[Vol . 9. No. 49. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 7, 1901. No. 49.
Facal no Dha do Chuid de Nigheannan Oga na Duthchadh.
LITIR III.
NIS a nigheannan oga, ma chreideas sibh mi, ’s ann a chum ’ur math aimsireil agus spioradail a tha mi dol a labhairt ribh. Bheir mi comhairle na corach oirbh; ma ghabhas sibh i is math, agus mur gabh cha’n ’eil comas air. Tha sibh direach mar a tha cuid eile de shluagh an t-saoghail—tha sibh an duil gu bheil sibh ni ’s glice, ’s ni ’s turaile, ’s ni ’s banaile, ’s ni ’s modhaile, ’s ni ’s deanadaiche, na tha sibh. Tha sibh mar a tha ’ur leithidean eile. Theid mo chuimhne-sa cho fad air ais ri coig bliadhna deug thar fhichead; agus an uair a smaoinicheas mi air an dealachadh a th’ eadar na nigheannan oga a chunnaic mi o chionn choig bliadhna deug thar fhichead, agus na nigheannan oga a chi mi o latha gu latha a’ falbh nam bailtean, cha ’n urrainn domh gun aideachadh gu bheil iomadh cleachdadh ’n ur measg an diugh a b’ fhearr as na ann. Bha seann duine coir, a tha faisge air ceithir fichead bliadhna ’dh’ aois, a’ comhradh rium o chionn uine nach ’eil fada; agus thug sinn iomradh air oigridh na duthchadh, ’s air na bha iad a’ cosg ann an nithean gun fheum. “Innsidh mise dhuibh,” ars’ esan, “aon de na h-aobhair gu bheil an duthaich a nis cho bochd. Cosgaidh a h-uile nigheann og an diugh a dha uibhir ’s a chosgadh a mathair, agus cha dean i a leth uibhir a dh’ obair ’s a dheanadh a mathair. Cha teid i ceud slat o’n taigh gun ada, no bonnaid air a ceann. Ma bhios a’ ghrian ris feumaidh sgailean, no mar a their iad fhein parasol, a bhith os cionn an claiginn. ’S ann a tha mise iomadh uair, ’g an samhlachadh ri iasg grannda gun chumadh, a bhiodh a’ tighinn thun a’ cladaich anns a’ gheamhradh, ris an canar a’ ghiobhnach. Tha de riobagan ’s de luideagan an ceangal ri ’n cuid aodaich na lionadh poca an da bholla. Tha ’m falt air a ghearradh os cionn na mala aig a h-uile te dhiu, agus tha iad ag innseadh dhomhsa gu ’m bi iad a h-uile maduinn a’ casadh an gruaige leis a’ bhrod-ghriasaich an deis a dheanamh dearg anns an teine. Tha iad air fas anabarrach fearail. Chi mi gu bheil iad a’ gearradh an fhuilt air cul an cinn, ’s air clar an aodainn mar a ni na fir. Tha ’n seann-fhacal ag radh—
“Is beag orm an rud nach toigh leam
Eireagan a’ dol nan coilich.”
Is mi tha ’n comainn a’ bhaird a rinn “Oran nam fasan.” Cha ’n ’eil air chuimhne agam dheth ach so—
“Is tiom dhomh teannadh ri ’m oran
A chur ann an ordugh,
A dh’ innseadh cho proiseil,
’S a tha oigridh na tir’:
’S beag an t-ioghnadh luchd-orduigh,
A bhith ’gearainn an comhnuidh,
Air na h-adachan connlaich;
Oir tha moran dhiu innt’;
Tha luchd-teagaisg an aite,
’Toirt riuth air an caineadh,
Aig cho beag ’s a tha nair annt’,
’S mar a chnamh iad an tir;
Ged bhiodh airgiod a’ chruin ac’,
Gu ’n cuireadh iad ump’ e,
Ann am fasanan ura,
’S aobhar thurs’ bhi ’ga inns’.
“Sid na maighdeannan guanach,
’Bhios a’ casadh an gruaige,
Agus pad air a shuaineadh
An lagan cruaidh chul an cinn,
Le ’n cuid adachan neonach,
Sios a’ falach an sroine,
’N deis an cur ann an ordugh
Gu boidheach le siod’;
’S iad a thionndas gu h-uallach
Ma bhios fleasgach ri ’n guallainn,
Feuch an dean iad a bhuaireadh,
O mo thruaigheagan sibh!
Ged a dheanadh tu ’m posadh,
’S doirbh an cumail an ordugh,
’S nach dean iad car doigheil
Gus an ol iad an ti.
“Sid an te rinn an aimlisg,
O ’n la thainig i dh’ Alba,
’S beag a chunnaic ar seanamhair,
Dhi, gu dearbha, ri’ linn.
’S luibh, gu cinnteach, ro shearbh i,
Tha i goid uainn an airgid;
Mur a sguir sibh de h-eanraich,
’S ann a mharbhas i sibh:
Ged a gheibheadh sibh paisde,
Cha ’n urrainn sibh ’arach,
Bidh ’ur cridhe ’ga fhasgadh
Leis a’ chnamh a tha innt’;
Gheibh sibh botul an uair sin,
’S piob a dh’ Indian suas ann,
’S beag an t-ioghnadh an sluagh sin,
A bhith, mo thruaighe, gun chli.”
So na th’ agam de ’n oran ghasda so. Ciod a nis ’ur barail air na thubhairt e?”
“Ma ta,” arsa mise,” “labhair e ’n fhirinn. Tha mi ’cur m’ aonta ris a h-uile facal de ’n oran.”
Bha ’n seann duine coir so anabarrach fada ’n aghaidh moran de na nithean a tha cho cumanta ’nar measg. Feumaidh mi fhein aideachadh gu bheil mi ro thoilichte bhith ’faicinn na h-oigridh a’ dol a mach air laithean Sabaid is seachduin ann an eideadh grinn, glan. Ach bu choir do gach te aodach a bhith oirre a reir a cosnaidh. Tha moran ann a tha ’n duil nach ’eil e measail dhaibh an lamh a chur ann an car cosnaidh. Tha iad anabarrach fada cearr anns an ni so. Ma sguireas na mnathan ’s na nigheannan de ’n obair a th’ aca ri dheanamh cha bhi ’n saoghal ach truagh dheth. Bitheadh gach aon dhibhse gu dichiollach, durachdach aig ’ur n-obair. Grad sguiribh de ’n mheud mhoir ’s de ’n leom a tha ’toirt oirbh a bhith ’smaointean nach bi meas oirbh mur bi sibh a’ falbh o bhaile gu baile ’n ur reulachan mar gu ’m bu leibh earrann mhor de ’n duthaich. Na biodh duil ’sam bith agaibh gu ’m bi tlachd aig gille coir ’sam bith dhibh fhad ’sa leanas sibh air ’ur goraiche. Tha fhios aig a h-uile fear anns am bheil tur nach urrainn e te dhibh a chumail suas, agus air an aobhar sin ’s fhearr leo fuireach gun phosadh gu brath na te dhibh a ghabhail. Anns na tiomannan cruaidhe so cha ’n e te de ’r seorsa fhreagradh air fear ’sam bith. Cha ’n ’eil de chulaidh spors aca ’s a bhaile ud thall ach Mairi nigheann Eoghainn. Dh’ fhalbh i do ’n Ghalltachd an uiridh, agus o ’n a thainig i dhachaidh am bliadhna cha dean i car ach a’ falbh nan cnoc le bata mor buidhe ’na dorn mar gu ’m biodh ablach ciobair ann. Neo-ar-thainig mar dean i cabaireachd ri gillean, ach mu dheidhinn gu ’n dean i car obrach cha ruigear a leas duil a bhith ris. Faodar a bhith cinnteach gu bheil gu leor dhe seorsa anns an duthaich. Air a h-uile cor bithibh an comhnuidh grinn glan; ach thugaibh ’ur ceart aire nach fas sibh mor asaibh fhein. Na biodh naire ’sam bith oirbh air son a bhith ’g obair. ’S ann bu choir naire a bhith air a h-uile te a tha ’ga meas fhein os cionn car a dheanamh a muigh no staigh. Tha, agus bha meas aig gach neach anns an robh tur air gach nighinn a ghluais mar bu choir dhi. Anns gach linn bha na baird a’ moladh, cha b’ iad a mhain na nigheannan maiseach, ach gach te a bha glic, deanadach, iriosal, caoimhneil, ciuin, modhail, measail. Cha chualas riamh a bhith moladh nan leomag, ged a bhiodh iad cho aluinn ris a’ ghrein. Cha ’n abair mi ’n corr an diugh; ach ma bhios mi beo cluinnidh tu uair no dha fhathasd uam. Is mi bhur dearbh charaid,
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.
LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.
CAIB. III.
