[393]

[Vol . 9. No. 51. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 21, 1901. No. 51.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. V.

CHAIDH iad air bòrd air an ath mhaduinn, ’s Calum a seinnAn null o na h-eileanandhAmerica gun téid sinn.” Cha robh bàtaichean na smùid cho pailts an àm sins a tha iad an diugh. Bann an 1819 a chaidh a cheud tarsuinn a chuain mhoir gu ruige America. Agus bliadhnachan na dheigh sin ben t-seann dòigh a bfhearr, agus bha daoine smaointean bu chinntiche, nan dòigh ùr mhi-nàdarra, anns nach robh, bha iomadh duine glic a smaointean, ach draoidheachd agus sgoil-dhubh. Mar sins e long-sheòl dham bainm an Eala Thuathach a bha dol a threobhadh nan tonn leis na h-òganaich, agus mun robh iad fad o thìr fhuair iad a mach gum bolc a fhreagradh a h-ainm dhith; oir cha robh dad a chumadh, no idir do dhreach an eòin stàtail sin air an t-seana luing dhuibh so.

Nam biodh a baisteadh agamsa,” arsa Calum, “bhristinn botul de dhuisge salach mun t-sròin aice, agus bheirinn an Tuba Tulagach mar ainm oirre!”

Tha thu ceart, a Chalum,” arsAonghas; ’s e bfhearr a fhreagradh oirre gu dearbh. Dhùiriginn iomadh uair a dhol a machga putadh. Nach bochd nach rachadh againn air a chas a ghabhail, ’s dhfhàgamaid ann a sud i. Mar a dean i nas fhearr na so bidh cinn ghlas againn mun ruig sinn America.”

Nam biodh an t-seann chliath-luaidh a bhiodh agam a seòladh air luba-nan-tunnag, an uair a bha mi nam bhalach, agam,” arsa Calum, “rachainn a dhfheuchainn reis rithe. Cha chreid mi gum bheil rodan fhéin air bòrd, agus chuala mi gur droch comharradh sin.”

An uair a bha iad tri seachdainean a seòladh dhéirich gaoth làidir on ear feasgar Di-màirt, ’s mu ghlasadh an latha Di-ciaduin bha i na rag-stoirm, a chuireadh long a bfhearr nan t-seann Eala Thuathach gu dùlan. Ann am beagan ùine bha i ruith fo chruinn rùisgte, an taobh a thogradh an stoirms na tuinn-mhóra, coltach ri guala famhaire, a stiùireadh. Thàinig na slatan-mullaich a nuas, ’s gach ball is treallaich a bhuineadh dhaibh, gu clàr-uachdar na luinge. An àm dha so tuiteam, thachair do Chalum gu tubaisteach a bhith na sheasamh aig bun a chroinn, ’s chaidh a ghlacadh gu teann, cruaidhsan acfhuinn mharbhtich so, mun dfhuair e teicheadh. Ach gu fortanach bhacharaid, Aonghas, dluths an àm, agus le neart a chur ioghnadh gu leòr air an fheadhainn a chunnaic e, fhuair e Calum as an rib bhàis anns an robh e. An uair a fhuair Calum anail, thuirt e, “O, Aonghais, ’s fhadon a chuala mi, an uair a bhiodh duinega bhàthadh, non gàbhadh mor sam bith, ’s e faicinn a bhàis ma choinneamh, gun ruitheadh gach ni a rinn e riamh, ann a prioba nan sùl, mu choinneamh sùilean na h-inntinn aige. Ach chaneil e fìor nam chàs sa, co-dhiù. ’S ann a bhuail briathran faoin, gòrach ri dannsanns an eanachain agam, a ghabh cumadh puirt, an uair a bhan saoghal a leaghadh as mo shealladh, mar so:—

Rinneadh comhla bhigein dhut,
A Chalum, mar a thigeadh ort;
Rinneadh comhla bhigein dhut,

S na giomaich gheibh do chnàmhan. ’”

Ach cha be uair phort a bhann, mar a fhreagair Aonghas. “Tha eagal orm, a Chalum, nacheil cunnart nan giomach seachad fhathast. Ach ma chunnaic an t-Aon a tha riaghladh gach ni, muirus tìr, iomchaidh a chaochladh a bhith ann, bidh gach ni a réir a thoil-san.”

Bfheudar na croinn gu léir a ghearradh sa leigeil leis a chliathaich; mar an ceudna gach ni eile bhair bòrd, ach biadh a chaidh iobradh airson aotromachadh air an luing. Gus a chùis a dheanamh na bu mhiosa, thug tonn làidir a bhrist thairis air an luing leis na h-oifigich agus an sgioba gu léir ach dithis do ghrunnd na fairge, ’s cha robh dòigh air an tearmunn. Cha do dhi-chuimhnich Aonghas nocharaid, fhads bu bheò iad an oidhcha lean an latha duaichnidh ud; Aguss iomadh oidhche na dhéigh a dhùisg iad as an suain, ’s fallus fuar orra, a bruadar gun robh iad a dol roimhe a rithist. Gun ghealach, gun réulbeanntaibh mora, dubha de neòil, mar ainglean an dorchadais air sgiathan os an cionn, air an gluasad gu reis le spiorad na stoirmean cuan mór na chaoir ghoiltich, mar gum biodh iutharn fhéin ga bhrosnachadhsa ghrunnd airson gach milleadh a burrainn e dheanamhna tuinn a bristeadh thairis air an t-seann luing, a bha gu miorbhuilteach ag éiridh an uachdar an uair a rachadh iad seachadosnaich aognaidh na stoirmediosganaich seann fhiodh na luingefead nan clacha-meallainagus os cionn gach ni gaoir nan daoine truagha a bhair am misneach a chall gu buileach, ’s a deanamh bhòidean nam faigheadh iad beò gu tìr gu bràth, gun cuireadh iad seachad na bha rompa dhethm beatha na bfhearr na na chaidh seachad. Bòidean faoine
ged nach biodh iad mar sin nan rachadh an cumailach faoin, a thaobh nan smaointicheadh daoinair, gum bheil iad ann an gàbhadh daonnan, anns an àites tearuinte an saoil iad am bi iad, ’s nach urrainn duine mionaid a ghealltainn dha fhéin airson aithreachas a ghabhail air tir, nas nas urrainn da air muir; ach cha smaointich daoine air ach uair ainneamhuair a ghàbhaidhagus cuid nach smaointich air an uair sin fhéin. Air an cuipeadh air adhart leis an stoirm, gun fhios bha rompa, no càiten robh iad a dol, bha na bha beò air bòrd na h-Eala Thuathaich nan crùbain an suds an so. Cuid ag ùrnaigh, an duil gum be h-uile mionaid a mhionaid mu dheireadh, ’s cuid, tha mi duilich a luaidh, ri mionnans ri glòir uamhasach, ’s iad air greim fhaotainn air buideal branndaidh, gun smaointean air an Dia sins docha bhiodh a toirt breith orras an ath mhionaid. Chaidh pàirt dhiubh so gu ùpraid uamhasaich. Bu mhèinneadairean a chuid bu mhotha dhiubh a dhfhalbh á Glasacho. Thòisich cuid dhiubh ri tathunn an stuth theinntich sin air an dithis Ghàidheal, ’s bho nach gabhadh iad es ann a bha iad a dol gan dochann. Ach an uair a chunnaic iad mar a rug Aonghas air an fhear bu choltaiche dhiubhs a chuir e na shuidhe e mar gun deanadh e air gille beag, ’s a chaith em buideal leis a chliathaich, cha deach iad na bu dàine. “Gu dearbh,” arsa Calum, “ged bu toigh leam fhìn drùbhag chruaidh uair as uair, cha bu toigh leam an daorach a bhith orm a ruighinn an t-saoghail eile. Agus mur a bheil piuthar don mhuic-mharashàbhail Ionahgar leantuinn, chaneil e ro choltach gum faic sinn coilltean gruamach America gu bràth, ’Aonghais.” Cha do lasaich an stoirm an oidhche sin, ach mu ghlasadh an latha thòisich i ri fàs ciùin, ’s ann an cairteal na h-uarach bha i cho ciùins nach gluaiseadh i fuiltean gruaige. Aig a cheart àm thuit ceò cho trom, ’s gur gann a chitheadh na fir a chéile, ’s iad a nis uile air clàr-uachdar na luinge.

