[41]

[Vol . 9. No. 6. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 10, 1900. No. 6.


ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. VII.

A BREITH AGUS MAR CHAIDH A CO-LIONAIDH.

Bha h-uile duine, chan ann amhain mun chaisteal, ach an Ichburg gu leìr, fo iomagain ciod a chrioch a thigeadh air cuirt Mhairi bhochd. Bha an fheadhainn bu tairis fo churam thaobh a beatha; oir anns an am ud bha na laghanan ro-chruaidh an aghaidh na meirle, agus chaidh moran a dhiteadh gu bàs air son nìthean nach robh an leth cho fiachail ris an fhàinebha air chall. Cha robh dad ann a bfhèarr leis an Iarla na Màiri fhaighinn neo-chiontach; chaidh e thairis air gach fianuis e-fhéin, agus chosg e moran uairean arannsachadh chùisean comhla ris abhàillidh, ach cha burrainn da dearbhadh sam bith fhaighinn gun robh Màiri neo-chiontach, chionn air léirs mar a bha [ ? ]ean asealltuinn, bha e do-dheante gum burrainn am fàine a bhi aig gins am bith eile. Ghuidh an da Bhan-Iarla, amhathairs a nighean, le deoirna sùileabh, gun Mairi a dhiteadh fhathasd. Bha an seann duine anns aphriosan, ag urnaigh alatha agus adhoidhche, gun stad, ri Dia, gun dthugadh e neo-chiontas Màiri fhathasd an uachdar. A h-uile uair a chluinneadh Màiri gleadhair nan iuchraichean aig fear aphrìosain a tighinn, shaoilidh i gur ann a dhìnnseadh binn a bàis a bhitheadh e. Anns an am cheudna, bha fear sgathadh nan ceann a glanadh an àite air son na h-obair oillteil, le bhi aréiteachs a tarruinn air falbh gach luibh fhiadhaich a bha fàs ann.

Bha Ceit ga fhaicinn ris an obair so, ’nuair a bhiodh i gabhail sraid, agus bha e toirt crith fhuar air a cridhe. Bha i fo gheilt mhoir; shuidh i sios aig a suipeir, an oidhche sin, droch nial oirre, ’si sàmhach, agus thug gach aon air aire nach robh a h-inntinn aig socair. Is gann gun a dhùin a suilean fad na h-oidhche, agusnuair a dhùineadh iad, anns amhionaid dhuisgidh i le clisgeadh, oir barrachd is aon uair, bha i bruadar air ceann Màiri fliuch le fuil. Cha robh a coimhseas mi-cheart a leigeil tàmh leatha a no dhoidhche; ach bhan nighean shuarach cho sòghmhor agus saoghaltana cridhe agus nach robh de mhisnich aice, na chuireadh ceart na thubhairt i leis a chùis aideachadhan am.

Ma dheireadh thall, thug am britheamh a mach abhinn: “thoill Màiri airson mèirle shoilleirus thruim agus airson aicheadh cho dur, am bas; ach air sgàth a h-òige agus feabhas a giulain roimhe so, tha bhinn air a h-atharrachadh gu prìosan fad a làitheanan taigh acheartachaidh (correction); a h-athair a bhas achionta còmhla rithe, no letheagasg eucorach a dhionnsaich an t-olc dith, theid easan a chuir air falbh gu bràch à duthaich an Iarla; agus theid na bhuineas daibh a reic gu beagan diolaidh-fiach a dheanamh air son an cionta mhòir, agus cosgaich alagha.” Dhaotromaich an t-Iarla abhinn beagan eile, bha Màiri agus a h-athair rin cuir le chéile air fògradh as air dùthaich aige-san, agus dhòrdaich e, los nach bithidh an còrr bruidhne mun chùis, gun togadh iad orra mu shoillearachadh an ath latha.

Nuair a bha Màiri agus a h-athair g am giulain seachad air a chaisteal, thainig Ceit a mach gus an coinneachadh. Chionn gun a thionndaidh cuisean a mach ni bfhearr na bha duil aice, bha i nise air fas aotram, cruaidh-chridheach mar a babhaist. Bha e tuilleadh is dona leatha Màiri a chuir go bàs; achs e cuir as an duthaich an rud direach a bha dhìth oirre. Bha cùram oirre daonnan gum faigheadh Mairi a h-aite fhéin. Cha robh an t-eagal so nise ri bhi oirre ni bfhaide. A gràin air Màiri, a toileachadh gamhlasach, agus a cridhe eucorach fhuair an lamh-an-uachdair oirre a rithisd, gu buileach. Thuirt a bhan-IarlAmelia ri Ceit,uair a chunnaic i abhascaid bheag a thug Mairiga h-ionnsaidh air bord a bha stigh, “Tog air falbh a bhascaid ud às mo shealladh, tha i dùsgadh smaointeanan brònachn am inntinn, agus chan urrainn mi sealltuinn oirre gun bhi muladach.” Chum Ceit a bhascaid an aite deiseil, agus thug i leathinise dhionnsaidh an rathaid. “So, thoir leat do thabhartas air ais a rithisd,” ars ise gu tarcuiseach ri Màiri, “cha bhi dad aig mo bhana-mhaighstir urramach righràthuinn ris an leithadain sin de thabhartan. Tha do bhòsd a nise air a thoirt a nuas cosmhuil ris na flùrsbha diul agad a chreic cho probhaideach agus tha mi ro-thoilichtebhi agam ris abhascaid a thilleadh gad ionnsaidh a rithisd.” Thilg i a bhascaid aig casan Mairi, agus le gàire uaibhreach, thionndaidh i air a sàil, chaidh a stigh don chaisteal, agus thug i fuaim air an dorus as a déigh.

Thog Mairi a bhascaid gu samhach, agus le deoirna suilean, chum i air adhart. Cha robh fiù a bhata aig a h-athàir, cha robh dad aig Màiri ach a bhascaid. Le sùilean déurach thionndaidh iad mun cuairt mìle uair, a shealltuinn air ais air dachaigh an athraichean gus eadhon, ma dheireadh, gun chiall iad sealladh air a chaisteal àrd agus air mullach stiobull na h-eaglais, le cnoc ard a bhair a chomhdach le coille. ’Nuair a dhealaich na maoir ri Mairi agus rih-athair, anns a choille mhoir, aig a chloich a bha comharrachadh a mach crioch duthaich an Iarla, shuidh an seann duine sios, sgith le bròn is trioblaid inntinn, air achloich a bhair a còmhdach le còinnich, agus air a duabharrachadh le craoibh dharaich a bha corr agus ceud bliadhnadhaois.

Trobhad mo nigheann,” ars easan, agus ghlac e i na lamhan, agus thog i a lamhan suas ri neamh comhla rilamhan fhéin, “airson gach ni thoireadhmaid taing do Dhia; chionn thug e sinn a mach as a phrìosan chumhan, dhorcha dhan tla-ghaoth sgaoilte so bho neamh; chionn ghleidh e ar beatha duinn, agus thill e thusa, mo nighean, a rithisdg am ionnsaidh.”

Thog an t-athair a shùilean suas ris na speuran, a bha dealradh gu soilleir, gorm tromh dhuilleach uaine na craoibh dharaich, agus rinn e ùrnaigh le guth àrd. “Athair ro-ghràdhach thanns na Flaitheas! Aon threise do chloinne air an talamh! Fhir-chuideachaidh nan truaghain! Tha sinn ro-thaingeil duit chionn gun a shaor thu sinn o cheangalaichean cruaidhe, on phrìosan agus on bhàs? Gabh ri ar taing airson gach mathas a bhuilich thu oirnns an duthaich so. Cia mar a burrainn duinn na criochan so fhàgail, gun sealltuinn suasgad ionnsaidh le gràdh! Feuch, man téid sinn a steach do thir chéin, ni sinn ùrnaigh riutsa! Seall a nuas air athair brònach, agus air a leanabh déurach! Gabh sinn fo ddhion! Bi thusan a dfhear iuil diunn, air an t-sligh ghairbh sin, anns am feudar domhsa agus do mnighinn, a nise ma dhfhaote, triall! Cuir sinnan rathad sluaigh criosdail, gluais an cridheachan gu truas; deonaich dhuinn, air an t-saoghal fharsuing so, gum faighmaid aon spot anns an caithemaid an corr dar laithean an sith, agus bas fhaoitinn le earbsa neo-mhearachdach. Ma dhfhaodte gun duidheamaid thun t-àite air ar son mar tha, ged nach aithne dhuinne! Acreidsinns ag earbsannad tha sinn acumail air aghaidh gu misneachail.” Air daibh a bhig urnaigh mar so, Mairi ag aithrisna cridhe, briathram a h-athair, ghlac iad misneach mhios bhuileach, agus lion an cridheachan le sith a bha àrd agus sòlasach.

