[361]

[Vol . 9. No. 47. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 24, 1901. No. 47.


Chi Mi Sin is Fuaighidh Mi So.”

LEIS AN OLLAMH DOMHULL MAC-FHIONGHAIN, AN DUNEIDEANN.

I.

CHANeil fhios cuin, no gu ro mhaith càite, an do shaothraich an duine misneachail mun luaidhear na facail so. Dhfhaoidte nach robh an duine riamh ann; nach robh bith no dachaidh aige ach ann an ceann an fhir a chuir an sgeul air chois. Is maith leinn a bhi ceangal smuain no teagasg den t-seòrsa so ri àite no ri urra air choreigin. Is ann mar so a tha sgeul na Féinne fuaighte ri àite sònruichte, ri creig no allt no tobar no tulach air chor-eigin an sids an so air feadh na Gàidhealtachds na h-Eireann. Tha sgeul an Tàilleir ainmeil so den ghnè cheudna. Rinn a thùrns a thapadh iomraiteach e; agus is toigh le mac an duine bhig agairt eòlais is cairdeis orrasan a tha cliùiteach is ainmeil. Anns na cearnan den Ghaidhealtachds an eòlaiche mise, far an labhrar aGhàidhlig, mas fhìor Niall Mòr Mac Ailpein, dìreach mar a chluinnteadh á beul Eubha i, theirear gum buineadh an Tàilleir foghainteach so do I-chalum-chille, agus feuchaidh muinntir Idhe dhuit sliochd ìnean na cròige mosaich a theab foghnachdainn don Tàlleir, ann an ursainn na h-Eaglais Mhòir gus an an diugh. A rìs dheanadh muinntir taobh Loch-Odha an Tàilleir dhoibh fhéin. Agus nan cuirteadh cuairt air aGhàidhealtachd chaneil teagamh nach fhaighteadh uiread àitean ag agairt còir air curaidh na snàthaides a gheibhear anns aGhréig ag agairt còir air Homer, non ar measg fhéin air Fionn, air Oisein, ’s air Naomh Pàdruig. Ach cha chluinn na Tuathaich iomradh air àite dam buin an duine gleusta so ach aMhanachainn. Agus a ghabhas air a ràdh gu bheil na Tuathaich ceàrr? So an sgeul mar tha e air innseadh ann an leabhar Mhic Neacail, far am bheil iomadh aon maith a bharrachd:

Uaireigin den t-saoghal chuir Tàilleir tapaidh a bhas aMhanachainn geall gum fuaigheadh e paidhear osan ann an Eaglais Chillechriosdair druim amheadhon-oidhche. Bha ainm gun robh tamhasg eagallach atathaich na h-eaglaiss an àm. Air oidhche shònruichte chaidh an Tàilleir, —e fhéin is aodachs a shnàths a shnàthads a sholusdon eaglais. Shuidh e dlùth don dorus, agus bha e afuaigheal fad uair an uaireadair gun ni chur dragh air. Bhuail an uair dheug; agus an uair a bha fuaim abhuille mu dheireadh aseirm troimhn fhàrdaich, mhothaich an Tàilleir cruth oillteil dlùth air, agus chual e guth nach buineadh don t-saoghal son a chluais, ag ràdh: “Fhaic thu an ceann mòr liath is e gun bhiadh, a Thàilleir!” “Chi mi sin, ach fuaighidh mi so,” fhreagair an Tàilleir, ’s e leantainn air obair. Thainig an tamhasg na bfhaisge, is chualas an guth ceudna rithist: “Fhaic thu an sgòrnan fada riabhach is e gun bhiadh, a Thàilleir!” “Chi mi sin is fuaighidh mi so,” arsan Tàilleir. Uidh air n-uidh bha an t-aogasg mallaichte atighinn na bu dlùithes na bu dlùithe, ’s an guth adol na bu ghairisniches na bu ghairisniche: “Fhaic thu acholunn mhòr riabhach is i gun bhiadh, a Thàilleir!” “Fhaic thu an t-sliasaid reamhar, riabhach, is i gun bhiadh, a Thàilleir!” “Fhaic thu an gàirdean fada riabhach, is e gun bhiadh, a Thàilleir!” Cha robh freagairt no freagairt aig an Tàilleir ach an t-aon: “Chi mi sin ach fuaighidh mi so;” agus air an fhuaigheal lean e, an dìnnisg a chridhe. Cha robh ach cupall ghreum gun chur, agus cha robh achairbh uamhasach ach cupall troidh bhuaithe, ’n uair a chunnaic an Tàilleir an làmh sgreataidh ud, gun fheòil gun chraiceann, atighinn mu thuaiream, ’s a chual en guth aon uair eile: “Fhaic thu achròg mhòr fhada riabhach is i gun bhiadh, a Thàilleir!” Ach bha an greum mu dheireadh a nis fuaighte. Sgrìob an Tàilleir leis a chuid osan, ’s a mach thug e. ’N a dhéigh an t-olc. ’Nuair a bha e eadar bhì an doruis, mhothaich e ìnean an rosaid, mar thurcais dheirg ann an ploc a dhà mhàis. Ach fhuair e as beò. Agus gus an lathan diugh chithear ann an cloich-ursainn Eaglais Chillechriosd sliocht ìnean an uamhais, atoirt dearbhaidh gu bràth air treubhas an Tàilleirs air fìrinn an sgeoil,

Co dhiù bha bun no bàrr riamh aig an sgeul so no nach robh, thug e gun teagamh toilinntinn, agus, nach faod mi ràdh, buannachd do iomadh aon dar cinneadh on a chualas an toiseach e. Nacheil e freagarrach, mata fheòraich, ciod aghnè inntinn leis am bu choir dhuinne, ’n ar latha fhéin, sealltainn air uirsgéil den t-seòrsa so? Tha fhios againn air beachd Easbuig Earra-ghaidheil a sgriobh os cionn tri cheud bliadhna mun cheart so. Bi barail an duine fhòghluimte sin gum faodadh a luchd-dùthcha an aire a thoirt do nithean a bfheumailes a bfhéarr. So a chainnt, air a h-atharrachadh gu dreach ar latha-ne: “Agus is mòr an doille agus an dorchadas peacaidh agus aineolais agus innleachd do luchd-deachdaidh agus sgriobhaidh agus còmhdaich na Gàidhlig, gur is miann leo agus gur a ghnàthaicheas iad eachdraidhean dìomhanach buaireanta, breugach, saoghalta a chumadh air Tuathaibh De Dhanann, agus ar Maca-Mìlidh, agus air na Curaidhean, agus air Fionn Mac Cumhails air Fhianntan, agus air moran eile……na briathran dìleas Dhe agus slighe fhoirfe na firinn a sgrìobhadhs a dheachdadhs a chòmhdach.” Agus nacheil e fìor gun robhs gu bheil amhòr-chuid dar luchd-teagaisg ann an Gàidhealtachd na h-Alba a dhaon bheachd ri Carsalach mòr Charn-as-airidh? Tha e gun teagamh dearbhta gun do ghabh na Gàidheil o shean mòran tlachd ann an aithris Sgeulachdan. Creididh mi gun dthug ar n-aithrichean tuilleadh na bu chòir dan aire do Litreachas den t-seorsa so. Tha mi fhéin air a h-aon den bheachd nam biodh barrachd dhiubh cosmhuil ri Tàilleir gaisgeil na Manachainn, nan dthug iad an aire na bu mhodha air fuaigheals na bu lugha air bòcain, gun robh, ann an cainnt Oisein (no Sheumais Mhic Mhuirich) slios na h-aimsir na bu bhallaiche le an euchdan na tha e; gun robh an eachdraidh na bu chliùitiche; ’s gun robh an sliochd na bu chumhachdaiches an t-saoghal na tha iad an diugh. Agus faodar aideachadh gu bheil cuid de na seann sgeulachdan, mar a thuirt easbuig nan casa [ ? ] , “diomhanach, breugach, saoghalta.” Ach nacheil an aite féin aca ann an eachdraidhs ann an cridhe an t-sluaigh? Agus nacheil e fior, ma chuir ar n-aithrichean cus urraim air na sgeulachdan, gun do chuir ar luchd-teagaisg-ne, o chionn iomadh bliadhna, tuilleadhs a chòir an suarachas iad? Ma chaidh na seann daoine thar an each mòr, an cum sin sinne gun dol, gu brath tuilleadh, air mharcachd?

