[345]

[Vol . 9. No. 45. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 10, 1901. No. 45.


Litir as an Eilean Sgiathanach.

FHIR MO CHRIDHE: —Tha dòchas agam nach bi dad agad an aghaidh àite thoirt don litir so anns aMHAC-TALLA. Ged a dhfhaodas cuid dhe na briathran a tha midol a sgriobhadh a bhith searbh gu leòr le iomadh fear dhe mo luchd-dùthchadh, cha dubhairt sin nach fhaod iad a bhith fior gu leòr. Tha seanfhacal ann a thag ràdh, gum bheil an fhìrinn searbh na uaireannan. Ach tha rudan searbha cho feumail dhuinn iomadach uair ri rudan milis. Mar is trice, is ann searbh a tha na cungaidhean leighis a than luchd-sgile atoirt do na daoine tinne gus an leigheas.

Anns acheud àite, tha mimeas gum bheil na Gàidheil chòire, chneasda, a tha le toil agus le tlachd aleughadh agus apàigheadh aMHIC-TALLA, ro airidh air cliù agus air moladh mòr fhaotainn. Tha iad anochdadh gu soilleir do shluagh an t-saoghail gum bheil de dhuinealas annta na thatoirt orra nach gabh iad dad de nàire ged a theid aca air Gàilig a leughadh agus a labhairt. Tha iad anochdadh mar an ceudna gum bheil meas aca air na daoine on dthainig iad. Agus car son nach bitheadh? Bha na seana Ghàidheil, mar shluagh, comharraichtenan lathasnan linn air son an caoimhneis, an carantais, an gliocais, an tuigse, agus am breithneachaidh. Bha iad duineil, tapaidh, treun. ThaGhàilig, mar chànain, gu soilleir anochdadh dhuinn gun robh buadhan glé neo-chumanta air am buileachadh air na Gàidheil a bhann o shean. Agus amhuinntir a tha aineolach air aGhàilig, chan urrainn gum bheil abheag de mheas aca air na Gàidheil a bha beò anns na linntean a dhfhalbh. Ach tha luchd-leughaidh aMHIC-TALLA anochdadh dhuinn gu soilleir nach dfhàs iad fhathast cho mòr asda fheins nach fhiach leotha Gàilig a leughadh nolabhairt.

Tha mòran Ghàidheal air an taobh so dhen chuan a tha smaointean gum bi na Gaill agus na Gàidheil uaibhreach, mhòr-chuiseach a tha, gu mi-fhortanach, tuilleadh is pailt ann an Alaba, ag amharc sìos orra, ma bhios Gàilig aca. Ach ma thachair gun robh cuid dhiubh cho mi-fhortanachs gun dionnsaich iad Gàilig a labhairt an uair a bha iad òg, maoth, gun phròis, gun uaill, aig glùin am màthar, thadhaon toileachadh aca nach aithne dhaibh Gàilig a leughadh! An uair a theid iad don eaglais Di-domhnaich, ged a bhios an t-seirbhis anns aGhàilig, chan aill leotha leabhar Gàilig fhosgladh! Is aithne dhomhsa nighean ògbha i air fastadh ann an taigh dlùth dhomhagus ged nach robh ach gann facal Beurlana ceann, cha tugadh i Biobull no Tiomnadh Nuadh Gàilig leatha don eaglais air son rud sam bith! Tha mi eòlach air earrann mhath de Shiorrachd Earra-ghaidheil, de Shiorrachd Inbhirnis, agus de Shiorrachd Rois, agus chaneil eagal orm a ràdh, nacheil aon as an fhichead den t-sluagh òg a bheir leabhar Gàilig don eaglais air Di domhnaich! “Nach fheum iad a bhith coltach ris na h-uaislean?” arsa duine còir a thachair rium o chionn ghoirid, agus efàl-mhagadh orra.

Tha min dòchas nacheil clann nan Gàidheal a thafuireach air an taobh agaibhse dhen chuan cho pròiseil agus cho mòr asda fhein ris amhuinntir air an robh mi as iomradh. Air aon ni tha fhios agam, agus is e sin, nach biodh paipear-naigheachd Gàilig mar a tha am MAC-TALLA beò sia miosan ann an Alaba! Tha mi ag aideachadh gum bheil nàire orm so a ràdh. Chan fhiosrach mi gum bheil cinneach eile anns an t-saoghal gu léir aig am bheil dìmeas air an cànain fhein ach na Gàidheilnan ònar! Agus their mi so, agus chaneil eagal orm a ràdh, nacheil aGhàilig dad air dheireadh air cànain sam bith fon ghréin anns na briathran sin leis an labhair sinn gu modhail ri daoine agus leis an dean sinn seirbhis do Dhia. Tha miselabhairt Gàilig o chionn dlùth air tri fichead bliadhna; agus o chionn deich bliadhna fichead tha mi an déigh ùine mhath a chaitheamh ann a bhithsgriobhadh, aleughadh, agus arannsachadh na Gàilig, agus mar is eòlaiche a tha mifàs oirre, is ann is mo mheas oirre. Tha ina cànain a tha ro aosda agus ro thaitneach rih-éisdeachd a thaobh cho tlàth agus cho deadh-fhuaimneachs a tha i. Càite am faighear bàrdachd cho taitneach rileughadh agus rih-éisdeachd ri deadh bhàrdachd Ghàilig? Càite an cluinnear cliù Dhé air a sheinn cho taitneach agus cho fìor dhrùighteachs a chluinnear e ann an eaglais anns am bi na sailm Ghàilig air an seinn gu fonnmhor, ceòlmhor, binn? Cha tachair duine sam bith rium as iomchuidhe agus as modhaile a labhras na seana Ghàidheal còir, ciùin, sìobhalta. Ach feumaidh mi aideachadh gum bheil an seann sluagh fhein afàs nas suaraiche mun Ghàilig na bha iad. Tha cuid dhiubh asmaoineachadh gum biodh iad fhein agus an teaghlaichean mòran na bu mheasaile agus na bfhearr suidheachadh anns an t-saoghal nan do thachair dhaibh a bhith air am breith agus air an àrach ann an àite anns nach robh facal Gàilig ri chluinntinn. Tha iad air am mealladh gu mòr. Tha miltean air mhiltean anns na bailtean mòra aig nacheil aon fhacal Gàilig, agus tha an àireamh as dhiubh nas bochdainne crannachur na na daoine aig nacheil ach gann facal Beurla. Cha dean aGhàilig bochd sinn, agus cha dean aBheurla beairteach sinn. Is còir dhuinn air a h-uile cor aBheurla ionnsachadh; oir, gun teagamh sam bith, is i cànain cho feumail dhuinns a thanns an t-saoghal. Ach cha chòir dhuinn air chor sam bith aGhàilig a dhichuimhneachadh. Ged a chaillinn-sa an diugh a h-uile facal Gàilig a thanam cheann, cha chuireadh e aon fhacal Beurla staigh rium. Is ann air aphuing so a tha mòran adol am mearachd. Le cion toirt fa near, tha iad atoirt orra fhein a chreidsinn, gum bheil am beagan Gàilig a thacag an cumail o Bheurla ionnsachadh. Seallamaid beagan nas fhaide steach anns aphuing so. Tha mòran ann am Breatunn a tha feuchainn ri Fraingis is Gearmailt ionnsachadh, a chionn gum bheil iad acreidsinn gum faigh iad mòran nas fhearr air aghart anns an t-saoghal ma bhios eòlas math aca air an chànain so. Ach tha de thùrs de thuigse annta na thatoirt orra bhith creidsinn nach e na tha aca de Bheurla a thag an cumail air an ais, ach a chionn nacheil Fraingis no Gearmailt aca. Agus tha fhios aca glé mhath, ged a chailleadh iad a h-uile facal Beurlathaca nach cuireadh sin aon fhacal Fraingis no aon fhacal Gearmailt a staigh riutha. Rud eile dheth, chaneil a h-aon dhe na Gaill so adeanamh dimeas air an cànain mhàthaireil, mar a tha mòran dhe na Gàidheil adeanamh. Agus tha sona chliù dhaibh.