CAIB. VIII.

CARAID AN AM AN FHEUMA.

Aig an am so, co thainig a mach as achoille ach Antoni, sealgair an t-seann Iarla, air an robh Iacob gle eolach aon uair, ann aseirbhis a sheana mhaighstir. Bha e sealg féidh fad an latha.

Diagur gleidheadh, Iacob,” ars easan, “an sibh a thann? Bha mi smaointeachadh gur e ur guth a chuala mi, agus chaneil mi air mo mhealladh. Agus dhfhogair iad thug a rìreadh! Tha e, gun teagamh, gle chruaidh air duine a dhuthaich fhagailna shean aois”! “Ge be aites am beil na speuran gorm,” ars Iacob, “ ’se obair De achruinne, agus anns gach ionad thaghradh maille ruinn; ach ar dachaigh cheart tha annss na Flaitheas.”

Thighearna dean trocair oirnn!” ars an sealgair le guth truacanta, “agus na chuir iad air falbh thu direach mar tha mi gad fhaicinn? Am beil thu eadhon, gun chuid an fheuma de dhaodach air son an turuis!”

Easan a tha sgeudachadh na flùrs, sgeudaichaidh E sinne, cuideachd,” fhreagair Iacob.

Am beil abheag na mhor de dhairgiod agad!” dhfheoraich an sealgair.

Tha cogais ghlan againn,” ars Iacob; “agus mar sin tha sinn nis beartaiche na ged a bòr achlach air am beil min am shuidhe, agus gum be mo chuid fhéin i.”

Nach eil beagan bhonn agad co dhiu? ars an sealgair.

Abhascaid fhalamh ud aig mo chosan, sin agad mo mhaoin,” ars Iacob. Gu de shaoileas sibh as fhiach i?

An ainm an Fhortain,” fhreagair an sealgair gu bronach, “ ’s fhiach i tasdan, no ma dhfhaodte, leth chrun; ach nach beag sin!”

Nise,” ars Iacob, le gàire, “mas fhiach in uidhir sin, tha sinn bear



[42]

[Vol . 9. No. 6. p. 2]

teach mar thà, ma dhfhagas Dia feum mo dha ghairdean agam; ann am bliadhna theid agam air aon cheud den t-seorsa bhascaidean sin a dheanamh, agus le ceud leth-chrun bhithinn gu math dheth. Bha mathairna fhear deanamh chraidhleag, dhionnsaich e dhomhsa a cheaird sin agus gàradaireachd, air dhoighs gum faighinn obairs an gheamhradh. Tha mi toìrt taing da air a shon a nise, ged tha es an uaigh. Rinn e barrachd air mo shon-sa agus sholair e air mo shon ni bfhearr, na ged a dhfhagadh e da cheud punnd, suim a bheireadh a stigh gum ionnsaidh, ann a riadh, mu thri puinnd deugsa bhliadhna. Inntinn shiochaint, com slan, fallainn, agus ceaird onarach, fortan as fhearrs as cinntiche air talamh.” “Moladh do Dhia ma ta,” ars Antoni, “a chionn gun dtheid agad air a chuis a ghabhail mar sin: ’s fheudar domh aideachadh gum beil thu ceart. Tha mi creidsinn, cuideachd, gun bi t-eolas air gàradaireachdn a bhuannachd mor dhuit. Ach cait am beil duil agad a dhol?”

Air ar n-aghaidh,” fhreagair Iacob, “gu aite far nach aithnich duine sinn, far an stiuir Dia sinn.”

Iacob,” ars an sealgair, “gabh am bata laidir, math, droigheann so. Gu sealbhach thug mi leam e, as aonais cha bhiodh e furasda dhomh tighinn tromhn choille dhuintud thall. Chaneil fiu abhata agad-sair son an rathaid.” Thug e sin sporan beag leathair as a phòca, shin e do Iacob e ag ràithinn, “So dhut beagan airgeid. Fhuair mi e air son connaidh an , anns abhaile bheag ud thall, far na chuir mi seachad an oidhche.”

Gabhaidh mise bhuat am bata gu toileach,” ars Iacob, “agus tha mi ro-thaingeil duit air a shon; ach an t-airgiod, chan fhaod mighabhail, fhuair thu e air son connaidh, agus is leis an Iarle.”

Is seann duin onarach thu, Iacob,” ars an sealgair, “ach na biodh eagal ort an t airgiod a ghabhail! Is fada bhon fhuair an t-Iarlaphaigheadh. Thug mise an t-suim an iasad, o chionn beagan bhliadhnachan, do dhuine bochd, aig nach robh dad ach aona mhart, agus cha do chuimhnich mi tuilleadh air as deigh sin. An , thill en t-airgiodgam ionnsaidh, le taing, oir tha en nise ann an cothrom nas fhearr. Tha e soilleir gu leoir gur e Diatha cuir na suim so ad rathad-sa.”

Gabhaidh mise gu taingeil,” thubhairt Iacob, “agus paighidh Dia i air ais dhut-saan doigh air choireigin. Seall, aMhairi, mar a sholair Dia gràdhach dhiunne, eadhon man a ghluais sin air an t-slighe. Man do ghluais sinn far na clioche so, dheisd Dia rir n-urnaigh. Biodh deagh mhisneach agad, ma ta, gabhaidh Dia fathasd curam duinn.”

Le deoirn a shuilean ghabh an sealgair a chead diubh.” “Beannachd leibh, Iacob! beannachd leat aMhairi,” ars esan, ’s e sineadh a laimhe dhaibh. “Bha barail dhaoinonarach agam riamh oirbh, agus tha bharail sin agam fhathasd oirbh. Thig an fhirinn an uachdar uaireigin. Cha sheas ach an onair. Cha treig Dia gu brach am fear a nin ceartas agus a chuireas earbs as. Cum cuimhne air a sin, agus gun cuireadh Dia turus math oirbh!” Thill an sealgair gu Ichburg. Dheirich Iacob, rug e air laimh a nighinne, ghabh iad an rathad tromhn choillea mach feadh a t-saoghail mhoir, fharsuinn.

(Ri leantuinn.)


LITIR A AFRICA.

Tha sinn a toirt na litir so as anHighland News.Bha i air a sgriobhadh guFIONNleK. W. G;” agus tha sinn ameas gum bi e taitneach le luchd-gabhail MHIC-TALLA aleughadh, on tha moran innte-thaobh dùthaich mun robh iad a cluinntinn iomadh sgeul re an da mhios dheug mu dheireadh.

Port Elizabeth, C. C. ,Africa mu Dheas, 26 latha de Mhaigh, 1900.

MO CHARAID DILEAS, —Fhuair mi air tìr mu dheireadh, an déigh a bhi sea seachdainean ach aon latha air an fhairge. ’S beag fiughair a bhagadsas agamsan uair a dhealaich sinnan sràid an Dòchais, an déigh am feasgar a chur seachad le cuid de chinn-iùil nan Gaidheal, ag éisdeachd ri Coisir-Chiùil Eaglais Chaluim Chille, gun gabhadh e cho fada Ceap an Deadh Dhòchais a ruigheachd.

Bhe em làn bheachd sgriobhadh roimhn àm so, achs ann a chuir em thuiririch mi mar a tha na h-uile rud car-mu-chrios anns a chèarn so don t-saoghal. Cha robh mi uile-chinnteach cor-uair co dhiubh bu mhi fhéin na cuid-éiginn eile bhagam leis a char-a- mhuiltein a chuir an talamh dheth; a ghrian ri tuath aig meadhon-latha; an Geamhradh air a chàramh anns a Chéitein, ’s gun fhiughair ri Earrach gu Lunasdal, speur na h-oidhche féin air caochladh cho mòr nach fhaicear an Crann, le reul-iùilna h-Airde-tuath, ged a tha, gu fortanach, an grioglachan, ’s an t-slait-thomhais air am fàgail againn.

Chan e mhàin sin uile, ach tha mùghadh air gach ni air aghaidh na talmainn. Tha aon phreas sonruichte as nach toirear bioran am feasd, oir tha e air a deanamh a suas gu h-iomlan de fhaoban liath-uaine, cho mhòr ri làmh duine, gachleàbag,” mar a dhfheudar an ainmeachadha cinntinn a cliathaich na leàbag eile, agus na h-ùbhlan air an stobadhnan sreith mun cuairt air oir gach faob. Cha mhòr nach do chuir e uamhas orm, a cheud uair a chunnaic mi e; bha leam gun robh e na bu choltaiche ri lus a chinn an grumad a chuain, agus a chaidh a churam mearachd, gu cinntinn air taobh na beinne. ’S ann bheireadh e orm a shaoilsinn gun robh min trom-lighe.