Tha Sgeulachdan aGhaidheil den aon ghnè ri Sgeulachdan gach Fines gach Sluaigh, geal is dubh is ruadh, air an cualas iomradh. Tha iad agleidheadh air chuimhne a bheag no mhòr de bhéul-aithris an t-sluaigh mu Eachdraidh, mu Chleachdadh, ’s mu Chreideamh an stuic on dfhàs iad. “Chan fhaicear ach caol na bhann;” ach is ann ri leus na Sgeulachd as fheàrr is léir dhuit am beagan a tha nis ra fhaicinn. Chaidh na seann Sgeulachdan Gàidhealach troimh iomadh beairt; agus chaneil teagamh nach dfheuch na figheadairean ri suidheachadh am breacan fhéin a thoirt daibh; ach gabh iad mar a tha iad, sgriobhta anns na seann leabhraichean, no air meomhair sheann daoine, agus cuirnan seasamh iad, guala ri guala, ris na Sgeulachdan as motha meas air an t-saoghal, —ri Sgeulachdan na h-Aird-an-Ear, ri Sgeulachdan na Gréigs na Ròimh, ri Sgeulachdan nan Gall is Lochlainn, agus saoilidh mi nach [ ? ] a leas nàire a ghabhail asda, aon chuidn am blas non am brìgh. O shean bhatar ag amharc air na Sgeulachdan so mar Eachdraidh a bha uile gu léir fior. Is ann mar so a laimhsich na seann Sgoilearan Gàidhlig iad. Leugh is dheadar-theangaich na Gàidheil, agus biadsan na ceud sgoilearan an cearn an Iar na h-Eorpa a rinn an tùrnleugh is dheadartheangaich iad Sgeulachdan nan Greugachs nan Romanach; euchdan Ercoil is Iasoin is Æneais, Sgeulachd na Tròidhes na Téib; ach chuir iad an neo-or-thainig uiread meas air an curaidhean fheins a chuir iad air aona Ghreugach no Ròmanach a sheas riamh air bonn. An uair a bha Bricne Nimhtheanga aseirm cliu Fhearghuis ann an cluais Fhlìdais, so achainnt a chleachd e: “Ged a bhithinn sa agus seachd cinn orm, agus seachd beoil anns gach ceann, agus seachd teanganna anns gach beul, agus seachd so-labhairt ollaimh air gach teangaidh, cha ruiginn air an laoch a mholadh mar bu chòir. Oir am measg laoch na talmhainn chan fhaighear a mhac-samhuil, agus cha chualas riamh roimhe iomradh air a sheise, ach Lugh Lamhfhada a bha an cath Mhaighe Tuireann, agus Ercoil mac Amphitrioin sàr-laoch nan Greugach, agus Echtoir mac Phrìm sàr-laoch nan Tròidheanach; agus bheir mise mfhacal gur fheàrr Fearghus na gach laoch dhuibh sin, —an gaisge, an cruth, an céill, an inbhe, am meanma, an cliù, agus an tìodhlacadh òir agus ionmhais.” Tha an t-ollamh comasach so acur Lugh Lamhfhada prìomh laoch nan Tuatha Dhanann, is Ercoil, ceud churaidh na Gréige, agus Eachainn, sar ghaisgeach na Tròidhe, taobh ri taobh; agus acur achuraidh Ghaidhealaich, Fearghus mac Roich, os an cionn uile.

O chionn iomadh bliadhna tha aGhàidhlig acall a h-àites a meas an Albainn, agus faodaidh e bhith gun robh an fhìrinn aig Uistean Mac Dhomhnuill Chillepheadairnuair a labhair e mar



[362]

[Vol . 9. No. 47. p. 2]

so: “Is e am buille as truime fhuair achanain-sa riamh gun deachaidh an teaghlach rioghail do Shasunn, agus gun robh mor-uaislean na Gàidhealtachdg an leantainn. Bha iad sin atoirt cleachdaidh agus cànain Shasuinn agus na Galltachd air an ais. Bha barrachd coimh-mheasgadh bhon aimsir sin eadar Gàidheil is Gaill, agus bha riaghladh na rìoghachd uile ag oidhearpachadh gus achànain-sa chur as, gus an robh na Gàidheil, a lion beag is beag, acall an tlachd do ghnàthachadh agus do mheasalachd cànain neartmhor an sinnseara, air chor is nach mòr nach deachaidh iad air chall gu léir.” Mar a sheinn ministeir Chille Naoinein am Muile, gu tùirseach ach gu ro fhìor, mun Ghàidhlig:

Thuit isan Tùr maraon le h-Ughdraibh féin,
S na Flaithm bu dùth i ghabh da cùmhdach spéis;
Reic iads aChùirt i air cainnt ùir on ,
S do thréig le tàir, bu nàr leon cànain fhéin.”

Ach chaneil teagamh nach dfhuair Litreachas nan Gaidheal buille trom trom o ar luchd-teagaisg fein. Anns an linn a chaidh seachad bha na seann Sgeulachdan, gu sònruichte air Ghàidhealtachd, air an cur sìos mar sheanachas faoin gun bhrigh’ —ruaisean a bha air an snìomh á cinn dhaoine aig nach robh na bfheàrr ra dheanamh. Chaidh Sgeulachdan, Bàrdachd is Ceòl an t-Sluaigh a chàineadh mar nithean cronail leis na Carsalaichs len luchd leanmhuinn. Ach cùis gle iongantach leughadh iad féin le toilinntinn Sgeulachdan is Bàrdachd na Gréigs na Ròimh. ’S ann don Litreachas Ghàidhlig a mhàin dan dthug iad beum. Bha an còmhnuidh feadhainn dar luchd teagaisg aig an robh beachdan cothromach mun chùis so, agus a h-uile urram dhoibh! Ach mun mhòr chuid nach e an t-atharrach a tha f[ ? ] . Nacheil e fìor gun rachadh ar maighstirean-sgoils ar ministeirean do na bailtean mòra a dhionnsachadh air son an dreuchd, gun lionadh iad an cinn de fhaoineis nan Greugachs nan Ròmanach, agusn uair a thilleadh iad air an ais do na Glinns do na h-Eileanan gun tugadh iad taobh fuar na còmhla dhoibhsan a bha gleidheadh meas air Bardachds air Ceòl an Dùthcha? Tha bhuil ann. Thug iad Litreachasnan Gàidheal gu beag meas aig baile, ’s gu tur thàir air Ghalltachd.

Ach nacheil lathas fheàrr abriseadh? Tha aGhàidhlig is Litreachas nan Gàidheal atogail an cinn. Tha Sgeulachdan nan Sluaghg an leughadh a nis le daoine foghluimte an t-Saoghail, chan ann mar Eachdraidh a tha uile fior, no idir mar sheanachas gun bhrìgh, ach mar thigh-tasgaidh a ghleidh beò, am measg iomadh ni air bheag feum an sids an so, gràn as luachmhoire na a chudthrom den òr. Anns an t-seadh so tha na Sgeulachdan Gàidhlig thar tomhais fiachail, agus tha an luach air aideachadh leis na Sgoilearan as àirde fòghlum. Thuirt an Gearmailteach, Zimmer, o chionn ghoirid, gun do ghléidh an Gàidheal, ’na Sgeulachdan, a sheana bheachdan, a gheintlidheachd, nas gloine na Fine eiles an Roinn-Eòrpa. Tha an duine comasach, Alfred Nutt, is iomadh saoi eile, aruilleadhs acriathradh nan Sgeulachdan Gàidhealach is Sgeulachdan rìoghachdan eile; agleidheadh an t-sìl gu cùramachs a leigeil amhuill leis aghaoith. Agus dìreach mar a théid an Cànanaiche ga maith dlùth air innseadh dhuinn mar a labhradh màithair nam fineachan so, mun do sgaoil an teaghlach gacha leiths gacha taobh, le bhi toirt sheann fhacal gach cànain dhiubh fo ghlone-amhairc, innsidh an Sàr so eile dhuit, le bhi coimeas ra chéile Sgeulachdan nan Sluagh fa leth, roinn mhòr de bheachdan, de chleachdadhs de chreideamh do shinnsearachd mun do dhealaich Gàidheal is Gall, Greugach is Ròmanach, Sclàbh is Innseanach a choimhlionadh an dàin air faiche mhòr an t-saoghail. Don Charsalach cha robh ann an Sgeulachdan nan Tuatha , nan Curaidhean, ’s nam Fianntan achEachdraidhean diomhanach, buaireanta, breugach, saoghalta.” Tha meas eile orra an diugh. ’Nan cainnt dhoilleir chi am fear dan léir, ach mar troimh ghloine, an Gaidheal ag itheadhs ag òl, ’na shuidhesna luidhe, aig obairsna thàmh, ri cogadhs ri suiridhe, cian mun do chuir e cas riamhs na h-Eileanan so.