Cha bhiodh e feumail, tha micreidsinn, gun abrainn mòran tuilleadh, on a than litir so fada gu leòr mar tha. Ach mun criochnaich mi feumaidh mi ràdh gum bheil min dòchas gun seas gach fìor Ghàidheal gu dìleas air taobh na Gàilig; agus chan urrainn e a dhìlseachd a nochdadh nas fhearr na am MAC-TALLA a leughadh agus a phàigheadh gu riaghailteach. Feuchadh iad mar an ceudna ri tuilleadh de luchd-gabhail fhaotainn dha. Nan tugadh a h-uile fear a thag a leughadh lan oidhirp air companach fhaotainn, theid mi an urras gun soirbhicheadh an gnothach le iomadach fear.

Tha toil agad barail dhaoine fhaotainn a thaobh co dhiubh a tha no nacheil am MAC-TALLA afàs nas fhearr, no afàs nas miosa. Is e gnothach glé iongantach leamsa gun cuireadh duine sam bith anns am bheil tùr teagamh anns achuis. Aithnichidh mise cia mar is còir dhut do ghnothach a dheanamh cho math ri fear sam bith eile dhe na bheil aleughadh MHIC-TALLA, agus tha mig innseadh dhut nach robh e latha riamh on cheud lathadhfhosgail e a shùilean air talamh nam beò, cho mors cho maiseachs cho làidirs cho fallainns cho fiosrachs cho fuaimneachs cho measails cho cliùiteach, agus cho eòlach air clanna nan Gàidheal air feadh cheithir ranna ruadhan t-saoghails a tha en diugh. Sin agad mo theisd-sa air aMHAC-TALLA. Maths mar a tha en diugh, bhiodh e mòran na bfhearr anns gach dòigh nan robh na Gàidheil cho caoimhneil riss bu chòir dhaibh. Ach thugadh iad uile lamh-chuideachaidh seachad, agus bidh am MAC-TALLA, an ùine gun bhith fada, cho mòrs cho làidirs cho cumhachdachs gur gann a dhaithnichear e.

Is mi do charaid dileas
IAIN.
Sniodhasart, 13, 4, ’01.


Facal no Dha Eile do Chuid de Ghillean Oga na Duthchadh.

LITIR II.

THA sibh air falbh our dachaidh fad an t-samhraidhs an fhoghair acosnadh airgid gu trioblaideach, agus gu goirt; ach is duilich leam a radh nacheil sibh a deanamh buil cheart de na bheil sibh a cosnadh cho daor. An



[346]

[Vol . 9. No. 45. p. 2]

uair a thig sibh dhachaidh, deireadh an fhoghair, agus deannan beag airgid agaibh anns an sporran, bu choir dhuibh cuimhne bhith agaibh air co trioblaideachs a bha sibh an am a bithg a chosnadh, agus an aire mhath a thoirt da. Cumaibh an comhnuidh annur cuimhne nach mair an oiges an t-slainte gu brath. Thig an latha, ’s chaneil fad thuige, anns am bi sibh lag, fann, gun treoir, gun spéirid, agus, faodaidh o bhith gun duine ann leis an truagh sibh. An uair a thig latha na coise briste bu mhath beagan airgid a bhith air chul na laimhe. A h-uile fear dhibhse a tha glic bidh ecur beagan anns abhanca an drastas a rithist, a dhfheitheamh air latha na coise briste. Tha, agus bha ena chomharradh air duine glic a bhithg ulluchadh airson an ama tha ri teachd. Achillean, nacheil e fior a thaobh iomadh a h-aon der seorsa-sa gur ann an goraiche a tha sibh a cosg an airgid a tha sibh acosnadh gu goirt fad an t-Samhraidhs an fhoghair? An uair a thig sibh dhachaidh bhar na Galldachd mu thoiseach aGheamhraidh, an aite an aire thoirt air gnothach an taighe mar bu choir dhuibh, ’s ann a chaitheas sibh bhur n-uine air cheilidh o thaigh gu taigh. An uair a thachras triuir no ceathrar dhibh ann an aon taigh, cuiridh sibh a dhiarraidh botuil den mhugaid a tha Peige Bhàn areic anns abhaile ud thall. An uair a thraigheas sibh am fear sin cuiridh sibh a dhiarraidh fir eile. O fhear gu fear cha stad sibh gus am bin dall daorach oirbh. Toisichidh bean an taighe ri deanamh cupan ti dhuibh feuch am fuaraich sibh. Bidh e faisge air da uairsamhaduinn mum bin ti seachad. Theid sibh an uair sin dhachaidh mar is fhearr a dhfhaodas. Bidh sibh taingeil nacheil sluagh na duthchadhg ar faicinn. Tha fhios agaibh gun cuireadh an doigh falbh a bhios agaibh ann an cuimhne nan daoine an doigh seolaidh a bhios aig na bataichean sgadain, an uair a bhios iad a tighinn a steach bun an locha, ’s aghaoth direach nan aghaidh. An lar-na-mhaireach an uair a dhfheoraicheasur parantan dhibh caite an robh sibh, no ciod e chum cho fada gun tighinn dhachaidh sibh, cha leig an naire dhuibh an fhirinn innseadh. Toisichidh sibh ri gabhail leith-sgeulan breugach; agus feuchaidh sibh ris an dubh a chur air agheal dhaibh. Thaur parantan-sa mar a tha parantan eile, tuilleadh is ullamh gu bhith creidsinn a h-uile diog a their sibh riu. Caidlidh sibh airur leapaichean gus am bi aird-fheasgair ann. An uair a dheireas sibhs a gheibh sibh greim den bhiadhma dhfhaodta gu bheilur mathraichean truagha acur aghreim as fhearr a stigh seachad air am beoil fhein airson a thoirt duibhcuiridh sibh umaibh am bad aodaich as fhearr a thagaibh, agus bheir sibh aite gun mheas air chor-eiginn oirbh! Tha duil agaibh gu bheil meas mor aig na nigheannan oga oirbh. ’S ann aca nacheil. Feumar aideachadh gu bheil meas gu leor aig na h-oinsichean oirbh

Eoin na h-aoin iteig.”
Ciod eile dheanadh amadan
Ach leannachd ri oinsich.”

Ach na nigheannan coire, measail, tuigseach, turail, cha bhi cuid no gnothuch aca ribh. Tha fios aca gum bfhearr dhaibh clach a cheangal le ropa mun amhaichean agus iad fein a bhathadh ann an sruth amhuillinn na fear dhibh a phosadh. Is iomadh nigheann ghasda den drinn fear der seorsa lan dhiol-deirc. Nach cianail an gnothuch mar a tha iomadh anns an duthaich? An uair bu choir dhaibh a bhith aig an obair fheinnan taighean, ’s ann a bhios iads cliabh air am muin acur a mach inneireach, ’s a tarruinn mhonadh; nog obair le cois-chruim no le spaid, no le cliathadh anns an achadh! Nam biodh an cuid fhear aig obair fheumail sam bith cha bu leth ghearain; achs ann a bhios iad acur seachad na h-uine nan seasamh agabhail pioba, agus an druim ri balla, ar neonan sineadhnam baoghairean air na cnoic. Tha na nigheannan glice air dol nam faireachadh, agus tha iad ag radh nach bi cuid no gnothach aca ri fear sam bith de na lunndairean spaideil a tha co lionmhor anns an duthaich. Ach ma ghabhas sibhse comhairlena thrath chan eagal duibh. Sguiribh de cheilidh nan taighean. Air a h-uile cor sguiribh de cheilidh na Sabaid. Eiribh ann an am, agus rachaibh a laidhe ann an am. Na bithibh idir mar a bhios na caitnur cadal air an latha, ’s nur caithris air an oidhche. Bithibh dichiollach aig gach obair; agus deanaibh buil mhath der tuarasdal. Ma bhios airgiod agaibh a chorr air na dhfheumas sibh fhein, cuiribh anns abhanca e, ar neo thugaibh dor parantan e. Seachnaibh gach droch cuideachd, ar neo cha bhi meas aig duine coir sam bith oirbh. Innsibh an fhirinn an comhnuidh. Cha robh rath riamh air luchd-innseadh nam breug. Os cionn gach ni grad sguiribh de na mionnan sgrathail sin a tha sibh a cleachdadh. Ged a tha moran de na daoine ris an canar daoine uaisle acleachdadh a bhith ris na mionnan, na bithibhse idirg an leantuinn anns achleachdadh shuarach so. Ni an ceard as suaraiche a thanns an duthaich mionnan a cheart cho fileanta ri uachdaran fearainn. Ma bha gus nach robh meas air luchd nam mionnans an am a dhfhalbh, chaneil meas sam bith an diugh orra. Seachnaibh an taigh-osda. Mur seachain, cha bhi agaibh mar luchd-comuinn ach a h-uile sgimileir as suaraiche a thanns an duthaich. Ged a dhfhagadh sibh a h-uile sgilinn a thagaibh ris an t-saoghal anns an taigh-osda chan fhaigh sibh taingsam bith air a shon air a cheann mu dheireadh. Dhfhalbh latha anns an robh meas mor air an fhear a thraigheadh na botuil, ’s bu mho a chosgadh de chuid airgid anns an taigh-osda. Chanurrainn fear seach fear dhibh beannachd Dhe iarraidh air fhein no air na bhios maille ris ann an taigh-osda. Far am bin t-ol bidh boilich, far am bi boilich bidh breugan, agus far am bi na breugan, bidh athair nam breug e fhein air cheann na cuideachd. Chan abair min corr an drasta. Bheir mi dhuibh beachd duine choir a sgriobh mu olcas an oil mun drugadh mi-fhin no sibh fhein

