[329]

[Vol . 9. No. 43. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 26, 1901. No. 43.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna.

Le Iain.

CAIB. XXI.

A chionn nacheil binn an aghaidh droch oibrega cur an gniomh gu luath, uime sin tha cridhe chloinn nan daoine lan-shuidhichte air olc a dheanamh.”

BFHEUDAR don Uachdaran a dhol lemhnaoi agus letheaghlach gu ruige aon dhe na dùthchannan blàtha tha ann an Tir-mòr na Roinn-Eorpa air son math an slàinte, agus air an aobhar sin, bha riaghladh na h-oighreachd gu buileach ann an lamhan amhaoirs abhàillidh fad bhliadhna, no corr. Ghabh am maor an cothrom so air iomadh atharrachadh a dheanamh air an fhearann a bhaig an tuath. Agus mar a dhainmicheadh cheana, bham bàillidh deas gu leòr gus rud sam bith a dheanamh a theireadh am maor a bha ceart; oir cha robh e mar bu trice adol don dùthaich ach aon uairs abhliadhna. Agus o nach robh etuigsinn staid an t-sluaigh bhochd a bhair an oighreachd, cha robh co-fhaireachadh sam bith aige riutha. Ach feumar a radh nach robh mòran de nàdar na ceilge agus amhi-rùin anns abhaillidh idir. Ben cron bu mhò a bhair, gun robh e tuilleadh is deas gu comhairle amhaoir agus dhaoineileghabhail. Bha ecreidsinn gun robh an àireamh bu mhò dhen tuath riaraichte gu leòr leis gach atharrachadh a bha am maor ag iarraidh a dheanamh. Ged a dhfheòraich e de chuid dhiubh an robh gach atharrachadh a bhana bheachd a dheanamh atighinn a réir am miann, cha bu dana le h-aon dhiubh a ràdh nach robh. Bha fhios glé mhath aca, mur biodh iad aontach leis gach ni a theireadh am maor, gun caitheadh e dioghaltas orra uair no uaireiginn.

An àm a bhithdeanamh an atharrachaidh, fhuair càirdean amhaoir, agus a h-uile duine eile a bha gu math fad a staigh air, leasachadh fearainn dhen fhearann a bfhearr a bha ri fhaighinn. Agus a bharrachd air so, fhuair feadhainn eile acuid a bfhearr dhen fhearann a bhan tuath, le mor-dhichioll, agus le saothair chruaidh atoirt, o bhliadhna gu bliadhna, gu fearann math àitich. Iomadh bliadhna roimhe sid thug an t-Uachdaran a h-uile misneach don tuath gus iad na burrainn daibh dhen mhòintich a thoirt gu fearann àitich; agus gheall e dhaibh gum faigheadh iad gun sgillinn mhàil a h-uile ploc fearainn a bheireadh iad a steach gu fearann àitich. Agus an uair a chunnaic iad am fearann math, réidh air an do chosg iad uiread dhen saothair fad iomadh bliadhna air a thoirt uapa, agus air a roinn air na lunndairean leasga, sodalach, brosgalach air an robh meas cho mòr aig amhaors aig abhaillidh, bha dorran gu leòr orra. Ach cha leigeadh an t-eagal leotha am beòilfhosgladh mun chùis ri maor, no ri baillidh, no ri Uachdaran.

Ach ged a bhios daoineucorach atoirt orra fhein a chreidsinn gun teid aca, air aon dòigh no dòigh eile, air gach eucoir is foirneart a bhios iad adeanamh a chumail am falach o shùileans o chluasan dhaoine, tha sùilean is cluasan ann air nach teid rud sam bith seachad. Chi an t-sùil uile-léirsinneach gach math is olc a thadol air aghart air an talamh, agus, luath no mall, thig binn eagalach am mach an aghaidh gach neach a bhuanaicheas anns an olc.

Gu math tric thig saorsa gu daoine truagha, sàruichte, air rathad agus air dòigh nach do shaoil iad. Thachair gun dthainig duinòg a mhuinntir na dùthchadh a bhana mhaighstir sgoile ann an àiteile dhen Ghaidhealtachd, dhachaidh aig an àm a dhamharc air a chuideachd. An uair a chuale mun eucoir a bhan luchd-riaghlaidh adeanamh air an tuath, thairg e iarrtus a sgriobhadh dhaibh gus a chur air beulaobh abhaillidh, ann an dòchas gun rachadh stad a chur air obair amhaoirs abhaillidh. Chuir àireamh mhath dhe na daoine an ainm ris an iarrtus; agus air lathàiridh an uair a bham baillidhs am maor adeanamh gnothaich ri cuid dhen tuath, chaidh iad far an robh e leis an iarrtus. Cha bu luaithe a leugh am baillidh an t-iarrtus na thainig droch ghreann air a ghnùis. Thilg e am paipear mu chasan amhaighstir-sgoile agus le guth feargach thuirt e ris e bhithgabhail am mach asfhianuis. Cha dthug am maighstir-sgoile no na daoine a bha comhladh ris freagairt mhath no olc air. Thionndaidh iad air falbh, agus dhfhàg iad e fheins am maor ann an sid.

Nan déisd am baillidh riutha gu ciùin, foighidneach mar bu chòir do dhuinuasal a dheanamh, is docha nach robh guth air a bhith ma dheidhinn tuilleadh. Ach ged nach dubhairt am maighstir-sgoile aon fhacal ris, chuir e roimhe nam burrainn e, nach rachadh eucoir amhaoirs a bhaillidh móran na bfhaide air aghart.

Mun deachaidh mòran laithean seachad, dhaithnich cuid dhe na chuir an ainm ris an iarrtus gun robh gruaim air amhaors air abhaillidh riutha. Bu cho math leotha aig an àm nach do chuir iad an ainm ris an iarrtus riamh.

An deigh don mhaighstir-sgoile tilleadh air ais a dhionnsuidh a thaighe fein, thachair dha coinneachadh air lathàiridh ris an Uachdaran a bhair an oighreachd anns an robh an sgoil aige. Bhan t-Uachdaran sona dhuine ro uasal, iriosal, agus on a bha meas mòr aige air amhaighstir-sgoile, bu ghlé thric leis greis dhen ùine a chur seachad acomhradh ris. Am measg gach seanachus eilebhaca, thug iad iomradh air an Uachdaran a bhair an oighreachd dem buineadh am maighstir-sgoile. Bha seann eòlas aig an Uachdaran air a chéile; oir bha iad le chéile ann an aon de dhàrd-sgoiltean na rioghachd. Dhinnis am maighstir-sgoile dha a h-uile car mar a bha am maor agus am baillidh adeanamh. An uair a chuir am maighstir-sgoile crioch air na bhaige ri innseadh, thuirt an t-Uachdaran ris, “Nam biodh fhios aig mo charaid air àn dòigh anns am bheil an oighreachd aige air a riaghladh cha bhiodh fear dhen dithis ceithir uairean ficheadna sheirbhis. Tha ega dheanamh fhein làn-chinnteach gur ann aige a tham maors am baillidh cho dìleas agus cho cearts a tha aig fear dhesheorsas an rioghachd. Ach mum bi e mòran nas sinne na tha e, innsidh mise dha mar a tha na fir ariaghladh na h-oighreachd aige. Tha eagal orm gur ann air fhein a than tuath acur na coire gu léir. Tha min dòchas gun seas thusa ri dfhacal, ma dhfheumar do thoirt an làthair abhreitheimh gus fianuis a thogail an aghaidhnan daoine.

Seasaidh mise ri mfhacal gun teagamh; agus ma chuirear air mo mhionnan mis gun ceasnaichear gu math mi, tha amhrus agam gum fàgar am maor gu math dubh. Ma than darna leith dhe na chuala mise mu dheidhinn amhaoir fior, cha bu chòir gum biodh e latheile anns an dreuchd anns am bheil e,” arsam maighstir-sgoile.