Tha e gun teagamhna chromadh-cinn dhuinne gu bheil barrachd meas aig coigrich air ar Litreachas na tha aig ar sluagh fhéin. Nach iongantach an gnothach, nach fhaodainn a ràdh, nach nàrach an gnothach, gum feum maighstirean-sgoil is ministeirean Gàidhealtachd na h-Alba bhi air an teagasgs air an ceasnachadh ann an Eachdraidhs an Cànainean na Roinn-Eòrpa, marbh is beò, ach a mhàin ann an Eachdraidhs an Cànain an t-Sluaigh a tha iad ra theagasg? Ciamar as urrainn fìor dhuinealas no féin-mheas a bhi beò am measg Sluaigh fhads a bhios cùisean mar so? Saoilidh mi nach aobhar uaill don mhaighstir-sgoil no don mhinisteir Ghaidhealach gu bheil e nas eòlaiche air euchdan Ercoil na tha e air euchdan Chuchulainn, gur fhearr leis Dido na Deirdre, gu bheil Horace aige air a theangaidhs nach leugh e smid de Dhonnachadh Bàn. Na nithe so bu chòir dha a dheanamh, ’s gun na nithean ud eile fhàgail gun deanamh. Nan robhs àm a dhfhalbh, barrachd meas aig ar luchd teagaisg air Litreachas an t-sluaigh bhiodh Gaidheil an diugh na bfhòghluimte na tha iad agus an neò-ar-thaing cho stuama. Chan ann a chionn gur e Litreachas aGhaidheil is taitniche tha ri fhaotainn, ach a chionn gur e is taitniche dhasan. “ ’S ann air [ ? ]gillinn fhìn a gheibhinn am blas,” their an Leodhasach. Air mo shon fhein dheth, abradh na Carsalaich mar thogras iad, cha bu mhaith leam gun biodh mo chlann fhein no clann nan coimhearsnach gun iomradh chluinntinn air Bodach an Spilgein, air Gìgein is Guaigein, air Murachadh is Mearachadhs air Uirsgeil eile den t-seorsa. Eachdraidh is Cànain is Litreachas do dhùthcha! Ged bhiodh do cheann cho lan de dheolass a tha an ubh de bhiadh, chaneil thu ach air tfhior-dhroch-ionnsachadh mur h-aithne dhuit iad.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. I.

BHO chionn iomadh bliadhna air ais, bha bothan beag, bòidheach ri fhaicinn ann an gleannan àillidh, gorm, aim an cearn àraidh de Ghàidhealtachd na h-Alba. Air gach taobh bha na beanntaibh gruamach a togail suas an cinn aosda ri nèamh, comhdaichete gun guallaibh le fraoch mìn, cùbhraidh, gorm. Seasamaid air mullach Creag na h-Iolaire, far am faic sinn fad agus farsuinn, ’s chì sinn na cnuic mun cuairt cho beòs cho gluasadach ri tom sheangan. Than so againn luchd-àitich ùr tir an fhraoichcaoirich mhaola agus féidha chuir air fogradh do dhùthchannan céin iomadh gaisgeach, ’s a dhfhuadaich an òigridh do bhailtean mòra, dubha nan Gall, gu seargadh agus seachdadh ann an toit a ghuail, ’s far nach cluinn an cluas ach Beurla cho cruaidh ris na sràidean air am bi iad ag imeachd. Mas e mac-talla fhéin, a bàbhaist a bhi freagairt cho toilichte luinneag nan òighean uallach, leism bu ghnaths a bhi cuallach nam , ’s gann a chluinneas fear-siubhail nan stuc an diugh gun robh leithid ann riamhtheich e air falbh gu buileach, air neos docha gun do bhàth e e-fhein, leis cho sgìths a dhfhàs e de mhèalaich nan caorach, de chomhartaich nan con, ’s de mhionnan a chiobair.

Ach gu tilleadh thun a bhothain a dhainmich mi. Chì sinn gluasad neo-abhaisteach man cuairt da, air a mhadainn ghrianach, chiùin so, air an do dhfhosgail mo sgeul. Chì sinn boirionnach còir, le currachd pleatach, geal ma ceann, air a bheil coltas trom-inntinneach gu leor, a machsa steach an drasdasa rithist le aodaichean air an ùr-nighegan cur air tiormachdadh air a chnocan ghorm air chul an taighe. Ma sheallas sinn gu dluth air an t-seana bhean chòir, chì sinn iomadh deur a tuiteam osùilean air gach bad aodaich a tha i laimhseachadh; agus chan ioghnadh, oir buinidh iad da h-aona mhac, Aonghas, a tha dol ga fàgail air an ath mhaduinn, a dol gu ruigAmerica a chosnadh a lòinsa dhiarraidh an fhortain a bha doirbh fhaotainn ann an dùthaich a bhreith agus àraich, gu h-àraidh mar a bha i air a riaghladhsan àm. Ged a tha Alba beag, ’s iomadh mìle acaire torach, a chuid as fhearrs as beartaiche dhefearann, far am faigheadh na ceudan lòn, a tha gun fheum an diugh mar a bha iadsan àm ud. Na frithean airson spòrs aig na tighearnan criosdail ud, a shaoileas, ma chromas iad, gum brist an druim, ’s nach do choisinn aon a bhiadh riamh le fallus a mhala, ’s aig am bi luchd-frithealaidh gus an cìreadhs a slìbeadh, ’san aodaichean a chur umpa, ’s am brògan a cheangal. Fhir mo chridhe, nach doirbh a chreidsinn nach fhearr a chreadh as an dthainig na colunnan riomhacha, pròiseil so, na chreadh as an dthàinig seann cholunn Iain Chaidsear bhochd! Ach biodh acan drasd.

Cha robh gillesan dùthaich bu thlachdmhoire na Aonghas Donn Ghlinn Fraoich, mar theirteadh ris. Be aona mhac atharsa mhàtharcorr agus sia troidhean air àirde, ’s bodhaig lionte, dheas air a reirfalt faochagach, donn, ’s aghaidh ghlan, shoilleir, le sùilean gorm-ghlas, anns am faicteadh fìrinnus onair a dearrsadh. A dhaon fhacal, fìor Ghàidheal! aon den t-seorsa nach geilleadh do dheich mìle fichead bonn òir, co-dhius e prionnsa no baigear a ghabhadh e os laimh a dhion. Bha Aonghas na ghille treun, foghainteach, aguss iomadh sgeul a bha ri aithris ma nearts ma euchdans a ghleann. Ciamar, an uair a bhan Gall mor, a bha fuireach an Taigh-a- bhealaich, a cur sios air aGhàilig le aineolas, ’s ri bòsd nach fhace mac Gàidheil riamh a chuireadh a dhruim ri talamh, a dheirich Aonghas air a shocairs thuirt e ris: “Feumaidh gur h-ann dùintebhiodh do shùilean, ma tha fradharc annta, ’n uair a bhiodh tu làthair Ghàidheal. Ach, a charaid, sheall thu ormsa an drasd’, agus tha mi smaointean gum facthu mi, agus is mac Gàidheil mi,” — ’sa breith air chul amhaichs air mhàs briogais air, sheol e dusan slat e a mach air an lon-dubh a bhair beulaobh an taighe, ag ràdh aig a cheart àm— “So, a laochain; mar a bheil do dhruim a nis ri talamh tha do bheul ris co-dhiu, ’s chan e am fear is glaine. Sin agad an leaba fhreagras air an treubh dom buin thusa, a bhios a cur sios air cainnt a bha caoin, abuich mun robhchainnt dom buin a phrabalais a thagadsa air a cruthachadh.” Cha chuala mise co-dhiu dheirich an Gall mor as an leabaidh chùbhraidh ud gus nach do dheirichmar do dheirich tha e ann fhathast.

(Ri leantuinn. ).


Am fear a labhras olc mumhnaoi, tha ecur mi-chliù air fhéin.

Am fear as luaithe làmhs es fhearr cuid.

Am fear aig am bi ìm gheibh e ìm.



[363]

[Vol . 9. No. 47. p. 3]

Turus-cuain gu America.

THA abhean chòir on dfhuair mi an eachdraidh ghoirid a leanas, agus om faotainn iomadh sgeul ghasda eile fhaighinn, a comhnuidh anns a bhaile so. Agus chaneil ni sam bith an so ach ni air am bheil cuimhnagus beachd aice fhein air fhaicinn. Cha leig mi leas a dhol ga h-ainmeachadh; ach on a tha i na mnaoi fhìrinneach, thuigseach, cha leig leughadair sam bith teagamh a chur ann an aon fhacal dheth na tha sgriobhte. Tha miga toirt seachad mar a dhinnis i-fhein i. D.

Bha mi na mnighinn òg a fagail mo dhùthcha, Uidhist a Chinn-a- tuath, agus cha téid e gu bràth as mo chuimhne. Thainig tinneas agus bàs mo dhìslean orm on uair sin, ach cha dràinig ni riamh mo chridhe cho goirtsa ràinig a bhi dealachadh ris an fheadhainn a chaidh màrach òg nam measg. Smaoinicheadh sibhse cho cruaidhsa ràinig e mathairs mo mhàthair òrdachadh a mach as an taigh, le naodhnar de chloinn bhig, laig, gun aobhar sam bith ach gu robh iad a deanamh dachaidh do mhinistirean na h-Eaglais Shaoir, an àm dealachadh nan eaglaisean. (Ghabh am maors am bàillidh so mar leithsgeul, a chionn bha am maor ag iarraidh na croit air an robh mathair). Nuair a thainig an siorram dhfhaighneachd e càite robh mathair, agus thuirt e gun robh sumanadh aige on bhàillidh gum feumadh an taigh a bhi réidh aige ann an naodh latha dhùinegun robh am maor a bhaig a bhàillidh a dol a dhfhaighinn an taighe agus an àite. Thuirt am fear a thainig leis an t-sumanadh gun robh e duilich an t-àite thoirt o fhear an taighe, ach gur e coire na mnatha a bhann: gu robh i falbh le leabhar foh-achlais air feadh na h-oidhche dha na h-uile coinneamh a bhann, feuch co fiod a gheibheadh i a chuireadh an ainm ris an Eaglais Shaoir; agus bha am maor ga chùnntasna cheannairc dhith so a dheanamh.

