[Vol . 9. No. 52. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. IX. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 28, 1901. No. 52.
Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.
LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.
CAIB. VI.
DH’ FHAG sinn na bh’ air bòrd na h-Eala Thuathaich ann an droch caradh, ann an deireadh a choigeamh caibideal, agus ’s mithich dhuinn ar càirdean fhaighinn as, ged nach ’eil a chuis coltach a bhith ro shoirbh. Bha Aonghas Donn na dheagh shnàmhaiche, ach ged a bha, cha deanadh snàmh móran feum dha far an d’ fhuair e e-fhéin aig an àm ud. Cha robh cuimhn’ aige air ni o’n a bhual an long ’s a bhrist i na spealgan fodh ’n casan, gus an d’ fhuair e e-fhéin ann an sgor creige far an do dh’ fhàg an sruth e. Brùite, fann ’s mar a bha e, tharruinn e e-fhéin suas gu mullach na creige, agus bha e gle thaingeil ’n uair a dh’ aithnich e nach robh cneamh briste na dochann mór sam bith air a dheanamh air. An uair a fhuair e ’fhradharc sheall e mu ’n cuairt, agus le ioghnadh toilichte chunnaic e sealladh gu math taitneach a thug togail dha ’chridhe. Bha e cuibhteas an ceò, a bha ’g iathadh gun lasachadh mu ’n àit anns na mhilleadh an long; ach air an taobh eile bha tìr ghorm, bheannaichte, ’s gun eadar e ’s i ach bagh beag air a chuartachadh le creagan. Ged a bha coltas garbh air a chladach, thog cridhe Aonghais ris gu mór, oir bha e toirt na chuimhne cladaichean tir an fhraoich. Bha preas is coille òg gu leor ri fhaicinn air tìr, agus bha faileadh cùbhraidh iomadh flùr bòidheadh a fàilteachadh cuinneinean Aonghais, agus iomadh seorsa ceileiradh binn o eòin nach fhaca ’s nach cual’ Aonghas riamh a leithid, a cur na chuimhne gun robh e da rireadh ann an saoghal ùr. Ach ghrad smaointich e air a chompanach, Calum, agus cha do ghabh e nàire sam bith an uair a dh’ fhairich e na deoir bhlàtha ’sruthadh ri ’ghruaidhean, oir bha urad gràidh aig an dithis oganach so dha chéile ’s ged bu bhràithrean iad. “O,” ars’ esan ris fhéin, “b’ fhearr leam aon sealladh dheth fhaicinn beò, slàn, na ged a gheibhinn America as a ghrunnd!” Ach dé bha sud. Shaoil leis gun cual’ e glaodh os cionn toirm aognaidh nan tonn a measg nan creag. Thionndaidh e, ’sa chluas ri claisneachd, ’s gun e ach gann a tarruinn analach, ’s chual’ e rithist e. Thug e an sin an aire, air fosgladh do ’n smùid a bha ’g éiridh gun abhsadh an taobh a muigh dheth, do dhuine ’s greim bàis aig’ air creig bhiorach, dhuibh mu choinneamh, mu fhichead slat uaithe. Chuir Aonghas lamh air gach taobh dheth ’bheul, airson a ghuth a chaitheamh na b’ fhaide, agus ghlaodh e ann am Beurla co bh’ ann. Thainig a fhreagairt air ais ann an deagh Ghàilig— “Tha mise, ’s ann an ainm Dhé feuch an teid agad air mo shàbhaladh, oir cha ’n urrainn mi greim a chumail moran na ’s fhaide, ged a dh’ fhàg do ghuth agus fios gu bheil thu sàbhailte gu math na ’s treise mi.” Bha Aonghas air a ghonadh, ’s gun e faicinn dòigh air a charaid a shàbhaladh, ’s nach gleidheadh iasg a bheatha ’san fhairge ghoilteach a bha ma chuairt air a chreig air an robh Calum. Ach cha deanadh seasamh far an robh e feum. Leum e o chreig gu creig, sios taobh a bhàigh, feuch am faiceadh e ni sam bith leis an cuidicheadh e ’charaid, a bha air thuar a bheatha chall mu choinneamh a shùilean. Chunnaic e tiurra pios air thoiseach air, mar a bha e dol air adhart—sprùilleach de gach seòrsa ’bha mu ’n luing. Bha Aonghas an dòchas gum faigheadh e ròpanan gu leor a measg na connalaich so; ach, mo thruaighe, an uair a shaoil leis a bha e gus a bhi aca, dh’ fhosgail bealach air a bheulaobh anns an robh co-dhiù fichead troidh a leud. Bha chreag air gach taobh cho cas ri balla, agus astar mor os cionn an uisge. Bha an t-uisge ’ruith anns an àite chumhann so cho luath ri sruth muillinn. Ach cha robh so a dol a bheatadh fear a fhuair a bheathachadh air min choirce ’s air bainne, agus gu h-àraidh glaodh Chalum na ’chluasan. Shad e dheth ’aodach uachdair, ’s thill e air ais mu fhichead slat, ’s thainig e air adhart le roid thun a bheallaich, ’s leum e thairis. Bhuail a shàiltean air a bhruaich, gun ghreim còir fhaotainn. Shaoil leis gun robh a reis aig a ceann, air dha e-fhéin fhaighinn a falbh an comhair a chùil, ach le spàirn shìn e lamhan, agus gu fortanach ghlac e spuir do ’n chreig ’s tharruinn e e-fhéin suas gu sàbhailte. Cha robh e air a mhealladh; fhuair e de bhuill na thogradh e. Chunnaic e mar an ceudna gum faodadh e ’m beallach a sheachnadh le gabhail mu ’n cuairt a bhàigh, agus cha bu ruith ach leum gus an d’ fhuair e e-fhéin mu choinneamh Chaluim. “Beannachd leat, ’Aonghais,” ars’ esan, “beannachd leat! Feumaidh mi mo ghreim a leigeil as; tha mo lamhan air am mothachadh a chall. Slàn leat, a charaid! Agus ma bhios e ’n dàn dhut tìr an fhraoich fhaicinn gu bràth, cuimhnich gun taghail thu air mo mhàthair bhochd, agus na di-chuimhnich Màiri Ailein; tha fios agad c’àite ’faigh thu iad le chéile. Agus innis do Mhàiri gun robh mi dìleas dhi daonnan, ged a dhealaich sinn ann an corruich, le breugan luchd mi-rùin.”
“Tut, tut, a Chalum,” ars’ Aonghas, “co ’s fhearr teanga na thu fhéin airson rud a dheanamh ri Màiri? Agus bheir mise ’n aire gu ’m bi mi air an réiteach cuideachd. Na géill fhathast, a Chalum; cum greim ’s bidh tu sàbhailte ann an coig mionaidean.” Bha Aonghas air dul a chur air an ròp, agus air dha sealladh math fhaighinn de Chalum, chunnaic e gur e ’chùl a bha ris. Ghabh e cuimse mhath, ’s air an treas ionnsuidh chaidh am ball mu ghuaillibh Chalum. Bha Aonghas air a chlisgeadh, ’s a chridhe na bheul, air eagal ’s gun ruitheadh am ball mu amhaich Chalum, ach gu miorbhuilteach theannaich e mu ghuaillibh dìreach an uair a bha e leigeil as a ghreim leis an darna làimh. Mar so fhuair Aonghas a charaid á inean a bhàis ’s air a chreig làmh ris, leth bhathte ’s mar a bha e. Bha fios aige dé bu choir dha ’dheanamh na leithid de chàs, agus ann an ùine gun a bhi fada bha e air a dheagh dhuaisneachadh airson a shaoithreach, le Calum fhaicinn na sheasamh gun chuideachadh, lamh ris. B’e cheud ghniomh a rinn na h-òganaich, an glùin a lùbadh, agus taing a thoirt do Dhia, a shàbhail iad cho miorbhuilteach a measg na bh’ air bòrd. Dh’ fhàg iad na creagan( ’s cinnteach gun abair leughadair air choireiginn, gum bu neònach nach tug iad leoth’ iad) agus chaidh iad gu tìr fo dhubhar nan craobh, oir bha iad air an claoidh gu mór, ’s cha b’ ioghnadh. Bu thaingeil a leig iad an taobh ris an talamh bheannaichte. “C’àit’ air an t-saoghal a bheil thu smaointean a bheil sinn?” arsa Calum, ’s e togail a chinn.
“Tha mi cinnteach gu ’m bheil sinn an àiteiginn an ceann a tuath America,” ars’ Aonghas. “Agus seall, a Chalum, an sgurra mór, dubh a tha muigh an sùd: cha rachainn an urras nach e ’nNorth Polea th’ ann!”
“Ma ’s e,” arsa Calum, “ ’s garbh an fhàilte ’chuir e fhéin ’s a chladaichean oirnn gu dearbh. Tha mi-fhin a faireachdainn mar a shaoileas mi bha Ionah, an uair a dh’ fhàg a mhuc-mhar’ air an tràigh e.”
“Bidh sinn beò ’an dòchas co-dhiù,” ars’ Aonghas, “gum bheil làithean soilleir a feitheamh oirnn fhathast a chuireas so as ar cuimhne.”
“Cha chum dòchas fada beò sinn,” arsa Calum. “Tha mi ’smaointean gu bheil an sàl fhéin na ’s tàbhachdaiche air an stamaig, ged nach d’ thainig e riumsa ro mhath. B’ fhearr leam fhin bonnach math eòrna an ceart uair, na na bha de dhòchas riamh aig Alasdair Mór.”