Chithear na h-éisg ag itealaichn an sgaoithean thar mullach nan tonn, agus tha faoileann ann agus steàrnalan dorcha-odhar ri fhaicinn cho tric ris an fheadhain gheala

Anns na bailtean, mar an ceudna, tha mùghadh mòr seach aig an tigh. Anns a bhaile so féin tha mun aon àireamh de dhaoine dubha ann ri daoine geala, air am measgadh air na sràidean mar a tha na cneumhaichs na faoilleannan an dail, as déigh a chroinn.

Cha do ghabh mi mòr-iongantas ochd cuing dhaimh fhaicinn na eadhoin fichead asal a tarruing aon chairt, ach cha robh fhios agam ciod a theirinn an uair a chunnaic mi daoine dubh a tarruing charbadan eutrom, le fir, na clann, na mnathan annta! Bha aon duine dubh a tarruing gach carbad. An aite bonneid, bha paidhir adhaircean air a cheann, léine geal boireannaich mar chòtair, agus brigis gheal chotain a ruig beagan thairis air a ghlùn.

Nam faiceadh an steud-each so duinedolsan rathad air thoisicheadh e air bùirich, ’s air gabhail air gun robh edolgam purradh leis na h-adhairceann; cha bfhada bhiodh so a fosgladh rathad réidh dha. Tha na daoine so cas-ruisgte, agus theirear nacheil dòigh eile nas grinne na so air an taobh eile, theirear gum bheil e gu mòr agiorrachadh beatha nan daoinetha a tarruing a charbaid. ’S etheir mise, gum bheil tuille meas agam air duine sam bith guchur gu a leithid de obair.

A nis, on a fhuair mi cho fadair adhart, ’s fhearr dhomh toiseachadh as ùr far an do bhris mi dheth anns a cheud fhios a chuir mi chugad. Bha sinn deich lathan an déigh tighinn air bòrd, am feadh a bha sinnn ar luidhe aig Gibraltar, a gabhail a stigh luchd de pheileirean air son nan gunnacha mòra. Ghabh sinn a stigh muilion cuairt do shligean-cogaidh. A thuilleadh air so, bha tunna na dha de bhriosgaìdean, agus mar an ceudna leabaichean, ’s bobhstairean, a bha ribhi air am fàgail aig St. Hèlena air son nam priosanach, ’s an luchd-gleidhidh.

Dhinnis mis an litir aig an am sin gum bfheudar roit a thoirt null gu Eirinn, far an dthainig rèisimeid nan 4mhGlostersair bòrd. Aig Gibraltar thainig dithis de oifigich nan Camshronaich air bòrd. Eadar shaighdearan is muinntir eile bha mu mhile pearsa againn air bòrd. Cha robh dith air a bhi cridheil, le cleasan, ’s cluich air pheilsteirean, ’s ioma dòigh eile gu ar n inntinn a chumail a suas, ’s bha feum againn air rudeiginn den t-seòrsa, oir bhiodh dluth air ceithir-la-deug mun ruigeamaid tìr.

Tha na peilisteirean air an deanamh de ròpa, agus glé bhitheanta tha an luchd-cluich a feuchainn co-meud dhiu a thilgeas iad anns a bhucaid a tha air a cur aig astar sonruichte uapa.

Bha aon chleas gu math àbhachdach. Shuidh gogairneach mòr de shaighdear air beingidhs le lamh air gach glùnlùdag a laimh air a ghlùn, ’s na làmhan fosgailte gu ceapadhthainig coileachan le dhuine beag tòiseils chaidh e air a mhàgan mu choinneamh an t-seardsent. Ben cleas, gum faigheadh an duineachan a cheann a sios eadar glùinean an t-saighear gun sgleog fhaighean thairis air cluasan o na lamhan a bha fosgailtefeitheamh ris. “Gog-gog-gog-gog!” arsan coileachan, ’s eg amhare an clàr-aodain a ghogairnich, gus an dfhuair e tumadh clis a thoirt da cheann, gun na spògan a bheantainn ris aguss ann an sin a dhéirich a ghogailsa ghlaodhaich cho ceolmhor ri coileach dùnain a chualas riamh, a cur an fhir eile ridhùlan. Chaidh so air adhart gusan dthainig an ceann crom a nìos a rithis le buaidh chaithreams legog-gog-ùgu goiseilan aodann a choilich mhòir. Mar do ghàir daoine an latha sin cha do ghàir iad riamh. Thainig gille caol, àrd, fad-chluasach a nall, ’s dhfheuch esan an Seargent. Fhuair echeann a sios gun dochann, ach ann an gogadh a nìos air ais, dhùin na spògan mòra le sgleog air gach leth-cheanns cha mhòr nach do sgrios iad na clusan dheth! Bhan saighdear duilich, ach am feadh a dhiarr e maitheanas bha féith-ghàirena shùil, ’s cha do ghabh am balach idir gu done.

Air eile chaidh bocsa do iarrunn geal a chrochadh a mach air barr croinn thàr taobh na luinge, mar bhall-cuimse, ’s leig na saighdearan ioma dairireach air len dagaichean. Ach air do threud mhuca-biorach dol seachad, thoisich iad air losgadh air na creutairean, ’s chaidh fear dhiubh a leòn. Beaganna dhéigh sin thainig paipeir-naigheachd a mach fo ainmThe Vandal.” Chaidh a ràdh leis an fhear-ullachaidh, gun bu Ghotaich oifigich an t-soithich, a chionn gum benGota bainm dhi. Biad na taisdealan, mar sin naVandalan.

Anns a phaipeir so bha litir, a réir mar a leanas,

Fhir-Ullachaidh Shuairce,

O chionn latha na dhà, bha migabhail sgriob mun cuairt air aGhotlem pharantan, an uair a chaidh urachair a thilgeadh air mathair a cheart deòin an fhir a rinn e. Chaochail mathair o na lotan a fhuair e.

A nis, cha be Gotach a chuir so an gnìomh, ach aon do na Vandalan, agus tha min dochas gun cuir sibh an ceill mo chùis, agus gun tagair



[43]

[Vol . 9. No. 6. p. 3]

sibh gun deantar rium a thaobh a cheartais anabarraich sin air son am bheil Breatunn cho cliùteach.

Nam be gobag-mhòr (shark) a bhann am athair cha biongnadh ged a dheantar ball-cuimse dheth. Ach cha dith gin den chuideachd againne riamh duine, ach aon uair, a chaidh taisdealach a shluigeadham mearachd agus chaidh a thilleadh air a chladach gun dochann air.

Ciamar a thigeadh e ris an Vandal a chuir am peileiram athair, nan tilginnsa air athair-san, na eadhain nan toirinn air car-a- mhuiltean a dheanamh an uair a bhiodh e smògail anns an t-sàile?

Tha e air a chur as ar leth gu mbheil sinn toigheach air an sgadan. Nacheil na Vandala a chearta cho déigheil air?

Tha e air a radh gur e fior anail na beatha leinn a bhi ri séidils ri spùtadh cobhars an athar. Nacheil so cho fìor mu ioma Vandal, a thataomadh gun stad sruth cainnt a mach nach fheàrr nan cobhar faoin?” Agus mar sin a sìos. Ben t-ainm a bha ris an litir— “Grampus Junr. ,” agus chuir am Fear-Ullachaidh as a ceann, mar cheannsgriobhaidh, “very like awail.’ ”Cho-dhùin an litir le guidhe nach rachadh tilgeadh gun aobhar air co-luchd-turuis neo-chionntach, ’n uair a bhiodh iad a gabhail sràid. Air a shon so, chum treud anns nach biodh na bu lugha na ceud do na mucan-biorach, agus a biodh mu mile air fad, astar math air falbh a mach a cunnart nam peileirean Ma na lathan so thainig cuig companaich mhisneachail air bòrd. Bha iad adol comhla thairis o chorsa na h-Africa gu eileanan nan Canàrien o agus air faicinn doibh anGota bhi aig lamh, thainig iad a chur an sgìos tachdan air bòrd. Biad so, da chalaman, ghealbhon, agus brìd-eun beag, biteach bòidheach. Dh,’ fhuirich iad leinn fad latha, ach dhfhalbh iad air an ath mhadainn. Mar so ruith an ùine gus an druig sinn eilean St. Helena,

Bha sinn ri bhistigh aig Baile-Sheumais beagan an déigh briseadh na fàire air Di-Sathuirne, an 21de latha de April. Cha robh feum air ar dùsgadh air a mhadainn sin. Bha sinn air ar cois aig solus latha, agus a suas air clàr na luinge, le sodan tìr fhaicinn, agus le déigh gach ni ùr agus iongantach a rannsuchadh a mach. Aig a cheart àm bha sinn car muladach beannachd fhàgail aig naGlosters,” a bha cho cridheil, bheusach, laghachs a ghabhadh daoine a bhith.