BHA Aonghas àrd-inntinneach cuideachd; ’s ged a bha fios aige gu ’m faigheadh e freagairt fhàbharrach do cheist àraidh a dheanadh duine sona dheth, cha bu toigh leis an deuchainn a chur air Catriona airson iomadh reusan. Anns a cheud àite cha bu toigh leis dachaidh mhath a chur a dhith oirre; ’s ged a bha fios aige gu fàilticheadh a phàrantan le lamhan sgaoilt’ i do thaobh an taighe, bha e faicinn gu robh gu leor a criomadh a chnamha sin na bha ann. Bha e pròiseil cuideachd; ’s ged a bhiodh Ailein ruadh fhein air a thaobh, ’s cùrsa leannanachd cho réidh ri ribinn, cha ’n fhaigheadh e e-fhéin toilichte le lamhan falamh a dol a phòsadh té aig am biodh tochradh reamhar, ’s ’ga chur fhéin fo chomain gu bràth, nan togradh i uair sam bith sealltainn air a chùis mar sin. Mar sin smaointich Aonghas aige fhéin gun robh e òg, luath, làidir, fallain; gun robh ’n saoghal farsuinn, ’s pailteas air uachdar airson gach aon; ’s ged a b’e àit’ àraich bu dluithe bhiodh gu bràth dha chridhe, gu fàgadh e e car ùine co-dhiù, agus gun toireadh e aghaidh air an t-saoghal ùr, agus dachaidh a chosnadh ann—dachaidh anns am biodh e-fhéin na righ—far nach biodh facal aig maor no bàillidh—far am biodh fios aige dé bu chiall do ’n fhacal neo-ar-thaingeil.
Ann am beagan bhliadhnachan bha Aonghas na inntinn fhéin a faicinn na dachaidh réidh air a cuartachadh le coilltean àluinn, uaine ’san t-saoghal ùr, a bha o thùs an t-saoghail fo sgleò, le ’chuid beairteis fo ghlais, gus an d’ fhuaradh an iuchair a dh’ fhosgail e; ach ’s iomadh bliadh na theid seachad ma faicear grunnd na ciste fhathast. Lean e ’m bruadar taitneach so na b’ fhaide. Chunnaic e gach ni réidh, a chéis air a h-uidheamachadh, ach an gnothuch prionnspalach a dhith air—an dealbh. Thug e ’n acarsaid air ’s chaidh e air bòrd luinge, ’s thug e aghaidh air tìr nam beann ’s air Catriona, agus— Ach ’s tìm dhuinn Aonghas fhaighinn air falbh an toiseach mu ’n lean e na ’s fhaide ’m bruadar so.
[Vol . 9. No. 49. p. 2]
Tha e, ma ta, gu tùrsach a gabhail na slighe sios bun a ghlinne, ’n turus mu dheireadh ma falbh e. Cha ’n ’eil ceòl na ’bheul no na ’chridhe air an fheasgar so. Tha e beachdachadh gu geur ann an dòigh neo-àbhaisteach air gach stuc is gleann air an robh e eolach ma chuairt, ’s anns an robh e nis a faicinn bòidhchead dha nach tug e ’n aire riamh roimhe. Mar a thubhairt mi, bha e ’g amharc orra, ’s e mar gum b’ eadh, a tarruing an dealbh na b’ fhearr air clàr na h-inntinn na bha i roimhe, los gum biodh i na bu shoilleire ma choinneamh sùilean na h-inntinn aige ann an dùthchannan céin. Ach mu dheireadh tha e dlùthachadh air a cheann-uidhe. Thug e ’n aire gu robh cuideigin a tighinn na choinneamh, air a cheum a bha dol thun an fhuarain, ’s cuinneag na laimh. ’S math a dh’ aithnich Aonghas co bh’ ann, leis an leum thoilichte ’thug an cridh’ aig as. Co ghluaiseadh mar sud, no co aig an robh pearsa cho cumadail sud ach aon te? Ghreas Aonghas a cheum. Cha robh sùil aige do ni sam bith a nis ach do ’n òigh Ghaidhealaich a bha dol do ’n tobar; agus ann am beagan mhionaidean bha e-fhéin ’s Catriona aghaidh ri aghaidh. Tairnidh sinn sgleò càirdeil an fheasgair ma chuairt orra car ùine, oir cha bu toigh le aon againn, aig a leithid a dh’ àm, sùilean coimheach a bhith oirnn. Ach co-dhiù tha mi smaointean gun robh ’chuinneag a gabhail fadachd gu leor, air a taobh air a chnoc, fo dhriùchd an fheasgair. Ach bha fios aice, mar bu choir a bhith aig a h-uile cuinneag na leithid a chàs, gu ’m bu bheag aire bh’ aig a chàraid òig a bha diùrais dlùth, do rud cho faoin ri dealt na h-oidhche. Ach chaidh crioch mu dheireadh, ’n déis iomadh ionnsuidh, air a choinneamh, mar a theid air gach ni ri ùine, ’s chaidh bòidean teann, cruaidh, a bhith dìleas gu bàs, a sheuladh air gach taobh. Thionndaidh Aonghas aghaidh air a dhachaidh—oir dh’ fhan e gus an deach Catriona á sealladh. Ach mu ’n deach e dà cheum air aghart, nochd duine mach o chùl na creige moire a bha ri taobh an fhuarain, agus coltas an fhaoilich air a ghnùis. Chunnaic Aonghas le solus na gealaich a bha nis air éirigh, gum b’e ’nàmhaid, Ailein ruadh, a bha aige. Bha Ailein air tighinn an là sin fhéin. Agus air dhaibh a bhi gabhail fadail a stigh nach robh Catriona tilleadh leis an uisge, ghabh Ailein ruadh ceum sios feuch an tachradh i ris, agus an uair a dh’ aithnich e co bha na cuideachd dh’ ealaidh an seann sionnach gu cùl na creige feuch dé chluinneadh e, agus an uair a thuig e mar a bha cùisean cha robh Aonghas air a dhol na bu shine na bha e, nan deanadh droch rùin a mharbhadh.
“Seadh, a fhleasgaich chealgaich!” ars’ esan, “tha mi nis a tuigsinn dé dh’ fhàg an ceum ’tha eadar so agus bothan suarach d’ athar air a chnamh cho math. Ach b’ fhearr dhut buinn do bhròg a shàbhaladh, oir tha fios agam nach ’eil e cho furasda do bhaigeir feadhainn a chur nan àite. Cha ruig thu leas a bhi smaointean air Catriona: cha b’ ann air do shon a chaidh a h-àrach idir, ged a tha i cho gòrach ’s gu bheil i smaointean gu bheil gaol aic’ ort. B’e sin an gaol”— ’s e deanamh gàire magaidh— “nach biodh a ghorta fada fuadach a mach air an uinneig, nam biodh uinneag agad! Agus gheibh thu mach,” ars’ esan, ’s e leigeil a ghuth an àirde, ’s e air chrith le feirg, “gu ’m bi e cho fasa dhut d’ fhiaclan a chur anns a chreig ud, ri còir fhaotainn air Catriona fhad ’sa bhios mise beò, agus ’s leam i nis!”
“Tha do cheann glas,” ars’ Aonghas, ’s e freagairt, “ga d’ dhion bhuam na ’s fhearr na ged a bhiodh deise stàilinn umad! Agus mar sin fàgaidh mi feasgar math agad, oir tha thu blàth, tha mi faicinn, agus faodaidh tu fuachd a ghabhail! Ach their mi so riut anns an dealachadh, bidh Catriona agam gu b’ oil leat! Oidhche mhath leat, ’Ailein!”
(Ri leantuinn.)
Sgeulachdan Arabianach.
PRIONNS’ ALASNAM AGUS RIGH NAM FATHACH.
CAIB. IV.
AN uair a dh’ innis Mobarec do ’n phrionnsa mar a bhruidhneadh e ri righ nan fathach, thoisich e ri deanamh nan cleasan draoidheachd. Anns a’ mhionaid las dealanach a bha cho soilleir ’s gur gann nach d’ thug e uapa am fradharc. An deigh an dealanaich thainig tairneanach uamhasach. Chomhdaich tiugh-dhorchadas an t-eilean gu leir; sheid stoirm uamhasach, agus chualas ghlaodh eagallach; chaidh an t-eilean gu leir air chrith; agus bha crith-thalmhainn ann mar a bhios ann air latha mor a’ bhreitheanais.
Chuir so eagal gu leor air a phrionnsa, agus bha e ’smaointean gu ’n robh am fuaim so ’na fhior dhroch mhanadh. An uair a thug Mobarec an aire gu ’n robh an t-eagal air, thainig fiamh gaire air, agus thuirt e, “Biodh misneach mhath agad, tha h-uile gnothach ceart gu leor.”
Anns a’ mhionaid thainig righ nam fathach ’nan sealladh, agus e ann an riochd duine eireachdail; gidheadh bha rudeiginn de choltas mi-thoilichte air.
Cho luath ’s a chuir am prionnsa failte air anns an doigh a theagaisg Mobarec dha, fhreagair righ nam fathach e mar so, agus fiamh gaire air: “A mhic, bha gradh agam do d’ athair, agus thug mi dha iomhaidh a h-uile uair a thainig e a thoirt urram dhomh. Tha cheart uiread de ghradh agam dhutsa. Thug mi ordugh do d’ athair beagan laithean mu ’n do dh’ eug e na briathran sin a sgriobhadh a leugh thusa air an t-sioda gheal. Gheall mi dha gu ’m bithinn ’g ad dhion, agus gu ’n tugainn dhut an naoidheamh iomhaidh, a tha moran na ’s maisiche na ’n fheadhainn a th’ agad mar tha. Tha mi air toiseachadh ri mo ghealladh a choimhlionadh dha. Is e mise a chunnaic tu as do chadal ann an riochd seann duine. Thug mi ort an taigh fo thalamh fhosgladh far am bheil na poitean anns am bheil an t-or, agus na h-iomhaidhean. Tha lamh agam anns gach ni a thachair dhut. Tha fhios agam c’ ar son a thainig tu an so. Gheibh thu an rud a tha thu ’g iarraidh. Ged nach do gheall mi do d’ athair gu ’n tugainn dhut e, tha mi deonach gu leor a thoirt dhut. Ach feumaidh tu an toiseach do mhionnan a thoirt dhomhsa air gach ni a tha naomh gu ’n tig thu air ais do ’n eilean so, agus gu ’n toir thu leat maighdionn aig coig bliadhna deug a dh’ aois, aig nach robh aithne air fear sam bith, agus nach do mhiannaich riamh gu ’m biodh aithne aice air fear. Feumaidh i bhith coimhlionta ann am maise. Agus feumaidh tusa thu fhein a chur fo leithid de stamhnadh ’s nach mianaich thu i an uair a bhios tu ’g a toirt an so.”
