[33]

[Vol . 9. No. 5. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OUGUST 3, 1900. No. 5.


ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. V.

MAIRI AIR BEUL-THAOBH ABHRITHEAMH.

Is gann a dhùisg Màiri, an uair a chaidh oifigeach a stigh don phrìosan, gus a toirt am mach air beul-thaobh fir-ceartais. Bhual crith in uair a chaidh istigh don t-seòmar àrd, dhorcha, le chuid uìnneagan shean-fhasanta, anns an robh na glaineachain beaga air an cur air an oir. Shuidh an t-àrd-bhàillidhna bhritheamh, ann an cathair mhoir air a còmhdach le aodach scàrlaid; beagan sios air shuidh an cleireach aig a bhord-sgriobhaidh, a bha air fàs dubh leis an aois. Chuir am britheamh moran cheistean oirre. Thug Màiri dha freagairtean firinneach; bha igalsa caoineadh, ’s a cur an céill gu làidir a neo-chiontachd. Ach thuirt am britheamh: “Cha toir thu orm-sa rud nach gabh a bhith a chreidsinnan àite rud a ghabhas. Cha deachaidh duinestigh don rùm ach thusa. Chan urrainn am fàine bhi aig duinesam bith eile; mar sins fhearr dhut fhéin aideachadh.”

Brùchd deòir Màiri a mach: “Chan fhiosrach mise air sian mun fhàine. Chanfhaca mi e ann. Chan eil e agam!”

Chaidh am fàine fhaicinnn ad laimh”, thuirt am britheamh. “Nise ciod a their thu?” Fhreagair Màiri, “Cha ghabhaidh sin a bhith.” Rinn am breitheamh smèideadh, agus thainig Ceit a stigh don rùm. Nagamhlus ri Màiri airson aghùin, agus le toil aingidh air diubhar a dheanamh dhiam barail a maighstearan, thuirt Ceit ri muinntir aChaisteil: “Chan urrainn am fàine a bhi aig duinesam bith ach aig nighean bheag aghàraidh. ’Nuair a chunnaic misi tighinn a nuas an staidhir, bha fàine aice anns an robh clachan bòidheacha air an suidheachadh; achn uair a mhothaich i dhòmhsa, chaidh ina cabhaig, agus dhfholaich i e. Smaointich mis amhionaid nach robh cùisean ceart. Ach, air a shon sin cha robh toil agam a bhi tuilleadh is cabhagach, agus mar sin chum mi mo theanga. Smaointich mi gun deachaidh am fàine thoirt di, mar a chaidh gnothuichean eile. Ach ma ghoid i e, chan fhada gus an ionndrainn iad e, agus a sin bithidh e luath gu leòir bruidhinn mu dheibhinn. Tha mi gle thoilichte nach robh mian seòmar mo bhana-mhaighstir an diugh. Faodaidh sluagh aingidh, mar tha Mairi chealgach so, sluagh onarach a tharruinnan trioblaid.”

Chaidh Ceit a ghabhail air a facal; chaidh iarraidh oirre a h-uile dad a bfhiosrach i innse air beul-thaobh a bhàillidh. ’Nuair a thainig istigh don chùirt, agus a dhiarr am bàillidh oirre, ’an ainm , an fhìrinn innse, cha bu bheag a bhuille bhaig a cridhe, agus chrith a glùinean foidhpe. Ach cha do ghabh an creutair aingidh suim de bhriathran a bhàillidh, no de ghuth a cogais fhéin. Smaointich i mar so, “Ma dhaidicheas min dràsda gun do dhinnis mi briag, theid mo thionndadh air falbh, agus ma dhfhaodte mo chur am prìosan.” Sheas i, air an aobhar sin, ribreig agus thuirt i gu ladarna ri Màiri, air beul-thaobh abhritheamh; “Tham fàine agad; chunnaic misagad e.”

Chuir a bhreug so uamhas air Màiri; ach cha do thòisich i air gearain no air càineadh. Shil a sùilean agus is gann a burrainn i bruidhinn leis na deòir. “Chan eil e ceart; chan fhacthum fàine agam-sa. Cia mar is urrainn duit breug cho dàna sin a dheanamh, agus mise, nach drinn cron riamh ort, fhàgail cho truagh dheth?”

Ach bha a buanachd fhéin a tighinn fanear do Cheit, agus bha a gamhlass a farmad cho mors nach robh éifeachd sam bith aig briathram Mairi bhochd air a cridhe. Dhaithris i abhreug mun chùis an dara uair, agus an sin dhiarr am britheamh oirre a dhol gu taobh.

Thubhairt e an sin ri Màiri, “Tha thu air do dhiteadh; tha gach cùisn ad aghaidh. Chunnaic ban-sheirbheisach na Ban-Iarlòig am fàinen ad lamhan. Nise, innis dhuinn cait na chuir thu e.”

Thubhairt Màiri a rithisd, nach robh e aice. Dhòrdaich am bàillldh, an sin, a sgiùrrsadh gus an tigeadh an fhuil. Thòisich Màiri air gals air éigheach ri Dia a rithisds a rithisd gun robh i neo-chiontach, ach cha deanadh e feum. Chaidh feuchainn rithe gu goirt. Bàn, lan fala, agus air chrith, chaidh ma dheireadh a tilleadh air ais don phrìosan. Bhacuid leonga cràdh: thug i leth na h-oidhche gun chadal air an leaba chonnlaich; bha igals ag osnaichs ag ùrnaigh ri Dia, a chuir mu dheireadh cadal riatanachga h-ionnsaidh.

An ath latha dhòrduich am bàillidh Màiri thoirt a rithisdna làthair. Bhon a dhfhàillinnich gach dòigh bhorb, dhfheuch e le briathran ciùinus càirdeil ri toirt oirraideachadh. “Chuir thu do bheatha fhéin an cunnart,” thuirt esan, “agus mar sins e do dhuais am bàs. Ach ma dhaidicheas tu cait am bheil am fàine, cha téid an còrr a dheanamh ort. Na buillean a fhuair thu mar tha is e sin do pheanas. Theìd do chur na dàite fhéin a rithisd, anns an taigh comhla ri tathair: cuimhnich a nise gu math, agus dean roghainn eadar beathaus bàs! Seall, tha min dùrachd mhath dhut. Ciod am feum a ni am fàine dhut, ’n uair a bhios do cheann na shineadh làn fala aig do chasan?” Ach bha Màiri gu dian atoirt na h-aon fhreagairt seachad. Am bàillidh, a mhothaich dan ghaol mhòr a bhaic air a h-athair, thuirt mar a leanas: “Ma chumas tu ort diorrasach mar sin, agus nach sàbhail thu do beatha fhéin, cuimhnich co dhiù air ceann glas dathar! Am bi thu toileach fhaicinn atuiteam làn fala fo làimh fear na tuaighe? Co eilach esan a mheall thusa gu leanailt cho diorrasach ris a bhreig? Am beil fios agad gum faod dathair a cheann a chall, cuideachd?” Chuir na briathran so a leithid de dhoillt air Màiris nach mor nach do thuit i sios gu làr. “Aidich,” thubhairt am bàillidh, gun dthug thu leat am fàine: aon fhacal, an aon lideadh, sàbhalaidh do bheatha fhéin agus beatha dathar!

Is e buaireadh mor a bhan so air Màiri. Bha i tacanna tosd. Thainig ena h-inntinn gum faodadh i ràdh gun dthug i leatham fàine, ach gun do chaill i air an rathad e. Ach thubhairt i rithe fhéin, “Chan abair, ’s fhearr daonnan leanailt ris an fhìrinn. Tha breug innseadhn a pheacadh! Cha toir luach sam bith orm peacadh a dheanamh, ged a theasraigeadh e mo bheatha fhéin agus beatha mathar! Is e do chomhairle-sa, mo Dhia, a ghabhas mi, agus fàgaidh mi an còrr an earbsa riut.” Thubhairt i an sin, le guth ard, dùrachdach, drùighteach, “Nan abarainn gun robh am fàine agam, bhiodh ena bhreig, agus ged a choisinneadh e mo bheatha dhomh, chan aithris mi breug. “Ach,” ars ise, “ma dhfhéumair fuil a dhortadh, O caomhain falt glas mo dheagh athar! Bheir mise suas mo bheatha air a shon-san.”

Dhrùigh na facail so air na bha làthair: eadhon am britheamh fhéin, ged a bha inntinn laidir aige, ràinig iad a chridhe. Bha e sàmhach, agus thug e sanas seachad Màiri a thoirt air ais don phrìosan.


CAIB. VI.

IACOB AGUS MAIRIS APHRIOSAN.

Fhuair am britheamh a nis e fhéin ann an trioblaid nach bu bheag. “Tha an nis an treas lathagainnars esan ris an sgriobhaich, “agus chan eil sinn nis fhaide air aghart na bha sinn a chiad latha. Na faicinn dòigh air gum burrainn am fàine a bhi aig duine sam bith eile, chreidinn gum beil an nighean neo-chiontach. A leithid de dhiorras ann an nighinn cho òg, cha chualas riamh. Ach leis cho soilleirs a tha cùiseanna h-aghaidh, cha ghabh e bhith nach do ghoid i am fàine.”