Dh’fhàg Aonghas a charaid a caoidh a’bhonnaich eòrna, ag ràdh ris gun robh e ’n dòchas gum faigheadh e biadh gu leor a measg na chaith an sruth air tìr dheth na bh’ air an luing, agus ghabh e sios an cladach. Cha robh ’n teas cho mór a nis, ’s bha na h-eòin air togail a mach, a seinn le caithream a measg nan craobh—a ghrian a dearrsadh gu seimh os a chionn—sàmhchair a riaghladh air gach taobh, ach monamhur is gluasad nan tonn a measg nan creag, a bha ann an dòigh a fàgail na sàmhchair na bu thruime, los gur gann nach robh Aonghas a toirt air fhéin a chreidsinn gur h-e bruadar a bh’ ann ’s a h-uile rud a bh’ ann. Mu ’n do ràinig e ’cheann-uidhe chunnaic e grunnan eoin ag itealaich ’s a sgriachail pios air thoisich air. Choisich e gu math, ’s ràinig e ’n t-àite. Bha ann an sin an t-Eirionnach beag, bochd a cheangail iad ’n uair a chaill e reusan, ’s e fhathast ceangailte ris an t-slait, ach bha e gun deò. Thuirt Aonghas ris fhéin nach fhàgadh e ’n sud e co-dhiù, aig fiadh-bheathaichean ’s aig eòin. Thog e leis e suas pios o’n chladach, agus an sin fhuair e bòrd cruaidh geur, ’s le dichioll agus ùine rinn e sloc anns na dh’ adhlaic e e mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e, a carnadh chlach mu ’n cuairt airson biastan na coille a chumail o Bharney bochd. So seachad, le cridhe trom thug e aghaidh air a ghnothuch a thug an rathad e. Fhuair e ’n ùine ghearr biadh is deoch gu leor, briosgaidean, is càise, ’s gnothuichean math eile ris an deanadh càilachd duine sam bith toileachadh. Thog e leis eallach math, a toirt aotromachadh air mar a bha e dol air adhart, ’s ga thasgadh ann an àite ’b’ fhearr a ghleidheadh e. Bha e smaointean gun cuireadh pàirt dheth so am bonnach eòrna á cuimhne Chalum. Le ceum aotrom cha robh e fada a ruighinn an àite na dh’ fhàg e ’charaid. Ach an creideadh e’ shùilean—shuath e iad uair is uair, is sheall e rithist—ach cha robh sealladh air Calum!
(Ri leantuinn.)
[Vol . 9. No. 52. p. 2]
Sgeulachdan Arabianach.
CODADAD AGUS A BHRAITHREAN.
CAIB. II
THUG a’ chomhairle so toileachadh mor do mhic an righ. Chaidh iad far an robh Codadad agus dh’ iarr iad cead air a dhol do ’n bheinn sheilg, agus gheall iad, nam faigheadh iad cead, gu ’n tilleadh iad an latha sin fhein. Thug Codadad cead dhaibh ’s gun duil sam bith aige gu ’n robh dad cearr fa near dhaibh. Dh’ fhalbh iad, ach cha do thill iad an latha sin idir.
An uair a bha iad air falbh tri latha, dh’ fheoraich an righ de Chodadad c’ait’ an robh iad, o’n a bha uine o nach fhac’ e iad.
An uair a rinn Codadad umhlachd do ’n righ, thuirt e “Mo thighearna, chaidh iad do ’n bheinn sheilg o chionn tri latha, ach gheall iad gu ’n tilleadh iad roimhe so.”
Chuir so dragh mor air an righ, agus an uair a chunnaic e nach do thill iad an ceann a’ cheathramh latha, dh’ fhas e ro dhraghail ’na inntinn buileach glan. Mu dheireadh thuirt e, agus e ann am feirg, ri Codadad, “A choigrich gun tur, c’ar son a leig thu le mo chuid mhac-sa dol air falbh do ’n bheinn sheilg gun thu fhein a dh’ fhalbh comhladh riutha? An ann mar so a tha thu ’cur an gniomh an dleasdanais chudthromaich a dh’ earb mise riut? Bi falbh air an toir anns a’ mhionaid, agus thoir do m’ ionnsuidh-sa iad, ar neo cha bhi ’n tuilleadh saoghail agad.”
Chuir na briathran so eagal gu leor air Codadad. Gun dail sam bith chuir e e-fhein fo ’armaibh, agus dh’ fhalbh e ’mach as a’ bhaile. Agus, mar gu ’m biodh ciobair a bhiodh an deigh a threud a chall, bha e ’sireadh a bhraithrean air feadh na duthchadh gu leir, agus a’ feorach anns gach baile am facas iad, no, an cualas guth no iomradh mu ’n deidhinn. Agus an uair a dh’ fhairtlich air forofhais fhaotainn orra, chaidh e gu tuirse ’s gu bron air an son. “Ochan! mo bhraithrean,” ars’ esan, “ciod a dh’ eirich dhuibh? An do thuit sibh ann an lamhan bhur naimhdean? An d’ thainig mise do luchairt Harrain gus a bhith ’nam mhathair-aobhair air a leithid de bhron agus de dh’ iomaguin a thoirt do ’n righ?” Bha doilghios ro mhor air a chionn gu ’n d’ thug e cead do na prionnsachan a dhol do ’n bheinn sheilg, agus nach d’ fhalbh e fhein comhladh riutha.
An uair a thug e iomadh lath’ air an iarraidh, thainig e gu comhnard a bha anabarrach farsuinn. Ann am meadhain a’ chomhnaird bha caisteal mor a bha air a thogail de mharmor dubh. Chaidh e dluth do ’n chaisteal so, agus thug e an aire gu ’n robh boirionnach cho briagha ’s a chunnaic e riamh ’na seasamh aig aon de na h-uinneagan. Cha robh i ann an eideadh riomhach, agus cha mho a bha seudan oirre. Bha a falt sgaoilte sios m’ a guaillean, bha h-aodach air a shracadh, agus bha coltas na trioblaid agus a’ bhroin air a gnuis. Cho luath ’s a thug i an aire do Chodadad, agus a shaoil i gu ’n robh e cho dluth dhi ’s gu ’n cluinneadh e i, labhair i ris, ag radh: “A dhuin’ oig, bi grad fhalbh o ’n aite sgriosail so, ar neo tuitidh tu gun dail ann an lamhan na h-uile-bheist a tha ’na chomhnuidh anns a’ chaisteal so. Is e duine dubh a th’ ann a tha ’g itheadh nan daoine. Tha e ’deanamh greim air a h-uile duine a gheibh e air a’ chomhnard so, agus ’g an cur ann am priosan far am bi iad air an gleidheadh gus an ith e iad.”
“A bhaintighearna,” fhreagair Codadad, “innis dhomh co thu, agus na biodh curam ort mu dheidhinn ni sam bith eile.”
“Is boirionnach og mi a bhuineas do Chairo, agus a thainig o dhaoine a tha ann an inbh’ aird,” ars’ ise. “Bha mi ’dol seachad air a’ chaisteal so an de, air mo thurus gu ruige Bagdad, agus choinnich an duine dubh rium. Mharbh e mo sheirbhisich uile, agus dhruid e staigh anns a’ chaisteal so mi. Mur biodh agam ri choinneachadh ach am bàs, cha bhithinn a’ gearain. Ach gus an tuilleadh a chur ri mo thruaighe tha ’n duine a’ feuchainn ri impidh a chur orm gaol a thoirt dha, agus mur aidich mi anns a’ mhadainn a maireach gu ’m bheil gaol agam air, ni e foirneart orm gun teagarnh sam bith. Aon uair eile, tha mi ’guidhe ort thu fhein a thoirt as. Tillidh an duine dubh ann an uine ghoirid. Chaidh e feuch an glacadh e luchd-turuis a chunnaic e air a’ chomhnard. Na bi cur seachad na h-uine; cha ’n ’eil fhios agam an teid agad air thu fhein a thoirt as le teicheadh cho luath ’s is urrainn duit.”
Mu ’n gann a thuirt i so, thainig an duine dubh ann an sealladh. Bha e ’na dhuine anabarrach mor, agus bha coltas ro oillteil air. Bha e marcachd air each mor, meanmneach, agus bha claidheamh ’na dhorn a bha cho mor ’s cho trom ’s nach b’ urrainn duine sam bith oibreachadh ach e fhein An uair a chunnaic Codadad e, ghabh e uamhas roimhe leis cho mor ’s cho ard ’s a bha e. Thog e a shuilean gu neamh, agus ghuidh e air Dia cuideachadh a thoirt dha. Tharruinn e an claidheamh as an truaill, agus dh’ fheith e gus an d’ thainig an duine dubh far an robh e.
Bha ’n duine dubh ag amharc air Codadad le suarachas, agus ghlaodh e ris geilleadh anns a’ mhionaid. Ach leig Codadad ris dha nach geilleadh e ’s e beo; oir ghrad tharruinn e dluth, agus ghearr e a’ ghluin aige gu olc. An uair a dh’ fhairich an duine dubh e fhein air a lot, leig e glaodh eagalach as a chluinntedh fad is farsuinn. Dh’ at e le corruich uamhasaich, agus an uair a tharruinn e ’n claidheamh, agus a dh’ eirich e air a chorra-biod anns na stiorrapan, thug e ruathar uamhasach gus Codadad a ghrad spadadh. Nan d’ amais e air buille a thoirt do Chodadad, bha e air a sgoltadh o mhullach a chinn gu ’mhasan. Ach le ’toirt air an each leum a thoirt air a tharsuinn, sheachainn Codadad a’ bhuille; ach mu ’n do tharr esan an ath bhuille a thabhairt, fhuair Codadad cothrom air buille a thoirt dha air an laimh dheis leis an do ghearr e dheth a lamh. Thuit an lamh agus an claidheamh mor gu lar, agus ann an tiotadh thuit an duine dubh bhar muin an eich, agus chaidh an talamh air chrith. Ghrad thainig Codadad air lar, agus ghearr e an ceann bhar an duine dhuibh.
