[Vol . 9. No. 50. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 14, 1901. No. 50.
Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.
LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.
CAIB. IV.
DH’ EIRICH a’ ghrian gu h-oirdhearc air an ath latha ’sa ghleann, an latha bha Aonghas a dol a dh’ fhàgail beannachd aig a chàirdean ’s a luchd-eòlais. Chruinnich iad m’a chuairt da ’sa mhaduinn, agus ’s iomadh eòlas a fhuair e o chuid diu mu America. Cuid nach robh deich mile riamh air falbh o ’n chagailt, bha de naigheachdan ’s de dh’ fhiosrachadh aca m’ an dùthaich chein sin ’s gun saoileadh duine gun robh iad cho eòlach ma America ’s a bha iad air Gleann-fraoich fhein. Ach chaidh glas-ghuib a chur air na bha stigh an uair a thainig Alasdair-àrd, agus Domhull-an-tàillear. Bha ’n dithis so beagan bhliadhnachan a seòladh mu Alba, ach bha dùil aca fhéin gu ’n do shiubhail iad an saoghal uile. Ràinig Alasdair eileinean Shealtain agus Arcaibh air aon turas iomraiteach, agus bha dùil aige fhein gu ’n do rainig e Lochlann, agus riamh na dheigh sin, ge air bith seanachas air an toisicheadh e, ’s ann an Lochlann a sguireadh e. “Gabh thusa mo chomhairle-sa,” ars’ Alasdair, “agus fuirich a stigh. Tha mise eòlach air America, chaidh mi seachad air air an turus a bha mi ann a Lochlann agus faodaidh tu mo chreidsinn. Bha gille òg fiosrachail a mhuinntir na Mòrair còmhla rium air an luing, agus thug e orm aodach a cheangal ma m’ cheann agus làmhanan a chur orm an uair a bha sinn a’ dol seachad air America m’ an rachadh mo reothadh gu bàs. Cha do chuir e-fhéin uime ni gus a dhion; ach bha e ’g radh rium gun robh deich faclan aigesan de chànain nan Innseanach, agus mar sin nach drùghadh am fuachd idir air. Thuirt e rium,” ars’ Alasdair, “nach urrainn duine aon fhacal do chanain sam bith eile labhairt aon uair ’s gun tig an geamhradh. Tha na briathran a reothadh an uair a thig iad a mach as do bheul agus a’ tuiteam gu làr. Agus an uair a thig an aiteamh a’s t-earrach, bha e ’g radh nach cluinneadh duine ghuth fhem leis an fhuaim a bhios na briathran so a deanamh ’n uair a bhios iad ag aiteamh.” “Tut,” ars’ Aonghas, “cha bhi ’n sin ach cànainean boga gun bhrigh; théid mi fhin an urras nach dearg an reothadh air a Ghàilig chòir.” Thug Dòmhull-an-tàillear e-fhein eachdraidh dha mu na h-Innseanich, agus sheall e dha (oir bha Domhull ainmeil air carachd) an doigh air Innseanach a cheannsachadh. Airson an cleas a shealltain na b’ fhearr do dh’ Aonghas rug Dòmhull air theis meadhain air leth sheann duine bha ri thaobh aig an robh ainm a bhith fuathasach crosda. ’Se ‘Murachadh ciùin’ a theirte ris mar fhar-ainm. An uair a rug Domhull-an-tàillear air Murachadh ciùin cha b’e ’n fhàilte chridheil a fhuair e: “Amadain gun tur,” ars’ esan, “seallaidh mise cleas dhutsa bheir beagan dheth ’n chaothach as a cheann agad”— ’sa putadh Dhomhuill a null an comhair a chùil gu tuba mor a bha ri taobh an taighe anns an robh tearr, thug e ùpag dha sios ann, ’s am mach a ghabh e, a fàgail beannachd aig Aonghas anns an dol seachad.
Dh’ fhag e slàn aca mu dheireadh, agus le cridhe dòchasach thug e aghaidh air a mhonadh. Bha aige ri astar mor a dheanamh m’ an ruigeadh e àit’ anns am faigheadh e bata bheireadh dh’an bhaile mhor e, as an robh long gu seòladh an ceann seachdain gu ruige America. Dol tarsuinn air beanntaibh a ghaoil, m’ an do dh’ fhàg e criochan eòlais, chrom Aonghas e fhein sios ’san fhraoch ghorm agus chuir e suas ùrnaigh aithghearr, dhùrachdach, a’ guidhe air Ughdar gach ni a dhion ’sa theasraigean bho gach gàbhadh a bhios daonnan buailteach do dh’ fhear an fhalbhain. Bhuain agus phaisg e gu cùramach, bad de fhroinneach cùbhraidh, ’s faodar a bhi cinnteach nach do dhichuimhnich e fraoch a thoirt leis. Ach na b’ fhaisg air a cridhe na ni sam bith, bha Aonghas a giùlan ciabh òr-bhuidh, agus bho nach robh gas glas ri fhaicinn na measg, tha amhrus làidir agam nach b’ ann air ceann a mhàthar a dh’ fhàs i. Gu math sgith ràinig e mu dheireadh am baile beag as an robh bàt-aisig a’ falbh air an ath mhaduinn. An oidhche sin fhuair Aonghas eòlas air gille òg Gàidhealach a bha gu math cridheil. B’ ainm dha Calum Mac Pharlain, ach ’se ‘Calum éibhinn’ a theirte ris mar bu trice. Bha Calum air fortan beag fhaotainn ’san àm, mu dha fhichead punnd Sasunnach a dh’ fhàg, bha e ag radh, piuthar athar aige, airson a bhi giulan ainm a sheanar. Thug Calum leth an àirgid dh’ a mhàthair, agus leis a’ chòrr smaointich e gun rachadh e do thir chéin air choireiginn, cha robh fios aige ro mhath fhathast c’àite. Mar sin bha e gu math toilichte ’n uair a dh’ innis Aonghas dha gun robh e dol gu ruige America; ’s ann a dh’ fhalbhadh e maile ris, agus bha Aonghas gu math toilichte a chuideachd chridheil a bhi leis. Cha robh facal an ceann Chalum ach Gàilig. Bha e fhein ag radh gur e bu choireach nach do dh’ ionnsaich e Beurla, nach robh e airson a Ghàilig a shalach leatha, ’s nach biodh e coltach gu ’m biodh an da chànain reidh ann an eanachain duine sam bith. “Cha ’n eil teagamh,” arsa Calum, “nach tuig mi beagan an uair us fior fheudar dhomh. Ach tha dòchas agam nach éirich cleas Anna ruadh a chùbair dhomh. Cha robh smid an ceann Anna ach beagan Gàilig. Ach thachair gu ’n deach i turus gu ruige Grianaig, agus dh’ fhan i dà sheachdain ’sa bhaile mhor. Gu tubaisteach chaill i ’Ghàilig, arneo ghoideadh oirr’ i; tha iad ag radh gu ’m bheil na meirlich pailt ’s na bailtean mora co-dhiu. An uair a thainig i dhachaidh ’s a bha i dlùthachadh ri taigh a h-athar, thachair balach beag rithe ’bha buachailleachd a chruidh. Sheas i, ’s dh’ fhaighneachd i dh’ an bhalach ann an cànain air choireigin (Beurla a bh’ aice fhéin air an fhuaim a bh’ ann) dé ’n t-ainm a bh’ aca ’san dùthaich so air na creutairean ud, ’s i tomhadh a corraig air a chrodh. Ach bha mart maol le ’h-athar am measg an treud, a bhiodh a ruith nan daoine, gu h-àraidh coigrich, ’s ghabh i oirre fhein freagairt a thoirt do dh’ Anna, ’s a nall a ghabh i ’s coltas an uilc oirre. “Mort! mort! bo-mhaol m’ athar!” ghlaodh Anna ruadh, ’s gu fortanach bha Gàilig riamh tuilleadh aice.
An la-iar-na-mhàireach ràinig iad am baile mor ’s bha aca ri fuireach an sin gus am biodh an long deiseil gu seòladh. Bha iomadh ioghnadh aca ri fhaicinn ’sa bhaile-mhor, ’s bha iad gu math sgìth a’ dol air chall ’s ag iarraidh a chéile. Bha Calum ag ràdh nam biodh iad air spearrach a chur orra, cleas nan caorach, gu ’n robh e air iomadh ceum a shàbhaladh dhaibh. “Ach,” ars’ esan, “nach ann air chall a bha h-uile duine a bh’ ann, coltach ris na neòil a bhios a ruagadh a chéile, gun fhois, gun tàmh a dh’ oidhche ’s a latha.” Ach tha ’n t-àm aca falbh.
(Ri leantuinn.)
Sgeulachdan Arabianach.
PRIONNS’ ALASNAM AGUS RIGH NAM FATHACH.
CAIB. V.
AN uair a thug Musan air falbh an droch bharail a dh’ fhag e air inntinn an t-sluaigh leis na labhair e riutha mu dheidhinn a’ phrionnsa an latha roimhe sid, thill e dhachaidh. Chuir e uime an deise aodaich a b’fhearr a bh’ aige, agus chaidh e thaghal air a’ phrionns’ og. Ghabh am prionnsa ris le aoidh agus le caoimhneas. An uair a bha iad greis a’ labhairt le caoimhneas is urram ri ’cheile, thuirt Musan ris a’ phrionnsa: “Mo thighearna, am bheil a run oirbh fuireach fad’ ann am Bagdad?”