Thug am prionnsa na mionnan ann-dana so mar a dh’ iarradh air. An sin thuirt e, “Ach, mo thighearna, ged a thachradh dhomh a bhith cho fortanach ’s gu ’m faighinn maighdionn dhe ’n t-seorsa a tha sibh ag iarraidh, cia mar a bhios fios agam gu ’n d’ fhuair mi i?”
“Tha mi ag aideachadh,” arsa righ nam fathach, agus fiamh gaire air, “gu ’m faodadh tu ’bhith air do mhealladh le a coltas o ’n leith am muigh. Cha ’n urrainn sliochd Adhaimh breith a thoirt air cridheachan dhaoine, agus air an aobhar sin cha ’n ’eil mi gus earbsa a chur ’na d’ bharail-sa anns a’ chuis so. Bheir mi dhut sgathan a bhios na ’s cinntiche na do bharail-sa. An uair a chi thu maighdionn aig coig bliadhna deug a dh’ aois, a tha coimhlionta ann am maise, cha ’n ’eil agad ach sealltainn anns an sgathan, agus chi thu a h-iomhaidh ann. Ma tha i beusach, banail, bidh a’ ghlaine gun smal. Ach ma tha i air a’ chaochladh, bidh smal air a’ ghlaine. Bidh sin na chomharradh cinnteach dhut nach robh i cho glic ’s bu choir dhi bhith, ar neo gu ’n robh toil aice a bhith amaideach. Na dean dichuimhn air na mionnan a thug thu. Mar dhuine measail, seas ris na gheall thu, ar neo cuiridh mi gu bas thu, caoimhneil ’s mar a tha mi riut.” Thuirt prionns’ Alasnam gu ’n robh e suidhichte gu ’n cumadh e ri ’fhacal.
Thug righ nam fathach dha an sgathan, agus thuirt e ris: “Sin agad an sgathan, a mhic; faodaidh tu tilleadh uair sam bith a thogras tu.”
Ghabh am prionnsa agus Mobarec an cead de righ nam fathach, agus dh’ fhalbh iad thun an locha. Chuir fear a’ bhata tarsuinn air an aiseag iad mar a rinn e roimhe. Rainig iad far an d’ fhag iad na seirbhisich, agus thill iad air ais gu ruige Cairo.
An uair a chuir Alasnam beagan laithean seachad anns an taigh aig Mobarec, thuirt e ris, “Rachamaid do Bhagdad a shireadh maighdinn a bheir mi gu righ nam fathach.”
“C’ar son? nach ’eil sinn ann an Cairo?” arsa Mobarec. “Nach fhaigh sinn maighdionnan boidheach gu leor ann?”
“Tha thu ceart gu leor,” ars’ am prionnsa; “ach cia mar a gheibh sinn fios c’aite am bheil iad?”
“Na cuireadh sin dragh sam bith ort, mo thighearna,” arsa Mobarec, “is aithne dhomhsa seana bhoirionnach a tha gle ghlic ris an earb mi an gnothach, agus ni i e gle mhath.”
An uair a dh’ innseadh do ’n t-seana mhnaoi mar a bha, fhuair i doigh air aireamh mhath de mhaighdionnan aig coig bliadhna deug a dh’ aois a thoirt an lathair a’ phrionnsa. Ach an uair a chuireadh dearbhadh orra leis an sgathan, cha robh a h-aon diubh freagarrach gus a toirt an lathair righ nam fathach.
An uair a chunnaic iad nach robh aon mhaighdionn bheusach, bhanail ri fhaotainn ann an Cairo, chaidh iad gu ruige Bagdad. Ghabh iad taigh anabarrach mor maiseach anns an aite bu bhriagha dhe ’n bhaile, agus bha iad a’ caitheamh am beatha le mor-ghreadhnachas. Bha ’n taigh fosgailte aca do ghnath do na h-uile a thigeadh ’s a dh’ fhalbhadh. Bha na coran bidh a bhiodh aca an deigh gach cuirm a bhith seachad, air a chur a dh’ ionnsuidh bochdan crabhach a’ bhaile, a bha mar so air am beathachadh en soghail gach latha.
Bha doctair a’ fuireach anns a’ chearn ud dhe ’n bhaile do ’m b’ ainm Musan. Bha e ’na duine uaibhreach, eudmhor, ardanach. Bha fuath aige do na daoine saoibhir a chionn gu ’n robh e fein bochd. Chual’ e bhith bruidhinn air prionns’ Alasnam, agus air a’ phailteas a bha ’na thaigh. Bha so gu leor gus a thoirt air fuath a thoirt do ’n phrionnsa. Air feasgar araidh an deigh na h-urnuigh fheasgair anns an eaglais, thuirt e ris an t-sluagh, “A bhraithrean, chuala mi gu ’m bheil coigreach air tighinn a dh’ fhuireach do ’n chearn so dhe ’n bhaile a tha gle bheairteach, agus gu ’m bheil e toirt suimeannan mora seachad a h-uile latha. Ciod e am fios a th’ againn nach e fior dhroch dhuine a th’ ann a ghoid moran airgid ’na dhuthaich fhein, agus a tha air tighinn an so gus an uine ’chur seachad ’g a thoileachadh fhein? Thugamaid an aire dhuinn fhin, a bhraithrean. Ma gheibh an righ fios gu ’m bheil a leithid de dhuine ’fuireach anns a’ chearn againne dhe ’n bhaile, tha aobhar eagail gu ’n dean e dioghaltas
[Vol . 9. No. 49. p. 3]
oirnn a chionn nach d’ innis sinn dha m’ a dheidhinn. Air mo shon fhin dheth, tha mi gu follaiseach ag innseadh dhuibh gu ’m bheil mi ’glanadh mo lamh as a’ ghnothach; agus ma thachras dad sam bith cearr, cha bhi coire sam bith ri chur as mo leithsa.”
Bha ’n sluagh cho furasda ri ’n comhairleachadh ’s gu ’n do chreid iad a h-uile facal a thuirt Musan riutha, agus a dh’ aon ghuth thuirt iad ris, “Is e do ghnothach-sa th’ ann, a dhoctair: innis do ’n chomhairle m’ a dheidhinn.”
Chaidh an doctair dhachaidh agus e gle thoilichte, agus sgriobh e iarrtus a bha e gus a chur air beulaobh an righ air an ath latha.
Ach bha Mobarec anns an eaglais aig uair na h-urnuigh, agus chual’ e, cho math ’s a chuala cach, a h-uile facal a thuirt an doctair. Chuir e coig ceud bonn oir ann an neapaiginn, agus, comhladh ri pasgan de chaochladh sheorsachan sioda, dh’ fhalbh e leotha do ’n taigh aig an doctair. An uair a rainig e, labhair an doctair gu cas, gruamach ris, agus dh’ fheoraich e ciod a bha e ’g iarraidh. Fhreagair Mobarec gu ciuin caoimhneil, agus thuirt e ris, agus e cur an t-sioda ’na laimh, “A dhoctair, is mise do choimhearsnach agus do sheirbhiseach. Chuir prionns’ Alasnam, a tha fuireach anns a’ chearn so dhe ’n bhaile, mise far am bheil thu. Chual’ e deadh iomradh mu do dheidhinn, agus dh’ ordaich e dhomhsa tighinn far am bheil thu agus innseadh dhut gu ’m bheil toil aige eolas a chur ort, agus aig a’ cheart am, tha dochas aige gu ’n gabh thu ’n tiodhlac beag so uaithe.”
Bhg aoibhneas thar tomhais air an doctair, agus labhair e mar so ri Mobarec: “Mo thighearna, bi cho math ’s gu ’n iarr thu air a’ phrionnsa mo leithsgeul a ghabhail. Tha naire orm a chionn nach deachaidh mi g’ a amharc roimhe so; ach gus dioladh a thoirt seachad air son an dearmaid a rinn mi, theid mi far am bheil e am maireach.”
Air an ath latha an deigh na h-urnuigh mhaidne, thuirt Musan ris an t-sluagh, “Feumaidh sibh a thuigsinn, mo braithrean, gu ’m bheil naimhdean aig a h-uile duine. Tha naimhdeas is farmad gu sonraichte a’ leantuinn na muinntir aig am bheil saoibhreas. Cha ’n e droch dhuine a th’ anns a’ choigreach mun do labhair mi ribh feasgar an de, ged a bha daoine mi-runach ag innseadh dhomh gu ’m b’ eadh. Is e th’ ann prionns’ og a tha measail, cliuteach, subhailceach. Feumaidh sinn an aire mhath a thabhairt nach toir sinn droch naigheachd sam bith thun an righ m’ a dheidhinn.”
(Ri leantuinn. ).
Comhradh.
LE F. O. S.