Bha ’bhean-uasal ag amharc air a’ chomhrag a bha eadar na fir, agus bha i gu durachdach a’ guidhe air Dir gu ’n tugadh e buaidh do ’n phrionns’ og, agus an uair a chunnaic i an duine dubh air a leagadh gu lar, rinn i iolach aoibhneis, agus thuirt i ri Codadad, “A phrionnsa (oir tha ’bhuaidh-lathrach a fhuair thu anns a’ chath chunnartach, agus mar an ceudna do chruth agus do choltas a’ toirt orm a chreidsinn nach e duine cumanta a th’ annad,) cuir crioch air an obair air an do thoisich thu. Tha iuchraichean a’ chaisteal aig an duine dhubh. Thoir uaithe iad, agus leig mise as a’ phriosan.” Rannsaich Codadad pocaidean an duine dhuibh, agus fhuair e na h-iuchraichean annta.
Dh’ fhosgail e a’ cheud dorus, agus chaidh e steach do chuirt far an do thachair a’ bhean-uasal ris, agus i ’tighinn ’na choinneamh. Bha i air i-fhein a thilgeadh air an lar aig a chasan mar chomharradh air a taingealachd dha mur b’ e nach leigeadh e leatha. Mhol i e mar dhuine treun a rinn gniomh ro ghaisgeil. B’ e a beachd nach robh duine air an t-saoghal cho treun ris. Thug e taing dhi air son na deadh bharail a bh’ aice air; agus ’na shealladh, bha i moran na bu mhaisiche an uair a bha i dluth dha na an uair a bha i astar uaithe. Cha ’n urrainnear a radh co dhiubh a bha ise na b’ aoibhniche a chionn gu ’n d’ fhuair i saorsa as a chunnart anns an robh i, na bha esan a chionn gu ’n deachaidh aige air a leithid de mhnaoi-uasail mhaisich, mhoralaich a shaoradh as a’ chunnart anns an robh i.
Am feadh ’s a bha iad a’ comhradh, chual’ iad glaodhaich agus osnaich ro chianail. “Ciod e sid tha mi ’cluinntinn?” arsa Codadad. “Co as a tha na gearainean truagh’ ud’ a tha cur gaoir ’nam chluasan a’ tighinn?”
“Mo thighearna,” ars’ a’ bhean-uasal, agus i ’comharrachadh am mach dorus beag a bha air a’ chuirt, “tha iad a’ tighinn as a’ sid. Tha mise gun fhios agam co lion creutair truagh a thuit gu mi-fhortanach ann an lamhan an duine dhuibh. Tha iad uile ceangailte ann an slabhruidhean, agus bha ’n uile-bheist ud ag itheadh fear dhiubh a h-uile latha.”
Fhreagair Codadad, agus thuirt e, “Is moir m’ aoibhneas gu ’m bheil mi nis a’ tuigsinn gu ’n toir a’ bhuaidh a fhuair mi air an duine dhubh saorsa o ’n bhas do na creutairean truagha so. Tiugainn comhladh rium, a bhaintighearna, a chum gu ’m bi do roinn agad dhe ’n toileachadh a th’ ann a bhith ’toirt saorsa do chreutairean truagha. Faodaidh tu a thuigsinn o do shuidheachadh fhein gu ’n toir sinn toileachadh mor dhaibh.”
An uair a thuirt e so, chaidh iad a dh’ ionnsuidh dorus a’ phriosain, agus mar bu dluithe a bha iad a’ tarruinn dha is ann a b’ fhearr a bha iad a’ cluinntinn gearain nam priosanach. Bha truas mor aig Codadad riutha, agus o ’n a bha cabhag air gus an cuireadh e crioch air an trioblaidean, ghrad stob e te dhe na h-iuchraichean ann an toil na glaise. Cha b’ e an iuchair cheart a chuir e ann an toiseach, agus air an aobhar sin chuir e te eile ann. Chuir fuaim nan iuchraichean an tuilleadh broin air na creutairean truagha a bha ’n sas. Shaoil leotha gur e an duine dubh a bh’ ann a’ dol uca le biadh, agus a thoirt aon diubh air falbh gus itheadh. Thug so orra gu ’n robh iad a’ deanamh barrachd mor de ghlaodhaich ’s de dh’ osnaich. Shaoileadh duine gur ann a cridhe na talmhainn a bha ’chaoidh agus am bron a’ tighinn.
(Ri leantuinn.)
Clann ’Ic Leoid agus Clann ’Ic Cumhail.
LE CALUM MAC LEOID.
THA sinn a fòghlum bho luchd-seanachais gu robh Clann ’ic Leoid nan uachdaranan air Leodhas o chionn coig ciad bliadhna agus is ioma chomhstrith ghuineach bha eadar iad fein agus na clannaibh eile a bha gabhail tàmhachd ’san Eilean aig an àm ud. Cha ’n urrainn gun ar aire bhi air a tarraing dh’ ionnsuidh na nithibh so ’nuair bhitheas iad air an aithris dhuinn le cloiginn liath agus ciabhaibh tana. Tha aon sgeul iongantach air innseadh dhuinn mu thimchioll na còmhlaichean eagalach a bha eadar iad féin agus Clann ’ic Cumhail a bha còmhnuidh ann ’sa chearnadh sin de ’n Eilean ris an abrar Uig. Bha aon de cheann-feadhna Chlann ’ic Leoid a còmhnuidh ann an eilean beag air taobh an iar Leodhais ris an goireadh iad Pabaibh. Cha robh neach air bith a’ tàmhachd ’san eilean so ach e-féin agus a bhean agus a theaghlach. Bhitheadh e tighinn ’n ceann aman araidh a thogail a mhàl o’n tuath aige. Thainig e uaireigin an nall, e fhein agus a bhean, a chailleach a b’ fhuathach leis an tuath, ann a scratha bheag eathar a bh’aige, agus bha an sluagh a’ tional thuige leis a mhàl—crodh, caoraich agus gràn—agus is ioma duine dh’ fhag e fein gle
[Vol . 9. No. 52. p. 3]
ghann do stòras air a shonsa, agus a thuille air a sin a dh’ fhairich am brochan gle mhi-bhlasta ri òl an déis dhasan a spruileadh. Air an latha mu ’n robh sinn a bruidhinn bha bantrach bhochd a measg na cuideachd aig nach robh ni air bith a bheireadh i dha ach aon bho. Bha i ri caoineadh gu cianail ’nuair thug e uaipe i. Chunnaic fear-eigin a bhuineadh do ’n bhantraich an diol a bha am bodach a deanamh oirre, agus rug e air an eist a bha cumail na bà agus tharraing e i agus chuir e tri fiaclan as a bhodach ma thota thoiseach ’n eathar. Chaidh a phlasd sios agus chaidh an t-srathair suas, agus cha b’ fhada gus an rinn Sean Thormoid mar theireadh iad ris, air Pabaidh. Bha triuir mhac aig Sean Thormoid, agus bha iad air an àm ag iarraidh coin, agus ’nuair thainig iad dhachaidh am beul na h-oidhche gu leibideach, de cheud rud a chuir a chailleach air a bhord ach fiaclan a fir. Dh’ innis i a h-uile facal dhoibh, agus ma dh’ innis, gu tir mor gun chum na seòid, a thoirt a steach na tòrachd air Clann ’ic Cumhail. Cha robh iad fada air falbh ’nuair chual an Sean Leodach na garbh-chrachan. “Tha fuil ma fhiaclan mo chuid chulain,” ars’ ise. “Is dubh bhitheas sin dutsa fhathasd a dhroch bhean,” ars’ esan. Mar is minic a thachair anns na linnibh dorcha ud, bha suipear chorrach aig Clann ’ic Cumhail an oidhche ud. Chaidh Clann ’ic Leoid bho thigh gu tigh, a marbhadh a h-uile neach a gheibheadh iad, gus mu dheireadh nach do dh’ fhag iad duine beò ach aon ghille beag a dh’fhag iad leth mharbh, agus is e ’n aobhar a leanas bu choireach gun dh’ fhag iad e fhein: —Air an oidhche fhuilteach bh’ ann so chaidh iad steach do thigh, agus cha robh neach stigh ach aon bhrogach beag ’sa léine agus e ri spiolladh cnaimh feola; thoisich iad ri magadh air, ach ged bha fiaclan a ghille ni b’ fhaide na fheusag aig an am so fhuair iad a mach mu dheireadh gu robh an sean-fhacal firinneach a thuirt: “Da rud nach coir dhuit taire dheanamh orra, balach piollach agus loth pheallach.” “A bheil eagal ort gu marbh sin thu?” arsa fear aca ris. “Fuiribh gu spiol mi ’n cnaimh,” ars’ esan. “Ged tha so mi-choltach cha ’n eil fios nach toir e steach an tòrachd fhathasd.” “Bithidh i fada gu’n toirt a steach,” arsa fear eile agus e a’ satail a bhrogaich thairis air an tallan a bha air taobh shios an teine, agus thug iad na buinn.