“Fanaidh mi ann,” ars’ esan, “gus am faigh mi maighdionn, coig bliadhna deug a dh’ aois, a tha anabarrach briagha, agus a tha cho beusach ’s nach robh aithne aice air duine riamh, agus nach mo na sin a mhiannaich i gu ’m bitheadh.”
“Tha sibh ag iarraidh rud nach’ eil furasda ri fhaotainn,” ars’ an doctair; “agus bhiodh teagamh agam gu ’m faigheadh sibh na tha sibh ag iarraidh mur b’e gu ’m bheil fhios agam far am faighear maighdionn dhe ’n t-seorsa a tha sibh ag iarraidh. Bha ’h-athair na ard-chomhairleach; ach dh’ fhalbh e as a’ chuirt, agus tha e o chionn uine mhor a’ fuireach ann an taigh mor ann an iomall am muigh a’ bhaile, far am bheil e ’cur seachad na h-uine gu buileach a’ toirt foghlum dh’ a nighinn. Ma ’s e bhur toil e, theid mise far am bheil e a dh’ iarraidh na h-ighinn dhuibh. Cha ’n ’eil teagamh agam nach bi e toilichte gu leor a nighean a thoirt do phrionns’ og, maiseach mar a tha sibh.”
“Dean air do shocair,” ars’ am prionnsa; “cha phos mi a’ mhaighdionn gus am bi fios agam an toiseach an cord i rium. A thaobh a maise, faodaidh mi na their thu fhein rium a chreidsinn. Ach ciod an dearbhadh a bheir thu dhomh gu ’m bheil i beusach?”
“Ciod an dearbhadh a tha sibh ag iarraidh?” ars’ an doctair.
“Feumaidh mi a h-aghaidh fhaicinn,” ars’ am prionnsa; “foghnaidh sin gus a thoirt orm a runachadh ciod a ni mi.”
Tha thu gle sgileil ann an gnuis-eolas,” ars’ an doctair agus e ’deanamh gaire. “Thig comhladh riumsa, ma ta, agus theid sinn gu taigh a h-athar. Iarraidh mi air aon sealladh dhe ’h-aghaidh a thoirt dhut.”
Dh’ fhaldh Musan agus am prionnsa gu taigh an ard-chomhairlich. An uair a chual’ e mu ’n phrionnsa, agus an t-aobhar air son an d’ thainig e, ghairm e a nighean a steach do ’n t-seomar, agus thug e oirre an srol a thoirt bhar a h-aod-
[Vol . 9. No. 50. p. 2]
ainn. Cha ’n fhaca righ og Bhalsora aodann riamh a leith cho briagha ris. Sheas e ag amharc oirre le mor-ioghnadh. Agus o ’n a bha e comasach dha a dhearbhadh co dhiubh a bha i cho beusach ’s a bha i cho briagha, thug e am mach an sgathan, agus an uair a sheall e ann, bha ’ghlaine gun an smal bu lugha.
An uair a chunnaic e gu ’n d’ fhuair e a’ cheart mhaighdionn a bha e ’sireadh, ghuidh e air a h-athair a toirt dha ri ’posadh. Dheonaich a h-athair so a dheanamh. Ghrad chuireadh fios air a’ mhaighdinn oig, agus thainig i gun dail. Sgriobhadh na cumhnantan posaidh, agus rinneadh an urnuigh phosaidh.
An deigh do sheirbhis a’ phosaidh a bhith seachad, thug Alasnam leis an t-ard-chomhairleach a dh’ ionnsuidh a thaighe fhein, far an d’ rinneadh fleadhachas mor ris, agus thug e dha tiodhlacan anabarrach luachmhor. ’Na dheigh sin chuir e moran de sheudan luachmhor gu bean-na-bainnse le Mobarec.
Thug Mobarec leis bean-na-bainnse do ’n taigh aig prionns’ Alasnam far an d’ rinneadh banais mhor mar a fhreagradh do dhaoine dhe ’n seorsa.
An uair a bha ’bhanais seachad, agus a dh’fhalbh a chuideachd gu leir, thuirt Mobarec ri Alasnam, “Mo thighearna, biomaid a’ falbh; na deanamaid dail na ’s fhaide ann am Bagdad, ach tilleamaid do Chairo. Cuimhnich air a’ ghealladh a thug thu do righ nam fathach.”
“Biomaid a’ falbh,” ars’ Alasnam; “feumaidh mi an aire mhath a thabhairt gun ’n dean mi direach mar a dh’ iarr e orm. Ach tha mi ag aideachadh dhut gur ann car an aghaidh mo thoile a tha mi ’dol a ghabhail a chomhairle. Tha ’m boirionnach a phos mi anabarrach tlachdar, agus cha mhor nach ’eil mi toileach a toirt leam gu ruige Balsora, agus a cur air an righ-chathair.”
“Ochan! mo thighearna,” arsa Mobarec, “thoir an aire nach dean thu mar a tha d’ inntinn ag iarraidh ort. Cuir stamhnadh air do ghaol, agus ciod sam bith na chosgas e dhut, cum ri d’ ghealladh do righ nam fathach.”
Gle cheart, a Mhobarec,” ars’ Alasnam, “thoir do cheart aire gu ’n cum thu a’ mhaighdionn og ud as mo shealladh. Na leig leatha tighinn tuilleadh ’nam lathair. Is docha gu ’m faca mi i tuilleadh is tric mar tha.”
Rinn Mobarec gach deisealachd a bha feumail dhaibh air son an turuis. Thill iad do Chairo, agus as a sin chaidh iad gu ruig an t-eilean aig righ nam fathach.
An uair a rainig iad, thuirt a’ mhaighnionn og ri Mobarec, “C’aite am bheil sinn? Am bheil fada gus am bi sinn anns an rioghachd aig m’ fhear-posda?”
“A bhaintighearna,” arsa Mobarec, “tha ’n t-am an fhirinn innseadh dhut. Phos am prionns’ thu a chum gu ’m faigheadh e do thoirt o d’ athair. Cha do gheall e banrigh Bhalsora a dheanamh dhiot idir; ach tha e gus do thoirt do righ nam fathach, oir dh’ iarr e air maighdionn dhe do sheorsa-sa fhaotainn da.
An uair a chual’ i so thoisich i ri gul cho goirt ’s gu ’n do chuir i dragh araon air a’ phrionnsa agus air Mobarec.
“Gabhaibh truas dhiom,” ars’ ise; “is coigreach mi; bheir Dia gu cunntais sibh air son mar a mheall sibh mi.”
Cha d’ rinn a caoidh agus a gearain feum sam bith dhi, oir thugadh do righ nam fathach i. An uair a bheachdnaich e oirre car beagan uine thuirt e ri prionns’ Alasnam, “A phrionnsa, tha mi riaraichte leis mar a rinn thu na dh’ aithn mi dhut. Tha ’n oigh a thug thu do m’ ionnsuidh araon maiseach agus beusach. Agus tha mi gle thoilichte leis an doigh anns an do chum thu ri d’ fhacal. Till do do rioghachd fhein, agus an uair a theid thu do ’n taigh fo thalamh, far am bheil na h-ochd iomhaidhean, gheibh thu an naoidheamh iomhaidh a gheall mi dhut. Bheir mi air na fathaich a cur ann.”
Thug Alasnam taing do righ nam fathach; agus gun dail sam bith thill e fhein agus Mobarec do Chairo.
O ’n a bha toil mhor aige an naoidheamh iomhaidh fhaicinn, cha d’ rinn e dail sam bith ann an Cairo.
Air an t-slighe dhachaidh, bha e gu tric a’ smaointean air a’ mhaighdinn oig a phos e; agus bha e ’cur coire air fhein a chionn gu ’n do mheall e i, agus gur e a bha ’na mhathair-aobhair air a’ mhi-fhortan a thainig ’na rathad. “Ochan!” ars’ esan ris fhein, “thug mi o athair caoimhneil, gradhach, agus thug mi do ’n fhathach i. O mhaighdionn ro mhaiseach! cha b’ ann mar sid bu choir dhomh a dheanamh riut.”
Bha na smaointeanan so gu tric air an inntinn aige fad na slighe. Mu dheireadh rainig e dhachaidh. Rinn an sluagh a bha fo ’riaghladh gairdeachas mor a chionn gu ’n do thill e dhachaidh slan, fallainn.
Ghrad dh’ innis e dh’ a mhathair a h-uile car mar a dh’ eirich dha air a thurus. Bha aoibhneas mor oirre an uair a chual’ i gu ’n d’ fhuair e an naoidheamh iomhaidh, agus thuirt i ris, “A mhic, rachamaid g’ a faicinn, oir faodaidh sinn a bhith cinnteach gu ’m bheil i anns an taigh fo thalamh, o’n a thuirt righ nam fathach gu ’m faigheadh tu ann i.”
O ’n a bha toil mhor aca le cheile an iomhaidh iongantach ud fhaicinn, chaidh iad gun dail sios do ’n taigh fo thalamh, agus do ’n t-seomar anns an robh na h-iomhaidhean. Ach bha ioghnadh anabarrach orra an uair a chunnaic iad gur e maighdionn og mhaiseach a bha ’na suidhe air an naoidheamh bun-charragh, agus nach b’ e iomhaidh dhaoimein mar a bha duil aca.
Anns a’ mhionaid dh’ aithnich Alasnam gu ’m b’ i so a’ cheart mhaighdionn a thug e do righ nam fathach!
