cur as a leith agus a tha mise agus a phiuthar.”
“Tha sin fior gu leor,” arsa Fetnah, agus i ’cur stad oirre, “tha e cho neo-chiontach ’s a tha sibhse. Tha mise ag innseadh dhuibh le firinn gu ’m bheil e neo-chiontach. Is mise Fetnah air am bheil sibh a’ gearain cho mor. Tre aobhar nach b’ urrainn mise bhacadh, thug mi iomadh cruaidh fhortan ’n ’ur rathad-se. Dhearbh mi do ’n righ gu ’m bheil Ganem neo chiontach. Thug e ordugh fios a chur air feadh gach mor-roinn a tha fo ’riaghladh gu ’m bheil e ’toirt mathanais do Ghanem mac Abou Aidhoub. Ach cha ’n ’eil teagamh nach dean e uiread de mhath dhuibhse ’s a rinn e de chron dhuibh. Cha ’n ’eil sibh na ’s fhaide ’n ’ur naimhdean dha. Tha e ’feiteamh gus an d’ thig Ganem, a chum mise a thoirt dha ri m’ phosadh mar dhuais air son gach seirbhis mhath a rinn e dhomh. Air an aobhar sin faodaidh sibh amharc ormsa mar bhur nighean, agus ceadaichibh dhomh m’ fhacal a thabhairt gu ’m bi mi caoimhneil, cairdeil ribh fhad ’s a bhios mi beo.”
An uair a thuirt i so, chrom i os cionn mathair Ghanem, a bha, aig an am, air a lionadh cho mor le ioghnadh ’s nach robh e ’n comas dhi aon fhacal a labhairt.
Bha greim aig Fetnah oirre uine fhada ’na gairdeanan. An uair a leig i as i, thionndaidh i thun na leapadh anns an robh Alcolomb ’na laidhe. Bha i air eirigh ’na suidhe anns an leabaidh, agus rug i gu teann cruaidh air Fetnah ’na gairdeanan.
An uair a nochd Fetnah dhaibh gach comharradh air a gradh agus a caoimhneas dhaibh ris am faodadh duil a bhith aca o bhoirionnach a bha gus Ganem a phosadh, thuirt i riutha, “Sguiribh le cheile dhe bhur bron. Tha ’n saoibhreas a bh’ aig Ganem ’s a’ bhaile so fhathast air faotainn. Tha e ’nam sheomar-sa anns an luchairt. Tha fhios agam nach tugadh saibhreas an t-saoghail comhfhurtachd dhuibh as eugmhais Ghanem. Tha fhios agam air so o m’ fhaireachdainean fhin. Tha daimh fala agus feola a cheart cho laidir ri cumhachd a ghaoil. Ach c’ar son a chailleamaid ar dochas nach fhaic sinn e gu brath? Gheibh sinn fhathast e. Tha ’n sonas a tha mi ’faireachadh o ’n a thachair sibhse rium a’ toirt aobhar dochais as ur dhomh. Is docha gur e so an latha mu dheireadh dhe bhur triodhlaidean, agus is docha gu ’m bheil sonas a’s mo na bha agaibh ann an Damascus faisge oirbh.”
(Ri leantuinn).
FIOR GHAIDHEIL.
(Oban Times) .
Is mór an call a thainig air a’ Ghàidhealtachd o cheann ghoirid. Cha ’n ’eil fada o’ n chaochail na h-uasail ghrinn ud, an Stiùbhartach agus Mac-an-Tòisich, ministeir agus ball-pàrlamaid a bha ’nan glòir d’ ar dùthaich. ’Nan déighsan thriall dà fhìor Ghàidheal a rinn dhoibh fein cliù àrd is airidh. B’ iad so Mr Domhnull Mathanach, ball do ’n teaghlach chomasach ud d’ am buin eilein Leòghais. ’Nan làmhansan thuit mòran beairteis; agus rinn iad an coitcheannas feum gle chneasda dheth. Ach am measg na shiubhail o cheann ghoirid gheibhear ainm Gàidheal còir, a rugadh air Ghalldachd ach aig an robh fuil ghlan sliochd na Gàilig a’ ruith ro bhlàth ’na chuislean. ’S e am fear a tha sinn a’ ciallachadh, Mr Donnachadh Camaran is sine. Tha a’ Ghàidhealtachd gu mor ’na chomainsan, air son mar a chuidich e leis na Gàidheil an aobhar ’s an còirichean a thagradh. Thatar an so a’ cur facal Gàilig mar chlach ’na chàrn ’s an dol seachad; agus is lionmhor na Gàidheil aig an tigh agus thairis a bhios a’ gleidheadh cuimhne ghaolach air na bha agus na rinn e air an son féin agus an dùthcha. ’Nam biodh uaislean eile co-cheangailte ris a’ Ghàidhealtachd cho dìleas ’s cho gnètheil a thaobh cùisean cha bhiodh cor an t-sluaigh cho truagh ’s a bha e re iomadh bliadhna.