Nach dona mar spors,
Bhi suidhe mu bhordaibh,
No bhith milleadh mo storais
Le goraich gun mheas.
Le siaraich, ’s le staplaich,
Le briathran mi-ghuathaicht’;
Le speuradhs le saradh
An abharsair dhuibh.
Bidh an donass an dolas,
De chonuss de chomhstri,
S de tharuinn air dhornaibh,
Anns achomhail nach glic:
Ri fuathass ri sgainneil;
Ri gruaidheangam pronnadh,
Lo gruagangan tarruinn,
Le barrachd den mhisg.”

Seachnaibh an t-olc, agus seachnaidh an t-olc sibh. Deanaibh an ni a tha cearts chan eagal duibh. Is mi bhur dearbh charaid
BODACHAN AGHARAIDH.


O Chionn Tri Fichead Bliadhna.

Le Iain.

CAIB. XXIII.

AIR BEULAOBH AN UACHDARAIN.”

AN ceann beagan sheachdainean chaidh Uachdaran Aird-Shannta, agus a bheans a theaghlach don Ghàidhealtachd. An uair a ràinig iad dhachaidh, rinn an tuath, mar a bha nàdarra gu leòr dhaibh, fleadhachas is fodhail gu leòr riutha. Fhuaradh fios gun robh iad air an rathad dhachaidh, agus rinneadh gach ni a ghabhadh deanamh a chum a nochdadh dhaibh gun robh meas mòr aig an tuath orra, agus gun robh aoibhneas orra a chionn gun dthainig iad air an ais gu slan, fallain.

Air mullach gach cnoic a bàirde na cheile, bha torr de gach seòrsa connaidh, agus dhe gach ni eile a ghabhadh losgadh, deas gus goinnein a chur ris cho luaths a thigeadh iad a steach air crìochan na h-oighreachd. Bha am feasgar ann an uair a thainig iad air tir aig Laimrig-nan-lann, agus cha bu luaithe a thainig am bàta anns an robh iad ann an sealladh achladaich na chuireadh goinnein ris an torr chonnaidh a bfhaisge air an laimrig; agus mar a bha na carabaid anns an robh iad adol air an aghart troimhn oighreachd, bha teine an déigh teine air a lasadh, agus bhan tuath adeanamh iolach-ghàirdeachais a chluinnteadh, ri latha ciùin, air mhìltean a dhastar.

An uair a choinnicheadh baidean dhen tuath ris an Uachdaran an àites an àite mar a bha edol air aghart troimhn oighreachd, chuireadh e fàilte orra le caoimhneas agus le cridhealas mar bu ghnàth leis. Agus bhan dòigh anns an robh iadga fhreagairt anochdadh gu soilleir dha gun robh iad cho measails cho miadhail airs a bha iad riamh. Mu dheireadh rainig iad an taigh, agus bha am maors am bàillidh, agus na tuathanaich bu chothromaich a bhair an oighreachdg am feitheamh air an raonaidh faisge air an dorus gus fàilte chridheil a chur orra. Thug iad so uile crathadh-laimhe don Uachdaran, don mhnaois da theaghlach. Agus on a bhan t-Uachdaran agus a theaghlach sgìth an déigh an turuis fhada air an dthàinig iad an lathud, ghuidh iad air an tuath an leithsgeul a ghabhail. Rinn an tuath so gu toileach; oir thuig iad gum feumadh gum biodh iad air an sàrachadh gu mòr, gu sònraichte abheans achlann lag, an deigh an astair a chuir iadnan déigh an lathud.

Ged nach dthug an t-Uachdaran òrdugh sam bith seachad a thaobh nan teinntean-aidhir a bhair an lasadh air feadh na h-oighreachd, thug e òrdugh cuirm is fleadhachas gu leòr a thoirt do thuath na h-oighreachd gu leir. Rinn e so cha bann a mhain a chionn gun do ghabh e amhrus o na chuale o Uachdaran Langadail, agus on mhaighstir-sgoile, gum faodadh gruaim a bhith aig an tuath ris, ach mar thàingealachd air son gun robh e fheins a bheans a theaghlach atilleadh dhachaidh gu slàn, fallain an déigh an turuis fhada a thug iad a dhiarraidh na slàinte.

Chuir tuath na h-oighreachd am feasgar agus an oidhche seachad cho toilichtes cho cridheils cho sunndachs a burrainn a bhith. Ged a bha cuid mhòr dhiubh air an sàrachadh le droch riaghladh, cha bann air an Uachdaran a bha iad acur na coire idir. Cha robh e doirbh dhaibh a thuigsinn gum bu duine e a bha gu



[347]

[Vol . 9. No. 45. p. 3]

nàdarra glé iochdmhor, agus a bha tuilleadh is deas gus a bhithsmaointean gun robh daoine eile cho fad an aghaidh an uilcs a bha e-fhein.

Ach ma chuir an tuath am feasgar agus an oidhche seachad gu cridheil sunndach, chuir an t-Uachdaran am feasgar agus an oidhche seachad ann an suidheachadh glé mhi-thoilichte. Riamh on a dhinnis Uachdaran Langadail dha mun droch riaghladh a bhair an oighreachd aige, bha faiteachas airaghaidh a nochdadh an làthair a chuid tuatha. Ach an uair a chunnaic a an fhodhail a rinn iad ris fhein agus ritheaghlach cho luaths a thainig iad air tìr aig Laimrig-nan-lann, agus fad an rathaid gus an dràinig iad a thaigh fhein, bhachogaisga dhìteadh gu mòr a chionn gun do thachair dha luchd-dreuchd a bhith fo làimh a bhadeanamh eucoir air an t-sluaigh. “Tha iad,” arsesan ris fhein, “adeanamh math an aghaidh an uilc. Ach mum bi mise mòran nas sinne na tha mi, bidh caochladh cuir air clò Challum.” Is gann gun do dhùin a shùil an oidhchud ach asmaointean air caoimhneas na tuatha, agus air eucoir is ainneart an luchd-riaghlaidh a bha folàimh.

Mun dthainig àm dha eirighs amhaduinn an -iar-na-mhàireach, shuidhich ena inntinn ciod bu chòir dha a dheanamh. An deigh dha eirigh agus a bhiadh-maidne a ghabhail, chaidh e don t-seomar-ghnothaich far an robh am maors am baillidhga fheitheamh. Chuir e failte orra mar nach biodh amhrus aige gun robh dad sam bith cearr. Bha iadsan, mar a bha dligheach agus glic dhaibh, glé iriosal agus glé mhodhailna làthair. Cha do leig esan air gun cuale dad cearr mu dheibhinn na h obrach a bhaca. Bu duine e a bha comasach air a rùintean a chumail am falach glé mhath, an uair a bhiodh e glic dha sin a dheanamh. Chan e h-uile duine a tha comasach air so a dheanamh. Tha cuid de dhaoine ann air an aithnich thu anns amhionaid co dhiubh tha no nacheil iad toilichte.