Chuala seanair a ghille, Fionnladh Ciar Macrisnidh a bh’ ann a Mealstadh, mar theireadh iad ris, gu robh e air fàs gle thapaidh, agus bha shuil ris an tòrachd a thoirt a steach air Clann ’ic Leoid. Cha robh e fada ’m Mealstadh ’nuair chual Clann Sean Thormoid mu thiomchioll. Bha iad gu math tric a tighinn ga iarraidh Iain gu dol a shealg do ’n bheinn maille riutha, ach bha fios aig a sheanair gle mhath c’arson a bha iad ’g a iarraidh agus air an aobhar sin chum e uapa e cho fada ’sa b’ urrainn e. Mu dheireadh thug e dhoibh e fo ghealtanas nach doirteadh iad fhuil. Chuir iad rompa nach doirteadh iad i, ged bu mhiann leo gu reodhadh i. Bha iad aon latha a muigh a sealg agus thainig cur agus cathadh uamhasach orra. Cha deanadh e math aghaidh a chuir air an dachaidh, agus is e rud, a rinn iad, chaidh iad a’ ghabhail tamh na h-oidhche ann am bothan beag a measg nam beann, air an robh Both-ladh mar ainm aca.
Chaidh an t-sithean a bhruich agus an t-suipear a ghabhail; ach ’n aite cloit de ’n fheoil ’se fhuair Iain a thilgeal a mach measg nan con thun an doruis chum gu ragaist e. Gu dearbh ’se leabaidh gle mhi-chomhartail a bh’ aige ’n oidhche ud, ach luidh na coin tiomchioll air agus rinn iad rudeigin a’ bhlàthas dha. Thainig guth do sheanair Iain an oidhche so ’na chadal ag radh: “Eirich agus d’ ogha measg nan con air Both-ladh.” Cha do smuainch Fionladh nach e bruadar a chunnaig e agus chadail e.
Thainig an guth a rithis, a labhairt nam briathraibh ceudna, ach bha blathas na leapa ro mhilis le Macrisnidh an coimeas ris a chrannadh ’bha muigh, air son a fagail. Thainig an guth an treas uair agus is ann an uair sin thuig Macrisnidh mar bha. Dh’ eirich e gu h-aithghear agus rinn a lan cnagan de bhainne teth, agus thog e fein agus dithis eile orra ri monadh, agus is ioma turas bha an casan os an cionn mu’n do rainig iad an ceann-uidhe. Dh’ fhag Macrisnidh an dithis eile fada bho ’n Bhoth agus chaidh e fhein gu bog, balbh, air adhart. Fhuair e Clann ’ic Leoid nan cadal agus Iain Ruadh leth mharbh measg nan coin. Thug e steallag dha de’n bhainne bh’ aige ’sa chnagan agus thog e air a mhuin e. Ghabh e air falbh o’n Bhoth an comhair a chuil, ged nach robh e furasda, chum an car a thoirt air Clann ’ic Leoid. Rainig iad an tigh sabhailt leis a ghille mu ’n d’ ghlas an latha. ’Nuair dhuisg Clann ’ic Leoid cha robh fios aca air an t-saoghal de bu chiall de an dithis a thainig thun a Bhoth agus nach robh duine idir ri fhaotain agus cha mhotha bha lorg duine falbh uaithe. Thainig iad dhachaidh agus bha iad ri feuchainn air a h-uile cor fhaidhinn a mach de mar dh’ eirich do Iain Ruadh; ach cha robh e cho furasda dhoibh a dhol ann am munichil Mhicrisnidh agus bha suil aca. Chum nach faigheadh iad greim tuille air Iain rinn a sheanar tigh fo thalamh dha, agus a h-uile uair a thigeadh Sean Thormod agus a chuid mac thun an tigh rachadh Iain do ’n tigh fo thalamh. Cha robh e faighinn so gle thearuinte, agus is e rud a rinn e chaidh e do ’n Eilean Sgiathanach, far nach bitheadh fios aig neach air bith co e. Bhitheadh e ’n drasda agus a rithisd a tighinn a choimhead air a sheanair. Agus uair de na uairean mar bha e gabhail seachad aig bonn na beinne mor sin tha ’n Leodhas ris an can iad Mialis-mhal, thachair maighdean mhaiseach air agus rinn e am posadh h-Iortach rithe. Fada ’n deis dha tilleadh air ais do ’n Eilean Sgiathanach rugadh mac dha. Chualadh Clann ’ic Leoid gu robh e ’san Eilean Sgiathanach, agus is e rinn Sean Thormoid, chuir e ’dha chomhal do ’n eilean sin dh’ fheuchainn an tachradh iad ris chum gu ’n toireadh iad ionnsuidh air, mur gealladh e gu ’n tigeadh e Leodhas gu aghaidh cath. Cha dh’ fhag iad cul no cial gun ransachadh anns a saoladh iad am bitheadh Iain Ruadh; mu dheireadh astar math bho Chaisteal Dhunbheagan, thachair duine mor ruadh riu agus a bhrogan air a ghualainn. Dh’ fheoraich iad dheth co as thug e a choiseachd. Thubhairt esan gu ’n thug a Leodhas agus gu robh e airson a toirt ann a rithisd. Thuig iad gu ’r e Iain Ruaidh Mac Cumhail a bh’ ann, agus dh’innis iad dha fath an turais. Fhreagair esan gu robh e air an t-slighe ’Leodhas agus nach b’ fhada gus na faigheadh Mac Leoid comhail nach bitheadh e buidheach oirre. Rainig an laoch Leodhas agus ’nuair bha e fianuis tigh sheanair co thachair air ach a mhaighdean a rug am mac dha, agus i ri caoineadh. Dh’ fheoraich e dhith ciod bha cur oirre. Dh’ innis i dha gu robh Clann ’ic Leoid a tighinn an diugh a mharbhadh a mic. “Cait a’ bheil athair,” ars’ esan, “ ’s gu bheil e leigeal a leithid sin air adhart?” “Cha ’n ’eil dad a bheachd agamsa air athair,” ars’ ise, “ach gu robh iaradh ’san mhaoil aige.” “Tha sin agam fein” ars’ esan ’s e sgrogadh a churrachd. “Agus cha ’n fhaigh Clann ’ic Leoid do mhac an diugh.” ’Nuair rainig e an tigh anns an robh an leanabh dh’ fholaich se e fein air cul an tallain agus ’nuair thainig Clann Shean Thormoid a steach leig e na h-achanaichean a b’ eagalaich ’g radh: “Mac a tha stigh cha d’ theid a mach beo.” Ghabh Clann Shean Thormoid cor ’s eagal am beatha agus ’gheall iad gu ’n deanadh iad rud sam bith na leigeadh e am beatha leo. Rinn e so fo ’ghealtanas gu ’m bitheadh ’n athair, Sean Thormoid aca maireach fa chomhail an t-seipeal ann am Baile-na-Cille. Air an la-iar-na-maireach thainig Clann Shean Thormoid le’n athair, o’n bha fios aca gle mhath de dhéireadh dhoibh mur deanadh iad sin, agus shuidh iad air cnoc fa chomhair a chlaidh. Cha robh iad fada ’n so nuair chunnaic iad an duine toirteal sin a tighinn nuas am Machair Iarach, far an robh a chomhra fhuilteach eadar Fionn agus an Cuiteach ’nuair bha an Fheinn air chuairt ann a Leodhas, agus e ri spadadh a chinn o na h-uile sithean a thigeadh ’na rathad, a smuaineachadh, faodaidh e bhi, gur ann mar sud a dheanadh e air Clann ’ic Leoid. Bha an Sean Leodach gabhail ealadh ris so, agus thuirt e ri mhic: “Ma tha duine beo de Chlann ’ic Cumhail bh’ air an Chrip ’se sid fear dhiubh, ach ma ’se, ’nuair thig e thun na faolach sgrogaidh e ad agus leumaidh e an faodhail chasa-tiorma. Mar thuirt am bodach, b’ fhior. “Tha mo chreachsa deanta,” ars’ Sean Thormod agus e ri deanamh air an t-seipeal, ach ’nuair rainig e an dorus, se freagairt a fhuair e o’n dorsair: “Ge b’e do ’n tug thu do mhil samhraidh thoireadh e tigh geamhraidh dhuit;” agus mharbh Iain Ruadh e air a bhad sin. ’Nuair chunnaig Clann Shean Thormoid mar a thachair rinn iad air falbh, ach ma rinn, rinn Iain Ruadh nan deigh. Sgith agus mar bha e cha b’ fhada gus an d’ fhuair e faire air fear aca agus tharraing e ’bhogha. Mharbh e fear aca air an robh Raoghal, air a bhad ud, agus ’se Gleann Raoghail th’ air o’n uair sin. Chunnaic e ’n ath fhear dhiubh ann a gleann agus chuir e ’n t-saighead ann, agus se Gleann Thorcuill th’ air an aite o’n uair sin. Gu leibideach cha robh saighead tuille aige, ach dh’ fhalbh e ’na dheann dhearg ’n deigh an treas fir, a ghabh air an t-snamh roimhe do Phabaidh. Ghabh Iain Ruadh na dheigh agus rug e air. Thug e gur tir e agus mharbh se e air traigh th’ ann a Mhaltos, air am beil Traigh Allain mar ainm na dheighsan.