Chaidh e a rithisd far an robh aBhan-Iarlagus rannsaich e gu mion mun chùis. Cheasnaich e Ceit uair eile. Cha mhor nach dthug e fad an lathagan ceasnachadh, agus mheadhraich e gu dian air gach facal a thuirt Màiri a cheas nachaidh. Anmochsan fheasgar, dhòrduich e Màirisa h-athair a bhi air an toirt gaionnsaidh as a phrìosan.

Iacob,” ars esan, “tha mis air mo mheasnam dhuine cruaidh; ach gidheadh, tha fios agad-sa nach urrainnear a ràdh gun drinn mi riamh cron neach eile, le fios domh. Tha mi smaointeachadh gun creid thu nach eil toil agam-sa mo làmh a chur ann am bàs do nighinne. Ach leis gach dearbhadh a fhuair sinn, feumar a diteadh airson na mèirle, agus a réir an lagha feumaidh i bàsachadh. Tha fianuis na searbhanta a fàgail na coire mu mhullach a cinn.

Nan tigeadh am fàine air lom, agus an call mar so a dheanamh suas, is docha gu faigheadh i fathamas air sgàth a h-oige. Ach ma chumas i roimpe cho dùrs cho aingidhs a bhréig, cha ghabh a h-òige leith-sgeul air son a drochbheairt, agus mar sin, is oighre don bhàs i. Falbh far am bheil i, ma ta, Iacoib, iarr oirre am fàinethoirt suas, agus tha misetoirt dhut mfhacail, anns achàs sinach cuimhnich anns achàs sin amhainnach fhaigh i bàs, ach gheilbh i mar sgaoil le peanas nach bi trom. Is



[34]

[Vol . 9. No. 5. p. 2]

tusah-athair; tha h-uile cumhachd agad thairis oirre. Mur a toir thusoirre a thoirt seachad, ciod as urrainn neach sam bith a shaoilsinn ach gum beil an gnothuch air a dheanamh suas eadaraibh, agus gu bheil pàirt agad-sanns achoire? Aon uair eile! mur teid am fàine fhaighinn, bithidh e daor duibh le chéile.” Ars an t-athair: “Bruidhnidh mise rithe gu toileach; ach tha fhios agam mar tha, nach do ghiod i am fàine, agus air an aobhar sin, nach urrainn di aideachadh. Feuchaidh mi gach seòl; agus cunntaidh mi ena fhabhar mor, ma theid mo leanabh neo-chiontach a dhiteadh, gum faod mi a faicinn fhathasd aon uair eile!”

Thug fear cumail a phriosain leis an seann duine, gu sàmhach, gu Màiri, chuir e an lòchran neo-dhealrach air a bhòrd bheagan rùm a phriosain, far an robh na soithichean creadha le suipeir Màiri, agus an soitheach uisge fhathasd gun bheantainn da; thill e an sin a mach, agus dhùin e an dorus as a dhéigh.

Bha Màirin a sineadhs an leabaidh, a h-aghaidh air a bhallas i gal gu trom. ’Nuair a dhfhosgail isuileans a chunnaic i solus fann an lòchrain, thionndaidh i mun cuairtmhothaich i da h-athair, thug i éibh àrd aisde, dhéirich i suas agus thuit i ann an seòrsa de laigse air uchd a h-athar. Shuidh e sios comhla rithe air an leabaidh, agus ghlac e i gu teannna ghàirdeanan. Bha iad le chéile sàmhach greis ùine, agus shil an cuid dhiar gu frasach còmhladh.

Mu dheireadh fhuair a h-athair spionnadh gu leòir gus innsan turus air an dthainig e. “O Athair,” ghlaodh Màiri mun robh e ullamh, “cha bu chòir dhuibh teagamh a churna mo neochiontas! O mo Dhia, am bheil duinidirsan t-saoghal nach eilgam ghabhail mar bhana-mheairleich! Eadhon mathair fhein! Athair creidibh mi fathasd: cha dàraich sibh bana mheairleach annam-sa.”

Bi sàmhach, mo leanabh gaolach, tha migad làn chreidsinn; chaidh a chur mar fhiachaibh orm bruidhinn mar so riut.” Bha iad an sin sàmhach greis eile. Bhah-athair a coimhead gu dùrachdach air Màiri. Bhagruaidhean a sealltuinn tana, bàn, a suilean dearg agus air at leis achaoineadh, bha a falt trom, dualach, leis am faodadh i a pearsa chur am falach gu buileach, a nise sgaoilte agus suainte gach rathad mun cuairt oirre. “Mo leanabh brònach,” ars esan, “chuir Dia deuchainn chruaidhnad rathad! Agus tha eagal, tha eagal orm gum bheil achuid as deuchainniches as cruaidhe ri tighinn fhathasd! Ma dhfhaote, ma dhfhaote gu sgath iad dhiot do cheann òg!”

O athair,” arsa Màiri, “thaobh sin, tha mise coma. Ach ur ceann glas-se! O mo Dhia! gum faicinn-sa e tuiteam leis achlaidheamh!”

Na biodh cùram ort mu mdheighinn-sa, a leanaibh ghaolaich,” arsa h-athair, “chan urrainn sin tachairt dòmhsa! Ach air son do ghaoil-sa, tha dòchas agam ris a chuid as fhearr, ach dhad thaobh-sa faodaidh, eadhon, a chuid as miosa tachairt.”

O,” arsa Màiri, ’sa sùilean a boillsgeadh le sòlas, agus a breith air a h-athair, “chionn gur ann mar sin a tha, than t-eallach as truime air a thogail de mchridhe, tha, a nise, gach cùis gu math. ’Athair, gu cinnteach chan eil eagal agam ron bhàs. Theid mi gu Dia, gu mFhear-saoraidh! Chi mi mo mhàthair cuideachd, am flaitheanas! O cho toilichtesa bhitheas mi!”

Dhrùigh na facail so gu trom air cridhan t-seann duine. Ghuil e mar leanabh. Chuir e a làmhanan glacaibh a chéile agus thubhairt e, “Moladh do Dhia, chionn gum bheil migad fhaighinn anns an staid inntinn so. Tha e gun teagamh cruaidh, gle chruaidh, do sheann duine, do dhathair gràdhachsam bith, a leanabh ionmhuinn, ’aona chùl-taic, a dhòchas, a chrùn, ’s a thoileachadh aosda, a challs an dòigh so! Ach fhathasd,” ars esan, le guth bristeach, “O Thighearna, do thoil-sa gun robh deante. Tha Thu ag iarraidh iobairt chruaidh air cridhe athar; ach tha misega thoirt duit gu toileach. Gabh i! ’Nad làmhan tha miga liubhairt, maona ghràdh air thalamh; ge bedheireas dhise, is ann gu math a bhitheas e. Tha miga h-earbsa ri dghràdh gun chrioch; ’se sin am fear-faire as fhearr. O Mhàiri, aghràidh, ’s fhearr thusa a bhàsachadhs an neo-chiontas, eadhon air an scaffal, le laimh fir-thilgidh na gum bithinn-sa beò agus a cluinntinn gun robh thu air do thruailleadh anns an t-saoghal aingidh so, do neo-chiontas air a spùineadh, agus air do mhealladh gu peacadh agus droch bheairt. Thoir mathanas domh a chionn bruidhinn mar a rinn mi. Tha thusa fhathasd math, ro mhathairidh air do chur am measg nan aingeal ann am Flaitheanas; ach than saoghal olc, ro-olc; faodaidh a h-uile duine eadhon na h-ainglean, tuiteam. Fuiling am bàs, mase toil Dhé e ma ta, mo nighean, le earbsa. Tha thu bàsachadh neo-chiontach. Sin bàs as urramaicha thann, ged a bhitheadh e fuilteach. Bithidh tu air t-aiseag, mar lilidh ghlain, bho fhàsach neo-thorach gu ait as fhearrgu Flaitheanas!”

Chuir fras dheur stad air a bhriathran. An deigh bhi sàmhach tacan, thubhairt e, “Aon fhacal eile! Tha Ceit an deigh fianuis a thoirtn ad aghaidh-sa. Thuirt i air a mionnan, gum faci am fainen ad làimh. ’Sefianuis-se a chuireas fodhthu, ma theid do dhiteadh. Ach tha thusatoirt mathanas di, nach eil? Chan eil farmad agad tuilleadh ri neach sam bith? Eadhon air an fhodar so, anns aphriosan dhorcha so, air do cheangal leis na slabhraidhean troma so, tha thu nas toilichte na ises achaistealan siodas an riomhagh, ’am beartass an onair. ’S fhearr am bàs fhulang neo-chiontach, mar tha thusa, a reir coltais, a dol a deanamh, na bhi beò anns an eucoir, coltach rithe-se. Thoir mathanas dhi, aMhàiri, mar a thug tFhear-saoraidh mathanas dha a naimdean. Nach dean thu mar sin? tha thu toirt mathanas dhi; tha h-uile rud a tighinn ort bho laimh Dhé.” Gabh Mairi a chomhairle gu toileach.