“A phrionnsa,” ars’ a’ mhaighdionn og, “tha ioghnadh ort mise fhaicinn an so. Bha thu ’n duil gu ’m faigheadh tu ni eiginn moran bu luachmhoire na mise, agus cha ’n ’eil mi ’cur ann an teagamh nach ’eil aithreachas ort a nis a chionn gu ’n do ghabh thu leithid de dhragh. Bha thu ’n duil gu ’m faigheadh tu duais a b’ fhearr.”
“A bhaintighearna,” ars’ Alasnam, “tha fhios aig Dia nach b’ ann aon uair no da uair a bha mi air thuar mo ghealladh do righ nam fathach a bhristeadh gus thusa ’chumail agam fhin. Luachmhor ’s mar a dh’ fhaodadh iomhaidh dhaoimein a bhith, is luachmhoire gu mor ’nam shealladh-sa thusa bhith agam. Is mo a tha de ghaol agam ort na bhiodh agam air uile dhaoimein agus air uile shaoibhreas an t-saoghail!”
An uair a chuir e crioch air na briathran so, chualas tairneannach a bha cho cruaidh ’s gu ’n do chuir e an taigh fo thalamh air chrith. Chlisg mathair a’ phrionnsa leis an eagal. Ach ghrad thainig righ nam fathach anns an t-sealladh agus thuirt e rithe, “A bhaintighearna, tha tlachd agam dhe do mhac, agus tha mi ’g a ghleidheadh o chunnart. Bha toil agam deuchainn a chur air feuch am faicinn an rachadh aige air a mhiannan a cheannsachadh. Tha fhios agam gu ’n do ghabh e tlachd mor dhe ’n mhaighdinn oig so, agus nach do chum e uile gu leir ris na gheall e dhomh; ach tha fhios agam gle mhath air gach anamhuinneachd a tha ’n ceangal ri nadar dhaoine. Is e so an naoidheamh iomhaidh a runaich mi a thoirt dha. Is i a’s luachmhoire na na h-ochd eile.”
A sin thionndaidh e ri prionns’ Alasnam, agus thuirt e ris, “Caith do bheatha gu sona maille ris a’ mhaighdinn oig so a tha posda riut. Agus ma ’s math leat i bhith dileas dhut, agus gradhach umad, biodh gradh agad dhi gach am, agus na gradhaich te sam bith eile. Ma ni thu so, theid mi an urras gu ’m bi ise dileas dhut.”
An uair a labhair righ nam fathach na briathran so, chaidh e as an t-sealladh.
Air an latha sin fhein ghairmeadh a’ bhean aig Alasnam ’na banrigh air Balsora. Bha iad le cheile iomadh bliadhna beo, agus iad cho sona ri dithis a b’ urrainn a bhith.
(A’ chrioch).
Mac Tighearn Aird-Eonaig agus Taibhse Fhionna-ghlinn.
LE SEUMAS MAC DHIARMAID, CILL-FHINN.
BHA Cailean Caimbeul, am mac bu sine aig Tighearn Aird-eònaig, ’na ghille ro-làidir, foghainteach, agus ’na fhear-claidhimh sònruichte, agus thug e buaidh air gach neach a thàinig a chur deuchainn air ann an gnàthachadh a bhuill-airm sin. Tha e air aithris mu ’thimchioll gu ’m b’ urrainn da leum ochd troighe deug an coinneamh nàmhaid, agus gu ’n robh e comasach air an claidheamh uisinneachadh anns gach laimh. Bha e ’na thoil-inntinn mhoir dha a bhi ri sealgaireachd, agus ’s ainmic gheibhteadh a leth-bhreac airson am fiadh a leantuinn thar mointeach is garbhlaich. A thuilleadh air sin bha e cho chaoimhneil, fhialaidh, agus cho iriosal ’na dhòigh ’s gu ’n robh e ro mheasail measg tuath athar an Aird-eònaig. Chaidh e mach agus a stigh do na tighean aca mar aon diubh féin, agus cha robh fear dhiubh nach robh deas airson ni ’s am bith a dheanamh air a sgàthsan.
Bha athair pòsda an dara uair air mnaoi aig an robh fuath mór do ’n ghille, oir ’s ann airsan thigeadh an oighreachd aig bàs athar, agus cha b’ ann air a h-aon de a cloinnse. Bha e ’na cridhe dòigh éigin fheudainn air esan a chur as an rathad, ach bha eagal aice roimh fearg athar, agus roimh fearg sluaigh Aird-eònaig; oir, cha robh i aineolach air a’ ghràdh mhòr a bha aca uile dha. Fhad ’s a bha an t-òganach mu ’n tigh, dh’ fheuch i a bheatha a dheanamh searbh dha air iomad doigh, agus gu sònruichte ’nuair a bha ’athair as an t-sealladh. Ghiùlain e gu foighideach leis gach anacothrom a fhuair e uaipe, oir thuig e c’ arson a bha i cho olc ris; agus bha e air a chumail suas leis an eòlas gu robh e air a ghràdhachadh le athair agus leis an t-sluagh.
Bha ’mhuime sìor smuainteachadh air am bàs a chur ’na rathad, ach, car uine fhada, cha do thuit i air dòigh a bha taitneach da h-inntinn, agus coltach ri bhi teàruinte dhi féin. Ach, mu dheireadh shaoil i gu ’n robh an ni air an robh i an tòir air tighinn d’a h-ionnsuidh, agus cha b’ fhada gus an d’ fhuair i cothrom air a h-innleachdan olc a chur an gleus. Mu ’n àm sin, thoisich Taibhse a bha ri ’fhaicinn ann an Fionna ghleann an déigh luidhe gréine, air eagal agus uamhas mòr a chur air luchd àiteachaidh Aird-eònaig. Bha fear ghnothuichean aig Tighearn Aird-eònaig, ris an abrar am post. Air do ’n duine sin a bhi tighinn dachaidh aon oidhche a Comri no Craoibh chaidh a reubadh as a chéile leis an Taibhse, agus chaidh mìrean dheth a thilgeadh an linne, ann an Allt Fionna-ghlinn, agus canar “Linne-phuist” rithe gus an latha ’n diugh. Thog sluagh Aird-eònaig àiridhean ann am Fionnaghleann anns an robh iad a gabhail còmhnuidh ’n uair a bha an crodh agus an caoraich ag ionaltradh a’ m miosan blàth an t-samhraidh sa Ghleann. Dh’ fheum iad
[Vol . 9. No. 50. p. 3]
na bothain fhagail, oir cha robh fois na feàth aca leis an uile-bheist a bha nis a tuinneachadh ’sa Ghleann bhoidheach uaine. Bha na h-àiridhean air an leagadh, am fal agus na clachan air ’n sgapadh a null agus nall, pris agus fraoch air an spionadh as am bun, agus an talamh air a bhùrach. Réir coslais bha an Taibhse a’ gabhail còmhnuidh ann an sloc domhain, creagach mu mheadhon a’ Ghlinne, agus is coltach nach robh cumhachd aice chum sgriosadh, agus chum olc a dheanamh ach ann an earrainn de ’n Ghleann. Ach, och, mo thruaigh? ma thàinig duine no beothach rathad an earrainn sin an déigh beul na h-oidhche, chaidh crìoch eagalach a chur air a bheatha. Anns na feasgair chiùin shamhraidh chluinnear osnaidhean muladach, agus beucaich, agus fuaim mar gu ’m biodh cuirn-slaoid ’gan tarruing air an talamh. Agus eadhon ’n uair a bha a ghaoth àrd agus fead aig na siantan, bha sgread an Taibhse ri ’chluinntinn os ceann gach nì. ’S iomad barail thug an sluagh mu ’n nì dhiomhair a bha air tighinn do ’n choimhearsnachd, agus bha iad gu cumanta a’ creidsinn gur ann airson eucoir dhiomhair a rinneadh le neach ’nuair a bha e beo, a bha a spiorad air a dhiteadh gu staid de’n t-seórsa sin. Ach dh’ fhuirich na seann daoine glic ’nan tosd mu ’n ghnothuch, oir smuainich iad gur ann airson aobhair oillteil éiginn a bha leithid de chumhachd air a thoirt do ’n Taibhse. Dh’ fhalbh Tighearn Aird-eònaig mu ’n àm sin gu Machair Albainn, agus nise smuainich a bhean gu ’n robh cothrom aice air cur as do Chailean fhad ’s a bha ’athair o ’n tigh. Chaidh i dh’ ionnsuidh a’ chuid bu dlùithe agus a b’ earbsaiche de a càirdean, agus leig i ris dhoibh ciod a bha ’na h-inntinn mu thimchioll Chailein. An sin shuidheachadh eatorra gu ’n cuireadh ise iad gu cuirm anns an tigh mhór, agus aig a chuirm gu ’n deanadh iad an Taibhse ’na cuis bruidhne, air chor ’s gu ’m faigheadh iad dòigh air Cailean a bhrosnachadh gu coinneamh a thoirt do’n Taibhse.
