[337]

[Vol . 9. No. 44. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 3, 1901. No. 44.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna.

Le Iain.

CAIB. XXII.

THIG AN T-OLC GU FOLLAIS.”

AIR an lathashuidhich iad, ràinig Uachdaran Aird-Shannta an taigh aig Uachdaran Langadail, agus bha làmhan sgaoilte roimhe. Ged a bha iad glé eòlach air a chéile an uair a bha iad ag ionnsachadh na foghlum, bainneamh leotha, an deigh dhaibh tighinn gu aois fearachais, tachairt richéile. Cha robh Uachdaran Langadail a bheag am mach air fichead bliadhna an uair a chaidh e don arm. Fad nam bliadhnair fhichead a bha e anns an arm, cha robh e ach uair glé ainneamh anns aGhaidhealtachd; oir thachair gun robh e gu math tric air cheann buidheann dhen arm a bhan rioghachd acumail ann an Canada, no anns na h-Innsibh an Ear. Agus an uair ainneamh a thigeadh e don Ghaidhealtachd, dhfheumadh e an ùine a chur seachad comhladh ri brathairathar.

Bha brathairatharna Uachdaran cho maths a bha beò rilinn. Bha meas mòr aige air an tuath, agus bha uiread sin de mheas aig an tuath air. Ge be uair a thachradh iad ris, labhradh e riutha gu caoimhneil, càirdeil ann an Gàilig cho miliss cho blasdas a burrainn a h-aon dhiubh fhein a labhairt. Shuidheadh e aig taobh an rathaid mhòir comhladh riutha, agus bheireadh e greis air comhradh riutha, agus air éisdeachd na bha de sheann naigheachdan aca mu ghaisge agus mu euchdan nan seana Ghaidheal treuna a bha aon uair cho ainmeil air feadh na rioghachd. O nach robh e pòsda riamh, is ann aig Domhull, mac a bhrathar, a dhfhag e oighreachd Langadail. Is minic a theireadh e ri cuid dhen tuath: “Tha Domhull, mac mo bhràthar, anns an arm. Tha mise cinnteach gum bi e fhathastna Sheanalair, mur marbhar ro thràth ann am blàr e. Agus tha mi cinnteach gum bi ena dheadh Uachdaran an uair a gheibh e an oighreachd. Ach chan fhaigh e i gus an cuirear am ploc ormsa.”

Thuig Domhull gu math nach robh doigh a bfhearr dha gus brathairathar a chumail air a thaobh na bhithna chuideachd an comhnuidh. Bhan oighreachd farsuinn; agus ged a bha am màl a bhan tuath apàigheadh beag gu leòr, thigeadh e gu suim mhath aig ceann àireamh bhliadhnachan.

An uair a dheug brathairathar, dhfhàg e oighreachd Langadail aig Domhull, agus bha e an uair sin, mar a bha brathairathar ag radh, ’na Sheanalair, agus glé ainmeil anns an rioghachd mar shaighdear ro threun, tapaidh.

Bann beagan ùine an déigh dha tighinn a dhionnsuidh na h-oighreachd, a chaidh Uachdaran Aird-Shannta thun an taighe aige, mar a dhainmicheadh mar tha.

An ceann latha no dhà, bha iad le chéiledol troimhn bhaile a bfhaisge dhaibh, agus thachair gun do sgaoil an sgoil aig acheart àms an robh iad adol seachad. Thainig am maighstir-sgoilemach, agus ghrad chuir Uachdaran Langadail fàiltair gu cridheil, caoimhneil, agus rug Uachdaran Aird-Shannta air laimh air mar an ceudna. Thug iad greis air comhradh mu thimchioll caochladh nithean.

Thuirt Uachdaran Aird-Shannta: “Is toigh leam aghaidh an duine ud. Is gann a chreidinn gun innseadh e breug, no gun togadh e droch sgeul air neach sam bith. Feumaidh mi greis chomhraidh a bhith agam ris mu dheidhinn na bha thusag innseadh dhomh. Bu leasg leam facal a radh ris mun chuis, o nach fhaca mi riamh roimhe e le mfhiosrachadh.”

Leig thusa eadar mise agus sin. Cuiridh mi fios air gu tighinn a nall feasgar air choireiginn mum falbh thu, agus gheibh thu cothrom air ceisdean a chur air mu na chunnaics na chuale an uair a bha e air chuairt air an oighreachd agad. Tha e gu nàdarra car beag diùid; agus ged nacheil e ro dhiùidnam lathair-sa, on a tha mi nis gle eòlach air, bidh e diùidna dlàthair-sa gus an cuir e beagan a bharrachd eòlais ort. Cha labhair duine sam bith cho saorsnail am measg choigreachs a labhras e am measg na muinntir air am bheil e eòlach. Am feadhs a bha mise anns an arm, thuig mi mòran mu thimchioll nàdar dhaoine. Tha cuid dhiubh a dhfheumas tu eatomachd cho faicleach agus cho cùramach ri leanabh a bhiodh tinn, ar neo chan fhaigh thu facal as an cinn. Ach aon uairs gum faigh thu steach gu math orra, leigidh cuid de dhaoine ris an inntinn dhut soilleir gu leòr.”

Tha migad thuigsinn glé mhath, a nis, agus ni mi rud sam bith a chomhairlicheas tu dhomh; oir, ged a tha mise an deigh earrann mhòr dhe mo bheatha a chaitheamh am measg na tuatha a thair an oighreachd agam, tha mi ag aideachadh nach do thuig mi ciod aghné dhaoine a thannta fhathast.”

Tha cuid de dhaoine ann a tha dol troimhn t-saoghal mar gum biodh iad dall. Chan fhaic iad le sùilean achuirp na nithean ro iongantach a tha mun cuairt orra anns achruthachadh; agus tha sùilean na h-inntinn aca acheart cho dall ri sùilean achuirp. Tha iad faisge air a bhith cho aineolach air nàdar dhaoine, an lathagheibh iad bàs, agus a bha iad an latha rugadh iad. Ciod e am math a thann do dhuine dol troimhn t-saoghal mur toir e fa near na nithean a chi agus a chluinneas e mun cuairt dha.”

Tha micur maonta ris a h-uile facal a tha thug ràdh. Agus tha mina do chomain air son cho saors a tha thu ag innseadh na fìrinn dhomh.”

An ceann beagan làitheanna dheigh sid, chuir Uachdaran Langadail litir gu Fearachar Mac Mhathain, am maighstir-sgoile, a dhiarraidh air tighinn feasgar an ath oidhchgus a dhìnnear a ghabhail comhladh ris. Cha do chuir so ioghnadh sam bith air Fearachar; oir bu tric leis an Uachdaran fios a chur air gudhinnear. Baithne dha glé mhath mar bu chòir dha e-fhein a ghluasad aig bord duine uasail sam bith. Ged nach fhaca ena òige dinnear mhòr riamh, bha de thùrs de thuisge ann na thug air gun dionnsaich e cia mar bu chòir dha e-fhein a ghluasad ann an cuideachd dhaoine uaisle. Ma bheir daoine an aire mhath do na chis na chluinneas iad, chan eagal nach teid aca air ionnsachadh cia mar a bheir iad iad-fhein a cuideachd mheasail sam bith don teid iad.

Cha robh aig bord na dinnearach an oidhchud ach an dithis Uachdaran, agus am maighstir-sgoile. Bha na h-Uachdarain cho measail air a mhaighstir sgoiles ged a bhiodh e ann an co-inbhe riutha fhein.

An deigh don dinnear a bhith seachad thoisich iad ri comhradh mu thimchioll gnothaichean na dùthchadh. Am measg gach comhradh eile a bhaca, thug iad iomradh air cor na tuatha air feadh na Gàidhealtachd. Thuirt Uachdaran Langadail, “Tha e air aithris gu cumanta air feadh na dùthchadh nacheil an oighreachd agadsa air a riaghladh cho maths bu chòir dhibhith. Chuir e annas gu leòr ormsa an uair a chuala mi e; agus an uair a chuir micheisd ris amhaighstir-sgoile mu dheidhinn aghnothaich an déigh dha tighinn air ais o bhithg amharc air a chairdean, thuig mi o na dhinnis a dhomh gum feum gum bheil bonn gu leòr aig an fhathunn a chuala mi. Tha e fhein an sinna do làthair, agus faodaidh e an tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhut.”