Agus a mise,” lean a h-athair gu cabhagach, ’nuair a dhfhairich e fear a phriosain a teannadh orra, “tha mig ad liubhairt do Dhia is da ghràsan naomh, agus dha dFhear-saoraidh, a chaidh a dhiteadh mar chiontach ge bu neo-chiontach e! Agus ge be so an sealladh mu dheireadh a chi mi dhiots an t-saoghal so, ’s ge nach fhaiceadh tu maghaidh gu bràth tuilleadh, gidheadh chan fhada gus a lean mise thu do Fhlaitheanas! Tha mifaireachdain mar nach bithinn fada beò an deigh na deuchainn so.”

Thainig fear cumail a phriosain a nis a stigh, agus dhòrduich en t-athairga leanailt. Dhfheuch Mairi ri chumail, agus ghlac i e gu teannna gàirdeanan. Leig a h-athair sios gu socrach i air an leabaidh. Laidh i sios gun mhothachadh air a chonnlaich.

Chaidh Iacob a thoirt air ais air beulthaobh abhàillidh. ’Nuair a chaidh estigh don rùm, agus a chiall ach beag air fhàgail, thog e làmh suas ri nèamh agus ghlaodh e mach, “Tha mi togail fianuis ri Dia uile-chumhachdach gu bheil i neo-chiontach. Cha bhana-mheairleach mo leanabh-sa.”

Cha mhor nach creidinn-sa sin,” ars am bàillidh, “ach chan fhaod mi a bhinn a thoirt am mach air reir boidean do nighinnus do bhòidean-sa, ach feumaidh mi breith a thoirt a reir na fianuis agus an lagha.”
(Ri leantuinn.)


Thainig fear-turuis uair gu baile anns nach robh e riamh, roimhe, agus cha robh e idir a cordadh ris cho geur sa bha muinntir a bhaileg amharc air. Air son stad a chuir air an cuid amharc thionndaidh e ri fear dhiubh agus thuirt e ris, ‘Cha chreid mi nach aithnich sibh mi ma thig min rathad am feasda tuilleadh.” “Aithnichidh gu deimhin,” ars am fear eile, “chan eil duine sa bhaìle nach aithnich thu; ’se sin mur-a glan thu taodann.”

Caiten robhn coileach nuair a chuala h-uile neach a bhair an t-saoghal egairm? Anns an airc.

Ma chi thu tri eoin air craoibhs gum marbh thu dha, cia meud ian a bhios air a chraoibh an deigh sin? Cha bhi gin; teichidh an treas fear.

Den rud as coltiche ri leth ubhail? An leth eile.


BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. III.

TOGBHAIL NAM FINEACHAN.

Bham Prionnsa fathast ann am Bòrghadal, agus fadheoigh thainig fios da ionnsaidh nach faigheadh e, aon chuid, còmhnadh bho Shir Alasdair Mac-Dhòmhnuill Shéibhte, no bho Mhac-Leòid Dhun-Bheagain; thiunndaidh a chùis a mach, dìreach mar thuirt Fear Bhaosdail ris air tùs a thachradh. Bha DonnachaFoirbeis Tighearna Chuil-Fhodair, a bha na fhìr nàmhaid do na Stiùbhartaich, agus fad air taobh Righ Seòras an deigh iompaidh a chuir air an cheann-cinnidh sin, gun chlaidheamh a tharuinn gu bràch ann an aobhar Righ Seumas; agus an àite còmhnadh a dheanamh leis a Phrionns’, is ann a chuir iad fios do Shasuinn gun tainig e nall a dh-Alba. Ghabh Tearlach gu mòr gu cridhe Sir Alasdair agus Mac-Leoid adhiultadhéiridh;” agus chunnaic na h-uaislean a thainig a nall as an Fhràing maille ris a chuis cho mi-choltach, ’s gun tug iad a chomhailair an gnothach a leigeadh ma-làr, agus grad philleadh air ais; ach thuirt e-san mar thuirt e ri Uisdean Dòmhnullach— “Le seiseir dhiùlannach chalma dhìleas, theichinn mar fhògarach feadh bheanntaichean Alba, mas pillinn air mais don Fhraing.”

Chuir e fios á Bòrghadail a dhionnsaidh gach Ceann-Fine bhon robh sùil aige ri cobhair fhaotainn, agus be a chiad fhear a thainig ga amharc Dòmhnull Cam-shron Loch-iall; agus air dha a chluinntinn nach tug e nall leis ach seachdnar dhaoine bha ecuir roimhe gun chuid, no gnothach, a bhi aige ri cogadh no stri, ged a bha e air son am Prionnsfhaicinn, chum iompaidh a chuir air tarruinn air ais agus an dùthaich fhàgail mun eireadh ni bu mhiosa dha, ’nuair a gheibheadh fir Shasuinn brath air a dhol-a- mach. Air do Loch-iall a bhi air a thuras do Bhòrghadal a dh-amhare aPhrionnsa, ghairm e anns an dol seachad aig taigh a bhràthar Iain Cam-shron an Fhasaidh Fheàrna; thuirt a bhràthar ris nach bu chòir dha dhol na bfhaidair a cheann-turais, agus nan gabhadh e a chomhairle-sa gur ann a leigeadh e a rùineachd ris aPhrionnsann an litir. “Cha dean mi sin,” arsa Loch-iall, “ged nach eil dùil agam eiridh leis a Phrionnsno còmhnadh sam bith a dheanamh ris, sen rud as lugha dhfhaodas mi dheanamh fhaicinn”— “O bhrathair!” arsa Fear an Fhasaidh-Fheàrna, “S ann domhsas fearr as aithinthu no dhut féin; ma leagas am Prionnsaon uair ashùilean òrt, bheir e ort gun dean thu gach aon ni is àill leis!” agus bamhuil a thachair.

Air do Loch-iall Bòrghadal a ruidhinn chaidh e-féin agus am Prionnsa



[35]

[Vol . 9. No. 5. p. 3]

do Sheòmar diamhair, agus thoisich am Prionnsair a bhrosnachadh suas gu na Cama-Shronaich a thogail; ach thuirt Loch-iall ris gum bfhearr dha faighidean a bhi aige gus am faiceadh e cothrom na bfhabharaich thuirt Tearlach gun robh an cothrom math san àm, a thaobh feachd Shasuinn a bhi cogadh ri cumhachd na Fràinge, agus gun robh e làn-chinnteach gun ceannsaicheadh beagan Ghàel na bha dheth an arm-dhearg sacheart àm ann am Breatuinn. Thuirt Loch-iall, ged a bha sin mar sin, gum bfhearr dhasan gun a bhi cho bras, agus gum bu ghlice dha e-féin a chleith far an robh e, gus an cruinnicheadh a chàirdean, agus gun cuireadh iad an comhairle ri chéile, ciod bu chòir a dheanamh? “Cha dean mi sin,” arsa Tearlach, “ann an ùin ghearr le beagan sluagh sgaoilidh mi mo bhratach rìoghail ri crann, agus théid sgeula feadh Bhreatuinn gu léir, gun tainig TEARLACH STIUBHART a nall a thagar crùn a shinnsir, ged a bhàsaichinns an oidheirp; agus fuireadh Loch-iall mun cuala mi mathair gu tric ag iomradh mar a charaidbu dealaidh, aig a bhaile, agus cluinneadh e bho chàch mar dheireas don Phrionnsa.” —Air cluinntinn so, cha burra Loch-iall cumail air féin ni bfhaide: agus labhair e mar so:— “Cha dean mi mar sin, ach bithidh mi air an aon diol ri mPhrionnsa, agus gach aon duin eil air mfhearann, as urrainn glas-lann a tharruinn ri sròin.”

Chaidh Loch-iall dachaigh air ball, agus thòisich e air togail nan Camashronach, agus a chuid eile dheth a luchd-leanmhuinn ma dha thaobh Loch-Arcaig, agus rinn iomadaidh eile de na Cinn-Fheadhna mar an cianda. Chaidh a nisa shònrachadh, gun robh am Prionnsa gubhratach a thogail ann an Gleann- Fionain* air an naoidheamh latha-diag de mhìos deireannach an t-Sàmhraidh, agus chuir e air falbh litrichean air an t-sèamh latha den mhìos sin a dh’ -iunnsaidh gach Ceann-feadhna fa-leth, iad da choinneachadh saGhleann air an latha shònraichte. Bha Tighearna Chlann-Raonaill mun àm so air tighinn dachaigh as an Eilean-Sgiathanach agus thòisich e air cruinneachadh a chuid daoine féin.

Air an aon-latha-diag de mhìos dheireannach an t-Sàmhraidh, ghluais Tearlach bho thaigh Bhòrghadail, gu taigh Cheann-Loch-Mùideart a bha ma thuaiream seachd mila dhuidhe á Bòrghadal; dhfhan ean sin gus an t-ochdamh latha diag, agus an sin chaidh e ann am bàta gu taigh Ghlinn Ealadail, àite còmhnaidh uchdarain eile de Chlann-Dòmhuill, ri taobh Loch-Seile. Dh-fhàg e Gleann-Ealadail air an ath mhadainn le coig thar fhichead fear ann an trì bàtaichean, agus chaidh iad air tìr air taobh sear Loch Seile faisg air an àitanns an robh e gu shuaicheantas a thogail.