Is e leud na boise tomhas cho beag ’sa bha am measg dhaoine o shean—sin ri radh, leud cheithir meòirean. Tha beath’ an duine air a samhlachadh ri leud na boise. Is ann mar so a dh’ òrdaich Dia ’na ghliocas. Ma tha ar beatha cho goirid so, nach bu chòir dhuinn feum math a dheanamh dhith! Am bheil mo chuairt air an talamh cho goirid so? Ma tha, is còir dhomh a bhith ’nam fhaiceall a h-uile ceum a ni mi air eagal gu ’n teid mi air seachran.
[Vol . 9. No. 42. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, APRIL 19, 1901.
Tha sinn fior thoilichte chluinntinn gu bheil coig ceud puinnd ( £500 ) air a chur cruinn ann an Alba airson comharradh-cuimhne a thogail aig amhuinn Modder, ann an Africa mu Dheas, do na saighdearan Gàidhealach a thuit ann am blàr Magersfontein, anns an do chaill iomadh laoch treun Albannach a bheatha. Bidh dealbh a chomharraidh-chuimhne so air a chur gu bantraichean ’us dlùth-chairdean nan saighdearan a thuit anns a bhlàr.
Chuir an t-Impire Uilleam o chionn ghoirid dealbh ann an tigh nan dall am Berlin, anns an robh a bhan-Impire air a sgeadachadh mar Naomh Ealasaid agus e-féin mar a fear-pòsda. Chuir pearsachan-eaglais a’ bhaile cho làidir an aghaidh so ’s gu ’m b’ fheudar dha an dealbh a thoirt air falbh. Bha na diadhairean eòlach fada roimhe so air gach atharrachadh riochd anns an robh Uilleam ’ga nochdadh féin do’n t-saoghal—mar impire, mar fhear-stàite, mar shaighdear, mar mharaiche, mar ùghdar ’s mar shearmonaiche—ach b’e so a cheud uair a chuir e e-féin f’ ar comhair mar dhuine bha airidh air a bhi na chompanach do na naoimh. Agus rud nach bu neònach cha ghabhadh iad ris anns an riochd sin idir.
Ma tha gach sgeul a tha tighinn á Africa mu Dheas fior, cha ’n eil moran dòchais aig na Boerich an cogadh a chumail air adhart a bheag na’s fhaide. Chaidh an ruaig a thug iad do Chape Colony gu mor nan aghaidh, agus chaill iad am misneach. Tha e air innse air an t-seachdain so, gu bheil Botha a rithist a feuchainn ri cumhachan striochdaidh a dheanamh ri Citchener, gu bheil Steyn, a bha na uachdaran air an Orange Free State, deònach striochdadh mar an ceudna, agus gu bheil De Wet, leis gach curaidh-chàs troimh ’n deachaidh e ’s gach cruadal a tha e fulang, air a dhol air aimhreit ’na inntinn agus eu-comasach air a chuid airm a threòrachadh us obrachadh mar a b’ àbhaist. Tha e doirbh a bhi cinnteach gu bheil na sgeòil so fior, ach ma tha cha ’n eil cisneachadh iomlan nam Boereach fad as.
Tha moran bruidhne aig an àm so ann an iomadh cearna de ’n t-saoghal air cho blàth-chridheach ’sa tha Righ Iomhar ris na daoine bochda a tha comhnuidh ann am baile-mor Lunnainn, —baile, tha sinn a lan chreidsinn, anns am bheil barrachd bochdainn agus amhghar na tha ann am baile sam bith eile air uachdar an domhain. Ged is e righ Iomhar an aon duine is cumhachdaiche a tha’n diugh beò, tha e ’nochdadh, ann an iomadh dòigh, gu bheil e cuimhneachail air a chuid iochdarain bhochda. Gu ma fada mhealas esan an cothrom air a rùintean matha a chur an céill.
O chionn dha no tri mhiosan air ais thug àireamh mhor de shaighdearan Breatunnach iad féin suas do ’n arm Bhoerach. Bha na Boerich a buntainn gle chaoimhneil ris na priosanaich a thuiteadh nan làmhan, agus mar sin nuair a gheibheadh buidheann de na saighdearan Breatunnach iad féin a faotainn a chuid bu mhiosa dheth o na Boerich, b’ fhearr leotha gu tric toirt suas na iad fein a chur an cunnart am beatha le seasamh a mach. Tha ceannardan an airm, a reir coltas, dhe’n bharail gu robhtar a’ deanamh sin uaireannan nach leigeadh iad a leas, agus tha iad uime sin an deigh òrdugh a thoirt seachad gu ’m bi gach oifigeach us saighdear a thogas a’ bhratach gheal ris na Boerich mar chomharra toirt suas, gu feum e cùirt-airm a sheasamh. Ma gheibhear aig a’ chùirt sin gu robh deagh aobhar aca air toirt suas, bidh iad air an saoradh, ach mur robh, bidh iad air am peanaisteachadh. Bha e cumail misnich ris na Boerich àireamh cho mor de na Breatunnaich a bhi tuiteam nan làmhan.