An uair a chuala Fearachar na briathran so, thainigfhuilna aodann. Thuirt e ris fhein, “Cha teid mi facal air àicheadh. Is e mo dhleasdanas an fhìrinn innseadh cho fads is aithne dhomh.”

An uair a bha na smaointeanan so adol air aghartna inntinn, bha ena thosd. Agus thuig na h-Uachdarain gun robh beagan faiteachais air. Thuirt Uachdaran Aird-Shannta ris: “Na biodh eagal sam bith ort dinntinn a leigeadh ris dhomhsa. Cha chuir aon fhacal a dhinnseas tu dhomhsa dragh gu bràth ort. Tha mise ag aithneachadh air do ghnùis nach tog thu tuaileas no droch sgeul air neach sam bith. Fhads a chumas daoine ris an fhìrinn, chan eagal dhaibh. Ged a than fhirinn searbh, is isheasas air acheann mu dheireadh.”

An uair a chualam maighstir-sgoile mar a labhair an t-Uachdaran ris, thuirt e: “Cha bu mhath leam a bhithnam mhàthair-aobhar air mi-chliù no masladh a thoirt air duine sam bith; ach aig acheart àm cha bu mhath leam co-chuideachadh a thoirt air dhòigh sam bith do dhaoine a thadeanamh eucoir is ainneart air daoine bochda a tha gu dìchiollach agus gu h-onarach afeuchainn ri iad fhein a thoirt troimhn t-saoghal. An uair a chuala mi o urrachan glé chinnteach gun robh na daoine ris am bheil sibhse ag earbsa riaghladh na h-oighreachd, adeanamh eucoir air cuid dhen tuath, a chum iad fhein agus an dlùth chàirdean a chur ann an suidheachadh math, thuirt mi rium fhìn nach biodh e idir ceart dhomh fuireachnam thosd agus leigeadh leis an



[338]

[Vol . 9. No. 44. p. 2]

eucoir a dhol air a h-aghart. Tha Diana fhacal ag iarraidh oirnn ar guth a thogail an aghaidh na h-eucorach, ge be air bith àite anns am faic sinn i. Nam bann air son math coitchionn an t-sluagh a bhiodh am maors am bàillidh adeanamh nan atharrachaidhean a bha iad adeanamh o chionn àireamh bhliadhnachan, cha bu chòir do dhuine tùrail sam bith aon fhacal a ràdhnan aghaidh. Ach tha e soilleir gu leòr do na h-uile a bhagabhail beachd air an dol air aghart a bhaca, nach be math na tuatha gu léir a bhanns an amharc aca, ach math nan càirdean bu dlùithe a bhaca, agus math nan daoine a tha gu miodalach, brosgalach ag aontachadh leotha anns gach ni a thogras iad a dheanamh.”

Chòrd an dòigh anns an do labhair am maighstir-sgoile glé mhath ris na h-Uachdarain, gu h-àraidh ri Uachdaran Aird-Shannta. Thuirt iad a beul a chéile gun robh e ceart gu leòr dha a ghuth a thogail air taobh na tuatha.

An sin dhinnis e gu saor, soilleir dhaibh mun ghearain a bha gu cumanta am measg na tuatha, mun iarrtus a sgriobh e, mar a bha araon am maors am baillidh cho diumbach dheth. Thuirt e gun robh e mar an ceudna air aithris gu cumanta, nach robh na h-aodaichean a chuireadh a dhionnsuidh nam bochd air an roinn cho ceart agus cho cothromachs bu chòir, agus gun tugadh achuid a bfhearr dhiubh do dhaoine nach robh aon chuid bochd no éiseil.

Chuir so mòran a bharrachd draghair inntinn an Uachdarain na chuir na chuale mu dheidhinn riaghladh na h-oighreachd.

An uair a dhfhalbh am maighstir-sgoile dhachaidh bha greis mhath chomhraidh eadar na h-Uachdarain mu dheidhinn na dhinnis e dhaibh. Chuir Uachdaran Aird-Shannta roimhe gun deanadh e mion-rannsachadh mu thimchioll na chuale, agus gun cuireadh e am maors am baillidh as an dreuchd an uair a gheibheadh e dearbhadh gu leòr gu robh iad ciontach dhe na bha air a chur as an leith.

(Ri leantuinn).


Sgeulachdan Arabianach.

Ganem.

CAIB. XII.

AN uair a shuidhich e gur ann mar so a dheanteadh, dhinnis am marsanta do Ghanem gun robh Fetnah air tighinn don t-seomar ga fhaicinn. Bha aoibhneas cho mor airs gur gann nach dfhannaich e rithist. “Seadh, a Ghanem,” arsise, “fhuair thu rithist dFhetnah fhein, ged a bha thun duil gun do chaill thu gu brath i.”

Ah, a bhaintighearna,” arsesans eg a freagairt, “ciod amhiorbhuil leis an dfhuair mi sealladh dhiot aon uair eile? Bha mismaointean gun robh thu ann an luchairt an righ. Thug e gun teagamh sam bith eisdeachd dhut. Chuir thu as a cheann a bhithg iadach riut, agus tha sibh cho reidhs a bha sibh riamh.”

Rinn mi sin, mo Ghanem ionmhuinn,” arsise. “Dhearbh mi do Cheannard nan fior Chreidmheach nach urrainn e olc sam bith a chur as mo leith. Gus leasachadh a dheanamh air son an uilc a rinn e ortsa, tha eg am thoirt dhut mar do bhean.”

Thug na briathran so a leithid de dhaoibhneas do Ghanems nach robh fhios aige car uine ciod a theireadh e. Dhfhan ena thosd mar is tric le feadhainn a thann an trom ghaol a dheanamh. Mu dheireadh labhair e mar so: “Fhetnah mhaiseach, am faod mi na thuirt thu rium a chreidsinn? Am faod michreidsinn gun dthug an righ thu do mhac Abou Aidhoub?”

Chaneil ni as cinntiche na gun dthug,” arsa Fetnah. “Ged a rinn an righ rannsachadh air do shon gus do chur gu bas agus ged dhordaich e mile masladh a thoirt do dmhathairs do dphiuthair, tha e nis ag iarraidh dfhaicinn a chum gun toir e duais dhut air son na h urram a thug thu dha. Agus chaneil teagamh nach nochd e iomadh fabhar dhuibh gu leir.”

Dhfheoraich Ganem ciod a rinn an righ air a mhathair agus air a phiuthair. Dhinnis Fetnah dha a h-uile car mar a thachair dhaibh. Agus ged a bhainntinn gu mor air a lionadh le aoibhneas a chionn gun robh e gus Fetnah a phosadh, cha burrainn e gun na deoir a shileadh gu frasach an uair a chuale mu gach cruaidh fhortan a thachair rimhathair agus riphiuthair. Ach an uair a dhinnis Fetnah dha gun robh a mhathair agus a phiuthar ann am Bagdad, agus eadhon anns an taigh anns an robh e fhein, bha leithid de thoil aige am faicinns nach burrainn Fetnah gun am fabhar a bha e ag iarraidh a thoirt dha; agus mar sin, ghairmeadh a steach iad don t-seomar. Bha iad aig an dorus afeitheamh gus an cuirteadh fios orra. Ghrad chaidh iad a steach, agus ghlac iad Ganemnan gairdeanan, agus thug iad mile pog dha. Shil iad taobh air thaobh iomadh deur aig an am. Bhan aghaidheannan ceathrar fliuch leotha. Bha am marsanta e-fhein, agus a bhean asileadh deoir acho-fhaireachadh maille riuthanan ceathrar. Cha burrainn dhaibh gun a bhithsmaoineachadh le mor-ioghnadh air obair dhiomhair an Fhreasdail a thug a dhionnsuidh an taigh an ceathrar a bha air an sgaradh o cheile leis achruaidh fhortan.

An uair a sguir iad de shileadh nan deur, thoisich Ganem ri innseadh dhaibh mu gach trioblaid is eis troimhn deachaidh e on latha dhealaich e ri Fetnah gus an dthugadh do thaigh amharsanta e. An uair a chualiad mar a thachair dha, thoisich iad ri sileadh nan deur cho frasachs a bha iad riamh. Dhinnis e dhaibh gun do theich e do bhaile beag, far an do bhuail tinneas e; agus mar a ghabh duine caranta de mhuinntir a bhaile curam dheth, ach an uair a chunnaic e nach robh coltas gun tigeadh e air aghart, gun do ghabh fear aig an robh camhal os laimh a thoirt do Bhagdad.