Cha robh air a so ach so fhein. An ceann beagan mhiosan, thachair an Uachdaran ri cheile ann an Duneidionn. Agus on a bha seann eòlas aca air a chéile, agus iad ùine fhada gun a chéile fhaicinn, chuir iad seachad greis mhath dhen ùine acomhradh mu thimchioll iomadh naigheachd ùr is sean. Mu dheireadh thainig aca air bruidhinn mu dheidhinn nan gnothaichean a bhuineadh don cuid tuatha, agus an dòigh anns an robh iad air an riaghladh. Thuirt fear dhiubh, “Tha amhrus làidir agamsa, ’Sheumais, nacheil an tuath a thair an oighreachd agadsa afaighinn ceartais mar bu chòir dhaibh, agus tha cuid mhòr dhen choire ri chur ortsa. Bu chòir dhut a bhith cinnteach gum bheil an luchd-riaghlaidh a tha fo dlaimhnan daoine cearta, cothromach nach dean claonbhàigh ri duine seach duine.”

Tha mise gle mhealltanam bharail ar neo tha na daoine ris an dearb mi riaghladh na h-oighreachdnan daoine a tha ceart agus cothromach gu leòr. Tha iad a nis anns an dreuchd àireamh bhliadhnachan, agus gus an diugh cha chuala mi facal gearain mun deidhinn. Bu mhath leam dearbhadh làidir fhaighinn gum bheil iad ciontach dhe na bheilear acur as an leith mun creidinn e,” arsesan, agus coltas mi-thoilichte air a ghnùis.

Gheibh thu dearbhadh gu leòr air achùis ma thogras tu rannsachadh a dheanamh ma dheidhinn. Chuala mise fathunn o chionn leith-bhliadhna nach robh cuid dhen tuath agad a faighinn ceartais; agus on a bha toil agam fios cinnteach fhaotainn, dhfheòraich mi dhen mhaighstir-sgoile, an uair a thill e dhachaidh as an oighreachd agadsa an déigh dha bhith ag amharc air a chàirdean, an robh guth fìrinn anns an fhathunn a chuala mi. Ged nach robh e deònach an toiseach leigeil air gun cuale dad cearr mu dheidhinn amhaoirs abhaillidh, dhaidich e mu dheireadh gun cuale o urra gle chinnteach, gun robh am maor, le aontabhaillidh, atoirt fearainn o chuid dhen tuath, agusg a thoirt do dhaoine bu toigh leis fhein.”



[330]

[Vol . 9. No. 43. p. 2]

Am bheil thu cinnteach gun dinnis e an fhìrinn dhut?”

Tha mi deimhin gum bheil na dhinnis e dhomh fìor gu leòr. Agus is e mo bharail gum faodadh e mòran a bharrachd air sid innseadh dhomh nan do thogair e. Is duine modhail e air nach do chomharraicheadh breug riamh fhathast, ged a tha e àireamh bhliadhnachan air an oighreachd agam.”

Feumaidh mi achùis a rannsachadh gun dail; ach bu mhath leam am maighstir-sgoilefhaicinn an toiseach, agus beagan ceasnachaidh a dheanamh air.”

Innsidh mise dhut an rud as fhearr dhut a dheanamh. Theid thu air an ath sheachdain don taigh agamsa; oir chan fhaigh mi tilleadh dhachaidh gus a sin. Agus cuiridh mise fios air amhaighstir-sgoile. Ma tha teagamh agad nach dinnis e an fhìrinn dhomhsa, faodaidh tu a cheasnachadhnam lathair-sa.”

Dhaontaich an t-Uachdaran eile gun robh so ceart gu leòr, agus an uair a shuidhich iad an lathair an coinnicheadh iad a rithist, dhfhàg iad slàn aig a chéile, agus dhealaich iad.

(Ri leantuinn.)


Tamhaisg.

LE IAIN MAC PHAIDEIN, AN GLASACHO.

Earrann II.

BHA ghille òg, na co-dhiù gillòg agus seann fhleasgach, còmhladh air mhuinntireas aig tuathanach. Bha iad a cadal còmhladh air lobhta an stabuill. Thainig e ann an ceann an t-seann fhleasgaich, air oidhche shonruichte, gum falbhadh edhiarraidh mnatha. Feumaidh gun dthainig a ni na inntinn car a chlisgeadh, a chionn thuirt cuid dhiubhsan dam baithne gu math e, gun dthainig e air mar a thig a ghlais-sheile (waterbrash) air neach dam bi an galar sin buailteach. Cha robh am boirionnach a bha e dol a dhiarraidh fad as; ach on a bha em beachd gum biodh an réiteach ann air an oidhche ud fein, bha a ni sin a dhfheumas a bhi mun cuairt air gnothuch cudtromach dhen t-seòrsa ud fada bhuaithe— ’s e sin an t-uisge-beatha. Cha robh deur ri fhaotainn ni bfhaisge air na ceithir mile a dhastar. “Am falbh thusa, a Dhomhnuill,” arsan seana fhleasgach ri chompanach, “agus am faigh thun t-uisge beatha?” Cha bu ruith ach leum sud le Dòmhnull, ’sa mach a ghabh e, agus ged a bhan t-asdar fada cha robh Dòmhnull fada ga chuir seachad, agus ged a choisich e eadar falbhus tighinn cho math ri ochd mile, cha bfhada gus an do nochd e e-fein air ais air lobhtan stabuill; ach cho luathsa chunnaic a chompanach es ann a ghabh e eagal. Bha Dòmhnull mar gum biodh e dol anns an anart, ’s thilg e e-fein air uachdar na leapa, ’s cha robh smid a sios nanios ann car greis; ach, co dhiù, cho luathsa fhuair e comas a theanga, so a naigheachd a bhaige ri innseadh don fhear eile:— “An uair a bha mi a dìreadh ris a bhruthach a nuas os cionn an uillt, dhfhairich mi mi-fein air mo ghlacadh mun teis-meadhoin, mar gum bithinn air mo ghlacadh le neach a bhiodh a dol a chuir car-a- gleachd leam; an sin chaidh mo thogail on làr agus ma dhruim a thilgeadh ris an talamh mun gann a bha fios agam de bha mi deanadh. Bha mi air mo bhonnabh ann am priobadh, ach mun gann a bha, chaidh an tomhas ceudna a dheanadh a rithist orm, agus sin tri uairean an déigh a cheile; ach an treas uair cho luathsa fhuair mi air mo bhonnabh theich mi cho luathsa burrainn mi. Chan fhacas cha chuala mi sion saoghalta.”

An uair a thainig Dòmhnull gus na briathran mu dheireadh de a naigheachd, chuir a chompanach a làmh air gualainn Dhomhnuill, agus arsesan, “An do bhrisd thu na botuil, a Dhòmhnuill?”

Ach cha do bhrist Dòmhnull na botuilbha iadsan gu làn, slàn, fallain. Agus chaidh an còrdadh a dheanadh an oidhchud fhein, agus a bhanais ann an ùine iomchuidh as a dhéigh sin; ’s cha robh dad ann am beatha na càraid, ach mar a bha ann an cumanta ann am beatha a leithid eile air feadh na dùthcha, ach mar a thachair don fheadhainn a chunnaic tamhasg a bhoirionnaich, agus an duine mhoir, air an dthug mi iomradh cheana. Chan fhacas cha dfhairich Dòmhnull ni riamh, roimhe sud no na dheigh, a chuir eagal no ioghnadh air, agus nach gabhadh tuigsinn leis. Faodaidh cuid a bhi smaointean, on bha Dòmhnulls an tigh-òsda, gun do dhòl e tuillesa chòir, agus gun robh an spiorad a bhan taobh a stigh dheth a toirt air a chreidsinn gun robh spiorad eile air an taobh a mach dheth, ach cha bann mar sin idir a bha chùis; cha do dhòl Dòmhnull deur air an oidhchud gus an dthug a chompanach dha e an deigh dha tilleadh. Ach bha cuid ag ràdh aig an àm, gur e thachair air Dòmhnull spiorad an duine bheò, agus bheireadh iad am barailcar faicleach, gun teagamhn duine beò dam buineadh an spiorad a bhann, agus gur h-en t-aobhar a bhaige, airson a leithid sud de ghiollachd a thoirt do Dhòmhnull, gun robh sùil aige fein anns a bhoirionnach. Ach faodar a cheisd fharraid: Car son a chuir an duine so a spiorad a mach a ghiollachd Dhòmhnuill, aig nach robh déigh no sùil anns a bhoirionnach? car son nach deach e agus nach dthug e ghiollachd don fhear a bhair lobhtan stàbuill?

