[Vol . 9. No. 46. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 17, 1901. No. 46.
Sgriobhadair Ur.
MO BHALACH GASDA: —Tha mi ’cur facal no dhà g’ ad’ ionnsuidh a dh’ innseadh dhut gu ’m bheil sgriobhadair ùr agam air fhaotainn dhut. Is e “Mac Uisdean” is ainm dha. Tha e dol a chur puirst a bial ugad an dràsta ’s a rithist, sin ri ràdh, ma chordas iad riut fhein agus ri do luchd-leughaidh. Gheibh thu a’ cheud litir uaithe comhladh ris an duilleig so. Tha e sgriobhadh ugad á “Dun ’ic Uisdein.” Mur ’eil mise air mo mhealladh, bidh e sgrìobhadh ugad gu math tric gu cionn bliadhna no dha ma bhios e beò, slàn.
Is mi do charaid
IAIN.
Sniodhasart,
An t-Eilean Sgiathanach, 18, 4, 1901.
Litir a Dun ’ic Uisdean.
FHIR A’ PHAIPEAR: —Ma bha no nach robh fhios agad air, bha mise a’ leughadh a’ MHIC-TALLA o chionn sheachd bliadhna. Thuirt mi rium fhin an latha roimhe nach robh e ceart dhomh a bhith gabhail naigheachdan taitneach uatsa o àm gu àm, agus gun a bhith ’cur aon naigheachd g’ ad ionnsuidh as an Dun. An uair a bha mise ’nam dhuin’ òg, bhiodh gillean òga gu math tric a’ cruinneachadh air cheilidh do thaigh a’ ghreusaiche, agus bhiodh fear ma seach dhe na bhiodh air chéilidh a’ gabhail sgeulachd. Am fear aig nach biodh sgeulachd, ghabhteadh òran uaithe. Agus bu ghlé ainneamh a gheibhteadh fear anns an àm ud aig nach robh sgeulachd, no òran, no porst a bial. Bha na puirst a bial gu math cumanta anns an àm ud. Cha robh athair no màthair a b’ aithne dhomhsa nach biodh a’ gabhail phorst a bial do ’n chloinn an uair a bhiodh iad ag altrumas. Is minic a chunnaic mi clann òg a’ dannsadh air an ùrlar, agus am màthair a’ gabhail phorst dhaibh. Ach tha ’n cleachdadh so air a dhol as an t-sealladh ann an tomhas mòr, agus air an aobhar sin, tha na puirst a bial air thuar a dhol air dichuimhn. Cha bu mhath leam fhin, air a h-aon, gu ’n leigteadh air dichuimhn na chuala mi dhe na puirst a bial, agus, air an aobhar sin, tha mi suidhichte gu ’n cuir mi g’ ad’ ionnsuidh a h-uile fear a tha air chuimhn agam dhiubh. Cha ’n ’eil mi ro chinnteach am bheil a h-aon dhiubh slàn agam; ach cuiridh mi ugad na blaighean a th’ agam dhiubh. Cha ’n ’eil mi cho eòlach air ceòl ’s gu ’n teid agam air fonn a’ chiùil a bha air na puirst a sgriobhadh. Agus ged a rachadh agam air ceòl a sgriobhadh, is dòcha nach biodh e a chum mòran feuma dhut. Ach ainmichidh mi na puirst a tha freagarrach air na briathran, ma ’s aithne dhomh iad.
Cha ’n ’eil mi gealltainn gu ’n sgriobh mi ugad a h-uile seachdain. Cha ’n ’eil e aon chuid glic no ceart do dhaoine bhith ’gealltainn obair a dheanamh, mur ’eil iad cinnteach gu ’n teid aca air a dheanamh. Is iomadh rud a dh’ fhaodas tighinn ann an rathad dhaoine air nach ’eil fhios aca; agus, air an aobhar sin, is e an gliocas gun a bhith tuilleadh is deas gus obair a ghabhail as laimh nach urrainn daibh a dheanamh.
Thuirt mi mar tha nach bu mhath leam gu ’n rachadh na puirst a bial gu buileach air dichuimhn; agus tha mi ’n dòchas gu ’n toir fear is fear dhe na seana Ghaidheil chòire a tha ann an Canada, agus aig am bheil toil a bhith ’cumail seana chleachdaidhean neo-lochdach air chuimhne, lamh chuideachaidh dhomh. Cha ’n ’eil agam ach blaighean dhe na puirst, agus faodaidh e bhith gu ’m bheil na blaighean a tha ’g am dhith-sa aig iomadh fear ann an America, no ann an cearn eile dhe ’n t-saoghal. Agus na blaighean a th’ agam, is docha nach ’eil iad ceart agam. Ach gheibh thusa na blaighean, agus dean do rogha feum dhiubh.
A bhalaich ort! an uair a bha mise ’nam Dhonnachadh òg, chuala mi na ficheadan dhe na puirst a bial. Bha leith sheana bhoirionnach, a bha ’g ràdh gu ’n robh càirdeas fad as aice ri mo mhàthair, a’ tighinn do ’n taigh againn an ceann a h-uile dà bhliadhna, agus o’n a bha i anabarrach math gu sniomh bha i ’fuireach anns an taigh againn, mar bu trice, fad thri miosan. Cha robh crioch air na bha de phuirst a bial aice, agus an uair a gheibheadh i cupa math làidir tì o m’ mhàthair, ghabhadh i puirst a bial cho math ri aon a chuala mi riamh. An uair a shuidheadh i aig a’ chuibhil, cha rachadh dùnadh air a bial ach a’ gabhail phòrst is òran. B’ ann de ghnàth-mhuinntir Uidhist mu thuath a bha i, agus b’ iad na puirst a bial a rinneadh ann an Uidhist bu trice leatha bhith ’gabhail. Cha b’e mhàin gu ’n gabhadh i na puirst anabarrach math, ach bu tric leatha beagan fiosrachaidh a thoirt seachad mu dheidhinn nan daoine do ’n d’ rinneadh na puirst, agus mu ’n aobhar air son an d’ rinneadh iad. Innsidh mise dhut na tha air chuimhne agam dhe na bha i ag innseadh mu dheidhinn nam porst. Tha dlùth air leith cheud bliadhna o’n a chuala mise guth “Mairi Homhstadh” mu dheireadh, agus o’n a tha mo chuimhne air a dhol air ais gu mòr, cha ’n ’eil air chuimhn’ agam an diugh ach beagan dhe na puirst a bha i ’gabhail, agus dhe na naigheachdan a bha i ag innseadh mu ’n deidhinn.
Is gann a tha fhios agam c’ àite an tòisich mi; ach feumaidh mi tòiseachadh an àiteiginn, ma thòisicheas mi idir. Tha e cho math dhomh, tha mi ’smaointean, tòiseachadh aig a’ phorst a rinneadh do thé ris an cainte “Nighean an Fhidhlear” :—
Ribinnean riomhach
Nighean an fhidhlear,
Cota demiti, bedagun calico;
Ribinnean riomhach
Nighean an fhidhlear,
Còta sìod’ air Màiri:
Brògan àrda,
Cleòca sgàrlaid,
Còta demiti, beadagun calico;
Brògan àrda,
Cleòca sgàrlaid,
Ribinnean riomhach Màiri.
Tha ùin’ fhada o’n a rinneadh am porst so. Agus faodar a bhith cinnteach gu ’n robh tuilleadh ann. Bha “Nighean an Fhidhlear” gu math spaideil. Cha ’n ’eil fhios nach ann a’ magadh oirre a bha am fear a rinn am porst. Ged a bhiodh “Nighean an Fhidhleir” ’na nighean fir baile, dh’ fhoghnadh dhi a bhith cho riomhach éideadh ’s a tha ’m porst ag ràdh. Is ann a tha ’m porst coltach ri porst a dheanteadh air a’ bhliadhna so fhein. Ann an gùn, tha com is iochdar. Theirteadh còta ris an iochdar ris nach biodh com ceangailte. Ach an diugh theirear skirt ris a’ chòta, agus blouse ris a’ bhedagun. A nis chì sinn gu ’n robh cuid dhe na nigheannan a bh’ ann o chionn a tri no ceithir a dh’ fhicheadan bliadhna a cheart cho spaideil agus cho fasanta ris na nigheanan air am bheil sinn eòlach an diugh. Ach tha ’n t-atharrachadh so eatorra: b’ ann geal a bha ’n “còta demiti.” B’ e aodach cotain a bh’ ann. Bha fighe chraobhach air, agus shealladh e glé bhòidheach. An diugh tha am blouse air a dheanamh de dh’ aodach tana, soilleir coltach ri calico; ach tha ’n còta, no, mar a theirear an diugh, an skirt, an comhnuidh air a dheanamh de dh’ aodach dathte.