Tha Eilean St. Hélena mu 18½ mile o thuath gu deas.

Air amharc a mach dhuinn, chunnnaic sinn monadh liath, glé choltach ann an cumadh riSuidheachan Artairair Dùnéidiunn, ach gum bheil an leomhann nas lugha. Bha sin aig oir dheas an eilean. Mar coinneamh dhéirich mar gum biodh ann grioglachan deChreagan Gibraltaram ballachan liaths an stallachan corrach sgorrach gun bhileag fheoir a reir coltais. Eadar da bheinn, air an urlar aimhleathan aig am bun bha baile beag, do thighean geala am measg chraobhan dosrach. Shaoilte nach robh ann ach lan duirn de thighean uile gu léir, agus bha na daoine air an rathad mhòr aig iochdar na creige, taobh a chladaich mar nach robh annta ach seangain.

Chaidh anGota stigh don chamus gu h-athaiseach uaibhreach, ’s thilg i acair eadar da luing mhòr. Bi h-aon diubh anNiobelong-chogaidh, a than sin gu faire a ghleidheadh air an eilean; bi an te eile anLake Erie,” a bhair ùr thighinn, le thairis air 300 prìosanach. Bhan Seanalair Cronje, le a bheans a theaghlach, Coirneal Schìel, Capt. Albrecht, agus thar 400 priosanach cheana air tìr.

Aig mullach na creige mòire os ceann a bhaile air an taobh tuath dheth, bha tigh geal, a dhionnsuidh an robh a treòrachadh staidhir de 700 ceum, air a gearradh as a charraig bheò. Bha suaicheantas Bhreatuinn os ceann an tighe so. Bha en a Thigh Sanuis gu fiosan a chur a mach eadar an t-eileans an long-chogaidh. Cha robh ach mu sheachdain on a cheangail cabul an dealanaich e ri BaileChip, agus than Guth-theud a ceangal gach oisin don eilean ris an Tigh-Shanuis.

Ann an tigh eireachdail dlùth air mullach coirre boidheach, a thafosgladh a suas mu choinneamh anNiobetha ceannard an eilean a fantuinn. Mu 300 tr. nas isle thaKent Cottage,” an tigh aig Cronje. Chan fhaod duines am bith dol nas dlùithe dha na mu thuaiream 100 tr. —gun chead fhaotainn o oifigeach a Chrùin. Eadar abheinn air taobh deas a bhaile, agus a cheud mhonadh a dhainmich mi, tha gleann beag cumhann, a fosgladh air camus uaigneach. ’An so tha uaighean nan traill a bhabàsachadh air do na soithichean ruith a stigh am falach don Chamus so, an déigh dhoibh luchd do thraillean a ghlacadh an Africa.

Tha am mullach is àirdes an eilsean thairi air 3000 tr, aguss ann delavaa tha na creagan air fad. Chi thunis, le suil dinntinn, rathad a suas air cliathaich na sgorr-bheinn, ris an laimh chli mar a theid duinestigh air geatabhaile.

Chaidh an tòisein beag sulbhre pongail a bha ris a ghogail, air tìr tràth air madainn Di-luain. Bhan t-uisgann air Di-Sathuirne— ’s fhuair e gealladh an t-aon charbad a bhair an eilean fhaighinn fad latha, oir chuir sinn air bonn gun rachadh cuideachd againn comhla a dhfhaicinn uaigh Bhuonaparte, agus an tighs an do chaochail e.

Bha cuid de na h-oifigich aig naGlostersadeanamh a suas an inntinn gum faigheadh iadsan an carbad, ach bha sinne air thoiseach orra; rinn sinn mòran bosd thairis air aghnothach. Chuir iadsan,air an taobh-san gu dùlan sinn, gum biodh iad shuas cho luath ruinn fhéin.

Aig 9 uairean fhuair sinn bàta a thug gus an ceadha sinn. Bha am batharga charnadh an sin, as na bàtaichean aisig, balaich dhu, is dhonn, is ciar-bhuidhe cho traugs a bhacaga ghiùlan a stigh; spriteadh de dhaoine gealnam measg, agus aon Dùidseach mòr somalta, a sheas a leth-taobh. Bha na saighdearan an sin cho tiugh, ’s cho trang ri seilleanan, am measg a bhathair. Bhan carbad, le each làidir a feitheamh oirnn, ach cha tiuchdadh tuille na triùir air an aon àite-shuidhe a bhann agus aon aig an toiseach leis a charbadair. TheirtearIainris gach duine dubh, na ri duinair bith anns am bheilspuaic den teàrr” —achs eSamya theirtear ris naMalays,” a chionn tha mòran dan ainmean a criochnachadh leis na litrichean sin.

A stigh don charbad ghabh sinn, ’s a nunn thun na drochaid, a bha thairis air dìg mhòr fharsuing, ’s a stigh air geata a bhaile, Toisein, ’s duinuasal eile a bha leinn, a coiseachd as ar déigh.

Ghabhadh an dig Lionadh le uisge nan robh nàmhaid a feuchainn tighinn air a bhaile agus than geata air a ghlasadh gach feasgar, gu ceithir uaireans a mhadainn.

A suassràid Napoleon,” chaidh sinn le fuaim nach robh cneasda, na h-uile bean is pàisde a ruith a machdhfheach a bhann. Ach, aon uair seachad air a chabhsair, bhan rathad cho cas nach burrainn na h-eich ach dol suas gu math mall. Cha robh againn ach aomadh a thoirt dar ceann, ’s chitheamid thairis air a bhalla fada shìos, na gàraidhean, ’s mullach nan tighean. Chunnaic sinn Tigh-eiridinn an Airm-dheirg, le seà bùthan air an lòn air a bheulaobh, anns an robh na priosanaich thinne. Beagan na bfhaid, air ahart, air cnocan os cionn oir a bhaile, bhan tigh anns an robh Napoleon, na ceud bhliadhnaichean an déigh dha tighinn don eilean.

Bha so uile air ar làimh dheis, anns a ghleannan chumhain.

Ris an làimh chli, bhan sgorr-bhein ag eiridh. An toiseach chan fhaicte ach luithean beaga thalls a bhos leò fhéin am measg nan clach. Ach uidh air n-uidh mar a bàirde chaidh sinn bha preas, is preas eile, ’s an sin gràinnean còmhla, ag éiridh eadar na càrnaich, ’s mu dheireadh, mun dràinig sinn am mullach, tha bothain bheaga a suas gun sùilean ann am blàthan, ’s am preasan boidheach, as an robh aodainn bheaga dhubha ag armharc a nuas gu h-aobheil, air mala na beinne.

Aig linn nan craobhan àlois, agus preasan peura-stobach, bhangeraniuma cinntinn fiadhaich, agus e aig an aon àm cho maiseachs a tha e againn anns na h-uinneagan aig an tigh. Bha lilighean àluinn agus ioma gnè flùran eile nacheil againne ach anns na tighean tethe a cinntinn anns na callaidean mu na gàraidhean.

Air dhuinn faighinn gu ruig so sheas sinn, agus thainig Tòisein a nios, an anails an uchd, ’s e cho dearg ri coileach-frangach leis an teas. ‘Ciod?” ghlaodh e, “ciod a thug oirbh teicheadh orm?” ’s thog e saicean làn mheasan, ’s chrath e mur coinneamh e. Bha e cho sgìth le ruiths an teas a nios am bruthach, gun do sginnic estigh laimh ris a charbadair. Ach mar a bairde chaidh sinns ann a bfhionnaire dhfhas an àiles bha caochladh a tighinn eadhoin air na seorsa chraobhan is lusan. Thainig sinn air na smeuran, ’s an sin chaidh sinn triomh choille ghiuthais, cho coltach ri coille Dhùnchuaich, os cionn caisteal Ionaraoraidh, gun do dhio-chuimhnich mi far an robh mi, ’s dhamhairc mi mun cuairt air son gasan roid! Bha sinn cho àrd os cionn a chamuis, nach robh anns aGhotach rud beag dubh air brata soillseach sìoda gorm, air a phreasadh le liath-ghorm thalls a bhos, far an robhn oiteag ag anaileachadh air.