A nis, air eagals gum faod a h-aon agaibh a bhi mach anamoch, agus gun tachair spiorad an duine bheò oirbh, innsidh mi dhuibh mar is còir dhuibh sibh fein a ghnàthachadh aig a leithid sin de dhàm cunnartach. Ma bhios an caraid dileas sin don duine nar cuideachd, an , feumaidh sibh an aire thoirt nach gairm sibh e air ainm, a chionn ma gheibh an spiorad ainm a choin, gheibh en air a thaobh fein agus nar n-amhach-se, ’s cha bhi ar tiarnadh ach caol, ma gheibh sibh idir beò as an greim. Ach a chums nach faigh an spiorad ùghdarras thairis air a chù, bheir sibh fuil á cluas chli a choin, agus tha e air a ràdh le cinnt mu ni sibh so air a chù, gun rachadh e ann am bad Mhic mollachd fein, gun ghuth air spiorad duine. Ach nan eireadh e mach gur ann a bhan ur cuideachd galla, ’s nach be , feumaidh sibh buntainn rithise air atharrachadh dòigh. Chan fhaod sibh a gairm air a h-ainm, nis na dhfhaodas sibh an a ghairm, ach an àite fuil a thoirt aisde-se, ’s ann a chuireas sibh coingheall oirre, ’se sin cuiridh sibh dhibh gartan na coise clì agus ceanglidh sibh mu amhaich na galla e. Chaneil fhios agam, nan eireadh dhuibh tuiteam na leithid so de chunnart, nach faigheadh sibh a machnuair a bhiodh e tuilleadhs anamoch, nach robh gartain idir oirbh. Agus neimheil, dànnaras mar a theidn sàsn uair a theid fuil a thoirt as, chaneil e ach faoin ann an coimeas ris a ghalla, ’n uair a gheibh i gartan na coise clì muh-amhaich na choingheall. Chuala mi fear ag ràdh aon uairachs iomadh facal mor a thuirt a cheart fhear riamhgum face fein, “le dhà shuil,” i dol an sàs anns an dòigh so, agus a mhuing air cùl a h-amhach na sheasamh, ’sa h-uile ròine dheth cho garbh ri friodhain an tuirc. Chaneil fhios agam an en aon ni a tham facalcoingealla ciallachadh, ’n uair a tha e air uisneachadh anns an t-seadh so, ris an fhacalcoingheall,” comhsdath. Cha tachradh seann daoine oirbh, mu chladaichean tuath Earraghàidheal, a chionn deich bliadhna fichead, a theireadh, “tha colair mu amhaich a choin,” ’se theireadh iad, “thacoingheallmu amhaich achoin.” Baithne dhomh duine coir aon uair de mshaoghal, agus cha do chuir e colair riamh air. Thuirt a bhean ris aon lathas e falbh a dhionnsaidh na féille, “A Dhùghail, car son nach cuir thusa coileir mu dmhuineal, coltach ri daoine eile, ’s tu dol thun na féille?” “Coileir no coingheall,” arsa Dùghal, “cha deachs cha téid mu mmhuinealsa. Cha bhi coingheall ach air coin nan daoinuaisle.”

A nis, ann am measg nan nithean sin a bhithear a faicinnsa cluinntinn, agus nach gabh tuigsinn don fheadhainn a chì iad, agus nach gabh creidsinn don fheadhainn nach faic iad— ’s iad sin solus no sanas-mairbh, ’se sin ri ràdh gum faicear no gun cluinnear air uairean, ni eigin a tha na shanas roimh bhàs neach.

Bha triùir no ceathrar fhear oidhchair tràighs iad a sgriobadh le lion-coise. Bhan oidhche fiathail, gun a bhi fuasach dorcha, agus chualiad bàta ag iomram agus a tighinn an rathad a bha iad. Bha buillean nan ràmh ri chluinntinn gu soilleir, agus chaidh am bàta, co-dhiù mar a shaoil iadsan, gu tir aig carraig nach robh fad uapa, ’s bha iad a cluinntinn coiseachd dhaoine air a charraig, agus fuaim, mar gum biodh maidean gan tilgeadh as abhàta air tir air a charraig, ach ged a bha iad a cluinntinn a h-uile dad dheth sin cha robh iad a faicinn dad, rud a bha cuir ioghnadh gu leòir orra, a chionn cha robh an oidhche cho dorcha, no charraig cho fada uapas nach bu choir dhaibh gum faiceadh iad cruth agus gluasad nan daoine. Co-dhiu dhfhàg iad an lion air an tràigh agus choisich iad uile a null dhionnsuidh na carraige, ’s an uair a rainig iad sud cha robh duine no bàta no maide air a charraig. Ach seachdain no dha as a dhéigh sud shiubhail a h-aon de sheann mhuinntir na sgireachd, a bha chomhnuidh iomadh bliadhna ann an sgireachd eile, agus on a be a mhiann fein gu luidheadh a chorp còmhladh ri cràmhan a shinnsireachd, thug iad a chorp ann am bàta air astar fada, agus sann air a charraig air an cuala na daoine an fhuaim a chuir an t-ioghnadh orra air an oidhche a dhainmich mi, a thugadh an corp air tir, agus bha h-uile h-aon dhen fheadhainn a bhair an tràigh leis an leis an lion-sgriobaidh, air a charraig a measg muinntir eile, agus fuaim nan ràmhn uair a bham bàta a tighinn gu cladach, a toirt ann an cuimhne gach aon aca, an fhuaim a chualiad an oidhche bha iad air an tràigh.

(Ri leantuinn).


Am fear aig am bheil meas mòr air fhein, cha bhi aig ach fior bheagan meas air an Tighearna. Tha etoirt taing agus cliù dha fhein air son gach soirbheacdadh aimsireil agus eòlas spioradail a thaige. Ach ged a their esan eòlas spioradail ris an eòlas a thaige, chan e fìor eòlas spioradail a thann. An t-eòlas nacheil air a chom-pàrtachadh le Spiorad Dhé, chan urrainear fìor eòlas spioradail a ràdh ris.



[331]

[Vol . 9. No. 43. p. 3]

Sgeulachdan Arabianach.

Ganem.

CAIB. XI.

BHA Fetnah air tuilleadh a radh mur be gun dthainig ard-mharsanta nan seudan a steach don t-seomar anns an am. Thuirt e ri Fetnah, “A bhaintighearna, tha mi air tighinn o fhaicinn seallaidh a tha gle mhuladach. Thugadh duine og air muin camhail gus an taigh-eiridinn am Bagdad. Bha e cho lags nach burrainn e fuireach air muin achamhail gun a bhith air a cheangal le cuird. Bha iad air a thoirt bhar muin achamhail, agus adolg a thoirt a steach don taigh-eiridinn an uair a thachair dhomhsabhithdol seachad. Chaidh mi far an robh e, agus an uair a bheachdnaich mi gu math air, bha mismaointean gum faca miaghaidh roimhe. Dhfheoraich mi dheth mu thimchioll an teaghlaich agus na duthchadh dom buineadh e; ach an aite mo fhreagairt is ann a bha esior osnaich agus asileadh nan deur. Ghabh mi truas dheth agus on a tha mi cho eolach air daoine tinne, thug mi an aire gum bheil feum aige gun gabhteadh curam sonraichte dheth. Cha leiginn leotha a chur don taigh-eiridinn; oir tha fhios agam gle mhath air mar a tha iad adeanamh ris na daoine tinne, agus tha fhios agam nacheil na lighichean ro sgileil. Thug mi air mo sheirbhisich a thoirt do mo thaigh fhin; agus tha iad a nis, mar a dhordaich mi dhaibh, ann an seomar diomhair, far am bheil iad acur aodach glan uime, agus adeanamh ris mar a dheanadh iad rium fhin.”

An uair a chuala Fetnah na briathran so, thug a cridhe leum as, agus dhfhairich i i-fhein air a gluasadna h inntinn air dhoigh nach burrainn ithuigsinn. Thuirt i ris, “Thoir mise don t-seomar anns am bheil an duine tinn; bu mhath leam fhaicinn.”

Thugadh a steach i don t-seomar anns an robh an duine tinn. Agus an uair a fhuair mathair Ghanem agus Alcolomb, an seomar dhaibh fhein, thuirt a mhathair: “Ochan! a nighean, truaghs mar a than coigreach tinn ud, is docha gum bheil do bhrathair, ma tha e beo, acheart cho truagh staid ris.”