Tha mise cearta coma, a Ruairidh,” arsise, “ a their am maor agus am bàillidh. Cha dubhairt mo chompanach riamh rium gum bu bhean cheannairceach mi. A mheud agus na rinn mi,” arsise, “ ’s ann airson meud mo ghràidh do Dhia agus da aobhar a rinn mi e.”

O, ma ta,” ars an siorram, agus e tionndadh, “bha thu gle ghòrach. Theid do chuir air fògradh do dhAmerica airson do dhòigheannan.”

Tha mise, ’Ruairidh,” arsise, coma co dhiu,” —agus i breth air sop connlaich bhar an ùrlair— “chaneil an fhiach ud agamsa ma dheidhinn sin. ’S fhearr leam aobhar Dhia a sheasamh na sin.

‘ ’S treise Dia tha chomhnuidh shuas
Na fuaim nan uisge garbh,
S treise Dia na sumainnean
Na tonnan cuan gu dearbh. ’”

Chuireadh a sin as an teine air a beulaobh fheins a cloinne. Bfheudar dhith an uair sin a dhol agus fasgadh a ghabhail an taigh a h-athar, gus am faighteadh soitheach deiseil a bheireadh tarsuinn a chuain sinn. Am fear a dhfhastaidh sinn gus ar toirt gu America, chan fhaigheadh e soitheach a bheireadh a nall sinn. Falbh dhfheumamaid, oir chan fhaigheadh sinn àite fasgaidh anns an dùthaich. Thachair am fear a dhfhastaidh sinn ri soitheach ann an Glasacho a mhuinntir Pictou, an Nobha Scotia. Ghrad chòrd e ris an sgiobair na luchd-turuis a thoirt a nall. Sheòl e leis an t-soitheach á Glasacho gu ruige Loch-na-madadh. Fhuair sinn rabhadh anns a mhionaid gu feumadh sinn a bhith air bòrd an t-soithich anns a mhadainn a màireach. Chan iarrainn fios a bhith aig duine beò air cradh ar cridheachan an oidhche sin. Agus tha agam ri innse dhuibh nach robh mo chridhe riamh na bu ghoirte na bha e an latha sin, a dealachadhs a fàgail na dùthcha anns an deachaidh màrach, agus ri càirdean dìleas mòigeagus cha do thachair càirdean riamh a bu bhàigheile agus a bu dìlse ri chéile na càirdean na h-òige. Dhfhalbh na càirdean gaoil comhladh ruinn agus chuir iad an oidhche bha sin seachad air bòrdsan t-soitheach. Aig naodh uairean anns a mhaduinn dheubh an sgiobair gun robh an soitheach gu seòladh, ’s na bha falbh a dhfhuireach air bòrds na bha gu tilleadh iad a thilleadh. Bha aon bhoirionnach air bòrd anns an robh mo chridhe ceangailte. Bha fhios aig mathair air a sin, agus chuir e am falach mi, mar a bha e-fhéin a smaoineachadh; ach, co-dhiu, fhuair mimach gu robh iad a dol gu tìr. Ghabh mi suas gu clar-uachdair an t-soithich, agus chunnaic mi ann am bàta beag ritaobh am boirionnach so. Thog mi mo làmhan gus mi-fhéin a thilgeadh ga h-ionnsuidh, ’s gun mi tuigsinn gu ro mhath càiten robh mi, agus thuit mi anns a mhuir. Thog mate an t-soithich air dhruim mi as an uisge, agus chrath e mi. Cha mhor nach do chuir e á cochull mo chridhe mi; oir be sud a cheud fhacal Beurla a chuala mi riamh. Sheòl an soitheach an uair sin agus ghabh i troimh Chaolas na Hearradh, oir bha sin moran na baithghearra dhith. Bha mathairna sheasamh air clar-uachdair an t-soithich an uair a bhi i seòladh seachad, agus dheubh e ris an fheadhainn a bha sios gu h-iosal, neach sam bith a bha ag iarraidh an sealladh mu dheireadh de na h-Eileanan Gàidhealach fhaicinn tighinn a nuas. Chaidh sinn suas, agus chitheamaid anns an àirden iar-thuath mar gum biodh eun mor, dubh. Be sin Eilean h-Iort.

Bha an sin naodh na deich a lathaichean againn de shide bhriagha, [ ? ]iodh iad a marbhadh éisg atighinn air an rathad. Ach thionndaidh an sin latha agus oidhche glé stoirmeil. Ann am meadhon na stoirme ghabh an soitheach teine, far an robh barailtean aca ann an toiseach an t-soithich a bha làn tearra. Theab na bha air bòrd a dhol as an ceann leis an eagal. Chluinnteadh ràn nam boirionnach mìltean air astar. Bha gillean tapaidh air bòrd agus thilg iad pasg mor de dhaodach sheol a bhaca air muin na lasaig. Chuir sin an lasag ni bu lugha, gus an dfhuair iad a chuir as le uisge. Ge be air bith mar a thachair e chaidh an soitheach aig an àm so beagan bhar a cùrsa. Thug iad an aire do shoitheach aseòladh ri taobh na h-àirden iar-dheas, agus dheubh an sgiobair riutha gum biodh e nan comain nan innseadh iad càiten robh e. Fhreagair an soitheach eile gun robh sinn direach a tighinn gus na ceud bhancaicheanbancaichean an iasgaich an Ceap Breatunn. Bha an uair sin an sgiobair air aiss air adhart timchioll ann an sin. Mu dheireadh thuirt feadhainn dhe na bhair bòrd gun robh iad a faicinn fearainn, agus dhiarr iad air an sgiobair stiùireadh dìreach an rathad a bha iad a faicinn an fhearainn. Rinn e sin. Agus eadar sin agus meadhon latha chaidh iad cho dlùths gum faiceadh sinn feadhainn a ràcadh feòir. Chaneil mi cinnteach gus an lathan diugh gu de am fearann a bhann. Ach, co-dhiu, chuir an sgiobair a mach don chuan mhor i, agus bha na bhair bòrd gu math feargach ris. Chan fhaca sinn fearann an uair sin gus mu mheadhon latha an la-iar-na-mhàireach. Stiùir e an uair sin a stigh i, agus thuirt na bhaird bòrd ris nach robh chridhaige a cur a mach dhan chuan tuilleadh. Cha robh i fad sam bith ann an sinnuair a thainig duine air bòrd (pilot) airson a stiùireadh a stigh. Stiùir am fear sin a steach i mu choinneamh a Bhar (Sidni Tuath) agus chuir i acraichean a mach ann a sin. Chan fhaigheadh duine beò againn gu tir gus an tigeadh doctair air bòrd. Nuair a thainig esan air bòrd thuirt e nach robh aona chnead bochdainnnar measg, agus thug e an uair sin cead dhuinn a dhol gu tìr. Bha am feasgar air fàs cho goirids gun dthug bàtaiseig bheag a bha ruith eadar Sidni agus am Bar air bòrd sinn. Ghabh sinn an oidhche sin tàmh ann an Sidni, far an robh sinn gus an la-iar-na mhàireach.

Bu mhath leam fhaighinn a mach co fiod a thagainn an diugh anns a chearna so a dhfhuilingeadh a leithid a gheur-leanmhuinn. Dhealaich a dhithis nighean ri mo sheanairbha iad air an cur air falbh comhladh ruinneagus leis cho cruaidhsa ghabh an seann duine dealachadh a dhithis nighean len teaghlaichean ris, ghabh e an leaba an latha sin, agus an ceann na seachdain bha iad ga thiodhlacadh. Bhrist a chridhe. Faodaidh sibh a thuigsinn leis a sin gu cho cruaidhsa bha e air daoine a bhith air an cur air fògradh do dhAmerica. ’S math nacheil a leithid a gheur-leanmhuinn againn ann an so an diugh. Mar a tha an sean-fhacal ag ràdh:—

Am maor agus am bàillidh,
Am bàillidhs am maor,
Ge cruaidh reachd a bhàillidh,
S e shàraich mi am maor.”