Tha cuid a’ cumail am mach gur e bòtunnan a th’ air a chiallachadh le “brògan àrda.” Chuala mi gu tric seann daoine a’ bruidhinn air brògan àrda agus brògan iosal, agus mur ’eil mi air mo mhealladh ’nam bharail, is iad na brògan àrda, na brògan ris an canadh daoine, na brògan Gallda, sin ri ràdh, na brògan a bhiodh air an deanamh de leathar Gallda; oir bhiodh sàilean air na brògan so na b’ àirde na bhiodh air na brògan iosal Gàidhealach a dheanteadh air an leathar Ghàidhealach. A nis, shealladh “Nighean an Fhidhlear” gle spaideil anns an éideadh a th’ air ainmeachadh anns a’ phorst.
Ma shaoileas tu gu ’m bheil na duilleagan so airidh air àite fhaotainn anns a’ MHAC-TALLA, cuiridh tu ann iad. Ach mur ’eil iad airidh air an urram so, faodaidh tu a’ phiob a lasadh leotha.
Sgriobhaidh mi fhathast g’ ad ionnsuidh, ma ’s urrainn mi, mu ’n d’ thig Latha Seana Bhealltainn.
MAC UISDEAN.
18, 4, 1901.
O Chionn Tri Fichead Bliadhna.
Le Iain.
CAIB. XXIV.
“THOIR CUNNTAS AS DO STIUBHARTACHD.”
MU dheireadh labhair an t-Uachdaran, agus thuirt e, “Dh’ innseadh dhomhsa, o chionn ghòirid, le urra no dhà, a tha, a réir mo bharail-sa, glé fhìrinneach, gu ’n d’ rinneadh iomadh atharrachadh air an oighreachd fhad ’s a bha mi air falbh, agus gu ’m bheil àireamh mhòr dhe ’n tuath glé mhi-thoilichte leis an dòigh anns an d’ rinneadh na h-atharraichean so. Ach cha bu mhath leam breith a thoirt anns a’ chùis so, no ann an cùis sam bith eile, gus an cluinn mi araon ciod a th’ aig a’ mhaor ’s aig a’ bhaillidh ri radh, agus mar an ceudna, ciod a th’ aig an tuath ri
[Vol . 9. No. 46. p. 2]
radh. Cha ’n urrainn neach sam bith breith cheart no chothromach a thoirt air cùis gus an cluinn e an dà thaobh an toiseach.
“Innsibh dhomhsa, fhear,” ars’ esan ’s e tionndadh ris a’ mhaor ’s ris a’ bhàillidh, “c’ ar son a ghabh sibh os laimh iomadh atharrachadh a dheanamh air suidheachadh na tuatha gun mise fhaighneachd?”
An uair a thuirt e so dh’ aithnicheadh neach sam bith air a ghnùis gu ’n robh corruich gu leòr air an inntinn aige, ged a bha e ’feuchainn ri cumail air fhein cho math ’s a b’ urrainn e.
Sheall am maor ’s am baillidh air a cheile, mar gu ’m biodh an darna fear toileach a radh ris an fhear eile, “Bruidhinn thusa an toiseach.” Ach o ’n a b’ e am baillidh a b’ àirde dreuchd thuig e gur ann aige a bha còir air bruidhinn an toiseach. Dh’ eirich e ’na sheasamh, agus thuirt e gu ’n robh gach atharrachadh a rinneadh, a réir a bharail-san, cho cheart agus cho cothromach ’sa ghabhadh deanamh, agus gu ’m faodadh duine sam bith a thuigsinn gu ’m biodh cuid de dhaoine an aghaidh atharrachadh sam bith a deanamh air an suidheachadh, eadhoin ged a bhiodh fios aca gur ann a chum an leas a bha ’n t-atharrachadh air a dheanamh. Agus ma rinneadh atharrachadh sam bith nach robh ceart no cothromach, nach b’ ann le ’fhiosrachadh-san a rinneadh e. Thuirt e mar an ceudna gu ’n robh e furasda gu leòr a thuigsinn nach b’ urrainn dàsan a bhith mion-eòlach air ciod a b’ fhearr a fhreagradh air suidheachadh na tuatha, o ’n nach robh e ach ùine ghoirid ’nam measg a h-uile bliadhna; agus, mar a bha nadarra gu leòr, gu ’n robh e ag iarraidh agus a’ gabhail comhairle a’ mhaoir, o’n a bha e ’n comhnuidh am measg na tuatha, agus fios aige air ciod a b’ fhearr a fhreagradh orra.
Fhreagair am maor an déigh dha eirigh ’na sheasamh, agus coltas air gu ’n robh inntinn gu mòr troimh a cheile, agus thuirt e nach biodh e feumail gu ’n abradh e mòran aig an àm. Ach b’ e a bharail gu ’n robh gach atharrachadh a rinneadh feumail, agus cho ceart ’s cho cothromach s’ a ghabhadh deanamh. Agus o’n a bha e ’faicinn nach robh iad ag oibreachadh an cuid fearainn cho math ’s a dh’ fhaodadh iad, gu ’n do bhuail e anns an inntinn aige gu ’m biodh e pailt cho math pairt dhe ’n fhearann a thoirt do dhaoine a dh’ oibricheadh gu math e.
Is e so brìgh na labhair am maor ’s am baillidh. Cha ’n ’eil teagamh nach rachadh aca air mòran eile a labhairt mur b’e gu ’n robh an earran mhòr de thuath na dùthchadh an làthair. Bha ’n cridhe ’s an inntinn ag innseadh dhaibh gu ’n robh iad ciontach, agus b’ fhearr leotha gun an corr a ràdh na bhith gu follaiseach air am breugnachadh.
An sin labhair an t-Uachdaran, agus thuirt e, “Chuala sinn a nis na bh’ aig an luchd-dreuchd ri ràdh mu dheidhinn nan atharrachaidhean a rinneadh fhad ’s a bha mise air falbh, agus mu ’n urrainn dhomhsa breith chothromach a thoirt air cùisean, feumaidh mi beachd na tuatha a chluinntinn. Eireadh fear dhibh agus innseadh e gu saor, soilleir a bharail air gach ni a rinneadh—innseadh e an fhìrinn ghlan. Oir am fear a dh’ innseas an fhìrinn cha ruig e leas eagal a bhith air a ghuth a thogail an àite sam bith. Ma tha dad dhe’n choire ri chur ormsa, biodh sin air innseadh, agus tha mi ’toirt m’ fhacail dhuibh nach deanar dioghaltas sam bith air aon neach a dh’ innseas dhomhsa ann an clàr an aodain gu ’n d’ rinn mi dearmad air mo dhleasdanas mar Uachdaran. Is fhearr leam gu mòr mo lochdan innseadh dhomh ann an clàr an aodain na bhith ’g an aithris air chùl mo chinn.
Ged a labhair an t-Uachdaran na briathran so, cha robh fear seach fear dhe ’n tuath toileach, a réir choltais, éirigh ’na sheasamh agus ’inntinn a leigeadh ris gu saor, soilleir mar a bha an t-Uachdaran ag iarraidh. Cha b’e eagal a bh’ orra nach b’ urrainn daibh an fhìrinn innseadh, ach cha robh iad cleachdadh ri bhith ’labhairt mòran ann an làthair dhaoine a b’airde suidheachadh na iad fhein; agus air an aobhar sin bha faiteachas orra an guth a thogail ’na leithid sid a dh’ àite.
Mu dheireadh an uair a chunnaic an t-Uachdaran nach robh fear sam bith dhe ’n tuath ag éirigh gu labhairt mu ’n ghnothach air son an robh iad uile cruinn anns an t-seomar, thuirt e, “Fheara, cha ’n ’eil feum sam bith dhuibh a bhith ’n ’ur suidhe an sin ag amharc an aghaidhean a cheile. Eireadh fear dhibh anns a’ mhionaid, agus thugadh e dhuinn a bharail air an obair a bha am maor ’s am baillidh a’ deanamh air an oighreachd fhad ’s a bha mise air falbh.”
Mu dheireadh dh’ éirich seann duine dhe na bh’ anns an t-seomar, agus thuirt e, “Le ’r cead, Fhir Aird-Shannta, na ’n robh fhios againn c ’ar son a chuir sibh fios oirnn, is docha gu ’n robh sinn air duine freagarrach a thaghadh gus bruidhinn air ar son. Ach o’n a tha mise air aon dhe na dhaoine cho sean ’s a tha measg na tuatha, is docha gur ann dhomh is freagarraiche labhairt aig an àm so.