An uair a chaidh Fetnah a steach don t-seomar anns an robh an duine tinn, agus a chaidh i dluth don leabaidh air an robh ena laidhe, chunnaic i duine og agus a shuilean duinte, ’aghaidh glasneulach, gun tuar, agus fliuch le deoir. Bheachdaich i air gu geur, thoisich a cridhe ri bualadh gu luath, agus shaoil i gur e Ganem a bha fa comhair; ach cha burrainn i thoirt oirre fhein a chreidsinn gur ebhann. Ged a chunnaic i ni eiginn ann a bhacur Ghanemna cuimhne, gidheadh bha iomadh ni eile ri fhaicinn ann a bha neo-choltach ris, agus mar sin cha burrainn i smaointean gur e a bha fa comhair. Ach bha leithid de thoil aice fios fhaotainn co bhanns gun dubhairt i le guth fann, “A Ghanem an tu tha mifaicinn?”

An uair a thuirt i so, stad i gus cothrom a thoirt dha air freagairt a thoirt dhi; ach an uair a chunnaic i nach do chuir e suim anns na briathran a labhair i, thuirt i, “Ochan! a Ghanem, chan ann ruit a tha mibruidhinn! Tha diomhaidh an deigh greim cho mor a dheanamh air minntinns gun do ghabh mi an coigreach sona driochd. Dhaithnicheadh mac Abou Aidhoub, ciod sam bith cho tinns a bhiodh e, guth Fetnah.”

An uair a chuala Ganem (oir be a bhann) ainm Fetnah, dhfhosgail e a shuilean, agus sheall e an taobh on dthainig an guth a labhair ris. Agus an uair a dhaithnich e gum be Fetnah a bha fa chomhair, thuirt e, “Ah! a bhaintighearna, ciod amhiorbhuil” —Cha burrainn e an corr a radh. Le meud an aoibhneis a thainig cho ealamh ga ionnsuidh, dhfhannaich e anns amhionaid. Rinn Fetnah agus am marsanta na burrainn iad gus a thoirt as an laigse. Agus cho luaths a chunnaic iad gun robh edol na bfhearr, dhiarr am marsanta air Fetnah a dhol am mach as an t-seomar air eagal gun tugadh sealladh dhi an tuilleadh trioblaid air.

An uair a chaidh Ganem na bfhearr, sheall e mun cuairt an t-seomair, agus o nach robh efaicinn Fetnah, ghlaodh e, ag radh, “Fhetnah mo ruin, ciod a thachair dhut? Am faca mi le mo shuilean thu, no an robh mi air mo mhealladh?”

Cha robh, mo thighearna,” arsam marsanta, “cha robh thu air do mhealladh idir. Is mise a dhiarr oirre a dhol am mach as an t-seomar. Ach chi thu i cho luaths a dhfhasas tu nas treise. Tha feum mor agad an drasta air fois is tamh fhaotainn, agus cha choir dhuinn dragh sam bith a chur ort. Tha cuisean a nis air an atharrachadh do dthaobh. Tha mismaointean gur tu an Ganem mun dordaich an righ fios a chur air feadh abhaile gum bheil etoirt lan mhathanas dha. Na bi ag iarraidh an tuilleadh fiosrachaidh aig an am so. Innsidh abhean uasal a bha labhairt o chionn tiotadh mu gach ni eile. Air an aobhar sin na biodh dad acur curaim ort ach cia mar a gheibh thu do shlainte. Ni mise a h-uile ninam chomas a chum do shlaintethoirt air ais dhut.”

An uair a thuirt e so, dhfhag e Ganem gu fois a ghabhail, agus chaidh e dhulluchadh gach cungaidh a shaoileadh e a bhiodh freagarrach dha an deigh na dhfhuiling e le uidil is falbhan is cion bidh.

Fad na h-uine ud bha Fetnah anns an t-seomar comhladh ri Alcolomb, agus rimathair, far an robh acheart shealladh ri fhaicinns a bhanns an t-seomar anns an robh Ganem; oir an uair a thuig a mhathair gum be Ganem a mac, an coigreach tinn a thug am marsanta don taigh, bha i air a lionadh cho mor le aoibhneass gun do thuit i ann an neul. Agus an uair a thainig i as an neul le cuideachadh Fetnah agus bean amharsanta, bha icur roimpe eirigh as an leabaidh gus a dhol far an robh e. Ach an uair a thainig am marsanta steach don t-seomar, chuir e bacadh oirre. Thuirt e rithe gun robh Ganem cho lag, agus air a dhol as cho mors gun cuireadh na faireachdainean a dheireadhna cridhe, an uair a chitheadh emhathair agus a phiuthar, a bheatha ann an cunnart. Cha ruigeadh am marsanta leas an tuilleadh a radh ri mathair Ghanem. Cho luaths a chuali gun cuireadh i beathamic ann an cunnart le dhol a bhruidhinn ris, sguir i a dhiarraidh a dhol ann.

An sin thuirt Fetnah, “Thugamaid taing do Dhia air son gun dthug e comhladh sinn a dhaon aite. Theid mi air ais don luchairt, agus innsidh mi don righ a h-uile dad mar a thachair; agus thig mi air ais am maireach far am bheil sibh.”

An uair a thuirt i so, dhfhag i beannachd aig Alcolombs aig a mathair, agus dhfhalbh i.

Cho luaths a rainig i an luchairt, chuir i Mesrour far an robh an righ a dhiarraidh air cead a thoirt dhi beagan comhraidh a dheanamh ris far nach biodh neach ach iad fhein. Dheonaich an righ an t-iarrtus so a thoirt dhi. Agus an uair a thugadh do sheomar an righ i, leig i i-fheinna sineadh aig a chasan, agus a lamhan air an lar a reir mar a bha cleachdte. Dhaithn e dhi eirigh, agus suidhe. An sin dhfheoraich e dhi an cuali guth air Ganem.

A Cheannaird nam fior Chreidmheach,” arsise, “shoirbhich an gnothach leam cho maths gun dfhuair mi araon e fhein, agus mar an ceudna, a mhathair agus a phiuthar.”

Bha toil aig an righ fios fhaotainn cia mar a burrainn i am faotainn ann an uine cho goirid. Dhinnis i dha a h-uile car mar a thachair. Labhair i moran mu dheidhinn cho maths a bha mathair is piuthar Ghanem. An uair a chualan righ cho maths a mhol i iad, thuirt e gum be mhiann am faicinnnan triuir.

Ged a bha Haroun Alraschidna dhuine a ghabhadh corruich mhor air son fior bheagan aobhair, agus a dheanamh gniomharan cruaidh-chridheach an uair a bhiodh e ann an teas na corruich; gidheadh an uair a thraoghadhfhearg, agus a chitheadh e gun drinn e gniomh olc, bha en comhnuidh deas gus caoimhneas a nochdadh don mhuinntir air an drinn e olc. Air dha, air an aobhar sin, fios a bhith aige gun drinn e gu h-eucorach geur-leanmhuinn air Ganem agus air a theaghlach, agus gun dordaich e masladh a thoirt dhaibh gu follaiseach, chuir e roimhe gun tugadh e urram dhaibh gu follaisseach mar an ceudna.

Tha aoibhneas ro mhor orm,” arsesan ri Fetnah, “gun deachaidh agad air am faotainn, chan ann air do shon-samhain, ach air mo shon fhin. Cumaidh mi ris aghealladh a thug mi dhut. Posaidh tu Ganem, agus tha mi an so ag innseadh dhut nacheil thu nas fhaide na dbhanoglaich agamsa. Tha do shaorsa agad. Theirig air ais far am bheil am marsanta og, agus cho luaths a theid e am feabhas, bheir thu e fheins a mhathairs a phiuthar an so far am bheil mise.”

Air an ath mhadainn chaidh Fetnah don taigh aig marsanta nan seud, on a bha toil aice fios fhaotainn cia mar a bha Ganem, agus gus an naigheachd mhath a bha aice innseadh dhaibh. Be am marsanta acheud neach a thachair rithe, agus dhinnis e dhi gun dfhuair Ganem fois mhath air an oidhche roimhe sid, agus gum be bron is lionn-dubh aobhar a thrioblaid. Agus on a thugadh air falbh aobhar a bhroin, gum biodh e ann an deagh shlainte ann an uine ghoirid.