SEUMAS—Ach a thaobh a’ chogaidh a th’ ann an Africa feumar aideachadh gu ’n d’ fhàg e bròn ann an iomadh teaghlach. Tha a’ chunntas a fhuair sinn aig deireadh na bliadhna a chaidh seachad ag innseadh dhuinn gu ’n deachaidh mu cheithir mìle deug gu bàs eadar na mharbhadh agus na dh’ fhalbh le tinneasan dhe gach seòrsa. Tha bàs nam mìltean so a’ togail aire dhaoine mòran na ’s mò na tha bàs nam ficheadan mìle a tha faotainn a’ bhàis air aon dòigh no dòigh eile anns an rioghachd. Tha nàmhaid anns na trì rioghachdan againn a tha mòran na ’s eagallaiche, agus na ’s duilighe a chur fo cheannsal na na Boerich, a dh’ aindeoin cho gleusda ’s cho carach ’s a tha iad.
DOMHULL—An e am peacadh a tha thu ’ciallachadh? Mur e, cha ’n ’eil mi ’tuigsinn idir ciod a tha thu ’ciallachadh.
S. —Is e tha mi ’ciallachadh an galair eagallach ris an canar a’ chaitheamh—galair air am bheil thusa agus mise glé eòlach. Ach taing do Dhia cha robh e riamh anns na teaghlaichean do ’m buin sinn.
D. —Cha robh, agus cha b’ fhearr gu ’m bitheadh. Is iomadh uair a bhios mi ’smaointean air teaghlach Aonghais òig. Tha cuimhne glé mhath agam air a’ bhliadhna thainig iad do ’n bhaile. Bha e fhein ’s a bhean ’s a theaghlach—agus bha iad ann seachdnar de theaghlach an uair ud—cho slàn agus cho fallainn coltas ri h-aon a bh’ anns an dùthaich. Ach o’n uair ud dh’ eug Aonghas agus a’ bhean, agus sianar dhe ’n teaghlach anns a’ chaitheamh.
S. —Feumaidh gu ’n robh a’ chaitheamh anns an fhuil aca.
D. —Tha cuid dhe na doctairean ag ràdh gu ’m bheil a’ chaitheamh a’ ruith anns an fhuil, agus tha cuid eile ag ràdh nach ’eil. Ach mar is trice cha ’n ’eil na doctairean dhe ’n aon bheachd. So mar a tha ’n gnothach an comhnuidh. Am beachd a bhios aig aon fhear cha ’n e a bhios aig fear eile. Mar so tha e glé dhoirbh do dhaoine a thuigsinn cò a tha ceart, agus cò a tha cearr am measg nan doctairean. Tha mi ’smaointean gu ’m bheil an àireamh a ’s mò dhiubh gun fhios aca gu math ciod is còir dhaibh a ràdh. Tha ’n earrann a ’s mò dhiubh glé aineolach air iomadh rud air am bu chòir dhaibh a bhith fiosrach.
S. —Cha ’n ’eil feum sam bith dhomhsa no dhutsa a bhith ’bruidhinn mu na doctairean. Ni iad mar a thogras iad fhein, agus cha ’n fhaighneachd iad duinne ni sam bith. Ach tha amhrus làidir agam nach ’eil cuid dhiubh a’ tuigsinn nàdar agus aobhar nan tinneasan a tha cho cumanta am measg an t-sluaigh.
D. —Tha e coltach gu ’m bheil a’ chaitheamh ’na galair cho doirbh a leigheas ’s a th’ anns an t-saoghal.
S. —Tha sin fior gu leòr, oir tha tri fichead mile a’ bàsachadh anns na tri rioghachdan leis a’ chaitheamh a h-uile bliadhna! Agus o ’n a tha ’n galair so cho cumanta, cha chluinnear ach gann iomradh air. Ach na ’n deachaidh trì fichead mile a mharbhadh anns a’ chogadh, chluinneamaid mòran m’ a dheidhinn. Na galairean bàis air am bheil daoine glé eòlach o ’n òige, cha chluinnear mòran mu ’n deidhinn.
D. —Tha daoine a’ smaointean gur e an Tighearna a tha ’gairm dhaoine air falbh leis a’ chaitheamh, agus tha iad a’ smaointean nach e bàsachadh ann an cogadh am bàs a dh’ òrdaich Dia do dhaoine idir.
S. —Cha ’n ’eil an sin ach beachd mearachdach a tha cumanta am measg dhaoine anns gach cearn dhe ’n t-saoghal. Agus tha e comharraichte gur ann am measg dhaoine a tha ’g aideachadh na diadhachd is mò a chluinneas sinn dhe ’n bheachd so. Tha iad mar gu ’m biodh iad a’ creidsinn gu ’m bheil facal Dhé tur an aghaidh cogaidh. Ach tha iad mearachdach. Nach d’ thug Dia àithne do Mhaois a dhol a chogadh ris na h-Amalacaich? Nach d’ thug e àithne do Ioshua cogadh a dheanamh an aghaidh nan seachd cinneach a bha ’nan comhnuidh ann am fearann a’ gheallaidh? Agus ri linn nam Breitheamhna, an déigh bàs Ioshua, nach robh clann Israel a’ cogadh ris na cinnich a bha mu ’n cuairt dhaibh? Nach robh Daibhidh, an duine a bha a réir cridhe Dhé, ’na fhear-cogaidh ro ainmeil? Nach ann a’ cogadh a tha gach duine a h-uile latha dhe ’bheatha? Nach ann a’ cogadh an aghaidh a’ bhàis a tha mise agus thusa a h-uile latha dhe ar beatha? An uair a dh’ éireas tu anns a’ mhadainn, agus a ghabhas tu biadh is deoch, nach ann a’ cogadh a tha thu? An uair a tha thu ’cumail do thaighe tioram, blàth, nach ann a’ cogadh a tha thu? Nach ann a’ cogadh an aghaidh a’ bhàis a tha na doctairean a h-uile latha ’s a’ bhliadhna?
D. —Tha na dh’ innis thu dhomh mu ’n chaitheamh a’ cur uamhais orm. Mur b’ e gur tu fhein a dh’ innis dhomh e is gann gu ’n creidinn gu ’m bheil trì fichead mile a’ bàsachadh leatha a h-uile bliadhna. Nach neònach nach ’eil luchd-sgil na rioghachd a’ cur as do ’n ghalair ro uamhasach sin? Shaoilinn gu ’m faigheadh iad am mach dòigh air cur as dha.
S. —Tha iad a’ feuchainn ri cur as dha cho math ’s is urrainn daibh. Ach tha ’n cogadh gus a’ so a’ dol ’nan aghaidh gu mòr. Tha iad a nis a’ feuchainn dòigh ùr. Roimhe so is e ’n dòigh a bh’ aca a bhith ’cumail nan daoine tinne ann an seòmraichean cho blàth ’s cho druidte ’s nach fhaigheadh deò dhe ’n ghaoith g’an ionnsuidh. Ach a nis tha ’n luchd-sgil a’ tuigsinn gur i a’ ghaoth nàmhaid a’s mò a th’ aig a’ chaitheamh. O chionn beagan bhliadhnachan tha taighean-eiridinn air an togail air son muinntir na caitheamh. Agus anns na taighean so feumaidh na h-uinneagan a bhith fosgailte a h-uile latha agus oidhche a shamhradh ’s a gheamhradh. Tha luchd caitheamh, ma theid aca air gluasad idir, a’ coiseachd am muigh greis mhath a h-uile latha.
D. —Shaoilinn nach biodh e freagarrach do dhaoine tinne ’bhith cadal agus na h-uinneagan fosgailte air an oidhche. Nach bi iad glé bhuailteach air fuachd a ghabhail? Nach ann o fhuachd a tha ’chaitheamh ag éirigh? ’S e sin a chuala mise riamh co dhiubh.
S. —Is iomadh rud a chuala tusa agus mise nach mòr is fhiach. Tha iomadh beachd a bh’ aig daoine o shean nach còir dhutsa no dhomhsa ’leantuinn an diugh. Tha fallaineachd mhòr anns an àile ghlan. Agus tha na daoine air am bheil a’ chaitheamh a’ faotainn mòran fallainneachd o’n àile ghlan a thig o na beanntan ’s o na monaidhean. Is ann air na monaidhean àrda a tha fad o bhailtean a tha taighean-eiridinn air an togail air son muinntir na caitheamh. Ach ma theid daoine tuilleadh is fad air aghart anns an tinneas so, cha ghabh iad leigheas. Faodaidh duine sam bith a thuigsinn nach urrainnear tinneas a leigheas ma gheibh e tuilleadh ’s a’ chòir de ghreim air a’ chorp. Tha thusa a’ gabhail ioghnaidh a chionn gu ’n d’ innis mise dhut gu ’m bheil seachd fichead mìle tinn leis a’ chaitheamh anns na trì rioghachdan—sin ri ràdh, an Alaba, an Eirinn, ’s an Sasunn! Olc ’s mar a tha na Boerich gu marbhadh ’s gu leònadh, cha ’n ’eil iad a leith cho dona ris a’ chaitheamh. Agus tha ’m bàs a gheibhear anns a’ chaitheamh a cheart cho muladach agus, mar is tric, cho piantach ris a’ bhàs a gheibhear anns a’ chogadh. Faodaidh nach e so am beachd a ghabhas daoine air a’ chùis, ach tha na dh’ innis mise dhut fìor gu leòr.