Thug e greis mhath air bruidhinn riutha mu dheidhinn suidheachadh an t-sluaigh, agus mu dheidhinn na dòigh anns an robh iad ariaghladh na h-oighreachd na h-ùine a bha e air falbh as an rioghachd. Leis a h-uile ceasnachadh a bha e adeanamh orra ghabh iad amhrus gun cuale rud eiginn nach do chòrd ris. Ghabh iad an t-eagal. Mar a tham facal ag ràdh, “Tuigidh a chionta.”

Nam bfhior iad fhein, bha a h-uile atharrachadh a rinn iad ceart gu leòr, agus bhan sluagh toilichte gu leòr leis gach ni a rinneadh. Cha do leig esan dad air mu na chuale mun deidhinn air eagal gun rachadh iadnam faireachadh, agus gun tugadh iad oidhirp air falach a chur air an an obair a rinn iad le toirt air an tuath seasamh air an taobh.

Bha ena chleachdadh aig an Uachdaran a bhith o àm gu àm ag amharc thairis air leabhraichean amhàil, an uair a chuireadh am bàillidh na cunntasan gu lèir ann an òrdugh. Anns an àm so, thug e an aire gun robh àireamh de dhainmeannan ùra anns na leabhraichean, agus gun robh cuid dhe na h-ainmeannan air an robh e eòlach air an dubhadh am mach. An uair a dhfheòraich e dhen mhaors dhen bhàillidh, an e bàsachadh a rinn cuid dhen tuath an uair a dhubhadh an ainmeannan am mach as na leabhraichean, thuirt iad ris gur ann a thugadh uatha am fearann a chionn nach robh iadga obrachadh ceart. An uair a dhfheòraich e dhiubh an crobh na tuathanaih ùra ann an cleamhnas no ann an càirdeas ris na daoine on tugadh am fearann, thuirt iad ris nach robh. Cha dubhairt e an corr riutha mun ghnothach.

An àite gabhail mu thàmh an oidhchud mar bu ghnàth leis is ann a chuir e seachad an oidhche a sgrìobhadh litrichean thun na tuatha ag iarraidh orra tighinn thun an taighe far an robh e aig uair ainmichte air an fheasgar ud fhein. Agus ann an soilleireachadh an latha dhfhalbh marcaiche ann an cabhaig leis na lithrichean gan ionnsuidh.

Ghabh an tuath ioghnadh gu leòr an uair a fhuair iad na litrichean. Cha burrainn daibh a thuigsinn car son a chuir an t-Uachdaran fios orra. Bha eagal air cuid dhiubh gur ann a bha esmaointean an cur air falbh as an dùthaich mar a bha cuid de dhUachdarain eile na Gàidhealtachd amaoidheadh a dheanamh air an cuid tuatha fhein.

Aig an uair ainmichte bhan tuath gu léir aig taigh an uachdarain. Fhuair am maors am bàlllidh litir on Uachdaran mar an ceudna; ach cha do chuir so ioghnadh sam bith orra on a bha iadna sheirbhis. Ach an uair a ràinig iad taigh an Uachdarain agus a chunnaic iad àireamh mhòr de thuath na h-oighreachdnan seasamh air an réidhlein mu chionneamh an dorus, is gann a bha fhios aca ciod a theireadh iad.

Ciod echuir an so sibh an diugh, ’fheara?” arsam maor, agus coltas glé ghruamach air a ghnùis.

Fhreagair fear dhiubh, agus thuirt e, “Thàinig sinn uile an so an diugh a chionn gun do chuir an t-Uachdaran fios oirnn. Is cinnteach nach bann gun aobhar a chuir e fios oirnn; ach feumaidh gum bheil gnothach sònraichte aige ruinn mun do chuir e litrichean gar n-iarraidhs amhadainn mhoich an diugh.”

Sheall am maors am bàillidh air a cheile. Thuirt am maor, “Ged nach e so latha na gugaireachd, feumaidh gur ann air ghugaireachd a chuireadh sibh.”

Mas ann air ghugaireachd a chuireadh sinn, is e an t-Uachdaran a chuir ann sinn; thaainm ris na litrichean a fhuair a h-uile fear dhinn an diugh, agus is e fear de sheirbhisich an Uachdarain, amarcachd air aon de dheich an Uachdarain, a thug dhuinn na litrichean,” arsa fear beag tapaidh dhe na bhanns achuideachd.

Sheall am maors am baillidh a rithist air a chéile, agus thainig atharrachadh dreach air an gnùis. Ach mun do tharr iad facal a ràdh, thainig an t-Uachdaran am mach agus chuir e fàilte orra gu léir. Dhaithnicheadh duine sam bith air a ghnùis nach robh e toilichte.

Thuirt e riutha gun robh gnothach sònraichte aige riutha, agus gum bfhearr dhaibh a dhol a steach don t-seomar-dhinneireach.

Chaidh iad uile a steach; agus ged a bhan seomar mòr, farsuinn, agus àiteachan-suidhe gu leòr air an cur ann, is gann gum faigheadh na h-uile a chruinnich an lathud àite-suidhe. Chuireadh na daoine bu shinnenan suidhe, agus sheas na daoinebòige air an cùlaobh.

Fad mionad no dhà bha na h uile a bhanns an t-seomar, ach an t-Uachdarainna ònar, fo mhor-ioghnadh car son a ghairmeadh cuideachd iad.

(Ri chriochnachadhs an ath aireamh).


Ge bebhios gu math rium, bidh mi gu tric aige.
Ge bechaomhnas an t-slat, is beag air a mhac.
Ge be don dthug thumhin, thoir dhà achàth.
Ge beghleidheas a lóng gheabh e latha.


Litrichean mu Mhac-Talla.

ANNS an àireamh a thainig a mach air achoigeamh latha deug dhen Mhàrt, thug sinn iomradh air dithis no triùir den luchd-gabhail a bhigearan nach robh am MAC-TALLA cho mathsa bha e bliadhnaichean roimhe. Chuir sinn romhainn an sin fhaotainn a mach an robh no nach robh abharail sin coitchionn am measg ar leughadairean, agus air son an aobhair sin thug sinn cuireadh dhaibh uile an caochladh bharailean a chur an céill dhuinn gu saor agus gu soilleir, gun sgàth, gun eagal. Fhuair sinn àireamh mhath de dhfhiosan-freagairt. Agus tha sinn a niseg an toirt do ar leughadairean anns an òrdugh anns an dfhuair sinn iad:


Litir a Sidni Tuath.

Tha do phaipear gasda tighinn gam ionnsuidh gu riaghailteach bhon thòisicheadh air a chlo-bhualadh, agus is i mo bheachd gu bheil e gach bliadhna dol nas fhearr. Chaneil coire agam ri fhaotainn dha na tha air a chlo-bhualadh ann bho aghaidh guchùl. Rin gabhail bhar a chéile, tha na naigheachdan, na litrichean, na h-eachdraidhean, na sgeulachdan agus abhàrdachd a tha ann cho fior thaitneach agus nach eil mi-fhin ag iarraidh atharrachaidh sam bith, agus bidh miga ghabhailga leughadhs ga phàigheadh fhadsa theid agam air feum a dheanamh dheth, agus tha mi an dòchas gun dean gach fior Ghàidhealsan dùthaich an ni ceudna.

IOMHAR DOMHNULLACH.


As an Dun Ghlas.