Thàinig feasgar na cuirme agus chruinnich càirdean na mnatha, agus dh’ ith agus dh’ òl iad gus an robh iad sàsaichte. An sin, thòisich fear no dha dhiubh air bruidhinn mu ghniomhara eagallach na Taibhse, agus mu’n chliù agus an t-urram bhiodh aig duine sam bith a chuireadh stad orra. Thionndadh fear dhiubh ri Cailean agus thuirt e— “Ciod a thàinig ortsa, thusa tha cho ainmeil airson treubhantas, foghainteas agus cruadalachd ’n uair nach eil thu ’toirt aghaidh air an Taibhse, agus ’ga cur gu tàmh? Tha e tàmailteach dhuit mar tha gnothuichean air dol, agus cho cinnteach ’s a tha thu beò, caillidh tu do chliù agus mar an ceudna meas dhaoine mur dean thu ni éiginn chum an dùthaich a shaoradh o’n uile-bheist sin. Thuig Cailean an cuil-bheartan, agus ciod bu chiall doibh, ach cha do labhair e diog, agus ann an uine ghoird, dh’ fhag e a’ chuideachd, agus chaidh e da sheòmar féin lan mulaid agus iomaguin. ’S beag de chodal fhuair e ré na h-oidhche sin le bhi cuimhneachadh agus a’ smuaineachadh air a’ chainnt thàireil chaidh uisinneachadh ris. Cha do chleachd e cainnt de ’n t-seòrsa sin a chluinntinn; ni mò, thainig e riamh fa near dha gu ’m b’urrainn duine coinneamh a thoirt do ’n Taibhse agus marsuinn beò. Smuainich, e mar so— “Ma théid mo mharbhadh leis an Taibhse, bithidh sin ’na chall do ’n chuibhrionn is mo de ’n t-sluagh, ach gu sònruichte dhithse aig am bheil gaol mo cridhe. Ach mu ’n abrar mu ’m thimchioll gu ’m bheil mi a’m chladhaire, bheir mi aghaidh air an Taibhse, biodh buaidh na bàs dhomh.” Moch air ’n ath mhaduinn, chaidh e gu tigh Phàruig Iasgair ann an Cragan Aird-eònaig. Bha Pàruig ’na sheann duine glic, lan eòlais mu eachdraidh na Gaidhealtachd agus mu na blàir a chuir na fineachan Gaidhealach ri chéile. ’S tric a thaghail Cailean ’na thigh anns an oidhche fhada gheamhraidh, agus ’s iomad naigheachd a dh’ innis Pàruig mu dheanadas nan sithichean; agus le naigheachdan uamhasach mu thaibhsean, chumadh e a luchd éisdeachd air bhall-chrith. Aig uairean eile, dheanadh e soilleir dhoibh ciallachadh ainmean gach sléibh agus gach àite agus c’arson a chaidh an ainmeachadh mar sin. Bha Pàruig còir cho làn naigheachdan de gach seòrsa ’s gu ’n tug iad Para-nan-sgeul mar fhrith-ainm air.
Fhuair Cailean Pàruig ’na sheasamh aig ceann a thighe, agus e ag amharc mu ’n cuairt air na neòil dh’ fheuchainn an tuigeadh e ciod an gne latha bha dol a bhi ann. Thubhairt e ri Cailean— “Ciod an gnothuch cudthromach a chuir an car so thu cho tràthail, a Chailein?” Chunnaic Pàruig gu ’n robh gruaim air aghaidh Chailein agus nach robh an sunnd air a b’ àbhaist. Dh’ innis Cailean mar a bha ’chùis. An déigh smuaineachadh car ùine, fhreagair Pàruig e. Ma ta, òganaich ghasda tha do chor cruaidh ni ’s leòir. Na’m b’ann air daoine a bha thu dol a thoirt ionnsuidh, cha bhiodh cùram agam dhiot, eadhon ged a b’ ann ri ar sinnsiribh, laoich Fhìnn féin a bhiodh tu dol a dh’ fheuchainn treis do laimh agus géiread do chlaidheimh, ach ’s e mùthadh nì th’ ann a bhi dol a thoirt coinneamh do thaibse, oir na h-aghaidh sin tha neart agus claidheamh gun éifeachd Cha ’n ann ’na do spionnadh féin, ach ann an neart an Uile-chumhachdaich a dh’ fheumas tu dol an taic an Taibhse, oir feudaidh i tighinn ann an riochd agus ann an doigh ort an aghaidh am biodh do ghaisge an diomhain. An Ti a chuir ’na mhor throcair, crioch air léir-sgrios an Taibhse, agus a chum ann am Fionna-ghleann i, is Esan a mhàin ’s urrainn a toirt air falbh ’nuair a bhios a rùn dìomhair leatha air a chriochnachadh. Ach feudaidh e bhi gu ’m bi thusa na d’ mheadhon air an dùthaich a shaoradh o’n Taibhse, agus gu ’n toir thu gu solus an t-aobhar airson am bheil i teachd am follais, oir chuala sinn mu iomad taibhse chaidh a chur gu fois le duine. Ach mar a thubhairt mi riut roimhe, cha ’n fheud thu dol ’na do neart féin, oir feudaidh i tighinn an riochd beothaich fhiadhaich agus do phronnadh gu bàs am priobadh na sùl. Feumaidh tu cuairt a tharruing timchioll ort féin le d’ chlaidheimh, agus seasaidh tu gu daingeann am meadhon na cuairte le d’ earbsadh ’san Uile-chumhachdach. Sin ni thu ’nuair thig thu fagus do aite na Taibhse. Mar sin ’s urrainn duit seasamh ’san ionad sin an aghaidh gach cumadh ’sam feud i tighinn ’nad shealladh, gu ruig an àm ’s an cruth-atharraich i gu aogais duine. An sin ’s urrainn duit bruidhinn a dheanamh rithe, agus fios fheudainn air an aobhar airson am bheil i ’ga taisbeanadh féin, agus air na dòighean is feàrr chum a cur gu fois. Nise ’s ann tha thu coltach mar gu ’m biodh tu dol sìos aghaidh creag chorrach air ròp; agus ’s an am Fear-dionadh, neartmhor sin a tha gu greim a chumail air an rop; agus ma chuireas tu do dhòchas ann, seòlaidh e gu tèaruinte thu gu ruig an t-iochdar; ach ma thréigeas do dhochas thu, leigidh E as thu agus bithidh tu air do phronnadh ’na d’ mhìrean. ’S so do shuidheachadh-sa. Imich, uime sin, agus gu ’n rachadh Esan a riaghlaidheas a’ ghrian ’san latha, agus a’ ghealach ’san oidhche maille riut. Ach feumaidh tu neach éiginn a thoirt leat, agus fàgaidh tu e le do mhial-chu, siubhlach, aig astar beag uait, agus bheir thu fios dha do chu a leigeil as ma bhitheas an Taibhse coltach ri faighinn laimh an uachdar ort. Chuala mi seann daoine ag radh gu ’n robh mialchu ’na fhear-dionaidh maith ma bha neach dol rathad thaibhsean. Na ’m bithinnsa cho luath is bha mi an latha sin a rugadh t-athair ’nuair chaidh mi do Pheairt agus air ais ann an aon latha cha mhise an duine bhiodh air deireadh gu do leantuinn ’n àird an gleann. Bheir thu Dòmhnull Bàn, do ghille féin, leat, oir tha e ’na dhuine freagarrach.”
(Ri leantuinn.)
Fas agus Tuiteam Rioghachdan.
MA chreideas sinn eachdraidh, faodar cinnich agus rioghachdan a choimeas ri nì a chuirear, agus a dh’ fhàsas gu àird araidh, agus na dhéigh sin a thòisicheas, gu nàdurra, ri cromadh ’s ri seargadh. Abraibh, ma’s àill leibh, duine. Bha e aon uair na naoidhean air a’ chìch—tha e nis air a mhìgran—tha e nis na mhaoil-ceannach luath, làidir—tha e nis na dhuine deannta, stòldach, mòralacha, àrdanach—tha e nis aosmhor, liath, mabach, crotach, agus cuall ’na làimh, mar threas cos—thilg e nis an deò, agus feuch! fear eile ’deanamh gàirdeachais ’na àite!
Bu mhòr ainm agus cliù rioghachd Asìria, a chaidh a shuidheachadh dà mhìle bliadhna roimh theachd Chriosd; ach ’nuair ràinig i àirde shònruichte, thug mi-bheus, cealgaireachd, ròicealachd, agus gealtaireachd a mic oirre tuiteam roimh na Sardanapulus leibideach. ’Se ’cheart aobhar a thug an crùn bho impireachd nam Médach agus nam Persianach, agus a thug do Alastair Mor e.
B’ iad na stàidean Gréugach, fad iomadh linn, glòir agus uamhann na h-àird’ an ear; ach c’àit’ an diugh a’ bheil glòir Athens? —c’àit’ an diugh a’ bheil a gliocas ’sa morachd?
Bha Tyre aon uair na bhaile-margaidh nan cinneach—bha ’long-phort làn luingeas—bu phrionnsachan a marsantan, daoine urramach an t-saoghail; ach c’àit’ a’ bheil na luingeas? —c’àit’ a’ bheil na daoine prionnsail, urramach an diugh? Tha iad a’ tighinn beò air iasgach, ’s gun, mo chreach! an t-iasg féin ann!
Tionndadhmaid agus faiceadhmaid tìr ar n-athraichean féin—faiceadhmaid I-Chollum-Chille, réul-iùil Chaledonia—a’ mhàthair-uisge ’thug casg an io’ta do eilean ’s do thìr-mòr, bho ’n Ghearmailt gu h-Irt; —faicibh an diugh i! Faicibh na caisteil air gach taobh de Chaol-Muile, far an robh na sàir a’ chòmhnuidh—far am biodh òl air fìon, cluich air disnean, stoirm na pìoba, foirm na fìdhle, —an diugh nan tom-coin aig na ròcaisean!