Bhuail da threin guail na cheile aig Glace Bay Mhor feasgar Dior-daoin s’a chaidh, agus bha ’n da inneal air am bristeadh gu dona. Bha beagan goirteachaidh air a dheanamh air triùir dhe na daoine bha ’g an ruith, Iain Mac Iomhair, Domhull Domhnullach, agus Domhull Mac-an-Leisdeir. Bha na treineachan a ruith an coinneamh a chéile, aon a falbh ’s aon a tilleadh á Louisburg. Tha an call a rinneadh uile gu leir air a mheas aig ochd mile deug dolair.
Shil moran sneachda Dior-daoin ’s Di-haoine s’a chaidh. Maduinn Di-satharna bha tri no ceithir a dh’ òirlich air an talamh, agus bha citheachan cho domhain an àiteachan air feadh na duthcha ’s nach faigheadh each us carbad trompa. Ach ’se gle bheag dhe ’n t-sneachda sin a tha ri fhaicinn an diugh; tha grian an earraich cho teth ’s nach toir i fada ga chur as an t-sealladh.
Bas.
Ann am Mineral Rock, Mira, air an ceathramh latha deug, Niall Mac Odrum, tri fichead us seachd bliadhn’ deug a dh’ aois. Rugadh e ann am Pabaidh, an Uidhist a’ chinn a Tuath, agus thainig e do ’n duthaich so ’sa bhliadhna 1831. Dh’ fhàg e piuthar agus triùir bhraithrean.
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Am Policy
a tha cordadh gu math ris gach seorsa dhaoine tha ’n Canada—am policy a tha air a sgriobhadh leis a
Confederation Life Association.
Is e so am Policy anns am bheil tearuinteachd. Cha ’n eil cumhachan teagmhach sam bith ann. Cha ’n eil ann ach gealltanas pàigheadh. Sgriobh gu ar luchd-gnothuich air son tuilleadh fiosrachaidh.
Earras $8 ,000,000. Urrasachadh an Greim $33 ,000,000.
F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.
Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 42. p. 5]
Naigheachdan.
Chaidh tigh chleas a losgadh ann an Ottawa air an t-seachdain s’a chaidh a b’ fhiach da fhichead mile dolair. B’e an togalach bu bhòidhche dhe sheòrsa bha ann an Canada.
Chaidh mile ’s tri fichead ’sa h-aon deug de dh’ oifigean-posta fhosgladh os ùr ann an Canada o chionn choig bliadhna. Bha ochd fichead ’sa h-ochd dhiubh sin air am fosgladh ann an Nova Scotia.
Tha tuathanaich Mhanitoba air tòiseachadh air a’ churachd. Tha an t-side gle fhàbharrach, agus thatar ag radh gu ’m bi barrachd mor fearainn air a chur fo bhàrr am bliadhna ’sa bha ann an uiridh.
Cha robh iasgach nan ròn cho math o chionn bhliadhnaichean ’sa tha e am bliadhna air cladaichean Newfoundland. Tha so na naigheachd mhath do na daoine a tha deanamh am beolaind air an doigh chunnartach so.
Tha tigh-cùrtach ùr ri bhi air a thogail do ’n t-siorrachd ann an Sidni. Bidh an togalach air a dheanamh air bric agus graineal dearg; bidh e ochd fichead us da throigh a dh’ fhad, ceith-fichead troigh a leud, agus da stòiri a dh’ àirde. Cosgaidh e mu thri fichead us da mhile dolair.
Tha baile Shidni gu bhi, an uine ghoirid, làn uidheamaichte le eaglaisean. Tha eaglaisean Caitliceach agus Methodach ri bhi air an togail aig a Phier air an t-samhradh so, agus tha eaglais Shasunnach us eaglais Bhaisteach ri bhi air an togail an ceann shuas a bhaile. Agus tha aig na Cléirich a cheana eaglais ùr aig a Phier, agus talla ann an Ashby, agus talla eile ’ga togail aig naCoke Ovens.An uair a bhios na togalaichean so uile deiseil, bidh a ceithir deug de thaighean-aoraidh againn anns a’ bhaile.