“Gus an fhìrinn ghlàn, o’n is i a sheasas, innseadh dhuibh, cha ’n aithne dhomhsa duine air an oighreachd, saor o na daoine do ’n do nochd am maor ’s am baillidh fabhar, a tha riaraichte leis an obair a rinn iad. An uair a thainig sibh fein thun na h-oighreachd, thuirt sibh—agus saoilidh mi nach do leig sibh air dichuimhn fhathast e—nach tugteadh uainn ri ar beò ploc dhe ’n fhearann a bheireamaid a steach gu fearann àitich dhe ’n mhòintich bhuig, fhluich a bh’ air braighe nam bailtean againn. Chreid sinn a h-uile facal a thubhairt sibh, agus, o chionn àireamh mhath bhliadhnachan, bha sinn gu saoithreachail ag obair fad a’ gheamhraidh ’san earraich air deanamh buntata-taomaidh ann an talamh a tha corr is tri mile o’n chladach. Bha sinn an toiseach a’ tarruinn na feamann tri mile air astar, agus na dheigh sin ’g a cur air ar muin leis na cleibh a dh’ ionnsuidh an àite anns an robh sinn a’ deanamh a’ bhuntata. Mar a dh’ fhaodas fios a bhith agaibh, cha deanadh leasachabh sam bith feum ach an fheamainn. An ath bhliadhna bha sinn a’ cur corca ann am mathachadh a’ bhuntata. Agus air an dòigh so bha àireamh mhath acraichean air an toirt a bhliadhna gu bliadhna gu fearann feuraich, a bha glé fheumail do thuath nam bailtean gu léir. Ach thugadh uainn am fearann so a shaothraich sinn gu goirt. Agus b’iomadh latha fliuch, fuar a bha sinn fhin agus ar teaghlaichean ’g a shaoithreachadh. Tha e nis aig cairdean ’s aig cleimhnean a’ mhaoir—daoine leasga, lunndach nach do shaothraich ploc riamh dheth. A bharrachd air so, thugadh uainn a’ chuid a b’ fhearr dhe’n mhachair a bh’ againn, far am b’ àbhaist dhuinn a bhith ’cur cuid mhòr dhe ar cuid buntata ’s eòrna. Tha mise an diugh, agus mo cheann air liathadh, gun phloc fearainn, ged a bha mi gus o chionn bliadhna air an làthrach air an robh m’ athair ’s mo sheanair. Agus ma sheallas sibhse ann an leabhraichean a’ mhail, chi sibh gu ’n robh mise agus m’ athair ’s mo sheanair a’ paigheadh ar cuid màil cho riaghailteach ris a’ chuid eile dhe ’n tuath. Dh’ fhaodainn tuilleadh a radh ach foghnaidh na thubhairt mi gus a leigeadh ris dhuibh nach ’eil riaghladh na h-oighreachd cho math ’s bu chòir dha bhith.”
An uair a thuirt e so, shuidh e.
Dh’ iarr an t-Uachdaran an sin air feadhainn eile dhe na daoine éirigh gus am barail a thoirt air a’ chùis o nach robh toil aige an luchd-riaghlaidh a dhìteadh gun barrachd air barail aon fhianuis a chluinntinn.
Dh’ eirich triùir no ceathrar an deigh a cheile, agus ann am beagan fhacal leig iad ris do ’n Uachdaran gu ’n robh na labhair an seann duine fìor gu leòr.
’Nan deigh so dh’ éirich fear eile dhe ’n tuath ’na sheasamh, agus thuirt e gu ’n robh aon ghnothach eucorach eile ann a dh’ fheumteadh ainmeachadh, agus gu ’m b’e sin, an dòigh anns an robh na h-aodaichean a chuireadh a dh’ ionnsuidh nam bochd air an roinn. Thuirt e gu ’n robh a’ chuid a b’ fhearr dhe na h-aodaichean air an toirt do dhaoine nach robh aon chuid bochd no feumach, agus nach d’ fhuair na daoine bochda a bha feumach air aodach laidhe agus eirigh ach a’ chuid bu mheasa dheth.
An uair a chual an t-Uachdaran so bha e anabarrach mi-thoilichte. Thuirt e gu ’m biodh am fearann air a thoirt air ais do na daoine o ’n tugadh e mar a bha e roimhe, agus, fhad ’s bu bheò e nach fhaigheadh an luchd-riaghlaidh a bhiodh fo ’laimh cead aon atharrachadh a dheanamh air suidheachadh na tuatha gun a làn-aonta-san.
Dh’ iarr e air an tuath a dhol am mach car beagan ùine gus an cuirteadh biadh an ordugh dhaibh anns an t-seomar. Rinn iad so. Agus an uair a thill iad a steach ’s a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n bhiadh ’s dhe ’n deoch a chuireadh air am beulaobh, dh’ fhalbh iad dhachaidh.
Gun dail thugadh a’ mhaoirneachd o ’n mhaor; ach dh’ fhagadh am fearann aige. Fhuair na daoine o ’n tugadh am fearann an cuid fearainn air ais, agus thugadh an tuilleadh misnich dhaibh gus na b’ urrainn daibh dhe ’n mhòintich a thoirt gu fearann àitich.
Chuir am baillidh uaithe a’ bhailleachd an lath’ ud fhéin; oir bha e air a thamailteachadh a chionn gu ’n do chreid an t-Uachdaran an tuath air thoiseach air fhein ’s air a’ mhaor.
Shuidhicheadh maor is baillidh eile ’nan àite, agus bha gach ni a bhuineadh do riaghladh na h-oighreachd air a dheanamh gu glic agus gu cothromach a reir ordugh an Uachdarain. Bha sìth is soirbheachadh am measg na tuatha nach robh ann fad àireamh bhliadhnachan roimhe sid.
An ceann bliadhna no dhà dh’ fhalbh am maor agus na bha gun phòsadh dhe chuid nighean as an àite; oir bha ceann sìos aig an tuath orra a chionn mar a thachair. Sgap a chuid nighean anns gach àite. Bha e fhein aig deireadh a laithean lom, falamh. Tha e air aithris nach robh ach gann dhe’n aodach-laidhe air an leabaidh aige na chumadh blàth e an uair a bha e air leabaidh a’ bhàis. Cho fad ’s is fiosrach daoine, cha robh soirbheachadh aig a chuid cloinne, no idir aig a chuid oghachan. “An ti a shàruicheas am bochd a mheudachadh a mhaoin fein, agus an ti a bheir do ’n t-saoibhir, thig e gu deimhin gu uireasbhuidh.” —Gnath-fhocail xxii, 16.
(A’ chrioch).
Is coma leam an rud nach toigh leam, eireagan a’ dol ’n an coilich.
Is còir comhairle fhir-an-taighe a ghabhail.
[Vol . 9. No. 46. p. 3]
Sgeulachdan Arabianach.
PRIONNS’ ALASNAM AGUS RIGH NAM FATHACH.
CAIB. I.
BHA righ aon uair ann am Balsora a bha anabarrach beairteach, agus bha tlachd mor aig sluagh na rioghachd gu leir dha. Cha robh duine cloinne aige, agus chuir so doilghios mor air. Air an aobhar sin thug e seachad tiodhlacan mora do na h-uile duine diadhaidh a bh’ anns an rioghachd aige, a chum gu ’m biodh iad a guidhe ri Dia gu ’n tugadh e mac dha. Fhuair an urnuighean eisdeachd, agus ann an am rugadh mac dha, agus thugadh Alasnam mar ainm air.
Thug an righ ordugh do gach reuladair a bh’ anns an rioghachd iad a chruinneachadh comhladh, agus fios a thoirt dha ciod a bha gu tachairt d’ a mhac. An uair a ghabh iad beachd air na reultan, agus a chuir iad an cinn ri cheile, fhuair iad am mach gu ’m biodh mac an righ fada beo, gu ’m biodh e ’na dhuine treun, ach gu ’m biodh a mhisneach agus a threuntas beag gu leor gus a thoirt troimh gach cruaidh-fhortan a bha air thuar tighinn ’na rathad.
Cha do chuir an fhaisneachd so mi-mhisneach mhor sam bith air an righ. “Cha ’n ’eil aobhar againn air truas a ghabhail ri mo mhac,” ars’ esan, “o ’n a bhios e ’na dhuine treun: tha e iomchuidh gu ’m biodh fios aig prionnsachan ciod a th’ ann an cruaidh-fhortan; oir that amhghair a’ cur dearbhadh air treuntas agus subhailcean phrionnsachan, agus tha iad mar sin air an deanamh na ’s freagarraiche gus a bhith riaghladh os cionn sluaigh.”
Thug e duais do na reuladairean, agus leig e air falbh iad. Thug e fa near gu ’m faigheadh a mhac foghlum cho ard ’s a b’ urrainn a bhith, agus fhuaradh luchd-foghlum dha cho luath ’s a bha e comasach air foghlum a thogail.
An uair a thuig an righ gu ’n robh e fhein ann an galair a bhais, chuir e fios air a mhac gus a chomhairleachadh. Am measg gach comhairle eile thug e air, chomhairlich e dha caoimhneas an t-sluaigh a chosnadh, cha ’n ann le eagal a bhith orra roimhe, ach le gradh a bhith aca dha; gun chluas a thoirt do na daoine a bhiodh a’ brosgal ris; gun chabhag a bhith air an am a bhith ’smachdachadh na muinntir a dheanadh cionta, do bhrigh gu ’m bheil righrean gu tric, air dhaibh a bhith air am mealladh le nithean a tha coltach ris an fhirinn, a nochdadh iomadh fabhar do na h-aingidh, agus a’ deanamh foirneart air na daoine a tha neo-chiontach.