Their mi gur h-i mo bharail fein gu bheil MAC-TALLA adol nas fhearr a h-uile latha, agus gu bheil e aig an àm so nas fhearr na bha e riamh. Chan eil mi smaointeachadh gum bu chòir do neach sam bith da sgeul iarraidh a bfhearr naO chionn tri fichead bliadhna,” agusBliadhna Thearlaich.” Agus tha gach aon de luchd-leughaidh aphaipeir air am bheil mi eòlach dhen cheart bharail. Bfhior thoigh leam a bhi cluinntinn oBhodachan aGhàraidhna bu trice; tha meas mor againn air a chuid litrichean, agus tha sinn an dòchas gun sgriobh e moran dhiubh am bliadhna. ’Nam bharail fhin, cha bhiodh e as an rathad dhuibh beagan dhe na sgeulachdans dhe na còmhraidhean àbhachdach a bha anns a MHAC-TALLAs na ceud bhliadhnaichean a chlo-bhualadh fhathast; oir, tha moran de leughadairean ùra aig a phaipeir, agus cha mhi-chòrdadh e ris na seana leughadairean fein cuid diubh fhaotainn uair eile. Ach a thaobh MAC-TALLA bhi dol nas miosa, chan eil edeanamh sin idir; ’s ann a tha edol nas fhearr na h-uile seachdain.

ALASDAIR MAC-GILLE-BHRATH.
Dunmaglass, N. S.


As a Mheinn Uir.

Chaneil mise smaointeachadh gu bheil MAC-TALLA cho mathsa bha e bliadhnaichean roimhe. A dhaon ni tha e daonnan fad air deireadhs na naigheachdan. Gheibhear na naigheachdan as na paipearan Beurla tri no ceithir a lathaichean mas fhaighear as aMHAC-TALLA iad, agus cha bhi na naigheachdan air an innse dad nas fhearr na bhios iad anns na paipearan Beurla. Chan eil mi, air an aobhar sin, atoirt sùil air na naigheachdan anns aMHAC-TALLA ach uair glé ainneamh. Agus tha fhios agam gu bheil moran eile de na leughadairean air an aon dòigh. Faodaidh mi a ràdh gu bheil mi agabhail a MHAC-TALLA on bha e ceithir miosan a dhaois, agus a nise tha mi agabhail da àireamh gach seachdain. Is mi ur caraid,

Reserve Mines, C. B.
M. R. MAC-NEILL.

(Air a leantuinn air taobh 350).



[348]

[Vol . 9. No. 45. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, MAIGH 10, 1901.

Anns an àireamh so gheibhear cùnntas litrichean a sgriobh càirdean ugainn mun MHAC-TALLA, afreagairt nan ceistean a chuir sinn air ar luchd-leughaidh air a choigeamh latha deug dhen Mhàrt. Chan eil aon litir no aon bharail a fhuair sinn ri bhi air a cumail an cleth, agus ged a tha dha no tri litrichean, a bha tuilleadh us fada, air an giorrachadh, chan eil brigh no seadh aoin dhiubh air atharrachadh. Tha beagan litrichean a fhuair sinn do nach burrainn dhuinn àite dheanamh air an t-seachdain so; gheibh ar luchd-leughaidh iad sin anns an ath àireamh.

THA an Riaghladh Breatunnach an deigh riaghailt ùr a dheanamh a thaobh biadhadh nan saighdearan. O thoiseach an ath mhios, bidh gach feòil agus biadh eile air son an airm air a cheannach ann am Breatunn féin, no anns na Colonies. Tha so air a dheanamh air iarrtus luchd-togail cruidh anns na h-Eileanan Breatunnach, a bhagearan gu robh feoil agus biadh eilega cheannach ann an dùthchannan céin a roghainn air na bha ri chreic aig na tuathanaich Breatunnach féin. Cuiridh an riaghailt ùr so call air tuathanaich nan Staidean, ach ni e feum do thuathanaich Eirinn us Shasunn, agus ma dhfhaodte do thuathanaich Chanada.

MUN do thòisicheadh air togail an rathaid-iarruinn eadar Port Hastings agus Broad Cove, dhaontaich comhairle siorrachd Inbhirnis leth-cheud us tri mile dolair a thoirt mar chuideachadh do Mhac-Coinnich & Mann. Bha so air a dheanamh air chùmhnant gun biodh an rathad criochnaichte air a cheathramh latha deug dhen mhios a tighinn. Tha e nise soilleir nach bi e criochnaichte air an latha sin, agus bha Mac-Coinnich & Mann air beulaobh na comhairle air an t-seachdain sa chaidh ag iarraidh sia miosan eile air son an obair a dheanamh. Dhiùlt achomhairle sin a thoirt dhaibh, agus tha aca nise ris an rathad a thogail gu h-iomlan air an cosdus féin. Thatar ag radh gu faod e bhith gun tairg achomhairle cuideachadhadh dhaibh aig suidhe na h-ath bhliadhna, air chùmhnant gun cuir iad an rathad cho fada tuath ri Cheticamp, agus gun ruith iad meur eadar Mabou us Orangedale.

Tha sinn ag radh ann an àit eile nach eil litir no barail a fhuair sinn mun MHAC-TALLA air a chumail an cleth. Tha sinn air son sin a cheartachadh. Fhuair sinn aon litir nach cuir sinn an clò an ainm an fhir a sgriobh i, agus tha an deagh aobhar againn. Ged a tha na Gàidheil anns an dùthaich sonan daoine air leth sitheil, agus iarratach air a bhicumail nan àithnean, tha eagal oirnn nan toireamaid ainm an fhir a sgriobh an litir ud am follais nach biodh a bheatha sàbhailte. Am bheil fhios agaibh gu bha eg iarraidh oirnn a dheanamh air son MAC-TALLA bhi nas fhior fhearr na tha e an sùilean a luchd-leughaidh? Tha, sinn a bhi clo-bhualadh earrainn dheth gach seachdain ann am Beurla! Chan eil sinn adol a thoirt an còrr iomraidh air an duine so no air a litir, gun fhios nach fhaodamaid leigeil le facal no dha tuiteam a bhrathadh an duine bochd, le chur an comas dhaoine eile fhaotainn am mach es càitem beil e; agus nan tachradh sin, be mo thruaighe esan!

Ach gun a bhi ri tuilleadh àbhachdais, chan eil sinn acreidsinn gum biodh e ceart no feumail earann dhen MHAC-TALLA chlo-bhualadh ann am Beurla. Tha an àireamh as motha de luchd-leughaidh a phaipeirga ghabhail agus aseasamh ri chùl gu dìleas a chionn gur paipear Gàilig e, agus nam biodh abheag no mhor de Bheurla air a chur ann, cha bhiodh e cho math nan sùileansa tha e, agus cha bhiodh ach fior bheagan tlachd aca ann. Agus nam faigheadh aBheurla stigh aon uair, bhiodh i glé bhuailteach air a bhigabhail seilbh air, a lion beagan us beagan, agus an ceann ghrunn bhliadhnaicheanse bhiodh agaibh paipear Beurla anns am biodh leth no cairteal taoibh-duilleig air a chur air leth marChùil don Ghàilig.” Air an aobhar sin cha leig neach sam bith a leas a bhi comhairleachadh dhuinn Beurla chur anns a MHAC-TALLA. Tha paipearan Beurla gu leòr anns an dùthaich; chan eil ann ach aon phaipear Gàilig, agus bu bhochd an gnothuch an aon phaipear sin a bhi air a thruailleadh le Beurla.

Is toigh leinn aGhàilig,
A bàrdachds a ceòl;
Is tric thug i nios sinn
Nuair bhithmaid fo leòn:
S i dhionnsaich sinn tràth
Ann an làithean ar n-òig,
S nach treig sinn gu bràth
Gus an laidh sinn fon fhòd.”


Anns an ath àireamh, gheibh ar leughadairean litir o sgriobhadair ùr a tha toirt mar ainm-pinn dha féinMac-Uisdean.” Cluinnear uaithe gu tric an deigh so, agus tha sinn an dòchas gun taitinn a chuid sgriobhaidh ris na Gàidheil anns gach cearna dhen t-saoghal.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Mattheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Confederation Life ASSOCIATION.

Eachdraidh 20 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.

Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,980.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25

Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nampolicies” $1 ,505,546.25

F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.

Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[349]

[Vol . 9. No. 45. p. 5]

Naigheachdan.

Chaidh Micheal Domhnullach, a mhuinntir Cobh nan Eirionnach, a ghoirteachadh gu dona ann am mèinn Chaledonia feasgar Di-luain sa chaidh Tha dòchas aig na dotairean nach aobharaich an goirteachadh a bhàs, ach gun teid e am feobhas. Tha moran sgiorraidhean atachairt anns na mèinnean air a bhliadhna so.

