[369]

[Vol . 9. No. 48. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 31, 1901. No. 48.


Am Feasgar.

THAghrian asgaoileadh fiamh a glòir,
Mar bhrat den òr air bhàrr nam beann;
S an dubhar sèamh asnàmh mar cheò,
Acòmhdach còmhnaird réidh nan gleann.

Tha fuaim nan allt mar chòisir chiùil,
Len crònan ciùin aruith gu tràigh;
Asgaoileadh deatach shèamh mar dhriùchd
Thag ùrachadh na miltean blàth.

Tha eòin nan speur len ceileir binn,
Ational cruinn fo sgàil nan craobh;
Mar iobairt neo-chiontach na sìth,
Tha laoidh am beòil gun ghò gun ghaoid.

Tha neòil an anamoich oirnn mun cuairt,
Afalach uainn an t-soluis àidh;
Sguiridh a nis ar saothair chruaidh,
Le sùil ri suaimhneas agus tàmh.

Mar sin tha beathan duine triall,
Bhondhéireas grian airòige bhos:
Gus an tigfheasgar aosmhor, liath,
Bho shaothair dhian chan fhaigh e clos.

An neach is fhaidtha beò den t-sluagh,
Chaneiln a chuairt ach bruadar geàrr,
Seargaidh a bhlàths agheamhradh fhuar,
S cha till a shnuadh air ais gu bràth.

O, Thusa dhealbh an cruinne-,
S ann dhuit is léir ar cridhe steach,
S ann dhuit is aithne crìoch ar réis,
Thoir dhuinn gun géill sinn dha do reachd.

Thoir Thusa dhuinn an dòchas beo,
Thoir uainn na sgleòthan faoin nach seas;
Sn uair théid ar gairm leat thun amhòid,
Gum bi ar lòchrain againn deas.

NIALL MAC LEOID.


Chi Mi Sin is Fuaighidh Mi So.”

LEIS AN OLLAMH DOMHULL MAC-FHIONGHAIN, AN DUNEIDEANN.

II.

THA na Sgeulachdan Gaidhealach de dhiomadh càil. Tha moran diubh mun t-seann Shaoghal air an damhairc an sluagh riamh air an ais le sùil cho blàth:

Mar ghath soluis do manam féin
Tha sgeul na h-aimsir a dhfhalbh.

Tha cuid den ghnè dam bheil Uirsgeil Aesoips aGhréig, no cosamhlachdan an t-sluaigh anns gach àite. ’S ann diubh so Sgeul an Tàilleir. Rinneadh an Sgeul air son teagaisg, air son fìrinn shonruichte a mholadh don t-sluagh. ’S e tha againn an so Searmoin. Agus nach fhaodar a radh, le cead na cléir, am measg gach searmoin fhallan, fhoghainteach, chuimir, ’s gach Searmoin fhada, throm, chadalach a chualas á cùbaidean na Manachainn o dhinnseadh Sgeul an Tàilleir an toiseach, nacheil ach fior bheagan, ma tha aon idir, air an do ghleidheadh cuimhne cho maith. Co-dhiùs ann a chionn gu bheil an t-searmoin so cho goirid no gu bheil i cho blasda, cha ruigear a leas fheoraich. Cha saoil mi air aon dòigh gur ann a chionn gu bheil i cho faoin a ghleidheadh air chuimhne i.

A dhaon chor tha an searmonaiche so làn-eòlach air inntinn, air doigheans air beachdan ar luchd-dùthcha. ’S acheum so saoilidh mi gu faodadh cuid dar ministeireans dar luchd-teagaisg leasan ionnsachadh o Sgeul an Tàilleir. O chionn beagan bhliadhnachan bha fìor-charaid dhomh, ministeir cho comasachs a than ar measg, asearmonachadh dlùth orm, ’s fhuair mi cothrom air dol ga éisdeachd. Bha an t-seirbhis taitneach, drùighteach. Be an stéidh-theagaisgUchd-mhacachd,’ teagasg a gheibh soilleireachadh air dhoigh ro shònruichte ann an Eachdraidhs ann an Cleachdadh nan Gaidheal. Bha ena chleachdadh o shean a bhi acur oighre aChinn-chinnidh gu bhi air altrums air àrach ann an teaghlach den Chinneadh. Be fear-an-tighe oide an oighre. Bi bean-an tighe a mhuime. Be an t-oighre an dalta, ’s be clann na càraid comh-dhaltan an oighre. Dhfhàs bann acho-dhaltais, am measg nan Gaidheal, gu bhi na bu tinne na bann na fala. Bha achlann a dheoghail an aon chìochs a thogadh air aon ghlùn na bu dlùithe an daimh na achlann a rugadh leis an aon mhàthair. Be bràithrean achinn-chinnidh eideadh, a thrusgan; ach be a chomhdhaltan a léine, a léine-chrios:

A bhiodh cho dileas dha ri fheoilnuair thogte a shròl ri crann.”

Is caomh le fear a charaid, achs e smior a chridhe a cho-dhalta,” arsan Sean-fhacal. Mhinich mo charaid a cheann-teagaisg gu comasach. Thug e iomadh sgeul freagarrach a iomadh cearn den t-saoghal a chur soluis air a theagasg; ach ged bha e searmonachadhs aGhàidhlig, do Ghaidheil as gach cearn de dhAlbainn, cha dthainig aon sgeul as aGhaidhealtachd no á eachdraidh is cleachdadh nan Gaidheal. Bha e ruith air minntinn, an aite cuairt a chur air achruitheachd an tòir air Samhlaidhean, nan dthug am fear-teagaisg sinn gu blàr Inbhir-cheitein far an do rinn a luchd-cinnidh riomball stàilinn mu Eachann Ruadh Dhubhairt nach do leig iad a bhriseadh fhads a bha aon diubh beo, no gu faiche Pheairt far an deachaidh an seann oide Torculls na h-ochd co-dhaltan gu bàs le gean adìon an sgagaire bhochd a bu cheann-cinnidh dhaibh, nan do mhinich e dhuinn gum biad na co-dhaltan, na mic-uchd a bhiodh dìleas gus abhàs, gum biadsan, anns an t-seadh spioradail, aig an robh càirdeas a bu dlùithe na bràthair ris amhac-oighre nan uile nithe— ,bha e ruith air minntinn nan robh an teagasg air a shoilleireachadh bho eachdraidhs bho chleachdadh an luchd-dùthcha, gum biodh beachd achoimhthionail Ghaidhealaich mu uchd-mhacachd na bu chothromaiche, ’s gun gleidheadh iad cuimhne na bfhearr air an t-searmoin. Bha searmoin mo charaid, comasach ge robh i, ’na dearbhadh follaiseach air cho neo-fhreagarrachs a tha doigh-fhoghlum nam Ministeirean Gaidhealach air son an dreuchd.

Chan fhaighear fàilinn den ghnè so ann an searmoin an Tailleir. Tha ise, ’na brìghsna dreach, cho Gaidhealach ri fòid mònadh, ri gais fraoich, no ri bad feamanta. ’S e bha aig an t-searmonaiche sos an amharc a bhi moladh dhuinn nàistinnn ar gnothaichean, dìlseachdn ar dleasdanais, a dhaindeoin aon bhuaireadh no cunnart a thigeadhn ar caraibh. Cha bhiodh e furasda teagasg a bu chudthromaiches a bfheumala chur far comhair. Agus tha Ughdar an Sgeoilg a sparradh oirnnna dhòigh Ghaidhealaich fhéin. ’S e tàillear a thagh e mar shamhladh air an fhìor-ghaisgeach, agus chaneil teagamh nach robh a riasan fhéin aige air a shon so. Bhan Gaidheal cho maith ri daoine eile deas gu bhi abeagadh an tàilleir. Tha e fìor nach tigear as aonais. Bidh feum airgnìomh na snàthaide,” mar a thuirt Donnachadh Bàn,

Fhads a bhios na màthraichean
Abreith nam paisdean ruisgt,”

Achs es dòcha gun robh aig an t-Searmonaiche so, ’nuair a rinn e gaisgeach den tàillear, eisimpleir a Mhaighstirna shùil, am Maighstir a fhuair am fìor-choimhearsnach am measg nan Samaritanach dan dthug na h-Iudhaich fuath cho mòr, ’s a thog an Cis-mhaor as an t-slochd chlàbair anns an do thilg gamhlas an t-sluaigh e. A rìs, ’s ann air son gill a dhearbh an tàillear a threubhas, agus tha so réidh ri inntinn aGhaidheil anns gach linn. Cuir a mhisneach an teagamh agus tha e daonnan deas gu dol ga dhùlan. Cuir geall nach dean e an tùrn so no an tùrn ud eile, agus ni e e, air neo bidh fhios carson. Their a Shean-fhacalLeum an gàradh far an isle,’ ach nach tric a gheibh thu an Gaidheal, ma thogas tu a nàdur, ataghadh an àites àirde den ghàradh, ’s acur ploc ùr air a mhullach, a thoirt fianuis den t-saoghal cho [ ? ]

Achs e tha gu sonruichte amoladh dhuinn misnich an Tàilleir, aghnè buairidh is cunnairt a bhaige ra choinneachadh. Tha na daoine da bheil sinne ro mhisneachail, ’s cha ruigear a leas an dìlseachd a dhearbhadh. Dhearbh iad an gaisge air iomadh làraich chruaidh cian mun do rugadh an Tàillear, no mun do thogadh eaglaiss aMhanachainn, agus thug iad fianuis iomadh uair air an dìlseachd dan righs dan ceann-cinnidh nach fhacas a mhac-samhuil ach tearc. Be a bhi cur chraobh don choillidh a bhi moladh feartan den t-seorsa so don Ghaidheal. Ach tha misneach is misneach, dìlseachd is dìlseachd, ann; agus mu choinneamh cuid diubh, is dòcha nach tig ar luchd-dùthcha as nas fhearr na na coimhearsnaich. Is tric a gheibh thu Saighdear a theid air mhire don chath, ach a than a làn-ghealtaire aig fairge. Agus an Seòladair

Nach taisichs nach teidna bhreislich
A dhaindeoin fuathais,
Ged dhatadh amhuir cheanna-ghlas
Suas ga chluasan;

dhfhaoidte gu meataicheadh e roimh luaidhes roimh lasair cho ullamh ri aon a dhéildean Bheinn-dòrain.