Fhuair am maor an taigh agus am fearann— ’s e sin uile gu leir na bha eg iarraidh. Ach cha bfhad a mheal e iad. Cha robh sinne fad air falbh nuair a thainig fiabhrus a bha glé mharbhteach dha thigh, agus chuir e mach triùir as deigh a chéileda mhac agus nigheana dhfhalbh leis an fhiabhrus sin. Bhàsaich e fhein as an deigh. Bha a leithid a ghràinealachd tinneis anns an taigh agus nach fhaighte duine a rachadh a stigh a bheireadh a chorp as. ’S doctair a mheantric a steach agus a thug an corp a mach as an tigh. Sin agad mar tha an Tighearna a beantuinn ris an duine nach gluais a réir ceartais.


Am Madadh Ruadhs an Gobhar Glas.

Bhan sud ann gobhar ghlas, ’s bha minn aice; ’s ma bha chaidh am madadh ruadh latha timchioll orra, ’s rug e orra, ’s mharbh e iad, ’s dhith e iad. Thainig a ghobhar, an so, dachaidh; ’s bha i gu dubhach, brònach nuair a thainig i, ’s gun iadsan air a coinneamh. Ghabh i air falbh, ’s ráinig i taigh amhadaidh ruaidh, ’s chaidh i air mullach an taighe. Dheubh am madadh ruadh:

Co sud air mullach mo bhothain ghruigich, ghraigich,
Nach leig goil dha mchoireachan,
S nach leig bruich dha mbhonnachan,
S nach leig mo leanabh beag dhan tobar?”

GOBHAR.
Tha mise, ’ghobhar ghlas, air a toirt as,
Ag iarraidh nan tri minneana mìne,
S am boc tarraghlas,
S an gille buic.”

MADADH RUADH.
Mata, air an talamh a tha fodhad;
S air an athar as do chionn;
S air aghrain a tha sios;
Nach fhaca mise riamh do chuid meann.”

Cha robh eun a bhas an ealt nach deachaidh i ga ionnsuidh; ’s thill i dhachaidh, ’s cha dfhuair i iad.


Am fear a ghoideadh an t-ubh-circe, ghoideadh en t-ubh-geòidh.

Am fear a phòsas bean pòsaidh e dragh.



[364]

[Vol . 9. No. 47. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, MAIGH 24, 1901.

Ged fhuair arm nan Staidean Aguinaldo a ghlacadh, cha do ghlac iad na Philipinich uile, agus tha moran dhiubh fhathast nach eil toileach ùmhlachd a thoirt do uachdaranachd nan Geancach. Tha iad aseasamh a mach nan aghaidh, agus tha beanntan agus monaidhean na dùthcha nan daighneachdan cho làidirs nach eil fhios nach cum iad an cogadh air adhart àireamh bhliadhnaichean eile.

THA na Boerich astriochdadh do na Breatunnaich a lion beagan us beagan. Cha mhor gu bheil lathadol seachad gun buidhnean dhiubh a thoirt suas. Tha an t-arm Breatunnach fo cheannardachd Chitchener, air a chumail air ghluasad air aiss air adhart ann an dòigh cho seòltas cho diorrasachs nach eil cothrom air a thoirt do na Boerich an anail a leigeil; tha iad air an cumail air an [ ? ] ’s air an ruaig fad na h-ùine, ’s tha iad a fàs seachd searbh dheth. Tha iad mu dheireadh thall atighnn gu bhi creidsinn nach eil feum ann a bhi stri nas fhaide, agusses dòcha gun dean iad an ùine ghoirid striochdadh gu buileach.

THA an Seanalair Sir Eachann Domhnullach air a dhuaisneachadh air son a threubhantais an Africa mu Dheas le dreuchd urramach anns na h-Innsean. Mun teid e do na h-Innsean tha e dol air chuairt do dhAlba, far am bheil an sluagh uile, ’s gu h-àraidh na Gàidheil, ag ullachadh air son fàilte chridheil a chur air. Nuair a bha Sir Eachann agabhail a chead de na saighdearan Gàidhealach ann an Africa mu Dheas thug e cliù mor dhaibh air son an cruadails an treine anns achogadh. Bha iad a mach fo theas loisgeach na gréine, fo reothadh cruaidh agheamhraidh, ’s fo dhile uisge air nach eil aithne sam bith againnsan dùthaich so; bha iad mar bu trice gann de dhaodachs air dhroch caiseart, gun dion, gun fhasgadh; ach cha do sgithich iad riamh nan dleasdanas, agus rinn iad euchdan a bha gle airidh air sliochd an sinnsir. Tha na Gàidheil, mar a bha iad o shean, cliùiteach air son an treines an gaisge ann a seasamh còirichean na dùthcha, agus tha sinn an dòchas nach tig an t-àm anns nach bi iad cho cliùiteachsa tha iad.

Ged nach eil an cogadh fhathast thairis ann an Africa mu Dheas, tha an dùthaich a mealtainn tomhas mor de shìth, agus tha daoine dol air ais gun obair. Tha baile Johannesburg air àiteach a rithist; tha an sluagh a bha chòmhnuidh ann roimhe a tilleadh agus agabhail seilbh air na dhfhàg an cogadh aca. Thatar an dùil gum bi na mèinnean air an ùr-fhosgladhs gum bitheargan obrachadh an ùine ghearr cho mathsa bha iad romh thòiseachadh achogaidh.

CHUIREADH crioch, anns an àireamh mu dheireadh, air an sgeul thaitneach a bhaIainatoirt dhuinn re nan sia miosan mu dheireadh, “O chionn Tri Fichead Bliadhna.” Tha sinn am barail gun do chòrd an sgeul so gu math ris an luchd-leughaidh uile, agus tha sinn acreidsinn gun còrd an sgeul a tha tòiseachadh anns an àireamh so a cheart cho math riutha. Bha sinn am mearachd, air dhuinn iomradh a thoirt air an sgeul ùr so roimhe, ’nuair a thuirt sinn nach robh innte ach coig caibidealan. Tha moran a bharrachd air sin innte, agus chan eil sinn an dùil gun abair neach sam bith, nuair a bhios e ullamh dha leughadh, gu bheil aon chaibideal tuilleadhsa chòir innte. Ma bhaO chionn tri Fichead Bliadhnacho Gàidhealach ri fàd mòine, thaAonghas Donn Ghlinn-Fraoichmar sin cuideachd. Guidheamaid uile buaidh us piseach airIain” ’s airSeumasagus bitheamaid an dòchas gun teid iomadh bliadhna seachad mun laidh meirg air am pinn.

O CHIONN còrr us tri fichead bliadhna bha an ceathramh latha fichead dhen Mhàigh air a chumail air fads air leud na h-Impireachd Bhreatunnaich mar latha-breth na Banrigh. Agus ged nach eil ise dom bu latha-breth e an diugh ann an tir nam beò, tha ena aobhar toileachaidh gu bheil an latha ri bhi air a chumail mar bha e roimhe, agus fon ainm Latha Victoria. Rugadh Righ Iomhar air an naodhamh latha de Nobhember, agus a reir cleachdaidh bhiodh an latha sin air a chumail saor fhads a bhiodh e rioghachadh; ach air iarrtus féin tha an ceathramh latha fichead ri bhi air a chumailna àite. Cha mhor de chuid iochdarain nach mol e air son sin a dheanamh; oir tha iad uile meas gu bheil banrigh a rioghaich air impireachd cho mor ri Breatunn ùine cho fada, agus air dhoigh cho ionmholtasa rinn Victoria, airidh i air a h-ainmsa cliù a chumail air chuimhne. Agus so aon dòigh air an gabh sin deanamh, latha a chur air leth a bhios air a choimhead saor, o bhliadhna gu bliadhna, anns gach cearna den t-saoghals am bheil bratach Bhreatuinn acrathadh ri crann. Agus tha so air a churnar comas a nise gun latha eile chur ri àireamh nan lathaichean saora, a tha, a reir barail a mhor cheud den t-sluagh, lionmhor gu leòr mar a tha.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Matheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Confederation Life ASSOCIATION.

Eachdraidh 29 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.

Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,980.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25

Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nampolicies” $1 ,505,546.25

F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.

Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.



[365]

[Vol . 9. No. 47. p. 5]

Naigheachdan.

Chaidh an storMcDonald , Hanrahan & Co. ’na teine maduinn Di-satharna sa chaidh, agus rinneadh call mor air an togalachs air abhathar. Thatar a deanamh a mach gur e cur na teine rinneadh.

Chaidh soitheach smùide mor a chur a dhìth faisg air Australia deireadh a mhios Màrt, agus bha da dhuine dheug air fhichead air an call leatha. Chaidh soitheach eile a chall leis an stoirm cheudna air an robh sia duine deug.

Chaidh triùir dhaoine a mharbhadh ann anSt . John, N. B. ,Di-haoine sa chaidh le simealair air an robh iad ag obair a thuiteam orra. Bha an simealair 107 troigh a dhàirde, agus ann am muillean-sàbhadh. Bha e gu math sean, agus bha na daoinega ghlanadh a mach air son linigeadh ùr a chur ann, nuair a thuirt e orra.