Dhinnis Fetnah dhaibh mar an ceudna an staid bhochd anns an robh i fhein fhads a bha i anns aphriosan dhorcha: mar a chualan righ i an uair a bha ibruidhinn rithe fhein anns aphriosan; mar a chuir e fios oirre; agus mar a dhearbh i dha gun robh i neo-chiontach. An uair a dhinnis iad gu leir gach tubaist a thachair riutha, thuirt Fetnah, “Thugamaid buidheachas do Dhia a thug comhladh sinn a rithist, agus na biomaid asmaointean air rud sam bith ach an sonas a thagainn. Cho luaths a bhios Ganem ann an slainte mhath, feumaidh e fhein agus a mhathairs a phiuthar a dhol an lathair an righ; ach o nacheil iad ann an suidheachadh freagarrach gus a dholna lathair, ni mise gach ullachadh feumail dhaibh. Ach stadaidh sibh far am bheil sibh an drasta.”

An uair a thuirt i so ghrad dhfhalbh i don luchairt. An uine gun bhith fada thill i air a h-ais agus sporran aice anns an robh mile bonn oir. Thug i an sporran don mharsanta, agus dhiarr i air a dhol a cheannach aodaich do mhathair Ghanem, agus do Alcolomb. Bha barail mhath aig amharsanta air ciod an seorsaodaich a fhreagradh orra, agus cheannaich e aodach gle bhriagha, agus dhordaich e a ghrad dheanamh deiseil. Ann an ceann tri latha bhan t-aodach deiseil; agus on bha Ganemg a fhaireachadh fhein gu math laidir gus a dhol am mach, rinn iad deiseil gus a dhol don luchairt air latha airidh. Ach air acheart lathashuidhich iad gus a dhol a dhfhaicinn an righ, direach an uair a bha iad adeanamh deiseil gu falbh, thainig Giafar, an t-ard-chomhairleach, gu taigh amharsanta.

Bha e marcachd, agus bha aireamh mhor de dhoifigich maille ris. “Mo thighearna,” arsesan ri Ganem, cho luaths a chaidh e steach, “tha mi air tighinn o Cheannard nam fior Chreidmheach, mo mhaighstir fhins do mhaighstir fhein. Than t-ordugh a fhuair mi an diugh gle neo-choltach ris an ordugh nacheil toil agam a churnad chuimhne. Tha mi gu falbhnad chuideachd agus do thoirt an lathair an righ, on a tha toil aige dfhaicinn.”

Cha dthug Ganem de fhreagairt don ard-chomhairleach ach gun do chrom e cheann gu math iosal. An sin chaidh e air muin an eich a thugadh ga ionnsuidh a stabuill an righ, agus bu mhath a baithne dha marcachd a dheanamh. Chuireadh a mhathair agus a phiuthar air muileidean a bhuineadh don righ. Agus bha Fetnah air miuileid eile, agus bha fear de phrionnsachan na cuirte afalbhna ceann. Thug Giafar leis Ganem air rathad eile, agus thug e steach e do thalla na comhairle. Bhan righ anns an talla, agus ena shuidhe air an righ-chathair; agus bha e air a chuartachadh le ceannardan an airm, le comhairlich agus le maithean eile na cuirte, le Arabianaich, le Persianaich, le Eiphitich, le Africanaich, agus le Sirianaich, agus le moran eile.

An uair a thug Giafar Ganem gu beulaobh na righ-chathrach, leig Ganem e fhein na shineadh air an urlar, agusaghaidh ris an lar, mar umhlachd don righ. An sin dheirich ena sheasamh, agus mhol e an righ ann an oran a rinn e ann an ionad nam bonn; agus chord na briathran a labhair e ris gach neach a bhanns achuirt.

Na dheigh sin dhiarr an righ air tarruinn dluth dha, agus thuirt e ris, “Is math leam dfhaicinn, agus is e mo mhiann gun cluinn mi o do bheul fhein caitan dfhuair thu Fetnah, agus ciod an t-seirbhis a rinn thu dhi.”

Thug Ganem dha am fiosrachadh a bha e ag iarraidh, agus dhaithnich an righ air an doigh anns an do labhair e gur i an fhirinn a bha eg innseadh. Thug e dha trusgan riomhach mar a bu ghnath le maithean na cuirte a bhithcaitheamh. ’Na dheigh sin thuirt an righ, “A Ghanem, is emo thoil-sa gum bi thufuireach anns achuirt.”

A Cheannard nam fior Chreidmheach,” arsa Ganem, “feumaidh an seirbhiseach a bhith umhail do thoil a mhaighstir ris am bheil a bheatha agusfhortan an earbsa.”

Chord an fhreagairt a thug Ganem dha anabarrach math ris an righ, agus dhordaich e dha suim mhath gach bliadhna mar shaor-dhuais.

An sin thainig an righ a nuas bhar na cathrach agus dhiarr e air Ganem agus air Giafar a dhol asheomar fhein. Bha fhios aige gun robh Fetnah, agus mathair, agus piuthar Ghanem anns an luchairt, agus dhordaich e an toirt a steach. Leig iad iad-fheinnan sineadh air a bheulaobh aig a chasan. Dhordaich e dhaibh eirighnan seasamh. Agus an uair a bheachdaich e gu dluth air Alcolomb, agus a chunnaic e gun robh ina boirionnach anabarrach maiseach, thuirt e rithe,



[339]

[Vol . 9. No. 44. p. 3]

Tha doilghios orm a chionn gun do bhuin mi co eucorach ri boirionnach a tha cho maiseach riut. Tha e mar fhiachan orm moran a bharrachd math a dheanamh dhut air na rinn mi de dholc ort. Tha mig adghabhail mar mo bhean. Agus air an doigh sin ni mi dioghaltas air Sobaide, a bhana mathair-aobhair air amhi-fhortan a thainigna drathad. Bidh i nis na mathair-aobhair air fortan a chur na drathad. Ni mi barrachd air so,” arsesan, agus e tionndadh ri mathair Ghanem: “tha thu og gu leor fhathast; agus tha micreidsinn nacheil dad agad an aghaidh an t-ard-chomhairleach a phosadh. Tha migad thoirt do Ghiafar, mard-chomhairleach, agus tha migad thabhairt-sa Fetnah, do Ghanem. Tha mi ag ordachadh sgriobhadair a thoirt a steach, agus fianuisean a ghairm, a chum gum bi na tri chumhnantan-posaidh air an sgriobhadh gun dail, agus gun cuir sinn uile ar lamh-sgriobhaidh riutha. Bha Ganem toileach a radh ris an righ gum biodh ena urram gu leor dha phiuthair a bhithna banoglaich aige, ach chuir an righ roimhe gum posadh e i.

Bha an sgeulachd so cho neo-chumanta ann an sealladh an righs gun dthug e ordugh don t-seanachaidh a sgriobhadh facal air an fhacal mar a thachair i. ’Na dheigh sin bha i air a tasgadh anns an leabhar-lann. Bha i air a h-ath-sgriobhadh gu math tric, agus air an doigh so fhuair an saoghal fios mar a thachair.

(Achrioch).


Tamhaisg.

LE IAIN MAC PHAIDEIN, AN GLASACHO.

Earrann III.