Bha Aonghas Donn agus a charaid, Calum, fhathast beò, slàn, a bharr air mu fhichead eiledhfhàg na tuinn gun sguabadh don aigein. Chaidh fear de na daoine bochda so as a rian, leis a h-uile uidil a bhann. BEirionnach beag éibhinn e, aig an robh iomadh sgeul ait agus freagairt gheur an àm togail a thìr, ach a nis, mo thruaighe, tha e cho gòrach ris na h-eòin, a seinns a gabhail òrains a gaireachdaich ann a doigh a bheireadh air an fhalt éirigh air cinn an luchd-éisdeachd. Thug e ionnsuidh air leum a mach air a mhuir, ag radh gun robh e faicinn conic ghorm, sheamaragach Eirinn, ach fhuair Calum greim air chotairsan àm, ’s bfheudar an duine bochd a cheangal. Bha iad uile fann le cion a bhidh, oir cha robh smaointean air biadh on a thòisich an stoirm. Mar sin an uair a chunnaic Aonghas nach robh coltas tapachd, na innleachd, na maighstireachd sam bith a measg na bhair bòrd, labhair e riutha mar so: “A chàirdean, tha sinn air móran annraidh fhulang, ach tha dòchas agam gum bheil a chuid as miosa seachad. Ach air chors ma bhios tuilleadh gàbhaidh againn ri sheasamh, ’s e mo choimhairle-sa gun gabh sinn biadh fhadsa bhios an cothrom againn, los gum bi sinn nas treise gus cur ris na thig.” Dhaontaich iad uile nach burrainn dhaibh dad a bfhearr a dheanamh. — “Agus,” arsa Calum, “gus nach bin t-acras oirnn co-dhiu co air bith saoghal a ruigeas sinn!” An uair a ghabh iad biadh thug iad an aire gun robhn long a gluasad gu math luath, ged nach robh deò ghaoithe ann. Thuig iad gun robh iad ann a sruth-mara làidir. Ann an ùine ghoirid chualiad fuaim uamhasach, a bha sior fhàs na bu chruaidhe mar a bha iad a dol air adhart. Dhruid mar an ceudna ceò tiugh, buidhe mun cuairt orra. ’S gann a bha iad a tarruinn an analach. Dhfhàs na h-aodainn aca bàn-ghlas; oir thuig iad gun robhn Eala Thuathaich dlùth air a ceann-uidhe deirionnach. Ann am beagan mhionaidean chunnaic iad tromhn cheò (bha ghrian a nis air éirigh) an cuan air thoiseach orra na chaoir gheal, a goil a measg chreagan dubha, biorach, a bhan drasdas a rithist gan nochdadh fhéin, mar gum biodh iad a gabhail fadachdsag iarraidh air an Eala bhochd greased orra. Aguss e sin a rinn an t-seann long. Chuir i dhith a brògan, mar gum beadh, ’s ghabh im bruthach le luaths gun choimeas guleaba-bàis. Ann a prioba na sul bhuail an Eala Thuathaich le leithid de neart aig



[394]

[Vol . 9. No. 51. p. 2]

na creagans gun do sgap i as a cheile mar gum biodh i air a dheanamh air criostal. Chualas aon sgriach uamhasach os cionn fuaim nan tonn, ’s bha na bhair bòrd na luinge mi-fhortanaich air an caitheamh don choire ghoilteach so.

(Ri leantuinn.)


Mac Tighearn Aird-Eonaig agus Taibhse Fhionna-ghlinn.

LE SEUMAS MAC DHIARMAID, CILL-FHINN.

GHABH Cailean comhairle Para-nan-sgeul, agus chaidh e don Tom odhar a dhfhaicinn Dhòmhnuill Bhàin. Thug iad Dòmhnull Bàn-a- Chléibh mar ainm air, a chionn gur e a bha giùlan goireas-turuis tighearna Aird-eònaig. ’N uair chaidh Cailean a dhionnsuidh an tighe, dhinnis Dòmhnull dha gun deachaidh fiadh suas ri taobh amhonaidh, agus gum bu chòir dhoibh dol air a luirg. Ach thubhairt Cailean— “Tha midol a shealgaireachd air dòigh eile, agus rach thusa agus dean thu féin deas, oir tha mi cur romham dol thar amhonadh do Ghleann-liadnaig a dhfhaicinn nan caileagan a tha cho ainmeil airson am boichead. Tha iad cho àluinn ris an dealt a thuiteas air an réidhlean neòineanach, agus tha am maise agus an simplidheachdtarruing spéis doibh o mhóran dhaoine.” Thàinig achainnt bhriagha so á beul Chailein airson a rùn suidhichte a chumail am folach air Dòmhnull, oir cha robh e idir toileach gum biodh fathast fios aig Dòmhnull ciod a bha e gu oidhirpeachadh. An déigh sin, chaidh iad air an aghaidh, agusn uair a bha iad a direadh a mhonaidh os ceann Aird-eònaig dhionnsuidh beul aghlinne, chunnaic Cailean an ribhinn air an robh a chridhe an geall, is i ag imeachd air an tràigh air taobh Lathur den locha. Bi Lathur, seann teaghlach den fhine Chaimbeulach; agus bha ise cho ainmeil airson a maises a bha Cailean airson a chruadail. Sheas Cailean an suds an so, agus thug e iomad sealladh fada muladach an taobh an robh i, oir thàinig an smuainna inntinn gur e so an sealladh mu dheireadh a gheibheadh e dhiths an t-saoghal so. Ach bha Dòmhnullcumail an Taibhse fa chomhair, agus bha cabhag air gu dol air aghaidh a chum gum biodh iad troimhn Ghleann mun luidheadh aghrian. Nise, chaidh aghrian fodha air cùl Beinn-Lathur, agus bha sgàil an fheasgair shamhraidh air tuiteam air Fionnaghleannn uair a bha iadsan ag imeachd. Ghlac an t-eagal Dòmhnull, agus thuig e am platha carson a bha Cailean agabhail an turuis sin, agus dhiùlt e gu dian dolna bfhaidena chuideachd.

Thàinig gruaim air aghaidh Chailean, agus thubhairt e— “Cha do shaoil mi gun robh thuna do chladhaire cho mòr, na gun treigeadh tu mi an dràsda. Ach air mfhocal, ma bheir thu ceum air tais gu cinnteach théid mo chlaidheamh troimh do chridhe.” An sin dh-innis e dha a rùn uile, agus thubhairt e ris: “Seas thusa an so, agus cum mo chù air thaod, ach ma chì thu mise dol air mo leth-ghlun, nagam shàruchadh leis an Taibhse, leig as Siubhlach.” Bha Dòmhnull na thosd, ach chaidh Cailean am fagus don t-slocsan robh an Taibhse agabhail còmhnuidh. Sheas e air àite còmhnard uaine, dan ainm Lòn na Taibhse gus an lathan diugh, agus, acuimhneachadh air comhairle Phara-nan-sgeul, tharruing e cuairt lechlaidheimh, agus sheas e innte gu duineil. Ann an uine gle ghoirid chual e caoidh bhrònach agus gulteachd as an t-sloc, agus bhan fhuaim sìor theachd ni bfhaigse dha, agus an sin chunnaic e coslas beothaich mhòir dhuibhtighinn, araoiceil agus agulartaich, an car a bha e. Bha an ni uamhasach sodol timchioll air achuairt aig Cailean, agus coltach ri béisd cuthaich, reub e an talamh agus cobhar muchraos le feirg. Ach cha robh e an comas dha teachd dlùth ri Cailean. Mu dheireadh, ’nuair a bhan Taibhse air lagadh le feirg, sheas i samhach. An sin sparr Cailean oirre tighinn an riochd duine. Am probadh na sùl ciod a bhann ach aogas Dhòmhnull Mhic-a- phearsain, duine a chaochail uine ghoirid roimh sin, agus duine air an robh Cailean eòlach. Cha luaithe a chunnaic Cailean sin na thug e cruinn-leum a mach as a chuairt, agus etuigsinn gur e bàs no buaidh bhiodh ann. ’Na uile neart rinn i greim bàis air an Taibhse, ach chuir boile neo-mheasarra an Taibhse Cailean gun treòir an tiota, agus thuit e air a leth-ghlun. Ghlaodh e air Siùbhlach. Leig Dòmhnull Bàn as e. Chunnaic an Taibhse an , agus thubhairt i, “Cum uam do chù agus leigidh mi as thu.”