’S àrd rioghachd Bhreatunn an diugh, ach aig an Fhreasdal tha brath ciod a bhios i ceud bliadhna na dhéigh so. Thigeadh do ’n t-sluagh beachdachadh air na leugh ’s na chunnaic iad, agus comhairle ’ghabhail na thràth, roghainn mhath a dheanamh de luchd-riaghlaidh.
A réir mo bheachd féin, ’se dubhailc, ruidhteireachd, lìonachd, sannt, agus gamhlas a b’ aobhar do gach ùmhlachadh a thainig air rioghachdan a bha aon uair mòr agus àrd; agus ma tha so fìor do thaobh rioghachdan, tha e fìor do thaobh stàidean, bhailtean, theaghlach, agus phearsan leothaireach. Uime sin, thigeadh dhuinn, nuair a bheachd-smaoinicheas sinn air na chaidh seachad, a bhi air ar faicill, air eagal gu ’n tuit sinn féin anns a’ chionta cheudna. ’Se so aon fheum a tha ann an seann eachdraidh, agus aobhar nach ’eil e ceart cor rioghachd ’earbsa ri daoine nach leugh mar ri daoin’ a leughas, agus a leughas gu domhain cuideachd.
An uair a thig air duine, thig air uile.
Bean fhada, chaol, dhìreach, miann Dhòmhnuill amadain.
Beannachd Chaluim ghobha— “Mo thogair ged nach tìll.”
[Vol . 9. No. 50. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, IUN 14, 1901.
Litir a Ceap Nor.
THA ’m mios so gu bhi seachad air an oidhche nochd, agus ged bu roghnaiche leam dol a laidhe air ball ’s eigin teannadh ri aon litir eile sgriobhadh gu MAC-TALLA. Cha ’n e a sgriobhadh a’s dorra leam an nochd, ach nach math tha fios agam ciod a sgriobhas mi. Tha do dheadh sgriobhaichean agad aig an àm so ’s gu ’m biodh sinn toilichte MAC-TALLA ’bhi air a lionadh le’n saothair gach seachduin. Ma bhuainaicheas iad sin air cuideachadh leis ’s an doigh so, cha chreid sinn gur eagal dha. Tha e fior gu bheil cuid dheth na Gaidheil a fàs suarach mu ’n Ghailig, ach tha e cheart cho fior sin nach e chuid a’s fearr dhiubh, no ’s fearr a labhras Beurla. Ged dhluth-leanas iad sin ris an amaideachd sin, tha MAC-TALLA ’deanamh comhnadh mor ris a Ghailig a ghleidheadh beo. Tha leughadairean lionmhor aige nis nach robh comasach air a bheag de ’n Ghailig a leughadh nuair thòisicheadh air a dheasachadh an toiseach. Bidh tuilleadh a sior dhol ris an aireamh, agus togaidh a Ghailig, cho math ris na Gaidheil, a ceann, ’s “Cha bhi i am fang ni ’s mo.”
Tha churachd a nise seachad, agus tha feur ’us fochann a coimhead gu math. Bha stoirm thairneanach againn o chionn ghoirid, agus bhuaileadh sabhal Ruairidh òig Mhoireaston leis an dealanach, a sgealadh pairt dheth as a cheile, ’s chur e taobh á bocsa biadhaidh an eich, ach chaidh an t-ainmhidh fein as gun dochann sam bith. Cha ’n fhiosrach mi mu bhuaileadh tigh no sabhal riamh leis ’s an aite so gu ruige sid. Tha craobhan corr uair air am bualadh leis, agus mar is trice craobhan daraich. Mu dheich bliadhna air ais bha stoirm thairneanach ann air oidhche àraidh nach di-chuimhnich mi ri m’ bheo. Bha lasadh aon de na dealanaich agus fuaim eagalach an tairneanaich comhlath. Shaoileadh neach gu ’n robh gach ni a dol as a cheile. Anns a mhaduinn am maireach chunnaic sinn gu ’n robh craobh dharaich a bha dluth do bhuaile ’chruidh air a bristeadh dheth mu dhusan troidh o ’barr, agus a chuid eile dhi air a chladhach ’n a chlais dhomhain sios a dh’ ionnsuidh na talmhuinn, agus cuid de na sgolban a bhuineadh aisde air an sgapadh astar mor o ’n chraoibh.
Ma shaoilear gur iongantach an t-anabarr eagail a bhios air cuid ann an stoirm thairneanach, nach ’eil e moran ni’s iongantaiche gu bheil iad cho lionmhor ’san t-saoghal air nach bi eagal sam bith—muinntir a theid air adhart, cha ’n ann a mhain ri feala-dha a dh’ fhaodadh a bhi iomchuidh gu leor aig amannan eile, ach le dànadas na mi-cheille a toirt an ainm a tha os ceann gach uile ainm, gu trie an diomhanas.
M.D.
Ceap Nor, Maigh 31, 1901.
Tha lagh aca ann an Eilean a’ Phrionnsa a nise leis am bheil creic stuth làidir air a bhacail gu h-iomlan. Tha am Priomhair Mac-Fhearchair agus buill eile ’n riaghlaidh a’ cur rompa an lagh obrachadh cho math ’sa ghabhas deanamh, agus tha làn dhùil aca soirbheachadh. Tha sinn a toirt fa-near gu bheil cuid de phaipearan Cheap Breatunn a cur air mhanadh do ’n lagh ùr so nach bi soirbheachadh sam bith leis, agus gur mò a ni e de chron na ni e de dh’ fheum. Shaoileamaid gu ’m biodh e cho math do na paipearan sin am breth a chumail air ais gus am biodh comas aca air fhaicinn ciod a ghnè lagha th’ ann agus ciod a ghnè dhaoine tha air a chùl. Ma tha an lagh cearbach, gabhaidh a’ chearb toirt as, agus mur bi iadsan a rinn e ’sa tha ’ga chur air obair cho math ri ’n gealladh, ’s fhurasda daoin’ eile chur ’nan àite; agus mur eil sinn air ar mealladh a thaobh muinntir an Eilean, is sluagh iad ris nach urrainn luchd nam politics an ni is àill leotha féin a dheanamh. Ma chi iad uair air bith nach eil an luchd-riaghlaidh deònach an ni a tha ceart a dheanamh, gabhaidh iad a cheud chothrom a gheibh iad air an cur á dreuchd.
Tha e ’na dhroch cleachdadh anns an dùthaich so, nuair a dh’ atharraichear luchd-riaghlaidh, a bhi cur á dreuchd dhaoine a bha air an cur a stigh leis an t-seann luchd-riaghlaidh ’sa cur dhaoine tha ’nan càirdean do’n riaghladh ùr ’nan àite. Bhatar ri moran dhe ’n obair sin o chionn ghoirid ann am Manitoba, ach tha riaghladair na roinne sin a nis air seasamh an aghaidh a chleachdaidh, ’s ag radh nach còir neach sam bith a chur á dreuchd fhad ’sa tha e deanamh a dhleasdanais. Tha sinn an dòchas gu ’n soirbhich leis, agus mar an ceudna nach teid moran bhliadhnaichean seachad gus am bi stad iomlan air a chur air a bhi cur dhaoine tha deanamh an dleasdanais á dreuchd gun aobhar sam bith ach nach fhac iad iomchuidh bhòtadh leis a phairtidh a thachras a bhi ann an ùghdarras.
Fhuair na painters na bha iad ag iarraidh, —an la-obrach a ghiorrachadh gu naodh uairean-agus tha mhor-chuid dhiubh air a dhol a dh’ obair. Tha na clachairean a’ seasamh a mach fhathast, oir cha do dh’ aontaich cuideachd an iaruinn ris na tha iad ag iarraidh a thoirt daibh.
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Matheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Confederation Life ASSOCIATION.
Eachdraidh 29 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.
Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,870.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25
Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1 ,505,546.25
F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.
Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON
Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
[Vol . 9. No. 50. p. 5]
Naigheachdan.
Bha naodh ceud de na Boerich air an toirt gu Bermuda o chionn ghoirid, far am bi iad air an cumail mar phriosanaich gus am bi an cogadh ann an Africa mu Dheas seachad.
Tha an t-Urr. A. J. Domhnullach, Union Centre, N.S. ,an deigh an gairm a fhuair e o choithionalWhitney Piera ghabhail. Bidh e air a shuidheachadh anns an eaglais sin air an treas latha dhe’n ath mhios.
Chaidh da iasgair a bha ’glacadh ghiomach faisg airSouris , E. P. I. ,a bhàthadh air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh am bàta anns an robh iad thairis, agus mu ’n d’ fhuaireadh g’ an cuideachadh, bha iad air an giùlan air falbh. Tha an cuirp gun am faotainn fhathast. B’e an ainmean, Artar Arbing agus Seumas Beutan.
Bha an eaglais ùr Shasunnach air a fosgladh anns a’ bhaile so la na Sàbaid s’a chaidh. Bha an eaglais ùr Chléireach air a fosgladh ann an Sidni Tuath air an latha cheudna. Bha àireamh mhor sluaigh cruinn ag éisdeachd nan seirbhisean-fosglaidh anns an da eaglais. Tha an eaglais ùr ann an Sidni Tuath air a togail an àite na h-eaglais a chaidh a losgadh an uiridh.