Bha na coirreachans na glinn gu h-iosal fodhainn, cuid diubh creagach, glas le sgàrunaich ach mòran diubh gorm, doireach, giuthsach, le croitean, ’s dailtean mu na tighean briagha geala, ’s na bothain bheaga phongail. Rug na h-oifigich oirnn mun druig sinn am mullach, agus rinn an Sasunnach a suas ruinn mun drainig sinn uaigh Napoleon. Chaidh sinn uile sios comhla don lagan àilidhs am bheil i. Fad naoi-bliadhn-deug luidh an sin corp a Bhuadhair mhòir gam bfheudar strìochdadh mu dheireadh. Leig Breatunn leis na Frangaich a thogail, ’s a thoirt gu Baile mòr na Frainge. Chan emhàin sin, ach leig iad leis an Fhraing an tigh anns an do chaochail e a cheannach, agus tha duinuasal Frangach a nis a gabhail cùram dheth. Thug e smuairean orm seasamh an sin, oir chunnaic mi an t-ait-adhlaic anns an Fhraing cuideachd. Sgriobh mi mainm ann an leabhar an luchd-taghail, ’s gheibh thun sin e a cheud uair a theid thun rathad.

An déigh streap ri aodann a bhruthaich fhuair sin an carbad a feitheamh, an déigh cuairt a dheanamh mu cheann an lagain. An so shuidh sinn greis, a ghabhail greim arain, ’s a feuchain nam measan a bhas an t-sac. Bha aon seorsa meas ann a chaidh a ghabhail le spàineag; bha e cho mòr ri ugh beag, agus an taobh stigh don

(Air a leantuinn air taobh 46.)



[44]

[Vol . 9. No. 6. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan ein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, OGUST 10, 1900.

Bha rioghachdan mora na h-Eorpa, gu sònraichte Breatunn agus aGhearmailt, o chionn iomadh bliadhna, acreic ghunnachan, luaidhes fudair ri muinntir Shina. Agus a nise, ’nuair a tha na Sìneich air a dhol gu aimhreit, tha aig na dùthchannan sin rin cuid shaighdearan a chur a null gu bhi air an tilgeadh leis na gunnachan a chreic iad fhéin riutha. ’S e ar barail gun aidich na h-Eòrpaich an ùine ghoirid gum bu daor an ceannach dhaibh airgead sam bith a rinn iad le bhi creic arm ris na Sineich, an aon sluagh as lionmhoires as an-iochdmhoire tha air uachdar an t-saoghail.

Tha moran òir air fhaotainn a nise aig àite ann an Alaska ris an canar Nome. Tha e air fearann nan Stàidean, agus than sluagh a chruinnich ann cho mi-riaghailteachs gum bfheudar an t arm a ghairm a mach gus sith a dheanamh. Ann an Dawson, air fonn Chanada, bha sith agus riaghailt air an gleidheadh o thoiseach, ged a bhan sluagh a bhann dhen aon seòrsasa than duigh ann an Nome. Fo bhrataich Bhreatuinn tha beatha agus cuid dhaoine daonnan sàbhailte; chan urrainnear a radh gu bheil sin an còmhnuidh fior mu bhratach nan Stàidean.

Chaochail seann seoladair dam bainm Frederick Jerome, ann an San Francisco, an la roimhe, a rinn ainm mor dhe fhéin mar fhear-sàbhalaidh beatha. Shàbhail e, re a bheatha, còrr us mile duine o bhàthadh. Fhuair e iomadh duais luachmhor agus chuir roinn de bhailtean urram air air son a threubhantaissa thapadh. Am measg nan duaisean eile fhuair e bha aon duais shonraichte thugadh dha le Ban-righ Victoria.

Tha ceannairc mhor adol air adhart o chionn mios no dha ann an Columbia, aon de dhùthchannan America Deas, achse gle bheag a tha chuid eile dhen t-saoghal acluinntinn uime. Faodaidh righ-chuairt a bhi ann an aon de na staidean beaga sin uair no dhasa bhliadhnas cha chuir an saoghal uidhreachd sam bith air.

Chaidh soitheach seolaidh, luchdaichte le stuth làidirs tombaca a ghlacadh a mach o Cheticamp, Di-satharna sa chaidh. Thatar ameas gu bheil mu fhiach da fhichead mile dolair oirre; thainig i á St.Pierre, aguss ann air son i bhi bristeadh air laghannan na cusbuinn a chaidh a glacadh.


Na Corachadh-Margaidh.

LE DONULL MAC CALUM.

Chuir an Gille roimhe gun sailleadh cheilg do Chaomhan; ’se sinri ràdh gun deanadh e daor dha i. Gu sin a dheanamh bha e deas gu coinneachadh ri onair mar ni thu ri cloich a dhfhaodas a bhi romhad air an rathad-mhòr, a tilgeil a thaobh.

De na bha do ghrinneas ann an nàdur Claomhains aGhille bha chuid a bu mhò air a chaitheadh air na coin a bhiodh iad a cumail. Is cinnteach mi nach robh Jehu ni bu mhotha á chuid eich na bha iadsan às an coin. Is eLionan t-ainm a bhair aGhille agus is eSamsonan t-ainm a bhair Chaomhain.

Rinn an Gilla suas ri dithis de choracha-margaidh a bhaile gun goiteadh iadSamsonair Caomhan agus gun cuireadh iad ri creig e. “Tha doigh no dha air a mharbhadh gun a chrochadh.” Shuidhich iad oidhchair an deanadh iad sin. Ach de rinn fear de na coracha-margaidh ach dol, os iosal, agus innseadh do Chaomhan de bha air a dheanadh a suas aca, ’s gum biodh duais dhùbhailte. Mar so thuirt Caomhan ris— “Rach thusagus dean gach ni a dhiarras an Gillort, agus cha bhi do shaoir an diomhain. Bha mise dol a mharbhadh achoin co dhiu.” Bha fios aig an duine nach bi siod an fhìrinn, ach cha dthuirt e sin ri Caomhan. Bha fios aige nach ann gun aobhar a rinn e breug dha.

Air an oidhcha chaidh a shuidheachadh ghoit an Gilles na coracha-margaidh an a tigh-chon Chaomhain,ach cha luaithe chuir iad ris a chreig e na rugpolicemanmor air chùl amhaich air aGhille agus chuir fear eila ghlas-lamh air. Chaidh an Gilla dhiteadh agus fhuair e tri miosan priosain.

Nuair a thàinig e dhachaidh thuirt Mòr a nighean a bha cumail a thaighe (cha robh a bhean beo) ris— “Tha min dùil, athair, gu bheil sibh sgith den phriosan a nis.” “Chan eil,” ars easan, “ach tha mi coma on a fhuair mi an t-sloighdaira mharbhadh. Càit am bheil“ ‘Lionnacheil e tighinn gamfhàilteachadh?” “Chan fhaic sibh,” ars ise, ‘Lionbochd tuille. Is e a chuir sibh féin ris a chreig an àiteShamson. ’”


Sanas do Chinn
Theaghlaichean.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Arineis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


A thaobh Caiseart.

S ann againn a than stoc Bhrog as mothasa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia be de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOROBRACH againn cho math ris na seorsachan as grines as fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh.

A . W. REDDEN & CO.
June 29. 1900 1yr


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.



[45]

[Vol . 9. No. 6. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha tigh-òsda mor, a chosgas coig mile fichead dolair, ri bhi air a thogail ann an Glace Bay.

Bhan Dotair Fearchar Mac Fhearghais agus a theaghlach anns abhaile agus aig a sheann dachaidh fad da sheachdain. Thill iad air ais do New York Di-luain sa chaidh.

Tha réis bhàtaichean gu bhi air an acarsaid Di-satharna. Tha aca ri seòladh o Shidni gu Sidni Tuath agus air ais. Tha àireamh bhàtaichean gu bhi anns an réis ma bhios an latha fàbharrach.

Thachair sgiorradh báthaidh ann an Charlottetown, E. P. I, maduinn Di-mairt. Bha réìs bhàtaichean anns an acarsaid, agus chaidh fear de na bátaichean thairis. Chaidh aon duine, Mark Riley, a bhàthadh, agus chaidh tearnadh gle chaol air ceathrar eile.

Tha e air innse gu bheil aBhan-Impire Frederick, màthair Impire na Gearmailt, gu tinn, agus nach eil dùil gum bi i beò ach ùine ghoirid. Is i so an nighean as sine aig Banrigh Victoria.