Cailean— “Cha chum mur teid thu agus mur gabh thu foisnad uaigh.” An Taibhse— “Tha mo chorpsan uaigh cheana; chaneil an so ach mo spiorad.” Cailean— “Rach mata, gu ionad nan spiorad, agus na till tuilleadh.” An Taibhse— “Leig leam dol gu Creag Ealasaid a chuir fodha nan soithichean air a chuain.” Cailean— “Falbh gu dàite féin, no bithidh mo chù agad.” An Taibhse— “Leig leam dol a bhùrachadhs na claidhean.” Cailean— “Cha leig; big imeachd gu dàite fein, no bithidh mo chù agad.” An Taibhse— “Leig leam dol don taobh tuath car mios.” Cailean— “Gu daite féin gu grad, no leigidh mi mo chù ort.” An Taibhse— “Cum air ais do chù, agus cluinn mo ghuth.” Leig i as Cailean, agus thubhairt i ann an guth brònach: “Mharbh mi duine fagus don àite so, beagan ùine roimh mo bhàs, agus thachorp, agus an caibe leis an do mharbh mi e adhlaichte aig bun achnoic sin. Agus tha mise air mo dhìteadh gu dragh a chur air daoine gus am bi fios aca air mo chionta. Bha Donnachadh Mac-an-Aba an t-Socaich agus misetogail bothan àiridhsa Ghleann, agus dhinnis e dhomh gun deachaidh e mach aon mhaduinnsa gheamhradh iomad bliadhna roimh an àmsan robh eg innseadh an naigheachd, ’dhfhaicinn an robh a chaoraich tearuintesan fhang. Ciod a chunnaic e ach mionach fear de na muilt a bfheàrr abhaige air an t-sneachda. Ann an dearg bhoile tharruing e a chlaidheamh agus lean en luirg gu uamh air mullach Craig Uchdaig. ’Stigh a chaidh e gun fhiamh gun eagal, achnuair a chunnaic e coslas uamharra aghaduiche, chaill e mhisneach agus a threòir. Ann an tiota bha am mearlach air a mhuin. Dhfhaighneachd e do Dhonnachadh cia mar thàinig e an sud. Thubhairt Donnachadh gun robh e dol seachad, agus air call a rathaid gum fac e an luirg, agus gun do lean e stigh i. Thug am mearlach air Donnachadh mionnachadh air Dia nach innseadh e do dhuines am bith ciod a chunnaic e; mur mionnachadh chuireadh am mearlach as da gun cheisd. Agus chomhairlich am mearlach Donnachadh gun e bhi cho dàna is tighinn a dhionnsuidh na h-uamh a ris, oir thubhairt e— “Nuair thàinig thu stigh bha mi cho ullamh gu do bheatha a ghabhails a bha mi gu coileach a mharbhadh. Mhionnaich Donnachadh, agus leig am mearlach leir éirigh, agus chuir e biadh roimhe, agus an deigh sin leig e leis falbh dhachaidh. Rinn Donnachadh a réir fhacail, oir bha ena dhuine fìrinneach, agus cha do leig e ris an sin do neach sam bith gu ùine fhada an déigh don mhearlach an dùthaich fhàgail. Ghabh mise am boile ri Donnachadh air son nach dinnis e an tràth mun mhearlach, oir ghoid e iomad caora agus am bhuath neo-chneasda sgoilt michlaigionn le mchaibe. Thoir leat a chorp, agus adhlaic e an uaigh athar, agus dean mo chionta follaiseach do dhaoine, agus cha chuir mise dragh air daoine tuilleadh.” Le sin a ràdh chaidh an taibhse seachd uairean timchioll achnoic, agus an sin chaidh i as an t sealladhna lasair uaine theine. Fhuair Cailean an corp agus an caibesan àite a thubhairt an Taibhse, agus dhfhalbh e agus dhinnis e an naigheachd bhrònach do shluagh Aird-eònaig. Thainig iadsan agus dhaithnich iad gur e gu firinneach corp Dhonnachaidh Mhic-an-aba a bhann. Gus a sin cha robh fhios aca càite an deachaidh e no ciod a thàinig air. Chaidh an corp adhlacadh an uaigh athar. Fhuair an dùthaich fois on Taibhse, oir chan fhac iad i tuilleadh; agus chaidh cliù Chailein am fad agusm fagus, agus bha meas aig gach duine air. An déigh sin cha robh misneach aig a mhuime tuilleadh chuilbheartan a ghnàthachadhna aghaidh.

(Achrioch).


Sgeulachdan Arabianach.

CODADAD AGUS A BHRAITHREAN.

CAIB. I

O CHIONN fadan t-saoghail bha righ ariaghladh ann an Harran a bha anabarrach cumhachdach. Bha meas mor aige air an t-sluagh, agus bha uiread sin de mheas aig an t-sluagh air. Bha ena dhuine cho subhailceachs a bha beo rilinn. Cha robh dadg a chumail gun a bhith lan shona ach nach robh mac no nighean aige a bhiodh ariaghladh thairis air an rioghachd an deigh a bhais. Bha e do ghnath ag urnuigh ri Dia air son teaghlaich; agus air oidhche araidh chunnaic e as a chadal duine tlachdar air an robh coltas faidh atighinn far an robh e, agus ag radh ris: “Fhuair durnuighean eisdeachd; fhuair thu na bha thug iarraidh. Eirich cho luaths a dhuisgeas tu, agus lub do ghluinean da uair ann an urnuigh. ’Na dheigh sin coisich don gharadh, agus iarr air agharadair pomgranat a thoirt dhut; ith na thogras tu dhe na frasan, agus gheibh thu a h-uile rud as miannach leat.”

An uair a dhuisg an righ bhan aislingna chuimhne. Thug e buidheachas do Dhia, agus an uair a dheirich e chaidh e dhurnuigh, agus an uair a lub e ghluinean da uair, chaidh e sios don gharadh, agus dhith e leith cheud silean de fhrasan phomgranat. Bha leith cheud bean aige, agus ri uine dhfhas iad uile leithtromach; ach bha te dhiubh air nach robh coltas sam bith gun dfhas e leithtromach. Be Pirouse a bainm dhi.

Ghabh an righ grain air Pirouse, agus bha erunachadh a cur gu bas. “Chaneil sliochd gu bhith aice,” arsesan, “agus tha sinna chomharradh cinnteach gum bheil diumbadh aig Dia oirre. Is e mo dhleasdanas-sa, mar righ, gach creutair dom bheil fuath aig Dia a thoirt air falbh bhar an t-saoghail so.

Ged a bha e suidhichte gun cuireadh e Pirouse gu bas, thug an t-ard-chomhairleach air gun do leig e a dhroch run as a cheann. Thuirt e ris nach robh boirionnaich an t-saoghail air an cruthachadh ann an aon suidheachadh, agus leis na h-aona bhuadhan; agus gum faodadh gun robh Pirouse leithtromach ged nach robh e ri aithneachadh oirre.

Tha mi toileach leigeadh leatha bhith beo,” arsan righ; “ach feumaidh i falbh as an luchairt, oir chan urrainn domh cur suas leatha.”

Fhreagair an t-ard-chomhairleach, agus thuirt e,



[395]

[Vol . 9. No. 51. p. 3]

Faodaidh bhur morachd a cur don luchairt aig Samer, mac bhur brathar.”

Dhaontaich an righ gun deanteadh mar so; uime sin chuir e Pirouse air falbh gu ruige Samaria don luchairt aig Samer, mac a bhrathar. Chuir e litir ga mac a bhrathar, agus dhiarr e air ceartas math a thoirt do Phirouse, agus fios a leigeadh uige an uair a bhiodh i air a h-asaid, ma thachair gun robh i leithtromach.

Cha robh Pirouse fadann an Samaria an uair a bha e soilleir gu leor gun robh i leithtromach, agus an uair a thainig laithean a h-inbhe, dhasaideadh i air leanabh mic.

Ghrad sgriobh prionnsa Shamaria gu righ Harrain a dhinnseadh gun drug Pirouse mac dha. An uair a chualan righ an naigheachd so bha e gle aoibhneach, agus sgriobh e mar a leanas gu Samer, prionnsa Shamaria: “A charaid, rug a h-uile te dhe mo mhnathan mac dhomh; agus mar sin, tha aireamh mhor de chloinn againn an so. Tha mi ag aithneadh dhut an leanabh a rug Pirouse arach gu math, agus gach foghlum agus fiosrachadh a tha feumail do mhac righ a thoirt dha, Codadad a thoirt mar ainm air, agus a chur an so do mionnsuidh-sa ge be uair a chuireas mi fios air.”

Cha robh ni a ghabhadh deanamh nach drinneadh a chum a h-uile seorsa foghlum a thoirt don phrionnsog. Aig aois ochd bliadhna deug, bha e na mharcaiche cho maths a shuidh riamh air muin eich. An uair a rachadh e mach lebhogha agus lebhalg-saighead, cha do laimhsich fear eile bogha bfhearr a dheanadh cuimse na e. Agus mu dheidhinn fearas-chlaidheamh, chan fhaighteadh fear sam bith a sheasadh tiotadh ris. A dhaon fhacal, bha ena chuis-ioghnaidh de gach neach dom baithne e, no a chuala ma dheidhinn.

Air don phrionnsog a bhith gu nadarrana fhear-cogaidh, agus araon laidir ann am misnich, agus treun ann an neart, thuirt e rimhathair air latharaidh, “A bhaintighearna, tha mifas sgith de Shamaria; tha mifaireachadh miann laidir air a dhol a chosnadh cliu agus gloir dhomh fhin am measg cunnartan achogaidh. Tha moran naimhdean aig mathair, righ Harrain; tha cuid dhe na prionnsachan a tha dluth dha toileach teannadh ri cogadh ris. Car son nacheil e ag iarraidh ormsa dhol ga chuideachadh? Am feum mise mo bheatha chaitheamh gu lunndach an so am feadhs a tha mo bhraithrean acogadh ri gualann mathar?”

A mhic,” fhreagair Pirouse, “tha misegabhail uiread a dhfhadachd riut fhein gus an cluinn mi iomradh air do chliu mar ghaisgeach treun ann an caths an cruadal. Bfhearr leam gun robh mi air iomradh chluinntinn mu do ghaisgeadh roimhe so anns achogadh comhladh ri dathair; ach feumaidh sinn feitheamh gus an cuir e fios ort.”