D. —Cha ’n ’eil mise a’ cur teagaimh sam bith anns na dh’ innis thu dhomh. Ach cha d’ thug mi fa near a’ chùis gus an do tharruinn thu m’ aire g’ a h-ionnsuidh. Agus tha mi ’creidsinn gu ’m bheil iomadh fear eile anns an dùthaich a tha cheart cho beag smaointean rium.
S. —Tha thu ’g innseadh na firinn, a Dhomhuill. Ach cha ’n e a h-uile fear a dh’ aidicheas gu ’m bheil e aineolach ged a bhiodh fios aige air.
D. —Tha iomadh fear aineolach aig nach ’eil fios gu ’m bheil e aineolach. Agus, a Sheumais, is e sin a tha ’gam fàgail cho fìor aineolach ’s a tha iad. Aon uair ’s gu ’n tuig fear gu ’m bheil e aineolach, bidh e gu nàdarra ’g iarraidh fiosrachaidh agus eòlais.
(Ri leantuinn).
[Vol . 9. No. 49. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, IUN 7, 1901.
THA rathad-iaruinn Inbhirnis ri bhi air fhosgladh mu mheadhon a mhios so, agus an deigh sin bidh an t-each-iaruinn a giulan luchd-turuis na h-uile latha eadar Hastings agus Broad Cove. Cha ’n eil an rathad fhathast air a chriochnachadh, agus cha bhi gu ceann àireamh mhiosan, ach thatar a dol a thòiseachadh air ruith nan carbad a chum ’s nach caill a’ chuideachd a tha deanamh an rathaid an cuideachadh a bha iad ri fhaotainn o’n t-siorrachd. B’ e aon de na cùmhnantan air an deach an cuideachadh a ghealltuinn dhaibh gu ’m biodhte a’ giulan luchd-turuis air an rathad romh dheireadh a’ mhios so.
BHA e roimhe so na cheist air muinntir nan Stàidean, an robh no nach robh e laghail do ’n dùthaich sin seilbh a ghabhail air eilean no àite sam bith an taobh a mach d’a criochan féin, gun ghuth a thoirt do shluagh an àite sin ’nan riaghladh féin ’s an riaghladh nan Stàidean. Bha moran da na fir-lagha a b’ fhearr ’s an dùthaich dhe ’n bharail gu’m feumadh, Puerto Rico, Hawaii, agus na h-Eileanan Phillipeach a bhi air an cùnntas mar Stàidean eile, aig am biodh cothrom iad féin a riaghladh, agus aig am biodh guth mar an ceudna ann an riaghladh nan Staidean. Ach tha àrd-chùirt na dùthcha an deigh am beachd sin a thilgeadh bun os cionn. Tha na breitheamhan ag radh gu bheil e laghail do na Staidean eilean no àite céin eile air an gabh i seilbh a riaghladh, ma chithear sin iomchuidh, air dhòigh eile seach mar a tha na stàidean fein air an riaghladh. Tha a bhreth so a’ deanamh atharrachadh mor air seasamh nan Stàidean mar dhùthaich. Gus o chionn beagan bhliadhnaichean bha i, mar dhùthaich, a fuireach air leth o dhùthchannan eile ’s o ’n cuid chòmhstrithean. Ri ceist a bhiodh a cur eadar na cinnich eile, cha ’n iarradh ’s cha ghabhadh i gnothuch, mur robh buntainn sam bith aig a chùis rithe féin. Ach ’nuair a chaidh i chogadh ris an Spàinn chuir i cùl gu buileach ri comhairle clag Sgàinn— “an rud nach buin dut na bean da,” agus uaithe sin tha a teachdaire ri fhaicinn am measg theachdairean nan rioghachdan eile, ’sa togail a ghutha an àm a bhi feuchainn ri cùisean an t-saoghail a réiteachadh. Tha breth na h-àrd-chùirt a nise deanamh laghail do na Staidean àite sam bith air an gabh i seilbh a riaghladh á Washington, direach mar a tha Breatunn a riaghladh cuid de a colonies á Lunnuinn. Tha na Staidean mar sin air a toirt f’ ar comhair an riochd ùr, riochd anns an biodh e doirbh do Dheòrsa Washington, na ’m bu bheò e, a h-aithneachadh.
Andra Carnagie.
THA Mr Andra Carnagie, ’sa ghibhtean mora air son fogluim a tarruinn aire dhaoine o chionn dha no tri bhliadhnaichean. Rugadh an duine so air crìochan na Gàidhealtachd ged nach abrar gur h-e an Gàidheal a th’ ann; agus mu ’n robh e ach ochd bliadhna a dh’ aois thainig e thairis do America. Fhuair e àite ’na bhallachan òg anns an do nochd e gu tràth gu ’n robh stuth math ann. Fhuair e air aghaidh gu h-anabarrach agus gu luath, agus mu ’n robh e ro shean dh’ fhàs e gu bhi làn beairteis. ’S fhiach e an diugh mòran mhilleinean, agus leis an airgiod mhòr so tha e glé shuilbhir. Feadh America agus anns an t-seann dùthaich féin sgap Mr Carnagie mòran airgid ann a bhi cuideachadh cùisean fòghluim. Ach air a’ mhios so chaidh thàinig sgeul a mach gu ’n robh e dol a chrùnadh nan oidhirpean so ann an Albainn le gibht Dà Mhillein Oir a dheanamh ionnsachadh aig na fòghlumaidean Albannach buileach saor. Tha so a’ ciallachadh gu ’m biodh a suas ri deich puinnd Shasunnach air am pàigheadh a’ h-uile bliadhna air son gach oileanach. Cha ’n eil teagamh nach biodh so ’na chuideachadh mòr do ioma balach bochd aig nach ’eil ach glé bheag do airgiod ’nuair a tha iad ag ionnsachadh. Bidh an t-airgiod so air a cheangal ris na ceithir fòghluimaidean Albannach, an Duneideann, an Abaraidhean, an Cill-ribhinn ’s an Glascho; agus cha bhi e air a phàigheadh air son feadhainn ’sam bith nach d’ rugadh an taobh a steach do chrìochan na h-Alba. Faodar a radh nach eil cuid de na h-Albannaich deònach an t-airgead so a ghabhail. Cha ’n eil iad air son a dhol fo chomain sam bith do dhaoine saibhir nan Stàidean air son an cuid foghluim. Tha Alba ainmeil air son a cuid foghluim, agus cha robh i riamh an comain muinntir dùthcha sam bith eile air a son. Ach o’n is aon d’ a mic fein an duin’ -uasal a tha ’cur na gibhte so ’na tairgse, cha ’n eil teagamh nach gabhar i, eadhon ged a chaith e a chuid mhor de ’bheatha annn an dùthaich chéin a’ deanamh an airgeid.
Thachair spraidheadh ann am mèinn ghuail ann a Wales air maduinn a cheathramh latha fichead dhe’n Mhaigh. Bha mu cheud duine air an dùnadh a stigh. Fhuaireadh àireamh dhiubh a thoirt a mach beò, ach bha còrr us ceithir fichead dhiubh air bàsachadh mu ’n d’ fhuaireadh g’ an ionnsuidh.
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Matheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Confederation Life ASSOCIATION.
Eachdraidh 29 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.
Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,980.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25
Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1 ,505,546.25
F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.
Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON
Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
[Vol . 9. No. 49. p. 5]
Naigheachdan.
Toiseach na seachdain s’a chaidh thuit duin’ òg d’ am b’ainm Seumas Lacey marbh le tinneas a’ chridhe ann am priosan Halifacs. Bha e air a chur a stigh air son meairle, agus bha aige ri bhi ann sia miosan. Cha robh e ach ochd bliadhn’ deug a dh’ aois.
Air a’ cheud latha dhe ’n t-samhradh bha da cheud gu leth mile saighdear aig Breatunn ann an Africa mu Dheas. Chosg an cogadh, gu ruige ’n latha sin, £147 ,657,000, no mu $716 ,613,000 an airgead na dùthcha so. Ged a bha daoine ’n dùil nach robh gu bhi ann an cogadh nam Boereach ach cogadh beag, chuir e call mor air Breatunn ann an daoine ’s ann an airgead.
Tha a’ phlàigh a’ bristeadh a mach o àm gu àm an an caochladh chearnan de ’n t-saoghal. A chionn i bhi ann an Cape Town, cha’n eil fhios nach tig air Diuc Chornwall Africa mu Dheas a sheachnadh air a thurus timchioll an t-saoghail. Tha a’ phlàigh ann a Hong Kong, an Sina, agus ag aobharrachadh moran bhàs. Ann an aon seachdain o chionn ghoirid, chaochail da cheud leatha anns a’ bhaile sin.
Cha ’n eil an t-iasgach ach anabarrach dona ann an St. Pierre air an t-samhradh so. Bha na h-iasgairean Frangach roimhe so a’ ceannach biadh-dhubhan ann an Newfoundland, ach am bliadhna cha ’n fhaodar biadh a chreic riutha air an eilein sin, agus cha’n urrainn iad iasgach a dheanamh as aonais. So aon dòigh air am bheil riaghladh Newfoundland a feuchainn ri toirt air na Frangaich an còirichean air a chladach a deas a thoirt suas.