Ach cia air bith cho gaisgeils a fhuaradh an Gaidheal air muirs air tir, bha e riamh, mar tha gun teagamh iomadh aon a bharrachd air, sgaoimeach roimh bhodaichs roimh bhòcain. Ann an seann sgeul thaitneach mu churaidhean treuna an àm a dhfhalbh, tha e air innseadh dhuinn gun dthainig eadar Cuchulainn is Conall Cearnach is Laoghaire Buadhach air son bfhearr an airidh air an toitean a bu bhlasda aig fleadh, cuid achuraidh, no an curadhmir, mar theireadh iad fein; ’s gun dthainig eadar an cuid ban air son bu chòraiche air an àite-thoisich an tigh na



[370]

[Vol . 9. No. 48. p. 2]

cuirme. Cha burrainnear achùis a shocrachadh an Ultaibhs chaidh a cur, ga réiteach, do Chruachan, gu Ailills gu Mèabh. Rainig na curaidhean Cruachans fhuair iad an deagh ghabhail rompa, roghas togha bìdh is dibhe is leapa. A dhearbhadh an gaisge, ’s e chur Mèabh an caraibh nan laoch tri cait bheaga, an riochdbhiasta druidheachda.” Tha an sgeul ag innseadh gun dthug Conall Cearnach is Laoghaire Buadhach na sparran orra, a chlisgeadh, ’s gun dfhan iad an sin fad na h-oidhche ag amharc air na cait ag itheadh an cuid bìdh, ’s iad fhéin air an gonadh leis an acras. Sheas Cuchulainn a làrach, ach, mas fhìor an Sgeul, cha dith prìomh laoch nan Gaidheal, greim bìdhs cha do chaidil e neul air an oidhche ud. ’S e lan-aighir a thann dhuinne a bhi faicinn nan curaidhean treuna air theicheadh roimh phiseig chait; ach, mar a thuirt iad fhéin, “Chan ann ri biastan a chathaicheamaidne, ach ri daoine.”

S dòcha gu bheil am Bòcan a nis air call mòran da chumhachd. Chan fhaicear cho tric e, ’s chaneil uiread eagail roimhe, mas es gu faicear e. Ach nach fhaod e bhith, gu bheil aig a mhor chuid dhinn, cùil no Cill shonruichte, fagus da sheann dachaidh, ’na shùil, a bfhearr leis dol cuairt timchioll chnoc is ghlac, na dol ro dhlùth oirre, air marbh na h-oidhche? Tha e furasda gu leoir a bhi misneachails abhaile-mhòr, far an do chuir am Policeman an ruaig air Bodaichs air gràisg de gach seorsa, no air t-aineol, far nacheil fhios agad càite an coir sealltainn air son Bhòcan. Ach aig an tigh, far nacheil tom no fròg anns an do ghabh Bodach riamh tàmh nach aithne dhuit gu ro mhaith, —sin àit achruadail. Chi thu an sin Bodaich, far nacheils nach robh iad,—

N ad eagal is lionmhor Bòcan.

Ach [ ? ] am Bodach a nisna chùis-eagail mar a bha e, ’s tha sin cho maith. Tha cho beag sgaoim oirnn a niss gu bheil sinn deas gu feoraich is rannsachadh is ceasnachadh mu sheallaidheans mu shamhlaidhean nach tuig sinn. Tha cuid againn air fàs cho dalmas gun dean sinn feala-dhà den chùis. Agus chan fhaigh thu comharra is cinntiche gu bheil aGhlaistig, aChaointeach, an Uruisg is Bòcain de gach dreachs de gach gnè, air fàs ganns air fàs fann, na an uair a thoisicheas daoine air culaidh-mhagaidh a dheanamh den ghnothuch. ’S ann uidh ar n-uidh a thig achùis gus an ìre so.

Is cuimhne leam seana bhean a bha alàn-chreidsinn anns na Bòcain, ach dhearbh a giùlan air feasgar sonruichte gu robh an creideamh no co-dhiù an t-eagal, air fannachadh. Bha gleann uaigneach, fàsail, dlùth do dhachaidh na mnatha so, far am bàbhaist do na daoine beaga, ma bfhìor, a bhi atighinn a mach á tulman gorm, ’s a bhi adannsadh gu h-iollagach, ri solus na gealaiche. ’S ann troimhn ghleann a bha an rathad mòr adol. Bha am boirionnach còir aig cuirm ann an tigh bhàrr an rathaid. Bha ceum aig bonn aghlinne a bheireadh na bu luaithe gu a dachaidh i. Bha an dorcha atighinns ghabh i an ath-ghoirid. Ach nuair a bha i seachad air fosgladh aghlinnes an sealladh a tighe fhéin, bhuail ena ceann, chaneil fhios agam carson, bha am boirionnach làn àbhachdaiss bha i aig cuirm, —ach bhuail ena ceann gu faodadh na daoine beaga, ’s maith a dhfhaoidte na daoine mòra, bhi feoraich carson nach do ghabh i an rathad gnàthaichte. Stad i, thionndaidh i a h-aghaidh suas an gleanns glaodh i, àirdecinn: “An cluinn sibh mi, na thas an éisdeachd? Dhfheucham fhéin nach bi sibh asmaointeachadh gur e eagal roimhibhse a chum mise gun tighinn troimhn Teampull an nochd. Chan e idir. Ach dhfhan mi modhas fada aig bangaid bean Fhionnlaidh. Bha achuirm taitneach, ’s bha achuideachd sunndach. Tha a nis an t-anmoch ann, ’s tha cabhag orm dhachaidh. Tha fear-an-tighe on bhaile; tha an crodh ram bleoghan, an t-suipeir ra bruich, ’s achlann ran cur a luidhe. Sin a thug dhomhsa ceum na h-ath-ghoirid a ghabhail, ’s thugaibh bhur ceart aire nach bi aon agaibh ag radh gur ann le eagal roimhibhse a sheachainn mise an Teampull an nochd.” Bha mo bhana-ghoistidhna boirionnach smiorail gun teagamh, agus mar thubhairt mi, bha i an déigh tigh na cuirme fhàgail. Ach is gann a shaoileas mi gun labhradh a seana mhathair cho neo-eisimeileach ri muinntir aghlinnes a rinn ise.

Ri linn an Tàilleir bha an Sluagh gu léir, àrd is ìosal, lag is làidir, eolach is aineolach, alàn-chreidsinns na Bòcain. Agus an àite bhi lùghdachadh, ’s ann a tha e gu mor ameudachadh, misnich an tàilleir gu robh làn a chridhe den eagal air, nuair a choinnich e an t-uamhas ud an Eaglais Chille-Chriosda. An àm cogadh Bhonapart chunnacas aon uair saighdear adol sìos don bhlàr, ’s aodann cho bàn ri bréid. “An sgagaire bochd,” thuirt Oichear a bhas an làthair. “Tha thu am mearachd,” arsWellington. “Is léir don t-saighdear a chunnart, ach chaneil moillena cheum. Cha till an duinud, ’s e beò.” ’S e an Diùc a bha ceart.

Ach cha ruigear a leas a bhig iarraidh an sgeul an tàilleir teagasg no fìrinn nacheil innte. A réir a bheachdans a chreidimh thug an duine dearbhadh comharraichte air a mhisnich, agus is dòcha nach robh abheag tuillidh aig ùghdar an sgeoilna cheann. Ach cha bfhìor-ghaisgeach air aon chor Taillear na Manachainn. Chaneil am fear is àirde misneach teom air a bhi deanamh bòsd as a threubhas, no bhi cur gheall mu Euchdan. Agus idir, idir cha teich e roimh namhaid. “Am fear nach teich, teichear roimhe.” Bha beachd moran na bu chothromaiche aig Dughall Buchanan air an fhior-ghaisgeach na bha aig Searmonaiche na Manachainn:

Cha bu ghaisgeach Alastair mor,
No Caesar thug an Roimh fo ghéill;
Oir ged a thug iad buaidh air cach,
Dhfhan iadnan traill dam miannaibh féin.

Achs gaisgeach esan a bheir buaidh
Air eagal beathas uamhunn bàis,
S a chòmhlaicheas le misnich cré
A h-uile a ta dhan dàn.