Chan ann mar sin a bhitheas idir, a bhaintighearna,” arsa Codadad. “Dhfhan mi an so ro fhada mar tha. Tha migabhail fadachd gus am faic mi an righ, agus tha mibagairt a dhol gam thairgse fhin dha mar choigreach. Chaneil teagamh nach gabh e mina sheirbhis; ach cha leig mi ris dhasan, no do neach sam bith eile co mi, gus an dean mi mile euchd a bhios ainmeil. Is e mo mhiann gun coisinn mi a dheadh-ghean mum bi fios aige co mi.”

Dhaontaich Pirouse leis, agus ann an ceann beagan laithean dhfhalbh Codadad a Samaria, mar gum biodh edol air astar fada don bheinn-sheilg, air eagal gum faigheadh prionnsa Samer am mach caite an robh e dol, agus gun cuireadh e bacadh air.

Bha e marcachd air each geal air an robh srian le bucail agus mireannach oir, agus, mar an ceudna, cruidhean oir. Bhan diollaid air a dheanamh ro mhaiseach le sioda gorm agus le neamhnuidean. Bha ceann-duirn achlaidheimh lan dhaoimean, agus an truaill de dhfhiodh sandail air a dheanamh maiseach le clachan luachmhor. Bha am bogha agus am balg-saighead an crochadh air a chulaobh. Anns an eideadh so rainig e baile Harrain, agus ann an uine ghoirid bha e air a threorachadh gu luchairt an righ, far an do thairg e dha a dholna shaighdear a chogadh an aghaidh a naimhdean.

An uair a chunnaic an righ e, ghabh e tlachd mor dheth anns amhionaid, a chionn gun robh ena dhuine og ro mhaiseachna chruth, agusna dhealbh, agus a chionn gun robh e mar an ceudna coltach ri bhith treun, tapaidh. Dhfheoraich e cainm a bhair, agus ciod an seorsa dhaoine on dthainig e.

Mo thighearna,” fhreagair Codadad, “is mac mi do aon de cheannardan an airm ann an Cairo. Bha toil mhor agam a dhol a shiubhal an t-saoghail, agus thug sin orm falbh as mo dhuthaich fhin. Air mo thurus troimh an rioghachd agaibhse, thuig mi gun robh cogadh eadar sibh fein agus na rioghachdan a tha mun cuairt oirbh, agus tha mi air tighinng am thairgse fhin dhuibh mar shaighdear.”

Nochd an righ caoimhneas mor dha, agus thug e dha dreuchd anns an arm.

Ann an uine ghoirid dhearbh Codadad gun robh ena shaighdear treun, tapaidh. Choisinn e cliu mor o na h-oifigich, agus bha meas mor aig na saighdearan air mar an ceudna. Cha be mhain gun robh ena dhuine treun, ach bha e mar an ceudnana dhuine deadh-chainnteach, geur-chuiseach; agus mar sin, choisinn e deadh-ghean an righ cho mors nach robh a h-aon anns an rioghachd air an robh uiread de mheas aige.

Bha meas anabarrach mor aig an luchd-comhairle agus aig maithean na cuirte air, agus bha leithid de thoil aca a chairdeas agus a dheadh-ghean a chosnachs gun drinn iad dearmad air a bhithtoirt urram dligheach do na mic eile aig an righ. Chuir so mi-ghean gu leor air mic an righ; agus on a bha iad atuigsinn gur ann air saillibh Chodadad a bha iad fhein cho mor air an dearmad, ghabh iad grain an uilc air. Ach bhan righ afas na bu mheasaile air Codadad a h-uile latha mar a bhatighinn, agus bha e comhnuidh anochdadh dha iomadh comharradh air a chaoimhneas. Bu mhath leis e bhith do ghnath dluth dha. Bha a chomhradh do ghnath ro thaitneach leis; oir bha e anabarrach glic, geur-chuiseach; agus gus a leigeadh ris dha gun robh meas mor aig air mar dhuine glic agus tuigseach, chuir e a chuid mac gu leir fo a churam ged a bha e mun aon aois riutha. Air an doigh so rinneadh Codadadna fhear-riaghlaidh os cionn a bhraithrean.

Dhuisg so an tuilleadh fuathnan cridheachan dha. “An dthainig achuis gus a so?” ars iadsan. “Chan fhoghainn leis an righ an coigreach so a ghradhachadh nas mo na sinne, ach feumaidh e a churna fhear-riaghlaidh os ar cionn, air chors nach fhaigh sinne dad a dheanamh gun a chead-san. Cha chuir sinn suas leis a so idir. Feumaidh sinn an coigreach so a chur as an rathad air dhoigh air choireiginn.”

Biomaid afalbh gu leir, agus spadamaid e,” arsa fear dhiubh.

Chaneil math dhuinn sin a dheanamh,” arsa fear eile; “feumaidh sinn an aire mhath a thabhairt nach dean sinn cron oirnn fhin. Nan cuireamaid gu bas e, ghabhadh an righ grain oirnn, agus cha leigeadh e le aon seach aon dhinn a bhith riaghladh. Feumaidh sinn crioch a chur air ann doigh as gleusda na sin. Iarraidh sinn cead air a dhol a shealgaireachd. Agus an uair a bhios sinn astar math air falbh on luchairt, theid sinn air aghart gu baile eile, agus fanaidh sinn ann car uine. Bidh ioghnadh air an righ nach bi eg ar faicinn, agus an uair a gheibh e mach gun do leig an coigreach air falbh sinn, agus nacheil e coltach gun till sinn tuilleadh, is docha gun cuir e gu bas e, ar neo gum fuadaich e air falbh as an luchairt e.”

(Ri leantuinn.)


An Tigh-Luadhaidh.

ANNS na h-eileinean an iar be so cleachdadh na dùthcha ann an làithean mòige; ach cho fads as aithne dhomhsa chaneil mòran de na cleachdainnean sin ri fhaicinn anns na làithibh so ann an ceàrns am bith den Ghàidhealtachd. Ged nach robh mòran saibhreas aig an t-sluagh, bha mòran de bhlàthas agus de chàirdeasn am measg. Tha mi atoirt cunntas fiìrinneach ann an so air mar a bhiodh an òigridhs an tigh-luadhaidh; oir bu mhinig a chuir mi seachad oidhche chridheil agus air bheag cùram còmhla riu.

Bha seann Iain Mac Uilleimna shuidhe is efigheadh na luachrach; ceirsle de shìomain fraoich agus fodair anns gach oisinn mun cuairt da; plàta sìl agus sunnag, séiseach, seithir-cònlaich is cìosanan-suathaidh; is ge bu sgrathach snidheach na tighean, bu mhaiseach sealladh nan gruagach. Bha cas-chrom agus cliath aig an tallaid, toirisgean, ballan, is bràth; cliabh-ghiomach, càiteach, is driamlaich, tàbh, slatan-iasgaich, is sùistean; caibe-làir, ràcan, cuigeal, is criathair; lìon-sgadain, is tràl abhric, is sùilean fallain, lasrach, beò; ’s bu sholus gu leòir an crùisgein. Bha Anna òg, bean Mhic Uilleim, asnìomh snàith air a cuidheall, agus Seònaid, a h-ighean, greis acàrdadh, ’s anigheadh, ’s afuaigheal, le luinneag òrainbu bhinne na teudan clàrsaich no fiodhall; ’am meadhon an t-seòmair bhan teine, ’s poit ghuirmeinn a suidhes an luaithre.

Bha gach aon air an còmhdach le clò, plangaid, is drògaid, gach seòrsa airfhigheadh le biorain, is currachd a bhiodh mun cluasan; a dhéill agus seice bham brògan, air son seachduin is Dòmhnach: cha robh uiread de phròis anns na gillean an uair ud. Chaidh fear-siubhail le cabhaig a dhiarraidh gach caileag gu luath: nigheanan Mhic Dhòmhnuill, Mhic Dhùghaill, Mhic Phàdruig, Mhic Phàrlain, Mhic Aoidh; Mhic Chòiseim, Mhic Thòmais, Mhic-an-Tòiseich, Mhic Leòid, is Mhic Shuain; Mhic Ailein, Mhic Chaluim, Mhic Eachainn, Mhic Choinneich, Mhic Chuinn. Air dhaibh cruinneachadh còmhla, ’s a thòisich na h-òrains na fuinn, luinneag mu seach aig gach toirt a fear fhéin as an ùradh, na fir abualadh nan deàrna, sid an fhàrdachbhiodh sunndach; gun fhiamh roimh gach neach, bu bhrasa an nàdur, gum bfhearail làidir na suinn.

Bha biadh dhe gach seòrsa: aran coirce, eòrnagus flùir, feòil dhamh air a ròsdadh, sithionn, cearc, geòidh, ’s coilich-dhubha; cùiteag, adag, langa, is cnòdan, easgann, rionnach, sòrnan, agus liùth, bacach geal on ghainmhein, trosg is falmair, is sgadan ùr.