Cho luath ’s a dh’ eug an righ, chuir prionns’ Alasnam eideadh-bron uime. Bha e seachd latha anns an eideadh so, agus air an ochdamh latha shuidh e air an righ-chathair. Thug e an seula a chuir ’athair air an taigh-ionmhais dheth, agus chuir e a sheula fhein air. Thoisich e mar so ri gabhail tlachd ’na dhoigh-riaghlaidh fhein, agus ri bhith gabhail toil-inntinn ann a bhith ’faicinn maithean na rioghachd a’ cromadh sios ’na lathair. A dh’ aon fhacal, bha tuilleadh ’s a’ choir de thlachd aige ann a bhith ’riaghladh. Agus am feadh ’s a bha e ’gabhail suim gu leor dhe gach dleasdanas a bha ’n sluagh fo fhiachaibh a dheanamh dha mar an righ, cha robh e ’gabhail suim sam bith dhe ’n dleasdanas a bha aige fhein mar righ ri dheanamh do’n t-sluagh. Chaidh e gu buileach gu truaillidheachd agus gu anamiannan comhladh ri companaich thruaillidh a bha mu ’n aon aois ris fhein, agus a shuidhich e anns gach dreuchd a b’airde na cheile a bh’anns an rioghachd. Cha robh stamhnadh sam bith aige ’ga chumail air fhein. Agus o ’n a bha e gu nadarra sgaireapach, chosg e gu buileach a chuid de ’n t-saoghal ann an uine gle ghoirid.
Bha ’mhathair ’na boirionnach glic, crionna. Dh’ fheuch i iomadh uair ri stad a chur air an truaillidheachd agus air an sgaireap leis an robh esan a’ milleadh a chliu agus a chodach. Bha i ’feuchainn ri thoirt air a thuigsinn, mur grad sguireadh e dhe ’n obair a bh’ aige, gu ’n caitheadh e a chuid dhe ’n t-saoghal, agus gu ’n tionndadh an sluagh ’na aghaidh air a cheann mu dheireadh, agus gu’n cailleadh e an rioghachd, agus, ma dh’ fhaoidteadh, a bheatha. Cha mhor nach do thachair mar a thubhairt i. Thoisich an sluagh ri gearain air an doigh anns an robh iad air an riaghladh, agus bha iad air ar-am-mach a dheanamh gun teagamh sam bith, mur b’ e gu ’n do chuir a mhathair stad air cuisean. Thuig i gu math mar a bha cuisean air thuar a bhith, agus an uair a shoilleirich i dha mar a bha cuisean, ghabh e a’ chomhairle a thug i air. Thug e, air an aobhar sin, riaghladh na rioghachd o na daoine oga, agus shuidhich e seann daoine glice, tuigseach ’nan aite. Agus bha na daoine so comasach air riaghladh ceart a shuidheachadh am measg an t-sluaigh, agus air an cumail ’nan aite fhein.
An uair a chunnaic Alasnam gu ’n d’ rinn e ana-caitheamh air a mhaoin, bha aithreachas gu leor air. Thuit a chridhe, agus bha e fo ’leithid de bhron ’s de lionn-dubh ’s nach robh doigh air a thoileachadh. Air oidhche araidh chunnaic e as a chadal seann duine air an robh coltas ciuin, tlachdar a’ tighinn far an robh e. Thuirt an seann duine ris, agus fiamh gaire air a ghnuis, “Biodh fhios agad, Alasnaim, gu ’n tig sonas an deigh gach mi-fhortain. Ma tha toil agad gu ’n tigeadh do dhoilghios gu crich, eirich, agus bi grad fhalbh gu ruige ceanna-bhaile na h-Eiphit, far am bheil fortan mor a’ feitheamh ort.”
An uair a dh’ eirich e anns a’ mhadainn, bha ’n aisling so ur gu leor air an inntinn aige. Dh’ innis e dh’ a mhathair mar thuirt an seann duine ris. Thainig fiamh gaire air a gnuis, agus thuirt i ris, “A mhic, an rachadh tu fhein a nis do ’n Eiphit a chionn gu ’m fac’ thu an aisling ud?”
“C’ ar son nach rachadh, a mhathair?” ars’ esan. “Am bheil sibh a’ smaointean gu ’m bheil na h-aislingean gu leir gun bhrigh sam bith? Tha seadh ann an cuid dhiubh gun teagamh sam bith. Dh’ innis an fheadhain a bha ’gam theagasg iomadh naigheachd dhomh mu dheidhinn aislingean, agus tha mi creidsinn gu ’n tig cuid dhiubh gu teach gun teagamh sam bith. A bharrachd air so, cha ’n urrainn mi gun chreideas a thoirt do ’n aisling a chunnaic mi. Bha coltas air an t-seann duine aosda, urramach a chunnaic mi as mo chadal mach buineadh e do ’n t-saoghal so idir. Cha b’ ann coltach ri daoine aosda, urramach an t-saoghail so a bha e. A dh’ aon fhacal, bha a choltas a’ cur ’nam chuimhne na chuala mi mu dheidhinn ar faidh mor; agus ma ’s aill leibh mo bharail fhaotainn mu ’n chuis, tha mi ’creidsinn gur e am faidh a bh’ ann, agus, o ’n a bha truas aige rium, gu ’n d’ thainig e far an robh mi gus cuideachadh a thoirt dhomh. Tha mi ’leigeadh mo thaic air an dochas a dhuisg e ’nam chridhe, agus air na gheall e dhomh, agus tha mi suidhichte gu ’n dean mi mar a chomhairlich e dhomh.”
Dh’ fheuch a mhathair ri thoirt air na smaointeanan so a leigeadh as a cheann, ach dh’ fhairtlich oirre. Dh’ fhag e riaghladh na rioghachd an earbsa rithe, agus air an oidhche sin fhein dh’ fhalbh e as an luchairt gun duine ach e fhein gus a dhol gu ruige Cairo.
An deigh moran sgios agus uidil fhulang, rainig e am baile mor, ainmeil so mu dheireadh; agus b’ ainneamh baile a bha cho mor ’s cho briagha ris.
Thainig e air 1ar aig dorus aon de na h-eaglaisean mora a bh’ anns a’ bhaile, agus o ’n a bha e anabarrach sgith leig e e-fhein ’na shineadh far an robh e, agus thuit e gu trom ’na chadal. Cha robh e fada ’na chadal an uair a chunnaic e an seann duine, a chunnaic e roimhe as a chadal, a’ tighinn far an robh e, agus ag radh ris, “Is math leam d’ fhaicinn, a mhic; chreid thu na briathran a labhair mi riut. Thainig tu an so a dh’ aindeoin cho fada agus cho doirbh ’s gu ’n robh an t-astar. Ach biodh fhios agad gur ann gus deuchainn a chur ort a dh’ iarr mi ort tighinn air an astar fhada so. Tha mi ’faicinn gu ’m bheil misneach mhath agad, agus gu ’n dean thu an rud a chuireas tu romhad a dheanamh. Is airidh thu air gu ’n deanainn cho saoibhir agus cho sona thu ri righ a th’ air an t-saoghal. Till gu ruige Balsora, agus gheibh thu ionmhas gun choimeas ’na do luchairt fhein. Tha barrachd ann na bh’ aig righ riamh roimh.”
Cha do chord am bruadar so ri Alasnam idir. “Ochan!” ars’ esan ris fhein an uair a dhuisg e, “nach mi a bha gu mor air mo mhealladh? Ged a ghabh mi an seann duine ud ann an riochd ar faidh, tha e coltach nach ’eil ann ach iomhaidh a dhealbh mi ’nam inntinn fhin. Bha mi cho tric a’ smaointean air ’s nach ’eil e ’na ioghnadh sam bith ged a chunnaic mi rithist as mo chadal e. Is fhearr dhomh tilleadh gu ruige Balsora. Cha ’n ’eil aobhar dhomh a bhith ’fuireach an so na ’s fhaide. Is math leam nach d’ innis mi mu ’n aisling a chunnaic mi do neach sam bith ach do m’ mhathair, agus nach ’eil fhios aig neach sam bith eile ach aice-se ’na h-onar c’ar son a thainig mi air an astar so. Dheanadh daoine cuis-bhursta dhiom nan robh fhios aca c’ ar son a thainig mi air an astar so.”
Gun dail sam bith thill e air ais air a’ chois-cheum cheudna. An uair a rainig e dh’ fheoraich a mhathair dheth an robh e toilichte le a thurus. Dh’ innis e dhi gu saor mar a thachair dha. Bha e fo ’leithid de dhragh a chionn gu ’n d’ thug e creideas do ’n aisling ’s gu ’n robh a mhathair a’ feuchainn ri toileachadh a thoirt dha an aite ’bhith ’deanamh ceol-spors dheth. “A mhic,” ars’ ise, “na cuireadh na thachair dhut doilghios sam bith ort. Ma dh’ ordaich Dia saoibhreas dhut, gheibh thu e gu ’n teagamh. Gabh an gnothach air do shocair. Is e mo chomhairle-sa dhut a bhith ’caitheamh do bheatha gu cliuiteach, beusach. Cuir dubh-chul ri dannsa, ri ceol, agus ri ol fiona. Seachainn na solasan so uile. Cha mhor nach do sgrios iad thu mar tha. Feuch ris an t-sluagh a tha fo d’ riaghladh a dheanamh sona. Is ann le iadsan a dheanamh sona a gheibh thu sonas dhut fhein.”