Smuainich e nis, seach gu robh an t-sithean air a spar, gu robh e iomchaidh dha dol a Phabaidh a’ sgrios na bha ann. Thog e fein agus buidheann bheag eile orra null. Nuair chunnaic a chailleach mhor iad, bha dùil aice gu robh an luch fo spoig aice, agus is ann a dh’ fhiadhaich i gu biadh iad chum gu faigheadh i air an cumail gus ’n tigeadh cach, na beachd fhein. Chruinnich Iain Ruadh agus a chuid dhaoine a h-uile creutair beo bh’ ann am Pabaidh agus chuir iad leis na creagan iad. Nuair chunnaic a chailleach so bhuail i air eigheach—
“A bhiasd, ged rinn thu orm na rinn thu, fàg Blairean Mor air son bainne do ’n bhodach.” Is beag bha dh’ fhios aice gu robh e sinte sa chille. Se freagairt a thug Iain Ruadh dith: “Tha faobhar a chlaidheamh ro mhath air do shon, ach cha bhi sinn cho cruaidh ort.” Rug e oirre agus ghearr e a cuid aodaich dhith mu bhraighe mhais agus leig e air falbh mar sin i.
Cha robh duine a nis beo ’Chlann Shean Thormoid, ach chual Iain gu robh tailear a bhuineadh dhaibh an Steornabhagh, agus rinn Iain air falbh chum gu faigheadh e greim air. Chual an taillear gu robh e tighinn, agus ’nuair thainig Iain cho dlu air agus nach robh dol as aige, ghabh Iain timchioll ceann a bhaigh agus choinnich se e air taobh eile an locha agus chroch e an taillear bochd air Cnoc na Croich. Thill Iain Ruadh dhachaidh agus bha an uachdaranachd aige fhein fhad ’s bu bheò e. —Highland News.
Mar a chaitheas duine a bheatha, bheir e breith air a cnoimhearsnach.
[Vol . 9. No. 52. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, IUN 23, 1901.
Tha sinn a’ leughadh o àm gu àm mu airgead a bhi ’ga chur air adhart do Ottawa le daoine rinn eucoir uair no uair-eigin air luchd-na-cusbuinn. Tha iad a deanamh sin airson faothachadh a thoirt d’ an cogais, a tha ’gan sior-dhìteadh, agus ’s e “airgead-cogais” a theirear ris an airgead sin. Tha cuid de na suimeannan a tha air an cur air adhart suas anns na mìltean dolair, agus chuir aon duine glan-onorach air adhart aon sent, a chìs bu chòir dha phàigheadh air peansail a cheannaich e anns na Stàidean, agus nach do sheall e do fhear na cusbuinn nuair a bha e tigh’nn thar na crìche. Tha a bhi leughadh nam fiosan so ag ùrachadh ’sa neartachadh ar creideamh anns a’ chinne-daonna. Bidh sinn o so a mach a feuchainn ri bhi beò anns an dòchas gu ’m buail an t-aithreachas iadsan nach ’eil a’ paigheadh MHIC-TALLA, agus gu ’m faod an t-airgead a bu chòir a bhi againn roimhe so ar ruigheachd “an deigh mhoran làithean” an riochd airgead-cogais.
Tha e gle choltach nach teid moran mhios seachad gus am bi aig muinntir Nobha Scotia ri pàrlamaid ùr a thaghadh. Tha iomadh comharra ri fhaicinn, agus nam measg uile cha ’n eil aon is cinntiche nochdas ciod a tha tighinn na mar a tha na paipearan-naigheachd taobh air thaobh a’ cur am beachdan an céill—paipearan an darra taoibh ag innse cho math ’s cho ro-mhath ’sa tha riaghladh Mhoraidh, agus cho mi-chiatach ’sa bhitheadh e a chur á dreuchd; agus paipearan an taoibh eile a’ cur an céill cho math ’sa tha an daoine féin, cho olc ’sa tha an dùthaich aig an àm air a suidheachadh, agus cho iomchuidh ’sa bhitheadh e daoine chur a stigh anns am biodh firinn us onair, agus a chuireadh a cùisean air adhart le gliocas agus le ceartas. Bu mhath an gnothuch nam biodh na paipearan agus iadsan air son am bi iad a tagradh aig a leithid so de dh’ àm, ag innse na firinn agus na firinn a mhàin. Tha iad anns an dòigh so fad air thoiseach air mar a bha iad fichead no da fhichead bliadhna air ais; ach cha ’n eil duine ceart sam bith nach aidich gu bheil iad feumach air tuilleadh adhartais, agus mar is luaithe thig an t-adhartas sin orra gur ann is fhearr.
Tha Righ Iomhar, on thainig e dh’ ionnsuidh a’ chrùin, a’ nochdadh gliocais ann a bhi cur roimhe anns gàch cùis leantuinn air an t-slighe air an do dh’ imich a mhathair roimhe, no a reir mar a chomhairlich i dha nuair bu bheò i. An so tha e toirt deagh eisimpleir do iomadh òganach mor-as-fhéin a tha feuchainn ri ghliocas a nochdadh air dòigh a tha calg-dhireach an aghaidh sin. Is iomadh spalpaire beag, a tha fhathast gun bhlasad air aran a chosnaidh fhéin, a bhiodh air a thàmailteachadh gu dona na ’n saoileadh daoine gu robh e ann an tomhas beag no mor air chomhairle “na caillich” no “a’ bhodaich” —mar a dh’ainmicheas e, gu mi-mhodhail, a mhàthair is athair.
THA an t-Ard-riaghladh an deigh Comhnardan Abrahaim a cheannach, agus tha iad ri bhi air an cur fo chùram baile Chuebec. Is ann air na Comhnardan so a chuireadh am blàr a choisinn a’ chuid mu dheireadh de cheann a tuath America do na Breatunnaich. B’e am blàr mu dheireadh a’ chuireadh ann an America eadar Breatunn agus an Fhraing; bha na ceannardan air gach taobh, Wolfe agus Montcalm, air am marbhadh ann, agus tha an dearbh àite anns an do thuit gach fear dhiubh air a chomharrachadh a mach gus an latha ’n diugh air Comhnardan Abrahaim. Bha e ceart gu leòr do ’n àrd-riaghladh ceithir fichead mile dolair a phàigheadh air son àite tha cho iomraiteach ann an eachdraidh na dùthcha. Tha aon àit eile ann an Canada air am bu chòir do ’n riaghladh seilbh fhaotainn fhad ’sa ghabhas sin deanamh. ’Se an t-àite sin Louisbourg. B’ e am baile sin a bhi na dhaighneachd cho làidir a rinn e comasach do ’n Fhraing greim a chumail air Canada cho fada ’sa rinn i, agus b’e a ghlacadh anns a’ bhliadhna 1758 a rinn e comasach do na Breatunnaich Cuebec a ghlacadh bliadhna ’n deigh sin. Bu chòir, air an aobhar sin, làrach seana bhaile Louisbourg a bhi air a chumail gu cùramach mar chuimhneachan air aon de na gniomharan mora a choisinn dhuinn ar n-Impireachd.
Bha coinneamh aig Conservatives na siorrachd anns a bhaile Di-màirt. Bha Cailean Mac-Fhionghain agus Eanruic Domhnullach air an ainmeachadh gu ruith air son pàrlamaid na roinne aig an ath thaghadh. Cha robh an dithis so toileach ruith, agus air an aobhar sin chuireadh seachad an t-ainmeachadh gus an deigh a’ chruinneachaidh a tha gu bhi aig a phàirtidh an ùine ghoirid ann a Halifacs.
Cha ’n eil am bàrr cruithneachd gu bhi cho math anns an Fhraing air an fhoghar sa tighinn ’sa b’ àbhaist dha bhi bliadhnaichean roimhe so. Bidh bàrr na dùthcha air fad mu dha fhichead millean buiseal goirid air bàrr na bliadhna ’n uiridh. Cha ’n eil fhios nach dean so cuideachadh le tuathanaich Mhanitoba ’s an Iar Thuath, aig am bi, a reir gach coltais, bàrr cho math ’sa bh’ aca o chionn àireamh bhliadhnaichean.
LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Matheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Confederation Life ASSOCIATION.
Eachdraidh 29 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.
Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,870.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25
Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1 ,505,546.25
F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.
Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON
Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
[Vol . 9. No. 52. p. 5]
Naigheachdan.
Chaidh muileann-sàbhaidh ’na teine ann amBathurst , N. B. ,toiseach na seachdain ’sa chaidh. B’ fhiach a mhuileann ’s am fiodh a chaidh a losgadh mu thri fichead mile dolair.
Tha aon dhiubhsan a tha ’togail an rathaid-iaruinn ann an siorrachd Inbhirnis ag radh nach fhada gus am bi ceithir mèinnean guail air am fosgladh ann amBroad Cove.Bidh an gual air a ghiulan gu Port Hastings, far am bi laimhrig mhor air a togail aig am bi e air a chur air na soithichean.
Tha càs a Chuimeinich—an càs a bha air fheuchainn ’san earrach aig cùirt fir-ceartais ann an Sidni—a nis aig a’ chùirt mhoir, agus bidh fhios co-dhiù tha e ciontach no neo-chiontach an ceann latha no dha. Bha an càs a bha air fheuchainn ann an Sidni Tuath, ’sa bha air a chur a dh’ ionnsuidh na cùirte moire, air a thilgeadh a mach leis a’ ghrand jury.
Bha droch theine ann am Bridgeport oidhche Di-sathairne s’a chaidh. Thòisich e anns an stòr aig Moireasdan & Mac-Cormaic, tàillearan. Sgaoil e gu bras, agus bha an stòr, ’s an tigh a bha ri taobh—an tigh aig I. L. Mac-Gilleain—agus am priosan, a bha astar beag uapa, air an losgadh gu làr. Cha ’n eil fhios ciamar a thòisich an teine. Tha an call air a mheas aig tri mìle dolair.