Ged tha sinne air an taobh so den chuan a mealtuinn sìde bhriagha, tha muinntir na h-Alba agearain cho fliuch fuarsa tha an t-sìde afuireach anns an dùthaich sin. Air a mhios a dhfhalbh cha robh ach fior chorra latha briagha aca ann an Alba, agus tha aon de na paipearan Gàidhealach ag radh nach robh am mios Màrt cho fuar o chionn iomadach bliadhnasa bha e air a bhliadhna so.

Bha D. R. Cuimein air an t-seachdain sa chaidh air fheuchainn air son mionnan eithich. Bha e air a thoirt gu cùirt le aon dhiubhsan a bha mu dheibhinn a chur an greim roimhe air son feuchainn ri airgead-brìb fhaotainn, agus bha a chùirt air a cumail air beulaobh fir-ceartais ann an Sidni Tuath, A. R. Forbeis. Be bhreth a thugadh air an sin gu feum e seasamh aig aChùirt Mhòir air an ath mhios.

Nuair a fhuair na liberals air ceann riaghladh na dùthcha an 1896, bha an àireamh bu mhotha de bhuill an t-Senate den chreud eile, agus caochladh uairean uaithe sin chuir iad dragh agus iomguin nach bu bheag air na cumantaich, a cur stad air cuid de na reachdan a bha iad deònach a dheanamh, agus air dòigheannan eile. Ach a so a nach cha bhi an cothrom sin aca. Re nan coig bliadhna dhfhalbh, chaochail àireamh mhor de na seanairean, agus cha robh àite bha mar sin air fhàgail falamh nach robh air a ghrad lionadh le liberal. Tha an da phairtidh anns an t-senate a nise mun aon neart, agus air a bhliadhna sa tighinn tha aohhar a bhi creidsinn gum bi iadsan a tha air taobh an riaghlaidh air an fheadhain as treasa.

Tha muinntir a thagabhail orra gu bheil fios aca ag radh gu bheil na treineachan air an t-samhradh so ri bhi falbhsa tighinn mun aon àmsa bha iad air an t-samhradh an uiridh. Bidh beagan atharrachaidh air a deanamh a thaobh Sidni us Sidni Tuath leis am bi e comasach do luchd-turuis tighinn us falbh á Sidni gun a bhi aca ri dhol a stighsa mach á Sidni Tuath. Ruithidh acheud trein gach latha a machsa stigh á Sidni Tuath, agus bidh luchd turuis Shidni air an toirt a dhionnsuidh an junctionsa mhaduinns air falbh uaithe feasgar le trein eile. Ruithidh an dara trein-an trein luathdireach á Sidni, agus bidh trein á Sidni Tuathga coinneachadh aig an junction. Air an dòigh so bheirear tomhas riarachaidh do mhuinntir Shidni gun a bhi deanamh eucoir sam bith air muinntir a bhaileile.

Nuair a thoisich cuideachd an iaruinn air an obraichean a chur air adhart ann am Sidni, bha còrdadh air a dheanamh ris a bhaile gum biodh tri millean dolair air a chosg ris an obair acheud bhliadhna. Chum iad ris achòrdadh sin gu math; bha ceithir millean dolair air a chosg mun do ruith da mhios dheug an deigh don obair tòiseachadh.

Tha an eaglais Chléireach aigWhitney Piera toirt gairm don Urr. A. I. Domhnullach, ministeir Lochabar, N. S., agus tha làn dhòchas aca gun gabh e ris a ghairm. Fhuair an t-Urr. Domhull Mac-Odrum, Marion Bridge,gairm áSussex , N. B. ,ach dhiùlt e am paraistesam bheil e fhàgail. Tha Mr Mac-Odrum na dhuinòg a tha gle ghealltannach, ’na shearmonaiche math Beurlas Gàilig, agus bhitheamaid duilich fhaicinn a fàgail na cléires am bheil e.

Tha Alasdair Mathanach, post-mhaighstir a bhaile so, a dol a thoirt cuairt don t-seann dùthaich air an t-samhradh so. Bidh e falbh an ceann beagan lathaichean. Theid e an toiseach dhionnsuidh an exhibition ann an Glasacho, agus an sin bheir e sgriob troimhn Ghàidhealtachd agus do bhailtean mora na h-Alba. Tha MAC-TALLAguidhe turus math agus tilleadh slàn, fallain dha, agus an dòchas gum bi e làn riaraichte le chuairt-samhraidh do thir nam beann.

Bha àireamh mhor de bhuill na h-àrd-phàrlamaid o chionn da bhliadhna acur impidh air an riaghladh an tuarasdail àrdachadh o mhile gu coig ceud deug dolairsa bhliadhna. BhaSir Wilfrid Laurieran aghaidh so an toiseach, ach tha e nisen deigh aontachadh ris, agus o so a mach bidh gach ball de Thigh nan Cumantach agus den t-Senate atarruing coig ceud deug dolairsa bhliadhna, a tòiseachadh leis a bhliadhna so fhéin. Cuiridh so seachd fichead seachd mile dolair ( $147 ,000) ’sa bhliadhna ri cosguis na dùthcha.

Tha Mac-Fhionnlaidh, ard-uachdaran nan Staidean aig an àm so acur cuairt air an dùthaich mhoir sin. Chaidh e air tùs do na Stàidean a Deas, agus as a sin chuir eaghaidh air an àird an iar; tha e air an t-seachdain so an California. Bha e air a chumail air ais gu mor air an t-seachdain sa chaidh le a bhean a bhi tinn; bhatar an dùil deireadh na seachdain nach rachadh i am feobhas, ach toiseach na seachdain so bha i air a dhol beagan na bfhearr. Thatar acur fàilte chridheil air Mac-Fhionnlaidh anns gach aon de na bailtean a tha e taghal.

Tha baile Holyoke, am Massachusetts, dam buineadh an t-Eadailteach Alberto a chaidh a ghlacadh air son mort ann an so am mios September sa chaidh, a nise deiseil gus an duais a thairg iad air a shoncoig ceud dolaira phàigheadh. Chaidh Alberto a ghlacadh le MacEachairn, ard-mhaor a bhaile so, agus tha esan ag agairt còir air an duais. Tha aon de na cléirich aig cuideachd an iaruinn ag agairt còir air pàirt den duais, ag radh gun dthug esan fiosrachadh don mhaor a chuidich e gus am mortair a lorgachadh, ach tha Mac-Eachairn ag àicheadh sin, ’s ag radh nach drinn e ach ceist no dha a chuir esan air a fhreagairt nuair a bha eg amharc air a shon mun obair. Cha phàigh baile Holyoke an duais gus an tig am maors an cleireach gu còrdadh, agus mur tig iadgu còrdadhses dòcha nach bi i air a pàigheadh idir.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.


Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[366]

[Vol . 9. No. 47. p. 6]

Sgeulachdan Arabianach.

PRIONNSALASNAM AGUS RIGH NAM FATHACH.

CAIB. II.

BHOIDICH Alasnam gun deanadh e mar a bhamhathair acomhairleachadh dha. Dhaontaich e mar an ceudna gun eisdeadh e ri comhairle nan daoine glice a shuidhich i mar luchd-riaghlaidh, agus gun deanadh e mar a dhiarradh iad a bhith deante. Ach air an oidhche sin fhein chunnaic e an seann duine as a chadal an treas uair, agus thuirt e ris, “Thainig àm do shoirbheachaidh, a phrionnsa threun. Cho luaths a dheireas tus amhadainn, bheir thu leat piocaid, agus theid thu don t-seomar a bhaig dathair; agus an uair a chladhaicheas tu fon urlar gheibh thu ionmhas gun choimeas ann.”

Cha bu luaithe dhuisg e na ghrad chaidh e don t-seomar anns an robh a mhathair, agus, le foghail mhoir, dhinnis e dhi mun aisling uir a chunnaic e. “Gu dearbh fhein, a mhic,” arsa mhathair, agus fiamh gaire oirre, “than seann duine suidhichte gun toir e ort a chomhairle ghabhail. Chan fhoghnadh leis do mhealladh da uair mar tha. Am bheil thudol ga chreidsinn an treas uair?”

Chaneil, a mhathair,” arsesan. “Chaneil micur suim sam bith anns na thuirt e rium; ach gus mi fhin a thoileachadh theid mi chladhach urlar an t-seomair a bhaig mathair.”

“ [ ? ] an anail a leig smaointean gur ann mar sin a bhitheadh,” arsa mhathair agus i deanamh gaire cridheil. “Bi falbh, a mhic; toilich thu fhein. Tha mi toilichte nacheil an obair cho sgitheil ri dhol gu ruige an Eiphit.”