Thachair rud neònach ann am Boston maduinn Dior-daoin s’a chaidh. Bha fear G. H. Domhnullach aig ceadha nan soithichean-smùide an coinneamh a mhnatha ’sa shianar chloinne a bha tighinn air bàta Halifacs á Antigonish. Am feadh ’sa bha esan a’ feitheamh thainig am bàta stigh, agus gun fhios aige gu ’m b ’e bàta Halifacs a bh’ ann, cha deachaidh e dh’ amharc air son a theaghlaich am measg an luchd-turuis. Mar sin chaidh a’ bhean ’s a chlann air chall air, agus esan orra-san. Bha esan gu h-iomguineach ’g an sireadh air feadh a’ bhaile fad an latha ’s na h-oidhche, agus cha ’n eil teagamh nach robh iadsan a cheart cho iomguineach dha thaobh-san.
Tha soitheach-seòlaidh le Murchadh Mac-Fhionnlaidh ann an St. Peter’s a’ cur eagail an cridhe air luchd an t-saobh-chràbhaidh anns a bhaile sin. Bha an soitheach so ’na laidhe anns an acarsaid o chionn faisg air tri miosan, gun duine dol an taobh a bha i idir; gidheadh nuair a chaidh an sgiobair air bòrd an la roimhe gus a cur an uidheam air son an t-samhraidh, fhuair e an cloc a dh’ fhàg e innte air obair, agus an spòg air an aon mhionaid ri uaireadair féin, direach mar a bha e nuair a dh’ fhàg e an soitheach air son a gheamhraidh. Cha teid sgioba ’n t-samhraidh s’a chaidh a nise ’n gaoth an t-soithich, agus tha aig an sgiobair ri seòladairean eile fhaotainn, ma ghabhas sin deanamh.
Bha cùirt na siorrachd na suidhe anns a’ bhaile air an t-seachdain s’a chaidh. Bha áireamh mhor chàsan ri bhi air am feuchainn, barrachd mor ’sa b’ àbhaist bliadhnaichean roimhe.
Ann an Simcoe, Ontario, bha nighean òg air a losgadh gu bàs an la roimhe. Bha i a’ glanadh paidhir lamhannan le olla, agus air dhi a dhol tuilleadh us faisg air an teine ghabh a cuid aodaich.
Bha an Coirneal Steele, a bha ’na cheannard air Eachraidh Strathcona ann an Africa mu Dheas air a dhuaisneachadh gu math an la roimhe. Fhuair e coig mile fichead dolair bho Mhorair Strathcona féin.
Tha an Riaghladh Breatunnach an deigh naodh ceud each a cheannach ann an Canada air son an cnr do Africa mu Dheas, far am bheil feum orra anns an arm. Tha iad ri bhi air an cur air falbh an ùine ghoirid á aon de phùirt nan Stàidean.
Tha an acarsaid o chionn seachdain air a dùnadh leis an deigh mhoir, agus cha ’n eil cothrom aig bàta no aig soitheach falbh no tighinn. Tha an t-uisge fosgailte os ceann rudha nam barracks, ach eadar sin us Sidni Tuath tha e lan deighe. Thatar ag innse dhuinn nach eil meall mor sam bith de’n deigh a mach o bheul na h-acarsaid.
Chaidh seann duine d’am b’ ainm Ichabod Powell air seacharan ann an siorrachd Chumberland o chionn da sheachdain, agus fhuaireadh a chorp anns a choille Di-ciaduin s’a chaidh. Bha coltas air a bhi marbh mu dheich latha mu ’n d’fhuaireadh e. Cha ’n eil teagamh nach b’e ’m fuachd ’s an t-ànradh a dh’ fhuiling e a dh’ aobharaich a bhàs. Bha e ceithir fichead us da bhliadhna dh’ aois.
O chionn mios no dha air ais rinneadh maoir de dhithis no triùir de dh’ Eadailtich anns a bhaile so; bhatar a’ meas gu ’m biodh e na b’ fhurasda dhaibh an t-sith a chumail am measg an co-luchd-dùthcha na bhitheadh e do dhaoine nach tuigeadh an cainnt ’s nach robh eòlach air an dòighean. Di-ciaduin s’a chaidh thainig fear de na maoir sin a nall as na Coke Ovens le ban-Eirionnach a ghlac e air son a bhi air an daoraich, ach nuair a rainig e am priosan leatha, ’s ann air fhéin bu mhiosa bha ’n daorach na oirre-se. Leigeadh a bhan-Eirionnach uime sin ma’ sgaoil, agus chaidh am maor a chur do ’n ionad a tha air ullachadh fa chomhair luchd-bristidh an lagha. Chaidh a dhreuchd a thoirt uaithe air ball.