O thoiseach Iulaidh, an uiridh, gu deireadh Aprail, am bliadhna, bha luach $17 ,530,556 de dh’ òr air a chur air falbh á Canada. Chaidh a’ mhor chuid de sin do na Stàidean. Anns na deich miosan ceudna bha luach beagan thairis air ceithir millean dolair de ghual bog air a chur air falbh as an dùthaich, agus bha luach faisg air ceithir millean dolair de ghual cruaidh air a thoirt innte. Bha air a chur air falbh de luaidhe ’san ùine sin, fiach $2 ,123,766; de nickel, $859 ,720; de chopar, $2 ,046,258; agus de dh’ airgead, $5 ,032,889.
Chuir an t-arm Breatunnach aireamh shaighdearan dhachaidh o chionn ghoirid—saighdearan a bha nan luchd-faire air na campaichean agus a thuit nan cadal, mar so a cur beatha an airm gu leir ann an cunnart mor. Fhuair iad so bho thri gu deich bliadhna anns a phriosan. Dh’ fhaodteadh, a reir an lagha, peilear a chur annta, ach o’n a bu chogadh so a bha gle chruaidh air na daoine bochda, agus iad air an claoidh gu mor leis gach cruadal—teas an latha agus fuachd na h-oidhche—chunnaic ceannardan an airm freagarrach an leigeil as le ’m beatha.
Tha muinntir Ghlace Bay, an àite soillseachadh nan sràidean a thoirt do chuideachd, mar a tha iad a deanamh ann am bailtean eile, a’ dol a ghabhail airgeid an iasad air son innealan electric a cheannach leis an deanar sin air an cosd féin. Agus cha ’n eil teagamh, ma nithear an gnothuch obrachadh gu cùramach, nach caomhainn iad airgead le sin a dheanamh. Tha iad anns an ni so a leantuinn an ceumannan sluaigh baile-mor Ghlasacho, aig am bheil soillseachadh am baile féin, carbadan na sràide, agus goireasan eile dhe ’n t-seòrsa sin, ’nan làmhan o chionn iomadh bliadhna, agus sin le buanachd mhor dhaibh féin. Tha Glasacho, gun teagamh; air aon de na bailtean mora a’s fhearr riaghladh a tha air an t-saoghal. Tha sinn an dòchas gum bi an ceart ni fior mu bhaile beag Ghlace Bay.
Tha a’ chùirt mhor ’na suidhe air an t-seachdain so. Tha uiread, mur eil barrachd, chàsan air a beulaobh ’sa bha aig aon àm riamh roimhe, agus cha ’n eil e idir coltach gu ’n urrainnear crioch a chur orr’ uile, mur suidh a’ chùirt na ’s fhaide na ’s àbhaist.
Tha na mathain a’ deanamh call mor am measg nan caorach an ceann a tuath an eilein so. Tha iad air fàs cho dalma ’s gu bheil iad a toirt as deigh nan caorach air a’ mheadhon-latha. Bu chòir ionnsuidh a thoirt air cur as do na beothaichean béisteal so, oir cha ’n eil bliadhna dol seachad gun iad a dheanamh call mor am measg nan treud.
Tha fosgladh an rathaid-iaruinn agus na meinne guail an deigh dusgadh mor a dheanamh air baile beag Phort Hood, ceanna-bhaile siorrachd Inbhirnis. Tha a’ mhèinn air a h-obrachadh gu bras, agus àireamh mhor dhaoine ’gan cosnadh innte. Tha taighean agus stòraichean ùra ’gan togail, agus tha coltas beothachaidh air a bhaile nach robh air o chionn iomadh bliadhna.
Leth-cheud bliadhna air ais dh’fhàg fear Mathanach a dhachaidh ann anSt . Ann’s, agus cha chualas guth no iomradh air anns an ùine sin. O chionn da bhliadhna chaidh brathair dha do ’n Chlondaic. Choinnich e air gill’ òg, leth-Innseanach, anns an duthaich sin agus bhruidhinn e ris a ghille ann an Gàilig. Thuirt an gille ris na ’n tigeadh e gu taigh athar comhla ris gu ’m bruidhneadh athair Gailig gu leor. Chaidh e comhla ris a ghille agus fhuair e mach gum b’ e fear an taighe a bhrathair, —a cheud shealladh a chunnaic fear seach fear dhiubh dhe cheile ann an leth-cheud bliadhna.
Tha na Gàidheil Earraghaidhealach o chionn da sheachdain ag ionnsachadh cleasachd airm aig Abhainn Bhaddeck, far an abhàist daibh a bhith mu ’n àm so gach bliadhna. Bidh iad a’ fàgail a’ champa am màireach. Ged a tha a’ bhuidheann so air a cur air leth mar réiseamaid Ghàidhealach, agus ged is Gàidheil gu ire bhig gach duine dhe na th’innte cha’n eil iad air an comharrachadh o na reiseamaidean Gallda le suaicheantas sam bith ach bonaid ghorm Ghlinngaraidh. Bu chòir do mhuinntir Cheap Breatunn feuchainn ri airgead a chur cruinn air son an éideachadh gu h-iomlan anns an deise Ghàidhealaich; na ’n deante sin tha sinn a creidsinn gu ’m biodh an 94mh air aon de ’na buidhnean a b’ fhearr a bhiodh an Canada.
Bha Talla nan Daoin’ Oga cho làn ’sa chumadh i oidhche Di-luain, agus bha gach aon a bha làthair làn riaraichte dol dhachaidh. Tha Miss Ami Mhoraidh na bàn-òranaiche bhinn, agus tha na h-eachdraidhean ’s na sgeulachdan beaga bhios i ’g innse mu na h-òrain a bhios i a’ seinn, fior thaitneach. B’ òrain Albannach a sheinn i uile, agus b’ òrain Ghàilig a dha dhiubh— “A chuthag,” agus “Gun chrodh, gun aighean.” Cha ’n eil i fhathast ach ag ionnsachadh na Gàilig, agus air na h-òrain a sheinneas i ’sa chainnt sin gheibhear beagan de bhlas na Beurla, ach ’se fior bheagan; agus mur eil sinn am mearachd, thug an dà òran a dh’ ainmicheadh uiread toileachaidh do ’n chuideachd a bha cruinn ri dà òran sam bith eile sheinn i. Oidhche Di-màirt bha Miss Mhoraidh ann an Glace Bay, far an do choinnich tigh làn eil’ i. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil i an dùil cuairt eile thoirt an taobh so air an ath shamhradh.
Cha ’n eil sinn cruaidh ort!
Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10—bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15—tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.
H . H. Sutherland & Co.
Bathar Cruaidh
Tha sinn a’ cumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.
Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 9. No. 52. p. 6]
Turus do Norway.
LE A. CAMARAN, SLEIBHTE ’SAN EILEAN SGIATHANACH.
EARRANN II.
Anns an aireamh mu dheireadh thubhairt mi gu’m feuchainn ri beagan tuilleadh innseadh mu chleachdaidhean agus mu dhoigh-beatha an t-sluaigh. Ann a bhi deanamh sin ’s eudar dhomh bhur cuir a’n cuimhne gur e ùine gle ghoirid a bha mise anns an dùthaich, agus nach faca mi ach gle bheag de’n t-sluagh agus de’n cleachdaidhean. Gidheadh, an neach a chumas a shuilean agus a chluasan fosgailte ann an tir aineolach, ’s iongantach na dh’ fhaotas e fhoghlum eadhon an ùine ghoirid.
Co dhiubh a tha no nach eil móran de mhaithean na duthchadh a còmhnuidh anns na h-àitean far an do thaghail sinne cha’n fhaca sinn iad. Uiread sa chunnaic sinne ’s ann de’n cheathairne, no de shluagh cumanta na dùthchadh a bha iad. Agus do’n taobh sin chuir e mòr iongantas orm cho coltach ’s bha iad ’n am pearsa, ’n an éideadh, ’n an doigh-bruidhne, agus ann an caochladh dhoighean eile ri Gàidheil àird’ an Iar-Thuath na h-Alba, agus gu sonruichte ri daoine an Eilein so fhein. Shuidh mi am measg cothional diubh, ann an aon de na h-eaglaisean aca air la Sàbaid, agus bho choslas nan daoine mu ’n cuairt orm, dh’ fhaotainn gu furasd mi fhein a smaointeachadh aig coinneamh ann an Tigh-sgoil Aird Shléibhte! Tha eachdraidh ag innseadh gun robh muinntir Nòrway agus Denmark, —na Lochlainnich mar a theirte’ riutha, —a riaghladh thairis air tìr-mòr, agus gu sonruichte air Eileanan na h-airde an Iar-Thuath so againne airson 400 bliadhna. Dh’fhàg iad ’nan déigh iomadh comharradh air a ghreim ladair a bh’ aca air na dùthchanna so. Tha nis bho 800 gu 1000 bliadhna bho dh’ fhalbh na Lochlannaich, ach gus an làtha ’n diugh ’s iad na h-ainmean a thug iadsan air mòran àitean anns na h-Eileanan so a tha orra. Is iad ainmean Lochlannach a tha ann an “Sléibhte,” “Na Gilean,” “Tarscabhaig,” “Tòcabhaig,” “Caol-Thaacain, ”— ( ’s e sin an Caol far an robh slabhruidh bho thaobh gu taobh aig Hàcon righ Lochlann gu càin a thogail de na luingeis a ghabhadh seachad)- “Hùsabost,” “Grìsornish,” “Hamera,” “Mongastad,” etc. Nis, na daoine a dh’fhàg na h-ainmean sin nan déigh, dh’fhàg iad mar an ceudna gu cinnteach mòran de’n sliochd as an déigh. Nach faodadh e gu maith a bhi uime sin, gur e sin is aobhar do ’n fhior-choslas a tha eadar sluagh Norway an diugh agus mòran de luchd-àiteachaidh nan dùthchannan so? Tha an fhior-choslas so ri fhaicinn mar an ceudna ann an ainmean an t-sluaigh. Chunnaic sinn so aig àite do’n ainm Visnaes far an deachaidh sinn air tìr aon la. Ann a bhi gluasad sios ’us suas, agus a bruidhinn ris na daoine, fhuair sinn a Bheurla aig neach an sud ’s an so, agus facail Bheurla aig mòran diubh. Bhitheamaid a bruidhinn ri clann sam bith a thachradh òirnn air an rathaid, agus a faighneachd an ainmean diubh. Bha aon ghille beag a chunnaic sinn agus soitheach aige làn do dhearcan coltach ri smeuran dubha, ’us e gan ithe. Bha aodann air a “phlastereadh,” ’us air a dhathadh, bho chluas gu cluas le sùgh nan dearc, gus an robh e cho dubh riutha fhein! Thug sinn air a thuigsinn gu’m bu mhath leinn fios fhaotainn c’ ainm a bh’ air. “Iohann,” ars’ esan. B’ e so “Iain!” Chunnaic sinn gillean beag eile air an robh na h-ainmean “Peadair,” “Màrtainn,” “Carl,” ( “Tearlach” ), “Haco,” “Aindreas” ( “Andrew” ); agus nighean an do’m b’ainmean “Agnes,” “Marta,” “Anna,” “Màiri,” agus “Ingebord.”