Tha fios a thainig á Montreal Di-ciaduin ag radh gu bheilH . M. Whitneya cur roimhe deanamh deiseil gun dàil air son obair togail shoithichean a chur air chois ann an Sidni. Tha muinntir St. John agus Halifacs a deanamh an dichill air an obair fhaotainn dha na bailtean sin, ach ma tha an sgeul so fior tha Whitney gu bhi air thoiseach orra, agus bidh an obair air a suidheachadh ann an Sidni.
Chaidh Gilleasbuig Russel, duine mhuinntir Newfoundland, a mharbhadh aig an obair-iaruinn Di-satharna s’a chaidh. Thuit block anns an robh ròp a ruith, agus bhuail e air ’sa cheann, a bristeadh slige chinn ’s ’ga mharbhadh air ball. Bha ’athair, a bha air tighinn do ’n bhaile an latha sin fein, a’ feitheamh air a shon aig a gheata nuair a thachair an sgiorradh, agus cha d’ fhuair e fios gu robh dad cearr gus am faic’ e a chorp ’ga ghiùlan a mach.
Chaidh fear Fearchar Mathanach a mharbhadh ann a Hogamah air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e na fhear-cumail leabhraichean ann an Stor Iain K. Dhomhnullaich, agus air dha bhi dol dh’ an t-seilear thuit e leis an staidhir, agus bha amhach air a bristeadh. Chaidh gach ni a dheanamh air a shon a ghabhadh deanamh, ach cha robh e beò ach gann leth-uair an deigh do’n sgiorradh tachairt. Bhuineadh e do’n Bhagh an Iar, far an d’ fhàg e teaghlach mor de chloinn bhig. Chaochail a bhean an uiridh.
Thuit meall talmhainn ann am mèinnSpringhill , N. S. ,Di-haoine s’a chaidh, leis an robh dithis dhaoine, Iain Merlin agus Deorsa Tiffing, air an dùnadh a stigh. Fhuaireadh a mach an ùine ghoirid gu robh iad beò, agus thòisicheadh air cladhach g’ an ionnsuidh. Bha iad air an ruigheachd mu cheithir uairean maduinn Di-donaich, an deigh dhaibh a bhi ann fad da fhichead uair. Bha iad slàn, fallain, ach a’ fulang gu mor le fuachd ’s le fliuichead. Bha uisge tuiteam orra fad na h-ùine, agus bha e air drùghadh orra mu ’n robh iad ann ach ùine ghoirid. Bha iad gun ghreim bidh itheadh o naodh uairean maduinn Di-haoine.
Bha taghadh comhairlich ann an ceathramh roinn a bhaile Di-màirt. Bha dithis a ruith, W . W. Dillonagus an Dr. I. K. Mac-Leoid. Fhuair an Dotair Mac-Leòid a stigh le 31 bhot a bharrachd.
Tha muinntir Ghlace Bay a cur mu dheibhinn tigh-eiridinn a thogail. Tha an làrach air toirt seachad mar tha, agus bithear a tòiseachadh air an togalach an ùine ghoirid. Bidh e air a dheanamh air bric ’s air cloich agus cosgaidh e mu fhichead mile dolair.
Chaidh Iain Rice a ghoirteachadh aig laimhrig cuideachd an iaruinn o chionn da sheachdain air ais, agus chaochail e anns an tigh-eiridinn Di-luain s’a chaidh. Rugadh e ann am baile Halifacs, agus chaidh a thogail ann an teaghlach Alasdair Mhic Neill, am Mabou. Bha e sia bliadhna fichead a dh’ aois.
Shil uisge trom oidhche Di-satharna agus maduinn na Sabaid, agus a rithist oidhche Di-màirt. Bha tàirneanaich ann leis an uisge oidhche Di-satharna ’s Di-màirt. Ni an t-uisge sin feum mor do ’n dùthaich, a tha cheana fad air thoiseach ann am fàs air mar a bha i mu ’n àm so air an t-samhradh an uiridh.
Tha an gual a tha ri fhaotainn aig an t-Simealair, an siorrachd Inbhirnis, air a chreic ri cuideachd de dhaoine saibhir á Sasunn, agus tha dùil gu’m bi meinn air a fosgladh an ùine ghoirid ’s air a h-obrachadh le neart. Chaidh pris mhor a phàigheadh air na chaidh a cheannach, agus cha’n eil e ro-choltach gu ’n leigear le uiread airgeid a bhi ’na thàmh ùine ro-fhada.
Chaidh triùir dhaoine mharbhadh aig an obair-iaruinn air an t-seachdain s’a chaidh—Iain Hamilton, Tomas C. Moxham, agus Gilleasbuig Russel. Thatar ag radh gu ’n deachaidh còrr us tri fichead duine a mharbhadh aig an obair o’n chaidh tòiseachadh oirre, da bhliadhn’ air ais. Cha ’n eil teagamh sam bith nach gabhadh moran de na sgiorraidhean bàsmhor a thachair seachnadh na ’m biodhte cho cùramach mu ’n obair ’s bu chòir a bhith.
Tha an carbad-iaruinn air an t-seachdain so a’ riuth a reir tim-chlàr an t-samhraidh. Tha a’ cheud trein a falbh aig sia uairean ’sa mhaduinn ’sa tilleadh aig leth-uair an deigh seachd, feasgar. Tha i so a’ taghal ann an Sidni Tuath a’ falbh ’sa tilleadh. Tha an trein luath a falbh aig aon uair deug ’sa mhaduinn agus a tilleadh aig aon uair deug feasgar. Cha’n eil i dol a stigh do Shidni Tuath a falbh no a tighinn, ach tha carbad ’ga coinneachadh aig an junction a bheir na bhios oirre de luchd-turuis air son a bhaile sin gu ’n ceann-uidhe.
Tha ceannardan an airm Bhreatunnaich ann an Africa mu Dheas aig an àm so a’ gabhail moran cùraim de gach seòrsa bidh a thatar a toirt do’n dùthaich. Cha ’n eilear a’ cur do chearna sam bith ach direach na dh’ fhoghhas, air eagal gu ’n tuit a bheag no mhor dhe ann an làmhan nam Boereach. Tha an geamhradh a tòiseachadh anns an dùthaich sin, agus an ùine ghearr cha bhi biodh do dhuine no do bheothach ri fhaotainn an àite sam bith ach anns na bailtean, far am bheil e air a gheard leis an arm. Air an dòigh so thatar an duil gu ’n eigin do na Boerich striochdadh gu buileach. Cha ’n eil a seasamh a mach dhiubh ach buidhnean beaga an siod ’s an so, agus cha’n eil teagamh nach dean cion a’ bhidh iad sin a thoirt gu ùmhlachd.
Cha ’n eil sinn cruaidh ort!
Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10—bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15—tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.
H . H. Sutherland & Co.
Bathar Cruaidh
Tha sinn a’ cumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.
Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 50. p. 6]
Dughall Cuagach agus an t-Apa.
LE “CUCHUILLINN.”
Ann an gleann iomallach anns a’ Ghàidhealtachd bha duine ris an cainte Dùghall Cuagach. Cha rachadh cumadh a phearsa air di-chuimhne, na’m faiceadh neach aon uair e. Bha cnap mor cinn air, gruag chràsgach dhubh, agus casan cuagach o ’n d’ fhuair e pàirt de ’ainm. Bha Dùghall gle ghealtach, agus bha e ’làn-chreidsinn ann an taibhsean agus ann an samhlaidhean; nan creidte e féin, chunnaic e ’n t-each-uisge agus a’ mhaighdean-mhara. Ach ni sinn iomradh air an t-sealladh o ’n do ghabh Dùghall am farbhas cho mor ’s a ghabh e riamh.
Thàinig seoladair dhachaidh as na righeachdan thall, do bhaile ’bha ann a’ nàbachd Dhùghaill. Thug an seoladair apa, mar a theirir anns a’ Bheurla monkey, dhachaidh leis. Cha ’n fhacaidh Dùghall apa riamh; agus cha mho a chualaidh e gu ’n d’ thàinig a leithid sin de bheathach mi-sgiamhach do ’n dùthaich. Chaidh teadhair iarruin a cheangal mu amhaich an apa, air eagal mu ’n faodadh e teicheadh agus cron a dheanamh. Ach air oich’ àraidh dh’ eirich aimhreit eadar an t-apa agus cuilean coin a bh’ aig an t-seoladair. Bha ’n t-sabaid cho cruaidh ’s gu ’n d’ fhuair an t-apa ma sgaoil, a slaodadh na teadhair ’n a dheigh. Chum e air aghart gus an d’ ràinig e ’n cladach, agus shuidh e ann an toiseach bàta ’bha air a’ phort.