(Ri leantuinn. ).
Is caomh le fear a charaid, ach ’s e smior a chridhe a chomh-dhalt.
Is co math peighinn a chaomhnadh ’us peighinn a chosnadh.
Is co lionmhor osna aig an rìgh ’s aig an duin’ a’s ìsle staid.
Is càraid sin, mar a thuirt an fheannag ri casan.
Is call do chaillich a poca, ’s gun tuille aice.
Is cam ’s is direach a thig an lagh.
Is cliùtich’ an onoir na ’n t-òr.
[Vol . 9. No. 46. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, MAIGH 17, 1901.
Cha chluinnear ach gann iomradh air an t-seanalair Bhoerach, DeWet, aig an àm so. Tha e gle choltach gu bheil an sgeul a thainig mu dheidhinn fior gu leòr, gu robh e air a lagachadh cho mor ’na bhodhaig ’s na inntinn ’s nach robh e comasach dha leantuinn riomhe air cheann an airm. Cha b’ iongantach leinn ged a chualas an sgeul mu dheireadh a chluinnear air treubhantas agus gaisge DeWet.
Tha fios air tighinn á Sina ag innse gu bheil na rioghachdan mora an deigh cur mu choinneamh na dùthcha sin 450,000,000 tael, no $500 ,000,000, a phàigheadh air son gach call us cunnart a chuir na “Bocsairean” air na h-Eòrpaich. Cha bhi Sina comasach air an t-suim mhor sin a phàigheadh, agus cha’n eil fhios nach feum na rioghachdan a’ chuid mhor de’n impireachd a ghlacadh ’sa chumail an seilbh an geall an airgeid. Cha ’n eil teagamh nach biodh aon no dha dhiubh gle dheònach sin a dheanamh.
Ann an aon de na litrichean a chlo-bhuail sinn air an t-seachdain s’a chaidh, bha an sgriobhadair a’ faotainn mar choire do’ n MHAC-TALLA gu bheil e gle thric air deireadh leis na naigheachdan; gu faighear na naigheachdan anns na paipearan Beurla tri no ceithir de lathaichean mus faighear annsan iad. Is coire so nach gabh aig an àm so leasachadh. Tha fear-sgriobhaidh na litreach a’ còmhnaidh mu dha mhile dheug a mach á Sidni. Tha da phaipeir Beurla ann an Sidni a tha air an cur a mach ’sa tha ’ga ruigheachd-san na h-uile latha dhe’n t-seachdain. Cha ’n eil MAC-TALLA tigh’nn a mach ach aon latha dhe’n t-seachdain—Di-haoine. Naigheachd a gheibhear Di-luain, theid aig na paipearan laitheil Beurla air a h-innse air an latha sin féin no co-dhiu air maduinn an ath latha, ach, mar is furasda thuigsinn, cha ’n urrainn am paipear Gailig an naigheachd cheudna innse gus an tig e mach Di-haoine. Tha eagal oirnn mar sin nach gabh a’ choire sin leasachadh aig an àm so. Feumar cur suas leatha gus am fàs luchd-gabhail a MHIC-TALLA cho lionmhor ’s gu ’m bi e ’na chomas tighinn a mach na h-uile latha.
Bidh daoine air uairean a’ gearan air cho gann ’sa bhios na paipearan de naigheachdan. Ach faodaidh iad a chreidsinn, ’nuair a tha na naigheachdan gann, nach eil daoine ann air an cruaidhe sin na luchd-deasachaidh nam paipearan. Tha aon bhràthair gràdhach a cur a thrioblaidean fein sios mar so:— “Bha sinn an dùil gu’m biodh sgeula-bàis agus sgeula-pòsaidh againn air an t-seachdain so, ach chuir an droch shìde tilleadh ’sa phòsadh, agus air do’n dotair a bhi tinn e-fhéin, chaidh am fear a bha ’dol a bhàsachadh am feobhas, agus tha sinne air an dòigh sin air ar cur as ar cuid féin.”
Tha sgriobhadair anns anLondon Timesag radh gu’n bu chòir barrachd dhe na cìsean a thatar a’ togail ann am Breatunn a bhi air biadh agus air nithean eile a tha air an cur gu feum leis na daoine bochda cho math ris na daoine beairteach. “Mar is motha teachd-a- stigh duine,” ars esan, “ ’s ann is truime tha uallach na beatha tighinn air, agus ’si mo bharail gu bheil e na’s doirbhe do’n duine tha ’faotainn coig mile punnd ’sa bhliadhna gnothuichean a chumail an eagaibh a chéile na tha e do’n duine nach eil a’ faotainn bhar punnd no punnd gu leth ’san t-seachdain. Tha moran cosguis air nach urrainn da a sheachnadh, cosguis air nach eil aithne sam bith aig an duine bhochd.”
Seann Chleachdaidhean.
CHA ’N ’eil a’ chlann a tha eòlach orra so cho lìonmhor ’s a shaoileadh mòran. Tha ioma an diugh am measg nan Gàidheal aig nach ’eil eòlas coitcheann air gnè is spiorad nan sìnnsear a thaobh nan seann deas ghnàs ás an d’ éirich cuid do na cleachdaidhean so. Tha sinn uile gu tric fo bhuaidh nam facal agus nan ainmean a bha éifeachdach agus ro làidir ann an cùrsa nam bliadhna a dh’ fhalbh. Ach a nis agus a rithis thig spiorad an ùrachaidh agus an ath-leasachaidh a dh’ ionnsuidh cridheachan fosgailte; agus am measg nam muinntir ud bidh feadhainn aig am bheil tuisge nach bi ro mhi-chaoihmneil a thaobh nan seann chleachdaidhean. Tha aon do na seann ghnàis so co-cheangailte ris an àm so do ’n bhliadhna. Anns na laithibh so bidh na Gàidheil aig an tigh agus thairis a’ cuimhneachadh air “latha buidhe Bealltuinn.” Cha’n ’eil an fheadhainn is fòghluimichte cinnteach ás na brìghean a tha na facail so a’ còmhdach. Tha e air a theagasg gu coitcheann gu ’m bheil bhrìgh nam facal so co-cheangailte ri aoradh nan ioma mìltean a tha a ghnàth ag aideachadh gu ’m bheil an seann naomh Bel, ’na ghnè is ’na chomasan ioghnaidh, do na h-uile a tha ag iarraidh a bhi cuir crìoch air seann ghluasaid sònruichte am measg an t-sluagh. —Oban Times.
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Matheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Confederation Life ASSOCIATION.
Eachdraidh 20 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.
Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,980.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25
Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1 ,505,546.25
F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.
Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 46. p. 5]
Naigheachdan.
Tha a bhreac air bristeadh a mach ann anKentville , N. S.Deireadh na seachdain s’a chaidh bha seachdnar anns an aon teaghlach nan laidhe tinn leatha.
Eadar thaighean-còmhnuidh agus shaibhlean, chaidh sia ceud us ceithir deug air fhichead de thogalaichean a losgadh anns an Transvaal ’s anns anOrange Free Statebho thoiseach Iun, 1900, gu deireadh Ianuaraidh, 1901. Ged nach biodh de chall an cois a chogaidh ach sin fhéin, bu mhor e.
Tha na tuathanaich air taobh an iar an eilein an ire mhath leis a’ churachd, fad air toiseach air muinntir an taoibh so. Tha an t-side gu math na’s blàithe an sin, oir cha ’n eil fuachd na deighe moire ’gan ruigheachd idir, agus mar sin tha feur us fochann a fàs moran na’s tràithe na tha iad anns an t-siorrachd so.
Nach b’ e sultan na Tuirce féin an gille! Bha lighiche ’ga fhrithealadh o chionn ghoirid air son at no cràdh a bha ’na chluais, agus air dha a bhi ’ga laimhseachadh ghoirtich e i gun fhios d’a. Spion an sultan a mach daga, agus mharbh e an lighiche bochd air a bhad. Ruith seòmarlan a stigh air dha an urchair a chluinntinn, agus loisg an sultan air-san cuideachd, ach gu fortanach cha do mharbh e e. Bha an sultan an dùil gu robhas a toirt ionnsuidh air a bheatha.
Tha Eilean a’ Phrionnsa ri bhi faighinn deich mile fichead dolair ’sa bhliadhna an deigh so á ionmhas Chanada. Chaidh sin a shuidheachadh leis an àrd-pharlamaid air an t-seachdain s’a chaidh. ’S e ’m bonn air am bheileas a’ deanamh sin gu robh e air a chur mar fhiachaibh air Canada, ’nuair a chaidh an t-Eilean a stigh do ’n aonadh, an t-Eilean a chumail an co-cheangal ri tir-mor a shamhradh ’sa gheamhradh le soithichean-smùide, agus nach deachaidh an cùmhnant sin a chumail mar bu chòir.