BHA coignear no siathnar fhear anns a cheardaich air chéilidh comhla ris a ghobhainn. Dhfhuirich iad a seanachas gus an robh e anamochsan oidhche. Agus an uair a dhfhosgail a h-aon dhiubh dorus na ceardach, ’s e air son falbh dhachaidh, thionndaidh e thar a ghuaille ris an fheadhainn a dhfhàg e na dheigh, agus thuirt e gu robh solus a nuas an rathad. Thainig a h-uile h-aon a bhasa cheardaich a mach agus thòisich iad air sealltainn an rathad a bhan solus, agus a cuir na ceisd ri cach a cheile, “Saoil cobhios a nuas an rathad mun àm so dhoidhche?” “Dhfhaodte gur e thann tamhasg,” arsa fear eile. “Chan e mo thamhasg-sa a thann co-dhiu,” arsan gobhainn. Ach feadhsa bha na fir ri feala-dhà anns an dòigh so, bhan solus a casadh orra, agus direach an uair a bha e cho faisg orras gum bu choir dhoibh gum faiceadh iad an neach a bha ga ghiùlan, ann am priobadh na sul chaidh e as an t-sealladh, ’s ged a dhiarr iad shiosus shuas cha robh neach ri fhaicinn; agus mun do dhealaich na fir air an oidhchud, cha robh iad idir cho àbhachdach nan cainntsa bha iadn uair a chunnaic iad an solus an toiseach. Dhainmich mi cheana gun duirt an gobhainn ann am feala-dhà nach be a thamhsan a bhann co-dhiu. Cha robh anns a ghobhainn ach gillòg ann an treun a neart, agus a bharrachd air a sud, dhfhaoite gun do bhuail e na inntinn, nam bes gun tigeadh am bàs air, nach be sud rathad a rachadh a chorp a ghiulan. Ach biodh sud mar a thogras e. Chaidh fios air a ghobhainn latha na dhà as a dheigh sud, ga iarraidh do thigh, no co-dhiu do stabull tuathanaich a bha mìle no dha uaithe, a dheanadh rudeigin mun cuairt air each. Bhuail an t-each breab air, agus bha e marbh ann an leth-uair a dhùine. Agus chaidh a chorp a ghiulan dhachaidh air a cheart rathad air am faca e féin agus càch an solus.

On a dhainmich mi no dhà a dhfhairich agus a chuala cuid nach gabhadh tuigsinn, faodaidh mi no dhà ainmeachadh a chunnaic cuid, agus a chuir fiamh orra, ged a bha a e fein nàdurra gu leoir.

Leum boirionnach a mach as a tigh fein air maduinn shònraichte, agus ghlaodh i ri a fear, ’s e gu àrd air mullach mulainn anns an iolainn, “Thig a stigh, ’Eòghain, gu luath; thilg a phoit a bhair an t-slabhradh am brod, ’s than Donas a dannsadh ann an toll na luatha.”

Abheil gu dearbh,” arsa Eòghan; “n dath a thair?” “Tha dath na luatha,” arsa bhean. “Sin fein an dath is coir a bhi air,” arsEòghan. “Ach leig thusa leis gus am bi e sgìth dannsadh, agus bi e nis fhasa dhomhsa dol na bhad.”

Ann am beagan ùine thainig Eoghan bhar a mhulain, agus chaidh e stigh. Thog e leis an rud a bhann an toll na luatha agus nigh e anns an uisge, agus chunnaic e gur h-ann a bhaige cnapach math de bhreac; agus dhith Eoghan gu bhraiceas e, ach cha bheanadh a bhean dha. Thuirt i gun do chuir e leithid de dheagal oirre, ’s nach burrainn in t-iasg a chuir a choir a beoil. Tha e furasda gu leòir a thuigsinn cia mar a thachair so. Chaidh am boirionnach don allt air son làn achuinneig de dhuisge, agus chaidh am breac don chuinneag gun fhios dith, —agus gun fhios da fhein cuideachd, tha mi cinnteachagus an àm a bhith lionadh na poite as a chuinneig, chaidh am breac anns aphoit, chaidh a phoit a chuir air an teine, agus shuidh a bhean ri taobh an teine a figheadh stocaidh. Achn uair a thòisich an t-uisge air fàs tuilleadh is teith air son a bhric, ghearr e cruinn-leum a mach as a phoit, a tilgeadh abhrod roimhe, agus chuir e car no dha dheth fein ann an toll na luatha mun dfhuair a bhean a cheud sealladh dheth.

Thachair so anns a Ghàidhealtachd. Ach los a leigeil fhaicinn gun gabh na goill eagal a chuir orra le ni gle fhaoin, cho math ris na Gàidheil, innsidh mi naigheachd mu rud a thachair air cladach na Solway, ann an ceann a deas na h-Alba.

Tha uamha mhor anns an àite sin, agus bha uirsgeulan fuasach air innseadh mu timchioll leis na seann daoine a bhuineadh agus a rugadhsa thogadh mun àite. Co-dhiu, air latha Sàbaid o chionn àireamh bhliadhnachan, chaidh dòrlach de ghillean òga a dhfhaicinn na h-uamha. Bha gille òg a buachailleachd chaorach faisg air beul na h-uamha, agus dhinnis esan dhaibh nach robh e chum feum sam bith dhaibh dol don uamh gun choinneal, agus fhuair e fein coinneal dhaibh. Bha cu aig fear dhiubh na chuideachd, ’s chaidh an cu a stigh don uamha comhla riutha. Ghabh iad a stigh gu sùnndach, ri seanachasus feala-dha gus na thoisich an uamha ri fàs dorcha, ’sa sin las iad achoinneal; achn uair a chaidh iad ni bfhaide air aghaidh, bha mac-talla a deanadh fuaim a bha car neònach leis na gillean, ’s cha robh iad ri bheag sam bith de sheanachas. Ann am priobadh na sùl thug an uamha spreidheadh aisde, le nuallanaich uamhasach nach cuala a h-aon aca riamh a leithid. Chaidh am fear aig an robhchoinneal air chrith, ’s thuit an coinneal as a laimhs chaidh i as. “Am fear a dfhanadh ribhogha, chan fhanadh richlaidheamh,” a toirt a chasan as; ach ged a bha cuid dhiubh am beachd gun deanadh iad a mach beul na h-uamha gun solus, ’s ann a bha fear an dràsdasa rithist a toirt smuid dha fein an suds an so ri ballachan na h-uamha, far an laidheadh es e glaodhaich air còmhnadh on fheadhainn a bha cho dona as ris fein. Bi sud uamha na h-ochanaich agus na h oillt fad faisg air leth-uair an uaireadair, gus na thachair do dhfhear dhiubh, le tuiteamais, gan damais e beul na h-uamha, agus as a sin ghlaodh e air an fhear a bha buachailleachd nan caorach.

Thainig am buachaille na ruith gu beul na h-uamha, ’sa chù fein aig a shàil, agus mun gann a fhuair am fear eile ùine bruidhinn ris, thainig sionnach a mach as an uamha mun casan, ’s na bhad ghabh abhuachaille, ach cha robh sud a toirtCothrom na Féinnedon t sionnach bhochd; bha en deighn eile a leith-mharbhadh mar a bha, agus cha robh e féin gun leon no dhà ged a bha bhuaidh aige thairis air a chù. Ach co-dhiu, eadar agus bata a bhuachaille, cha robh an sionnach fada ann an tir nam beò.

A nisse donnalaich an t-sionnaichsa choin, agus mac-talla na h-uamha, a chuir an t-eagal air na fir ud. Agus nam biodh am buachaille mionaid na bfhaide gun tighinn, agus gun dfhuair an sionnach as gun duine ga fhaicinn, bhiodh naigheachd aig na fir ri innse a bheireadh orra féin agus air daoineile a chreidsinn nach dfhalbh linn nam bòcan fhathasd.

Am bi bòcain agaibh ann an Glascho, Uilleam?” arsa seann duine anns a Ghàidhealtachd ri gille òg a bhan déigh dol dhachaidh as a bhaile mhor. “Cha bhi,” arsUilleam, “bòcain againn ann an Glascho, a chionn chaneil a bhi beò acann, eadar policemenus meirlich.” Ach ged a be so beachd Uilleam, chunnaic a h-aon no dha ann an Glascho rudan a chuir ioghnadh gu leoir orra.

Bha, o chionn uine nacheil fada, fear obair, a bha mach air an oidhche, a tighinn dhachaidh gu thigh féin, mu shiath uaireansa mhaduinn. An uair a ràinig e ceann na staidhir air an robh e a còmhnuidh, chunnaic e eun mor dubh, cho mor ri sgarbh, a tighinn a mach á tigh coimhearsnaich, ged a bhan dorus dùinte. Ghabh an t-eun a sios leis an staidhir, agus sheas an duine ann an larach nam bonn, ’s gun fhios aige de bu chiall don ghnothach. Ach ann an ùine bhig, ’s gun fhios aige fhein car son, ghabh e sios an staidhir as deigh an eoin, ach ged a shealls ged a dhiarr e siossa suas an t-sràid, chan fhac e sealladh eile dhen eun. Thill en sin air ais agus chaidh e stigh da thigh fein, agus an deigh dha greim bidh a ghabhail chaidh e laidhe, gun smid a ràdh ri neach mun ni a chunnaic e.