Thachair gu ’n robh Dùghall agus triuir bhodach ag iasgach sgadain; agus dh’ fheumadh iad falbh gu maith tràth ’s a’ mhaduinn. Air an oiche mhi-fhortanaich so air an do theich an t-apa dh’ eirich Dùghall fada romh bheul an latha, agus bha e aig a’ chladach mu ’n do ghluais a h-aon de na bodaich. ’Nuair a ràinig e ’m port, aig bonn creig’ àirde, sheas e aig deireadh a’ bhàta, oir bha ’m bàta air a tarruing suas air a’ chladach. Bha ’n t-apa ’n a shuidhe air an scruig-thoisich, agus gu dearbh cha robh e tlachdmhor. Cha ’n eil duine fodh ’n ghrein nach cuireadh an sealladh ud tiomadh air, mur biodh fios aig egur beathach talamhaidh a bh’ ann. Bha ’ghealach a’ deàrrsadh gu soilleir air aodann an apa, air chor agus gu ’m facaidh Dùghall truagh a chruthachd gun mhaise. Chuir an t-apa dreun uamhasach air, ach ma chuir ’s e chur an dreun air Dùghall. Thug am beathach grad leum a nuas air feadh a’ bhàta, agus rinn na h-iarruin fuaim nach robh taitneach a chluinntinn aig an am ud de ’n oiche, ann an àite cho aonranach, agus gu h-àraidh ann an coimh-cheangal ri beathach cho grànda. ’Nuair a chunnaic Dùghall an iomhaigh a teannadh dluth air fein, leig e aon ràn sgreamhail as, agus anns an tighinn mu ’n cuairt gu teicheadh thuit e le meud an fharbhais. Cha ’n ’eil fhios cia mar a dh’ amais e air eiridh; ach co-dhiu, aon uair ’s gu ’n d’ fhuair e air a chasan, faodair a bhi cinnteach nach robh e fad’ a cruinneachadh urad de dh’ astar ’s a b’ urrainn e. Fa dheireadh ràinig e tigh Alasdair Cheisteir.
Cha do stad Dùghall ris an dorus fhosgladh, ach thilg e thar na lùdanan e ’steach do ’n tigh. Thug e mach braigh’ -an-tighe, agus rinn e greim air posta na leaba. Dh’ fhàg e pàirt de chraicionn clàr ’aodainn air ursann an doruis, leis a’ chabhaig a’ dol a stigh. Chual Alasdair a’ ghleadhraich eagallach a bh’ air feadh an tighe. Dh’ eirich e le crith agus fharbhas, agus las e an cruisgean. Chunnaic e coltas duine cuthaich aig ceann na leaba. Labhair iad ri cheile mar so—
ALASDAIR. —O, dhuine uamhasaich ciod e ’tha cearr ort?
DUGAHLL.— ’S coma sin; tha ’m bàs orm.
ALAS. —Ciod e a chunnaic no ’rinn th ’Dhùghaill? ’s i do shùil a tha sgianach!
DUGH. —Chunnaic mi ’n Diabhul.
ALAS. —Bha mise dearbhta gu ’faiceadh tu e, leis an ùigh a bh’ agad a bhi ’luaidh air ainm. Ach am bheil thu cinnteach gur e ’chunnaic thu?
DUGH. —Tha mi cho cinnteach ’s gu bheil e agad air a’ phort ann an sin shios, ach ’s mise nach iarradh ort a dhol g’ a fhaicinn.
ALAS. —Cuist, a chladhaire na bochdainn; cuimhnich ceart; ’s e chunnaic tu a chuiseag-ruadh, nach e?
DUGH—Cuiseag-ruadh! B’ fhearr leam gur tusa bha ’na m’ àite; sin an uair a bhiodh fhios agad ciod a bha ann. Am bheil thu ’smuaineachadh nach aithnichinn fein e seach cuiseag-ruadh?
ALAS. —Agus cia mar a dh’ aithnich thu e?
DUGH. —Dh’ aithnich mise leis a cheud sùil a thug mi gur e bh’ ann. Co nach aithnicheadh e? Chunnaic mi ’n t-aodann riabhach aige ’g a shniomh anns a’ ghealaich. Thog e ’n sin te de na ladhran toisich, agus thug e sgriob air a pheirceal grànda. Cha ’n fhacas riamh air thalamh sealladh cho uamhasach. Ach O, ’s e ’n stairirich a rinn e anns a’ bhàta! Tha de shlabhraidhean ’slaodadh ris na lionadh an tigh so. Cha robh ceangal a bha air nach do spion e leis ’n uair a dh’ fhalbh e!
ALAS. —An do bheannaich thu thu fein?
DUGH. —Bheannaich, agus dh’ eubh mi Mort! tri uairean, ach mar bu mho a bheannaichinn-sa mi fein, sin mar bu dlùithe ’thigeadh esan orm.
ALAS. —Tha do sgeul a cur mor ioghnadh orm.
DUGH. —Cha chreid mi nach do bhris e mo cheann. Nach ’eil fuil orm?
Chuireadh Dùghal a laidhe, ach cha robh ceistear no eildear a bheireadh a chreidsinn air nach fhacadh e sealladh nach fhacadh moran de ’n chinne-daon.
Deireadh nan seachd Sathurn’ ort!
Dà thrian buidhinn barant.
REIC A MACH AIRGEID
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.
Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.
Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls , Ulsters, Reefers,Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.
Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois.
Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.
Innsridh Taighe: Wringers ,Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.
Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain.
THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Stor Ur! Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn
So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman a’s fhearr.
Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.
Mar an ceudna—
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.
F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.
[Vol . 9. No. 50. p. 7]
Geiread nan Sean-fhocal.
Dearbhaidh ar Sean-fhocail, tha mi meas, gu’m buin geiread cainnt no “wit” do na Gaidheil. Tha na ceudan diubh gu siubhlach ’n ar neasg nach deachaidh fathasd an clò, ged tha fiughair nach bi ’chuis ro fhada mar so; ach anns a’ chruinneachadh a rinn Mac-an-Toisich, ’s anns na chluinneas sinn am beul an t-Sluaigh, saoilidh mi gu’m faighear làn dearbhadh nach ’eil sinn air deireadh, mur ’eil sinn air thoiseach, air ar coimhearsnaich anns a’ bhuaidh so. Tha e fior gu bheil fuaim nam focal gu tric a meudachadh snas an radh— “Ceist bradaig air beugaig;” “Bagair ’s na buail;” “An t-ainm gun an tairbhe;” “Cha lion beannachd brù;” “Cridhe na circe an gob na h-airce;” —ach is buaidh so a gheibhear ann an Sean-fhocail gach tìre; agus is buaidh ionmholta i an uair a tha i air a deagh chleachdadh. Ach gheibh sinn ’n ar Sean-fhocail Ghàidhealach smuain ’us cainnt cho geur ’s a gheibhear an Sean-fhocail ’s am bith. Agus an coimeas ris na Sean-fhocail Bheurla, saoilidh mi gur e na Sean-fhocail Ghaidhealach gu tric is fearr. Tha cuid a gheibhear ’s an dà chanain: agus, ma ’s e ’n eadar-theangachadh a rinn sinne, rinn sinn an corr—leasaich sinn iad an smuain ’s an cainnt. Their na Goill“A lie hath no legs: ”their sinne “Cha seas a’ bhreug ach air a leth-chois;” a ris, de“Raw dawds make fat lads”rinn sinne“ ’S i ’n taois bhog a ni ’màs rag;” agus far an abair na Goill, maol an smuain, ’s lom an cainnt“Far birds have fair feathers, ”their sinne “Is gorm na cnuic tha fada uainn. Anns gach feart a ni suas Sean-fhocal—firinn an smuain, snas ’us maise cainnt, fallaineachd teagaisg—cha d’ thoirear bàrr air na leanas; “Cluinnidh am bodhar fuaim an airgid;” “Is righ an càm am measg nan dall;” “Cha cluinn e ach na ’s binn leis;” “ ’S i ’n dias is truime is isle ’chromas a ceann;” “Bithidh dùil ri fear feachd, ach cha bhi dùil ri fear lic;” —agus dh’ fhaodte na ficheadan eile ainmeachadh.
Cha dearbh ar Sean-fhocail gu’m bu daoine naimhdeil, fuilteach, no sgallaiseach na Gaidheil; agus do bhrigh so saoilidh mi nach b’e geiread no sgaiteachd a theirteadh o shean ri “wit.” Tha cuid diubh salach, ach tha mi meas anns an rathad so nach ’eil iad na ’s measa, ma tha iad cho dona, ri ’n coimhearsnaich. Gheibhear teagasg mi-fhallain an cuid diubh, agus so air doigh nach biodh fiughair ris am measg nan Gaidheal— “Bagair ’s na buail;” —ach cha ’n fhaighear ach ainmig. Air taobh firinn, onoir, gloine an smuain, an cainnt, ’s an gniomh tha iad; agus tha mi meas gu bheil na Sean-fhocail Ghaidhealach ’n am fianuis cho urramach air gliocas, gleustachd ’us deadhbheus ar n-Aithrichean, ’s a tha iad air maise ’s air neart na Gaidhlig.