Ma ta, mhathair,” arsesan, “feumaidh mi aideachadh gum bheil an treas aisling atoirt orm mearbsa a chur anns an t-seann duine, oir tha co-cheangal eadar i agus an da aisling eile: gabhamaid beachd air briathran an t-seann duine. Thuirt e rium an toiseach a dhol gu ruige an Eiphit. An uair a rainig mi an Eiphit dhinnis e dhomh gum bann gus deuchainn a chur orm a thuirt e rium a dhol air an astar ud. ‘Till do Bhalsora,’ arsesan; ‘is ann an sin a tha thu gus an t-ionmhas fhaotainn.’ An raoir dhinnis e dhomh acheart aite anns am bheil an t-ionmhas. A reir mo bharail-sa tha co-cheangal eadar na tri aislingean. An deigh a h-uile rud, faodaidh nacheil brigh sam bith anns na bruadair; ach bfhearr leam gu mor mo shaothair a bhith gun dad air a son na gum bithinn ri mo bheo acur coire orm fhin a chionn nach do chladhaich mi urlar an t-seomair, agus, ma dhfhaodteadh, fortan mor a chall air a shaillibh.”

An uair a labhair e na briathran so, dhfhalbh e mach as an t-seomar. Fhuaradh piocaid dha, agus chaidh ena onar don t-seomar a bhaigathair. Thoisich e air cladhach an urlar, agus an deigh dha an darna leith dhen urlar a chladhach chan fhace dad de choltas ionmhais. Shuidh e greis a leigeadh analach, agus thuirt e ris fhein, “Tha eagal mor orm gun robh aobhar gu leor aig mo mhathair gaire a dheanamh afanaid orm.”

Ach air a shon sin, ghabh e misneach agus lean e roimhe air cladhach. Agus cha robh aobhar aithreachais aige; oir ann an uine ghoirid thachair clach mhor gheal ris. An uair a chladhaich e timchioll oirre, agus a thog e i, fhuair e dorus-falaich foidhpe. An uair a bhrist e aghlas a bhair an dorus, agus a dhfhosgail e e, chunnaic e gun robh staidhre de chloich ghil mharmoir adol sios fon talamh. Gun dail las e coinneal, agus chaidh e sios don t seomar. Ach ma chaidh, be sin an seomar nach fhace riamh a leithid! Bhan t-urlar air a dheanamh de chloich-chreadh cho briaghas cho geals a chunnaic duine riamh, agus bha na ballachan agus mullach an t-seomair de chriostal. Thug e an aire gun robh ceithir sgeilpeanan anns an t-seomar, agus gun robh deich poitean de phorphire air gach sgeilp. Bha en duil an toiseach gur e fion a bhannta. “Feumaidh gum bheil an fion gu math sean; agus is cinnteach gum bheil e math,” arsesan. An uair a thug e an ceann a te dhe na poitean, ciod a biongantaiche leis na gun robh i luma lan de bhuinn oir! Sheall e anns gach te dhen da fhichead poit, agus bha iad uile luma lan de bhuinn oir. Thug e leis lan a dhuirn dhe [ ? ] buinn, agus chaidh e far an robh a mhathair leotha.

An uair a chualamhathair mun ionmhas gun choimeas a fhuair e anns an t-seomar so fo thalamh, is ann a ghabh i uamhas. “O, mhic,” arsise, “thoir do cheart aire nach dean thu ana-caitheamh air an ionmhas so mar a rinn thu air ionmhas achruin. Na toir aobhar gairdeachais do naimhdean.”

Cha tabhair, a mhathair,” ars esan, “tha micur romham gun caith mi mo bheathana dheigh so uam an doigh a chordas ribh fhein.”

Dhiarr a mhathair air a toirt don t seomar iongantach fo shalamh anns an do thaisg an righ nach maireann ionmhas cho mor gun uiread is am fios bu lugha thoirt dhi ma dheidhinn. Thug e sios an staidhre mharmoir i don t-seomar anns an robh na poitean lan oir. An uair a bha igabhail beachd le aire agus le ioghnadh air gach ni a bhanns an t-seomar, thug i an aire do phoit bhig dhen aon t-seorsa ri cach. Cha dthug Alasnam aire dhi gus a sid. An uair a dhfhosgail e i cha dfhuair e dad innte ach iuchair oir.

A mhic,” arsise, “feumaidh gum buin an iuchair so do sheomar-ionmhais eile. Seallamaid mun cuairt an t-seomar; is docha gum faigh sinn dorus a dhfhosglas i.” An uair a bha iad greis mhath amion-rannsachadh chunnaic iad toll iuchrach


REIC A MACH AIRGEID
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain den stoc a tha iad acumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.

Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal ga fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhen t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidhsa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.

Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.

Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhndeug a dhaois.

Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.

Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.

Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid as fhearr de na bargain.

THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Stor Ur! Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn


So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman as fhearr.

Croinn ThreabhaidhVerityaon each. Croinn TreabhaidhVerityda each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.

Mar an ceudna
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.

F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.



[367]

[Vol . 9. No. 47. p. 7]

air dorus a bhair abhalla, agus thuig iads amhionad gur ann air a shon a bhan iuchair oir. Dhfhosgail an righ an dorus anns amhionaid, agus bhan sin seomar eile a bha anns gach doigh a cheart cho briagha ris an t-seomar anns an robh iad roimhe. Ann am meadhain an t-seomair bha naoi bun-charraigh oir; agus air barr a h-ochd dhiubh bha iomhaidh air a gearradh a daoimean, agus bha leithid de lainnir asdas gun robh an seomar soilleir gu leor.

O, chruitheachd!” arsAlasnam. “caite an dfhuair mathair a leithid so de nithean annasach?”

Chuir an naoidheamh bun-charragh moran a bharrachd ioghnaidh air; oir bha e comhdaichte le sioda geal air an robh na briathran a leanas sgriobhte: “A mhic mo ghraidh, chosg mise moran saoithreach mun dfhuair mi na h-ochd iomhaidhean so; agus ged a tha iad anabarrach maiseach, tha iomhaidh eile anns an t-saoghal as maisiche na iad so gu leir, agus a tha mile uair nas luachmhoire na iad. Ma tha toil agad greim fhaotainn air an iomhaidh so, feumaidh tu a dhol do bhaile Chairo anns an Eiphit. Tha Mobarec, aon de mo sheann seirbhisich, ’na chomhnuidh anns abhaile ud. Bidh e furasda gu leor dhut fios fhaotainn ma dheidhinn. Innsidh duine sam bith dhut far am bheil an taigh aige. Faigh am mach far am bheil e, agus innis dha a h-uile car mar a dheirich dhut. Tuigidh e gur tu mo mhac-sa, agus bheir e thu dhionnsuidh an aite anns am bheil an iomhaidh iongantach ud, agus gheibh thu i gu sabhailte.”

An uair a leugh Alasnam na briathran so, thuirt e rimhathair, “Cha bu mhath leam a bhith as aonais na h-iomhaidh ud; feumaidh gum bheil i air a deanamh anabarrach iongantach, on a tha i nas luachmhoire na iad so gu leir. Theid mi gu ruige Cairo; cha chreid mi gum bi sibhse an aghaidh dhomh a dhol ann.”

Cha bhi min aghaidh dhut a dhol ann idir, a mhic,” arsa mhathair. “Gun teagamh sam bith tha thu fo dhions fo ghleidheadh sonraichte an fhaidh; agus chan eirich beud dhut air do thurus. Faodaidh tu bhithfalbh uair sam bith a thogras tu. Gabhaidh mise agus na comhairlich curam dhe gach gnothach a bhuineas don rioghachd fhads a bhios tu air falbh.” Rinn e gach deisealachd a bha feumail air son a thuruis, agus dhghalbh e. Ach cha dthug e leis ach beagan sheirbhiseach.

Cha do thachair dad sam bith comharraichte dha air a thurus gu ruige Chairo. An uair a rainig e, dhfheoraich e mu dheidhinn Mhobarec. Dhinnseadh dha gum be fear dhe na daoine cho beairteachs a bhanns abhaile; gun robh ecaitheamh a bheatha mar a bha na h-ard-uaislean; agus gun robh a thaigh fosgailte do ghnath do gach neach a thigeadh an rathad, ach gu sonraichte do choigrich. Threoraicheadh Alasnam thun an taighe aig Mobarec, agus bhuail e aig agheata. Thainig seirbhiseach ga fhosgladh, agus thuirt e. “Co thusa, agus ciod a tha thug iarraidh?”

Is coigreach mi,” arsAlasnam, “agus on a chuala mi moran mu chaoimhneas do mhaighstir Mobarec, tha mi air tighinn a dhfhuireach maille ris.”

Chaidh Alasnam a steach troimh chuirt mhoir gus an drainig e talla mor maiseach anns an robh innsreadh ro eireachdail. Choinnich Mobarec e anns an talla, agus chuir e failte chridheil, chaoimhneil air, agus thug e taing dha a chionn gun do chuir e de dhurram air na thainig a dhfhuireach maille ris. An uair a thug Alasnam taing do Mhobarec air son achaoimhneis a bha enochdadh dha, thuirt e ris, “Is mise mac an righ a bhair Balsora; cha mhaireann a nis e. Is e Saidhn Alasnam mainm.”