Ach an uair a bha en déigh uair no dha de chadal fhaotainn, chaidh a dhùsgadh leis an ùb, àb a bha dol air aghaidh air braighe na staidhre. Thuig e gun robh a dhorus féin fosgailte, agus dhéisd e tacan, a dhfheuch an tuigeadh e bha dol; agus an sin thainig a bhean a stigh, agus dhinnis i dha gun robh an coimhearsnach marbh, agus gun dthàinig e ri bheatha féin.

Cha biongantach,” arsesan ri a mhnaoi, “ged a thachair an sgarbh ormsa air an staidhir, ’sa mhaduinn an diugh.”

Bha, o chionn dòrlach bhliadhnachan, boirionnach a còmhnuidh ann an Sràid nacheil fada bhuam aig a cheart àm so. Rachainn don tigh anns an robh a comhnuidh aice, ’s anns am faod i bhith fhathasd air son na bheil fhios agam mun atharrachadh, co-dhiu, ann an cairteal na

(Air a leantuinn air taobh 342).



[340]

[Vol . 9. No. 44. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, MAIGH 3, 1901.

Aireamh nan Ceilteach.

Thatar ameas gu bheil anns an Roinn Eòrpa coig milleanan deuga de shluagha tha de shliochd nan Ceilteach. Tha amhor chuid dhiubh sin anns an Fhraing agus anns na h-eileanan Breatunnach. Agus cuiridh e ioghnadh air moran a chluinntinn gu bheil eadar tri us ceithir milleanan dhuibh sin a labhairt aon mheur no eile den t-seann chànain. Ann am mor-roinn Breton, ’s an Fhraing, tha còrr us tri cheud deug mile den t-sluagh a labhairt na Brythonic, seana chainnt na dùthcha, dhaindeoin gach dichioll no ana-ceartas a than riaghladh Frangach acleachdadh air son a cur á bith. Ann an Wales tha eadar naodh ceud us da cheud deug mile a labhairt na Cuimrich, cainnt na dùthcha sin, agus tha an àireamh a sior dhol am meud, ged a tha iad aig an àm cheudna afàs nas eòlaiche air aBheurla na bha iad riamh roimhe. Tha cànain nam Breton agus nan Cuimreach gle choltach ri chéile, agus tha dealachadh mor eadar iad us Gàilig na h-Eirinns na h-Alba, ged a tha e soilleir gu leor gur ann on aon fhreumh-chainnt a thainig iad uile. Ann an Eirinn tha eadar seachd us ceud mile de luchd-bruidhinn Gailig na dùthcha sin, ged nach eil ach mu dha fhichead mile dhiubh uile gu leir gun a bheag no mhor de Bheurla. Air Gàidhealtachd na h-Alba, tha mu dha cheud gu leth mile de luchd-bruidhinn Gàilig, agus cho fada deas ri siorrachd Pheairt, gheibhear clann bheag aig nach eil facal Beurlanan cinn. Ann am Manainn chan eil a lathair ach àireamh bheag a labhras Gàilig an eilein sin, mu thri mile pearsa uile gu leir.

CHAN eil e coltach gun cuir Uilleam Bryan an còrr dragha air muinntir nan Staidean ag iarraidh a stigh mar ard-riaghladair na dùthcha. Tha e-féin ag radh nach eil e deònach ruith tuilleadh, agus tha iadsan a bhagabhail taoibh ris an da thurus a ruith e asealltuinn mun cuairt air son duineileghabhas àite. Tha Bryan, gun teagamh na dhuine tapaidh, agus a bharrachd air sinna dhuine onarach agus lan chogaiseachna bheachdan a thaobh cùisean-riaghlaidh na dùthcha. Ach bu bharailean ceàrr achuid mhor dhe na bhaige; bha sluagh tuilleadh us làidirna aghaidh, agus mar sin cha do shoirbhich leis. Bha na Geancaich tuilleadh us glic air son gabhail ri saor-chùineadh an airgeid, agus tuilleadh us measail air na thug iad bhon Spàinn air son a bhi dhen aon inntinn ri Bryan nuair a bha ecomhairleachadh dhaibh an leigeil uapa.

S iomadh sgeul iongantach a thatar ag aithris anns na paipearan-naigheachd o latha gu lathafeadhainn dhiubh ait, feadhainn air a chaochladh sin, agus an roinn as motha nan tulla bhreugan. Feumaidh neach a cheart aire a thoirt am paipear a leughas e aig an àm so. Mu na cogaidhean ann an Africa mu Dheas, ann an China, agus anns na h-Eileanan Philippinach, bidh a sgeul fhéin aig a h-uile paipear ri innsecuid dhiubh fìrinneach, ach achuid is motha gun bhun gun bharr. Faodar a radh le fìrinn mu roinn mhor de na paipearan-naigheachd, gu bheil iad a clo-bhualadhAh-uile rud ach an rudbu chòir.”

Bha na Coitearan air eilean Bharra o chionn àireamh bhliadhnaichean ag iarraidh tuilleadh fearainn, agus bhan Riaghladh agealltuinn sin a thoirt daibh. Ach nuair nach robh am fearann a tighinn, dhfhas na coitearan sgith a feitheamh, agus toiseach a mhios Aprail ghabh iad seilbh air fearainn Eolagaraidh agus Bhatarsaidh, a bhuineas do Bhain-tighearna Gordon Cathcart. Is e eilean a tha ann a Bhatarsaidh, agusse féin agus Eolagaraidh an da fhearann as mothas as fhearr a tha ann am Barra. Dheirich na coitearan tràthsa mhaduinn, chaidh aon sgioba gu Eolagaraidh, agus sgioba eile ann am bàtaichean gu Bhatarsaidh, agus thòisich iad air cur buntàta. Tha iad uaithe sin a deanamh curachd eile, agus acur rompa seilbh a chumail air an fhearann le lamhachas-làidir gus an toirear dhaibh seilbh laghail air. Chan eil teagamh nach eil e cearr do dhaoine bhigabhail an laghanan lamhan féin, ach anns a chùis so tha leisgeul nan coitearan bochda Barrach righabhail. Tha iad ann air fad mu dha cheud teaghlach, ’s iad air an cumail air mìrean beaga fearainn as nach urrainn iad beòlaind cheart a thobhairt, agus raointean mora fearainn timchioll orra air am faodadh iad beò laind mhath a dheanamh, nan toirte dhaibh e. Ma tha na coitearan rin coireachadh air son an lagh a ghabhailnan lamhan féin, tha an luchd-riaghlaidh rin coireachadh gu mor air son a bhi cur dàil ann an cùis cho cudthromach.

Dhfhalbh an deigh mhor Di-dònaich sa chaidh, agus tha an acarsaid fosgailte uaithe sin, ’s na bàtaichean aiseig a ruith gach latha. Tha an t-side fuar gu leòr fhathast, gaoth tuath a séideadh gu làidir achuid as motha den t-seachdain so.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Am Policy
a tha cordadh gu math ris gach seorsa dhaoine than Canadaam policy a tha air a sgriobhadh leis a
Confederation Life Association.

Is e so am Policy anns am bheil tearuinteachd. Chan eil cumhachan teagmhach sam bith ann. Chan eil ann ach gealltanas pàigheadh. Sgriobh gu ar luchd-gnothuich air son tuilleadh fiosrachaidh.

Earras $8 ,000,000. Urrasachadh an Greim $33 ,000,000.

F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.

Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[341]

[Vol . 9. No. 44. p. 5]

Naigheachdan.

Chaidh fear Andra Anderson a mharbhadh ann an aon de mhèinnean Ghlace Bay Di-haoine sa chaidh, le torr guail a thuiteam airse aigobair. Bu mhac e do Sheumas Anderson am Port Morien, agus bha e coig bliadhna fichead a dhaois.

Tha gorta am measg an t-sluaigh ann an Sina, am mor-roinn Shan Si. Tha corr us aona millean deug sluaigh anns achearna sin dhen dùthaich, agus tha a mhor chuid dhiubh afulang. Tha Li Hung Chang an deigh fios a chur don Roinn Eòrpas do na Staidean ag iarraidh cuideachaidh bidh us airgeid air son an sluagh a chumail on bhàs.