Tha e air innse gu bheil Diuc Earraghàidheil a brath Eilean Thireadh a chreic. ’S e eilean gle thorach a tha ann an Tireadh. Tha i mu dha mile dheug a dhfhad agus mu cheithir mile a leud. Tha an t-eilean so anabarrach còmhnard; agus glé iongantach chan fhàs craobhan idir air. Tha mu thrì mìle sluaigh a deanamh an còmhnuidh ann an Tireadh.

Thatar air an t-samhradh so adol a chur àireamh mhor chraobhan air Eilean Sable, agus ma dhfhàsas iad bidh iad nam fasgadh mor do na h-eich a thag àiteach an eilein stoirmeil sin. Chan eil aig an àm so ach da chraoibh air an eilean uile gu leir. Tha an talamh math gu leòr, ach tha na gaothannan cho fuars cho làidirs gu bheil e doirbh do chraoibh seasamh riutha.

Eadar na thuit anns na blàir agus na chaochail le tinneas, chaill an t-arm Breatunnach gu ruige so ann an Cogadh Africa mu Dheas, seachd ceud us ceithir deug (714) de dhoifigich, agus ceithir mile deug da cheuds tri ficheadsa ceithir (14,264) de shaighdearan cumanta. A bharrachd air na chaill am beatha, bha còrr us ceithir ceud air an cur dhachaidh tinn, agus tha cuid dhiubh sin nach bi comasach air obair sam bith a dheanamh fhads is beò iad. Is uamhasach an ni an cogadh.

Thainig bean do bhaile Halifacs oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh a thug seachad mar a h-ainm Mairi D. Eastman. Ghabh i seòmar ann an aon de na taighean-òsda, agus mharbh i i-fein le urchair daga. Dhfhàg i litir sgriobhte anns an diarr i gun oidhearp sam bith a bhi air a thoirt air fhaotainn a mach co i, no co as a thainig i. Phaigh i muinntir an taigh òsda air son tàmh na h-oidhche, agus bha suim bheag airgeid na sporan nuair a fhuaireadh marbh i. Cha dfhuaireadh fiosrachadh sam bith mu deidhinn fhathast.

Tha sgeul uamhasach air tighinn á Eilean aPhrionnsa. Ann anRose Valley,beagan mhiltean a mach á Baile-Shearlot, bha seana-bhean, ban-Leodach, air a faotainn marbhna tigh féin o chionn ghoirid, agus an deigh a tiodhlacadh ghabh daoine àmhrus nach bu bhas nàdarra a fhuair i. Chaidh an corp a thogail, agus fhuair na dotairean làraichean air an aodanns air an amhaich a nochd gu soilleir gum bann air a tachdadh a bha i. Chaidh an sin a mac féin, Gilleasbuig Mac-Leoid, a chur an greim air son a mort. Dhàicheidh e a chiontanuair a chaidh a ghlacadh, ach oidhche na Sàbaid sa chaidh thainig e ri bheatha féin anns aphriosan; chroch e e-fein le stiallan a shrac e á searbhadairsa shnaim e ri chéile. Bha Mac-Leoid a fuireach san aon tigh rimhàthair. Bu leatha-sa darra leth an fhearainn, agus thatar a deanamh gnr ann air son gum biodh an t-iomlan aige féin a chuir e crioch oirre.

Tha comhairle na siorrachd so na suidhe air an t-seachdain so. Tha gnothuichean cudthromach air am beulaobh air an turus so, togail taigh-cùrtach agus taigh-caothaich, a bharrachd air gach gnothuch eile is àbhaist a bhi aca ri dheanamh aig suidhen t-samhraidh. Chan eil aca de dhairgead ròidean us dhrochaidean air son na bliadhna so ach $1 ,912, suim nach eil ach gle shuarach air son na tha de ròideans de dhrochaidean rin deanamhs rin càradh air feadh na siorrachd.

Bha na gualadairean agus an luchd-obrach eile a thag obair anns na mèinnean an taobh deas na siorrachd so ag iarraidh àrdachadh tuarasdail toiseach an t-samhraidh so, agus air do chuideachd aghuail sin a dhiùltadh dhaibh, bha achùis air a cur air beulaobh cùirt-reiteachaidh. Bha a chùirt sinna suidhe o chionn àireamh sheachdainean ann a Halifacs agus a rithist ann an Glace Bay far an robh daoine air an ceasnachadh air gach taobh. An deigh dhaibh mar sin éisdeachd ris na bha ri radh air gach taobh, thug uaislean na cùirte mach breth gu robh achuideachd a deanamh cho beag air aghual a bha iad a creics nach burrainn dhaibh tuarasdail an luchd-obrach àrdachadh gun call mor fhulang. Tha na tuarasdail mar sin ri fuireach mar a bha iad, air a bhliadhna so co-dhiu.

Ghabh aon de phaipearan Halifacs air féin o chionn ghoirid innse do mhuinntir abhaile sin nach eil gràdh mor sam bith aig muinntir na dùthcha dhaibh, agus gu robh na deagh aobhair aca. An àite bhi an comain aphaipeir air son sin innse dhaibh, ni airm bu chòir dhaibh a bhi fiosrach o chionn fhada, ’s ann a tha iad agabhail na feirge ris. Ach cha dean an fhearg sin call mor sam bith; mar is luaithe chreideas muinntir Halifacs gu bheil barrachds iad féin ann an Nobha Scotia, ’s ann is fhearr dhaibh air acheann mu dheireadh. Tha moran dhiubh, a reir coltais gus an lathan diugh a creidsinn gur h-e am bailes am bheil iad-féin acomhnuidh, teis-meadhon na Criosdachd, agus nach eil aite sam bith eile airidh air ni sam bith ach na chi Halifacs freagarrach a sheachnadh.

Chan eil ena ni annasach idir anns an dùthaich so daoine agus mnathan fhaicinn a tha air aois mhor a ruigheachd. Achs ann glé ainneamh a gheibhear dithissan aon teaghlach a tha air a dhol fada seachad air an àireamh bhliadhnaichean a tha air òrdachadh don mhor chuid dhen chinne dhaonna. Tha dithis pheathraichean acòmhnuidh air an Eilean Fhada, ’s an t-siorrachd so, Oighrig agus Anna Nic-a- Phi, agus tha iad le cheile gle fhaisg air acheud bliadhna. Tha Oighrig ceithir fichead us naodh bliadhndeug a dhaois air an t-samhradh so, agus chan eil Anna ach bliadhna nas òige na i. Tha iad le chéile gu slàn fallainnam bodhaigsnan inntinn, agus adeanamh an cuid dhen churachd cho math ri dithiss an dùthaich. Tha Oighrig na deagh bhan-fhighiche, agus chan eil deireadh-foghair no geamhradh nach eil i gu riaghailteach air a bheairt a figheadh clòth us drògaid nach eilear a deanamh nas fhearr an Ceap Breatunn. Gu ma fada beò iad le chéile!


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.


So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman as fhearr.

Croinn ThreabhaidhVerityaon each. Croinn TreabhaidhVerityda each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.

Mar an ceudna
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.

F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.



[350]

[Vol . 9. No. 45. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 347).

Gle Riaraichte Leis.

Tha misegabhailsa leughadh MHIC-TALLA, agus tha mi gle riaraichte leis. Gun robh buaidh agus piseach air!

D. I. MAC EACHAIRN.
Port Hastings, C. B.


O Bhodach na Gealaich.

Gabh mo leithsgeulnuair a bheir mi dhut mo bheachd air MAC-TALLA: ’s e sin gur ann a ta e fàs anns gach buaidh mhath a bha air ann an tus a laithean; agus gur bochd an comharradh air mac Albannach a bhi ag iarraidh cron sam bith a dheanamh do dhaoine a tha deanamh saothair cho urramach ann an sealladh nan daoine aig am bheil breithneachadh agus gràdh don Ghàilig. Gu ma fada beò thu agus ceò as do thigh.

R. S. MAC LEOID.

P. S. —Tha mo cheann maol agus abraidh iad air uaireanBodach na Gealaichrium.


A Antigonish.