Bha na Fineachean a nis acruinneachadh gu bràs as gach taobh, agus chìte prasganan dhaoine fo armachd a tional as gach àird, agearradh aithghearra-talmhainn thar mhonaidhean, as bhealaichean gu Gleann-Fionain; ma aon uair samhadainn rainig Tearlach féin agus a chuid uaislean an Gleann. Thuit a mhisneach gu làr, cha dfhuair e roimhe ach ma thuaiream ceud fear-feachda agus na h-urraid de mhnathan sachloinn a chruinnich gu sealladh dheth a mhòrachd fhaicinn. Fa-dheoigh, ma uair an deigh mheadhon latha chualas creagan -thaobh a Ghlinne, a co-fhreagairt do sgal nan feadan, agus do thòrman nan dos; agus ma chairteal na h-uarach chunnacas a tighinn thar fàireadh, bho sheachd gu ochd ceud Cam-Shronach nan làn àrmachd agus nan deiseachan ballabhreac, deich pìobairean fichead acluichCruinneachadh nan Cam-Shronachagus fhichead fear dheth an àrm-dhearg, a cheap iad manChorpaich aca gan iomain rompa gu siùbhlach a nuas am bruthach gus na stad iad air réidhlean a ghlinne fa chomhair Thearlaich.

Ben t-àite thagh iad a chum an t-suaicheantas a thogail ri crann, uchdan beag a thann am meadhon a Ghlinne; dheirich Diùc Abhall na sheasamh air an uchdan so, agus dithis dhaoinecumail taice ris, oir bha e fann le euslaint: sgaoil e sin ri gaoith nam beann abhratach sholaisa bhann an ùinghearr gu uamhas agus truaighe a sgaoileadh feadh ghleanntaichean siochail na h-Alba. Bhabhratach mhòr àluinn so air a deanamh de shioda dearg agus ball geal sròil na meadhon, air an robh dealbh crun righ agus ciste-laidhe; chuir na Gàel fàiltair a bhrataich so le sgal chiad seannsair; as chrathadh mìle bonaid, as caithream mhòr éibhneis. Thòisich Diùc Abhall an sin ri innse an t-aobhar mun do thogadh abhratach; agus mun do chruinnich na treun-laoich. —Thuirt e gun tàinig Prionnsa Tearlach a nall le òrdugh athar, Righ Seumas, a thogail a shuaicheantas rioghail ri crann; a chum a dhlighe air rioghachd a shinnsir a dhainneachadh, agus a thàirgse mathanas do gach neach a rinn roimhe so àr-a- mach, no tuath-shreup na aghaidh, nan druidheadh iad a nise ri mheirghe, agus an àirm a thogail na aobhar, a chum a chrùin a thoirt a dhaindeoin fir Shasuinn,agus saorsa chosnadh do dh-Alba. An deigh don Diùc an sgùilm so a labhairt, chaidh a bhratach a ghiùlain far an robh Tearlach na sheasamh, agus leth-cheud Cam-Shrònach mar ghèard oirre.

An ceam da uair an deigh sin, thainig Mac-Dhòmhnuill na Ceapach le trì cheud Abrach nan ceann. Tacan as deigh sin thainig prasgan de Shiol Leòid: agus chàmpaich air an òidhche sin féin ann an Gleann-Fionan, ma thuaiream -cheud-diag fear.


CAIB. IV.

ULLACHADH AN AIRM DHEIRG.

Mun àm so bha Rìgh Seòras far bu chuimhe dhabhith, ann aHanoobhar tir dhùchasach a shinnsir féin, agus bha cuid de Shasunnaich a cuir as a leth gun robh e na bu thlusmhore ris an Rìoghachd sin, na bha e ri Breatuinn. Bha e mar gum biodh e caoin-shuarach ma déibhinn.

Fad an t-Samaraidh bha fathunn air feadh na Gàeldachd gun robh am Prionnsa gu thighinn a nall mun tigeadh an t-Samhainn; ach cha chuala luchd-muinntir an Rìgh an Dunéideann smid dheth gus an dara latha de mhios dheireannach an t-Sàmhraidh, agus gun sheall Tighearna Chuil-Fhodair litir a fhuair e bho dhuin-uasal Gàelach do Shir Iain Cope, ceannard an airm-dheirg.

Mun àm so, bha Iain Cope air a mheas na cheann-feachda cho ionnsaichte agus cho misneachailsa bha ann am Breatuinn gu léir; agus bha aige fo chomannd ann an Alba, da réiseamaid thrùpairean each, réiseamaid iomlan de shaighdearan coise, agus cùig cuideachdan diag de chaochladh réiseamaidean eile, a bha sgaoilte feadh bhailtean mòra na h-Alba; bha iad a nisaìr an gairm ri chéile chum am Prionnsagus na Gàeil a choinneachadh agus a chasg.

Dh-òrduich luchd-comhairlan Rìgh do dh-Iain Cope aGhàeldachd a ruidhinn gun stad, a chum na Gàell a chumail air an ais, mum faigheadh iad ùinair fás ni bu liommhoire agus ni bu treise. Be Tighearna Chuil-Fhodair a h-aon den luchd-comhairle; agus ge do bha e an aghaidh Thearlaich, agus na fhìr charaid do Rìgh Seòras bha mòran dheth a luchd-dàimh as eòlais, agus dheth a chairdean féin chean air eiridh leis aPhrionns’, agus shaoil leis gun deanadh sealladh de dh-Iain Cope agus dheth fheachdsgapadh nan cearc breacair na Gàeil, agus gun leigeadh iad a chùis-ma-làr mas lasadh fraoch cumhachd na Rìoghachd nan aghaidh, a thaobh gun robh cinnt aige, nach robh tearnadh air an son, nan cailleadh ìad air acheanna ma dheireadh. Rainig an t-òrdugh so Sir Iain Cope ann an Dunéideann, air an naoidheamh latha-diag de mhìos dheireannach an t-Samhraidh; a cheart latha anns na thog Tearlach a bhratach ann an Gleann-Fionan. Dhfalbh Iain Cope air acheart latha sin do Shrùidhleadh gu e-féin a chuir air ceann an àirm.

(Ri leantuinn.)


Tha na tuathanaich air feadh na dùthcha a nise trang ris an fheur.


Sgeul Iongantach.

Bha duin’ -uasal araidh ann roimh so a bha air turas ann an aon de na carbadaibh sin a bharuith le ceithir eich, mun do dhealbhadh na slighean iaruinn. Aig aite sonraichte bha drochaid fhiodha air a togail thar abhainn bheag, agus air a suidheachadh air da chreig, creag air gach taobh, agus linne mhor, dhomhain eatorra. Le cudthrom acharbaid agus a luchd, gheíll, agus thuit an drochaid, agus thilgeadh an luchd-turais gu h-iosal anns an t-sruth.’ Nam measg bha Easbuig araidh, a bhean, agus a leanabh. Chaidh na parantan a dhith ach theasairg an duin-uasal an leanabh le mor-chunnart da bheatha fein. Bliadhnaichean an deigh so, bhan duin’- uasal ann an cuideachd shonraichte far an daithris e an sgeul beag muladach so, agus far an robh na h-uile ag eisdeachd le mor-churam. Am measg chaich bha bantighearna og, mhaiseach ann, a thug cluas don sgeul moran nis durachdaich na neach sam bith eile a bha lathair. An uair a sguir an duin’ -uasal, ghrad dheirich a mhaighdean og suas air a cosaibh, thilg si i feinn a ghairdeanaibh, agus thubhairt i, “Is mise an leanabh sin, is mise gun teagamh an leanabh sin, agus riamh gu ruige an la an diugh, cha robh fios agam co a theasairg mi, agus cha robh comas agam air mor-thaing a thoirt da.”


Uilleam Mac Dhunleibhe.

Rugadh UilleamAm Bàrd Ileachann anIleath ghlas an fheòirsabhliadhna 1804, agus chaochail e ann an Glasachu anns abhliadhna 1870. The carragh cuimhne dha anns a chladh a tha ann an ceann an ear abhaile. Bha Uilleam na dhuine neònach. Bha bàigh mhor aige don Ghàidhlig agus gamhlas na dunach do na Sasunnaich.

Thàinig gille òg sparasach uair a bha sud a chur a chomhairle ris a bhàrd ach co dhiu a bu choir dha, se air ùr thighinn don bhaile as aGhàidhealtachd, dol do dheaglais Ghaidhealaich no dol am measg nan Gall do dhEaglais anns nach cluinneadh e ach Beurla. ’S en fhreagairt a fhuair e— “Rach thusa don Eaglais Ghaidhealaich far an cluinn thu Gàidhlig air a labhairt, leubh do Bhiobull Gàidhlig agusSar-obair nam Bàrdagus chan eil diabhull an Ifrinn a chuireas iteag asad.”

Cha do sgriobh Uilleam bochd orain ghaoil; bu mhòr a bannsa leis fuaim achlaidheimh agus strith nan lann, na caoin a ghaoils a mhànrain. Se an duanFios thun a Bhàirdaon de na dàin is fearr a sgriobh am Bàrd Ileach.


An ti as cùbhraidhe, ti dhut [ ? ] ’s do dcharaid, —nas fhearr [ ? ] no broma— ’si sin Union B[ ? ] agus tha i air a creic ann [ ? ] luaidhe aig 25, 30, 35 [ ? ] am punnd.