Tha dòchas aig muinntir a bhaile so gun taghail Diuc agus Ban-diuc Chornwall ann nuair a bhios iad a’ cur cuairt air Canada, agus tha cuireadh ri bhi air a thoirt daibh sin a dheanamh. Tha fios a thainig deireadh na seachdain s’a chaidh ag radh gu bheil an soitheach air am bheil iad gu taghal ann an Sidni air son guail, ach dh’ fhaodte nach tig a chàraid rioghail air tir an uair sin. ’S ann am baile Chuebec tha iad ri dhol air tir an toiseach, agus ’s ann á Halifacs a dh’ fhalbhas iad.
Chaidh Tomas C. Moxham, mac do A. J. Moxham, a mharbhadh aig an obair-iaruinn feasgar Di-ciaduin. Bha e ’dol air bòrd tréin-obrach, nuair a thuislich e, ’s chaidh càr thairis air. Ghlac na cuidhlichean e mu na guaillnean, agus bha e marbh air ball. Bha e mu cheithir bliadhna fichead a dh’ aois, agus bha e pòsda mu mhios an deigh an ama so an uiridh. B’e an t-aon bu shine de theaghlach ’athar; dh’ fhàg e aon bhràthair agus dithis pheathraichean. Bha ’athair ann an New York ’nuair a thachair an sgiorradh.
Ann an October, 1897, chaidhW . C. Anslow,fear-deasachaidh paipeir, air chall faisg air Newcstle, N. B., agus cha d’ fhuaireadh sgeul air riamh gus an la roimhe, nuair a fhuaireadh a chorp ri taobh aibhne le fear a bha ràthadh fiodha. Bha e mu ochd mile o’n àite as an d’ fhalbh e, agus cha robh e ach gann leth mhile o thigh. Bha an corp air cnàmh cho mor ’s nach gabhadh e aithneachadh, mur b’ e gu robh gunna, sgian-phòca agus uaireadair a bhuineadh do’n duine mharbh air am faotainn ri thaobh. Tha e gle shoilleir gur e dhol air chall a rinn an duine bochd, ’s gu robh e air a chlaoidh gu bàs a feuchainn ri àite-comhnuidh a thoirt a mach.
Re nan coig miosan a chaidh seachad dhe ’n bhliadhna so, bha ceithir cheud us tri deug air fhichead air an glacadh ’s air an cur dh’ an phriosan ann an Sidni. Air a mhios Màigh leis féin bha sia fichead ’sa seachd deug air an glacadh. Cha mhor nach bu luchd-daoraich iad uile.
Chaidh Caiptean Uilleam Ceanadach a mharbhadh aig laimhrig a ghuail ann an Louisburg Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair anns a’ phòcaid nuair a thuit meall mor guail air, ’ga thiodhlacadh fodha ’s ’ga mhùchadh gu bàs. Cha d’ fhuaireadh a thoirt as gu ceann leth-uair, agus an uair sin bha e marbh.
Chaidh fear Iain Hamilton a mharbhadh aig an obair-iaruinn Di-dònaich s’a chaidh. Thuit e fo chàr a bha e ’n deigh a cheangal ris an tréin, agus bha ’amhach ’sa chasan air am bristeadh, ’s fhuair e bàs air ball. Bha e seachd bliadhna fichead a dh’ aois. Bhuineadh e do Thruro, agus cha robh e ’g obair do chuideachd an iaruinn ach beagan is seachdain.
Chaidh paipear-naigheachd a thatar a cur a mach ann am Bail-a- cliabh a chur ’na thàmh air a mhios Màigh air son a bhi labhairt gu mi-iomchuidh mu Righ Iomhar. Bha Iomhar gle dhiùmbach nuair a chual’ e gu ’n do chuireadh stad air a phaipeir, ’s thug e òrdugh seachad gun a leithid a dheanamh tuilleadh os a leth-san. Tha e lan dheònach e-fein ’sa chliù fhàgail an làmhan a chuid iochdaran.
Tha strike ann an Sidni air an t-seachdain so. Tha na clachairean, na clachairean-creadha, na plasterers agus painters, ’nam seasamh a mach ag iarraidh an lath’ -obrach a ghiorrachadh gu naodh uairean, gun isleachadh tuarasdail. Bha a’ chuid a ’s motha de na clachairean ag obair do chuideachd an iaruinn. Tha mu dha cheud gu leth duine a mach uile gu leir, agus tha a’ mhor-chuid dhiubh ag radh gur fhearr leotha am baile fhàgail na dhol air ais gu obair nan deich uairean.
Chaidh coignear dhaoine a chrochadh ann an cearna de Chalifornia air an t-seachdain s’a chaidh. Bu cheathrar dhe ’n choignear sin athair agus a thriùir mhac. B’ e ’n gnothuch a chuir iad an gniomh ’s air son an deach an cur gu bàs, gu robh iad ri goid each. Bha iad ris an obair sin o chionn àireamh bhliadhnaichean, gus an deach an ghlacach an la roimhe ’s an cur dh’ an phriosan. Mu mheadhon oidhche, chruinnich buidheann dhaoine mu ’n phriosan, thug iad buaidh air luchd na faire ’s an sin thug iad a mach na priosanaich ’s chroch iad ri ceann drochaid iad.
’Se àite anabarrach cunnartach a th’ ann an Eilean Sable air cladach a deas Nobha Scotia. Cha ’n fhaicear an t-eilean so le maraichean ach ’nuair a bhios iad gle fhaisg air, a chionn nach ’eil craobh de sheorsa sam bith a fàs air agus gur e gainmheach a th’ann air fad. Tha a mhuir, a bharrachd air sin, a deanamh call mor air an eilean agus tha e a’ fas na ’s lugha a h-uile bliadhna. Tha riaghladh na duthcha an deigh àireamh mhor de chraobhan sior-uaine a chur ann air an t-samhradh so, agus ma dh’ fhàsas na craobhan sin, bidh aobhar taingealachd aig iomadh seolàdair bochd; oir ’s iomadh duine treun a chaill a bheatha air cladaichean an eilean so. Ni na craobhan an t-eilean na ’s furasd’ fhaicinn bhar na mara, agus nuair a ghabhas iad freumh gu math ann, cumaidh iad e o bhi cosg le obair nan tonn.
Cha ’n eil sinn cruaidh ort!
Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10—bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15—tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.
H . H. Sutherland & Co.
Bathar Cruaidh
Tha sinn a’ cumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.
Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 49. p. 6]
Sgeul a Africa mu Dheas.
Bha duin’ òg a mhuinntir Ghlaschu an so, an uair a ràinig mi. ’S ann a mhuinntir an Eilein Sgiathanaich a phàrantan. Thainig e do ’n dùthaich, mar a rinn ioma duin’ eile, o chionn gràinnean bhliadhnachan. Phos e nighean aon do na tuathanaich fhiachail, chothromach, agus gun smaoin air cogadh a thighinn chaidh a dheanamh na fhear-baile do ’n tìr anns an do thuinich e. Bhris air a shlàinte, agus dìreach mu’ n na lathan anns an do thòisich an cogadh fhuair e soitheach “dhachaidh” mar a theirtear. Bha e sèa mìosan air falbh, agus thill e do’n bhaile so ’an dochas gu’m faigheadh e suas thun a mhnatha gun mhòran dragh, agus gu’n tigeadh crìoch aithghearr air a chogadh. Bha e mìosan an so gu tùrsach, gun diog m’a mhnaoi. Nan rachadh e far an robh i rachadh greim a dheanamh air leis na Bòerich, agus dh’ fheumadh e airm a ghlacadh an aghaidh a luchd-dùthcha. Cha b’ urrainn da so a dheanamh; mar sin dh’ fheith e bhos. Mu dheireadh fhuair e fios mu ’mhnaoi. Bha i gu math, ’s bha leanabh òg aice. Ghlac do fhadal air gu ’n d’ fhalbh e, ged a bha sinn a guidhe air fuireach tacain fhathast. An deigh uin’ fhada fhuair sinn fios uaith féin, gu’ n d’ruig e a dhachaidh. Ach an ceann dà latha thainig duine a chunnaic e—thainig rosadh air an arm againn, theich a h-uile duine, agus thuit ar caraid ’an làimh nam Bòerich. Bha sinn ann am mulad mu dhéighinn. O cionn trì seachdainean thainig bean agus teaghlach an fhir a dh’ innis an sgeul, agus aig an àm ’s an d’ fhàg ise bha iad air binn bais a thoirt a mach air. Chaidh urchair a chur ann an dithis eile a chaidh a ghlacadh comhla ris, ach tha sinn daonnan a cumail a suas ar dòochas gu ’n rachadh ar caraid a leigeadh as. Bha ’athair-céile, agus aon bhràthair-ceile an sàs leis: cha togadh aon diubh làimh an aghaidh Bhreatunn, ach bha na Bòerich làn amh’rus, agus corruich, ag ràdh gu’n d’thainig M. air ais ann an caochladh barail ’s a dh’ fhalbh e, ’s gu’n robh e ’m bun cuid do’n iorghuill ’s an aite. ’S ioma naigheachd do ’n t-seòrsa so a dh’ fhaodainn a sgriobhadh.
K. W. G.
Geiread-cainnte no “Wit.”