Ach ged tha so mar so, chaneil eisimpleir an tàilleir ra chur an suarachas. Cha tig ar Bòcan-ne an cruth uamhais; is dòcha gun tig e ann an riochd gu mòr is caoimhnealas is cunnartaiche. Ach thigeadh e mar thogras eagus tighinn air aon doigh no doigh eile ni ebìdh e gar feum facal an tailleir a ghleidheadh air chumhne:
Chi mi sin; ach fuaighidh mi so.”

(Achrioch).


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. II.

MAR a bha nàdarra gu leor, bha Aonghas Donn gle mhuladach a dol a dhfhàgail tir an fhraoichtir a chridhe, tir a shinnsridh, a bha iomadh ceud bliadhna comhnuidh mun ghleann. Ach a measg na bha Aonghas a fàgail, bha aon àraidh ris an robh e na bu chruaidhe leis dealachadh na ri sheann phàrantan fhéin, ged a bha e gu math cruaidh leis am fàgail na dheigh. Be so caileag òg, shuairce dam bainm Catriona. Bhah-athair, Domhull Bàn, a fuireach mu leith mhile o dhachaidh Aonghais, aig bruaich a ghlinne. Bha Catriona airidh air meas gach aon. Bha i na h-ighinn chiùin, eireachdail. Ach cho bòidheachs gun robhpearsa, cha robh i dad na bu bhòidhche na bhah-inntinn, no na bu ghlaine na bhacridhe. Cha tachradh riut ann an coiseachd seachdain a thigeadh suas ris an òigh Ghaidhealaich so; ’s chaneil teagamh nach aontaicheadh Aonghas fhein leat gu cridheil, chan e mhàin coiseachd seachdain ach coiseachd bliadhna. Bha i fhéin agus Aonghas eolach air a cheile on bu chuimhneach leothadol don aon sgoil, an uair a bhiodh sgoil ann, mun deach an duine còir, Alasdair nan Slat, o fheum buileach, ’s chaneil teagamh nach biodh barrachd sgoilearansa ghleann nam biodh e air toirt suas na bu tràithe; oir bha e car coltach ris an each a bhaig Iain Mor, a bhiodh lathag obair, ’s latham bogadh, ’s latha marbh. ’S iomadh spors a bhiodh aig a chloinn airs na bliadhnachan mu dheireadh, oir bhan duine bochd a fàs glé dhiochuimhneach. Bha e aon lathasa gheamhradh a dol a mach gudhinneir, a bhoineid ghorm na laimh, ’s fàd mònadhsan làimh eile airson an teine. Chrom e air a shocairs chuir e bhoineid gu dòigheilsan teine, ’s chàirich em fàd mònadh ma cheann. ’S en gleadhar a thug e air an sgall aig an duine bhochd a thug na smaointean aige air ais gu talamh. Thug Aonghas a bhoineid bhiorach aige fhein dha airson a thoirt dhachaidh, ’s theab e-fhéin agus na sgoilearan eile dhol as an cìdhlein, an uair a fhuair iad a chùl ris; oir cha robh bhoineid bhiorach ach mar gum biodh bàirneach air mullach a chinn, ’s iomadh acaire lom, geal ma chuairt oirre, ’s na ribinnean air an aghaidh. Mun dealaich mi ri Alasdair nan slat, feumaidh mi aon naigheachd eile innseadh air. Bha e na chleachdadh aige bhith leughadh ùrnaigh mhaidne agus fheasgair, gle thric anns na h-aon bhriathran. Shaoileadh duine mar so gum biodh iad aigair a theangaidh, ach cha robh cuimhnAlasdair na bfhaide ach gun toireadh i air eiginn e o fhacal gu facal air an duilleig an àm a bhithga leughadh. Bha fios aig na gillean air a so glé mhath, agus air aon latha dhfhalbh toirmeasg gille, Iain dubh nan car, agus thàth e le stuth air choireigin duilleag a bha mun aon urrad, ris an duilleig air an robhn ùrnaigh, a thug e á leabhar òran, ’s chuir e gu dòigheil an leabhar urnaigh farn do dhfhàg a maighstir-sgoile. A nis, an uair a thainig Alasdair, le guth naomh, a bha gle fhreagarrach, thun nam briathran a leanas— “Agus stiuir sinn, O Thighearna, mar” —thionndaidh e nis an duilleag, far am bàbhaist an corr don ùrnaigh a bhith, ’s thòisich e

Alasdair nan stop,
Ann an sràid a chùil,
Sin an duine còir
Air a bheil mo rùn.”

Cha dfhuair e na bfhaide le gaireachdaich nan sgoilearan, ’s bha e cho math; oir ged is e Donnachadh Bàn fhein a rinn an duanag so, chaneil moran gliocais na bàrdachd innte. Ach fhuair Alasdair a mach an ciontach, ’s rinn e e-fhéins an t-slat gu math eolach air a cheile. Achs e thàmailtich Iain dubh nan car gur e-fhéin a chuireadh a ghearradh na slaite a bha gu gabhail air. Cha ghoirticheadh a chiad fheadhainn a thug e air adhart cuileag; gus an deach a thilleadh iomadh uair, cha dfhuair e gin a bha mor gu leor an suilean Alasdair. Ach bha e riaraichte mu dheireadh. Chàirich Iain te na laimh air an robh coltas a gnothuich. Ach cha robh fios aige, ged a bhan ceann a chuireadh na



[371]

[Vol . 9. No. 48. p. 3]

laimh fhéin cruaidh gu leor, nach robhsa cheann eilean ceann a bha dol an dàil Iain duibhach an rùsg, ’s na bhair an taobh stigh air a ghearradh as gu teoma le sgian gheur Iain.