Bha fear Iain G. Mac Coinnich air a mharbhadh aig laimhrig an iaruinn Di-satharna s’a chaidh. Bha sneachd òg air tuiteam an latha roimhe sin a bha comhdach gach ni, agus air dhasan a bhi ’coiseachd air mullach na laimrihg, shleamhnaich e, agus thuit e dh’ an uisge. Na thuiteam, bhuail a cheann air maide, agus bha e air a mharbhadh air ball. Bha e sia bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. Rugadh e ann an siorrachd Phictou, ach bha a dhachaidh o chionn àireamh bhliadhnaichean ann am Boston. Bha a chorp air a chur air falbh do ’n bhaile sin maduinn Di-luain leis na Saor Chlachairean, comunn d’ am buineadh e o’n thainig e do Shidni. Bha Seirbhis Adhlacaidh air a cumail le buill a chomuinn oidhche na Sàbaid ann an eaglais St. Andrew’s.
Cha ’n eil sinn cruaidh ort!
Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10—bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15—tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.
H . H. Sutherland & Co.
Bathar Cruaidh
Tha sinn a’ cumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.
So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman a’s fhearr.
Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.
Mar an ceudna—
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.
F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.
[Vol . 9. No. 42. p. 6]
Comhradh.
LE F. O. S.
DOMHULL. —Innsidh mise dhut mar a tha, tha Callum tur aineolach air facal Dhé. Cia mar a bhiodh e air a’ chaochladh? Fear sam bith nach fosgail Biobull, no leabhar math sam bith eile, is ann glé aineolach a dh’ fheumas e bhith araon air a dhleasdanas do Dhia agus do dhaoine air an talamh, agus mar an ceudna air nàdar agus suidheachaidh an t-sluaigh a bhios air neamh.
SEUMAS. —Is aithne dhomh fear no dithis dhe ’sheorsa air an taobh so dhe ’n dùthaich. Ged a theid aca air beagan leughaidh a dheanamh, cha’n ann air facal Dhé a bheir iad làmh. Bidh am paipeir-naigheachd ’nan dòrn gu math tric; ach mu dheidhinn facal a leughadh a leabhar math, cha dean iad e.
D. —Tha daoine air thuar iad fhein a mhilleadh leis na bheil iad a’ deanamh de leughadh phaipearan. Tha iad a’ smaointean gu ’m bheil a h-uile facal a tha anns na paipearan cho fìor ris a’ Bhiobull. Agus air an aobhar sin bheir iad làn chreideas do gach naigheachd a leughas iad annta. Feumaidh mi fhin aideachadh gu ’n robh mi ùine fhada dhe ’n bheachd so, ach tha mi nis a’ faicinn gu ’n robh mi glé fhada cearr ’nam bheachd.
S. —Am bheil thu ’g radh rium gu ’m bheil cead aig daoine naigheachdan breugach a chur anns na paipearan? Bha mi ’n dùil nach leigeadh an lagh sin leotha.
D. —Ma bhios daoine ’cur naigheachdan anns na paipearan a bheir masladh no mi-chliù air daoin’ eile, gabhaidh an lagh gréim orra gun teagamh, agus tha feum gu ’n gabh. Ach ged nach biodh na naigheachdan a’ cur maslaidh no mi-chliù air daoine, faodaidh cuid mhòr dhiubh a bhith glé fhad o’n fhìrinn. Is e gnothach glé ghòrach do dhuine sam bith a h-uile facal a leughas e anns na paipearan a chreidsinn.
S. —Tha mi ’cur m’ aonta ris na tha thu ’g ràdh. Ach shaoilinn nach leigeadh fear a’ phaipear le daoine a bhith cur naigheachdan breugach g’a ionnsuidh,
D. —Ma bhios na naigheachdan air an cur sìos coltach ris an fhìrinn, mar a tha furasda gu leòr do dhuine gleusda sam bith a dheanamh, cha bhi dad a dh’ fhios aig fear a’ phaipear nach bi iad fìor gu leòr. Agus rud eile dheth, tha e tric a’ tachairt gur i an naigheachd mhearachdach a’s fhearr a phàigheas do ’n phaipear na ’n naigheachd fhìrinneach. Tha fhios agad fhein cho math riumsa gur i an naigheachd bhreugach a’s luaithe ’chreideas cuid de dhaoine na ’n naigheachd fhirinneach. Is ann a chionn gu ’m bheil am Bìobull làn fìrinn a tha cuid mhòr dhe ’n t-sluagh cho suarch m’ a dheidhinn.
S. —Tha thu ceart gu leòr. Is iomadh uair a thug mi an aire gur ann mar is faoine agus is lugha gliocas a tha na naigheachdan, is luaithe ’shiùbhlas iad air feadh na dùthchadh. Agus tha mi ’creidsinn gu ’m bi a’ chùis mar so fad iomadh bliadhna agus linn.