Than eaglais ùr Chléireach, aig Whitney Pier, ri bhi air a fosgladh air an t-Sàbaid sa tighinn. Tha an t-Urr Iain Mac Ille-mhaoill, D. D., à Halifacs, gu searmonachadh innte maduinn us feasgar.

Tha cùisean ann an Sina dona gu leòr, ach tha e coltach nach eil iad cho donasa bha daoinen dùil. Tha fios air tighinn gu bheil na teachdairean Eòrpach ann am Pekin fhathast beò, ged a bhatar adeanamh cinnteach roimhe so gu robh iad air am mort.

Tha togail an taigh-sgoil ùr ri bhi air a dheanamh le Lefurgey, Clark & Co. Cosgaidh e mu chog mile fichead dolair. Tha tigh-sgoie ri bhi air a thogail aig Whitney Pier anns am bi ceithir rumannan. Chosg am fearann air am bheil e gu bhi air a thogail coig ceud deug dolair.

Tha am bailen deigh pios fearainn a cheannach air sraid Shearlot, a deas air an eaglais Shasunnaich, far am bi togalaichean air an cur suas air son feum a bhaile. Than t-siorrachd an deigh pios a cheannach ri thaobh far am bi priosan agus tigh-cùrtach air a thogail. Chosg na cheannaich am baile coig mile dolair, ’s na cheannaich an t-siorrachd ceithir miles coig ceud.

Chaidh fear Thompson a ghoirteachadh aig an obair iaruinn Di-satharna, agus chaochail e oidhche na Sàbaid. Bha e draibheadh paidhir each air an làimhrig, far an robhas a toirt luchd bhar soitheach. Bhrist an ròp air an robh na h-eich a tarruinn, agus bhuail an t-amul air-san anns an uchd. Chaidh a thoirt dan ospadal, agus rinneadh gach ni a ghabhadh deanamh air a shon, ach cha robh sin a chum feum, agus chaochail e.

Mas math leat a bhi leughadh naigheachdan na seachdain, maille ri moran de leughadh taitneach eile, ann an cainnt do mhàthar, cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA.


Eachdraidh Sgeulachdail nan Caimbalach.

I. Thainig Constantin as an Fhraing do dh-AlbainnSa bhliadha 404.

II. Be Uther Mac Chonstantin.

III. Be Artair a Bhuird Chruinn Mac Utheir.

IV. Be Smerbhi Mor mac Artair.

V. Be Tearchair Odhar mac Smerchi.

VI. Be Duibhne mor mac Fhearchair. Is ann bhuaitbe a thàinig Clann Duibhne. Chaochail e an 646.

VII Be Artair Og mac Dhuibhne Mhoir.

VIII. Be Fearchair. Eile mac Artair.

IX. Be Duibhul an Fhuilt-Dheirg mac Fhearchair Eile.

X. Be Fearchair Fionn-ruadh mac Dhuibhne.

XI. —Be Duibhne Dearg mac Fhearchair.

XII. Be Duibhne Donn mac Dhuibhne Dheirg.

XIII. Be Diarmad mac Dhuibhne Dhuinn. —Is e so an Diarmad a mharbh an torc. Phòs e Gràinne, is bha da mhac aige rithe, Artair Armdhearg, no Artair an airm dheirg, is Calum. Bha da mhac aig Artair, Pàl mac Duibhne is Artair Dréineach. Bha Pàl mac Duibhne an seìlbh air Lochodha. Bha e na fhear gleidhidh an ionmhais aig righ Donnachadh, aguss e Pàl an Sporain a theirteadh ris. Phòs e nighean righ Mhanain, agus bha nighean aige dom bainm Eubh. Is ann bho Artair Dréineach a thainig Clann Artair. Bhon thainig na Caimbalaich bho Dhiarmad theirear Sliochd Diarmaid riutha.

XIV. Chaidh Calum, darna mac Dhiarmaid, don Fhraing. Phòs e an toiseach nighean tighearna Charraig an siorramachd Air, agus bha tri mic aìge rithe, Gillemoire, Corcar, is Donnachadh. Phos e a rithisd nighean peathar do dh-Uilleam an Ceannsalaiche, righ Shasuinn, agus fhuair e fearann leatha ris an abairteadh Campus Bellus. Bha triuir mhac aìge ris an darna mnaoi, Dionisius, Gilleasbuig, is Duibhne. Is an bho mhac diolain a bha aig Gillemoire, ciad mhac Chaluim a thainig Clann Neachdain, Clann Niomhain, is Clann Choinnich. Is ann bho Chorcar a thainig Clann Uillinn an Eirinn. Is ann bho Dhonnachadh a thainig na Drumainnich. Is ann bho Dhionisius a thainig Morairean Thallard san Fhraing. Be Gilleasbuig a chiad Chaimbalach. Is ann bho Dhuibhne, a thionndaidh ainm gu Gwine no Guy, a thainig iarlachan Warwick an Sasunn.

XV. Thainig Gilleasbuig, mac Chaluim mhic Dhiarmaid, do dh-Albainn. Phos e Eubh, nighean Phàil

(Air a leantuinn air taobh 48.)


Aodaichean Deante
SAOR AGUS MATH.

Caiseart dhe gach Seorsa, Pris us Fasan,
Truncaichean us Maileidean, dhe gach meud agus dath, agus iomadh ni eile.

H . H. SUTHERLAND & CO.
STOR SHAOR NA H-AON PHRISE
SIDNI, - - C. B.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


Teagasg na Gailig.

Is gnothuch e nacheil idir cliùiteach do Eaglaisean na h-Alba nacheil ullachadh sònruichte air a dheanamh air son teagasg na Gàilig don mhuinntir. a tha dol a steach do dhreuchd na ministreileachd. Nan readh an Eaglais Stèidhichte agus an Eaglais Shaor an guaillean ra chèile gu duineil bhiodh cùisean air an atharrachadh. Tha e nàrach gum bheil gnothuichean mar tha iad fo spids fo thàmailt Ghall is naimhdean do gach seòrsa. Tha an ni ro mhi-chliùteach do ainm is do chainnt aGhàidheil; agus dha féin mar an ceudna. Tha e cosmhuil gum feud gach cànain fon ghréin urram fhaotainn ann am foghlumaidean na h-Alba ach aGhàilig a mhàin. Ach tha dòchas nach giùlain na Gàidheal a ghnàth leis an tàmailt a tha an so air a chur orra féin, an cànain, an eachdraidh, is an dùthaich. —Highland News.



[46]

[Vol . 9. No. 6. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 43.)

phlaosg dhearg, bha mar gu biodh dorlach làn-gròiseid. Their na daoine dubhagrenadillasriu. Bha an seòrsa so ùr dhomh, agus mar an ceudna am péur-stobach, meas a phris eibhinn mun do sgrìobh mi aig toiseach mo litir. Tha faoban is leòban a phris làn shnàthada mora, tha am meas thairis le snàthadagan guineach, cho caol ri ròinneagan, seadh, cho caol ri sioda, ach ma theid iad an sàs ann am bile, no ann an teanga duine, ’s truagh leam e! Tha am meas air oibreachadh leas a chois ann an gaineamh an rathaid mhòir mun gabh an craicionn toirt deth.

An so, agus thalls a bhos fadan rathaid a nios bha sinn a coinneachadh asail bheaga ghreannach ghlasa, air an luchdachadhnadol air son luchdle ioma seòrsa bathair air son a chaimp, natarruing bathair dhachaidh. Chaidh treud dhiubh seachad oirnn aig an àite so le luchd fiodh air gach aon, beag is mòr.

Bha aon tigh beag laghach air bruthach an sin, ’s bha ceithir mucan crion dubha a burach air a bhruthach. Aig an sailtean, bha ceithir cearcan a feitheamhte as déigh gach uircein— ’s cho luaths a thionndaidh an t-uircean an ùir a suas bha a chearc a dols a trusadh a lìon de bhaoiteagans de bhurraich as gu dìchiollach. Feudaidh tusa a smaointeach nacheil an sin ach ni faoin richur a sios, ach tha miseg innseadh dhuit gum bheil mi a deanamh sodan ri gogail circe, ’s ri tathunn coin, na rud air bith eile a bheiram chuimhe mo dhùthaich na mo dhachaidh.