*B ’ann ris an iolaire theireadh na seana Ghàeil amFionan” [fion -eun, non t-ian uasal] chaidh am facal a nis atharachadh gu fìr-eun, is e uasal is ciall don fhacal fion, be fion-dheoch a theirte bho shean ris an deoch rìmhich ris an abair sin an diugh, fion a thaobh gum be na h-uaislean bhiodh mar bu trice dha h-òl. “Fion-fhuil Chlann-Dòmhnuill,” se sin fuil uasal Chlann-Dhòmhnuill, &c .



[36]

[Vol . 9. No. 5. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, OUGUST 3, 1900.

Litir a Ceap Nor.

Ged bha sinn agearan air tiormachd agus fionnarachd o thoiseach gu meadhon an t-samhraidh, tha aobhar thaingealachd againn nach do bhuanaich an seòrsa aimsir sin na bfhaide. Tha frasan briagha uisge air a bhi sileadh an drastas a rithisd o chionn mios, air chors gu bheil feurus fochann afàs gu math anns gach fearann brigheil. Far nach eil brighs an talamh, cha ruigear a leas a bhig amharc air son deadh fhàs, a dhaindeoin aimsir fhàbharraich. Tha e coltach gu bheil tiormachd agus teas air a bhi deanamh call mor an cearnan eile de Chanada, agus an cuid dhe na Stàidean, air an t-samhradh so; agus an lorg sin tha pris an fhlùir air eirigh o chionn ghoirid. Ged is beag nacheil sluagh an àite so gu leir astri ri tuathanachas, cha mhor nacheil gach teaghlach aceannach na tha iad acur am feum de fhlùr agus de mhin gach bliadhna.

Air feasgar an dara la den mhios so, dheug Alasdair Dòmhnullach, air an drinn mi iomradhan litir no dha o chionn ghoirid. Cha robh e beò ach ceithir la an deigh dha tighinn dhachaidh as an tigh-eiridinn. Bha es a cheathramh bliadhna deug air fhichead de aois. Dhfhaodladh e radh maille ris an fhàidh, “Is mis an duine a chunnaic àmhgharDheug a bhean agus a thriùir chloinne an taobh a stigh de bheagan làithean, o chionn da bhliadhna. Thòisich a thinneas féin mun àm so an uiridh. Bheannaich an Tighearna dha a thrioblaidean, agus ghiùlain e féin leo sin agus lethinneas gu foighidneach a dhionnsuidh na criche. Bha e duilich a bhi dealachadh rimhàthair agus a chuid eile dhen teaghlach ann an ùine cho goirid an deigh tighn dhachaidh; ach bha e deas gus a dhol an còdhail an Fhir nuadh-phosda aig a theachd. Bhabhrathair, an t-Urr.Domhnull Domhnullach, a Srathlathairne, aig coinneamh cléire aig an Abhuinn Mheadhonaichn uair fhuair e sgeulabhàis. Ghreas e dhionnsuidh na seann dachaigh gun dàil. Bha e féin agus Mr. Beutan, ministeir a chothionail, a làthair; agus nochd sluagh an àite an co-fhaireachadh le tighinn a mach an àireamh nis lionmhoire na chunnaic sinn riamh roimhe aig adhlacadh.

Air an t-siathamh la, dheug Calum Mac-an-Toisich. Cha robh en tinneas trom ach beagan làithean. Bha e thairis air ceithir fichead bliadhna dhaois. Ghabh e féin agus a bhean an grip o chionn bliadhna. Dheug a bhean aig an àm sin, agus ged chaidh e féin am feadhas cha robh e idirna shlàinte àbhaistich. Air an t-seachdain sa chaidh dheug Alasdair mor Friseil ann an Cobh Pholat. Bu mhac e do Ruairidh Friseil nach maireann. Bha esan mu thimchioll tri fichead bliadhna dhaois, agus dhfhàg e coigear leanaban agus am mathair air bheagan chul taice. Tha, mar so, an òige agus an aois a triall a dh’ -ionnsuidh a chinn-uidhe o mach pill iad gu bràth. ’S mairg nach cuir la na slàinte agus nan cothroman gu deadh bhuil; ach is sona dhoibhsan aig nacheil ancuibhreann agus an cuids a bheatha so a mhain” —a mhuinntir aig am bheil fior dheidh air dùthaich as fearr, eadhon dùthaich neamhaidh. Tha gealladh cinnteach aca sin gun comh-oibrich na h-uile trioblaid agus deuchainn a thig nan rathadsa bheatha so, a chum am buannachd neo-chriochnach.

M. D.
Ceap Nor, Iulaidh 24, 1900.


Litir a Dawson.

A MHIC-TALLA CHOIR: —Tha midol a chur ugad sgriobag bheag, on fhuair mi eòlas air do phaipeir ann an so bho mo charaid còir nach maireann, Alasdair Calder. Fhuair mi uaithe leughadh de dhàireamh no dha a bhaige dhen phaipeir, agus bha dùil agam cur ga iarraidh gun dàil; ach tharruinn an ùine, agus mar bhios duine ann an àite dhen t-seòrsa so, cha bhi fios aige an diugh càitem bi e seachduin bhon duigh. Mar sin chuir mi dhiom e gus a so, agus tha mi an dòchas gun cuir thu ugam do phaipeir gun dàil, oir tha fadachd orm gus am faigh mi greim air. An deigh dhomh a leughadh o thoiseach gu deireadh leughaidh mi a rithist an darra h-uair e cheart cho sanntachsa ni mi a cheud uair. Tha sgeulachdan us eachdraidh ann a chòrdadh ri Gàidheal sam bith anns am biodh tuigse, agus sin cuideachdna chànain féin, aGhàilig bhinn chòir a bha aig ar màthraichean.

Anns an àite so tha h-uile duine trang an drasda, oir tha an t-side blàth agus an latha fada, agus pailtnas den òrga thoirt as an talamh le obair chruaidh. Tha gach seòrsa bidh a dhfheumas duine ri fhaotainn gu pailt; thainig acheud bhata-smùid a nios an amhainn bho Eas an Eich Bhàin Di-dònaich sa chaidh, agus tha h-uile coltas gum bi gach ni saor agus pailt am bliadhna. Faodaidh mi radh nach eil oidhche idir an sosan t-samhradh; faodaidh neach obrachadh air an oidhche cho math ris an latha; ach than latha gu math goiridsa gheamhradh. Bha an geamhradh sa chaidh gu math fuar, ach, coma co-dhiu, tha leithid de bhuaidh anns an òrs nach cuir side no eile stad air an obair. Tha barrachd de dhobair samhraidhsan àite am bliadhnasa bha ann riamh roimhe, a chionn gu bheil na h-innealan-smùide air fàs pailt, agus leotha sin gabhaidh an t-òr cladhach gun a bhiga losgadh le fiodh mar a bàbhaist a bhi deanamhnuair a bhan t-side reòta.

Chan eil moran agam ri innse an dràsda de ni sam bith a chuireadh ioghnadh ort. Chan eil dad adol air adhart an so ach obair us ùprait, ’sa h-uile duinefeuchainn rifhortan a dheanamh ann am tiom cho goirids is urrainn dha. Tha ecuimhneachadh dhomh mar a bha Murchadh nam Port ag radhnuair a theich e as na h-Earradh agus a ràinig e Ionarnis, ’sa chualen sluagh abruidhinn Beurla. Phill e dhachaidh, agusnuair a dhfhaoighneachd iad dhethsna h-Earradh, de cho fadsa rainig e, thuirt Murchadh:— “Rainig mi àite bha cho fad air falbhs nach tuigeadh na daoine bha fuireach ann a chéile; agus gu dearbhs mi rinn an toileachadhnuair a chuala min coileach agairm ann an Gàilig!”

Chan fhaod mi diochuimhna dheanamh air innse dhut mar a tha an dùthaich so ationndadh am mach. Chan eil coltas air gum mair cùìsean mar a tha iad fada, oir tha h-uile àite anns an dfhuaireadh òr mar tha air obrachadh, ach cha leig iad le duine sam bith an còrr talmhainn a chursna leabhraichean, agus fàgaidh sin a h-uile duine coma mu dhol am mach a shealltuinn air son àite ùr. Mur faigh iad òr anns na clachan, cha mhar an campso fada; ach tha dòchas agam gu faigh iad rudeigin air an t-samhradh so. Tha copar gu leòr aca shuas aig Eas an Eich Ghlais; tha mi cinnteach gur e àite math a bhios an sin fhathast.

Bidh mi aco-dhùnadh le beannachd a chur dhionnsuidh nan Gàidheal gu leir a thaleughadh do phaipeìr, agus mar sin acumail suas an aon phaipeir Gailig a tha air an t-saoghal gu leir. Bu chòir dhuinn a bhi taingeil dhut air chùl do dheagh phàighidh air son a bhicur am mach paipeir cho luachmhor. Slan leat aig an àm so. Is mise, le deagh dhurachd, do charaid.

IAIN MAC PHEUTRAIS.
Dawson, Iulaidh 20, 1900.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


A thaobh Caiseart.

S ann againn a than stoc Bhrog as mothasa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia be de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOROBRACH againn cho math ris na seorsachan as grines as fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh.