Chaidh mort gràineil a dheanamh ann an ceann a tuath Maine an la roimhe, aig àite ris an canar Shirley. Fhuaireadh tuathanach d’am b’ ainm Allan, a bhean ’sa nighean air am mort, ’s an tigh ’s an sabhal air an cur ’nan teine. Bha corp an duine air fhaotainn ann an làrach loisgte an t-sabhail, agus cuirp a mhnatha ’sa nighinn ann an làrach an taighe. Fhuaireadh lòn fala eadar an tigh ’s an sabhal, far an deachaidh Allan fein a mharbhadh. Cha ’n eil fios no amhrus sam bith fhathast air co a rinn an gniomh uamhasach.
Bha pàrlamaid ùr Australia air a fosgladh ann am Melbourne le Diuc York air an naodhamh latha dhe ’n mhios so. Bha mu dha mhile dheug sluaigh cruinn, agus bha greadhnachas mor air a chleachdadh. Fhuair oighre ’chrùin fhàilteachadh gu cridheil. Rinn e òraid fhada anns an d’ innis e dhaibh-san a bha cruinn cho measail ’sa bha an Righ ’s an Riaghladh Breatunnach air dilseachd muinntir Australia, agus an toil-inntinn a thug e do mhuinntir na h-impireachd air fad roinnean an eilean mhoir sin fhaicinn air an tàthadh ri chéile. B’ ann air iarrtus Banrigh Victoria, a chuir i an céill an uiridh, a chaidh am Prionnsa do Australia a dh’ fhosgladh na pàrlamaid.
Chaidh àireamh thaighean nan teine ann an Ottawa Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha triùir dhaoine air an losgadh gu bàs.
Tha luchd-àireamh an t-sluaigh ann an Sasunn an deigh an obair a chriochnachadh. Tha anns an dùthaich a nise, 32,525,716 sluaigh, 3,523,191 a bharrachd air na bha innte deich bliadhna air ais.
Tha e gle choltach gu’m bi an Ard-phàrlamaid a’ sgaoileadh air an t-seachdain s’a tighinn. O thoiseach a’ mhios so tha an obair air a greasad, agus thatar an dùil gu’m bi gach cùis tha fa chomhair na pàrlamaid air an cur a thaobh mu mheadhon na seachdain.
Sgaoil comhairle na siorrachd Di-sathairne s’a chaidh. Tha obair togail taigh-na-cùrtach ri tòiseachadh an ùine ghoirid, ach cha deachaidh làrach an taigh-chaothaich a thaghadh fhathast. Bidh aig a chomhairle ri tighinn cruinn uair eile air son sin, cho luath ’sa gheibh an cléireach gach fiosrachadh feumail mu na fearainn a tha air an cur ’nan tairgse.
Chaidh poit-dhubh a ghlacadh faisg air Meat Cove Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha a phoit so air a cumail air obair o chionn àireamh bhliadhnaichean le fear Iain Mac Gill-fhaollain, a bha cur luchd-na-cusbuinn gu ’n dùbhlan, agus cha bu bheag an t-olc a bha e deanamh leatha ’sa choimhearsnachd. Chaidh Mac-Gill-fhaollain fhéin a ghlacadh cuide ris a phoit, ’s thugadh air falbh dh’ an phriosan e.
Cha ’n eil obair-iaruinn Shidni air a creic fhathast, ach tha an deagh choltas gu bheil sin ri tachairt do ’n obair-iaruinn a bha ri bhi ann an Sìdni Tuath. Tha cuideachd de dhaoine saibhir á Sasunn an deigh còrdadh a dheanamh ris a chuideachd a bha ’dol a chur na h-obrach air adhart, leis am bheil còir aca air a Mheinn a Tuath a cheannach, còmhla ris a mhèinn iaruinn air Belle Isle agus an obair iaruinn ann an Trenton. Ma ni iad an ceannach nuair a bhios an ùine air ruith, cha ’n eil teagamh nach bi obair cho mor ann an Sidni Tuath ’sa tha ann an Sidni.
Chaidh buidheann de dh’ Eadailtich a ruagadh air falbh o rathad-iaruinn Inbhirnis us Richmond air an t-seachdain s’a chaidh. Bha leth-cheud de na daoine sin air an toirt dh’ ionnsuidh na h-obrach le Mac-Coinnich & Mann, agus cha robh iad ri fhaotainn mar thuarasdal ach 80 sent ’san latha. Nuair a chuala luchd-obrach na dùthcha sin, chuir iad bàirlinn g’an ionnsuidh iad a thrusadh an cuid ’sa bhi fàgail na h-obrach. Dhiùlt na h-Eadailtich sin a dheanamh, agus chuir iad muinntir Cheap Breatunn gu ’n dùbhlan, ach nuair a chunnaic iad reiseamaid dhe na ceatharnaich sin a’ tighinn, chuir gach fear a sgian ’sa dhaga na phòca agus thog iad rithe cho luath sa dheanamh an casan. Lean càch air an tòir fad dheich mile, ach nuair nach robh na h-Eadailtich a deanamh coltas seasamh no tillidh chaidh iad air ais gu ’n obair. ’Se ’s dòcha nach teid an corr Eadailteach do shiorrachd Inbhirnis gus am bi an rathad-iaruinn criochnaichte. Tha an luchd-obrach air an rathad sin a nise faotainn $1 .40 san latha, agus bhiodh e gle chruaidh orra na h-Eadailtich a thighinn a stigh ’san tuarasdal isleachadh gu ceithir tasdain.
Cha ’n eil sinn cruaidh ort!
Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10—bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15—tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.
H . H. Sutherland & Co.
Bathar Cruaidh
Tha sinn a’ cumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.
So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman a’s fhearr.
Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.
Mar an ceudna—
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.
F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.
[Vol . 9. No. 46. p. 6]
Litrichean mu Mhac-Talla.
As na h-Eileanan Coille, E. P. I.
FHIR-DEASACHAIDH CHOIR: —Thug mi ’n aire bho chionn beagan àireamhan air ais dhe ’n MHAC-TALLA, gu bheil sibh a toirt cuireadh dha ’r luchd-leughaidh am barail a thoirt dhuibh mu dheighinn a phaipear, agus saoilidh mi gu bheil sibh a toirt tairgse glé shuairce dhuinn: ma gheibh sinn coire dha nach cuir e gruaim no mi-thlachd sam bith oirbh, agus ma ni sinn a mholadh nach cuir e moit no prois oirbh. Agus bho nach ’eil sannt bhreug orm fhìn, agus brosgul cha ’n ’eil mi dol ’ga dheanamh, mar an urrainn sinn a bhi moladh ni no neach sam bith, saoilidh mi gur fearr fuireach samhach na bhi ga dhi-moladh no ga chàineadh. Ma ta, their mi so, gur a h-ann a tha seorsa de mhoit orm a chionn gu bheil againn an aon phaipear Gàilig a tha air uile uachdar an t-saoghail, agus sin anns a Ghàilig is binne ’s is blasda ’s urrainn sinn éisdeachd. Agus air mo shon fhein dheth, faodaidh mi a ràdh gur e MAC-TALLA agus leanaban beag is odha dhomh, a tha fuireach comhladh rium, cuideachd is taitniche leam a tha agam; agus ma tha coire idir agam dhaibh le cheile ’s e cho ro bheag ’sa tha iad. Ach bidh e toirt seorsa do mhisneach dhomh nuair a chuimhnicheas mi mar a thuirt am bard roimhe:—
“Ged tha Eòghan beag an dràsd’,
’S ann a fàs a bhitheas e.”
Tha mi ’creidsinn gu ’m faodadh leughadh a bu tlachdmhoire agus ma dh’ fhaodte bu bhuannachdaile a bhi ann na na “Sgeulachdan Arabianach”; ach ’s fheudar aideachadh gu bheil moran do theagasg gle mhath annta. Agus tha mi creidsinn gu ’m faodadh leughadh a bu taitniche na sanais luchd-creic bathair a chur ann; ach faodaidh sin a bhi buannachdail do muinntir Shidni, agus do ’n chuideachd a tha cur a phaipeir a mach. Bu mhath sibh a chuimhneachadh nach ann a cur coire sam bith oirbh a tha mi le leithid sud ainmeachadh, a chionn “faodar brà a breacadh gun a bristeadh,” agus “is fearr fuine thana na bhi uile falamh.” Ach ’s e a choire is mò a tha agam fhein dha cho ro ainneamh ’s a tha e tighinn. Tha e glé bhicheanta eadar seachdain is ceithir-latha-deug eadar so agus Sidni, agus cia b’e sam bith àite ’m bheil Sidni cha ’n ’eil fhios agamsa. Ach tha mi faighinn paipearan Beurla á Montreal agus as na Stàidean, agus thig iad eadar tri ’us ceithir do lathaichean; agus mar am bheil coire aig cuideiginn ris ’s fheudar gu bheil Sidni ann an àit iomallach air choireiginn, mar a faod e bhi air cùl Africa, no an àite neonach air choireiginn eile! Ach cha ’n ’eil mi a cuir coire sam bith oirbhse. Agus tha e cuir na m’ chuimhne uair-eiginn a bha mi comhladh ri grunnan laghach dhaoine a bha bruidhinn air stuamachd agus a ruith sios an uisge bheatha. Bha aon duine coir ’nar measg, ’s cha robh e ag ràdh guth, agus nuair a bha e fàs sgìth ag eisdeachd riutha, dh’ eirich e gu falbh, agus ’s e thubhairt e: “Coma leibh dheth, coma leibh dheth; tha e laghach, tha e laghach!” Sin mar a tha mise ma dheighinn MHIC-TALLA. Gu ma fada beò e, agus mo charaid caomh a tha ’ga threorachadh. Thugaibh mo mhìle beannachd do mo chàirdean, Murachadh còir agus Bodachan a’ Ghàraidh, cho frogadach ’sa bha e riamh. B’ fhearr leam gu ’n cluinninn bho thuilleadh dhe na seann chàirdean.