Mar sin thoisich Ganem ri fas laidir, slan. Eadar an fhois a fhuair e, na cungaidhean a ghabh e, agus, os cionn gach ni, an fhois a fhuair inntinn, dhfhas e cho math ann an uine ghoirids gun robh am marsanta asmaointean gum faodaidh emhathair, agus a phiuthar, agus Fetnah fhaicinn gun chron sam bith a dheanamh dha; nam biodh e fhein deonach am faicinn. Ach bha aobhar eagail gun cuireadh sealladh dhemhathairs dhe phiuthair tuilleadhs achoir de dhaoibhneas air, o nach robh fhios aige gun robh iad ann am Bagdad. Agus anns an t-suidheachadhs an robh e, cha fhreagradh so air. Air an aobhar sin shuidich iad gun rachadh Fetnah an toiseach a steach far an robh e don t-seomar; agus gun rachadh a mhathair agus a phiuthar a steach an uair a shaoileadh iad gum biodh an t-am freagarrach ann.

Ri leantuinn.


Is iad na deòir a shilear ann an uaigneas na deoir as goirte a shilear aig àm sam bith.



[332]

[Vol . 9. No. 43. p. 4]

Mac-Talla.

Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, APRIL 26, 1901.

THA cogadh Africa mu Dheas an deigh anabarr airgeid a chosg do Bhreatunn cheana, agus chan eil e ullamh fhathast. Tha achosguis gu ruige so an deigh a dhol os ceann cosguis a chogaidh a bha eadar Breatunn us Ruisia anns a Chrimea, agus thug e aona bliadhndeug de Bhreatunn faotainn na h-àite féin an deigh achogaidh sin. Bfheudar don Riaghladh Bhreatunnach air an t-seachdain sa chaidh $56 ,000,000 de chisean ùra a leagail air an dùthaich, ged a bha uallach trom gu leòr oirre roimhe. Chaidh iad $266 ,035,000 anns na fiachan air a bhliadhna dhfhalbh. Leis na cisean ùra bidh teachd-a- steach na bliadhna so air a thogail gu $938 ,010,000. Tha cis air a leagail air siùcar agus air gual, goireas a bha roimhe so saor; tha sin an deigh corruich nan saor-mhalairteach a dhùsgadh, agus tha an sluagh mi-thoilichte. Tha moran am barail nach biodh e ro-shàbhailte don riaghladh a dhol a shireadh ath-thaghadh aig an àm so, ged nach eil fhios am bheil an riaghladh gu mor rin coireachadh, oir cha robh enan comas achosguis a chumail fodha on thòisich an cogadh. Ach a reir barail cuid tha an riaghladh Breatunnach ri choireachadh air son an cogadh aobharachadh, agus cha bhiodh e doirbh toirt air sluagh a tha fo uallaichean troma na cosguis sin a chreidsinn, co-dhiubh a tha e fior no nach eil.

THA an ceannard Philippineach Aguinaldo, a nisena phriosanach ann an lamhannan Geancach mu dheireadh thall. Ghlacadh e ann an dòigh nacheil a taitinn ro mhath ris an roinn as motha de mhuinntir nan Staidean. Bhrathadh e do lamhan nan Geancaich le Philippineach a dhinnis dha gu robh an Coirneal Funston agus a dhaoine air an glacadh aige. Chreid Aguinaldo e, agus an uair a thainig e a dhfhaicinn nam priosanaich a ghlac am Philippineachs e bhann gun do ghlacadh e-fheinni nacheil aon chuid creideasach do arm nan Staidean no a nochdadh deagh shaighdearachd. Cha chualas chan fhaca sinn a leithid so air aithris mu na seanalairean Breatunnach ann an Africa mu Dheas, agus tha sinn an dochas nach cluinn. Ma dhfhaodte gur fhearr do na Philippineaich gu bheil e air a ghlacadh; agus ma tha an sgeul fior gu robh ena Cheann-suidhe air an riaghladh, agus na cheannard air an arm, bidh e gu math doirbh dhaibh duine fhaighinnna àite. Tha an cogadh eadar na Geancaich agus na Philippineich a dol air aghart moran nas fhaide na tha an stri eadar Breatunn agus na Boerich, agus chaneil Luzonan t-aon as motha dhe na h-Eileanan Philippineachair a chisneachadh fhathast. Cha robh a leth uiread de innealan-cogaidh aig Aguinaldosa bhaig na Boerich; ach baithne dhaibh an dùthaich gu math agus bha fhios aca gun cuidicheadh am fiabhrus leotha an aghaidh nan Geancach. Gun teagamhs e cogadh fadalach a thann, a tha a cosnadh a bheatha do dhiomadach saighdear treun air an da thaobh.

THA dòchas aig riaghladh Newfoundland gum bi réit air a deanamh eadar eadar Breatunn agus an Fhraing a thaobh nan còirichean a tha iasgairean na Frainge ag agairt air cladach a deas Newfoundland. Nuair a bha Newfoundland air a thoirt suas do Bhreatunn, bha còir air a thoirt do iasgairean Frangach an cuid éisg a thiormachadhsa ghlanadh air cladach a deas an eilein; riamh uaithe sin bha na Frangaich ag agairt nan còirichean sin agus acur tuilleadhnan ceann o àm gu àm, gus am bheil iad a nisegabhail seilbh air achladach gu h-iomlansa bacadh do iasgairean Newfoundland obair sam bith a dheanamh far an robh iadsan. Bha so o chionn iomadh bliadhna acur doirrain agus call air muinntir Newfoundland, ach air eagal aimhreit a dhùsgadh eadar Breatunns an Fhraing, bha iad a giulain leis. Toiseach na bliadhna so, co-dhiu, thug riaghladh Newfoundland rabhadh do Bhreatunn nach aontaicheadh iad feitheamh nas fhaide, agus uaithe sin bha am Priomhair Bond thall an Sasunn a cur achomhairle ri Chamberlain. Tha e air innse gun dthainig iad gu aontachadh mun chùis, agus gum bi Newfoundland an ùine ghoirid air a cur an làn sheilbh air a cladaichean féin gun a bhi aice ri airgead no fearann a thoirt suas don Fhraing. Bidh so na ni math do Newfoundland, agus ma ni Breatunn, am feadhsa bhios i deanamh chumhachan ris an Fhraing, eileanan St. Pierre a cheannach uaipe, bidh ena ni math do Chanada cuideachd. Chan eil ann an St. Pierre ach nead smuglairean, agus mar is luaithe theid a chreachadhs ann is fhearr don dùthaich so.

Ghoirticheadh fear Niall Mac-an-t- Saoir, a mhuinntir Catalone, ann an Libherpul, an Sasunn, o chionn ghoirid le carbad a ruith thairis air. Cha robh e beò ach beagan uairean. Dhfhag e bean ann a Halifacs.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Am Policy
a tha cordadh gu math ris gach seorsa dhaoine than Canadaam policy a tha air a sgriobhadh leis a
Confederation Life Association.

Is e so am Policy anns am bheil tearuinteachd. Chan eil cumhachan teagmhach sam bith ann. Chan eil ann ach gealltanas pàigheadh. Sgriobh gu ar luchd-gnothuich air son tuilleadh fiosrachaidh.

Earras $8 ,000,000. Urrasachadh an Greim $33 ,000,000.

F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.

Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[333]

[Vol . 9. No. 43. p. 5]

Naigheachdan.

Chan eil a mise Eadailteach idirna mhaor ann an Sidni. Chaidh fear a chur á dreuchd air son a bhi air an daoraich, mar a dhinnis sinn air an t-seachdain sa chaidh, agus leig am fear eile dheth an dreuchd dhe thoil féin.

Tha Class Biobuill Gàilig air a chumail aig ceithir uairean na h-uile Sàbaid ann an eaglais an Urr. Dr . Burrell (29th St. & 5th Ave. )am baile morNew York.Tha Aonghas Mac-Leoid, Gàidheal a mhuinntir na seann dùthcha, ’na fhear-teagaisg aig achlass aig an àm so. Tha àireamh mhor de Ghàidheil Chanada, agus cuid dhiubh á Ceap Breatunn, afrithealadh achlass gu riaghailteach.