Do thaobh an fhearainn, ’s e an Crùn is uachdaran anns a chuìd mhòr de’n dùthaich. Tha an tuathanach a pàigheadh màl do’n Chrùn, dìreach mar a phàighear càin agus cisean eile. Co dhiubh a tha no nach eil sin a chum barrachd feum do’n t-sluagh na am fearann a bhi aig uachdarain mar anns an rioghachd so, cha b’urrainn domhsa a dheanamh a mach. Ach ’s e gle bheag de dh’fhìor fhearann math àitich a th’ann uile. Bho nàdar na dùthchadh, —le beanntan árda, cas; le glinn chumhann, fhada; agus le lochan mòr de’n mhuir a gearradh suas troimh an tir, —cha ’n urrainn doibh mòran de thalamh-àitich a dheanamh ann. Gidheadh chunnaic sinn beagan de thalamh-àitich a bha coimhead gle mhaith, araon an cois na mara, agus anns na srathan a bu mhò troimh an deachaidh sinn. Ach de na chunnaic sinn de dh’fhearann air àiteach, no freagarrach airson àiteach, bha gann a leth air a threabhadh agus fo bhárr gorm no geal. Bha an earrann a bu mhò dheth fo fheur nàdurrach. A reir coslais ’s ann ri feur, na’s mo na ri arbhair, a tha iad ag earbsadh airson biadh spréidhe. Chunnaic sinn an sud ’s an so spotan de choirc ’s de eorna, ’s de bhuntata, ach ’s mo gu mòr a chunnaic sinn anns gach àite de dh’ fheur nàdurrach. Bha pìosan anns nach robh ach beagan shlatan, ’measg chreagan ’us chlachan, agus pìosan eile na bu mho, suas gu mòran acraichean, a bha, a reir coslais, fo fheur bho bhliadhna gu bliadhna. Bho ’n is ann aig àm buain ’us ghabhail an fheoir a bha sinn anns an dùthaich, chunnaic sinn an doigh anns am bheil sin air a dheanamh. Tha iad ga bhuain le spealan beaga, caol, anns nach eil ach mu leth an fhaide a tha anns na spealan againne; agus uime sin cha ’n urrainn an spealadair spadhadh cho mòr a deanamh is a nithear ann an so. Air na pìosan fearainn a tha fo fheur tha seorsa callaid (no fence) air a chuir suas, agus air fhàgail na sheasamh bho bhliadhna gu bliadhna. Anns a chuid as trice tha na callaidean so air an deanamh de chabair caola, direach; ach chunnaic mi feadhainn air an deanamh de shreang-
REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.
Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.
Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls , Ulsters, Reefers,Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.
Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois.
Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.
Innsridh Taighe: Wringers ,Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.
Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain.
THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Stor Ur! Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn
So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman a’s fhearr.
Croinn Threabhaidh “Verity” aon each. Croinn Treabhaidh “Verity” da each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.
Mar an ceudna—
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.
F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.
[Vol . 9. No. 52. p. 7]
an laìdir, sinte gu teann eadar puist fhiodha, agus feadhainn de wire. Tha bho dhà no tri de shlatan, suas gu ceud slat de dh’ fhad anns na fences so, a reir meud a phìos fearainn air am bheil iad. Co luath ’s a bhuainear am feur, tha an luchd-oibre ga sparradh, ’s ga chàradh anns na fences so. Tha iad a tòiseachadh, gu h-iosal, agus gan lionadh suas eadar na cabair tarsuinn,— (no na sreangan, no na wires tarsuinn) —gu ruige am mullach, a tha mu àirde duine, gus mu dheireadh nach faicear na cleithean idir, ach mar gum bitheadh dìg reamhar fheoir. Tha am feur gu math fada, agus mar sin tha e fuireach air na cleithean; tha a ghaoth a dol air fheadh, agus tha e deanamh tubhadh dha fhein bho ’n uisge, gus am bheil e ullamh gu a chuir a stigh. Tha am feur mar so a gleidheadh a dhath, ’fhàile, agus a shùgh, mòran na ’s fearr na tha e anns na prapagan, agus na tudanan a bhitheas sinn a deanamh dheth aig an tigh.
Tha crodh, ’us caoraich, ’us gabhair gu leoir aca, ach tha mi duilich nach faca sinne ach gle bheag dhiubh sin. Tha an crodh air an cuir air àiridhean gus na monaidhean àrda fad an t-samhraidh, agus tha mòran de mhuinntir nam bailtean gam buachailleachd an sin, dìreach mar a b’ àbhaist doibh a bhi deanamh uair eigin air a Ghaidhealtachd. Mar so thachair e nach fhaca sinne ach aon iomain de chrodh, ann an gleann troimh an deachaidh sinn. Bha iad so nam beathaichean gle bhoidheach r’ am faicinn. Bha dath breac orra, —dubh ’us geal, agus dearg ’us geal. Cha robh iad ro throm, ach eutrom, beothail, agus coltas ro chruadalach orra. Cha robh e soirbh r’ a thuigsinn ciamar a dhìricheadh feudail sam bith ach na gabhair fhein na beanntan arda creagach ud gu fàsach. Chuir mi fhein a cheist sin air daoine a thachair orm, agus sheall iad dhomh bealaichean agus cadhachan sonruichte troimh am bitheadh iad a cuir suas an crodh.
Tha doigh gle innleachdach aca gu bhi cumhnadh saothair ann a bhi toirt an t-annlann sios bho mhullach nam beann, agus ann a bhi cur iomadh ni sios agus suas gus an fheadhainn a tha air na h-àiridhean. Eadar àit’ eigin ann an taobh aon de na beanntan as àirde agus as caise, aig am bheil an àiridh faisg air a mhullach, agus craobh làidir anns a chomhnard gu h-iosal a mach pios bho bhonn na beinne, tha iad a sìneadh wire làidir. Air a wire so tha iad a crochadh cumain bainne, no ni sam bith eile a bu mhath leo a chuir sios na suas. Tha cuibhle aca aig a mhullach leis an cuibhlear suas an t-sreang a tha an ceangal ris an rud a tha an crochadh air a wire. Chunnaic mi aon no dhà de na h-uidheaman so, agus soithichean bainne ’us rudan eile a tighinn a nuas orra. Mheas mi gun robh bho leth-mhìle gu mile de dh’ fhad eadar dà cheann a wire.
Tha na tighean anns am bheil an sluagh a gabhail comhnuidh uile air an deanamh de fhiodh. Tha cuid diubh nan deagh thighean, —air an togail agus air an cuir ri cheile gu snasmhor, làidir. Ach tha mòran diubh nach eil math idir, agus anns am bheil am fiodh air dol a dholaidh, agus air dol as a cheile. Chuir e gu dearbh iongantas nach bu bheag oirnn gu ’m b’ urrainn daoine a bhi fuireach annta ann an dùthaich cho fuar ri Norway. Agus eadhon na tighean a b’fhearr anns an robh sinn, ’s eudar gu ’m bheil iad, —no co dhiubh gu ’m fairicheadh sinn iad, —gle fhuar ri sneachd ’us reothadh.
Bha sinn air tìr aon la Sàbaid an àite do ’n ainm Merok, agus chaidh sinn maille ri comhlan de ar luchd-co-thuruis gus an Eaglais bheag Lochlunnach a bha an sin. B’ e Sàbaid a Chomanachaidh aca a bh’ann. Agus bho ’n a b’e Sàbaid a Chomanachaidh againn fhein ann an Sléibhte a bh’ann mar an ceudna, ged a bha mi ’n am shuidhe ann an Eaglais Mherok, bha mo smuaintean gle thric anns a Chìll-mhòir!
(Ri leantuinn).
Iadsan a Phaigh.
Tormad Mac Asguill, Framboise .
Niall Mac Guaire, St . Rose.
Colla Domhnullach, Sidni.
Padruig S. Mac Neill, Sidni.
Micheal M. Mac Neill, Sidni.
R. R. Domhnullach, Washabuckt .
R. I. Mac Neacail, Acarsaid Bharrachois.
M. R. Johnston, am Pon Mor.
Eoghan Gillios, Bràighe Mhargaree.