An uair a bhan còmhlan uile sgìth de cheòl is de dhannsadh, chaidh an t-suipeirn òrdugh; slaman, aran, feòil, agus cabhruich; aig banais, luadhadh, no Nollaig, Oidhche Challuinn no Latha Samhna, be sid am fasan an còmhnuidhbhiodh aig òigridh anns aGhàidhealtachd.

AONGHAS MAC FHIONGHAIN.


Ge be nach beathaich na coin, cha bhi iad aige latha na seilge.



[396]

[Vol . 9. No. 51. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chuir a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, IUN 21, 1901.

BRUADAR SAMHRAIDH. -Thàinig bruadairean don t-seòrsa so dar n-ionnsuidh ann an làithean ar n-òige agus ann am bliadhnachan ar n-aois. Dhfhalbh an aon chuid air ioma dòigh agus cha robh achuid eile air an ciomhlionadhnar féin-fhiosrachadh. Ach thig bruadairean an t-samhraidh a steach do chrìochan an anaim a nis agus a rithisd; co-dhiù a bhuineas am brìagh do raointean na h-inntinn no do chrìochan coitcheann beatha achuirp air thalamh. Dhoibhsan a tha ann an sealbhan aoibhinn air dùthaich bidh bruadair an t-samhraidhnan cùisean coithchinn an spioraid agusnan gluasaid smiorail air son cleachdainean obair gach latha. Ach tha feadhainn eile ann fad ás aig am bi bruadair samhraidh, feadhainn nacheilnan seann dachaidhean féin, ach a tha fada ás ann an tìrean céin, ach aig am bheil gràdh do na seann àitean còmhnuidh far an drugadh iad agus far an dfhuair iad an àrach. ’Nan cluasan-san bidh ceòl nan eun agus fàile cùbhraidh nam flùran òirdhearc a thàinig a mach air gach bruaichnan cuimhneachain dìomhair nach urrainnear a sgrìobadh a mach á clàran buan an anaim. Bidh na smuaintean sonam bruadair samhraidh do mhiltean an diugh aig an tigh agus thairis nach fhaigh cothrom air tir am breith is an àraich fhaicinn.

Bhiodh e na ni ro-fheumail anns an dùthaich so, mar anns gach dùthaich eile, comas a bhi air a thoirt do na tuathanaich air fiosrachadh ceart fhaotainn mun obair. Tha, gun teagamh, mòrannar measg aig nacheil aithne bhunachdail air gnè is feartan an fhearainn a bhios iad afeuchainn ri àiteach’. Tha so car duilich; a chionn air an aon làimh chaneil e cliùmhor ann féin, agus air an làimh eile tha ena chall dhoibh féin agus dan dùthaich. Bu chòir do sgoilean a bhi an sud agus an so feadh na dùthchadh anns am biodh eòlas ceart mu thuathanachas air a thoirt fagus dhoibhsan a tha gu tric acaitheamh an ùine, an cothrom, ’s an saothair air oidhirpean neo-tharbhach. Bu mhaith leinn mar so a bhi faicinn nan daoinògatha afuireach aig an tigh air an éideachadh gu cùramach a thaobh nan nithean a thanan làmhan féin agus ás am bheil iad afaighinn am beòshlaint. A thaobh nam feadhainn a bhios arùnachadh dol athirean céin feumaidh iadsan a bhi gu màth annta féin agus an teagasg gu gleusda mun urrainn iad a bhi cho buadhachs a bu mhaith leo am measg choigreach. Tha aig an àm so stri mhor a tòiseachadh anns gach seòrsobrach, agus anns an t-stri sin bidh ana-cothrom mor acasan nach bi làn ionnsaichte anns an obair a bhios iad a gabhail as laimh a dheanamh.

COIG bliadhna fichead air ais, rinn buidheann dhaoine an t-astar a tha eadar New York agus San Francisco, ann an ceithir fichead us ceithir latha, agus fhuair iad cliù mòr air son an tapadh. Bha daoine meas gum bu shiubhal anabarrach a rinn iad. Air an t-samhradh so tha triùir dhaoinòga acur cuairt air an t-saoghal, agus tha dùil aca bhi air an ais anns an àite as an dfhalbh iad an ceann shia latha deug air fhichead. Tha so ag innse sgeul mhor air adhartas a thainig air doighean falbh anns achairteal mu dheireadh dhen naodhamh linn deug. ’Nuair a chuir Iules Verne a mach leabhar anns an robh an curaidh mun robh e asgriobhadh a cur cuairt air an t-saoghal ann an ceithir fichead latha, rinneadh gàire fanaid ris; ach an diugh, duine rachadh a dhfheuchainn ris, ’s nach deanamh e an taobh a stigh de cheithir fichead latha, bhiodhte cur as a leth gun do chaidil e air an t-slighe darra leth na h-ùine. Chan eil fhios nach tig an latha anns am faodar cuairt a chur air an t-saoghal ann an seachdain.

THA Cecil Rhodes air an ath mhios adol a thoirt sgriob dhachaidh do Shasunn. Bha an duin’ -uasal so, beagan bhliadhnaichean air ais, ’na urra ro chumhachdach ann an Africa mu Dheas, cho cumhachdachs gu robh e comasach dha a thoil féin a dheanamh ris an roinn bu mhotha dhen dùthaich. Ach an diugh, ’s ann uair ainneamh a chluinnear iomradh air. Tha e cho saibhirsa bha e riamh, ach tha a chumhachd air fhàgail, agus cha bhi iadsan a thaguidhe sith us soirbheachaidh do Africa mu Dheas duilich gu bheil, oir bha e na dhuine nach stadadh ach gann aig ni sam bith nan saoileadh e gum biodh e a chum buannachd dha féin. Be an aon duine, gus an deachaidh Sir Alfred Milner a mach mar àrd-riaghladair na dùthcha; ach riamh on latha sin tha faileas an Rhodasaich a sior fhàs nas giorra, agus an diugh chan eil ena bhòchdan mor sam bith do Bhreatunn no do a h-iochdarain ann an Africa mu Dheas. Le tapadh agus teomachd Sir Alfred Milner chaidh a chur a thaobhsa rùsgadh de a chumhachd gun uiread us corruich a chur air, ged nach burrainn da gun a mhothachadh gu robh e a call a ghreim air an dùthaich.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Matheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Confederation Life ASSOCIATION.

Eachdraidh 29 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.

Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,870.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25

Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nampolicies” $1 ,505,546.25

F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.

Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.



[397]

[Vol . 9. No. 51. p. 5]

Naigheachdan.

Rinn an stoirm a bhann maduinn Di-satharna sa chaidh call mor air luchd-iasgaich nan giomach. Bha moran dhe na trapaichean air am bristeadhs air an sguabadh air falbh.

Bha spraidheadh ann am mèinn amPittsburg , Pennsylvania,toiseach na seachdain sa chaidh, agus bha sianar dhaoine air am marbhadh, agus seachdnar air an leònadh. Bha fiach mhiltean dolair air a chall.

Tha buidheann mhor de luchd-obrach air track an C. P. R. air a dhol a mach air strike. Tha iad ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Tha mu cheithir mile dhiubh ann air fad, agus ma sheasas iad a mach ùine fhada cuiridh iad an rathadna thàmh. Cha ghabh na carbaid cumail air obair mur bi an rathad air a chumail an deagh uidheam.

Tha Morair Citchener ag innse gun deachaidh da mhile sia ceuds da fhichead de na Boerich a chur as an rathad ceud mhios an t-samhraidh, le bhi air am marbhadh, air an glacadh, no le iad fein a thoirt suas. A cheud naodh latha dhen mhios so chaidh dlùth air coig ceud eile chur a thaobh air an dòigh cheudna. Thatar mar singan lagachadhsgan cisneachadh a lion beagan us beagan, agus tha e soilleir gur e sin fhéin an aon doigh air an gabh iad ceannsachadh.

Chaidh balbhan dam bainm Mac-a- Ghobha, aois tri fichead bliadhna, a bhàthadh faisg air Point Aconi maduinn Di-sathairne sa chaidh. Dhfhàg e a dhachaidh, an New Campbellton, maduinn Di-haoine le bàta, ’se air son a dhol gu ruigeGlace Bay.Maduinn Di-sathairne thainig an stoirm air agus bha am bata air a bhristeadh air na creagan aig Little Table. Fhuaireadh corp an duine bhochd air a chladach am feasgar sin fhéin. Bha e na ghreusaiche, agus na dhuine gle dhichiollach air son a bheòlaind a chothachadh.

THA daoine gle bhuidheach de Phòl Crugar air son e chur roimhe fuireach air falbh as na Stàidean air an t-samhradh so. Tha àireamh mhor de sluagh a mhuinntir na Roinn Eòrpa anns na Stàidean: sluagh a tha aineolach agus ann an tomhas borb; bhiodh buaidh mhor aig Crugars aig a chuid òraidean thairis air an t-seòrsa sin, agus nan tigeadh enam measg chan eil fhios nach fhaodadh e trioblaid a dheanamh do riaghladh na dùthcha. Fanadh Mr. Crugar aig a thigh ag airen airgeid a thug e leis as an Transbhaal, agus bidh riaghladh nan Staidean agus an sluagh as fhearr a thanns an dùthaich fadana chomain.