Air gach beinnus gleann mun cuairt bha Aonghas agus Catriona mion-eolach. Bha fios aca càiten robh gach luibhsan robh leigh a fàscàiten robh gach flùr bu bhòidhches bu chùbhraidhe rim faotainn— ’s bu thric leotha, ’n uair a bhiodh iad a buachailleachd, suidhe air cnocan grianach a deilbhs ag aithris nan gnothaichean a bha iad a dol a dheanamh an uair a dhfhàsadh iad mormar a thogadh iad taigh a bhiodh air a dheanamh uile gu leir air uinneagan, ’s chladhaicheadh iad dìg mun cuairt air gus na sìthichean a chumail a muighbhiodh crodh aca, ’s cnapan òir air na h-adhaircean aca, mar a bhair n t-saighdear, ’s laoigh bheag gheala nach fhàsadh mor gu bràth, ’s iomadh ni eile. Smaointeanan neo-chiontach na h-òige: càiten coimeas toileachadh sam bith a thaobhas sinn, an uair a thig sinn gu aois, ri toileachadh ar n-òige, ged a bhiodh na deòir fhein daonnan dlùth? Bheireadh fìdeag bonn-a- sia barrachd de thoileachadh dhuinns na làithean ud, na bheireadh òr na h-Eòrpa, ged bu leinn e, ’nuair a bhios sinn ionmhach. Ach air latha àraidh, ’nuair a bha iad mu dheich bliadhna dhaois, bfheudar dhaibh dealachadh gar greis, mar so: Bha bràthair-màthar do Chatriona, a bha gle mhath dheth, a comhnaidh ann an eilein eile. Cha robh duine cloinne aige fhein, ’s cha robh dùil riutha nis. Thachair dha bhith air chuairtsa ghleann an taigh Dhomhuill bhàin, agus ghabh e tlachd mor de Chatriona os cionn na bha stigh. (Theireadh Aonghas, “Co nach gabhadh? ”) Aguss ann a bhrosnaich epàrantan air son a leigeil air falbh comhladh ris fhein. Bhiodh cothrom aice air sgoil is ionnsachadh agus iomadh ni nach rachadh aice air fhaotainnsa ghleann. Cha dubhairt e sos na h-urad de bhriathran, ach bha fios aig a pàrantan air aig a cheart àm, agus ged a bha e cruaidh leotha Catriona leigeil air falbh, ’n deigh sin cha bu toigh leotha seasamh an aghaidh ni sam bith a bhiodh gu math aon dhen gineil. Chaneil teagamh sam bith nach bfhearr gu mor le Catriona fuireachsa ghleann fhein, ach dhfhalbh i co-dhiu. Agus bha i na meudachd, aig aois sheachd-bliadhn’ -deug, ciùin, banail, bòidheach, ma fac in gleann a rithist. A measg na chunnaic Catriona na dachaidh ùir, chan fhaci aon a chuireadh i air thoiseach, na ionnan ri Aonghas, companach a h-òige. Agus a nis, an uair a bha i air tilleadh do thaigh a h athar, cha robh e doirbh sam bith a bhearna thainig eatorra fhad’ ’sa bha iad dealaichte a lionadh agus an eòlas ùrachadh. Beag air bheag bhuail galair iongantach iad a tha nas gabhaltaiche na fiabhrus. Mar thuirt bàrd air choireigin, cha robh iad tinn no slàn, ach bha iad ann an gaoTheab mi innseadh, ach chan abair min corr an dràsd, ach nach teid aig lighichean air furtachd sam bith a thoirt do neach air am bi e. ’S iomadh oidhchebhiodh Aonghas ri fhaicinn gu sunntach sios bun a ghlinne, duanag chridheil aige ga seinn, gun chuimhnair sgìos an latha, ach cho aotrom, uallachs ged a bhiodh e air faighinn ma sgaoiln déis a bhith fo ghlais fad bliadhna. Bha Aonghas còir a deanamh fìor an t-sean-fhacail, Far am bi mo chradh bi mo lamh, ’s far am bi mo ghradh bi mo thathaich. Ach thig crioch air gach ni, ’s mar sin thainig an t-àm sam feumadh na leannain dealachadh. Bha Aonghas, ’s gun mhoran aige ri dheanamh, comhla riathair air a chriomaig fearainn a bhaige. Bha siosar an uachdarain a bearradh na criomaig so fhein o àm gu àm, gus mu dheireadh nach robh aige, mar gum beadh, ach an crann air an robhn t-aodach. Air an laimh eile bha fathunn gun robh Ailein ruadh nam bo, bràthar-màthar Catriona, a dol a dhfhàgail na roinn bu mhotha dhe chuid aice, air chumhnants gum pòsadh i fear a shaoileadh esan a bhiodh freagarrach. Bha fios aig Aonghas ged a bhiodh fortan aige nach robh agus nach fhaigheadh en cairdeas Ailein ruaidh ri bheo, airson reusan àraidh, agus be so e. Air do dhAilein a bhi air chuairtsa ghleann an taigh a pheathar, thachair dha bhi aon latha grianach a gabhail cuairt, agus co thachair ris ach Seumas nan stòp. Bhiodh botul beag cridheil do dhriùchd nam beann air siubhal Sheumais daonnan, ged nach fhaca duine riamh sgillin airgeid aige. Bha cuid ag radh gum baithne dha fuaran falachaidh air choireigin far an robhas a cruthachadh mhic-na-braiche. Sheas Seumasus Ailein a comhradh aig bruaich poll mònadh, agus ann a sin fhuair iad a mach gun robh iad càirdeach: be an sinn-seanairean clann an da mhàthair, agus mar sins ann a thug Seumas am botul air lom agus dhòl iad air a cheile gu toilichte. Dhfhàg so car blàth iad le cheile, agus gu math comhraiteach cuideachd. Bha bataig Ailein, agus air dha bhi faighinn a chinn a fas aotrom, chuir em bata fo uchd air bruaich a phuill. A nis, gu mi-fhortanach, bha Ailein trom, bham poll bog, ’s bham bata biorach, ’s ann am priobana sùla cha robh ri fhaicinn de dhAilein ach an bhroig. Fhuair Seumas gu tìr e dholc na dheiginn; agus aig an àm co thainig an rathad ach Aonghas. Ma bha Ailein ruadh roimhe, bha e dubh gu leor a nis, agus theab Aonghas stracadh a gaireachdaichnuair a chunnaic en coltas a bhair. Na shuidhair bruaich a phuill-mhonadh, seann neapeagin geal le Seumas a dion an sgall aige on ghréin, oir bhabhoineid ghorm fhathast an grunnd a phuill, sheall e gu math mi-chiatach air Aonghas ledha shuil mhora, gheala an uair a chunnaic e cho toilichtesa bha e. Thoisich en sin ri sgornaichs air toirt a phuill as a chluasan. Bha feusag mhor air cuideachd, ’s thoisich Seumas ricur air doigh, agus smaointich e nach robh doigh a bfhearr na breith orras a fàsgadh gu teann, cruaidh. Bha driùchd nam beann an ceann Sheumais fhathast, ’s chaneil teagamh nach e sin a thug air feusag Ailein fhàsgadh cho cruaidh. Leig Ailein ruadh amh-ràn ass thug e upag do Sheumas, a thug tàrradh, an uair a dhfhairich e e-fhein a falbh, air Ailein, ’s sid sios le cheiliad a rithist. Chuir so Aonghas air a dhruim dìreach a rithist a gaireachdaich. Ach chuidich e na bodaich gu tìr, agus dhfhàg e iad fo sgàth tom seilich, ’s an cuid aodaich a tiormachadh air an fhraoch. Cha burrainn Aonghas, an àm dealachadh riutha, gun lasgan gaire eile a dheanamh, a faicinn nan laoch a bha e fagail as an leintean fo sgàthn t-seilich. Cha be sin, ach chuir e Mor nighn Uilleam a mach thun a phuill mhònadh, ag ràdh rithe gun robh dha dhe na gamhna aice ann am bogadh. Bhon latha sin bha ainm Aonghais air a dhubhadh ann an leabhraichean Ailein ruaidh.

(Ri leantuinn. ).


Sgeulachdan Arabianach.

PRIONNSALASNAM AGUS RIGH NAM FATHACH.

CAIB. III.

CHO luaths a chuala Mobarec na briathran so a labhair Alasnam, leig e e-fheinna shineadh aig a chasan, agus an uair a thug e pog dha lamhan, thuirt e, “Tha mitoirt buidheachais do Dhia air son do thoirt an so. Tha fhios agam gur tu mac an righ a bhair Balsora. Ma tha toil agad a dhol don aite anns am bheil an iomhaidh iongantach, treoraichidh mise ga ionnsuidh thu; ach feumaidh tu an toiseach fois a ghabhail an so beagan laithean. Tha uaislean na cuirte aig cuirm maille rium an diugh. Bha sinn aig abhord an uair a dhinnseadh dhomh gun robh thu aig an dorus. Am bheil thu toileach tighinn a steach a chum a bhith subhach maille ruinn?”

Bidh mi gle thoilichte cead fhaotainn a dhol thun na cuirme,” arsAlasnam.

Thug Mobarec a steach e gun dail don t seomar mhor, mhaiseach anns an robh ard-mhaithean Chaironan suidhe aig achuirm. An uair a chuireadhna shuidhe aig abhord e, bha Mobarec fhein afrithealadh dha air a ghluin. Bha ioghnadh gu leor air ard-mhaithean Chairo an uair a chunnaic iad so, agus bha iad abruidhinn gu beag eatorra fhein, agus ag radh, “Co e an coigreach so dom bheil Mobarec atoirt a leithid a dhurram?”

An uair a chuireadh crioch air achuirm, labhair Mobarec ris achuideachd, agus thuirt e, “Ard-mhaithean Chairo, na cuireadh e ioghnadh sam bith oirbh ged a tha misedeanamh frithealaidh air an doigh so don choigreach og. Biodh fhios agaibh gur mac e don righ a bha air Balsora, agus gun robh misenam sheirbhiseach aig athair. Cheannaichathair mi lechuid airgid fhein, agus dheug e gun mo shaorsathoirt dhomh. Air an aobhar sin tha mi fathastnam sheirbhiseach, agus, mar oighre dligheach air gach ni a bhuineadh dha athair aig uair a bhais, buinidh mise agus gach ni a thagam ris an t-saoghal le coirs le ceart don phrionnsog so.”

Chuir Alasnam stad air, agus thubhairt e, “Tha mise ag innseadh gu follaiseach, ann an lathair nan tighearnan so gu leir, gum bheil mitoirt dhut do shaorsa air amhionaid so, agus gum bheil mi leigeadh uam gach uile choir a bhagam ort fhein agus air gach ni a tha thusealbhachadh. Innis dhomh mas math leat mi dheanamh dad sam bith eile air do shon.”

Thug Mobarec pog don talamh mar chomharradh air an umhlachd a bha atoirt den righ agus thug e mile taing dha a chionn gun dfhuan e a shaorsa uaithe.

An sin thugadh a steach fion, agus chuir iad seachad na bha rompa dhen latha ag ol an fhiona, agus ri comhradh taitneach. An uair a thainig am feasgar thugadh tiodhlacan do na h-aoidhean, agus dhfhalbh iad dhachaidh.

Air an ath latha thuirt Alasnam ri Mobarec, “Tha mi an deigh manail a leigeadh math gu leor. Cha bann a dhiarraidh fois is solais a thainig mi do Chairo; is ann a thainig mi a chum gum faighinn an naoidheamh iomhaidh. Than t-am againn a bhithfalbh air a toir.”

Mo thighearna,” arsa Mobarec, “tha mise deas gus deanamh mar is aill leat; ach chaneil fios sam bith agad air achunnart a thagad ri choinneachadh mum faigh thu an t-iomhas luachmhor sin.”

Ge be air bith cunnart a thachras rium, tha mi suidhichte gun teid mi air a thoir. An dara cuid theid an gnothach leam, ar neo caillidh mi mo bheatha ris. Tha h-uile rud a tachairt anns an t-saoghal a reir ordugh Dhe. Bi thusafalbh comhladh riumsa, agus feuch ri do mhisneach a chumail suas cho math rium fhin.”

An uair a chunnaic Mobarec gun robh Alasnam suidhichte gum falbhadh iad, thug e ordugh dha sheirbhisich gach ni feumail air son an turuis fhaotainn deiseil. An uair a dhionnlaid iad iad-fhein gu math, agus a ghabh iad an urnuigh, dhfhalbh iad. Thug iad iomadh latha air deanamh an astair a bha rompa, agus ghabh iad beachd air iomadh rud gle iongantach fhads a bha iad air an t-slighe. Mu dheireadh rainig iad aite a bha anabarrach briagha, agus thainig iad air lar. Thuirt Mobarec ris na seirbhisich a bha comhladh riutha, “Fanaibhse ann an so, agus thugaibh an aire mhath do gach ni gus an till sinne.” An sin thuirt e ri Alasnam, “Mo thighearna, bidh sinn a nis afalbhnar dithis gun duine ach sinn fhin. Tha sinn dluth air an aite uamhasach anns am bheil an naoidheamh iomhaidh. Tha feum agad air lan-mhisneach a bhith agad.”