Agus ’s e mo bharail gu’n dearbh cainnt ’us co-luadar ar Sluagh ’n ar latha fein, gu bheil ar beachd air dreuchd geiread cainnt no “wit” mar mhodh-theagaisg na ’s cothromaiche na chuireas na focail ghnathaichte an céill. ’S e gearradh, sgathadh, beumadh, a reir ar cainnt, is crioch do’n bhuaidh so. Ach cha ’n e so gu leir ar cleachduin; co-dhiu anns na cearnan ’s ’a bheil mise eolach. Cha saoil mi gu ’m faighear ann am Breatunn deise cainnt na’s cumanta na gheibhear ann an Eileanan Iar na Gaidhealtachd; agus tha mi meas gu bheil a’ bhuil gus an cuirear am feart anns a’ chuid is mo a chum buannachd. Tha ’n teangadh geur, sgoilte; ach saoilidh mi gu’m faicear driuchd na meala cho tric ri driuchd a’ phuinnsein air a barr. Cleachdar i air uairean gu mi-laghail a sgaoileadh sgainneal ’s a chur smal air deagh ainm; agus gu laghail a sgiursadh a’ pheacaich nach fairich peanas eile cho goirt. Gheibhear an luath-bheul ’s an droch-bheul air uairean ’n ar measg; ach mar is trice ’s ann ri cridheile, ri mire, ’s ri sugradh neo-chiontach a gheibhear a’ bhuaidh air a cleachdadh. Cha ’n fhaigh meud-mhoir no blathastaireachd moran fathanais; agus feudaidh an gille na ’n nighean a thig dhachaidh thar Galldachd le briseadh Beurla ’s le fasain ùra, a bhi cinnteach gu’n teid an cliu a sheirm an rann ’s an radh nach taitinn riu. Ach nach ann a bu choir dhuinn a bhi taingeil gu bheil saighead air choreigin ann a dhruigheas air seice thiugh a’ ghurraich ’s a’ pheasain; gu’n tig oiteag oirnn taobh-eigin a shiabas d’ a aite fein an dealan-dé. Tha ’m bata daraich maith ’s an stri ma’s diulanach do namhaid; ach bu dona ’n t-arm e a shealg ghraineag no dheargann. Is beag duil aig an t-Sasunnach a dh’ fharas sgibeadh a thoirt an aisig dha, no bheir leis balach, gun bhròig gun bhoineid, a ghiulan a shaic, gu bheil suil fosgailte ach a shuil fein. Cuiridh an Sasunnach luideagan a’ bhalaich ’s a chainnt thuaisteach gu “Punch;” ’s bheir am balach teisteanas an t-Sasunnaich gu ’mhathair. Co is geire suil ’s is meamnaich’ inntinn, bhiodh faoin fheoraich; òir leughaidh an Saoghal “Punch,” ’s cha teid cliu a’ bhalaich seach an t-ath dhorus.
Dean na thig dhut, ’s chì thu na ’s ait leat.
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Laoidhean Dhughaill Buchanain .10
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gaeh “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
Amy Mhoraidh.
FEASGAIR DE DH’ ORAIN ALBANNACH.
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 50. p. 8]
Ille Dhuinn.
SEISD.—
Ille dhuinn, chaidh thu ’m dhìth!
Slàn gu’n till thu ’s gu’n ruig thu!
Ille dhuinn, chaidh thu ’m dhìth!
Ille dhuinn a dh’ fhalbh á Brògaig,
Bidh mi brònach gu ’n tig fios ort.
Ille dhuinn, etc.
Ille dhuinn an leadain àluinn,
’S ann Di-màirt a dh’ fhàg thu mise.
Ille dhuinn, etc.
Dh’ fhag thu mi air cnoc am aonar;
’S léir do ’n t-saoghal mar tha mise.
Ille dhuinn, etc.
Ille dhuinn an leadain dualaich,
’S ann Di-luain a fhuair mi fios uait.
Ille dhuinn, etc.
Ghabh iad thusa ’n arm Righ Deòrsa;
Och mo leon! cha ghabh iad mis’ ann.
Ille dhuinn, etc.
’S a’ mhilisi an Duneideann,
Dh’fhalbh mo cheud-ghaol fo na h-itean.
Ille dhuinn, etc.
Dh’ fhàg thu mo shùilean gun léirsinn;
Ann a’ d’ dhéigh cha léir dhomh litir.
Ille dhuinn, etc.
Ach na ’n gealladh tu mo phòsadh,
Chunntainn òr dhuit mar na sligean.
Ille dhuinn, etc.
Mìle marbh’aisg air na breugan,
’S iomadh deuchainn gus an tig iad!
Ille dhuinn, etc.
Thog iad orm gu’n robh mi aosmhor,
’S ann thuirt daoin’ gun robh mi leth-cheud.
Ille dhuinn, etc.
Ach na ’m pàigheadh iad mo shaothair,
Dh’innsinn m’aois dhaibh ann an tiotan.
Ille dhuinn, etc.
Bliadhn’ ’ar fhichead, mios, a’s ràithe,
’N aois a tha mi, ’s gu bheil fios air.
Ille dhuinn, etc.
Mìle marbh’aisg air luchd an tuaileas,
’S beag air an gluais iad droch mheas dhuinn.
Ille dhuinn, etc.
Ni iad naigheachd do na breugan,
’S bheir iad anns gach beul e chlisgeadh
Ille dhuinn, etc.
Ille dhuinn an leadain dualaich,
’S òg, a luaidh, a bhuair thu mise.
Ille dhuinn, etc.
Ille dhuinn an leadain chraobhaich,
Thug mi gaol araon gun fhios dhuit.
Ille dhuinn, etc.
Ille dhuinn an leadain bhòidhich,
’S ann fo bhròn a dh’ fhàg thu mise.
Ille dhuinn, etc.
Ille dhuinn ma dh’ fhàg thu ’n dùthaich,
’S mòr mo chùram nis nach tig thu.
Ille dhuinn, etc.
Oran.
SEISD.—
Fàill ill ó ro, fàill ill ó,
Fàill ill ò ro éile,
Hi rithill uithill agus ò,
’S na thugaibh hó ro éile.
Gur mise tha trom, airtneulach,
’S a’ mhadainn a’s mi ’g éirigh;
Tha ghaoth an ear a’ gobachadh
’S cha ’n i mo thogairt fhéin i.
Fàill ill, etc.
Tha ghaoth an ear a’ gobachadh,
’S cha ’n i mo thogairt fhéin i;
’S i ghaoth an iar a b’ aite leinn,
A’s lasan oirre ’g éirigh.
Fàill ill, etc.
’S i ghaoth an iar a b’ aite leinn,
A’s lasan oirre ’g éirigh.
Gu ’n tigeadh oirnn am bàta
D’am b’ àbhaist a bhi treubhach.
Fàill ill, etc.
Gu ’n tigeadh oirnn am bàta
D’ am b’ àbhaist a bhi treubhach.
Uachdaran na tìr oirre—
Mo dhìth ma dh’ éireas beud da!
Fàill ill, etc.
Uachdaran na tir oirre—
Mo dhìth ma dh’ éireas beud da!
Uachdaran na dùthch’ innte—
Gu bheil mo dhùrachd féin leis.
Fàill ill, etc.
Uachdaran na dùthch’ innte—
Gu bheil mo dhùrachd féin leis.
Hi rì gu ’m b’ ait leam fallain thu,
Ad chaisteal ann an Sléibhte!
Fàill ill, etc.
Hi rì gu ’m b’ ait leam fallain thu,
Ad chaisteal ann an Sléibhte!
Far am bi na fidhleirean,
’S na pìoban ann ga ’n gleusadh.
Fàill ill, etc.
Far am bi na fìdhleirean,
’S na pìoban ann ga ’n gleusadh.
A’s far am bi na gillean òg
Is bòidhche théid fo ’n éideadh.
Fàill ill, etc.
A’s far am bi na gillean òg
Is bòidhche théid fo ’n éideadh.
Far am bi na h-ighneagan,
(Bu bhinn leam bhi ga’n éisdeachd.)
Fàill ill, etc.
Far am bi na h-ioghneagan,
Bu bhinn leam bhi ga’n éisdeachd.
Is bòidhche théid air ùrlar
An àm a’ chiùil a ghleusadh.
Fàill ill, etc.
Is bòidhche théid air ùrlar
An àm a’ chiùil a ghleusadh.
Is iomadh òigear furanach,
Cruaidh, fulangach le féile.
Fàill ill, etc.
Is iomadh òigear furanach,
Cruaidh, fulangach le féile.
A dh’ éireadh leat, a Dhònuill,
Na ’n d’ rachadh tòir air Seumas.
Fàill ill, etc.
A dh’ éiridh leat, a Dhònuill,
Na ’n d’ rachadh toir air Seumas.
Dh’ éireadh Mac-Mhic-Alasdair
’S Gleann-garaidh leat le chéile.
Fàill ill, etc.
Dh’ éiridh Mac-Mhic-Alasdair
’S Gleann-garaidh leat le chéile.
A’s dh’ fhàgainn-sa mo dhùthaich
Air chumhnant a bhi réidh riut.
Fàill ill, etc.
A’s dh’ fhàgainn-sa mo dhùthaich
Air chumhnant a bhi réidh riut.
Bheirinn sgriob a Lunnainn leat
Na’m biodh mo thuras réidh dhomh.
Fàill ill, etc.
Bheirinn sgriob a Lunnainn leat
Na’m biodh mo thuaras réidh dhomh
Ach ’s mise tha gu muladach,
Air m’ uilinn, a’s mi ’g éirigh.
Fàill ill, etc.
Thainig bàs gle aithghearr air Steaphain Mac Neill post-mhaighstir, ann an Shunacadie, maduinn Di-haoine s’a chaidh. Fhuaireadh a chorp na sheasamh an taic feansa taobh an rathaid. Bha e dol dh’ an cheardaich le each a bha e air son a chruidheadh, agus thatar a’ deanamh am mach gun deach e leigeadh a thaic ris an fheansa air dha e-féin fhaireachadh a fàs lag. ’Se tinneas a’ chridhe a dh’ aobharaich a bhàs. Dh’ fhàg e bean agus sianar chloinne.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Reic-a- mach.
Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse
An t-Iomlan de ar Stoc
DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE
air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so.
TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,
BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
’gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.
So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90
Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.
Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
WM . COYNE, Traffic Manager.
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 50 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 50. %p |
parent text | Volume 9 |