Tha co-sheirm gu bhi aig Miss Ami Mhoraidh ann an Talla nan DaoinOga (Y. M. C. A.) ’sa bhaile so oidhche Di-luain sa tighinn. Is e òrain Albannach a bhios i sinn air fad, agus nam measg bidh àireamh de dhòrain Ghàilig. ’Nuair a bhios i aseinn nan òran Ghàilig bidh i cluich nam fonn air achlàrsaich, an inneal-chiùil a chleachd na Gàidheil o shean, agus anns an bheil ceòl anabarrach briagha. Tha Ami Mhoraidh a faotainn cliù mor mar bhan-òranaiche anns gach àites am bi i, agus tha dòchas againn gum bi tigh lànga feitheamh oidhche Di-luain. Bheireamaid comhairle air gach aon aig am bheil meas air ceòl binn na Gàidhealtachd a dholga h-éisdeachd. Bidh a cho-shreim atòiseachadh aig ochd uairean. Gheibhear a stigh air 35 sentichean.

A reir sgeoil nam paipearan-naigheachd, tha na Vanderbilts air chùl na cuideachd a thagabhail os laimh rathad-iaruinn a chladaich a deas a thogail, agus tha Rockfeller air cùl na cuideachd a thacladhach air son na h-olla aig Loch Ainslie. Tha sinn a creidsinn gu bheil na sgeòil sin cho fiorsa tha e gu bheil duinen cùl na gealaich.

Chaidh duine mhuinntir a Bheighen Ear, Iain Domhnullach, a mharbhadh ann am mèinn an Dominion No 1 maduinn Di-ciaduin le meall cloiche a thuiteam air. Bha e ag obrachadh aon de dhinnealan gearraidh a ghuail nuair a thachair an sgiorradh a chuir crioch air a bheatha. Bha a chorp air a ghiùlan don Bheighen Ear feasgar an latha sin fein, air a leantuinn le àireamh mhor de bhuill Comunn Stuaime na Croise. Bha e naodh bliadhna fichead a dhaois. Cha robh mac aig a phàrantan ach e-féin, agus bidh a bhàs na buille throm dhaibh.

Thòisich an t-each iaruinn ri ruith eadarPort HastingsagusBroad CoveDi-satharna sa chaidh, an coigeamh latha deug dhen mhios. Cha bhi an trein a falbhsa tighinn ach aon uairsan latha fad dha no tri mhiosan gus am bi an rathad air a chur an deagh uidheam air son na h-obrach, ach an deigh sin bidh dùil ri i bhi falbh sa tighinn dhfhaodte da uairsan latha. Thatar a deanamh gum bi an rathad air a chur cho fada tuath ri Cheticamp, agus mar an ceudna gum bi meur dhen rathad air a chur eadar Broad Cove, is Orangedale, a dhol troimh Hogomah. Ma thachras sin uile, agus bi ar durachd gun tachradh, bidh muinntir siorracad Inbhirnis air am freasdal gu math le rathaidean-iaruinn.

Tha àireamh mhor Eadailteach anns abhaile air an t-samhradh so, agus ged a tha amhor chuid dhiubhnan daoine rianail, sitheil, tha cuid dhiubh a toirt dragh gu leòr do luchd acheartais. Tha e na ni cho cumanta fear dhiubh a bhi air a stobadh le fear eile ann an sabaids nach eil moran a nisecur suim anns achùis ach iadsan a bhios an cois an dleasdanais timchioll na cùrtach. Tha e cho nàdurra don Eadailteach sgian a thoirt ris an àm na h-aimhreitsa tha e don Ghàidheal no don Ghall a dhòrn a chleachdadh. Ach chan eil teagamh ma theid a nochdadh dhaibh gur a cionta bhi cleachdadh sgeine ann an sabaid a bhios air a pheanaisteachadh, nach ionnsaich iad ri ùine na sgeinean fhàgail uapa.

Tha an Riaghladh Breatunnach an deigh a shuidheachadh gum bi roinn mhor de chosguis a chogaidh ann an Africa mu Dheas air a phàigheadh le cisean a leagail air mèinnean òir an Transbhaal. Chan eil duine beò nach aidich ceartas an t-suidheachaidh sin ach luchd-seilbh nam mèinnean féin. Mur bhitheadh na mèinnean sin, agus an sluagh mor a chruinnich gan ionnsnidh, chan eil teagamh nach gabhadh an cogadh seachnadh, oirs ann eadar luchd-seilbh nam mèinnean agus riaghladh an Transbhaal a dhéirich a chòmhstri an toiseach, agus mar sin tha e iomchuidh gu leòr gum biodh cuid den chosguis air a chur air na mèinnean. Tha leth-cheud millein punnd Sasunnach, no da cheud gu leth millein dolair, air a leagail orra; ni sin uallach-cise an t-sluaigh ann am Breatunn moran nas aotruime na bhitheadh e nan cuirte mun coinneamh cosguis achogaidh gu h-iomlan a phàigheadh.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.


Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[398]

[Vol . 9. No. 51. p. 6]

Turus do Norway.

LE A. CAMARAN, SLEIBHTESAN EILEAN SGIATHANACH.

EARRANN I.

Smuainich mi gum bu mhath le cuid agaibh, ’s dòcha, beagan a chluinntinn mu na chunnaic agus a chuala mi fhads a bha mi air falbh. Feuchaidh mi uime sin anns an duilleig so ri cunntas ghoirid a thoirt mu chuid de na nithe as sonruichte a thàinig fo maire re mo thurus. Bha mi, re na cuid as mo den ùine, ann an Alba fein, eadar Cill-ribhinn, Moffat, ’us Baile-nan-Granndach. Thug mi mu dhusan la ann an Sasunn, ann am baile Harrogate, far am bheil uisgean-leighis, mar ann an Strath-feothair; agus bha mi mu dhusan la eile (eadar a dhol annus tighinn as), ann a Norway. Agus chionn gur e Norway is annasaiche dhuinn na ar dùthchannan fein oir leam gum bi e cho math gearr-chunntas a thoirt mun dùthaich sin, agus mu chleachdaidhean nan daoine a tha fuireach ann, cho fads a chaidh agamsa air an toirt fainear re na tearc de làithean a bha mi ann. Sheol sinn anmoch air feasgair Shathuirne bho bhaile Hull, an Sasunn, ann an steamer thri mìle tunna, agus le 175 de luchd-turais air bord. Bha an Cuan Gearmailteach cho ciùin againn ris an Linne Shléibhteach air feasgair samhraidh, ach thachair ceo oirnn air àirde a chuain, air la na Sàbaid, a chuir maille oirnn. Bha seirbhis againn air bord air an t-Sàbaid aig aon uair deug agus a rithisd aig séa uairean feasgair. Bha na h-uiread de mhinisteirean Sasunnach air bord, agus chionn gum biad Sasunnaich a bhanns a chuid mhòr den luchd-turais chumadh an sheirbhis le dithis mhinisteirean den Eaglais Shasunnaich. Bha an t-seirbhis mhaidne gu sonruichte cho sòluimte agus cho drùighteach ri seirbhis aig an do shuidh mi riamh. Bha an ceo a muigh air a chuan gu gulmach, tiugh, dorcha mun cuairt oirnn; bha an soitheach a gluasad gu gann aig leth-astair, agus an dùdach gu tric a seinn, an comunn beag a bhair bord, a lùbadh ar glùinean an lathair

An athair shiorruidh, —Dia nam Feart,
A chuir an cuan fo ghéill leneart,
Tha toirt na h-àithne mhòir don mhuir,
S a criochan roimhpair tùs a chuir.”

Cha do thog sinn fearann Norway gus an robh e an deigh meadhon latha Di-luain. Sheol sinn an toiseach eadar tir-mòr Norway agus eileanan mòrus beag air am bheil na h-uiread de shluagh a chòmhnuidh. Mu bheul na h-oidhche ghabh sinn, uidhairn uidh’, stigh gu aon de na lochan mòra a tha dol fada suas (cuid diubh uiread ri ceud mìle), troimhn dùthaich. Ann an canain Norways eFiorda theirear riLoch,” aguss eHardanger Fiordis ainm don cheud loch gus an deachaidh sinn. ’S ann aig bun an loch so, air an taobh mu thuath, a tha am baile mòr ris an abrar Bergen, aig an do thaoghail sinnn uair a thill sinn a mach as an loch. Chaidh sinn suas astar mor troimhnHardanger Fiord,gu ruige baile beag don ainm Odda, far an deachaidh sinn air tir. Chuir sinn seachad a chuid bu mho de la an so, eadar a bhi cuir cuairt air a bhaile, agus a dhol suas mu dheich mìle troimh ghleann a tha an sin, a dhfhaicinn an dùthaich, agus gu sonruichte a dhfhaicinn eas ro ainmeil a tha aig ceann a ghlinne. Agus gu dearbh is math is fhiach an eas a dhol ga amharc. Tha an t-uisge a tha tighinn a loch mòr air mullach a mhonaidh a taomadh a nuas ri aodainn cas-chreag mhòr, sgorach, nach eil idir mi-choltach ris an Aonaid mhòr a tha air an taobh deas de bhun Loch-Neimheis agus a tha cheart cho àrd. Leis cho brass a tha an t-uisge ruith sios, agus leis mar a tha a chreag an sosan sud ga stealladh bhuaithe tha an adhar cho làn smùids gum beudar còtaichean-uachdar agus sgàileagan a chuir suas.