S i barail Dhomhuill Mhic-Isaic, Loch an Fhuamhair, N. S., gu bheil MAC-TALLA cho mathsa bha e, ach gu faodadh e bhi na bfhearr. Chòrdadh e gu math ris tuilleadh litrichean fhaicinn ann bhoBhodachan aGhàraidh,” “S. A. Mac Gille-mhaoil,” “Murchadh Cam,” “C. C.” agus iomadach fear eile. Chan eil fhios nach faic ar luchd-leughaidh litir o Mhac-Isaic féin an ùine ghoird. Theid aige air Gàilig a sgriobhadh cuimseach math.


A New York.

Bu mhath le Aonghas Mac-Leoid, am baile-mor New York, pairt de dheachdraidh nam fineachan Gàidhealach fhaicinn anns a MHAC-TALLA. Tha e dhen bharail gum biodh sin gle thaitneach le roinn mhor den luchd-leughaidh.


Beachd ar CaraidC. C.”

A reir mo bheachd-sa tha MAC-TALLA a dol nas fhearr gach bliadhna. Tham paipear nis fearr, an clo-bhualadh nis fearr, agus iomadh ni fior thaitneach aige ga thoirt dhuinn gach seachdain. Faodaidh nacheil litrichean taitneach cho lionmhor annsa bha iad, ach tha e soilleir nach e e coire an fhir-dheasachaidh tha sin, ach coire an luchd-leughaidh. Coma co dhiu, tha mise gle riaraichte leis a MHAC-TALLA.

C. C.
Strathalba, E. P. I.


Guth a Ceap Nor.

A thaobh MHIC-TALLAs i mo bharail nacheil e air chor sam bith adol air ais. Tha mim barail gur fior thoigh leis a chuid as lionmhoire da luchd-gabhail gum biodh litir á cearna air chor-eigin den t-saoghal anns a MHAC-TALLA gach seachdain.

Is ann mar sin a tham beagan a than taobh so co-dhiu. Cha chreid mi o neach sam bith gu deachaidh no gu bheil MAC-TALLA a dol air ais. A guidhe soirbheachadh gu leor leis, Is mi, &c ., M. D.


A Gabarouse.

Tha mise gabhail MHIC-TALLA, agus tha mi làn riaraichte leis. Bu mhath leam a bhiga fhaighinn gach uair a thigeadh am posta. Tha mi toilichte gu bheil na h-uiread de luchd-gabhail aige, agus tha min dòchas gum bi an àireamh afàs gus am bithearga ghabhail anns gach teaghlach Gàidhealach a than Canada.

MAIRI E. NIC-GILLEAIN.
Gabarouse , C. B.


AAlbany , N. Y.

Tha am paipear afàs nas fhearr fad na h-ùine, agus tha mi toilichte fhaicinn gu bheil a soirbheachadh leis cho math.

A. R. DOMHNULLACH.
Albany , N. Y.


A Dailche, Ontario.

Chaneil e fior gu bheil MAC-TALLAdol air ais. Dhfhaodte nacheil na h-òrain a bhios ann air uaireannan cho mathsa bhios ann air uaireannan eile, ach tha e doirbh sin a bhi air atharrachadh. Tha iad mar a thuirt ministear rium uair mu na searmoin: “Bidh cuid dhiubh math, ’s cuid dhiubh gle thioram, direach a reir a chinn-teagaisgs an fhir a bhiosg an deanamh.” Cha bu chòir do Ghàidheal sam bith a bhi as aon ais MHIC-TALLA. Tha miguidhe saoghal fada, soirbheachail dhut.

D. U. MAC-GILLE-BHRATH.
Dailché, Ont.


O Alasdair Piobaire.

Chaneil mise achnam choigreach don MHAC-TALLAchan eil ach ùine ghoirid on thòisich mi ri ghabhailach chan urrainn mi fhaicinn gu bheil dad cearr air. Tha deagh sgeulachdan ann, deagh òrain, agus naigheachdan na seachdain air an innse gu pongail. Gu n còrr a tha dhith oirnn? Dhfhaoidte gu bheil cuid a smaoineachadh gum bu chòir cnap òir a bhi air fhileadh a stigh ann nuair a ruigeadh e iad gach seachdain. Cha ghabhadh ni a bfhearr na MAC-TALLA toirt fo dhruim taighe anns am bheil Gàilig. Tha e math air son toirt air muinntir òg leughadh an cànain fein ionnsachadh. Bidh iad air son na naigheachdan a leughadh ann gach uair a thig e, agus le bhi toirt na h-oidheirp gu tric, ionnsaichidh iad aGhàilig a leughadh gun strith sam bith. Bu chòir do gach teaghlach aig am bheil Gàilig a bhi gabhail a MHIC-TALLA. Gu ma fada beò e-féin agus aGhàilig chòir, cànain ar sinnsirean!

ALASDAIR PIOBAIRE.
Pictou , N. S.

(Ri leantuinn).


AODAICHEAN DEANTE

COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoines do ghillean. REEFERS do gach neach a thag an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dhiomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean as isle.
Tha sinn cuideachd acumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Aguss ann againn a than stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
as motha than Nobha Scotia.

Taghail a stigh. Cha mheas sinnna dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON.

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc as mothas as saoire de
Bhathar Paipeirs de Bhathar Boid each
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.



[351]

[Vol . 9. No. 45. p. 7]

Litir a Ceap Nor.

GED nacheil an t-earrach fhathast seachad, tha barrachd de choltas an t-samhraidh air na h-achaidhean nas minic a bhiodh orra mu mheadhon a Mhàighs na bliadhnaichean a dhaom. Than acarsaid agus an cuan air a bhi saor o dheigh o chionn tri seachduinean; agus tha na Fitzgeralds agus na Burtonaich ag ullachadh an soithichean gun cur ri fairge gu h-aithghearr. Tha Captain Ramsey astri rishoitheach ùr fhaotuinn air acriochrnchadh, ’s chan fhada gus am bi e feinn an deigh. An sin, ’n uair bhios na ceithir soithichean so air fairge, agus a thoisicheas an soitheach-smuide Weymouth air ruith eadar Sidni agus an t-àite so, ’s coltach gum faod sinn falbh no tighinn cho minics as aill leinn.

Air an t-sàmhradh sa chaidh bha slighe air fhosgladh do fhios dealanaich troimh shiorrachd Inbharnis cho fada near ri Rudha na Feòla, air chors gu faodar fios a chur air falbh no fios fhaotuinn troimh gach taobh de Cheap Breatuinn. Mar so, ged tha sinn tuilleadh is ullamh air a bhi gearan, tha adhartas a tighinn air an duthaich ann an iomadh doigh. Chan urrainn oigridh ar tir a thuigsinn mar shàraicheadh ar n-athraichean le easbhuidh rathaidean agus gach comhfhurtachd eile tha cho lionmhor againne. Bha aig a mheud dhiubhs a bha fuireach fad on chladach ri bhi gu tric agiulan uallaichean troma troimhn choille air dhroch ceuman coise; agus eadhon an deigh do chuid dhiubh a bhi comasach air eich a bheathachadh bhiodh na seorsa rathaidean a bhann cho làn de shlochdan puills gur e fior obair na h-eiginn a bhann faighinn idir trompa. Tha deadh chuimhne agam feinn uair nach robh e comasach cairt a thoirt as a so a dhionnsuidh a chladaich, ged nach eil ach mu ochd miles an astar. ’S cuimhne leam mar an ceudna gur e uidheam-ghiulan ris an canadh iad carn-slaoid, ’s a bha air a tharruing le each no damh, a bha daoine gu tric a cleachdadhn uair bhiodh a bheag aca ri tharruing on dachaidh no da h-ionnsuidh re an t-samhraidh. ’Nuair bha mi ambhalachan cha robh ceannaiche idir an Ceap Nor. Dhfheumadh daoine dhol an dara cuid guWhite Pointno gu Bagh St. Lawrence air thòir ceannachd. A nis o chionn aireamh bhliadhnaichan tha triuir mharsantans an àite. Tha carbadan cho lionmhors gur ainmic teaghlach a tha as an eugmhais. Tha mar an ceudna uidheaman-spealaidh, &c ., gle phailtn ar measg. Tha ceithir no coig muillean-sabhaidhs an aite, ach chan eil cuid dhiubh ri sàbhadh ach uine gle ghoirid gach bliadhna. Faodar a bhi cinnteach gu bheil an sabh-mor air a chur air chùl gu buileach. ’S minic a bha sinn sgith dheth. Cha bu droch obair do dhithis dhaoine mu dhà cheud troidh a shabhadh leis an aon . ’S ann an diugh a tha sinn a faicinn cho fad air aiss a bha sinnn uair bha sinn a cleachdadh ar neart agus ar n-ùine a sabaid ri fiodh leis an t-sabh-mhòr, agus cumhachd uisge gu leor cho pailtn ar measg. —Cha bhiodh e iomchuidh criochnachadh gun facal no dha a radh mu ar luchd-ceaird. Tha triuir ghoibhnean againn; agus air son shaor, ’s beag nacheil saor anns gach tigh, gu h-àraidhs a chearna so dhen aite. Ged tha iomadh aon dhe na seann saoir air dol as an t-sealladh, tha daoinòga ag eirigh suas a ghnàth a tha nochdadh an teomachd le bhin an saoir fein-iunnsaichte mun gann a chluinnear iomradh orra. Bann le dithis dhiubh so a bha pairt de thaobh a stigh a mhansa air a leasachadh cho dòigheal o chionn ghoirid.
M. D.
April 30, 1901.