An àm a bhig àireamh an t-sluaigh ann am Breatunn air a mhios a chaidh, bha urram air a chur air na h-Iortaich nach deach a chur air muinntir cearna sam bith eile dhen rioghachd. Chaidh soitheach-cogaidh a chur gan ionnsuidh á Grianaig, a dhaona ghnothuch air son àireamh an t sluaigh a ghabhail aig an àm a bha air òrdachadh leis an lagh. Tha, eadar bheag us mhor, tri ficheadsa sia deug a chòmhnuidh air an eilean, ceathrar a bharrachd air na bha ann deich bliadhna air ais, ’nuair a chaidh an àireamh roimhe.

Maduinn Di-donaich sa chaidh, bha luchd da thanc de thearr air a losgadh aig laimhrig an iaruinn. Bha tri ceud us fichead mìle galan annta, agus thatar a meas a challa uile gu leir aig fichead no coig mile fichead dolair. Bha dithis no trùir dhiubhsan a bha ag obair air cur as an teine air an losgadh gu dona le tearr ghoileach a bha srutheadh as na tancaichean, agus chaill Seoras White te dhe mheòirean ag obrachadh na h-inneil-theine. Bha sgioba-teine á Sidnis á Glace Bay còmhla ri moran de luchd-obrach cuideachd an iarruinn féin ag obair mun teine fhadsa mhair e, ’s ga chumail o sgaoileadh. Bha an tearr a chaidh a losgadh air a deanamh aig naCoke Ovens,agus bha i air a cumail anns na tancaichean a feitheamh gus am biodh i air a toirt air falbh le soithichean.

Chaidh soitheach-smuide Frangach, air an robh ochd ceud gu leth iasgair atighinn a mach gu St. Pierre, a bhristeadh beagan an deigh dhi fàgail thall, agus bfheudar dhi tir a dheanamh aig na h-eileanan Azores. Chan eil soitheach eile deiseil gus na daoine thoirt a nall, agus mar sin tha àireamh mhor de shoithichean an acarsaid St. Pierre nach urrainn a dhol a dhionnsuidh an iasgaich. Bha na Frangaich air son àireamh mhor iasgairean a chur dhionnsuidh nam bancaichean air an t-samhradh so. Tha dùil aca, mun tig samhradh eile, bhi deanamh còrdaidh ri Breatunn a thaobh cladach a deas Newfoundland agus ma dhfhaodte St. Pierre, agus bha iad air son an t-iasgach a bhi cho morsa ghabhadh e deanamh am bliadhna a chum gum faigheadh iad am barrachd airgeid o Bhreatunn air son a bhi toirt suas an còirichean. Ach thug an sgiorradh a dhéirich don t-soitheach-smuide so, agus na h-iasgairean a bhi gun dòigh tighnn bhar nam eileanan buille throm dhan ghnothuch sin. Air leinn nach bi moran duilichinn air muinntir Newfoundland air son mar a thachair.

Tha Sir Tomas Lipton acur roimhe réis a chur ris na Geancaich am bliadhna rithist. Tha birlinn ùr aig air a cur air sàl ann an Glaschu dan ainm an Shamrock II. Tha e dhen bharail gu bheil i fad air toiseach air an t-Seamrag eile ann an luaths, agus gu feum na Geancaich birlinn ro-mhath a chursan réis ma tha iad air son an duais a chumail aca féin air an turus so.

Tha abhreac gu math pailt ann an cearnan de dhOntario. O thoiseach na bliadhna so bha còrr us ceithir ceud pearsa tinn leatha, ach tha e coltach nach eil an euslaint gle dhona, oir as an àireamh mhor sin cha do chaochail ach a ceathrar. Bha abhreac o chionn àireamh mhiosan air ais am measg nan Innseanach ann an siorrachd Bhrant, agus bha iadga cumail an cleth. Tha an riaghladh, air sàileabh sin, abacail dhaibh aig an àm so an cuid fearainn féin fhàgail gun chead fhaotainn o lighiche, a dhfheumas a bhi cinnteach nach eil a bhreac nam measg mun toir e an cead sin dhaibh.

Chaidh fear Micheal Duggan a mharbhadh aig naCoke Ovensmaduinn Di-haoine sa chaidh. Bha e dol guobair, agus a coiseachd air an rathad iaruinn. Bhatar agluasad charbadan air an rathad, agus air dhasan dol a thaobh aseachnadh aon charbad chaidh e air thoiseach air carbad eile, a ruith thairis air. Bhuail na cuidhlichean ma theis-meadhoin, agus bha e marbh air ball. Bhuineadh e do Mhargaree, far am bheil a mhàthair, triùir bhràithean agus dithis pheathraichean a fuireach. Bha e mu dheich bliadhna fichead a dhaois. Chaidh a chorp a chur gu Orangedale maduinn Di-sathuirne, agus bha e air a ghiùlain á sin gu a dhachaidh ann am Margaree.

Dheug Aonghas Caimbeul air an naodhamh latha dhen mhios a dhfhalbh, air an Amhuinn Mheadhonach, aois ceud bliadhna agus a sia. Rugadh e ann an siorrachd Rois, an Alba, an 1803. Thainig athairs an teaghlach maille ri àireamh chàirdean air imrich gu Eilean a Phrionnsa air an t-soitheach Polly. Air an turus thachair soitheach cogaidh Frangach riutha, agus mur a be cho gleusdas a bha an sgiobair bhiodh iad air an glacadh mar phriosanaich. Anns an àm so bha naimhdeas aig na Frangaich ris na Breatunnaich. Dhiarr an sgiobair air an luchd-turuis a dhol a laidhes leigeil orra gu robh a bhreac air bòrd. Cha bu dàna don Fhrangach tighinn dluth dhaibh agus sheòl e air falbh. Bha Mr Caimbeul a còmhnuidh ann an Eilean a Phrionnsa gus a bhliadhna 1812, ’nuair a chuale an t-ainm math a bhaig Ceap Breatunn mar dhùthaich tuathanachais, agus shuidhich e-fhein agus a chàirdean gun seòladh iad as an Eilean gu Ceap Breatunn. Rinn iad an turus fairge eadar an da eilean ann am bàta beag. Air an ath bhliadhna (1813) thog iad fearainn ann an Ceap Breatunn, e-fhein agus an còmhlan a thainig á Alba maille ris, agus bha iad air na ceud dhaoine geala a thog dachaidh dhaibh feìn air an Amhuinn Mheadhonaich. Bha Mr Caimbeul a mealtuinn deagh shlainte gus o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais, ’nuair a bhuail an grippe e, agus bha a fhradharc, a chlaistneachd, ’s a chuimhne chom athsa bha iad ann an làithean òige.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.


So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman as fhearr.

Croinn ThreabhaidhVerityaon each. Croinn TreabhaidhVerityda each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.

Mar an ceudna
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.

F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.



[342]

[Vol . 9. No. 44. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 339).

h-uarach. Bha balachan aig a bhoirionnach so a shiubhail na leanabh. Bha balachaneile aig feadhain a bha fuireach air an staidhir os a cionn, agus fhadsa bhan leanabh aig a bhoirionnach so beò bhiodh e fein agus am balachan a bha gu h-ard an staidhir daonnan còmhla, agus an uair a shiubhail an darna h-aon, cha burrainn an leanabh eile thuigsinn gu ro-mhath de thachair, agus thigeadh e stigh do thigh a bhoirionnaich so, agus shealladh e mun cuairt air, ’s shuidheadh e air furm beag taobh an teine, ’s e sealltainn ris an leabaidh anns am fac en sealladh mu dheireadh den leanabh eile, agus an sin dhfhalbhadh e dhachaidh gun smid a ràdh ri neach.

Se Tòmas a bainm don leanabh so; agusn uair a dhfhàs Tòmas mor, ’sa thainig e gu inbhe duine, cha robh ann ach duine gun fheum; bha e fuasach gòrach agus bhiodh e tric air mhisg, agus air uairean cha leigeadh a chuideachd a stigh idir e air an oidhche, aguss minig a bhiodh e gun àite, anns an dthugadh e a cheann, agus gun ghreum a chuireadh e na bheul. Ach bha aon àite aig Tòmas anns am faigheadh e cuid na oidhche, aon dorus nach do dhiùlt riamh fosgladh dha, agus be sin tigh a bhoirionnaich a dhainmich mimathair an leanibh a chaochail.