Tha tuiltean mora anns na Staidean o chionn seachdain. Tha na tuiltean air sgur ann am Maine, ach ann am Massachusetts, am Pennsylvania, an Ohios ann an Staidean eile tha tuiltean a deanamh call mor. Ann am Pennsylvania, thatar ameas gu robh fiach da no tri millean dolair air a chur a dhith leis an tuil, agus tha mu leth-cheud mile de luchd-obrach air an cumailnan tàmh. Bha baile Cincinnati, Ohio, fon tuil fad dha no tri lathaichean air an t-seachdain so, agus am fios mu dheireadh a thainig bha an t-uisge a sior éiridh.

Tha cuideachd air a cur air bonn air son rathad electric a thogail ann an Sidnis an Glace Bay agus eadar an da bhaile. Ann an Sidni bidh an rathad atòiseachadh aig laimhrig an aiseig air sraid Dorchester, a gabhail suas sraid Shearlot guWhitney Avenue,troimh sin a dhionnsuidh aPhier, agus á sin gu Glace Bay. Bidh coig mile dhen rathad an taobh a stigh de chriochan Shidni, sia mile an Glace Bay, agus bidh aona mile deug a bharrachd air sin anns an t-siorrachd. Cosgaidh so sia ceud mile dolair. Tha an obair ri bhi air a cur air adhart gun dàil.

Bha na searmoin ann an àireamh dhe na h-eaglaisean feasgar na Sàbaid sa chaidh, abuntainn ri stuaime, agus dleasdanas an t-sluaigh a thaobh naScott Act.Bha iad uile air son an lagh sin a chumail, ag agairt gum be a bfhearr na an lagh a bhatar ag iarraidh, agus nach robh ni cearr air ach nach robhasga chumail air obair. Bha coinneamh stuaime ann an Eaglais St. Andrew oidhche Di-ciaduin, aig an do labhair an t-Urr. Mr. Grannd, á Trenton N. S., agus ministearan abhaile. Bha an eaglais lan, agus bhan sluagh gu h-aon-ghuthach air taobh naScott Act.

Chaidh fear Alasdair Howie a mharbhadh ann am mèinn Chaledonia maduinn Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh. Bha e air a mharbhadh le càr a dhfhuasgail on ròp a bhagan toirt as a mhèinn. Ruith an carbad sin air ais, ’ga bhualadh-san gu h-iseals ga mharbhadh air ball. Bha fear eile, Iain S. Domhnullach, comhla ri Howie agus chaidh a chas a bhristeadh, ach fhuair e as gun dochann sam bith eile bhi air a dheanamh air. Cha robh Howie ach bliadhnair fhichead a dhaois. Bu mhac e do Phadruig Howie, an Glace Bay Mhor. Tha an jury ag radh gum be dhaobharaich an sgiorradh nach robh am fear a bha ceaagal nan caraichean cho ionnsaichtes bu chòir dha a bhith.

Chaidh an soitheach-smùideGreenland,” a bha tuath a marbhadh nan ròn, a long-bhristeadh aig eilean Bhryon. Chaidh an sgioba iasgaichsuas ri da cheud uile gu leira shàbhaladh le soitheach eile. Bha coig mile ròn air bòrd aice, agus thugadh iad gu tir leis an t-soitheach eile cuideachd.

Bha teachdaire bho chuideachd thogail nan soithichean air beulaobh ComhairleBhailes Bord na Malairt oidhche Di-luain. Dhaontaich iadsan a bha aig achoinneamh gum biodh e iomchuidh don bhaile ceud mile dolair a thoirt mar shaor dhuais don chuideachd nan suidhicheadh iad na h-obraichean ann an Sidni.

Tha Donnachadh R. Cuimein air fhasdadh aig cuideachd aghuail air son cur as do chreic stuth làidir timchioll nam mèinnean. Tha an t-òl acur call mor air a chuideachd le moran de na mèinneadairean a bhigabhail na daoraich gach latha pàighidhs a cur maille air an obair. Chan eil iad air son sin a bhi mar sin nas fhaide, agus o nach gabh luchd-riaghlaidh na siorrachd os laimh an lagh a chur air obair tha iad-féin adolga dheanamh.

Tha Righ Iomhar ri bhi air a chrùnadh anns an Og-mhios, 1902. Bidh greadhnachas mor air a chleachdadh an co-cheangal ris an t-seirbheis. Tha Abaid Iarmhinistir ri bhi air a h-ùrachadhs air a cur ann an uidheam neo-chumanta briagha fa chomhair an latha mhoir. Bidh i air a dùnadh fad cheithir miosan toiseach na bliadhna sa tighinn. ’S es dòcha gun toir crùnadh Iomhair bàrr air gach crùnadh a rinneadh riamh roimhe ann am Breatunn.

THA na rioghachdan mora tha gabhail làimh ann an ceartachadh chùisean ann an Sina ag agairt ceud millean punnd Sasunnach air an dùthaich sin air son gach call us cosguis a chuireadh orra air sàileabh ceannairc namBocsairean.” Tha an Fhraing leatha féin ag agairt ochd millean punnd. Tha na Staidean, Breatunn, agus Iapan ag iarraidh air na rioghachdan deanamh le leth-cheud millein punnnd uile gu leir, achses dòcha nach bi an Fhraing agus aGhearmailt toileach sin a dheanamh. Bidh Sina air a creachadh ma thig oirre an t-suim mhor airgeid so a phàigheadh.

Tha maoir abhaile atarruinn aire dhaoine gu mor aig an àm so. Tha e soilleir nach eil moran dhiubhsan a thanam maoir cho freagarrach air an dreuchds bu mhath le muinntir am faicinn. Agus chan eil teagamh nach es coireach ri sin gum beilear a taghadh nadan oine chan ann air son am mathais ach air son an saoiread. Tha luchd-riaghlaidh abhaile gun teagamh ag iarraidh nan daoines fhearr a ghabhas faotainn, ach chan eil moran den t-seòrsa sin deònach gabhail aca air an tuarasdal a thatar acur nan tairgse, tuarasdal nas isle na thatar athoirt do na daoine tha cladhach air na sràidean. Tha sinn dhen bharail nach eil ena bhuanachd sam bith don bhaile bhi deanamh caomhnadh dhen t-seòrsa so. Air son an t-sith a ghleidheadh agus riaghailt a chumail air sluagh tha daoine earbsach, comasach feumail, agus cha bhi daoine dhen t-seòrsa sin toileach a bhi nam maoir air tuarasdail bheaga ach fhadsa bhios iad gun obair eile aca ri dheanamh.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.


So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman as fhearr.

Croinn ThreabhaidhVerityaon each. Croinn TreabhaidhVerityda each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.

Mar an ceudna
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.

F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.



[334]

[Vol . 9. No. 43. p. 6]

Litir a New Zealand.

AN DEARC-LUACHRACH.

CHANeil beothach anns an dùthaich so cho puinnseanta ris a Ku-pe-to, mun a sgriobh mi anns an litir mu dheireadh. Than dearc-luachrach pailt. An seorsas cumanta dhiubh( ’se Mo-ko-mo-ko an t-ainm a thaig na Maories air) fear beag coltach ris an fhear a tha ann an Ceap Breatunn, a tha beò anns an uisge agus anns na lochan. Chaneil an seorsa than so dol don uisge idir. ’Nuair a thig teas an t-samhraidh tha iad a tighinn a mach as na tuill. Tha iad gle neo-lochdach. Tha so a toirt nam chuimhne uair a chuir mi seachad oidhche comhladh ri Caiptean Domhull Mac Coinnich (Beag) anns an t-soitheach Quickstep, a bha e seòladh. Bha e ann an Cobh Iain Sheorais. ’S e trosg saillte bha againn airson ar suipeir. An deigh dhuinn a dhol don leabaidh bhual am pathadh sinn. ’S e Torcuill mac Dhomhuill mhic Neill Mhor, gille òg sgiobalta a bha na chocaire, a chaidh air tir air son coire uisge. Cha do dhfhuirich mi ri cupan, ach chuir mi suas an coire ri mo bheul a bha gu grad air a lionadh le ni bog. Dhfhairich mi an ni so a gluasad na mbheul. Gu grad thilg mi mach e mar smugaid air an àite suidhe a bha làmh rium. bha ann ach dearc-luachrach! Ghabh mi beachd gu robh lìrean, a bha leantuinn ris a bhiast, nam bheul. Chuir mi meall de dhìm saillte nam bheul. Thug so air falbh an lìrean mar a bha mi an dùil. Bha blas ni bu mhiosa nam bheul an la-iar-na-mhàireach. Smaoinich mi le òl deoch-làidir gun deanadh e feum; ’s minic a bha mi ga òl gun aobhar cho math. ’S ann a thog mi orm gu àite Alasdair a Mhuillear, mu mhìle air falbh, air son mo leor den uisge-bheatha, agus treis dhen ùine chuir seachad comhladh ri Ruairidh. Is iomadh uair thaitneach a chuir mi seachad comhladh ris an teaghlach. Arsa Fionnladh Greusaiche— “Bheir mise comhairle dhut, Iain: Na leig ni seachad air do chàirean gun dfhiacail a chuir air!” Uh! cuiridh e sgreat ormnuair a chuimhnicheas mi air.