(Air a leantuinn air taobh 374).



[372]

[Vol . 9. No. 48. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, MAIGH 31, 1901.

Nam biodh dearbhadh aig daoine gu bheil na bliadhnaichean a tha rompa gu bhi cho soirbheachail ris na bliadhnaichean so, bhiodh an leisgeul ri ghabhail air son a bhi caitheamh. Ach cha dthainig àireamh de bhliadhnaichean pailte, soirbheachail riamh o thùs eachdraidh an t-saoghail, nach dthainig àireamh de bhliadhnaichean ganna, cruaidhe nan deigh, agus chan eil aobhar a bhi creidsinn gu bheil atharrachadh a dol a thighinn air cùrsan t-saoghail anns an dòigh sin gus an tig crioch air. Thig na bliadhnaichean ganna, cruaidhe, agus chaa eil fhios am bheil iad fad as, anns an amhairc sinn air aiss an caoidh sinn caitheamh struigheasach nam bliadhnaichean pailte.


Tha an t-àrd-riaghladh ameas gun cuir iad feum air tri fichead us ochd millein dolair air son obair na dùthcha a chumail air adhart an da mhios dheug a chriochnaicheas air Iun 30, 1902. A reir barail moran, tha an t-suim so tuilleadh us mor. Tha an dùthaich anns na bliadhnaichean so amealtuinn soirbheachaidh nach robh aice riamh roimhe, agus tha e nàdurra gu leòr do dhaoine, nuair a bhios an t-airgead pailt agus furasdfhaotainn, a bhi ro-ullamh gus a chaitheamh. Chan eilear ag radh nach eil an t-airgead mor so ri bhi air a chur gu deagh bhuil, ach chan eil teagamh nach fhaodadh an riaghladh a bhi beagan na bu chaomhnaichena tha iad. Tha moran bheul an còmhnuidh fosgailte air son an airgeid, achnuair a bhios e pailt bithear gu tric afosgladh bheul nach cuireadh feum sam bith air. Thugadh aon ghrein mor á ionmhas na dùthcha air an earrach so fhéin le buill na pàrlamaidnuair a dhaontaich iad, agus sin gun uiread us cead na dùthcha iarraidh, coig ceud dolairsa bhliadhna chur ri an tuarasdail féin. Chan urrainn iadsan a tha air taobh eilen taighe clach a thilgeadh air an riaghlaidh air son sin, no air son gach cosg eile rinn iad, oir bha iad mar bu trice cho deònach an t-airgead a chosg riutha féin. Cha dfhuaireadh ach fior bheagan de bhuill an taighe air fad a thog an guth an aghaidh àrdachadh an tuarasdail, agus cha drinn na labhair iad drùghadh sam bith air càch.

Tha e ceart gu leòr a bhi gearan air luchd-riaghlaidh bhailtan, is roinnean, is dhùthchannan nuair nach eil iad adeanamh an ni e tha ceart, no a tha iad adeanamh ana-caitheamh air maoin an t-sluaigh. Ach bu chòir do dhaoine barrachd us gearan a dheanamh. Bu chòir dhaibh aobhair a ghearain a chumail air chuimhne gus an tig àm taghaidh, agus gach duine bhios ag iarraidh taghaidh a dhuaisneachadh a reir a dheanadais. Nam biodh fhios aig gach aon de bhuill na pàrlamaid gu robh iadsan a chuir a stigh iad a cumail sùil ghéir air an deanadas, agus nach biodh iad air an cur a stigh a rithist mur biodh gach ni a dheanadh iad ceart, agus a chum math na dùthcha, biodh cuid dhiubh moran na bu fhritheiltiche dan dleasdanas agus na bu chinntiche math na dùthcha chumail daonnan san amharc na tha iad an diugh. Ma ni iadsan a tha air an cur an ùghdarras leis an t-sluagh nithean nach bi a reir toile no a chum math an t-sluaigh gun teagamhsen sluagh fein a bhios rin coireachadh. An duine tha ceart agus onorach, ’s fhurasdaithneachadh, agus bidh e mar sin ge ba àite san cuirear e, no ge be pàirtidh dam buin e; ach am fear nach bi ceart no onorach fo sgéith aon phàirtidh, cha bhi e dad nas fhearr le dhol fo sgéith pàirtidh eile. “Am fear a bhios carachsa bhaile so, bidh e carachsa bhailud thall.”


Na h-Eaglaisean Albannach.

Choinnich ard-sheanaidhean nan eaglaisean Albannach, air Di-màirt, an 25mh latha den Mhàigh ann an Dunéidean. A thaobh Eaglais na h-Alba tha cors a cùisean gun atharrachadh. Air aon dòigh cha robh cùisean cho greadhuach. A chionn gun do chaochail aBhanrigh air abhliadhna a dhfhalbh cha robh Fear-riochdachaidh an Rìgh agleidheadh nam féisdean àbhuisteach; ach a thaobh aobhair ghnàthaichte na h-Eaglais féin bha an obair mar a bàbhuist. ’Se Moderator na bliadhna a dhfhalbh an t-Olla Tormoid Mac Leòid á Ionar-nis, searmonaiche ainmeil ealanta; agus is e Ceann ùr an Ard Sheanaidh an t-Olla Mitchell á Léid. Choinnich an Eaglais Shaor Aonaichte air an aon latha. Be a Ceann-suidhe-se o àm an Aonaidh an Diadhair ainmeil, an t-Olla Raibeart Rainy, a tha nis afàgail na cathrach air son an Olla Kennedy a bhuineadh roimhe so don Eaglais Chléirich Aonaichte. ’S iad na gnothuichean bu mhò a bha acasan ri dheanamh a bhi socrachadh cùisean is riaghailtean coitcheann an Aonaidh. Bha an fheadhainn a bha an aghaidh an Aonaidh acoinneachadh fon t-seann ainm, “an Eaglais Shaor.” Chan eil ann dhiubh so uile gu leir ach mu shia air fhichead de mhinisteirean; buinidh a mhor chuid dhiubh don Ghàidhealtachd.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Matheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Confederation Life ASSOCIATION.

Eachdraidh 29 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.

Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,870.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25

Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nampolicies” $1 ,505,546.25

F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.

Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.



[373]

[Vol . 9. No. 48. p. 5]

Naigheachdan.

Chaidh da iasgair Fhrangach a thogail deireadh na seachdain sa chaidh air a chuan mhor le soitheach-smùide a thug iad gu ruige Halifacs. Bha iad anns abhàta fad thri latha, agus mun dfhuaireadh iad bha iad an deigh moran fhulang le fuachd us acras.

Bha latha Victoria air a chumail anns gach cearna de Chanadas den Impireachd Bhreatunnaich mar a bàbhaist. Cha robh na brataichean cho lionmhor ri crann sa bhitheadh iad bliadhnaichean roimhe, ’s bha an latha air a chur seachad na bu shàmhaiche na bhitheadh e beatha Victoria féin. Bha so uile iomchuidh; cha bhiodh e freagarrach othail no greadhnachas mor a bhi air a nochdadh air co-ainm a latha-breth ùine cho goirid an deigh dhuinn uile bhi caoidh a bàis.

Tha efàs car coltach gum bi cùisean ann an Sina air an réiteachadh an ùine ghoirid. Tha na rioghachdan mora an deigh an t-suim a tha iad acur mu choinneamh Shina a phàigheadh, a thoirt a nuas gu $337 ,000,000, agus tha Sina ag aontachadh sin a phàigheadh. Chaidh mu dha cheud de cheannardan nam Bocsairean a pheanaisteachadh on ghabh an t-arm Eòrpach seilbh air Pekin, agus eadar sin agus pàigheadh an airgeid, faodar a radh gu bheilear an deigh dioghaltas gu leòr a dheanamh air Sina air son mi-riaghailt a cuid iochdaran. Chan eil fhios nach dean an troimhe-cheile so Sina a thàthadhsa neartachadh air dhòighs gum bi i comasach air àite ghabhail an comhairle cumhachdan moran t-saoghail nach robh aice riamh roimhe.

Ann am baile Halifacs, thatar aig an àm so acur cruaidh ri luchd-reic nan cigarettes air son a bhigan reic riuthasan a tha fo aois. Chaidh càin gle throm a chur air fear dhiubh an la roimhe, agus tha chead aige. Ann an Sidni thatar a cur càin air neach sam bith a theid le rothair air achuid sin den t-sràid a bhuineas do na coisichean, agus tha sin ceart gu leòr. Ach tha ann aHalifacs agus ann an Sidni, buidheann lionmhor de dhaoine a tha creic ni a tha mile uair nas cronaile na na cigarettes, ’sa thag aobharrachadh mi-riaghailt us call nach urrainn luchd nan rothairean a dheanamh, agus chan eilear ach gann a feuchainn ri stad no grabadh sam bith a chur orra. Tha e ro-choltach gu bheil iad-san a shiolaidheas a mheanbh-chuileagsa shluigeas an càmhall gun an saoghal so fhàgail fhathast.