Thug màthair Thòmais an aghaidh air a bana-choimhearsnaich a chionn i bhi leigeadh le Tòmas fuireach a stigh aice air an oidhche. “Deanadh sibhse,” arsa am boirionnach, “mar a chi sibh iomachaidh riar mac fein, ach cha dùin mise mo dhorus gu bràth air companach mo leanibh.”

Ach air latha de na làithean, sheòl Tòmas a mach á Cluaidhs thug e Australia air, agus a cheud litir a thainig bhuaidhe, thuirt e gun robh e fada stigh anns an dùthaich, gun neach faisg air, ach caoraichusCangeroos,” fada o dhaoine, agus o bhuairidhean aGhallowgate.”

Air lathaàraidh, gu math tràth anns a mhadainn, dhfhosgail am boirionnach so dhainmich mi cheana, a dorus fein, ann am baile Ghlaschu, agus fhuair i Tòmas na sheasamh aig an dorus; shin am boirionnach, a làmh le furan do Thòmas, ach an àite breith air laimh oirre, sann a ghabh e seachad oirre, a suas an staidhir, gun smid a ràdh ris abhoirionnach. Sheas ise, ’s i fo ioghnadh agus fo fheirg, fear an robh i, ann an dùil gun cluinneadh i Tòmas a bualladh aig dorus a phàrantan nach robh ach aona staidhir as a cionn. Ach an déigh dhìth seasamh ag éisdeachd car ghreiss nach robh buille aig an dorus na ceum air an staidhir, dhirich i suas gu fàilidh, achn uair a rainig i an dorus gu h-àrd, cha robh neach ann. Ghabh i suas gu mullach na h-aitribh uile gu leir, ’s cha robh creutair beò ri fhaicinn, ’s bha i cinnteach nach do dhfhosgail dorus air a h-aon de na staidhrichean on a thainig i mach as a tigh féin. Cha deachaidh i a dhfharraid, de chuideachd Thòmais ni mun cuairt air, ach thuig i air an seanachas, ’n uair a thachair iad oirre feadh an latha, nach dthàinig Tòmas dhachaidh, agussen comhdhùnadh gus an dthàinig am boirionnnach, na h-inntinn fein, nach robh Tòmas ann an tir nam beò. Ach cha bann mar sud idir a bha a chùis; bha Tòmas beò slàn ann am measg nan caorach, ’s nanCangeroes,” iomadh bliadhna as a dheigh sud, ’s faodaidh gum bheil e fathast ann. Cha robh sion sonraichte mun cuairt air, co fad sa bfhiosrach neach, a bhiodh na aobhar air gum faicte a thamhasg ann an Glaschus e fein ann anAustralia.”

Ach an uair a thainig litir o Thomassa chual am boirionnach gun robh e gu math, dhinnis i an rud a chunnaic i, agus thòisich neach no dha air breanachadh air a chùis, ach cha burrain iad dad a dheanadh dheth, ach gun robh e coltach gu leòir gu robh Tòmas a sgriobhadh na litir ann anAustralia,” aig a cheart uair anns am faca am boirionnach a thamhasg ann an Glaschu.

(Achrioch).


Ami Mhoraidh.

Sann ainneamh a gheibhear a measg muinntir na tire so neach tha gabhail urad shaothair gu bhi toirt fo chomhair an t-sluaigh cànain, ceòl, is litreachasTir nam beann,” na a bhana-Sheinnidear thaitneachMiss Amy Murray.Ged a tha beagan de bhlas na Beurla air a Gàidhlig, tha a lethsgeul ri ghabhail, a chionnsann le dichioll, agus le fior-spéis don chànain aosda chaidh i, an uiridh, do Ghàidhealtachd na h-Alba, gus an tuilleadh eòlais fhaotainn air Cànain, Ceòl, is Cleachduinnean nan Gàidheal. Thainig i air ais gu dachaidh féin, baile morNew York,lan-thoilichte as na chunna sna chuala i, agus le iomadh sgeul taitneach air caoimhneas agus fearas-chuideachd nan Gàidheal an Gleann-comhann, Ardnamurchan nan beann uaine, Suaineart du-ghorm a bharraich, agus Eilean Sgiathanach a cheò.

Tha suil aice dol air chuairt troimh Chanada agus do na Roinnean-Iochdrachd air a mhios so tighinn. Chaneil teageamh nach cuir na Gàidheil fàilte sfuran oirre nuair chluinneas iad cho gleusdasa sheinneas i na h-òrain Ghàidhligs Beurla airclarsachnan teud, agus le binneas abeòil. Mar an ceudna, tha i na maighdean cheanalta, ro-thaitneach na còmhradh, agus fior-dheònach air òrain bhlasdaTir an fhraoicha chraobh-sgaoladh air an taobh so den chuan. Buaidh is piseach air gach h-aon tha gabhail tlachds spéis don chainnt

Bhlasda, shnasda, cheòlmhor,
Bhinneach, oranach, gach linn.”


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc as mothas as saoire de
Bhathar Paipeirs de Bhathar Boid each
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.



[343]

[Vol . 9. No. 44. p. 7]

Allt an t-Siucair.

(Oban Times) .

Rinn am bàrd, Mac Mhaighstir Alastair, aon do shruthanan na Morairne ainmeil fon chliù so, gun robh a bhruachan asruthadh le siùcar á cridheachan nam fliùran òirdhearc a bhag an sgeadachadh. Ach chan e an t-allt so air am bheil sinn gu bhi ag iomradh an dràsd. O cheann ioma bliadhna a nis bha an siùcar ro shaor; gheibhear air trì buinne na bàbhuist dhuinn a bhi faotainn air son sgillin. A thaobh achogaidh tha e a nis air a ràdh gum bi cìs ùr air a cur air an t-siùcar; agus mar so gum bi aig an t-sluagh ri sgillin anns aphunnd a bharrachd ri phàigheadh. Tha e air a ràdh gun togar mhuillein dheug air an dòigh so. Ma thig achìs so tha e soilleir gum bi an duine bochd apàigheadh a chuid féin co-dhiù do chostus achogaidh. Tha tomhas do cheartas ann an so; a chionn gun robh an sluagh iad féin car gionach air son achogaidh. Far am bheil anamiann làidir anns achreutair agus troimh am bheil e afaotainn riarachaidh chaneil e neo-iomchuidh gum biodh duais aghluasaid theagmhaich ud atighinn gu làimh an duine. Bidh mar so làmh an Ard-Riaghlaidh air a leagail air biadh an t-sluaigh; agus thig dhoibhsan a bhios afulang a bhi afeòraichnam measg féin càit am bi an dleasnas anns an àm ri teachd dhan taobhsan a bhios ag iarraidh dol don Phàrlamaid. Bha mòran don t-sluaghnan amadain agus an aineolas aig an àm mu dheireadh; tha dòchas gun aithne dhoibh slighe na còrach an ath uair.


Fir Gun Fhearann.

Tha ceudan diubh so ann an ceàrnaidhean don Ghàidhealtachd, gu sònruichte anns na h-eileana siar; agus chaneil an luchd-riaghlaidh adeanamh oidhirp is fhiach a chuideachadh nan daoine bochda so. Tha na coiteirean truagha sonan aobhar nàire dhoibhsan a tha afrithealadh nan laghan. Tha gu leòir do fhearann an sud agus an so, ach chan fhaigh an duine bochd e a àiteachadh, eadhon far am bheil e ullamh gu bhi pàigheadh màl reusanta. Chaneil ioghnadh ged tha trioblaid ann an Uibhist agus ann am Barra far nacheil an dòigh beòshlaint ach glé ghann agus suarach. Tha an t-Ard-Riaghladh adùnadh an cluasan an aghaidh éisdeachd ri feuman an t-sluaigh choitchinn. Is ioma uair a dhinnseadh do na coiteirean gun robh achùis so gu h-àraidhnan làmhan féin. Tha ioma ni ann a dhfheudadh iad a dheanadh an taobh a stigh do chlàran an lagh air an robh iad adeanamh dearmad roimhe so. Tha sinn an dòchas gum bheil iad adùsgadh a suas ás ùr, agus nach téid iad a chadal a rithis an aithghearr. Cha dfhuaradh riamh sochairean is còirichean ás eughmhais strì agusna uairean còmhstri dhian. Tha lagh is airgiod air an sònruchadh air son na coiteirean so, ach cha drinneadh feum dhiubh fathast. aige a tha achoire?