A . W. REDDEN & CO.
June 29, 1900 1yr



[37]

[Vol . 9. No. 5. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha mail a nise air a ghiulan air na bàtaichean aiseig eadar Sidni us Sidni Tuath da uair san latha. Bidh sona dheisealachd mor do mhuinntir an da bhaile.

Tha na mathain afàs sgaiteach an ceann a tuath an eilein. Air an t-seachdain sa chaidh mharbh iad coig caoraich air bantraich a tha fuireach air an Amhuinn a Deas, Ingonish.

Than obair chreadha air larach na h-obair iaruinn faisg air a bhi ullamh, agus tha moran den luchd-obrach afàgail gach seachdain. Mun teid moran mhios seachad bidh an fhior obairleaghadh an iaruinnair tòiseachadh.

Bha fathunn adol mun cuairt toiseach an t-samhraidh gu robh deich mile dhe na Boerich adol a thighinn air imrich do na Staidean. Tha sin a mise air àicheadh; chan eil na Boerich an dùil an dùthaich fhéin fhàgail aig an àm so.

Air an t-seachdain sa chaidh, bhuail an carbad-iaruinn, ’se air a thurus eadar Halifacs us Montreal, ann an aon de na beothaichean boidheach sin ris an canar an skunk, agus rinn an sgiorradh sin fàile cùbhraidh a chumail ris an luchd-turuis gus an drainig iad Moncton.

Tha an strike a bham measg an luchd-obrach ann am Belle Isle thairis: tha na daoine air a dhol air ais gun obair uile ach an dithis cheannardan a bhorra. Tha iad sin air an cur air falbh. Thatar ag radh nach robh ann am fear dhiubh ach duine thainig a dhaon ghnothuch air son aimhreit a dheanamh, agus gu facas e roimhe so ris a cheart obair ann am bailes na Staidean.

Chaill tuathnach ann a Vankleek Hill, Ontario, ceithir chaorach an la roimhe air doigh gle neònach. Bhan latha anabarrach blàth, agus chaidh na caoraich a stigh ann an toll a bhan craoibh laighe. Chaidh iad a stigh cho fadas nach burrainn dhaibh tionndadh, agus bhàsaich iad an sin. Bha na h-uain còmhla riutha; fhuair iadsan am mach, aguss ann len leantail a fhuaireadh na caoraich.

Di-luain sa chaidh, chaochail Alfred, Diuc Dhuneideann, darra mac na Ban-righnn. Be tinneas achridhe a dhaobharaich a bhàs. Bha e fuireach anns a Ghearmailt, far an robh ena Dhiùc air Saxe Coburg; chan eil fhathast bliadhna on fhuair en oighreachd sin, agus air son a faotainn leig e dheth a bhina iochdaran don chrùn Bhreatunnach. ’Se mac a bhràthar, Dìùc Albany, a tha tighinn a stighna oighre air Saxe Coburgna àite.

Tha coinneamh mhor gu bhi aig Frangaich Cheap Breatunn us Nobha Scotia ann an Arichat air achoigeamh latha deug dhen mhios so. Am measg nan daoininbheach eile tha gu bhi aig achoinneamh sin, tha Sir Wilfrid Laurier, priomhair Chanada. Mun till e air ais do Ottowa, bidh dha no tri choinneamhan aige ann an Nobha Scotia. Tha sinn an dòchas gum bi Sidni air aon de na h-àiteachan anns an labhair e.

Chaidh fear Richard Hodgings agus a bhean a mharbhadh leis a charbad-iaruinn ann an London, Ontario, an la roimhe.

Tha tuathanaich Mhanitoba a niseg obair air abhuain. Ged nach eil am bàrr ach gann a leth cho mathsa bha e an uiridh tha e fad air thoiseach air mar a bha dùil a bhitheadh e mios roimhe so.

Chaidh Humbert, righ na h-Eadailte, a mhort Di-satharna sa chaidh, aig Monza, far an robh e a toirt seachad dhuaisean air son -chleasan. Bha àireamh mhiltean de shluagh sinn, agus liubhair an righ òraid. Air don chruinneachadh sgaoileadh, chaidh e don charbad rioghail, agus mun gann a fhuair e gluasad air falbh chaidh a thilgeadh. Bha tri peilearean air an cur ann; chaidh iad faisg air a chridhe, agns cha robh e beò ach beagan mhionaidean. ’S e fear Angelo Bressi a loisg na h-urchraichean, agus chaidh a ghlacadh air ball. Bha Righ Humbert gle mheasail aigiochdarain, agus bidh a bhàs na buille throm dan dùthaìch.

Ged nach eil sith ann an Africa mu Dheas fhathast, chan eil cùiseansa chearna sin acur iomguin sam bith air Breatunn. Tha Morair Roberts a gluasad gu socair, ach gu cinnteach, agus ged is urrainn na Boerich dragh gu leòr a chur air fhathast, tha na làithean anns am bi an comas sin aca air an àireamh. Tha Roberts a nise dlùthachadh air an áitesam bheil Crugar adeanamh a cheanna bhaile; tha roimhe dhol eadar na Boerich agus am fearann a bhuineas do Phortugal; ’s ann troimhn fhearann sin a tha dol aca air an cuid bidh us ghoireasan eile fhaotainn aig ann àm so, agus cho luathsa theid sin a dhùnadh orra, cha bhi aca ach striochdadh gu buileach.


Sanas.

ThaB . A. Pratt,a fhuair fhoghlum ann an Detroit a thaobh Eòlas Fradhairc, aig an àm so anns a Bhellevue House, far am faodar fhaicinn gu ceann seachduin. Iadsan aig am bheil sùilean laga no thagearan am fradhairc an doigh sam bith, bu choir dhaibh a dhol ga choimhead.


RANN DONMAC-TALLA.”

Fhuair sinn paigheadh a MHAC-TALLA bhon Taillear Dhughallach, Abhainn Mhargaree, agus an rann a leanasna chios:—

Faillt is furan air MAC-TALLA!
Buaidh is beannachd air gach !
Tha e aoidheil, cridheil, fearail,
Tha e sméarail mar bu choir;
Uairs an t-seachdain ni e taghal,
S gur a laghach leinn a chainnt,
Bidh gach facal ann an òrdugh
Sealltuinn fòghlum nach eil gann;
Gur a fiosrach anns gach tir e
Eadar Sinaus an Fhraing,
Eadar Transbhal nam batail
Is Alasca, tir nam beann;
Tha gach sean-duinglas an deigh air,
Theid an speuclar a chuir suas,
Sged a bhiodh a bhuainn afroiseadh
Gur em bodachfear nach gluais;
Eisdidh tric an t-seana-bhean chiatach
Ris na sgeulachdan gun ghò,
Ged a bhiodh a bhanach dreamach
Agus cabhag air achlò;
Tha na h-ionagan an toir air,
Se chuid òran beusach, grinn
Sheinneas iad gu cridheil, ceòlmhor,
Nuair a bhios an còmhlan criunn.
Siutaibh fhearaibh, bithibh dileas,
Cainnt ur sinnsreadh cumaibh suas;
Bruidhnibh, sgriobhaibh agus leughaibh
I gu treubhach, mar bu dual.
Paighibh am Mac-Talla fiachail
H-uile bliadhna, aig an àm;
S gum bu fada slan is buan e,
Is an t-uasalthaig a cheann!


Fhuair sinn an diugh
500 Paidhir de bhrogan fhirionnach
Dong. Bals.

Luach airgeid cho mathsa ghabhas faotainn. Gus an teirig iad reicidh sinn iad air $1 .25 am paidhir. Tha againn cuideachd BUFF BALS. air $1 .40, seorsa nach gabh beiteadh. Leathair math a bhonnsa dhuachdar.

Tha prisean arn aodaichean a cur ioghnaidh air marsantan eile, ’s a cordhadh gu math riuthasan a tha ceannach uainn.

Aodaichean Dhaoine, Ghillean, agus Cloinne
dhen t-seorsas fhearr, ’s dhen deanamh as uires as fasanta.

H . H. Sutherland & Co.
Stor Airgeid na h-aon Phrise.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.



[38]

[Vol . 9. No. 5. p. 6]

Triathan Ghlinne-Comhann.

I. IAIN OG AN FHRAOICH. —Is ann bho Iain Og an Fhraoich a thainig Domhnallaich Ghlinne-Comhann. Bu mhac e do dh-Aonghus Og nan Eileinean agus do nighinn do Dhùghall Mac-Eanraic an Gleanna-Comhann. Is ann do Mhac-Dhughaill Latharna a bhuineadh Gleanna-Comhann an toiseach. Fhuair Aonghus Og bhon Bhrusach e goirid an déidh blar Allt-a- Bhonnaich, agus thug e còir-beoil air do dh-Iain Og. Tha e air a ràdh gun do chaochail Iain Og an 1358, agus gun deach amhlacadh an Reilig Orian an I-Chaluim-Chille.

II. IAIN MAC IAIN OIG AN FHRAOCH.
III. IAIN MAC MHIC IAIN.
IV. IAIN OG, MAC AN TREAS IAIN.
V. IAIN ABRACH, MAC IAIN OIG.
VI. IAIN MAC IAIN ABRAICH.