KA-KA-RI-KA.

Than dearc-luachrach so beagan nas mo nam fear mu dheireadh a dhainmich mi. Tha e air fhaotainn anns na craobhan. Tha e neo-chumanta briagha, le stiallan de dhath uaine air eadh. Tha e cho neo-lochdadh ris an fhear eile. Cha chan am Maori sin; chaneil ni sam bith a chuireas uiread de dheagal air. Theid e á cochull a chridhenuair a theid am beothach so a shealltuinn . Tha ecreidsinn gum bheil an deamhain ann. Tha e mar sgeulachd aca, ’nuair a theid am Maori a chogadh tha eg ithen Ka-ka-ri-ka; tha so a cuir deamhain a chogaidh ann. Tha an t-eagal sin annta gus an lathan diugh.

TAN-TA-RA.

Tham beothach so mu ochd-oirlich-dheug air fad. Chaneil e pailt. Tha e ri fhaotainn an cuid de na h-eileannan fagus oirnn. Tha an luchd-riaghlaidh a gabhail curam de na beothaichean so. Chan fhaod thu h-aon dhiubh mharbhadh. Tha e na chionta mor sin a dheanamh. Chaneil cron sam bith annta. Ma theid thu faisg air, cuiridh e braoisg air. ’S e sin as miosa na choltas. Tha e deanamh toll domhain anns an talamh, far am bheil e gabhail comhnuidh. Tha eun beag (seorsa de fhaoileag) a deanamh nead ann am beul an tuill so airson a ghlacadh gu biadhadh a h-eoin òga. Tha daoine ionnsaichte cantuinn gur ann airson an aobhar sin a than t-eun a deanamh sin. Tha i faighinn an toll deiseal agus freagarrach air son a gnothuich. Chan urrainn neach sam bith cuir na h-aghaidh. Chaneiln corr ri chantuinn mun dearc-luachrach.

WAI-TA.

Sin cuileag mhor, làidir a tha tolladh anns na craobhan as cruaidhe fiodh. Tha e tàmh anns an toll. Tha cuid dhiu mu thri oirlich a dhfhad. Le cluas a chuir ris a chraoibhsan oidhche cluinnear am fuaim a tha e deanamh a tolladh gun sguir. Tha am beul aige mar spog giomach. Ni e droch gearradh. Tha e gabhail greim air tarsuinn agus a fagail lot mor, farsuinn. Ma chì thu e air an talamh tha e cho treuns gun cum e aghaidh ort gus am faigh e air falbh gu àite fasgach. Than t-earball aige fada agus gle bhiorach; adhaircean fada air na sgiathan aige mar shligean cruaidh. Cha bhuin cearc dhan chlosach aige. Bha mi latha fluich a cuir orm méideadh. Nuair a chuir mi an sou’ -wester orm dhfhairich mi mar gum biodh bior geur a dol nam cheann. bha ann ach a Wai-ta, a ghabh fasgadh anns an aid. A thogail le srearg ceangailte ris togaidh e e-féin suas agus gearraidh e an sreang air son a bhi air falbh. Chaneil e cronal ach fuireach bhuaithe. Chaneil e taghals na taighean comhnuidh. Tha e air a thoirt don taigh measg a chonnaidh.

PA-KA-KA.

S gann gur fhiach en t-saothair ainmeachadh. ’S e sin bogus mhor mu mheud bonn tastan agus mun aon tiughad. Ma theid a ghluasad tha e cuir samh dhith tha buileach fein anabarrach. So an doigh dion a thaige. Tha e gu tric a gabhail fasgadh fon chlar-tubhaidh air na taighean, agus an sgaran anns an fhiodh. Tha am beothach a tighinn an àm an teas, agus air uairean a tuiteam air an urlar agus gu tric air bord a bhidh, ’nuair a theid a thogail leis a chlobhas a chuir anns an teine. Than samh aige coltach ris a bhràthair eile aige


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON.

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc as mothas as saoire de
Bhathar Paipeirs de Bhathar Boid each
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.



[335]

[Vol . 9. No. 43. p. 7]

anns na leapaichean. Chaneil am fear so tric a deanamh a dhachaidh anns na leapaichean; tha e fuireach air falbh. ’S e Pa-ka-ka an t-ainm Maori aige; tha sinnetoirt ainm eile airNew Zealand bug. Air uairean theid fear dhiubh a stigh ann an sgeap sheilleineannuair a tha e deanamh cron.

MAGAN.

Tha esan an so, a thuilleadh air an fheadhainn a chaidh thoirt don dùthaich mar annas. Tha e air fhaotainn domhain anns an talamh, agus e beò. Thachair fear fhaotainn a bhliadhna thainig mise don dùthaich, ann an àite don bainm Cormandale, fagus air baile-mor Auckland, farn robh dachaidh an òir. Bhon uair sin chaidh àireamh de mhàgain fhaotainn fagus air a sin, far an robh iad a deanamh rathad mor eadar sgire Waipu agus sgire tha coig mìle de dhastar air falbh, troimh àite garbh le coille mhor agus cas. Bha na beothaichean so àireamh throighean fon talamh. Nuair a fhuaireadh iad bha iad beo, ach cha robh iad mar sin fada. Lean feadhainn diubh beo mu aon latha; cha do chòrd solus an latha riutha. Tha e gle iongantach mar tha màgain air fhaotainn domhain anns an talamh. Feumaidh e bhi an sealbh an talamhs docha mìltean de bhliadhnaichean mun do chuir crith-thalmhainn ceana-fodhair.

IAIN ROTHACH.
Rudha Mhàirtean,
18mh den Ghearran, 1901.


Saothair Chinnteach.

Tha aon ni a tha ro chomharraichte mu chuid de na Sean-fhocail Ghaidhealach, aguss e sin ameas tha air a chur air saothair chinnteach, sheasmhach, os coinn neart an uair nacheil dichioll maille ris. Chunnaic sinn roimhe an luach a bha ar n-Aithrichean acur air cruinnealas, ged bha iad comharraichte air son am fialaidheachd. Air a cheart dòighn an obair. Tha firinnus onoir eadar duines duine air a mholadh. Tha mocheirigh air a mholadh. Tha bhin a àm, an ceann do ghnothuich air a mholadh— “Am fear a ni obairn a àm, bithidh en a leth thamh.” Tham fear a thoisicheas obair air a neartachadh leis an radh— “Is trian obair toiseachadh.” Agus tha saothair chriochnaichte gun teagamh a faotainn na duais a thoill i; “Am fear a cheanglas, ’s e shiubhlas,” “Am fear is fearr a chuireas, ’s e is fearr a ghearras;” “An rud a nithear gu maith chithear a bhuil.” Ach os cionn moch-eirigh, os cionn tòiseachadh, ’s os cionn criochnachadh, tha obair chinnteach, leanailteach air a moladh, mar a dhearbhas na Sean-fhocail a leanas gu soilleir: “Chan emhuileann nach bleth, ach an t-uisge nach ruith;” “Ge be nach beathaich a choin, cha bhi iad aige latha na seilge;” “Is ann on bheagan a thig am moran;” “Chan ann leis acheud bhuille thuiteas achraobh;” “Gabhaidh connadh ùr le bhig a sheideadh;” “Am fear a theid aghnath mach le lìn, gheibh e eoin air uairean;” “Cha bhi dichioll air deireadh;” “Beiridh am beag tric air a mhor ainmig;” “Is fearr greim caillich na tarruing laoich.”