Chaidh fear Alasdair Domhnullach a bhàthadh aig Eilean nan Ian faisg air aBhras dOr Bheag Dior-daoin, seachdain gus an . Bha e leis féin aig an àm, agus thatar a deanamh a mach gur e tuiteam bhar creig a rinn e, ’s o nach robh cuideachadh faisg air gun deachaidh a bhàthadh. Be so am fear a bha air a chur an greim, dlùth air fichead bliadhna air ais, air son mort Iain Mhic Gill-fhaollain, faisg air Hogomah. Bha e air fhaotainn ciontach dhen ghniomh sin, ’s air a dhìteadh gu bàs, ach chaidh a bhinn an deigh sin atharrachadh, ’s fhuair e as le àireamh bhliadhnaichean dhen tigh-obrach. Bha e air an t-samhradh so ag obair ann am factoridh ghiomach aig a Bhras dOr Bheag, aguss ann muobair a bha e nuair a thachair an sgiorradh leisn do chaill e a bheatha. Tha a chorp gun fhaotainn fhathast.

Bha làn na mara ag eiridh neo-chumantàrd anns a Bhay of Fundy mu mheadhon a mhios so. Bha mu chairteal mile den rathad-iaruinn air a sguabadh air falbh leis an làn aig Sackville, N. B., ni nach do thachair a leithid o chionn ìomadh bliadhna.

Chuir am mortair Bresciam fear a mhort righ na h-Eadailt an uiridhcrioch air fhein air an t-seachdainsa chaidh. Bha e o chionn ghoirid gle ain-fhoiseil na inntinn, agus Di-màrt, thachd e e-fhein le aon de na plangaidean a thoinneamh suas agus a cheangail muamhaich.

On chaidh na slighean uisge eadar braigh na h-aimhne St. Lawrence agus na lochan mora a dhoimhneachadh, faodaidh soithichean mora air an làn luchdachadh, ruith á Chicago, no á baile sam bith timchioll nan lochan mora, dìreach don t-seann dùthaich. Thaghail a cheud soitheach a rinn an turus sin, an Northman, ann an Sidni Tuath air an t-seachdain sa chaidh.

Thatar dhen bharail gun do bhàth fear Uilleam OToole e-fein aig a Bhras dOr Bheag toiseach na seachdain sa chaidh. Fhuaireadh an t-eachs an carbad aige ri taobh an uisge, agus gun sgeul air féin. Cha dfhuaireadh a chorp fhathast; bha an t-uisge, far am bheilear a smaoineachadhn do bhàthadh e, anabarrach domhain, agus an sruth gle làidir, ’s chan eil teagamh nach robh a chorp air a ghiùlan a mach don chuan mhor.

Thachair droch sgiorradh don t-Shamrock, abhirlinn leis am bheil Sir Tòmas Lipton adol a chur reis ri birlinn nan Geancach mun tig crioch air an t-samhradh so. Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh, chaidhtear a mach leatha, agus bhuail soirbheas làidir i a bhrist na croinn dhiths a chuir gach aon a bha air bòrd car ùine bhig an cunnart am beatha. A bharrachd air Sir Tòmas fhéin, bha Righ Iomhar agus beagan de dhuaislean eile air bòrd. Chuir an cunnartsan deachaidh an righ iomguin nach bu bheag air a chuid iochdaran; cha eil toil sam bith aca e bhi air a thoirt air falbh cho luath an deigh dha tighinn dhionnsuidh a chrùin. Tha Sir Tomas Lipton a niseg iarraidh air na Geancaich dàil a chur anns an reis gus am faigh e an t-Seamarag a chàradhsa chur an uidheam air son tighinn thar cuain, ni gun teagamh sam bith a bhios iad deònach gu leor a dheanamh.

Chaochail bean an Urr. Calum Caimbeul, ann an Strathalbainn, E. P. I., air an deicheamh latha dhen mhios so. Bha i ann an droch shlàinte o chionn còrr us bliadhna, agus mar sin cha robh a bàs gun dùil ris. Bha i air a tiodhlacadh ann am Baddeck, air an eilean so, dachaidh a h-òige, agus far am bheil cuid decàirdean fhathast acòmhnuidh. Tha dithis de bràithrean anns an t-siorrachd so, Pàdruig Mac-Amhlaidh, an Glace Bay, agus Iain Mac-Amhlaidh, am Port Morien. Dhfhàg i ceathrar chloinneaon mhac agus triùir nighean. Bha i na mnaoi chliùitich, air an robh mor mheas aig na h-uile a chuir eòlas oirre, agus tha iad làidir anns an earbsa gu bheil i nise ann an tigh nan iomadh àite-còmhnuidh, far nach bi tinneas no cràdh no dealachadh. Tha co-fhaireachdain againn ri céiles ricloinn a thaga caoidh, agus tha dòchas againn gun dean an Ti sin a tha deanamh nan uile nithe gu ro-mhath comh-fhurtachd a thoirt daibh an àm na trioblaid.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHDS AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.


Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[374]

[Vol . 9. No. 48. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 371).

Ann an uine ghoirid rainig iad locha. Shuidh Mobarec air a bhruaich, agus thuirt e ri Alasnam, “Feumaidh sinn a dhol tarsuinn air amhuir so.”

Cia mar a theid sinn tarsuinn agus gun bhatagainn?” arsAlasnam.

Chi thu bata tighinnnar sealladh ann an tiotadh,” fhreagair Mobarec: “thig am bata draoidheachd aig righ nam fathachg ar n-iarraidh. Ach na leig air dichuimhn na tha misedol a dhinnseadh dhut. Chan fhaod thu aon fhacal a radh. Na abair facal ris an fhear a thanns abhata ged a bhiodh tusmaointean gum bheil a chruths a chumadh gle neonach. Ciod sam bith cho neo chumantas a bhios na nithean a chi thu, na tigeadh facal as do cheann. Tha mise ag innseadh dhut roimh laimh gun teid am bata fodha for casan ma their thu am facal as lugha.”

Bheir mise an aire mhath nach abair mi aon fhacal,” arsAlasnam; “chaneil agad ach fios a thoirt dhomhsa ciod is coir dhomh a dheanamh, agus ni mi a h-uile rud a dhiarras tu orm.”

Am feadhs a bha iad acomhradh mar so, ghrad thug iad an aire gun robh bata air an locha, agus gum bann de dhfhiodh dearg ro luachmhor a bha i air a togail. Bha crann de dhamber innte, agus bha bratach de shioda gorm asnamh ann am barr achroinn aice. Cha robh innte ach an aon duine, agus bha ceann air coltach ri ceann elefant, agus com coltach ri com tiger. An uair a thainig am bata thun achladaich far an robh iad, thog an duine mi-nadara so fear an deigh fir dhiubh a steach leghnos don bhata, agus ann an tiotadh thug e tarsuinn an lochiad. Cha bu luaithe a rainig iad tir na thog e am mach as abhata iad leghnos, agus chuir e air tir iad. Chaidh e as an t-sealladhs amhionaid.

Faodaidh sinn bruidhinn a nis,” arsa Mobarec. “Buinidh an t-eilean air am bheil sinn do righ nam fathach. Chaneil eilean eile dheleithid air an t-saoghal. Seall mun cuairt ort, a phrionnsa. Am bheil e comasach gum biodh aite eile as taitniche nan t-eilean so air an t-saoghal? Tha ena fhior shamhladh air an aite aoibhneach a dhordaich Dia do na h-uile a choimheadas a lagh. Gabh beachd air na h-achaidhean a tha cho maiseach leis gach seorsa dithean, agus luibh deadh-fhaile; thoir fon ear le tlachd na craobhan maiseach, a tha cho lan de mheasan blasdas gum bheil am meanglain alubadh gu lar: eisd le taitneas ris abhinn-cheol ordail, fhuaimneach a tha na miltean de dheoin bhoidheach, bhachlach aseinn air bharraidh nan craobheoin nach fhaicear an leithidean ann an aite sam bith eile fon ghrein.”

Cha burrainn Alasnam gun tlachd a ghabhail dhe na nithean maiseach a bha efaicinns acluinntinn a h-uile ceum mar a bha edol air aghart troimhn eilean.

Mu dheireadh rainig iad luchairt a bha air a deanamh de dhemerald. Bha dig mun cuairt oirre, agus air bruaich na dige bha craobhan afas a bha cho ards gun robh iad acur sgaile air an luchairt. Mu choinneamh geata na luchairt a bha air a dheanamh de dhor fiorghlan, bha drochaid anns an robh sia aitheamh a dhfhad, agus tri aitheamh a leud air a dheanamh de dhaon slige mhor mhaoraich. Aig ceann na drochaid bha buidheann dhe na fathaich, agus iad anabarrach ard o thalamh, ’nan seasamh agleidheadh na drochaid, agus camain mhora, chruadhach aca.

Na rachamaid nas fhaide air aghart,” arsa Mobarec, “ar neo marbhaidh na fathaich so sinn, agus gus an cumail air falbh uainn, feumaidh sinn draoidheachd a ghnathachadh.”