D. —Nach iomadh naigheachd mhearachdach a dh’ innseadh o chionn corr is bliadhna mu dheidhinn a’ chogaidh a tha ’dol air aghart ann an Africa? Tha mòran dhaoine anns an dùthaich a’ toirt làn chreideas dhaibh.
S. —Am bheil thu ’smaointean gu ’n robh na h-àrd-cheannardan a th’ air an arm againn a’ cur naigheachdan mearachdach g’ ar n-ionnsuidh?
D. —Cha ’n ’eil mi ’smaointean dad dhe leithid. Ach tha fhios is cinnt agam gu ’n robh na daoine a th’ air taobh naimhdean na rioghachd againn ag innseadh mòran naigheachdan a tha tur mearachdach. Bha iad a’ feuchainn ri thoirt air sluagh na rioghachd a chreidsinn gur e daoine matha, diadhaidh, cneasda, seasmhach a bh’ anns na Boerich. Ach tha mile dearbhadh againn nach b’ e. Cha ’n ’eil mi ’creidsinn gu ’m bheil sluagh eile air an t-saoghal an diugh a leith cho mearachdach ’s cho cealgach ’s cho carach ’s cho neo-sheashmach riutha a dh’ aindeoin cho crabhach ’s gu ’m bheil iad. Cha ’n ’eil mi idir ag ràdh gu ’m bheil iad uile cho dona; ach tha e soilleir gu leòr do dhuine sam bith a bheir fa near an gnothach nach ruigear a leas earbsa sam bith a chur annta mar sluagh. Tha na mnathan cho dona ris na fir. Tha iad an déigh call mòr a dheanamh, cha ’n ann le gaisge, ach leis a’ cheilg, agus leis na breugan.
S. —Tha mi ’tuigsinn gu ’n do mharbh iad àireamh mhòr dhe na Breatunnaich. Ma tha na chuala mise fìor, is e gnothaach uamhasach a th’ ann.
D. —Mharbhadh gu leòr dhiubh gun teagamh sam bith; ach feumaidh daoine a chumail ’nan cuimhne nach robh cogadh mòr riamh eadar Breatunn agus rioghachd sam bith eile anns an do mharbhadh cho beag. Tha cuimhn’ agad air a’ chogadh a bha eadar an Fhraing agus a’ Ghearmuilt o chionn deich bliadhna fichead. Is e cogadh ro fhuilteach a bh’ ann. Ann an aon latha thuit dà fhichead mile ’s a trì eadar na bha marbh is leointe! Ged a tha ’n cogadh ag obair ann an Africa o chionn corr math is bliadhna, cha ’n ’eil an aireamh a mharbhadh ’s a leònadh air an dà thaobh o’n a thòisich e a leith uiread sid.
S. —Mur innseadh tu fhein sin dhomh, a Dhomhuill, is gann gu ’n creidinn e.
D. —Tha mise ag innseadh na fìrinn dhut. Cha ’n ’eil math dhutsa ’bhith ’creidsinn a h-uile naigheachd a chluinneas tu o dhaoine do nach aithne na paipearan a leughadh ceart. Tha
AODAICHEAN DEANTE
COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON.
Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air each a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boid each
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
[Vol . 9. No. 42. p. 7]
dùil aig a h-uile fear an diugh gur aithne dha na paipearan an leughadh. Mar is trice, is e am fear a’s aineolaiche anns a’ bhaile is mò a bheir de naigheachdan garbha as na paipearan. Bheir e asda an rud nach bi annta idir. Tha cuimhne dhaoine air fàs gle dhona. Tha gu leòr beò aig am faodadh cuimhne bhith air a’ chogadh ud cho math riumsa agus riutsa. Ach cha chluinnear guth no iomradh air.
S. —Is e obair glé uamhasach a th’ anns a’ chogadh. B’ fhearr gu ’n sguireadh daoine dheth.
D. —Tha eagal ormsa nach fhaic mise no thusa an lath’ anns an sguirear dheth. Tha ’n t-olc ro phailt anns an t-saoghal. Agus bidh aon rioghachd ag éirigh an aghaidh rioghachd eile gus am bi an saoghal mòran na ’s fhearr na tha e.