Cha ’n ’eil naigheachd ùr sam bith agam aig an àm so, agus mar sin fanaidh sinn gu uair eile. Bidh mi nisc gabhail slàn leibh. An latha chì ’s nach fhaic, is mi ur caraid mar bu nòs.
SEUMAS A. MAC ILLE-MHAOL.
As an Iar Thuath.
Bha mise ’gabhail a MHIC-TALLA beagan bhliadhnaichean air ais, ach air dhomh a bhi gann de dh’ airgead ’s de dh’ ùine, sguir mi dheth fad dha no tri bhliadhnaichean. Tha mi nise ’ga ghabhail a rithist, agus ’s i mo bharail gu bheil e na ’s fhearr na bha e an uair sin, ged bu mhath an airidh e a ghabhail ’sa leughadh riamh o’n chuir mi mo cheud eòlas air.
Bu mhath leam fhaicinn anns a phaipear o àm gn àm, cunntas air a thoirt seachad air a’ Ghàilig, a tùs, a h-eachdraidh, a càirdeas ri cànainean eile, Ceilteach agus céin, na h-atharraichean a thainig oirre, agus mar sin sios. Tha mi smaoineachadh gu ’m biodh sgriobhaidhean dhe ’n t-seorsa sin na meadhon air clanna nan Gàidheal a dhùsgadh gu barrachd meas a ghabhail air cainnt an dùthcha agus gu barrachd eòlais a ghabhail oirre. Dheanadh so MAC-TALLA gu math na ’s fhearr na tha e, na mo bheachd-sa; ach mar a tha e ’s ann a dol na ’s fhearr ’s cha ’n ann na ’s miosa a tha e ’dol.
U. I. DOMHNULLACH.
Fleming , Assa.
Barail Mhic-Thearlaich.
Tha mi duilich a bhi cluinntinn gu bheil daoine a’ cantuinn nach ’eil do phaipear gasda cho math ’s a bha e roimhe so. Tha mi faicinn gu bheil thu ’g iarraidh barail dhaoine air a sin. Tha mi-fhin glé thoilichte leis, ach ma ghabhas e deanamh na ’s fhearr ’s math sin. Bheirinn fhin dolair air stoiri “Gille carach mac na bantraich,” agus “Oran Neill ’us Iain.” Agus nam biodh sinn a’ faighinn corra uair òran beag, gasda dhe na bhiodh aig seann laoich na h-Alba, bhiodh e cheart cho beag cron ri pàirt dhe na bheil sinn a faotainn ann am paipearan eile mu pholitics—moran
AODAICHEAN DEANTE
COTAICHEAN-UACHDAIR geamhraidh us earraich, fad agus goirid, do dhaoine ’s do ghillean. REEFERS do gach neach a tha ’g an iarraidh, air prisean cearta. DEISEACHAN de dh’ iomadh seorsa, do shean us og, agus air na prisean a’s isle.
Tha sinn cuideachd a’ cumail
Stoc lan de Leintean, agus gach seorsa Aodaich-iochdair, Colairean, Cufaichean, Neckties.
Agus ’s ann againn a tha ’n stoc
Thruncaichean is Mhaileidean
a’s motha tha ’n Nobha Scotia.
Taghail a stigh. Cha mheas sinn ’na dhragh sam bith am bathar a shealltuinn dhut.
THE MARITIME PREMIUM CO. Ltd. ,
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON
Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
Stor Leabhraichean Phattillo
air a h-ur-fhosgladh ann an
Togalach a Mhac-Talla,
agus anns am bheil an stoc a’s motha ’s a’s saoire de
Bhathar Paipeir ’s de Bhathar Boid each
a chunnacas riamh an Ceap Breatunn.
TAGHAIL A STIGH AGUS FAIC.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
[Vol . 9. No. 46. p. 7]
dheth nach ’eil na fhìrinn idir. Cha do sgriobh mise litir Ghàilig riamh roimhe, agus mar sin feumaidh tu mo leithsgeul a ghabhail ged a bhiodh i glé mhor air ais air litrichean dhaoine tha eolach air sgriobhadh Gàilig. Ach nan robh mise math air sgriobhadh Gàilig bheirinn air na fir sin a bha cur sios air an aon phaipear Gàilig a tha air an t-saoghal. ’S fhearr dhaibh fhein paipear a chur a mach, agus chì sinn dé cho math ’s a bhitheas e. Cuiridh mi-fhin dolair ann uair sam bith a thig e. Agus cuiridh mi dolair ugad-sa cuideachd ann an ùine nach bith fada, air son bliadhna eile dhe ’n MHAC-TALLA, ged a b’ ann a dol air ais fhein a bhiodh e, mar nach ’eil, ach a tighinn air adhart na h-uile bliadhna.
IAIN MAC-THEARLAICH.
An Amhuinn Mheadhonach.
Mo Bharail-sa air Mac-Talla.
FHIR-DEASACHAIDH: —Tha mi tuigsinn gu bheil pàirt dhe d’ luchd-leughaidh a’ talach air do phaipear. Tha sin nàdurra gu leor. Cha ’n ’eil ni gun choire fo ’n ghréin, agus ciamar, mata, a’s urrainn am MAC-TALLA ’bhith saor o mhearachdan?
So na freagairtean a tha mise ’toirt do na tri ceistean agaibh. 1. Tha am MAC-TALLA na m’ bheachd-sa cho math am bliadhna ’s a bha e bliadhnachan roimhe so. Faodaidh e bhith gu bheil corra àireamh dheth nach bi cho math ri càch, ach cha ’n ’eil an sin ach rud a tha tachairt do na paipearan a’s fhearr ’s an dùthaich.
2. Is fheudar dhomh aideachadh nach ’eil moran agam ma dheighinn roinn de na h-òrain a tha mi faicinn ann o chionn bliadhna. Saoilidh mi nach ’eil bàrdachd na deagh sgoilearachd air pàirt dhiubh. Ach co aig tha fios na ’m bithinn a’ m’ dheagh bhritheamh air bàrdachd an abarainn so. Tha fios gu bheil cuid de na seann òrain airidh air an cur an clò, air sgath na h-eachdraidh a tha ’n co-cheangal riutha. Faodaidh so leisgeul a ghabhail air na h-òrain a tha mise ciallachadh. Tha fios, a rithisd, gu ’m bu mhath leam am MAC-TALLA gu math ni bu mhotha na tha e; ach, is docha, a reir ’s na th’ aige de luchd-gabhail, gu bheil e cho mor ’sa dh’ fhuilingeas e.
3. A thaobh atharrachadh a thoirt as a’ phaipear, cha ’n abair mi diog. Mhair am MAC-TALLA ’cheana ni b’ fhaide na aon phaipear Gaidhlig a chaidh a chur air bonn riamh roimhe so; agus leis a’ sin, tha mi ’n duil, bho ’n a rinn am fear-deasachaidh a ghnothuch cho math uige so, gu ’n coir duinn marasgladh a’ phaipear fhagail na ’lamhan fhein. Nam biodh luchd-stiùiridh (directors) comasach aig a’ phaipear, theagamh gu ’m faodadh iadsan an guth a thogail mu ’n chuis; ach cha ’n ’eil math feuchainn ris a h-uile Eòghan, Domhull is Iain a thoileachadh, oir ’s e rud e nach gabh deanamh.
D. D.
O Mhurchadh Cam.
“GACH DILEAS GU DEIREADH.”
FHIR-DEASACHAIDH: —O’n tha cuid de dhaoine gearan nach ’eil MAC-TALLA cordadh riutha cho math ’sa bha e anns na bliadhnaichean roimhe so, sgriobhaidh mi beagan fhacal ugaibh. Nise cha ’n ’eil mi airson buille thoirt do neach sam bith airson a bheachd, ach ’s e mo bheachd fhìn gu bheil MAC-TALLA ’m bliadhna, seadh, a ghabhail thar a cheile, cho math ’sa bha e riamh, mur ’eil na ’s fhearr. Tha e toirt dhuinn barrachd de naigheachdan na dùthcha agus an t-saoghail na bha e riamh, agus a bharr air sin beachdan soilleir ’us ceart an fhir-dheasachaidh air a h-uile cuis ris an gabh e gnothuch.
’S meirg a roinneas an fheoil ’s an taigh am bi na mnathan. Their te “Hum!” ’s their te eile “Ham!” “Cnaimh dona gun fheòil!” “Feòil dhona gun chnaimh!”