A charaid, mun iarr thu comain air neach sam bith eile, thoir na tri nithe a leanas fainear. An toiseach, an urrainn duit a sheachnadh? A ris, am bheil e comasach don ti air am bheil thudol ga iarraidh a thoirt seachad? Aguss an treas aite, an deanadh tusa air son do charaid, nam biodh en ad aite-sa, acheart ni sin a tha thu mar chomain ag iarraidh airsan? Uime sin, smuainich air na nithibh so, agus feudaidh e bhi gun atharraich thu do bharail.

Chaidh caileag bheag, sia bliadhna dhaois, a losgadh gu bàs aigStewiacke , N. S. ,Di-sathairne sa chaidh. Bha i comhla ri cloinn eile a cleasachd faisg air teintean a bha ann am pàirce a bhatar a réiteach. Ghabh a cuid aodaich teine, agus bha i air a losgadh cho donas gun do chaochail i an ceann cheithir uairean.

Anns an naodhamh linn deug chaidh mu shia fichead millein dolair a chosg a feuchainn ri crann a tuath an t-saoghail a thoirt a mach. Chaidh mu dha cheud soitheach a chall ris na h-oidhearpan a thugadh, agus mu cheithir mile beatha duine.


INNSRIDH TAIGHES BRAT-URLAIR.
THA SINN ACREIC
Paipearan Balla Geancach
Dhe gach searsa. Cuiridh sinn
Taighean nan lan Uidheam

FAIC AN DESK-SGOILE UR LEIS AN T-SUIDHEACHAN-LUTHAIDH.

GORDON & KEITH,
SRAID SHEARLOT.
A . T. GRANND, Manager.


CuirearLeabhar nan Cnocleis a phosta gu àite sam bith an Canada nos na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


SANAS.

THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dhaois, gu dhol a dhobair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uairsa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a bfhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhadsa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.


DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.



[344]

[Vol . 9. No. 44. p. 8]

Cumha da Brathair le Nighinn Oig.

S ann mun taca son
Bu bhochd, airsnealach mfheum,
Is mi smaointinn air beus do bheoil.

S e mac Cholla nan euchd
Rinn do bhualadh, mo bheud!
Dhfhàg sin mise ri m fo leon.

Ann an ciste chaoil, theann,
Tha thud laighe gun srann,
Is gun socair fo dcheann ach bòrd.

Corp bu ghilthu nan cnaimh
Fo do léine chaoil, bhàin,
Is thud laighair an traigh gun treoir.

Slios mar eala nan tonn,
Is cùl fàinneach deas, donn;
S bu tun t-òg a bha connar còir.

Nuair a chunnaic mi fein,
Fuil do chridhes do chléibh,
Chaidh am pudhar air ghleus am fheoil.

Cùl an righe so thall
Bhan sar ghaisgeach air chall;
Fear an aignidh gun fheall, gun ghò.

Tighnn bho cheardaich a ghuail,
Bu ghlan rudhadh do ghruaidh,
Mar an t-ubhall air uachdar meoir.

S i do chas a bha luath,
S i do làmh a bha cruaidh,
Nuair a thachradh tun ruaig non tòir.

S i do ghualabha treun
Ann an carraid non streup;
Bu tu marbhaichan fhéidhs an eoin.

Bu tu marbhaichbhruic ruaidh
Thig bhon fhireach so shuas,
Is a choilich nuair ghluaistan t-òrd.

Bu tu marbhaichbhric bhàin
Thig bhon aigeal air snàmh,
Nuair a ghlacadh tun crann addhorn.

Cha robh filidheachd cainnt,
Cha robh lùth-chleas no danns’,
Nach do dh-ionnsaich thun camp Mhont-ròis.

Càit an robh e fon ghréin
Aon mhac gobha bfhearr beus
Na mo bhràthair deas, treubhach, og?

Bha thu ceanalta, suairc,
Ann an còmhdhail an t-sluaigh;
Gheibhteadh tfhuran is tuaisles teol.

Leat bu mhiannach rum druidt
Is daoine uaisle mar-riut,
An àm tarruinn ri uchd an òil.

S tu nach sealladh gu crìon
Air a bheagan a dhiol
Nuair a tharladh am fion addhorn.

Bha thu càirdeach, a rùin,
Do dheagh oighre Dhun-tuilm,
Ceann nan gaisgeach bu chliùiteach dòigh.

Bha thu càirdeach da uair
Do Shiol Torcuill mu thuath;
Sud na fearaibh a fhuair an leon.

Nis bhon thachair dhomh féin,
Bhith gun bhràthair addhéidh,
Bfhearr gun greasadh Mac mid lorg.


Oran Gaoil.

LUINNEAG.
Bu chaomh leam bhith mireadh, bhith mireadh, bhith mireadh,
Bu chaomh leam bhith mireadh ri nighinn ghlain, òig.
Bu chaomh leam bhith mireadh ritaobh mar a shirinn;
S mo ghaol air a tiomachdn àm sireadh a pòig.

Bidh sinne gu spéiseil an caidreabh a chéile,
A laighes ag éirigh an déidh a bhith pòsd’;
Gun chùram fon ghréin oirnn ach aighearach, éibhinn,
S gach ni a bhios feumail gun éis air ar bòrd.

Bidh tusa gach lathacur sùrd feadh an taighe,
S bidh mise gu h-ealanta a gleidheadh dhuit lòin;
Thig fiadh as an fhireach is breac as an linne;
S nuair chi thu mi tilleadh gur geanail do sheòl.

Bhon tha mi na mchabhaigs nach faod mi bhith fanachd,
Thig làmh rium, mo chaileag, ’s gum faigh mi do phòg.
Mas mise do leannan na biga mo mhealladh,
No idir ri fanaid, ’s mo chion ort cho mòr.

Nis innis an dhomh; chan fhaigh thu á mlàmhan;
Nach faic thu mar tha mi a ghnàth air do thòir.
Da sheachdain bho màireach; ’n e sin tha thugràitinn?
Mo bheannachd gu bràth ort, thés àilletha beò.


Cailinn na Buaile.

S ann thall thar na h-abhunn a chunna mi aiteal
Den ribhinn as maisicha bha mi nacòir;
Bha dealradh na h-ainnir mar reulta na maidne;
S bu taitneach leam labhairt is binneas a beoil.

LUINNEAG.
Chan ioghnadh na gillean, na gillean, na gillean,
Chan ioghnadh na gillean bhith sireadh do phòig;
Chan ioghnadh na gillean bhithn tòir air an nighinn,
S a gruaidh mar an t-siriss a bilean mar ròs.

Tha moran de dhaoinesa chearn so den t-saoghal,
S nam faigheadh iad caoraich, crodh-laoigh, agus stòr,
Nach iarradh a chruinneagtha meachair is cuimir;
Gum fòghnadh leo dubh chaille bhrucach an sgleò.

Ged bhiodh i naleine mar bhios i ag éirigh,
Gum bannsa leam fein an te cheutach, ghlan, chòir;
S ithogadh mo chridhe, ’s cha chlàrsach no fiodhull,
S chan aicheinn nach sirinnbhithruigheachd a pòig.

Thaslios mar an eala, thacneas mar an canach,
Thagluasad mars ainneamh rifhaighinn an òigh.
Gur siobhalta, stuama, deas chailinn na buaile,
A siubhal lecuachan air uachdar an fheoir.

S en sòlas as aite bhith timchioll na mainnir
céiteinsa mhaduinn a coimhead na h-òigh’;
Na laoighs iad nan cabhaig ag iarraidh gu bainne,
S a ghruagach og, cheanaltle cuman fo chròic.

Nuair sheinneadh an éiteagsa chiùin mhaduinn chéitein,
Is smeòrach na géige gu h-éibhinn ri ceol,
Cha chualassa chruinne riamh crùn-luath cho ullamh,
S cho taitneach le duine ri coilleag a beòil.


AMY MHORAIDH.
Feasgair de dhOrain Albannach
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, agabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.


BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.

So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90

Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.

Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 44
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla IX No. 44. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page