Chaidh sinn troimh chuig de na lochan, no na Fiords mòra gu léir; ach do bhrìgh gum bheil iad uile car coltach ri cheile foghnaidh e ma theid agam air gearr-chunntas a thoirt mu choslas a h-aon diubh. Chan fhiosrach mi air doigh nas fearr gu so a dheanamh na a radh gum bheil againn aig ar dorsan fein ann an Loch-Uthairn, agus ann an Loch-Neimheis, bhom bun gun cinn, meanbh-dhealbh de lochan mòra Norway. Tha mi ag radh meanbh-dhealbh oir tha lochan Norway, agus na beanntan air gach taobh dhiubh, mòran, mòran nas anns gach doigh na na lochanus na beanntan againne. A thaobh na lochan faodar am faide a thuigsinnnuair a theirear gum feumadh ceann Loch-Neimheis a bhi an àiteigin am fagus do bhaile Inbhirnis mas bitheadh e cho fada ri cuid de na Fiords ann an Norway. Agus a thaobh an doimhne, tha na ficheadan àite annta anns nach dfhuaireadh fhathasd grunnd idir. Ann a bhi toirt an steamer mhòr ud mun cuairt anns na h-àitean a bu chuinge de na lochan, chunnaic mi uairus a rithisd nach robh ach bho fhichead slat eadar a thoiseach agus aghaidh nan creag a bha ag éiridh suas bho dhà mhile gu ceithir mile troidh os ar ceann. Dhinnseadh dhuinn gum bheil a chuid as mo de na lochan nas doimhne na àirde nam beanntan as a tha rin taobh. Agus tha na beanntan sin fhein ro uamhasach ri amharc orra. Tha beanntanus creagan a Choire-Uisge gu math fiadhaich, uamhalta. Ach dhfheumta Chuil-fhion a chàrnadh air muin a cheile mun tigeadh iad suas ri sgoran agus beanntan Norway. Ann am mòran de na beanntan sin chan eil ach a chreag chruaidh, lom, bhom bun gus am bidean as àirde dhiubh. Ach tha cuid eile dhiubh a tha air an còmhdachadh an sos an sud le coille, —mar as trice an giuthas nàd-


REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain den stoc a tha iad acumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.

Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal ga fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhen t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidhsa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.

Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls , Ulsters, Reefers,Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.

Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhndeug a dhaois.

Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.

Innsridh Taighe: Wringers ,Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.

Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid as fhearr de na bargain.

THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Stor Ur! Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn


So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman as fhearr.

Croinn ThreabhaidhVerityaon each. Croinn TreabhaidhVerityda each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.

Mar an ceudna
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.

F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.



[399]

[Vol . 9. No. 51. p. 7]

arrach. Air na monaidhean as àirde, agus as faide air falbh bhon mhuir tha còmhdach anabarrach tiugh de dheigh, ’us de shneachda reòta, nach eil a leaghadh a gheamhradh, no a shamhradh. TheirearGlacierris a chòmhdach reòthta so. Ann an aon de na lochan thachair gun robh sinn gu math faisg air aon de na glaciers so, agus rinneadh suas còmhlan de ar luchd-comh-thurais gu dhol a dhfhaicinn a ghlacier. Cha deachaidh mi fhein ann, chionn gun robh an t-astar ro fhada leam, agus gun robh mòran coiseachd ri dheanamh; ach dhinnseadh leosan a chaidh ann gu-m faca iad sealladh iongantach. ’Nuair a ràinig iad far an robh an glacier a toìseachadh, chunnaic iad àitean de mun coinneamh a bha nan aon bhalla deigh anns un robh tuilleadh as fichead troidh de dhàirde, agus bha sruthan mòr uisge a bruchdadh mach fo bhonn an deigh.

Air gach taobh de na chuid bu mhò de na lochan troimh an deachaidh sinn, agus anns na h-àitean far am bfhaide a bha na monaidhean a fuireach air an ais bhon chladach, chunnaic sinn mòran de thalamh-àitich. Ann an so bha mòran tighean de gach seorsa, mòrus beag, agus, a reir coslas, pobull lìonmhor a fuireach annta. Dhinnseadh dhomh gum bheil na h-uiread diubhsan a tha mar so a fuireach an cois na mara a leantuinn an chuid tuathanas agus iasgach. Ach chunnaic sinn mòran dhaoine eile anns na srathan agus na glinn troimh an dthug sinn turusan goirid a tha, cho fads a dheantaa mach, a toirt am beo as an fhearann a mhàin.

Is e an sìde no an aimsir rud eile is coir a thoirt fainear a thaobh nàdur na dùthcha. Bha sinn ann mu mheadhon an t-samhraidh, agus faodar a radh nach dfhuair sinn droch la fad na h-ùine. Ach chan eil an samhradh ach goirid. Tha sneachdus reothadh a tòiseachadh an sud fada mun tòisich iad an so, agus a leanailt nas faide cuideachd. Tha barrachd mòr de shneachda a tuiteam, agus tha am fuachd gu fada nas na ann an earrann sam bith de na duthchannan so. Tha na rathadan mora air an dunadh suas le sneachda, air dhoighs gum feumar an cumail fosgailte le croinn-shneachdaidh bho àm gu àm. Agus eadhonnuair a nithear sin, is e an carn-slaoid, ’s chan iad cuibhleachan a tha iad a cleachdadh re a gheamhraidh. Dhinnseadh dhomh mar an ceudna, le feadhainn a mhuintir na dùthcha ris an robh mi a bruidhinn, gum bheil na h-aimhnichean, agus na lochan mòr uisge, agus na h-easan àrd a chunnaic sinn uile air an reothadh suas re mòran mhiosan. Bha aon eas a chunnaic sinn agus tha 500 troidh anns a cheud leum tha e toirt, agus gun aon uair a bhi beantuinn ris a chreig anns an àirde sin.

Ni mi dichioll, ma bhitheas sinn uile beo, slan, air beagan innseadh mu dhoigh beatha, ’us mu chleachdaidhean an t-sluaigh. Stadaidh mi an dràsda le bhi ag radh (an deigh na chunnaic mi de Norway), gur e an co-dhunadh gus an dthainig mi gum bheil cearnaidhean air an talamh a tha nas miosa na Gàidhealtachd na h-Alba!

(Ri leantuinn).


As an Amhuinn Mheadhonach.

THA agam ri dolar a chur ugad air son MHIC-TALLA, agus bha mi an dùil sin a dheanamh roimhe so, ach theid tim seachad. Tha sinn gle thoilichte bhi faicinn litricheanBodachan aGhàraidh,” agus na comhairlean matha tha e toirt air na gillean agus air na nigheanan òga. Agus cha bu chòirMac-Uisdeanfhàgail air deireadh air son a bhi cur nam port-a- bial a nall ugainn. Bidh Uisdean acur nam port a nall agus bidh sinnegan gabhail. Bha sinn an oidhche roimhe a dannsadh RuidhleBhodaich le port Nighean an Fhidhleir. Bha duine uairsa chearna so dam bainm Donnachadh Fionnlasdantheireadh cuidDonnachadh Mamaidhrisa bha gle mhath air deanamh oran, Beurla agus Gailig. Cha bhiodh ni ùr sam bith a tachairt nach deanadh e duanag dha. Chaidh a bhreth us àrach air Beinn an t-Sealgair. Bha e na mhaighstir-sgoile, agus bha mise anns an sgoil aige. Bha fear air Beinn an t-Sealgair aig an robh each fiadhaich agus aon latha theich e air. Rinn Donnachadh òran dha; ach chan eil air chuimhnagamsa dheth ach aon rann. Bha e mar so:—

Am faca sibhn t-each dealanaich
Bha againn air a Bheinn?
Na draibhearan cha cheannsaich e
On tha iad air bheag sgoinn.
Bha Iain ruadh is athair ann
Gad iarraidhs tu air chall,
S ann thachair thun cuithe-sneachd riu,
S do chasan os do chionn.”

Bha e uair eile, agus tha e coltach gun dug nigheanan òga na Beinne aobhar air choir-eigin da, agus rinn e òran ann am Beurla dhaibh. Chan eil agamsa ach acheud rann dheth, agus tha e mar so:

There ’s a parcel of young lasses
On the mountain settlement,
And they went to school of late
To learn, the art of penmanship.
On writing they were capital,
On courting they were excellent,
And their wisdom is so great
Theyd be the best of magistrates.