Ach bha en t-àm dhuinn dol air adhart, agus an déigh deoch an uisge òl a fuaran aig bruach a choirreàs an robh an lagan a dhfhag sinn a fosgladhdhfhalbh sinn. Bha ar slighe mun cuairt air oir a choirre aig a cheann ris an tuath, agus bha na bothain, len garaidhean a cur uamhais orm, oir cha robh fhios agam ciamar a burralnn teaghlach a thogail gun chunnart don duine coiseachd air àite cho cas, na idir do chloinn.

Ach thionndaidh an slighe a stigh thun comhnard fharsuing réidh, le dailtean, agus tulaichean ris an tuath agus gualainn monach àrd ris an taobh eile dheth am feadh a bha mullaichean nam beanntan eile ag amharc a nall thairis air. Thug an sealladham chuimhneCape Wrathaig an oisinn gu iar-thuath Albainn.

Air a leantuinn.


Tha an comharraUNION BLEND TEA na urras air ti mhath bhlasda, ’s an luach airgeid as fhearr a gheibhear air na prisean, 25. 30. 35 agus 40 am punnd. Bidh $400 air a roinn air luchd-ceannach na ti so tráth an Desember.


BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. V.

TURAS IAIN CHOPE GU TUATH.

Dhfhalbh Iain Cope air a thuras don Taobh-tuath air an fhicheadamh latha de mhìos dheireannach an t-Samhraidh le ceithir cheud-diag fear-feachda, a fàgail an réiseamaid thrùpairean ann an Dunéideann, a thaobh is nach burrainn na h-eich triall thar mhonaidhean as bhealaichean. Thug e leis ceitheir ghunnaidhean mòra, agus mìle mosg air son nan Gàel a bha en dùil a dhéireadh leis mar bhiodh e dol air aghaidh. Bha dròbh mhòr mhart ga h-iomain an deigh an àirm agus prasgan fheòladairean, air son a bhi spadadh mar sluigeadh an fheachd! Thug e leis mar an cianda lòn fhichead latha de dh-aran, a chum obair seachduin ris na bha de dhfhuineadairean ann an Dunéideann, an Léibhte, agus an Srùidhleadh!

Cha deach e na bfhaide no Crùidh air an latha ud, oir béiginn da fuireach sabhaile sin gus an tigeadh ceud sac eich de dharan a dhfhàg e na dheighe ann an Srùidhleadh suas ris. A Cruidhe chuir e teachdaireachd gu Morair Ghlinn-Urachaidh agus gu caochladh eile dheth na tighearnan Gàelach iad an cuid daoine thogail an aobhar Righ Deòrsa. Ged nach déirich na daoinuaisle sin leis an Phrionnsle eagal gun cailleadh iad am cuid fearainn dhiùlt iad cobhair no còmhnadh a dheanamh ri Iain Cope, ach Morair Ghlinn-Urachaidh na aonar, air an aobhar sin thainig air Sir Iain seachd ceud dheth na mosgaidean a thug e leis, an earalas gun eireadh na Gàeil leis, a philleadh air an ais gu Sruileadh. A nis chunnaig Iain Cope gum bu diamhain da dòchas a bhi aige gun eireadh na Gàeil Pheairteach leis mar a shaoil e air tùs, ged a bann nan earbsa a dhfhàg e Dunéideann le feachd cho lag ri ceithir cheud diag fear, agus bu mhiann leis pilleadh air ais gu Sruidhleadh,mar be luchd-comhairl an Rìgh a bhi ga bhrosnachadh cho dian air adhart.

Air an dara latha fichead rainig e Amul Rìgh, agus Drochaid-Thatha, air an treas latha fichead rainig e Tranphuir, agus air a chùigeamh latha fichead Dail-na-Ceardaich. Na h-uile latha mar a bha e dol air adhart, bha e faicinn na cùise na bu mhi-choltaiche, an rathad a fàs na bu mhiosa, agus sluagh na dùthchafàs ann an droch rùin da; ghoid iad na h-eich a bha giùlan a chuid bidhe air an òidhche; leis an sìn, beiginn da na ceudan de a chuid pocachan arainn fhagail air a chùl, agus na daoine ris an d earb en t-aran so, ged do gheall iad a chuir as a dhéigh, thug iad a cheart aire nach drinn iad sin, gus an deach e dholaidh. A rithist an uair a dhfharraideadh e naigheachd ri aon de mhuinntir na


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


J. J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.



[47]

[Vol . 9. No. 6. p. 7]

dùthcha mun Phrionnsa bheireadh iad dha tuairisgeul breugach fo sgàile càirdeis, air chor is fadheoigh nach burrainn e facal a theireadh iad a chreidsinn, araon bho uasal no chumanta.

Nuair a ràinig Iain Cope Dail-na-Ceardaich thachair e ri duin-uasal a chunnaig feachd Thearlaich ann an Gleann-Fionain, ben duine so a thug a chiad naigheachd chinnteach dha mu thimchioll an fhir àireamh sluaigh a bhair eiridh leis a Phrionns’; bha iad mu thuaiream ceithir cheud diag, an uair a dhfhag e-san iad, agus chuale gun robh iad mun àm so, deich ceud thar fhichead an àireamh agus gun robh iad ann an ùinghearr gu séilbh a ghabhail air Coire-Ghearraig. Thainig fios eile dhionnsaidh Iain Cope gun robh pàirtidh mhòr Ghàel ga fheitheamh aig Drochaid Shnug-Borgh, asraidh cho cunnartachsa bhanns an dùthaich gu léir; agus gun robh pàirtidh eile gu iathadh mun cuairt da bho làimh na h-àirde n iar, a chumadh e, mar gum beadh, eadar dha theine, agus a réir gach coltais gun robh e-fein agus fheachd gu bhi air an tur sgrios!

Bhan t-arm-dearg mun àm so air ruidhinn Dail-Chuinnidh ann am Bàideanach ma thuaiream fichead mìle bho bhraighe Choire-Ghearraig: agus chuir an naigheachd so Iain Cope ann a leithid do ghiorraigs gun chuir e-féin agus a chuid oifigich an comhairlra chéile, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh; agus ciod an t-shlighe airm bu chòir dhaibh triall? Dhaontaich iad uile gun robh a dhol thar Coire-ghearraig do-dheanta, agus gun robh fuireach far an robh iad gun tairbh sam bith, a thaobh gum faodadh na Gàel ròidean eile ghabhail agus na Machraichean Gallda thoirt orra; air an aobhar sin se shònraich Iain Cope Inbheirnis a thoirt air, far an robh sùil aig ri prasgan Chaimbeulach, Rothach, agus Chatach, ga choinneachadh, agus leis an so, bha e smuainteachadh nach gabhadh na Gàeil a dhànadas orra a Mhachair a ghabhail air eagal gum fàgadh iad an Dùthaich féin fo mheachain an nàmhaid. Rainig an t-àrm-dearg air éigin Inbheirneis air an naoidheamh latha fichead den mhìos, gun fhois aon latha ghabhail bhon uair a dhfhàg iad Cruidhe.


CAIB. VI.

TURAS NAN GAEL GU GALLDACHD.

Ann an Gleann-Fionain far na thog Tearlach a bhratach air na naoidhamh latha diag den mhìos, chaith e-féin agus a luchd-leanmhuinn latha, ri òl agus ri aighear, ri ceol agus ri dànns. Dhfhalbh e as a sin gu Ceann-Loch-iall agus chaidil e air oidhche di-h- aoine anns an Fhasadh-Fhearna, agus air dha fios fhaotainn samhadainn gun tainig Long-chogaidh gu Gearasdan Inbher-Lòchaidh ghabh e thar a bhealaich thun na Mòidhe, baile beag leis na Cam-shronaich. Bha e nise faotainn naigheachd gach latha ma dhéibhinn Iain Chope bho shaighdearan Gàelach a bha ruith air falbh as an arm-dhearg air an oidhche, a chum an cairdean féin a chòmhnadh an àm feuma. Air an t sia-amh latha fichead chaidh e thar abhainn Lòchaidh, agus aig an drochaid iosail thainig da cheud as trì fichead de Stiùbhartaich na h-Apunn na chodhail, agus Stiùbhartach Aird-seilair an ceann; stad an fheachd an òidhche sin aig taigh-òsda Leitir-Fhionnladh ri taobh Loch-Lòchaidh. Mu mheadhon oidhche thainig teachdaire bho Ghordanach Ghlinne-Bucaid gun robh Iain Cope a teannadh ri Bàideanach le rùin a dhol thar Coire-Ghearraig. Air ball ged a bhan òidhche stoirmeil agus ro fhliuch, thug am Prionnsòrdugh dha fheachd iad a dhol agus séilbh a ghabhail air bràigheChoire, agus chaidh e-féin gu caisteal Inbher-Garaidh far na chaith en chuid eile den òidhche.