Bhan righ sinna mhaighstir ormsa uine roimhe so; agus, mo thighearna, cha bfhiosrach mi riamh gun robh clann aige. Co mheud bliadhna tha thu?”

Tha mi fichead bliadhna,” arsam prionnsa. “Co mheud bliadhna on a dhfhalbh thu a cuirt mathar?”

Tha dluth air da bhliadhnair fhichead ann,” arsa Mobarec. “Ach cia mar a dhearbhas tu dhomhsa gur tu mac an righ a bhair Balsora?”

Bha taigh fo thalamh aig mathair fon t-seomar anns am biodh efuireach. Fhuair mise da fhichead poit luma lan oir ann.”

An dfhuair thu dad ann ach sin?” arsa Mobarec.

Tha naoidh bun-charragh oir ann, agus air a h-ochd dhiubh tha iomhaidhean daoimein; agus air an naoidheamh bun-charragh tha sioda geal air an do sgriobh mathair mu dheidhinn mar a gheibh mi greim air an naoidheamh iomhaidh a tha moran nas luachmhoire na na h-ochd eile. Tha fhios agadsa far am bheil an iomhaidh ud; oir tha e air ainmeachadh air an t sioda gum bheil thusa gus mo threorachadh a dhionnsuidh an aite anns am faighear i.”

(Ri leantuinn).


Am fear dan dàn an donass ann da bheanas.


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Laoidhean Dhughaill Buchanain .10
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.

[Dealbh]

Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so. Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.

SANAS.

THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dhaois, gu dhol a dhobair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uairsa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a bfhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhadsa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc,. etc.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[368]

[Vol . 9. No. 47. p. 8]

Loch-Aic.

LE EOGHAN MAC COLLA.

A Loch-Aice na gnùischaoin
Gnùis ghabh gaol air a bhi ciùin,
S air an tric an laidh gath-gréin
Soilleir mar uchd sèamh mo rùin!

Oide-altruim mhaith nam breac,
Gar an leatsa cath nan tonn,
S ged nach damais long fo bhréid
Air t-uchd réidh rianm chur fa bonn.

S leat an ealas grinne com
S i neo-throm air t-uchd asnàmh.
Eun as gile cneas naghrian,
Sneachd nan sliabh, no leannan bàird!

S leat bho Lochluinn as bhon t-Suain
An lach bheag is uaine cùl;
S tricga còir— ’s chan annga feum,
Falach-fead as caogadh shùl.

S leat an luinneagsheinneas òigh
Bleodhan bhò gu tric ri dthaobh;
S leat an duan a thogas òg
S e ga còir a measg nan craobh.

Seinnidh e— “Tha cneas mo ghràidh
Geal mar chanach tlà nan glac,
S faileasan a ghaoiln a sùil
Mar tha nèamh an grunnd Loch-aic.

Càitan taitneach leis an earb
Moch as anamochbhi lelaogh?
Càitan trice dorus dearg,
Fhir nan garbh-chròc, air do thaobh?

Càitach ri taobh loch mo rùin
Far, aig bun nan stùc ud thall,
S an robh uair mo chàirdean tiugh
Ged tha iad an diugh air chall!

O air son a bhi leam féin!
Siubhal sèimh taobh loch nan sgòrr
Nuair bhios gath na gealaich chaoin,
Nuas ataomadh ort mar òr.

Nuair tha duilleach, fochunn, feur,
Fon òg-bhraon acromadh fliuch,
S gun aon rionnag anns na speur
Nacheil céile dhina t-uchd.

Nuair than cìobair ann a shuain
Faicinn mada’ -ruadhna threud,
S edian-stuigeadh nan con luath
Gu bhi shuas mun dean e beud:

Sud an t-àms am bi ri dthaobh
Ceòl a mhathcheas clis gach crìdh;
Sud an t-àmsan tug thu gràdh,
Shìne bhàn! don fhilidh shìth.

Tional ghobhar air dhi bhì
N Coir’ -an-t- sìth aon fheasgar Màigh,
Chualas guth ro-mhilis, sèamh
Shaoil i nèamh a bhi aig làimh.

Dhéisd i,— ’s mar bu mhotha dhéisd,
S ann bu bhinne teud a chiùil;
Lean i,— ’s mar a bfhaide lean,
S ann a bfhaide as, mo dhùil!

Rainig i, mu dheireadh, cnoc,
Dorus fosgailt air a suas,
S dhfhairich i gur ann bho sin
Bhrùchd an ceol bu bhlasda fuaim.

Thig as taigh, a Shìne bhàn!
Thig, a ghràidh, gun eagal beud;
Feuch an oidhche dhubh man cuairt
S fada bhuat do dhachaigh féin.”

Chaidh is taighmas fìor mo sgeul
Thuit in gaol air fear a chiùil!
Dhòl in deoch bu deoch do chàch,
S tuilleadh riamh cha dfhàg in dùn.


Bas.

Aig Rathad LArdoise, air an ochdamh latha deug de dhApril, Niall Mac-Fhearghais, tri fichead us ceithir bliadhndeug a dhaois. Bha ena dhuine air an robh fior mheas agus cliù anns achoimhearsnachd, ni bha air a nochdadh leis an àireamh mhor sluaigh a lean an giùlan dhionnsuidh an àite-taimh dheireannaich, air feasgar an aonamh latha fichead. Chaochail e a cur a làn earbsa. Ann-san a thubhairt. “Bi-sa fìrinneach gu bàs agus bheir Mise dhut crùn na beatha.”


The Fairy of the Sleepy Hollow.

LE DONULL MAC CALUM.

S fhada nis on a leig mi dhiom a bhi cuir ris an eachdraidh fhìrinnich so. Chaneil mig ràdh gun cluinneadh tu an còrr mu déigh mur cuireadh caraid còir am fios so thugam, “Am bheil tuile agad air achuraidh chalma, Captain T. Goblets?Tha mian dòchas nach deachaidh e á cnaimh na h-amhach. Bu mhòr am beud gun éireadh gu h-olc dha.”

Ma tha cuimhnagad air na dhinnis mi dhuit bithidh fios agad, a réir a ghealaidh a thug a bhantrach mhòr, Lady Myshrym,dhoibh , gun do choisinn an Captain agusThe Mac Dodo Henry V.còir air a làmh ann am pòsadh, agus, ged a bu bheag orri, gun robh gach fear aca deònach a gabhail mar a bhean ga cumail on fhear eile.

Ged a bha gaol mòr aig an lady airThe MacDodo, ”air son aobhar math, a baithne dhith féin, ach nach innseadh i dhoibhsan, cha burrainn i fears am bith a phosadh. Shaoileadh tusa gun robh i mar theirteadhs a Bheurta—“Between the horns of a dilemma. ” ’N uair a chluinneas tu mar rinn i tha mi cinnteach gun abair thu gur sgiobaltthug i a casan ás.

A chiad turus a thàinig Captain G. a choimhead urra bha nighean òg, cho briaghs chunnaic thu riamh, mur fac thu Venus, agus air a h-éideadh ann an déise cho àiles chunnaic thu riamh, mur robh thu mar their iad, “presented at Court. ” ’Se sin ri ràdh na bha air éideadh dhith, oir bha a chuid mhòr dhith, a réir fasan Eubha, luramach. “History repeats itself. ”Chan e nach còmhdaicheadh an deisi nam bitheadh i air a sgaoileadh uimpe. Bha i a slaodadh ás a déigh air làr na dheanadh deise mhath.

Captain T. Goblets, my niece the Lady Dora, ”deir a bhantrach mhòr. Lùb an Captain a dhruim agus chromThe Lady Doraa ceann. Sin an dòigh uasal. “This dear, sweet lady is my only niece and nearest relative, to whom I will, on the day I will change my name the second time, the bulk of my wealth. She is named after me. I, too, was once upon a time The Lady Dora, and popularly known as she is now asThe Fairy of the Sleepy Hollow.’ With that substantial aid to beauty, can you forgive me, my own dear Thomas, if I be not satisfied with any crown less glorious for the fair brow of my darling than a ducal coronet? For myself, I shall be satisfied with what my own beloved will endow me, for he seeks not mine, but me. ”

Aig cluinntinn siod thuirt Captain T. ris féin, “Dear Thomas, your wisdom is to fall in love at first sight with this young lady, and to leave the great widow on your friends, The Mac-Dodos, hands. ” ’S e siod arinn e.


AMY MHORAIDH.
Feasgair de dhOrain Albannach
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, agabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Reic-a- mach.
Tha aon dhiubhsan a thasa chuideachd againn an uine ghoiridg ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse
An t-Iomlan de ar Stoc
DE DHINNSRIDH-TAIGHE
air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair nas isle na bha iad roimhe so.
TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.

So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90

Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.

Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 47
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla IX No. 47. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page