Tha e trom air duine tha deanamh uile dhichioll a bhi gearain air—agus a tha deanamh rud nach ’eil duin’ eile ’s an t-saoghal a deanamh. Leanadh sibhse air an obair mhath, agus bheir mise agus iomadh fear is té ar seachd beannachd oirbh. Tha mi toilichte leis na litrichean taitneach agus na h-òrain ’sa MHAC-TALLA. B’ airidh an t-òran, “Bàs na Banrigh,” le C. C., air àite ’sa phaipear a’s fhearr air an talamh.
MURCHADH CAM.
Reic-a- mach.
Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse
An t-Iomlan de ar Stoc
DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE
air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so.
TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,
Cuirear “Leabhar nan Cnoc” leis a phosta gu àite sam bith an Canada no ’s na Staidean air son 80cts. Reicear e anns an oifis air 75cts.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
SANAS.
THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dh’ aois, gu dhol a dh’ obair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uair ’sa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a b’ fhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhad ’sa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
Dear Sir, —The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly
THOS. A. BUCKNER,
Superintendent of Agencies.
DR. CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
F . O. PETTERSON,
CEANNAICHE TAILLEAR.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MAC FHEARGHAIS,
CEANNAICHE-TAILLEAR.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 46. p. 8]
Oran a’ Bhaloon.
Thainig am “Baloon” so á Eirinn bho cheann àireamh bhliadhnachan. Bha e air uairean a’ tighinn cho dlùth do ’n ghrunnd ’s gu ’n d’ rinn e moran millidh air gàraidhean criche mu ’n cuairt do Phort-Ellen, an Ile. Mu ’s fior am bàrd bha cuid de na seann daoine air an cuir thuige gu mor, oir shaoil iad gu ’m b’e olc a thaobh eigin a bh’ ann, agus feumar aideachadh gu ’n robh aobhar aca. Tha e glé chosmhail gu ’n robh cuid dhiubh nach cuala iomradh riamh roimhe air a leithid, gun tighinn air fhaicinn. Rinneadh an t-oran aighearach so le Gilleasbuig Mac Affara, ann an Ile.
B’e sud a’ bhliadhna fhiadhaich,
Bha piantach do iomadh neach,
A’ bhliadhna thàin’ an diabhul
Air sgiathan o’n àirde-deas,
Shaoil na peacaich iargalta,
’Bhliadhn’ ud gu ’n robh iad leis.
A’s ghuidh iad air an Trianaid,
Na Diadhairean a bhi deas.
Cha chualas ann am fàisneachd
Na fàidhean a bh’ ann o shean,
Gu ’n robh sùil ri Sàtan,
’S na h-àiteachan so air leth,
Ach ’s e ’n latha thàinig e,
Chaidh sinn o bhi air chleith,
’Sinn gun doigh air sàbhaladh—
B’ fhearr dhuinn nach deach’ ar breith.
B’ e sud an latha muladach,
Bha h-uile duine ri bhi ’n sàs,
Cha robh ùin’ air aithreachas,
A thaobh nach d’ amhairc sinn air tràth,
Cha robh ’n creideamh daingean againn,
’S cha robh math dhuinn dol ’n a dhàil;
Cha robh do neart an gin againn
Na ghleidheadh mionaid sinn o’n bhàs.
Ged dh’ éireadh shluagh Phort-Ellen
’S a’ h-uile ministeir a bh’ ann,
Chuireadh esan crith orra,
’Tigh’n thar na linne oirnn a nall;
Tha fhios gu math nach b’ urrainn duinn
Bhi strith ri cumail ris gun taing.
’S air son sinn a bhi bruidhinn ris,
Cha tuigeadh esan smid dheth ’r cainnt.
Bha iomadh cridhe fannachadh,
An àm do ’n Tamhasg tigh’n a nall,
Ach cha robh stàth bhi gearan air,
Cha ’n fhaighte maitheanas ’san àm;
Ghlaoidh sinn ’n uair a mhothaich sinn da,
Gu ’n robh ’n donas oirnn teann;
“Thainig so mu dheireadh oirnn,
’S e lath’ a’ bhreitheanais a th’ ann.”
B’ e sud an sealladh anabarrach,
Anamoch ’n uair luidh a’ ghrian,
Connsachadh a’s argumaid
Aig cailleachan ’s aig bodaich liath,
Mìneachadh ’s a’ dearbhadh,
Gach seanachas a bh’ aca riamh
Mu ’n leòghan bheuchdach, gharg,
An sean ainm bh’ ac’ air a bhiasd.
Bu shearbh dhuinn am feasgar ud,
Cha deanadh teicheadh feum air bith,
H-uile h-àite rachamaid,
Bhiodh esan fagus dhuinn an sin,
’S ann bu ghann a sheasamaid,
Chionn bha ar n-easgaidean air chrith,
’S sinn gun dòigh gun leth-sgeul againn,
Ach bhi leis a’ h-uile gin.
’N uair chunnaic sinn an àird e,
’S a’ fàs as ar cionn cho dùmhl’,
A’ tuiteam o na speuran,
’S a’ deanadh oirnn gu math dlùth;
Bha cuid ag ràdh ri chéile,
“ ’S e so an reul as an robh ’n smùid,
’S mar an e ’s e ’n t-àibhistear e,
’S daoine caillte sinn co-dhiù.”
’S e bu luaithe na ghaoith,
An uair a shaoilt’ e bhi ’n a stad,
’S ged a chìt’ e tigh’n gu talamh,
B’ fhaisg do ’n ghealaich e gun ag;
Fhuair sinn an aon sealladh air,
’S gach àit’ ’n fhearann so cho grad,
’S gu ’n tugadh iomadh barail air,
Ach thug e ’n car asainn air fad.
Thionndaidh e anns gach cuma,
’S dh’ atharraich e dusan dath,
Bhiodh e uaine, dearg a’s buidhe,
Lachdunn, odhar, dubh a’s geal,
Donn a’s gorm, ruadh a’s riabhach,
’S uair a’ dol ’n a stealla glas,
Bhiodh e uair cho mor ri mullan,
’S uair cho beag ri ubh eòin-glais.
Thug e Cille-Bhrìd’ air,
’S da rireadh cha b’ ann ’n a thàmh,
Tha sin mor r’a innseadh,
Na mìorbhuillean rinn e ann,
Rinn na daoin’ an dichioll,
G’a mhineachadh neo-air-thaing.
Ach tha e fad r’ a sgriobhadh,
’S ro lionmhor r’a chuir an cainnt.
Bha e shios ’s an Odh’ aca,
Seoladh os cionn nan creag,
Eadar Torr-na-Monadh
A’s corsaichean Thorr-a’ -Chneimh;
Cha d’ fhan cathag bheo ann,
Na ròcaideach nach do theich,
’S mar ’n do theich na daoine,
Cha ’n fhaod sinn a bhi g’a chleith.
Ged nach d’ rinn e cron oirnn,
Ach gabhail thairis os ar cionn,
Cha mhor a rachadh fagus da,
’S an àm a stad e air a ghrunnd;
Bha sinn cearr am bitheantas
Gus an d’ fhuair sinn fios a chur a nunn.
’S thug iad dhuinn, na daoine laghach,
Ainm ’s a shloinneadh “am Baloon.”
Nach Muladach Duine leis Fhein.
SEISD.—
Ho rìthil, o rothan,
Ho rìthil, o ré;
Ho rìthil, o rothan,
Hìllin och, ho ré é.
Nach muladach, muladach
Duine leis fein;
’S ionnan sin ’s mar tha mise,
’S tric mi sileadh nan deur.
’M faca tusa ’n t-òg-uasal
Chaidh ’suas a so ’n dé;
Le gunn’ air a ghuallainn,
’S e uallach ’na cheum.
’N uair a thigeadh tu dhachaidh,
Chluinnte farum do cheum;
Bhiodh do sheomraichean cadail,
Air a lasadh le céir.
’N uair a rachadh tu ’n fhireach
Leat a chinneadh an t-seilg,
Bhiodh na coin leat, ’s do ghillean,
’S do ghunn’ air dheadh ghleus.
Nach boidheach ri ’m faicinn
Air faice là féill,
Na cìobairean uallach
A’ cualach na spréidh.
O! fhir a chot’ uaine
Chaidh a mach a bhuain an dé,
Mar a tig thu leam dachaidh
Ni mi ’n rathad leam féin.
Gur mis’ tha fo mhulad,
’S ro dhuilich a’ d’ dhéigh;
’S tric tha mi cho deurach
’S nach léir dhomh mo cheum.
’S tric a bha sinn gu càirdeil
Fo sgàile nan geug,
Ach cha mhò leat mi ’m bliadhna
Na ialtag nan speur.
Ged a dh’ fhàg thu mi buileach
’An dubhar na gréin,
Cinnidh mise mar fhàillein
Gun fhàillinn, làn sgeamh.
AMY MHORAIDH.
Feasgair de dh’ Orain Albannach
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.
DeWitt
&
Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.
BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.
So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90
Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.
Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 46 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 46. %p |
parent text | Volume 9 |