Am faighear ann an cainnt, an còmhradh, no an litreachas nan Gàidheal am feart sin ris an abrar anns a’ Bheurla “wit,” agus, ma gheibhear, ciod e ’dhreach no ’ghnè? Gheibhear, deir an leughadair, oir ciamar a nithear Sean-fhocal as eugmhais. A reir mo bheachd féin ’s e ’m feart so beatha an t-Sean-fhocail. Tha iomadh Sean-fhocail aig Goill Albainn; ach their na Sasunnaich gu tric nach fhaighear an ni sin ris an can iad fein “wit” am measg nan Gall, agus tha e gun teagamh fior nach ’eil focal againn ’s a Ghaidhlig a dh’ eadar-theangaicheas gu dligheach am focal beag brighmhor so. Ach ged nach ’eil aon fhocal Gaidhlig againn a fhreagras do ’n fhocal Bheurla, tha ’bhuaidh inntinn a tha ’m focal Beurla ’cur an ceill dligheach d’ ar Sluagh. Gheibhear an doigh chainnt am measg nan Gàidheal gu tric ’n ar latha féin, agus dearbhaidh ar litreachais gu ’n robh am feart ceudna air a chleachdadh mar mhodh-teagaisg ’s an àm a dh’ fhalbh. Is feart e, a reir mo bheachd, aig a’ bheil àite an inntinn an duine, agus a gheibhear, ann an tomhas mor no beag, am measg gach Sluagh. Is modh-teagaisg e tha fìor chumhachdach, ach fìor chunnartach. Air àm ’s an àite iomchuidh, tha e cho dligheach ’s a tha e cho comasach; ach is arm e tha sàbhailte an laimh céille a mhàin.
Ris an fheart so ris an abrar “wit” ’s a’ Bheurla, abraidh sinne gu tric géiread, deise, no sgaiteachd cainnt. Cha ’n ’eil againne, mar anns a’ Bheurla, aon fhocal air a chur air leth a chum am feart so a chur an ceill; ach saoilidh mi gu bheil an ni fein soilleir gu leoir do gach neach. Anns a’ bhuil is àirde gus a’ bheil cainnt air a cur, ma dh’ fhaodte nach ’eil àite sonruichte air a chur a mach do ’n fheart so. Tha e fìor nach robh cuid de na h-inntinnean a b’ àirde comharraichte airson sgath an cainnt. Gheibhear òirdhearcas, neart, ’us maise air gach taobh duilleag de Oisein; ach cha ’n fhaighear am feart so ’na bhàrdachd. Cha do chuir a mhor chuid de na daoine a theagaisg an saoghal le doimhneachd ’us farsuingeachd an inntinn moran earbsa á sgaiteachd an cainnt. Agus aidichidh gach neach gu robh an t-aon a bu chumhachdaiche guth am Breatunn ’n ar latha-ne—Gladstone—air deireadh anns an fheart so. Ach cha ’n aobhar so gu dimeas a dheanamh air. Mar dhòigh sgriobhaidh ’us labhairt tha àite fein aige; agus mar mhodh-teagaisg tha ’chumhachd mór. Is iomadh ni a thig gaisgich as eugmhais air nach faod daoine is laige tàir a dheanamh. Ach is arm so a dh’ fhaodas an laoch is treise a ghiùlan. Is ann á neart a ghairdein ’s á faobhar a’ chlaidheimh a bhitheas earbsa an laoich ’s a’ chòmhstri, ach is tric a chuir sàthadh de ’n bhiodag as do ’n nàmhaid a thainig ro dhlùth. Cha ’n ionndrain sinn am feart so á Oisein; ach co leughadh Rob Donn as eugmhais. Ràinig Gladstone an t-àite is àirde ’s e dhìth air; ach c’àite robh Disraeli mur bhith e?
Co ann a tha ’m feart a’ co-sheasamh? Cha ’n ’eil e furasta mhineacheadh. Tha dhòigh fein aige airson a rùin a choilionadh. Cha ’n ann le buille trom ach le buille clis a tha e toirt na h-inntinn gu talamh. Tha e deanamh greim air smuaintean a tha tur-dhealaichte o cheile, ’g an ceangal ’s ’g an toirt, gun rabhadh, fa d’ chomhair. Tha buaidh aig gach ni ùr ’us neo-chumanta thairis oirnn. Is ann air a’ bhuaidh so tha “wit” a’ tighinn beò. Thig e ort gun fhios ’s
REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.
Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.
Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls , Ulsters, Reefers,Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.
Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois.
Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.
Innsridh Taighe: Wringers ,Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.
Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain.
THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Stor Ur! Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn
So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman a’s fhearr.
Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.
Mar an ceudna—
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.
F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.
[Vol . 9. No. 49. p. 7]
tha dreach na firinn air a’ ghnuis. Ach mu ’m bi an t-aoidh cridheil, sùnndach so fada a d’ thigh, is dòcha gu’n sonruich thu riantan ann nach ’eil uile gu leir ionmholta. Anns na ceuman is cudthromaiche ’s is sòluimte de d’ bheatha, cha mheas thu ’n a chompanach freagarrach e. Aig feill no aig banais cha tigear ro mhaith as eugmhais, agus is tric a dh’eutromaich e uallach an fhir a bha ’g a shàruchadh; ach ann an àmhghar, an trioblaid, ’s am bàs, agus co de’n chinne-dhaonna nach feum imeachd air an slighean so, roghnaicheadh tu companach a bu stéigheile dòigh, a bu chinntiche gluasad, ’s a bu bhlàithe cridhe na ’n companach luaimneach, ciogailteach, dàicheil so.
An Losgann.
Bha banrigh ann roimhe so a bha tinn, agus bha triùir nighean aice. Thubhairt i ris an té ’bu shine, “Falbh do ’n tobar fhìor-uisg’, agus thobhair do m’ ionnsuidh deoch gu m’ leigheas.” Dh’ fhalbh an nighean agus ràinig i ’n tobar. Thàinig losgann a nìos a dh’ fharraid di am pòsadh i e na ’m faigheadh i deoch d’a màthair. “Cha phòs mis ’thu, ’chreutair ghrànnda! air aon chor.” “Mata,” ars’ esan, “cha ’n fhaigh thu ’n t-uisge.” Dh’ fhalbh i dhachaidh, agus chuir a màthair air falbh a piuthar a b’ fhaisge dhi a dh’ iarraidh deoch do ’n uisge. Ràinig i ’n tobar, agus thàinig an losgann a nìos, agus dh’ fharraid e dhi am pòsadh i e, na faigheadh i ’n t-uisge. “Cha phòs mis’ thu, ’chreutair ghrànnda,” ars ise. “Cha fhaigh thu ’n t-uisge mata,” ars’ esan. Thill i dhachaidh, agus chaidh a piuthar a b’ òige ’dh’ iarraidh an uisge. An uair a ràinig i ’n tobar thàinig an losgann a nìos mar a b’ abhaist, agus dh’ fharraid e dhi am pòsadh i e na ’m faigheadh i ’n t-uisge. “Mar am bheil seol eil’ agam air leigheas fhaotainn do m’ mhàthair pòsaidh mi thu,” ars’ ise, agus fhuair i ’n t-uisge, agus slànaicheadh a màthair.
Bha iad an déigh gabhail mu thàmh ’san oidhche an uair a thàinig an losgann do ’n dorus ag ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? a ghaoil! a ghaoil!” An uair a bha e gun tàmh ag ràdh mar so, dh’ éirich an nighean agus thug i stigh e, agus chuir i cùl an dorus e, agus chaidh i ’laidhe; ach cha robh i fada ’na luidhe an uair a thòisich e rithist air a ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? a ghaoil! a ghaoil!” Dh’ éirich i ’n sin agus chuir i fo noigean e. Chum sin sàmhach e tacan; ach cha robh i fada ’na luidhe an uair a thòisich e rithist air a ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? a ghaoil! a ghaoil!” Dh’ éirich i rithist agus rinn i leaba bheag dha taobh an teine; ach cha robh e toilichte. Co luath agus a bha i ’na leaba thòisich e rithist air a ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? a ghaoil! a ghaoil!” Dh’ éirich i ’n sin agus rinn i leaba dha làmh ri ’leaba féin; ach bha e gun tàmh ag ràdh, “A chaomhag, a chaomhag an cuimhneach leat an gealladh beag a thug thu aig an tobar dhomh? a ghaoil! a ghaoil!” Ach cha robh i ’tabhairt feairt air a ghearan gus an dubhairt e rithe, “Tha seana chlaidheimh meirgeach cùl do leapa leis an fheàrra dhuit an ceann a thobhairt dhìom, na ’bhith ’ga m’ chumail am péin ni ’s faide.” Ghabh i ’n claidheamh agus gheàrr i ’n ceann deth. An uair a bhoin an stàilinn da dh’ fhàs e ’na òganach dreachmhor, agus thug e iomadh buidheachas do ’n ògbhean a bha ’na meadhon an druidheachd fodh an robh e ré uin’ fhad’ a’ fulang, a chur dheth. Fhuair e ’n sin a rìoghachd, oir bu rìgh e, agus phòs e ’bhana phrionnsa, agus bha iad fada beò gu subhach còmhla.