S. —Ma bhios sin mar sin cha ’n ’eil fhios c’ uin a sguireas cogadh. A dh’ aindeoin na tha de chràbhadh agus de dh’ aidmheil diadhachd am measg dhaoine, cha ’n ’eil iad dad na ’s sìtheile ri chéile na bha iad ri mo cheud chuimhne-sa. Nach muladach an obair a tha ’dol air aghart am measg dhaoine ’s an àm so fhein? Tha ’n dòigh a th’ aig cuid de shluagh na dùthchadh an diugh na chuis nàire. Cha ’n ’eile àite anns an suidh no an seas mi nach cluinn mi daoine aig connsachadh teith, teann mu dheidhinn eaglaisean. Tha de smàdadh ’s de chul-chàineadh a’ dol air aghart rud a tha uamhasach. Nam biodh an sluagh gu leir a’ cur a leith uiread de dh’ earbsa ann an teagasg soilleir a’ Bhiobull ’s a tha iad a’ cur ann an cainnt dhaoine, bhiodh iad caoimhneil teò-chridheach ri cheile, agus a’ toirt urraim dha cheile mar a tha Dia ag iarraidh orra. Ach is ann o aineolas agus o dhimeas air facal Dhé a tha cuid mhòr dhe ’n aimhreit ag eirigh ann am measg dhaoine.
D. —Tha thu ceart gu leòr. Ach tha eagal ormsa gu ’m bi bliadhna no dhà mu ’n faic thusa no mise sìth ann am measg an t-sluaigh. Cha ’n ’eil agamsa agus agadsa ach fuireach uatha, agus an aire mhath a thabhairt gu ’m bi fàcal Dhé do ghnàth againn mar ar riaghailt stiùridh. Cuireamaid cùl ris gach connsachadh agus aimhreit, agus strìth; oir cha’n oibrich fearg duine fireantachd Dhé.
(Ri leantuinn.)
Iadsan a Phaigh.
Seumas Calldanach, Beighe ’n Iar.
Steaphan D. R. Mac Neill, Benacadie .
Domhull Mathanach, Mullach Hogamah.
Bean Neil ’Ic Ille-Mhicheil, Hogamah .
Seumas I. Mac Gilleain, Glean Moireastan
D. M. Caimbeul, Beinn nan Caimbeulach.
M. Mac Fhionghain, am Beighe ’n Iar.
D. A. Mac Isaic, Loch an Fhuamhaire, N.S
Alasdair Mac Leoid, Valleyfield , E. P. I.
Bean D. Johnstone, Montague , E. P. I.
Cyrus D. Dùghlach, De Sable, E. P. I.
D. K. Domhnullach, Milan , Que.E. P. I.
D. W. Mac-Gìllebhràth, Dailche, Ont.
F. Mac-an-Tòisich, Red Jacket, Assa.
A. R. Domhnullach, Albany , N. Y.
Mairi Nic Amhlaidh, Dorchester , Mass.
Iain Mac Thorcuill, Iron , Minn.
D. C. Mac-an-t- Saoir, Cleveland , Ohio.
D. Mac-Callum, Cleveland , Ohio.
Caipt. A. Mac-Lachluinn, Detroit , Mich.
Raonull Mac Gilleain, Detroit , Mich.
Callum Mac Lachluinn, Detroit , Mich.
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Laoidhean Dhughaill Buchanain .10
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands,by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. Mc-Ian. (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
Sydney, Cape Breton, Canada.
AMY MHORAIDH.
Feasgair de dh’ Orain Albannach
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.
INNSRIDH TAIGHE ’S BRAT-URLAIR.
THA SINN A’ CREIC
Paipearan Balla Geancach
Dhe gach searsa. Cuiridh sinn
Taighean nan lan Uidheam
FAIC AN DESK-SGOILE UR LEIS AN T-SUIDHEACHAN-LUTHAIDH.
GORDON & KEITH,
SRAID SHEARLOT.
A . T. GRANND, Manager.
Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
SANAS.
THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.
DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 42. p. 8]
Oran Molaidh
Do Mhàiri nighean Alasdair Dhochan-fhasaidh.
LE ALASDAIR DOMHNALLACH ’SA CHEAPAICH.
Air dhòmhsa bhith ’m aonar
Troimh aonach nam beann,
Gu ’n gleus mi na teudan
’S gun té dhiu air chall,
Gu seinn mar bu mhiann leam
’Chur rian air gach rann
Do nigh’n duinn a chuil shniomhain
So shios anns a ghleann.
’S Ban-Chamaronach chinnteach
An ribhinn ghlan og,
Dhe ’n fhine cho rioghail
’S a chinn ’san Roinn-Eorp’.
Gu ’m b’ ainmeil na ’n tìm iad
Ri ’n ìnns anns gach seol;
’S math ’sheas iad Sir Eòghan,
Làmh theom’ air cheann slòigh.
Gur gile mo chaileag
Na canach nam bruach;
Na cobhar na mara
Air bharraibh nan stuadh;
Na sneachda nan speuran,
A thearnas na ’luaths
Bho charbad nan àrdaibh,
Le àithne gaoith tuath.
Mar ’n oiteag chiuin thlàthail
Bho ghàradh nam flùr,
Tha ’h-anail bho pòraibh
’Toirt còmhraidh gu sunnd;
’S tha meall-shùilean mòdhar
Ga ’seòladh le tùr,
Gu imeachd na ràidean
’Thug àirde d’a cliu.