An uair a thuirt e so thug e lamh air sporran a bha am falach aige fochuid aodaich, agus thug e as ceithir stiallan de shioda buidhe. Chuir e fear dhiubh ma mheadhain, agus am fear eile sios air a dhruim. Agus chuir e na dha eile anns acheart doigh air aphrionnsa. An sin sgaoil Mobarec da chomhdach-buird air an talamh, agus air na h-iomaill aca chuir e clachan luachmhor, musc, agus ambar. Shuidh e air fear dhiubh, agus shuidh am prionnsa air an fhear eile. Labhair Mobarec ris aphrionnsa mar so: “Tha righ nam fathachna chomhnuidh anns an luchairt so, agus tha mise gus a thoirt air tighinn far am bheil sinn. Bu mhath gun tigeadh e ann an sith. Tha mig aideachadh gum bheil eagal orm nach bi e cho aoidheil ruinns bu mhath leinn. Ma tha e mi-thoilichte a chionn gun dthainig sinn don eilean, thig e ann an riochd uile-bheist; ach ma tha e toilichte gun dthainig tusa a dhiarraidh na tha uat, thig e ann an riochd duine eireachdail. Cho luaths a thig enar lathair, feumaidh tusa eirigh, agus failte a chur air. Ach chan fhaod thu carachadh bhar an aodaich; ar neo ma charaicheas, caillidh tu do bheatha ris. Feumaidh tu bruidhinn ris mar so: ‘Ard-righ nam fathach, bha mathairna sheirbhiseach agad, ach thug teachdairebhais air falbh e. Is e mo ghuidhe gum biodh bhur morachdg am dhion mar a bha sibh adion mathar aig gach am.’ Ma dhfheoraicheas e dhiot ciod am fabhar a tha thug iarraidh air, their thu, ‘Mo thighearna, tha mi gu h-umhail aguidhe gun toir sibh dhomh an naodhamh iomhaidh. ’”

(Ri leantuinn).


Litir a Ontario.

FHIR-DEASACHAIDH: —Than ùine cho fada bho nach do sgriobh mi ni sam bith ann an Gàiligs nach eil fhios agam ciamar a thòisicheas mi air ni sam bith a chur an òrdugh. Tha e gle fhurasda do mhuinntir a ràdh, “Car son nach eil thu sgriobhadh an drasd?” “ ’S fhada bho nach fhaca mi ni sam bith bhuatsa MHAC-TALLA!”


REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain den stoc a tha iad acumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.

Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal ga fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhen t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidhsa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.

Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.

Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhndeug a dhaois.

Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.

Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.

Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid as fhearr de na bargain.

THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Stor Ur! Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn


So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman as fhearr.

Croinn ThreabhaidhVerityaon each. Croinn TreabhaidhVerityda each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.

Mar an ceudna
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.

F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.



[375]

[Vol . 9. No. 48. p. 7]

agus a leithid sin. Chan eil mise a cur an aghaidh an ni tha ceart a dheanamh, agus gu sonraichte mu thimchioll a coir fein a thoirt don Ghàilig; oir mur toir sinne aig am bheil i gu math àite dhith, ciamar a dhiarras sinn air a mhuinntir aig nach eil ach robladh dhith suim a ghabhail dhith? Tha mi a leughadh a MHAC-TALLA a nis on a thòisich e, agus chan fhaca mi urad agus leud ròineig do sgriobhadh fo aon sam bith don àireamh mhor Ghàidheil a tha againn mu thimchioll Baile-na-prise(Priceville) .Cha dfhuair mise foghlum sam bith air son a bhith sgriobhadh innte, ach mar thog mi as mo cheann fhein, agus tha mi fiosrach gu bheil gu leor anns an àite is fhearr foghlum na mise air son a bhithga sgriobhadh. Mar thubhairt mi aon uair roimhe so chan aon ann an deich mile da Ghaidheil a ghabhadh orra fhein a chuing a ghabh Mr Mac Fhionghain air fein air son paipear a chur a mach ann an cainnt a shinnsir, agus leis a sin bu choir duinn a h-uile cuideachadh as urrainn sinn a thoirt da, le bhi cur uige litrichean mora, gasda as gach cearna den t-saoghal far am bheil mac Gaidheil a gabhail comhnuidh. Tha sgeulachdan mora gle mhathnan àite fein, achs gasda leam fein litrichean fhaicinn as gach cearna den dùthaich, a toirt cunntas air gach ni a thachair fo chionn ghoirid, agus a bhi deanamh gach dleasdanas eile a tha feumail air son paipear a chumail suas.

Bha aimsir bhriagha againn on thainig an t-earrach agus àm cur an t-sil, ach thainig lathaichean gle fhuar mun darna-latha-deug dhen mhios so le frasan sneachda, agus chan eil teagamh nach bi reotha againn mum fàs i blath a ris. Tha muinntir gus a bhi reidh den churachd a nis. Tha criothnachd foghair a sealtuinn math, agus cho coslachsa bha e coimhead fo cheann moran bhliadhnaichean mun àm so den bhliadhna.

Bha moran tinn againnsan àite so a gheamhraidh, ach tha iad air a dhol nas fhearr a nis, ged tha cuid dhiubh nan laidhe air leapaichean tinneis fhathast. Dheug moran a gheamhraidh. ’S iomadh aon a tha ag ionndrainn caraid eigin a bha beò mun bhliadhnùir, ach a tha nis nan sìneadhsan àit-adhlacaidh. ’N uair a chaidh an tiodhlacadh bha sneachda mor ann a chaidh a mheasgadh leis an uir, agus tha na h-uaighean a nis air tuiteam sios.

Tha obair mhor gus a bhi dol air adhart ann an baile an Durham air an t-samhradh so— ’se sin an cement works a tha iad a tòiseachadh ri chur air aghaidh. Bheir e moran obrach do dhaoine na h-ùine a bhios iad a cur suas nan togalaichean. Tha corr agus ceud mile dolair air a chur air bonn airson na h-obrach cheana.

Thamhuinntir a bha togail nan census reidh bho cheann fhada, aguss iomadh ceist mhi-mhodhail a dhfheoraich iad na h-ùine, gu sonraichte a faoighneachd do na seana mhaighdeannan gu de an aois a bha iad. An cuala duine riamh ceistean cho mi-mhodhail riutha! Ach chan eil duine sam bith ri sin fhaotainn a mach ach am fear-togail fhein, agus cha bhi an gnothuch cho dona leis a sin.

Tha mi smaointean gum bith mi nis a stad. Bha mi duilich a chluinntinn nach robh am fear-deasachaidh an slàinte ro mhath, ach tha mi an dochas gu bheil e nis cho slàn, fallainsa bha e riamh. A gealltuinn a bhi sgriobhadh an ùine gun bhi fada, Is mi ur caraid,

IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville ,Maigh 12, 1901.


Iadsan a Phaigh.

D. A. Mac Coinnich, Mèinn Chaledonia.
Niall Moireasdan, Mèinn Chaledonia.
Mor Dhomhnullach, Abhainn nam Bradan.
Bean Chaluim Mhic-Aidh, Sidni.
Micheal M. Mac Neill, Sidni.
D. McD. Caimbeal, Sidni.
Seumas Domhnullach, Sidni.
Floiri Nic Gill-fhinnein, Beinn Mhic-Gill-Andrais.
Mairi Cheanadach, Alba, C.B.
R. A. Domhnullach, an Eilean Fada.
An t-Urr. D. Mac Gille-mhaoil, Meinn a Tuath.
Domhull Mac-Leoid, Orangedale .
A. D. Mac Cuthais, Taobh an Locha.
Lachuinn Mac Guaire, an Abhainn Mheadhonach.
Donncha Gillios, Meinn Victoria.
Bean Iain D. Dhomhnullach, St . Esperit.
D. R. Domhnullach, Acarsaid Bharrachois.
L. Mac-Neill, Glace Bay.
Niall H. Domhnullach, Aiseag Mhira.
Micheal F. Mac-a- Phi, Glace Bay.
Seonaid Cheanadach, Valley Mills.
A. A. Mac Gillebhràth, an Dun Glas, N. S.
Inie Dhomhnullach, an Dun Glas, N. S.
D. Mac-a- Phearsain, Gàradh Eden, N. S.
Iain Ceanadach, Earraghaidheal, N. S.
Cailean Mac Gillebhràth, Halifax , N. S.
Dr. Murchadh Siosal, Halifax , N. S.
Eachunn Mac Rath, Halifax , N. S.
Uisdean Mac-an-Toisich, Loch Katrine, N. S.
Aonghas Caimbeal, Allt an Dotair, N. S.
Mor Nic Aonghais, Gleann Uilleam, E. P. I.
Raonall Mac Aidh, Green Marsh, E. P. I.
Uisdean Mac-a- Phi, Souris , E. P .I.
Murchadh Mac Leoid, Cornwall , E. P. I.
Sine Bhrus, Baile-mhuilinn, E. P. I.
Alasdair Scott, Kingsboro , E. P. I.
Bean N. D. Dhomhnullaich, Milan, Cuebec
Calum Ros, Milan, Cuebec
Bean N. H. Dhomhnullaich, SpringhillCuebec
D. H. Fearghasdan, St . Stephen, N. B.
Alasdair Mac Ille-ghlais, Coldstream , Ont.
Iain Mac Artair, Lobo , Ont.
Donnchadh Mac Gille-mhaoil, Brodie , Ont.
Domhull Deòra, Lagan , Ont.
Alasdair Mac Calmain, Priceville , Ont.
Iain S. Mac Ille-dhuibh, Pomona , Ont.
Mairi Stevenson, Shipka , Ont.
Gilleasbuig Mac Gilleain, Thessalon , Ont.
A. Mac Lachainn, Gleann Comhann, Ont.
Ailean Dùghlach, Vallaidh, Assa.
F. A. Gemmel, Selkirk , Man.
An t-OllamhJ . D. Prince, New York.
Aonghas Mac Leoid, New York.
Bean Iain Dhùghlach, Mooreton , N. Dak.
Bean D. Mhic Fhionghain, Mooreton , N. Dak.
Iain D. Domhnullach, Salamanca , N. Y.
Niall Mac Neill, Boston , Mass.
Eachunn Mac Iomhair, Providence , R. I.
Uisdean Mac Ille-mhaoil, Cleveland , Ohio.
Caiptean C. Mac-Fhionnlaidh, Toledo , Ohio.
Aonghas Mac Calum, Greenleaf , Mich.
M. B. Mac Coinnich, Waipu , N. Zealand.
An t-Urr. D. Mac-Gilleain, Diùrinis, Alba.
Uilleam Mac Aoidh. Inbhirnis, Alba.
Coinneach L. Domhnullach, Seeabost, ’s an Eilean Sgiathanach.


Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Laoidhean Dhughaill Buchanain .10
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands,by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. Mc-Ian. (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


SANAS.

THA mi ag iarraidh duine math stuama, eadar 30 us 45 bliadhna dhaois, gu dhol a dhobair air fearann aig St. Esperit, an Ceap Breatnnn. Bheir mi tuarasdal math do dhuine fhreagras orm, bidh cosnadh aige fad na bliadhna, agus bidh e air a phaigheadh uairsa mhios. ’S e duine a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a bfhearr leam. Sgriobhadh e ugam, ag innse cia fhadsa bha e ri tuathanachas, agus ainmicheadh e an tuarasdal a bhios a dhith air. Seoladh e a litir gu
JOHN D. McDONALD,
Torge House, Salamanca, N. Y.
no gu
MRS. JOHN D. McDONALD,
St. Esperit, C. B.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[376]

[Vol . 9. No. 48. p. 8]

Oran Seilge.

LE PARA MOR CAIMBEUL.

Bheir sinnsan t-samhradh am monadh oirnn
S théid sinn don ghleann againn fhìn,
S tillidh sinn dachaidhsa gheamhradh
A chumail nam Frangach on tìr.

S ann againn than gleann maiseach fuaraidh,
S chan fheil cho fior uaigneachsan tìr,
Chan fhaicear duinidir ach buachaill’,
S na bodaich bhios cuartachna frìth’.

Gheibh sinn ann eilid air uairibh,
Is bheir sinn daimh ruadh as an fhrìth;
Gheibh sinn ann greidh air gach fuaran,
Is pailteas ri chuallach de .

Gheibh sinn ann gobhair is caoraich,
S bidh againn crodh-laoigh air na glinn,
Gam bleoghann le nionagan guamach,
As binne na chuach an guth cinn.

Gheibh sinn ann cnothan is caoran,
Is gheibh sinn ann braonain gu leoir,
Is dearcagan-fithich air fraoch-bheinn,
S cha déid sinnn traigh mhaoraich rir beò.

Gheibh sinn ann bradanan tarra-gheal,
A thig oirnn on fhairge nan steall:
Le slataibhs le morghaibh gan ruagadh;
S bu toigh le daoin’ -uaisle bhith ann.

S coma leinn cur agus cliathadh,
S cha treabh sinn am bliadhna le crann;
S ann bhios sinnsa mhaduinn ag iasgach,
S mu fheasgar a fiadhach nam beann.

Ged nach fheil sguab anns an t-sabhal,
No caora, no gobhar, no meann,
S ged nach fheil ann ribleoghann,
Bidh dùil ri sar chobhair nam beann.

Nuair thig na gillean mu anmoch,
S a leagas iad eallachan mu seach,
Cha chluinnear guth aca de sheanachas
Ach mar a shealg iad an damh.

Am fac thu mar thill an ruadh e?
Am fac thu mar bhuail en glas?
Thilg e a ladhran a suas air
Cho ealamhsa bhuaileadh an t-srad.

Nam faiceadh tu misagus Sinteag
Air còmhnard na frithe so shios,
Gun duine, gun ghunna, nar còir ann;
Gun ni gu ar còmhnadh ach sgian.

Cha dean mi faoin ghleadhraich no bòsd uim’,
Chaidh mise na chròicean gu dian,
S chaidh ise gu h-ealamh na sgòrnan
Mun dfhuaradh leinn seol airchur sios.


Laoidh.

LE ANNA CHAMARAN.

O! gur duilich ri innseadh
Mar thuit ar sinnsearo ghlòir!
On cheud lathathuit Adhamh,
S an dfhuair an nàmhaid oirnn còir,
Chaill sinn sonas a bàirde,
S chaill sinn an ailleachd as :
Sinnnar cadalsan fhàsach
Is peacadhs bàs oirnn an tòir.

Niss ann tha sinn agluasad
Gun dion o fhuathas nan sian,
Marni maraichgun chùram,
Nach cum a shùil air an nial:
An long agleachd ris achuan,
S gach tonng a bualadh gu dian,
S mur ruig i cala na dìdein,
O! càitam bi i gu sior?

Tha cuid gu mòr air an luasgadh
Mar chuilc air ghluasad le gaoith,
Dol air aghart gun chùram,
Gun solus iùil mar na doill;
Ged a leughas iad Biobull,
Cha tuig iad brìgh na bheil ann:
S iad mar threud air an ruagadh
Le sionnaich luatha gu teann.

N tràth bha sinne neo-chiallach
Toirt geill do mhiannan ar n-òig
San t-slighe leathainndol sìos
A dhionnsuidh siorruidheachd mhòir;
Tric air uidil is faontradh
Gun smuain air caochladh teachd oirnn;
Le do laimh is tustiùir sinn,
A Dhe, ’s a chum sinne beò.

Thainig Iosa gar fuasgladh,
S fhuair e buaidh air a bhàs;
Thug e saorsa bhith-bhuan do
Dhaoine truagha bhan sàs:
Leanamaid-ne gu dlùthna
Cheum le cùram do ghnàth;
Dhaindeoin fochaid an t-saoghail,
Gheibh sinn saorsa tre ghràs.

Sibhs’ ’thacreidsinn na fìrinn,
Leanaibh dìreachna cheum,
Cumaibh fagusg don Ti sin
A dhionnlaid sibhna fhuil fein:
Cha sgar cumhachd gu bràth sibh,
No beath’, no bàs, no aon éis,
Re bhur cuairt troimh an fhàsach,
On Tithug gràdh dhuibh nach tréig.


Ho ro, Chaneil Cadal Orm.

ISE.

Ho ro, chaneil cadal orm,
Chaneil mairair sòlas,
Mo chul-thaobh ri ceòl gàire
Bhon chaidh mo phòsadh,
Ho ro, chaneil cadal orm.

Bha mathair is mo mhàthair
S mo bhràithrean uile deònach
Mo phòsadh ris an t-seann fhear
On bha mi gann de stòras,
Ho ro, chaneil cadal orm.

S en t-òr thug an car asam,
S en seann fhear rinn mo bhuaireadh,
S em pòsadh rinn mo shàruch’,
S tha bhlàth sud air mo ghruaidh-sa,
Ho ro, chaneil cadal orm.

Nuair bhitheas càchs na bailtean
A crathadh an cuid ghùntaibh;
Bithdh mise leis an t-seann fhear
As srann aig air mo chùl-thaobh,
Ho ro, chaneil cadal orm.

Comhairloirbhsa chaileagan,
An earail so na diùltaibh:
Gun tàir a dheanair òig-fhear
Ged bhiths a sporan sùmhail,
Ho ro, chaneil cadal orm.

ESAN.

Ged nacheil an òig agam
Dheanainn òr a chùinneadh,
As ghleidhinn thud bhean uasail
Co math ri fear addhùthaich,
Ho ro, chaneil cadal orm.

Nuair dhéidear le calico
Guanagan na tìre,
Bithdh tusa leis an t-seann fhear
As srann aig do ghùn sìoda,
Ho ro, chaneil cadal orm.

Nuair bhiths mnathn abhaile so
Ri carachd as ri guaineas;
Bithdh thusa le dbhanaraich
A cuir a chruidh don bhuailidh,
Ho ro, chaneil cadal orm.

Tha naoi bliadhnan taice so
On a chaidh sinn còmhladh,
Than oighreachd an diugh sàbhailt
As pàisdaicair a glùinean,
Ho ro, chaneil cadal orm.

O thàlaidh mi chadal i,
S dhamaisinn air a dùsgadh,
S tha minntinn taingeil, toilichte,
S mo sporan air a giùlan,
Ho ro, chaneil cadal orm.


AMY MHORAIDH.
Feasgair de dhOrain Albannach
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, agabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a dheanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Reic-a- mach.
Tha aon dhiubhsan a thasa chuideachd againn an uine ghoiridg ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse
An t-Iomlan de ar Stoc
DE DHINNSRIDH-TAIGHE
air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair nas isle na bha iad roimhe so.
TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.

So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90

Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.

Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 48
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla IX No. 48. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page