“The Cupid’s Casket. ”
“My dearest Tommy, ”deirLady Myshrymri Captain Goblets, ’s an“drawing-room”leo féin, air an oidhche ’s an do thuit e an gaol airLady Dora, ‘the Fairy of the Sleepy Hollow,’ “my own truest knight errant, in running to earth the accursed poachers you have fully earned my heart and hand. O! you are not well my darling. ” (Dh’ fhàs an Captain cho bàn ri breid). “Have a glass of this old brandy to revive you. ” (Dh’ òl e siod agus phill an fhuil na aodann). “O! joy, you are better now. Speak, my own Tommy, and say you love me.” “Most noble Lady, ”deir Tommy, “you must forgive me. A change has come over my sentiments. I cannot marry you.” “O! you heartless brute, ”deir ise, “you loved not me but mine. I would sooner marry a poor but honest crofter lad than the rich but wretched Captain T. Goblets.” “That is to say, ”deir Captain T. Goblets—oir fhuair e misneach a nis—”if the poor but honest crofter lad would aspire to such an honour.” “Wretch!” deir ise, “having no heart to feel with we will make you feel in your purse. ”
Aig so bhuail a bhantrach mhòr an clag agus air do “flonkey” e féin a nochdadh, a deir i—“Jenkins, please tell the Lady Dora I want her! ”Thainig Lady Dora. “Dear Fairy of the Sleepy Hollow, ”deir i rithe, ”please bring me my Cupid’s Casket, (thug am “Fairy” a steach siod). “You need not go darling. ” (Bha am Fairy dol a philleadh air a h-ais). “I have got a sweet tit-bit of society scandal, dear Fairy of the sleepy Hollow, which is about to create a great sensation in the law courts of this Kingdom, and I wish now to share it with the gallant captain and yourself.” “I am dying to hear it, ”deir Lady Dora. Dh’ fhosgail a’ bhanntrach mhòr an Cupid’s Casket agus thug i litir as. “How will this do for a love-letter in the case? It is from the gallant to his lady-love:— ‘Adored one, would that instead of being the richest lady in the land you were the poorest lassie so that I— ’” “Excuse me, most noble Lady, ”deir an Captain, “as I have a most pressing engagement I must now leave your delightful company. ”Bhuail an ladan clag. Thàinig Jenkins. “Jenkins,” ars ise, “please show this gentleman out.”
C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH,
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a deanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
Amy Mhoraidh.
FEASGAIR DE DH’ ORAIN ALBANNACH.
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 49. p. 8]
Failte na Duthcha.
LE IAIN MAC LEOID, L.L. D.
Bi ag innse dha ’n Uirinn,
Do Chuineag, ’s do Shùilbhein,
O mhullach Stròin-chrùbaidh
Gu seann Rudha Stòrr,
Gu ’m faic iad mi tighinn
Chur fàilt’ orra rithist
Mar chàirdean ’s mar chinneadh
Mar rinn ni na m’ òig’.
Cha ’n ’eil eadar Asair,
Is Cóigeach na h-àirde,
Cnoc, beallach, no bràghad,
Eilean, àiridh, no beinn
Nach toireadh dhomh urram,
Ciad fàilt’ agus furan,
Nan tiginn o Lunnainn
Gu dùthaich nan gleann!
Nuair dh’ éirinn ’sa mhaduinn,
’S a’ ghrian air a casan
Thar bheanntaichean Asaint,
O dhùthaich Mhic-Aoidh;
’S an uiseag, ’s an fhaoileag,
’S na smeoraich bu chaomh leam
’Deanamh ceòl dha ’n an t-saoghal
Le furan glé bhinn.
Co ’n cridhe nach éireadh,
Le iorram cho éibhinn?
Mac-talla ga éigheach
O chnoc agus beinn.
Mi-fhéin agus Màiri
Air mullach na h-àiridh,
’S a broilleach cho àillidh
Ri éirigh na gréin.
Bu bhinn leam gach feadan
O mhaduinn gu feasgar,
Bu ghreadhnach gach sealladh,
’S bu taitneach gach fuaim;
Bu cheol leam an cànran
Aig tonnan na tràghad,
Ged bhiodh iad ri rànail
Fo shlat na gaoith tuath.
Bu toil leam do chomunn,
O dhùthaich na seallan,
Ann an samhradh na lusan,
Na geamhradh na fuachd;
Bu shlàinte dhomh t’ fhàileadh,
’Fhir dhligheach nan Gàidheal,
’S i sin a rinn m’ àrach
Mar dharach nan dual.
Thoir mo shoraidh gu Cròna,
Far am b’ àill leam ’bhi seòladh
Mar ri Iain Mac-Dhomhnuill
Agus Aonghas Mac-Aoidh;
’S nuair a thogadh i dosan
Ri stròin nam fear dosach,
Bhiodh na seoid ud air thoiseach
Ann am peirceall na gaoith.
Bu cheol leam a farum,
Eadar shiùil agus sparran,
Troimh stuadhannan mhara,
’Dol seachad nan caoir;
Dheanainn uaill anns na balaich
’Bhereadh fàilte dhomh dhachaidh:
Dheanainn sùgradh is aighear
Ann am fochar nan laoch.
Clarsach Chrona.
LE DOMHNULL MAC LEOID.
Nam biodh Domhull deas le lidean,
Mar tha e leis an tuaigh,
Cha bhiodh Clarsach Chròna idir
Gun mholadh measg an t-sluaigh.
Tha mi suidhichte nach éibh mi
An deigh na Greig ’s na Ròimh,
Gu mo chobhar air na téudan
Ga d’ mholadh, Ollamh chòir.
Cha b’e cleachdadh nan seann Ghàidheil
’Bhi ’g éigheach air na deigh:
’S ann le luths is spionnadh gàirdein
A chobhair iad iad-fhein.
Air na muses dhubha ’n dòlais
Cha robh iad a’ cur feum;
’S mor gu ’m b’ annsa leò Beinn Dòrain
Na cnoc Pharnaseis fhein.
Iain Mhor mhic Dhomhuill ’ic Uilleim,
A sheòid! ’sa mhic an t-seòid!
Tha a Ghàilig agad ullamh,
Ged bha thu ’n Lunnainn òg.
Ged tha cainnt na Ròimh ’s na Gréige
Na d’ cheann, is cainnt nan Gall;
Cainnt do mhàthar—cainnt an fhéilidh—
Cha do leig thu i air chall.
Thainig spiorad sèamh na bàrdachd
Gun teagamh air do cheann:
Feuch gun tabhair thu dha fàrdach,
’S nach bi do dhàin cho gann.
Ni iad seanachas anns an Eiphit
Air Cuineag àluinn, chas;
Bidh a h-ainm ac’ aig a chéilidh,
S na h-eileanan fad as.
Bidh an domhain uile eòlach
Air Cròna ’s air a Pharbh,
’S air a liuthad lochan bòidheach
Tha thall air an Trian Gharbh.
Ann an tairt is teas Australia
Bidh t-òrain air an seinn;
Is bidh fios ac’ anns an Asia
Air àilleachd a Chulcheinn.
Chuala cuideigin thu cantainn,
’S do thaic ri bun a chruinn,
Air son òr—na tha an Sasunn—
Nach fhàgadh thu ’n Culceinn,
Thuirt thu cuideachd ann an òran—
’S na ’s fhearr cha d’ rinn Rob Donn—
Gum b’e t’ annsachd a bhi ’seòladh
Mu Chròna ghlas nan tonn.
Gheibh thu bàigh is cliù mar thoill thu,
Nach d’ roghnaich thu an t-òr;
Tha do bhuadhan àrd os cionn rud
Nach toir sinn leinn do ’n Stòrr. *
C’uin a chi mo shùil a rithist
Do bhirlinn sgiobalt’, ghrinn
A’ tilgeadh still de ’sròn nuair bhitheas
I ’g eiridh air na muill?
’S tu ga cumail ris an fhuaradh,
Gu daingean is gu teann;
’S tu a’ seasamh liuthad cruadal,
Mar dharach cruaidh nam beann.
Cas ’sa spùidsear ’s cas ri tota,
’S tu ’pronnadh dàn is rann;
Cha bhiodh ann ach smior an dota
Nach togradh a bhi ann.
Tha na h-Asaintich a’ cantuinn
Nach caochail thu gu tinn:
Gu ’m bi gainmhich na do chlaigionn
Air cladach a’ Chulchein.
Ach ma sheasas siùil ri sparran,
Gun stracadh leis a ghaoith,
Ni sinn uile ’n dòchas altrum
Nach caillear thu a chaoidh.
*Cladh a’ Stòrr.
Bha Uisdean Keay agus Tomas Carey air am feuchainn ann anGuysboro , N. S.air an t seachdain s’a chaidh air son iad a mharbhadh fear Iomhar O’Connor mu thri miosan air ais. Fhuaireadh ciontach iad, agus bha coig bliadhna ’n urra dhe ’n tigh-obrach air a thoirt daibh. Fhuair fear eile, Alasdair Gerrow, bliadhna sa phriosan air son a bhràthair féin a stobadh anns air t-sabaid cheudna ’s an deach O’ Connor a mharbhadh. Bha na daoine uile air an daoraich ’nuair a chaidh an cron a dheanamh.
Fhuaireadh bean d’ am b’ ainm Mrs May air a bàthadh ann an allt beag aig a dachaidh faisg airCardigan , E. P. I. ,mu mheadhon ma seachdain s’ a chaidh. Tha e coltach gu ’n deach i dh’ an allt a dh’ iarraidh uisge, ’s gun do thuit i ann, agus o nach robh cuideachadh faisg oirre chaill i a beatha.
Chaidh bean dhubh d’ am b’ ainm Byers air chall air a cuideachd ann a’ Halifacs air a mhios s’a chaidh, agus an deigh a bhi ’ga sireadh fad dheich latha fhuaireadh a corp an grunnd an uisge aig aon de na ceadhachan.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Reic-a- mach.
Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse
An t-Iomlan de ar Stoc
DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE
air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so.
TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,
BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.
So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90
Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.
Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, OCT. 8, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. McGILL FHINNEIN, Supt .
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 49 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 49. %p |
parent text | Volume 9 |