[49]

[Vol . 9. No. 7. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 17, 1900. No. 7.


ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. IX.

ALLABAN IACOBUS MAIRI.

Dhfhalbh Iacobus Mairì air an allaban, a sior chumail orra, gus an deach iad mu cheithir fichead mìle. Cha damais cosnadh ruitha fhathasd, agus than t-airgiod air teirigsinn. Bha iad gle thruagh dheth. Bha e cruaidh leotha gum feumaidh iad an deirc iarraidh; ach air a cheann ma dheireadh thig ega ionnsaidh. Bho iomadh dorus chaidh an ruagadh air falbh le facail shearbha;aig dorsan eile gheibheadh iad le moran grunsgalaich, crioman de dharan tioram a thilgeadhg an ionnsaidh, gun bhoinne deoch ach na dholadh iad as an allt a bfhaisge. Achs minig a fhuair iad beagan eanaraich agus gnothuichean gàraidh ann an soitheachain creadha, le criomagan suarach de dhfheoilna mheasg. Ach chunnaic Mairi an sluagh gu tric ri stad an teagamh co dhiu a bheireadh iad daibh cobhair no chumadh iad bhuape. Gle thric, an deigh dhaibh gun ghreim blath fhaighinn fad an latha, thigeadh orra an oidhche a chuir seachadan sabhal fuar, air chul.

Aon latha, air daibh a bhi gabhail tromh dhùthaich ghairbh, air a comhdach le coille mhòir, far nach robh taigh am fradharc fad uine, dhfhàs an seann duine ro-thinn. Thuit e seachad ann alaigse am measg nan duilleag a bhair làr aig bun cnoichd mhoir, a bha air a chòmhdach le coille ghiuthais. Theab Mairi a dhol dith fhéin le cùram agus briste-cridhe. Shiubhail i mun cuairt air son uisge. Chan fhaidhheag i boinne; cha robh sta dhibhithg eigheach airson cuideachaidhcha robhga freagairt ach mac-tallana aonar. Fad no fagus cha robh taigh ri fhaicinn, ged a bhi i dol air a glùinean gu faicinn na bfhearr eadar na craobhan. Mhothaich i ma dheireadh, fad air falbh, air taobh eila chnoichd, taigh tuathanaich, fagus don choille, air a chuartachadh le paircean de dharbhair abuich agus le cluaintean uaine feoir. Thog i rithega ionnsaidh, cho luaths a burrainn dhith, agusnuair a rainig in dorus bhah-anailn a h-uchd. Le deoirn a suilean agus le guth air chrith, dhiarr i cuideachadh. Bha an tuathanachs a bhean, a bha a nis air tighinn gu aois mhoir, ’n an daoine matha, truacanta. Bha iad air an gluasad gu mor le tuireadh, gruaidhean bàna, deoir, agus amhghar na h-ighinne. Thuirt an t-seana bhean choir ricompanach: “Cuir each an greims achairt bhig, agus bheir sinn an sean duine bochd, tinn, an so.” Am feadhsa bhan duine coir acuir an eichsan chairt, fhuair a bhean cluasagan, soitheach uisge, agus botul de bhinegar deiseil. Air do Mhairi thuigsinn gun dthugadh an rathad a ghabhadh iad leis an each leth-uair a chorr dhaibh, dhfhalbh i leis an uisge agus leis abhinegar an rathad a thainig i, los gun ruigeadh i h-athair ni bu luaithe.

Nuair a rainig i e, bha en deigh a dhol beagan am feabhas. Shuidh e sios fo chraoibh ghiubhais, agus rinn e morthoileachadh ri Mairi fhaicinn, oir bha e ro-thursachga h-ionndrainn. Chaidh a thogailsa chairt, agus a thoirt a dhionnsaidh tigh an tuathanaich.