Anns a bhliadhna 1500 dhfheuch Gilleasbuig Caimbal, Iarla Earraghaidheal, ri a chuid fearainn a thoirt bho Iain mac Iain Abraich. Ann an 1501 thug Domhnallaich Ghlinne-Comhann Domhnall Dubh mac Aonghuis Oig am mach as a Phriosan san robh Iarla Earraghaidheal gachumail. Rinn iad iomadh droch obair a togail chreach, ach rinn iad obair ghasda an oidhche a thug iad saorsa do Dhomhnall Dubh, oighre dligheach tighearna nan Eileinean.

VII. IAIN ABRACH, MAC AN T-SIATHAMH IAIN. —Rugadh Iain Abrach mun bhliadhna 1510. Bha ochd mic aige: Iain Og, Alasdair Og, Gilleasbuig, Domhnall Og, Raonall, Aonghus, Ailein, agus Iain.

VIII. IAIN OG, MAC IAIN ABRAICHRugadh Iain Og mun bhliadhna 1540. Bha e an seilbh air Gleanna-Comhann an 1563. Bha còir righ aig Callein Caimbal, triath Ghlinn-Urchaidh, air fearann Ghlinne-Comhann aig an am sin. Bha e mar sin na uachdaran air Iain Og; ni a tha nochdadh gu soilleir gun robh Clann-Domhnaill a dol air ais agus gun robh Clann Duibhne ag eirigh a suas. Bha ceithir mic aig Iain Og; Iain. Alasdair,Gilleasbuig, is Ailein Ruadh.

Tha Iain mac Iain Oig is Alasdair mac Iain Oig air an ainmeachadh an 1588. ’S a bhliadhna 1591 chuir Gilleasbuig Caimbal, Iarla Earraghaidheal, feachd mor a chreach fearann Tighearna Ogelbhi. Am measg nan creachadairean bha Ailein Ruadh Mac Iain Oig, agus gun teagamh bha sgil mhath aige air an obair a bha e a deanamh. Anns a cheart bhliadhna, 1591, thug Iain Og mac Iain Abraich, Alasdair Og mac Iain Abraich, Domhnall Og mac Iain Abraich, agus cuid de Stiubhartaich na h-Apunn ruaig do dh-fhearann Iain Dhrummain agus thug iad leotha gach ni air am faigheadh iad greim. An 1592 chuireadh casaid a staigh a dh-ionnsaidh an righ an aghaidh Iain mhic Iain Oig, Ghilleasbuig mhic Iain Oig, agus Ailein Kuaidh mhic Iain Oig airson a bhith a marbhadh sluaighsa goid cruidh. Dhfheumadh an righ an crochadh no mathanas a thoirt daibh. Bhiodh e duilich an glacadh, agus ged a rachadh an glacadhsan crochadh cha chuireadh sin stad air togail nan creach. Be deireadh na cuise gun dfhuair iad mathanas. ’S es dòcha gun do rinn iad aideachadh air choir-eiginn don righ, ’s gun do gheall iad a bhith nan daoine matha.

IX. IAIN MAC IAIN OIG. —Be Iain mac Iain Oig triath Ghlinne-Comhann an 1599. Anns a bhliadhna sin thug Alasdair Og, a bhràthair, seachd mairt agus tarbh bho fhear Daibhidh Craig. Beagan mhiosan an deidh so chaidh Gilleasbuig mac Dhomhnaill mhic Iain Abraich agus Raonall, Aonghus, Ailein, is Iain Mac Iain Abraich a thogail creiche. Thug iad beagan de nithean bho Mhac-Amhlaidh Aird-nan-Capull, agus thug iad da each dhiag air fhichead bho Dhiuca Lennox, no Leamhna. Chaochail Iain mac Iain Oig mun bhliadhna 1606. Bha mac aige dom bainm Iain, ach a reir coltais chan e mac dligheach a bhann.

X. ALASDAIR MAC IAIN OIG. —Is e brathair do dh-Iain mac Iain Oig a bha an Alasdair. Mar a chunnaic sinn cheana, tha e tachairt ruinn an toiseach an eachdraidhsa bhliadhna 1588. Ann an 1610 mharbh Alasdair mac Iain Oig Iain Stiubhart an Achadh-a- chàirn agus Alasdair Stiubhart a bhràthair. Bha Aonghus mac Iain Duibh an Dail-an-Eas, Alasdair mac Iain Duibh an Achatriachadain, Ailein Dubh Mac Iain Duibh, agus Iain Og mac Iain Duibh nan luchd-cuideachaidh aig triath Ghlinne-Stiubhartaich. Chaidh Alasdair mac Iain a ghlacadh le Cailein Caimbal an Abar-mhicheil agus a sparradh ann am priosan an Duneideann. Chan fheil iomradh ann an Eachdraidh air an deidh 1611. Chan fheil fios gu de a dhéirich dha. Dhfhaoidte gun dfhuair e as a phriosan, ’s dhfhaoidte gun deach a chrochadh.

XI. IAIN ABRACH. —Be Iain Abrach, no Iain mac Alasdair mhic Iain Oig, triath Ghlinne-Comhann an 1617. ’S a bhliadhna so mhortadh Daibhidh Bowman le Iain Dubh mac Aonghuis am Baile-Chaolais, Iain mac Dhonnachaidh mhic Gille-mhartuinn, agus Iain mac Iain mhic Gillephàdruig, seirbheisich Iain Abraich. Anns a cheart bhliadhna mharbhadh Bhaltair Stiubhart le Iain mac Dhomhnaill mhic Iain. Goirid an deidh sin mharbhadh Donnachadh agus Seumas Stiubhart le Iain Abrach, triath Ghlinne-Comhann, Domhnall Buidhe mac Iain mhic Iain Oig mhic Iain Abrach, agus daoine eile.

XII. ALASDAIR MAC IAIN ABRAICH.


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

MR. E. AZULAY,
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney Hotel, Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.



[39]

[Vol . 9. No. 5. p. 7]

An 1634 bhrùchd na Gordanaich agus Clann Iain Ghlinne-Comhann a staigh air fearann Chrichton, tighearna Freudraucht an siorramachd Abereadhain, agus rinn iad creachadh, losgadh, is marbhadh. Anns an droch obair a bhan so bha Alasdair mac Iain Abraich air ceann a chuid daoine. Bha naimhdeas aig morair Hunndaidh do thighearna Freudraucht, agus mar sin bha e coma gu de a dhéireadh dha. Cha ghabh e cur air na Gòrdanaich,na air fineachan eile nas mo, gun robh iad trom air a bhith a deanamh math an aghaidh an uilc. Bha Alasdair mac Iain Abraich greis anns a phriosan sa bhliadhna 1635,ach leigeadh as le amhaich shlàin. Chaidh e fein is Aonghus mac Raonaill Oig na Ceapaich a thogail creiche do Bhraidalbainn sa bhliadhna 1639. Nuair a bha iad a tilleadh air ais thachair buidheann de Chaimbalaichs de Mheinneirich ruitha aig sron-a- chlachain. Tharruinn gach taobh an clàidhean agus chuireadh blair guineach, fuileach. Chaidh Alasdair mac Iain Abraich agus Aonghus mac Raonaill Oig a mharbhadh. Chaidh athair Iain Luim a mharbhadh cuideachd. Chunnaic Iain Lom am blar ga chur. Their cuid gun robh e-fein anns a bhlàrs their cuid eile nach robh. Dhfhàg Alasdair mac Iain Abraich mac dom bainm Iain.

A. M. S.


Litir Bheag a Strathalba.

FHIR-DEASACHAIDH: —Bhan comanachadh againn anns an sgire so air achoigeamh latha deug den mhios. Bha aimsir anabarrach fàbharrach ann a h-uile latha, bho Dhior-daoin gu Di-luain. Bha gach latha air a chumail a reir na seann dòigh a bha air a cleachdadh am measg nan Gàidheal, ach a mhàin nach robh ceist againn air Di-haoine. An àite ceisd air an latha sin, fhuair sinn searmon mor tomadach, an cainnt bhlasdar màthar, bhon Ghàidheal ghasda sin, an t-Urr. A. Mac-na-Ceardadh. Bha esan againn bho Dhi-haoine gu Di-luain, agus gach latha dhiubh sin alabhairt an Gàiligs am Beurla. ’S math a thig sin dha. Chan eil e dad nas comasaiche le a pheann na tha e le a theangaidh; agus tha fios agad fhéin, agus aig do luchd-leughaidh gun dean sin an gnothuch. Tha sinn an dòchas nach teid an siol math a bha air a chur anns na lathaichean ud uile am mugha, ach gur ann a bhios e, a reir gealladh na firinn, atoirt gu buil an ni sin mun do chuireadh am mach e.

Naigheachdan chan eil agam dhut aig an àm so; tha gach ni adol air aghaidh an so anns an dòigh àbhaistich. Le mor dhurachd is mi.

Do Charaid
C. C.
Strathalba, E. P. I., Iulaidh 19, 1900.


Sgeul air Clarsair Eirionnach.