Ceist.

Bu mhath leam gun innseadh sibh féin no aon der leughadairean dhomh ciod a Ghàilig a tha air an ainm Gollam. Tha an duine dam buin e ag radh gur h-ainm Gàidhealach a tha ann, agus mas e, feumaidh gu bheil Gàilig air. Cuiridh am fear no an a bheir an t-ainm Gàilig dhomh comain mhor orm.

D. G.


Reic-a- mach.
Tha aon dhiubhsan a thasa chuideachd againn an uine ghoiridg ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse
An t-Iomlan de ar Stoc
DE DHINNSRIDH-TAIGHE
air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair nas isle na bha iad roimhe so.
TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


CuirearLeabhar nan Cnocleis a phosta gu àite sam bith an Canada nos na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


SANAS.

THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dhaois, gu dhol a dhobair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uairsa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a bfhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhadsa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.


DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.



[352]

[Vol . 9. No. 45. p. 8]

Comhradh Eadar Nighean agus Gille.

ISE.
Co theid mar-rium don taigh-fhaire?
Co ni sùgradh leam ris a ghealaich?
Oigfhir aoibheil a bhroillich sholuis,
Thachair sinn anns a choille dharaich.

Fàill il ó agus ho ro éile,
Fàill il ó agus ho ro éile,
Fàill il ó agus ho ro éile;
Hoirinn ó is tu manams meudail.

ESAN.
Bfhearr leam fhìn na laoigh is gamhnach,
S na tha chnodhan an déidh na samhna,
Gum bithinn fhìn is mo chruinneag ghreannmhor
M badan coille gun duine teann oirnn.

ISE.
Bfhearr leam fhìn na coig fichead peighinn,
S làn mo chròige den òr as buidhe,
Gum bithinn fhìn agus gràdh mo chridhe
N gleannan caoins sinn air gaol a bruidhinn.

ESAN.
Nis a dhaoine tha Annam ghlacaibh,
Nighean fhaoilidh nan gruaidhe dathte;
Gabhaibh Albainn is Eirinns Sasunn,
S leigibh leamsa leis na bheil agam.


Taigh-tarlaidh nan Uaislean.

Beir soraidh no dhà
Gu taigh tàrlaidh nan uaislean;
Far bheil an aon nighean,
Is tri fir an luaidh rith’.

O hug eile, o hi ri ri ri,
O hi ri a , o hug eile no ha o ho ro.

Far bheil an aon nighean,
Is tri fir an luaidh rith’:
Rob donn an fhuilt channaich,
Caol mhala gun ghruaman;

Is Alasdair fearail
As ceanalta gluasad.

Is Donnachadh an gallan,
O bhaile nam fuaran.

Roib, stad is bi céillidh,
Is éisd ri mo dhuanaig.

Mo chomhairle dhian dhuit,
S mur fhiach i cuir bhuait i;

Leig dhiot an te ghreannach,
S glac bean a chùil dualaich.

Techumadh do léine,
S bu cheutaiche dhfhuaigheadh;

A dhéireadhsa mhaduinn
S a ghlacadh a bhuarach.

Techumadh a teanga,
S nach teannadh ri buaireas.

S fearr bothan an t-sùgraidh
Na lùchairt a bhruaillein.


Iorram.

S truagh nach robh mi, hu il ho ro,
N riochd na h-eala, ho im o,
Non riochd faoileig, hu il ho ro,
Chrìn na mara, e cho ri no.

Non riochd faoileig chrìn mara;
Shnamhainn an caols rachainn, thairis.

Ruiginn air ball bheil am fear ud;
Maighear, méibhneas, ’s mo cheud leannan.

Sioban nam beann a dol tharrainn,
S deathach nan stùc gar sior dhalladh.

Banais an nochdsa Chìll Uachdraich;
S nam bithinn ann dheanainn fuadach.

Nam biodh te eilannbhiodhta luaidh riut,
Sgathainn bun is bàrr a cuailein.

Dhéireadh mo shròn àirdna stuadhach,
S dhfhalbhadh manail naceò uaine.

S cruaidh an sgeul an diugh a fhuair mi;
Thug Clann-Nèill druim a chuain orr’.

Chaidh iad fodha anns an fhuaradh;
Luchd nan leadan troma, dualach.

Luchd nan seol àrds nan long luaineach;
Fir nach meathadh ri uchd cruadail.


Taigh-an-Droma.

Rannan le dròbhair a bha diombach airson na bha aige riphaigheadh an Taigh-an-Droma.

LUINNEAG.
S i mo dhùthaichthatighnn air maire,
S i mo dhùthaichthatighnn air maire,
S i mo dhùthaichthatighnn air maire,
An t-Eilein Muileachtha lùrach, beannach.

Taigh-an-Droma gun dean mifhàgail,
S cha bu chruaidh leam e bhith na fhàsach;
Fhuair mi feoil anns cha ghearradh sàbh i,
S cha dugadh mfhiaclan mir as a chàise.

Nuair a chaidh mi staigh don t-seombar,
Bha na trinnseirean ann an òrdagh,
Is bha brot ann gun ghràine feola;
S air leam fhìn gum bu phris dha gròta.

Nuair a chaidh air gairm gu cùnntas
Cha robh agam bonn airgid mùthaidh;
Thug mi not dhis bu mhor mo shùil innt’,
S cha do thill thugam ach aon chrùn di.

S en t-Eilein Muileach an t-Eilein aghmhor,
An t-Eilein ciatach mun iadh an sàile;
S beag an t-ionghnadh gach ni a dhfhàs ann,
Gheibhteadh biadh anns chan iarrteadh pàigheadh.


Cha robh na tuiltean mora a bha anns na Staidean cho millteachsa bha eagal air daoine bhitheadh iad. Thraoigh na h-uisgeachan mun drainig iad neart mor, agus mar sin tha an call moran nas lugha na bha choltas orra aon uair a dheanadh iad.


Bha àireamh mhor de na h-eich a bha an Riaghladh Breatunnach aceannach anns na Staidean abàsachadh air an turus-cuain eadar New Orleans agus Cape Town. Thatar a nis air fhaotainn a mach gu robh càirdean aig na Boerich ann an New Orleans a bha sgaoileadh thinneasan marbhteach am measg nan each mun rachadh an cur air bòrd nan soithichean, agusse sin a bhag aobharachadh na h-uiread dhiubh a bhi bàsachadh. An deigh so, cha bhi cothrom air a thoirt do na daoine aingidh sin an ais-innleachdan an-iochdmhor a chur an gniomh, oir thatar a deanamh gach faiceall air gach duine chumail o dhol rathad nan each ach iadsan a bhios a frithealadh orra, ’sa bhios a dolnan cois thar a chuain.


AMY MHORAIDH.
Feasgair de dhOrain Albannach
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, agabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.


BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.

So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90

Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.

Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 45
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla IX No. 45. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page