Is teagasg fallain, ionmholta air gach doigh an teagasg so; agus chan urrainn dhuinn a bhi ro thaingeil darn Aithrichean air a shon. Bfhearr leam gum faicteadh na tri Sean-Fhocail mu dheireadh a dhinmich mi, ann an litrichean òir, air balla gach tigh-sgoil anns an dùthaich. Chaneil mi gun amhurus nach paigheadh an leasan nam biodh e air a dheagh ionnsachadh, eadhon don Mhaigstir-sgoil latha cheasnachaidh, cho maith ri leughadh blasda nach tuig achlann; agus tha mi dearbhta nach faigh achlann leasan a bhios cho feumail dhaibh fein, dan cloinns do chlann an cloinne bho Mhaighstir-sgoil fon ghrein.


AMY MHORAIDH.
Feasgair de dhOrain Albannach
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, agabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.


INNSRIDH TAIGHES BRAT-URLAIR.
THA SINN ACREIC
Paipearan Balla Geancach
Dhe gach searsa. Cuiridh sinn
Taighean nan lan Uidheam

FAIC AN DESK-SGOILE UR LEIS AN T-SUIDHEACHAN-LUTHAIDH.

GORDON & KEITH,
SRAID SHEARLOT.
A . T. GRANND, Manager.


CuirearLeabhar nan Cnocleis a phosta gu àite sam bith an Canada nos na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


SANAS.

THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dhaois, gu dhol a dhobair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uairsa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a bfhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhadsa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.


DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.



[336]

[Vol . 9. No. 43. p. 8]

Cumha

Do Ghilleasbuig Caimbeul, Iarla Earra-Ghaidheal, a chaidh a dhith-cheannadh an Duneideannsa bhliadhna 1685.

LEIS AN AOS-DANA, MAC-ITHICH.

Tha sgeul agam, ’s cha chùis ghàire,
Dhuibh riinnseadh;
Gun dchuireadh ceann-taic nan Gàidheal
An staid iosal.

Cochumas còir ris an anfhann,
S e nachruadhaig?
Nochumas casg air gach anaghnath
Tha teachd nuadh oirnn?

Cochumas còir ris an eaglais?
Dhfhàs i dorcha;
Nochumas a suas luchd-teagaisg
Ris na borbaibh?

Cochumas an creideamh catharr
Suas gu treòrach?
S nach dfhuair Gilleasbuig cead éisdeachd.
An taic còrach.

Cochumas taigheadas greadhnach
Gu buan, faoilidh?
S nach taghail an t-Iarla Dùibhneach
S an Dun-Aorach.

Roghainn nan Albannach uile,
Den àrd fhine!
Dhaoine, nam biodh spéis de dhuine,
S beud a mhilleadh.

Iarla duaismhor Earraghaidheal,
Garg an leoghann!
Bu mhor an cridhedhfhearaibh Alba
Fhuil a dhòrtadh.

Dhaoine, ged a fhuair sibh àite
Os cionn rioghachd,
S olc a chuir sibh gliocas Alba
Gu sùrd millteach.

Ged a strac sibh còir gun cheartas
N taic bhur mioruin,
Theagamh gun dig la nach fhasa
Dhuibh da dhioladh.

Mo thruaighen nochd do luchd-leanmhuinn.
S faoin an seasamh!
Tha gach duinegabhail géill dhiu,
Dheug Gilleasbuig.

Dhfhalbh an tuigse, dhfhalbh an aithne,
Dhfhalbh an ceannsal,
Dhfhalbh an crann dligheach, treun talmhaidh.
Dhfhalbh an ceann math.

Beannachd le tanam am Pàras,
S fiach do chuimhne:
Gun togadh Dia suas bhur n-àlach,
A dhream Dhùibhneach.

Dream bheadarach, bhuadhach, bhàghach,
Mheadhrach, mhùirneach,
A labhradh gu foistinneach, fior ghlic,
Brigh gach cùise.

Sud a chlann as uaisle fine,
Na trein urrant’;
Reidh-bheartach an iuls an aithne,
Chlann ud uile.

Ge be dhaithriseas an seanachas
Le mion chuimhne,
Cos tuigsair dhruim talmhainn
Na Clann-Duibhne?

Blàth a dhfhàs os cionn gach fine,
Gniomh gun ghainne;
Ceann céille, cléir’, agus sgoile
An léibhidh uile.

S iomadh leoghann, is triath duineil,
Is ceann buidhne
Den t-sliochd Iarlail a shliochd Dhiarmaid
Mhic ODuibhne.

Bho Dhiarmaid a thainig sibh uile,
Sean am fine!
Clann a bfhearr a bfhiach am moladh
A chuala sinne.

S iomadh cridhe brastha brònach,
Rosg tha deurach,
Luehd-oifigs am bas ri bualadh,
Than creach déante.

S iomadh brugh soluis fo thùrsa,
Air dreach meirgte;
S mnai ghreannta gun ghean, gun ghàire,
S cridhfo throma chràdh.

Bhàsaich luchd-ciuil gu buileach,
Conim farraid?
Chan fheil stàth dhuinn bhi ri foras,
Chaidhn taom tharainn.

S fuathasach a ghaoth sothainig,
Ghluais in fhiubhaidh,
S ruaig i na h-eoin le stoirm ghàbhaidh
Bhon choill dhùmhail.

Ach tillidh na h-eoin ùiseil, àillidh,
Dan coill chaomhail.—
Gun togadh Diasuas bhur n-àireamh
An staid naomha.

Is cruaidh an càs seoidbu phailte
Shearggun chionta:
Cha dfhuaradh àbhar nur n-aghaidh
Ach meud bhur tuigse.

Thainig braghadh oirbh gun fhios duibh;
Leam is duilich;
Ma dhfhalbhas achlann so buileach,
S mairg a dhfhuirich.

Cuiribh-sbhur dòchassan Ard-Righ,
A chlann chéillidh;
S e sud am Britheamh gun fhallsa,
Nach dean eucoir.

An Tichruthaich sibh an toiseach
An staid cheutaich,
Tha E fhathast dhuibh cho gràsmhor
S a bhacheud uair.

S iomad marcaich luthmhor, làidir,
Thuit gu h-iosal,
S a dheirich gu socair, sàbhailt
Suas nadhiollaid.

Mar stiuir Maois a mhor-shluagh lionmhor,
S iadn an eiginn,
A mhac-samhuil tàrladh dhuibhse
Ri uair feuma.

Ri uair feuma tha Dia neartmhor,
Ceann gach cùise,
A dheanamh dur naimhdean treuna
Cairdean ciùine.


Leis an Lurgainn o Hi.

Leis an Lurgainn o ,
Leis an Lurgainn o ,
Beul an anmoich o ,
S fheudar falbh lecuid seol.

An cuan Eirinn o hi,
Muir ag éirigh o ho,
S cha bu léir dhuinn o hi,
Ni fon ghréin ach na neoil.

Seachad Ile o hi,
M beul na h-oidhche o ho,
Las sinn coinnlean o hi,
S chuir sinn combaist air doigh.

Seachad Aros o hi,
Bha i gàbhaidh o ho,
N fhairge làidir o hi,
Suas gu bàrr achroinn-sgòid.

Thuirt an sgiobair o hi,
Ri chuid ghillean o ho,
Glacaibh misneach o hi,
S cuiribh reef nacuid seol.

Suas a h-aodach o hi,
Ricroinn chaola o ho,
Snàmh cho aotrom o hi,
Ris an fhaoilinn air lon.

Suas a top-sail o hi,
Deanaibh deas i o ho;
Bheil e coltach o hi
Gun tig dosgainn na coir?”

Fhuair sinn fosgladh o hi,
Mun stem-thoisich o ho,
Fear ga taomadh o hi
S gillean coltach air bord.


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Laoidhean Dhughaill Buchanain .10
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. Mc-Ian, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.


BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.

So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90

Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.

Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 43
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla IX No. 43. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page