S iomad sgeul a thainig nuas ann an eachdraidh na h-Eirinn air clàrsairean ainmeil. ’Nam measg sin, chuala sinn a h-aon mu thimchioll clàrsair iomraiteach dam bainmClàrsair Mòr na Cauthaic.” ’Se is ciall don fhocalcauthaicanns achànain Eirionnaich, aodach air a dheanamh de luachair, air a bualadh le slachdan, agus air a figheadh gu dlùth ra chéile. Bha so na h-éideadh chumantameasg nan Eirionnach o chionn fhada. Le deise den t-seòrsa so o mhullach a chinn guchalpa, agus le cuarain air an ceangal gu teann le iallaibh muaobrain, chìteadh an Clarsair Mòr asiubhal na dùthcha. Bàbhaist da clogaid àrd do luachair, air chumadh builionn siùcair, agus air fhigheadh air an dòigh cheudna, a chaitheadh air a cheann, agus babagan de gach seorsa crochta nan stìolaibh o mhullach na clogaid sìos mughuailibh.

Bhan clàrsair so na sgoileir comharraichte. Leughadh e Greugaisus Laidinn, ged nach robh focal Beurlana cheann; ach cha ghabhadh echlarsachna làimh gun an deise luachrach a chuir uime; agus cha dùraichdeadh e anart, no cùraing, no clò, ’chuir uimeni air bith ach a lùrachs a chlogaid luachrach, a réir cleachdadh na h-Eirinn.

Thainig clàrsair Cuimbrich(Welsh)thairis do Bhaile- ’chliabh an Eirinn, le morair Sasunnach, an uair a bhaPhàrlamaid Eirionnach na suidhe; agus chuir e gu dùlan gach clàrsair bha eadar mhaoil na a-Eirinn. An deigh don mhoraire Shasunnach a chlàrsair a ghairm a stigh, agus air dha port no dhà a chluiche an làthair cuideachd mòr a bha cruinn, dhfheoraich e an cualiad riamh a choimeas. Fhreagair morair Eirionnach-“ ’S aithne dhòmhsa clàrsair amdhùthaich, gun uiread as curaing air a dhruim gun aodach clò no cainb air, a chlui, cheas gu mòr nis feàrr.” Chuireadh geall mòrceud bonn òir. Chuireadh fios airClàrsair Mòr na Cauthaic,” agus thainig e gu Baile- ’chliabh, le dhruim. Bha e na dhuine àrd, eireachdail, dreachmhor. Chruinnich cuideachd mhòr a dhéisdeachd, nan clàrsairean. Chluich iad air dòigh a thatuinn ris achuideachd; ach cha robh guth nach do thogadh as leth an Eirionnaich; agus dhaidich am fear eile nach burrainn dachorag a chuir air teud an coimeas ris achlàrsair Eirionnach. ’Nuair a sguir iad achluiche, thainig na h-uaisleans na morairean a sheanachas ris aChlàrsair mhòr; agus thairg e labhairt ris an aon a bfhearrnam measg, ann an Gréugais non Laidinn; ach chan fheuchadh a h-aon diubh so a dheanainn.

Tha fathast cuid do dheircibh air feadh na h-Eirinn air abheil lùraich luachrach; ach tha clàrsairean afàs ni s gainne o linn gu lìnn.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


The Scotish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.


C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Aig an am so an tigh Iain Mhic Fhionghain, air Sraid Bhentick.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .



[40]

[Vol . 9. No. 5. p. 8]

Ol na Bliadhnan Uiridh.

Cha dean an t-òl ach am fear a dhfhaodas e.” Ma bha gus nach robh an seanfhacal so fìor anns an àm a dhfhalbh, tha e soilleir gu leòr nacheil e fìornar latha-ne. Tha iomadh fear ann a dhòladh an sgillinn nach fhaca e. Nam biodh an t-òl a chum feuma do dhanam agus do chorp an duine, cha bhiodh neach sam bithna aghaidh ach neach gun tùr. Ni sam bith a thig a chum feuma do shlàinte an duine a tha tinn, ged a be am puinnsean a bhiodh ann, is còir a ghnathachadh ann am measarrachd. Ach tha eagal orm nach abair neach sam bith anns am bheil tùr gum bheil measarrachd ariaghladh anns na trì rioghachdanAlbas Eirinn is Sasunnan uair a dhinnsear dhaibh gun dòladh an uiridh anns na trì rioghachdan so, fiach £154 ,480,934 dhen deoch làidir!! Than t-sùim so uamhasach! Agus tha i da mhìle gu leith nas nan t-suim a dhòladh air amhòn uiridh.

Dheanadh an t-sùim mhòr so £3 16s. 10d. mu choinneamh a h-uile anam beò a thanns na trì rioghachdan! Agus an uair a bheir sinn fanear a liuthad fear agus nach blais air deur dhen deoch làidir eadar cheann na bliadhna, agus an àireamh mhòr chloinne agus dhaoine òga nach do bhlais air deur dhen stuth làidir riamh fhathast, gun ghuth a thoirt air na miltean air mhiltean nach blais air deoch làidir ach uair glé ainneamh, tuigidh sinn gur anabarrach an t-sùim a tha cuid de dhaoine ag òl!

Cha chreid mi gun abair duine sam bith anns am bheil tùr, gun dean tuilleadhs achòir dhen deoch làidir feum sam bith do dhaoine. Agus feumaidh gum bheil àireamh mhòr de shluagh nan trì rìoghachdan ag òl tuilleadhs achòir. Mur biodh so mar so, cha bhiodh an t-sùim cho mòrs a tha i.

Ni tuilleadhs achòir de ni sam bith cron do dhaoine. Ach chaneil ni sam bith talmhaidh a tha cho cronail do chuirp agus do dhanamannan dhaoine ris an deoch làidir. Tha misg is -bheus afalbh an cuideachd a cheile mar is trice. Tha buaidh a chum uilc aig an deoch làidir thairis air gach aon a thanan tràillean dhi. Is gann gur urrainnear cainnt a chur air gach olc agus euceart agus truaighe agus truaillidheachd a than co-cheangal ri bhith trom air an òl.

Tha ena aobhar bròin a bhithtoirt fa near gum bheil an t-sùim a tha daoine atoirt seachad a chum a bhith acraobh-sgaoileadh an t-soisgeil, agus a chum na bochdan a bheathachadh, anabarrach beag an coimeas ris na bheil iad acosg ann an òl. Nach muladach da rìreadh an gnothach ri smaointean nach toirear seachad le saor thoil air son an t-soisgeil agus nam bochd, anns na tri rioghachdan anns abhliadhna, ach mu chòig milleinean, am feadhs a tha seachd fichead milleins a ceithir deug air a chosg ann an deoch làidir!!

Tha sluagh nan trì rìoghachdan gu léir ag aideachadh gum bu ghnothach ro oircheasach crùns an t-seachdain a thoirt mar shaor dhuais (pension) do gach fear a rainig trì fichead bliadhnas a còig. Ach is i acheisd, caite am faighear a dhairgiod na phàigheas an t-saor-dhuais so. Tha e air a radh gum feumteadh deich milleinean fichead fhaotainn a h-uile bliadhna, air aon doigh no dòigh eile, gus an t-saor-dhuais so a phàigheadh. Nam biodh rathad air a dheanamh, dhfhaoidteadh deich milleinean fichead dhe na bheil sluagh nan tri rioghachdan a cosg ann an deoch làidir a chur a dhionnsuidh an fheuma so. Chan fhairicheadh muinntir an òilg an dìth e, agus dheanadh e cuideachadh mòr do mhìltean air mhìltean dhe na seann daoine a tha air tighinn gu bochdain ann an deireadh an laithean gun choire sam bith aca fhein ris.

Tha e anabarrach comharraichte gur ann mar is pailte a bhios an t-airgiod, agus is àirde bhios na tuarasdail, is a tha sluagh nan trì rioghachdan acur dhen cuid airgid ann an òl. Ach chan urrainn duine sam bith a ràdh le fìrinn gun robh e iomchuidh do shluagh nan trì rìoghachdan seachd fichead milleins a ceithir deug a chosg an uiridh ann an deoch làidir. Tha iomadh ni ceadaichte do dhaoine nacheil idir iomchuidh. Nach mi-iomchuidh do dhaithrichean a bhithcosg an airgid sin ann an òl, a tha feumail air son biadh is aodach a chumail ri am mnathans rin cloinn!

F. O. S.


Bha Domhnull Ban us Iain Donn nan cairdean gle mhor aig a cheile, ach aon latha mhi-chord iad mu ni eiginn, agus throid iad gu salach. Bha beagan fhacail Bheurla an ceann Iain, agus nuair a theirig a Ghailig dha, rinn em feum a bfhearr a burrainn dha dhiubh. Chuir so Domhnull na thamh ann am mionaid. Air dha bhig innse do charaide mar bha eatorra, thuirt e, “Chan abradh e facal rium mu dheireadh achliar ! liar!agus tha mi cinnteadh nach robh sion an sin achTha thu briagach’ .”


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


Uaireadairean
air prisean a tha ruith o $1 .75 gu $200 .00
AIG
Bezanson

ANNS AN
Stor Ur Sheudan
AIG
K . Bezanson
An Togalach Hanington,
SIDNI, - - C. B.
Ghibear an stoc as mothas as fhearr de dh
Uaireadairean, Seudan, Bathar Airgeid, agus Innealan Ciuil
a thann an Ceap Breatunn.
Bidh e thoilicht thu thaghal air a dhfhaicinn a chuid bathair.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


A. R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.

titleIssue 5
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 5. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page