Moch samhadainn thainig Frisealach Ghrotulaig gu Caisteal Inbher-Garaidh, air teachdaireachd dhiamhair bho Mhorair Sìm, Ceann-Cinnidh nam Frisealach, a dhiarraidh air a Phrionnsa leisgeul a ghabhail air son gun e thighinn ga amharc, a thaobh e bhi lag le aois: anns an àm cheudna ag iarraidh air Tearlach a dhol do Shrath-Tharacaig a chum na Frisealaich a thogail.

Air an ath mhadainn, a be an seachdamh latha fichead den mhìos, am feadh a bhan t-arm-dearg air an turas do dhInbheirneis, chaidh Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh agus Granndaich Ghlinne-Moriston gu bràighe Choirre Ghearraig far an robh na Gàeil eile san àm cruinn. Rinn sin armailt aPhrionns ma thuaiream ochd-ceud-diag fear an àireamh. Samhadainn an uair a dheirich am Pronnsa thoisich e air cuir uima dheise Ghàelich agus air dha bhi ceangal barriall a bhròg, thuirt e gun robh dòchas aige gum biodh greim aig air amhaich Iain Chope mas deanadh a rithist am fuasgladh!

Air tùs, be miann nan Gàel gun gearradh iad Iain Cope agus a dhaoinecho mìn ri biadh eun,” ach air dhaibh an Garbh-àth-mòr a ruidhinn dhaontaich iad gu léir gum bfhearr dhaibh leigeil do Chope a dhol do dhInbhernis, mar a shònraich e; agus gun tugadh iad féin Machair nan Gall orra gu Dunéideann a ghlachadh.

Mar bha na Gàeil a triall gu Galldachd, is gann gun robh gleann, no bealach, gus an robh iad a tighinn anns nach robh leasachadh sluaigh a dol rin àireamh, ach am feadh a bhan tuath ag éiridh, bha na h-uachdaranan a teicheadh air falbh, no a fuireach as an rathad, mar sin dhfhàg tànaistear Dhiùc Abhaill (don tug Rìgh Seòras òighreachd athar) Caisteal Bhlàir. Uime sin ghabh am fìr oighre a bha air fògradh san Fhràing, agus a thainig a nall maille ris aPhronnsa,


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


The Scotish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.


C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Aig an am so an tigh Iain Mhic Fhionghain, air Sraid Bhentick.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
OIFIS: An Tigh a Bhanca.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .



[48]

[Vol . 9. No. 6. p. 8]

séilbh air mar a chòirféin: agus chaith e-féin as Tearlach agus uile chinn-feadhna nam fineachan an oidhche sin gu sòghar ann an Caisteal Bhlàir ann am fir aigneadh. Ann an so dh-òl Tearlach air slàinte gach ceann-finne fa leth, ann am fior Ghaelig, a dhionnsaich e on thainig e dhAlba. Air dha fios fhaotainn gun robh muinntir na dùthcha air son sealladh dheth a mhòrachd fhaicinn chaidh e mach air leth-oir as na h-uaislean gus an dfhuair iad sealladh dheth.

Air an lath-air-na-mhàireach thoisich am Pronnsa air àireamh a shluaigh agus dhionndrainn e cuid mhath às an àireamh; air ball chuir e cuid dheth na h-oifigich gan greasad air aghaidh, agus thuig e gur h-e fearg a ghabh iad air son an cumail bho thòiseachadh air feachd Iain Chope, a thug orra fuir each air deireadh! Dhfhan e air an am sin latha ann an Blàr-Abhall, agus thainig Tighearna Narainn agus caochladh de Chinn-feadhna eile len luchd-leanmhuinn a chum a chuideachadh, maille ri prasgan gasda de Chlann-Dònnachaidh. An sin ghluais amhòr-fheachd sios Blàr-Abhall agus stad iad an òidhche sin ann am Dun-chaillean agus air an ath latha ghabh Tearlach a dhinnear aun an taigh Narainn, a tha ri taobh an rathaid eadar Dun-chaillean agus baile Pheairt.

Ma fheasgar ràinig e-féin agus an t-àrm baile Pheairt agus ghairmeadh Rìgh-Seumas na Rìgh air Breatuinn agus Tearlach na oighre rìoghail air a chrùn. An sin thainig a charaid dìleas féin, Diuc Pheairt agus caochladh dhaoin-uaisle eile chuir fàilt air. Bha Tearlach san àm sinn air éideadh ann an deise ghrinn Ghàelich do bhreacan dearg nan Stiùbhartach air a ghréiseadh le òr boisgeanta; thug tlachd-mhoiread a phearsa agus sgéimh a dheise air mòran de sluagh a bhaile a leantainn le luath-ghair éibhinn, as bualadh bhas, gus na ràinig e a chairtealan a bha e gu ghabhail an òidhche sin ann an taigh dùin’ -uasail sabhaile. Be so achiad bhaile mòr a ràinig Tearlach an Albainn agus gu dearbha bha na h-uile cheann-fath aiga shaoilsinn gum be bheatha gedtheich mòran de luchd-riaghlaidh a bhailair falbh chum a mhòrachd a sheachnadh, air eagal, mur biodh e sealbhach anns na ghabh e os làimh gun coisneadh iad dhaibh féin diomadh Rìgh Shasuinn. Bann air lath féille a ràinig Tearlach Peairt; agus le feachd nan Gàel, agus muinntir na féille, bham baile cho dùmhaill is nach dfhuair cuid mhòr dhiu fo fhasgadh taighe air an òidhche sin.

Air an latha màireach chuir am Pronnsa, pàirtidh air falbh do Dhun-Diagh agus Tighearna Chlann-Raonaill agus Fear na Ceapaich air an ceann; ràinig iad am baile sin ann an glasadh an latha, agus ghlac iad long bheag chogaidh a bha nan laidhe anns an acairseid anns an robh mòr armachd a bhunadh don rìgh, maille ri phailteas fudair as pheileirean; ghiùlain iad so air ball suas do Pheairt gu feum an airm Ghàelich.

(Ri leantuinn.)


Air a leantuinn o thaobh 45.

an Sporain, is fhuair e oighreachd a h-athar leatha. Is e Gilleasbuig Champuis Bhelluis a theirteadh ris. Sgud e na h-earrabaill den da fhacal Laidinn a bha na ainm agus rinn e Gilleasbuig Camp-bell de fein. Cha robh moran meas aig na Gaidheil riamh aìr an litir p, agus thionndaìdh iad Campbell gu Cam-beul no Caimbal.

XVI. Phos Donnachadh, mac Ghilleasbuig agus Eubha, Dìorbhail, nighean Dhùghaill Chruachain, agus bha mac aìge ris an abairteadh Cailein Maol.

XVII. Phòs Cailein Maol nighean peathar do dh-Alasdair, righ Alba, agus bha mac aìge dom bainn Gilleasbuig. Bha da mhac dhiolain aìge, Tomas is Iomhair Crom. Is ann bho Thomas a thainig Clann Thàmhais, agus is ann bho Iomhair Crom a thainig Clann Iomhair.

Thug mìse an nis seachad eachdraidh nan Caimbalach mar a tha iad fein ga toirt seachad ann an leabhar a chuireadh am mach an 1871. Chan fheil innte ach rabhdaireachd de bhreugan bho thoiseach gu deireadh. Is gann gu bheil aon fhacal de dh-fhirinn innte mu na Caimbalaich fhéin; agus a thaobh nam fineachan eile is nam posaidhean mu bheil i a labhairt is breugan uile gu léir i. Tha fios aig an t-saoghalcodhiu aig saoghal beag nan Gaidhealnach dainig Clann-Choinnich, Clann-Neachdainn, no na Drumainich, no Iarlachan Warwick bho thriathan Lochodha nas mo na thainig iad bho iompaire na Tuirce Bu mhath do dh-eachdraiche nan Caimbalach nach robh e an crògaibh Taoitear Chinntaile an latha a thubhairt e gur h-ann bhon Torc a thàinig Cabar-Féidh.

Bhiodh e glic don choire gun a ràdh ris a phoit, tha thu dubh. Tha eachdraidh sgeulachdail nan Caimbalach breugach is amaideach gu leoir, ach tha eachdraidhean eile ann nach h-fheil moran nas fhearr.

A. M. S.


S mor àireamh na muinntir sin dam bu chòir a bhicuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil gadheanamh sin.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


[Dealbh]
Stoc mor air a dheagh thaghadh de
Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean
ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig
BEZANSON ,
fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil.
AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.

titleIssue 6
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 6. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page