Mar ’n ròs ’nuair a ’s àill’ e
Fo bhàrcaibh nam braon,
Tha ùr-chruth na h-òighe
Thug còrr air gach aon.
’S binne i leam na ’n smeorach,
’S a òg-mhadainn chaoin,
An tus a mhios’ chéitein
Air gheugaibh nan craobh.
Tha ’cuailein mu ’guaillibh
’N a dhualagaibh dlùth,
Gu sniomhanach, bòidheach
Ga ’còmhdach mar chrùn,
Na ’chamagaibh riomhach,
Ro ghrinn fo ’cir-chùil,
Gu cuachagach, fàinneach
Mu bhràighe mo rùin.
Is binne na teudan
Guth reidh na h-oigh’ mhàld’:
B’e m’ aiteas is m’ eibhneas
Bhith ’g éisdeachd ri m’ ghradh,
Nuair ’ghleusadh i ’duanag
Am buaile nam bà;
Laoigh òga mu ’n cuairt d’ i,
’S a chuach ’s i fo chràic.
Ge b’ e gheibh air laimh
An deas àilleag ghlan, ùr,
Thig caoimhneas gu ’fhàrdaich
’Bheir dha-san gach mùirn.
Nuair ’ni e ’bhean uasal
A bhuannachd le cliu,
Gum mol e na làithean
’S na thàr e oirr’ iul.
Domhnull Ciomaineach.
Horò, Dòmhnull Ciomaineach,
Rinn Alasdair a’ bhrigis dha,
Agus jacket sgiobalta,
’S cha ruigeadh i na màsan.
“Tha i cumhann, tha i teann,”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“Sin agad an t-aodach gann,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
Horo, etc.
“Tha poca mòr air a cùl,”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“Sin agad am fasan ùr,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
“Bha thu aig mo bhanais fhéin,”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“Ma bha gur beag na fhuair mi dh’ fhéisd,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
“Dh’ ith thu cearc air t-aghaidh fhéin,”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“Cha d’ ith mi dhi ach bàrr na sgéith,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
“Roinn mi air na h-igheanan i,
’S beag a bha de shithinn oirre,
’S ged nach fhaighinn idir i
Cha bhithinn ach mar bha mi.”
“Dh’ ith thu marag an reith ghlais,”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“Ma dh’ ith, cha bu mhath a blas,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
“C’ arson a leag thu ’n gàradh-crich?”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“An crodh a leigeil sios ’s a nios,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
“ ’D é th’ agad anns a’ phoit?”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“Pàirt de mharagan a’ mhoilt,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
“Bidh iad math ’n uair bhios iad bruich,”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“Cha téid gearradh ann ad bhus,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
“Ach ma bha thu air an fhéill,”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach,
“Bidh na caileagan am dhéigh,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
“Ach ma cheannaich thu cir-chùil,”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“ ’S cinnteach gu ’n do chosd i crùn,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
“ ’S etortoise shella bha ’n a cùl,”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“Sin agad am fasan ùr,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
“ ’S ann agad a tha ’n droch bheul,”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“Tha thusa ’g innseadh nam breug,”
Arsa Alasdair Tàilleir.
“Tha mise toileach gabhail ort,”
Arsa Dòmhnull Ciomaineach;
“ ’D é ’n riasan th’ agad dhomh?”
Arsa Alasdair Tàilleir.
B’i sud a’ chàraid iongantach,
’N uair thòisich iad air ruigheachas,
Chuir Alasdair ’s a’ mhionaid e,
’S an innidh air a mhàgan.
Comhairle Mathar d’a Mac.
LE FLORAIDH NIC-A- PHI, BAN-ILEACH.
Chuala mi Di-dòmhnaich
Gu’n robh thu dol a phòsadh;
Ach tha mi ’n dùil ’s an dòchas
Nach taobh thu ’n Oa ghrannda.
Na taobh an Lagan ìosal;
Cha ’n ’eil ann ach crìonach,
Mar chraobhan a ghabh spìonadh
’S a chinn an dìg a’ ghàraidh.
Na toir craobh o’n amhuinn leat;
O bhàrr an dùin tha meangan di;
Coma leam an rabaid
Chaidh phronnadh chois na tràghadh.
’S o’n a thug mi ’n choille thu
Feuch gu’n dean thu taghadh oirr’;
’S coma leat an seilleach
Gus an teirig fiodh is feàrr ort.
Na taobh a’ choille chròcach;
Coma leat an seòrsa;
Ach an iùbhrach a tha bòidheach
An Gleann na smeòraich làimh riut.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.
BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.
So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90
Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.
Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 42 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 42. %p |
parent text | Volume 9 |