Eoghan Mac-a- Bhiocair, an Gleann Mor.
Uilleam Burc, Mabou Bheag.
Uilleam Mac Pheitiris, Forks Shidni.
An t-Urr. C. C. Mac-an-Toisich, Reserve
Bean Iain Mhic Dhiarmaid, Stirling .
Aonghas Buchanan, Reserve Mines.
M. R. Mac-Neill, Benacadie Pond.
E.Mac Neacail, Cul Cobh a Bheabheir.
I. McThearlach, an Abhainn Mheadhanach.
An t-Urr. I. D. Mac Leoid, New Glasgow.
A. Mac Eachairn, Brown ’s Mountain, N.S.
Eoghan Mac Gilleain, Eilean Phictou.
Iain R. Shiosal, Meinn Acadia.
Coinneach M. Mac-a- Ghobha, Nepigon , Ont
Iain Mathanach, Armow, Nepigon , Ont
Cailean Siseal, BaileDawson , N. W. T.
Iain L. Brower, New York.
Domhnull Mac Mhuirich, New York.
Domhull Mac Leoid, Detroit , Mich.
Eachunn Mac Gillean, Glasacho, Alba.
Fearchar Mac Rath, Rudha-sgarabhaig Alba.
Iain Domhnullach, Cnoc nan Torran, Alba.
Alasdair Beutan, Inbhirnis, Alba.
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Laoidhean Dhughaill Buchanain .10
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands,by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. Mc-Ian. (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha a air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gaeh “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO.
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
Amy Mhoraidh.
FEASGAIR DE DH’ ORAIN ALBANNACH.
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E. 14th St., New York.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 9. No. 52. p. 8]
Buaidh Leis na Seoid.
LE ALASDAIR MAC GRIOGAIR.
Faigheadh cliù o gach rann-fhear, gu ceolmhor’s gu binn,
An Dubh-Fhreiceadan Gàidhealach a dh’ àraich na glinn—
Cuimir, fuasgailteach, fìnealta, slàinteil ’s a’ chom,
Fearail, ceannsgalach, cruadalach, treun, agus trom.
’S gu robh buaidh leis na seòid ghuineach, gharg agus bheò,
Chaidh do bhuillsgein nam Frangach, mar ghaoith ’dol ’s a’ cheò;
A’s nach d’ fheuch fathast cùl do neach riamh nach robh leò,
Oir cha striochd sliochd nan garbh-chrioch, a’s annta an deò! ’S gu robh buaidh leis na seòid.
’S maith thig breacan-an-fhéilidh gu léir do na suinn—
Osain ghearr air an calpannaibh dòmhail, geal, cruinn;
A’s iteagan dorch’ air slios gorm-uidheam cheann;
Sud i éideadh nam blàr, ’s cha bi ’n té fhada, theann, ’S gu robh buaidh, &c .
’S ceart a labhras iad cànain na h-Alba o chian,
Mar a bha i aig Fionn a’s aig Oisian gu dian;
Cha do ghluais chum na tuasaid, ’s a chaoidh iad cha ghluais,
Gun am bolg-fheadain mheur-thollach, fhuaimneach ’n an cluais.
Cha tearc gàbhadh a’s àit as an d’ thàinig le buaidh
Gaisgich chalma na còmhraig, ’s nan dlùth-bhuillean cruaidh;
Roimh gach diomhanas, sògh, aighear, ’s aoibhneas a thagh,
A bhi ’dionadh an saorsa, an dùthcha, ’s an lagh’!
’S iomadh deuchainn a fhuiar na fir àrdanach, bhras,
Bho ’n nach géilleadh dhiubh làmh, ’s o’n nach tionndadh dhiubh cas,
Bho ’n nach fheudadh gu ’n caochaileadh an dualchas na ’n cleachd,
Leis an d’ fhàgadh gun samhladh an sinnsir ’s a’ ghleachd.
Mar a bhlàth-mhadainn shamhraidh, iad ciùin ann an sìth,
Ach mar gheamhradh nam beann aca, searbh ann an strìth;
Sgaiteach, gruamach, a’ luaithreadh nan naimhdean le feirg,
’G an cas-ruagadh ’s ’g an sguabadh a araichibh dearg!
Cha ’n ’eil ùine ni ’s mò a’ ruith dhasan nach géill;
Bidh, mar dhearbhadh, corp marbh, gu ’m bu ghann e do chéill;
Seachnadh ’n tì leis nach fearr guin an éig, na bhi slàn,
Casadh riusan a suas, ’tha cho millteach a’s dàn!
Mar is gairge an nàmh, mar is cruaidhe an cath,
’S ann is àirde ’n sin inntinn luchd-thrusgan nan dath;
Tha ’s an dòruinn a’ fàs anam mor dhoibh air fad,
Leis an reub, leis am mill, ’s leis an claoidh iad gun stad.
’S i so ’n fhìrinn gu dearbh, air gach seòl agus dòigh,
’S ga co’ -dhaingneach’ gu dìlinn, bidh là Fontenoi;
Sud an là a thug ainm dhoibh air tùs anns an fheachd,
Bha an arm uile-dhìleas do ’n Righ ’s do gach reachd.
Och! chaidh ’n sàruch’ ’s an leonadh; bha ’n ceud charraid teth,
Oir aig Ticonderoga, gu ’n chaill iad an leth;
Na sheas, bhuadhnaich le còmhnadh na dh’ aom gu ro ghrinn;
Rinn a’ chomhsti ud Rioghail iad, ’nuas feadh gach linn!
Rinneadh gniomharan leò anns gach tìr chum an deach’,
Bhios ’n an ioghnadh ’s nam miorbhuil’ gu bràth do gach neach;
Cha leig air dearmad an saoghal, an treuntas gu sìor,
’M feadh bhios spéis agus mor-mheas do shaighdeireachd fhìor!
Ach co cheòlraidh no ’n teangair is oirdheirce th’ ann,
’S urrainn innseadh mar ’bhuadhaich ’s an Eiphit a’ chlann!
Luaidh neo-ghann, gathan-lann, sleaghan-chrann, chaidh gu luath,
’M fir do-cheannsach’ do chàch, o na h-àrmuinn o Thuath!
As na gàirdeanaibh lùth-chleasach, féitheach, ghrad leum
Goimh a’s bàs a chuir miltean o chainnt a’s o fheum!
Ghabh na laoghaich ’s an àm mireadh ’n searbh-chath a’s conn,
’Dol troimh dhùintean a’s àr-chlosach naimhdean le fonn!
’S glan a dh’ éirich am buaireas air còmhlan an àigh,
Oir le léir-sgrios chaidh Frangaich a bhualadh gun bhàigh!
Thuit gach aon air an làr dhiubh, ’n a shèimh-chadal buan,
’S thug na Gàidh’l leò an sròl aca nall thar a’ chuan!
Mar so buaidh leis na seòid ghuineach, gharg agus bheò,
’Theid do bhuillsgein nam Frangach, mar ghaoith ’dol ’s a’ cheò;
’S nior fheuch iad an cùlthaobh do ’n dream nach bi leò,
O, nior striochd iad gu siorruidh, a’s annta an deò!
’S gu robh buaidh leis na seòid.
An t-Oighre Og.
SEISD—
Hó hì ’s na hì iù o,
Hó hì ’s na hì iù o,
Haor irì ’s na hì iù o,
’S e mo rùn an t-oighr’ òg.
Oighr’ òig á Dùnbheagain,
Nam pioban ’s nam feadan,
’S mi gu ’n deanadh do fhreagairt,
Le fead ceann-a’ -mheòir.
’S e ’s fhasan do ’n àrmunn,
’Bhi ’falbh anns gach àite,
Le ’ghillean ’s le ’bhàta,
’Bha àluinn ’s gach dòigh.
Cha bhiodh ormsa bonn cùraim,
Ach thu fhéin ’bhi ga ’stiùireadh,
Ged a bhiodh a’ mhuir dhùbh-ghorm
Tigh’nn dlùth do ’n t-slait bheòil.
Tha ùbhlan ’ad ghàradh,
Agus peuran a’ fàs ann,
Tha do chrodh air bhàrr fàsaich,
’S tha do bhàta fo sheòl.
’S ann aig gairmeadh a’ choilich,
Fhuair mi sgeula na foill’ ort:
Chaidh tu seachad an fhaghail,
’S cha do thaghail thu oirnn.
Sguiridh mise ga d’ iargainn,
Bho ’n nach fhaigh mi thu ’m bliadhna,
Ach, so mo làmh nach mi ’chiad te
’Fhuuir briathran do bheòil.
Bas.
Aig cul a Phon Mhoir, air a’ cheathramh latha fichead dhe ’n Mhaigh, bean Dhomhnaill Chaimbeil (Domhnall mac Calum). Bha i ann an droch shlàinte o chionn còrr us sia miosan, ach cha robh dùil ri a bàs cho luath. Dh’ fhàg i ceathrar chloinne, aon mhac agus triùir nighean. Bha i air a tiodhlacadh aig a Phon Mhor. Bha i ’na mnaoi chliùitich air an robh deagh mheas aig na coimhearsnaich uile, agus bidh ionndrainn mhor oirre.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Reic-a- mach.
Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse
An t-Iomlan de ar Stoc
DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE
air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so.
TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,
Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan
“INVICTUS”
Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater.
A . W. REDDEN & Co.,
Ross Block.Sraid Shearlot.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:—
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
WM . COYNE, Traffic Manager.
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bith, o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 52 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 52. %p |
parent text | Volume 9 |