Tha corr us da fhichead bliadhna on chaidh na h-òrain so a dheanamh, agus ged nach eil moran de bhlas na bàrdachd orra, tha mismaoineachadh nach biodh e as an rathad an cumail air chuimhne nan gabhadh sin deanamh.

Tha tim gle fhuar againn an taobh so o chionn beagan laithean. Rinn an reothadh beagan call air bàrr abhuntàta, agus chunnaic sinn frasan de chlachan-meallain. Chuala mi o chionn fada gun do chuir fear Calum Siomalan a chòta ann an toll na h-àirde tuath, ach ma rinn e sin cha chreid mi nach tug e as e, agus mur cuir e ann an nochd e, bidh reothadh mòr eil againn. Chan eil mis ach car mabach air sgriobhadh Gàilig, agus mar sin cha chan mi an còrr aig an àm so.
Is mi do charaid,
MICHEAL.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


Amy Mhoraidh.
FEASGAIR DE DHORAIN ALBANNACH.
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, agabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[400]

[Vol . 9. No. 51. p. 8]

Oran don Chamairt.

Rinneadh an t-oran éibhinn a leanas le Domhull Mac-Gilleain (Domhull mac Eoghain). ThugadhDomhull Bàn na Camairtair bhon chroit air an robh e an comhnuidh. Rugadh e ann an Grìminish, an Uidhist mu Thuath. Tha e glé choltach nach robhCamairta còrdadh ri Domhull, agus feumaidh gur e fior dhroch fhearann a bhann gus e-fhéinsa theaghlach a bheathachadh, mar a chitchear anns a cheud rann. Tha e rithist ag innse muthurus gu Peabull a cheannach mine, agus cho spiocachsa bha Mac-Aulaidh, an àm a bhithga creic ris; an connsachadh a bhaige fhéins aig an t-seana bhean, agus iad mu dheireadh ag òl deoch slàinte a cheile, ’nuair a fhuair Domhull a mach gumBi fhéins a mhàthair an t-iar-ogha.” Rinn e iomadach oran eile.

Mile molachd doChamairt,
Seach aon fhearann an Alba!
S ann a dhfhàg i mi direach
Na mo shìneadh an ainmheach.
Ged a dheanainn a churachd,
Chan fhàs ach buinteagus sealbhag;
S bi mo bhàrr air an t-Samhuinn
Air uiread caillich a dharbhar.

SEISD
Haoi-o- haoiri, horo-hall,
Haoi-o- haoiri, horo-hall,
Haoi-o- haoiri, horo-hall,
S mairg a thachairs an àite
Far nach àraichear clann.

Tighnn as aonais na mine,
Chan fhaod gillean bhi meamnach;
Ann afreasdal bhuntàta,
S guns abhlàr dheth ach meanbhlach:
Ged a rachainn don tràigh dhoibh,
Ni na bàirnich am marbhadh;
S a dholg am ghearain ri bàillidh,
Gur beag stàth thana msheanchas.

Tha mo cheann-sa air liathadh,
S gur em biadh a dhfhàg ann e;
S iomadh taighn dean mi, “Dia so!”
Dolga iarraidhsan t-samhradh.
N uair a leumas an t-samhuinn,
A falbh gu baile Chlann-Aulaidh:
Iad dhomhsa ruladh a bharraich,
S iad féin ag àrach air cabhraich!

Sud na fir a bhios moiteal,
Ni iad fortan am bliadhna:
Mas e eòrna no coirce
Gheibh iad ochd-sgillinn-deug air.
Bidh na bodaich ri mogan, *
S cha bhi soganga dheanamh;
S far an càirear am pige,
Cha tig driog as le fialachd.

Turus thug mi do Pheabuill,
Gu h-airtneulach, cearbach,
Dol a dhiarraidh na ceannachd;
Ann a meadhoin na h-aimsreach;
Poca dhfhianagan lachdunn!
Mi féin as meach air ar marbhadh,
Mi gan iomain le bata,
Chuid nach fanadhs abhalg dhiubh.

Mile molachd do Ruairi!
S gum a buan sud mushealbhan;
Ged a gheibhte rud uaithe,
Rìgh! bu chruaidh e mu bhargan.
Boineid ghlas air a fiaradh,
Air de cheud bhathar Fhearchair,
S gum bin cùineadhg a fhaighneachd,
Air neo line Ailein Chamshroin. †

N àm bhi tomhas bhuntàta,
Mun robh làn anns achliabh dheth,
S ann a labhair achailleach,
Aig an teine gu fiadhaich:
Tha thu nis air fàs gòrach,
N uair bu chòir dhut bhi crionna,
Toirt do chodach do Dhòmhnull,
S e cheart cho seòlta ri Iamhar.”

Eisd, a bhorrasach shalach!
S maith a baithne dhomh riamh thu,
Cuimnach fanadh tu sàmhach,
S gun do phàigh mina dhiarr mi?
Ach chuir an donas glas làmh ort,
Mar bhios meairleach an iarrunn;
S ged a tha thushiol Adhamh,
Tha thu grànndair do dheanamh!”

Cum fo riaghailt do theanga,
S gheibh thu barrachdsa dhiarr thu.”
Fhuair i botalus gloine,
S bha i ealamhg an iarraidh:
Dhòl i sud air mo shlàinte,
Lom-làn gus an iochdar,
S nuair a shloinneadh an càirdeas,
Bi féins mo mhathair an t-iar-ogh’!


*B ’ e mogan seorsa de stuth-làidir a bhiodh muinntir nan eileanan ud a deanamh aig an dachaidhean.
†Am bàillidh a bhaig am Morair Domhnullach ann an Uidhist mu Tuath.


Laoidh don Oigridh.

Is en t-ionnsachadh og an t-ionnsachadh boidheach.”

Is sonan leanabh dhéisdeas tràth,
Ri teagasg neamhaidh fìor;
S lem fuath an t-slighe pheacach, chlaon,
Gu h-ifrinn dhaomas sìos.

Ma bheir sinn suas sinn fhéin do Dhia,
Nuair tha sinn òg is fann,
Bheir Esan neart dhuinn gu bhi triall,
Na shlighe féin gach àm.

Ma ghabhas sinns an diadhachd tlachd,
Nuair tha sinn sgairteal, òg,
Ni so ar dion o mhìle lochd,
S ar cumail ceart rir beò.

Ni so sinn beusach, ciallach, stuam’,
S gach nian cuir sinn làmh;
Is togaidh e ar n-inntinn suas,
Le buaidh os cionn gach nàmh.

Thoir oirnngun coisrig sinn, a Dhé,
Dhuit féin ar làithean òg;
S bheir so dhuinn sòlas agus sìth,
An cian a bhios sinn beò.

Oir bithidh tu do dchloinn a ghnàth,
Mar athair làn de thruas;
Is anns gach trioblaid chruaidh is càs,
Do ghràs nin cumail suas.

Thoir ormsbhig ùrnuigh agus seinn
S bhi cinntinn ann ad ghràs,
Ni so mi feumail ann am linn,
Is deas air chionn abhàis.


An Cat is an Luch.

Thuirt an luch bheag, ’s isan toll,
m fonn a thair achat ghlas?”
Fonn math is deagh shaod,
Gum faodadh thusa tighinn a mach.”

“ ’S mor meagal romh na dubhain chrom,
A thagad ann am bonn do chas:
Mharbh thu mo phiuthrag an ,
S fhuair mi fein air eigin as.”

Cha mhisa bhasin ach cat mhic Iain Ruaidh,
A bàbhaist a bhi ruagadh chearc,
Ghoid in càisebhas achliabh,
S dhith in t-iasg a bhas aphreas.


Bais.

Air taobh tuath an Eilein Mhoir, air Di-haoine, an latha mu dheireadh dhen Mhàigh, Aonghas Domhnullach, leth-cheud us seachd bliadhna dhaois. Bha e na mhaighstir-sgoile, agus bha e a cumail sgoile fad choig bliadhna fichead. Ghabh e droch fhuachd o chionn bliadhna air ais, a thainig gu caitheamh dha agus a dhaobharaich a bhàs.


Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Laoidhean Dhughaill Buchanain .10
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands,by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. Mc-Ian. (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Reic-a- mach.
Tha aon dhiubhsan a thasa chuideachd againn an uine ghoiridg ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse
An t-Iomlan de ar Stoc
DE DHINNSRIDH-TAIGHE
air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair nas isle na bha iad roimhe so.
TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


BROCAN, BOTAINNEAN agus CAISEART DHE GACH SEORSA
gan creic air prisean anabarrach iseal ann an stor
A . W. Redden & Co.
Ann an Togalach an Rosaich.

So beagan dhe na bargain:—
Brogan troma Grain $1 65 a nise $1 25
Brogan troma Ceire 2 25 a nise 1 75
Botainnean fada 3 25 a nise 2 75
Brogan Steilleig 3 75 a nise 3 25
Brogan Sgoilte 1 20 a nise 90

Tha Brogan Bhan a creic air prisean a cheart cho iseal. Gheibhear fior bhargan. Cuimhnich an t-aite.

Ross Block,Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
A . W. REDDEN & Co.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 51
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla IX No. 51. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page