Bha aig an tuathanach seomar beag a dhfhaodadh e sheachnadh, rum cadail lamh ris, agus cuideachd, rum cocaireachd air nach robh feum aiges an am. Thug e iad don t-seann duine thìnn. Rinn bean an tuathanaich deagh leaba deiseil dha. Rinn Màiri gach cuideachadh a burrainn di, agus bhiodh in comhnuidh aig taobh a h-athair. Cha robh de thinneas air ach laige, a dhaobharraich droch bhiadh, droch aiteachan cadail agus annradh an rathaid. Cha do chaomhain bean an taighe dad de na bhastigh chum an seann duineleigheas. Cha do chaomhain i min no uibhean, bainne no mil; cha sòradh i eadhon cearc a mharbhadh agus a goil sios los gum faigheadh an duine tinn pairt den eanaraich. ’Nuair a bha e dol na bfhearr, bhan tuathanach a toirt calmanga ionnsaidh as a choile cha mhor a h-uile latha. “So,” theireadh e ris a mhnaois egaireachdaich, “roist sin dha; bhon nach do shòr thusachearc, ’s fheudar domhsa mi-fhein beagan a dheanamh ris.”

Bha ena chleachdadh aig an tuathanachs aig a mhraoi a dhol, uairs abhliadhna, a chum feille Fear-curam eaglais a bhann sa choimhearsnachd. Ach smaointich iad gum fanadh iad aig an tigh air a bhliadhna so, agus gun ceannachaidh iad, leis an airgiod a babhaist daìbh a chosg, botul de dheagh fhion dhan duine thinn. Le deoirna suilean thug Mairi taing dhaibh. “Mo Dhia,” deir ise, “tha daoine matha rim faìghinns gach aite: agus, gle thric, ’s ann an dachaigh gharbhthan cridhe as caoimhheile ri fhaotainn.”

Bha Mairi na suidhe donan ri taobh leabah-athair; ach cha do chum i, mar a dthuirt am facal, a lamhna broilleach; bha i barraichte air obair snathaìde agus bhior, agus bha ig obair gun tamh airson math teaghlach bean an tuathanaich. Bha bhean ro-thoilichte as cho tuigseachs cho beusachs a bhagiulain. Dhaisig biadh math agus faire, an uine bhig, slaint as ur do Iacob; ann an uine nach robh fada rachadh aig air suidhe suas comhla riutha. Bha e do-dheante dha bhi latha na thamh. Theann e, aon uair eile, ri deanamh bhascaidean. Bha aig Mairi ris na slatagan seilichus calltuinn a thrusadh dha. ’Se chiad obair a rinn e, á taingealachd do shean an taighe, craidhleag bheag shnasail, a ghiulaineadh i air a gairdean. Bhuail e direach air an aon ghnothuch a bfhearr a thigeadh air a reir. Bha achraidhleag cuimir agus laidir. Anns an uachdar aice, dhobraich e le slatan dearga, ceud litirichean a h-ainmeagus a bhliadhna. Air a taobh dhobraich e le slatan donnus uaine dealbh taighe bhig, le mullach fodair, agus lamh ris da chraoibh ghiubhais. Chuir an obair ghleusda rinn e ioghnadh air gach aon a bhas tigh, ach bha bean an taighe ro thoilichte as a bhascaid, agus gu seachd araid a dealbh an taighe a bha cho freagarrach, chionn be ainm na dachaighBaile na craoibhe giubhais.”

Cho luaths a fhuair Iacob a shlainte gu math, thuirt e ris an tuathanach agus ri mhnaoi: “Tha mi nam chosgais oirbh a nis fada gu leor; than t-am agam breith air a bhata agus an rathad a thoirt orm.”

Ach rug an tuathanach air laimh air agus thubhairt e; “Ciod tha dhith ort Iacob? Tha min dochas nach drinn sinne dad a chuir miothlachd ort. Carson tha thu dol nis fhaide? Tha thun ad dhuine curamach; ach chaneil asmaoin so a nochdadh do ghliocais.”

Thuirt abhean agus i suathadh deòir air falbh leh-aparan: “Fanaibh comhladh ruinn. Tha e nise anamochs abhliadhna! Tha na duilleagan air gach fàil is craoibh a nis air fas odhar, agus an geamhradh aig na dorsan! Am beil thu a cuir romhad thu fhein fhagail tinn uair eile?” Thuirt Iacob gun robh toil aige a dhol air aghairt, seach a bhithn an aobhar chosgais dhaibhsan ni bfhaide.

O ach a chosgais!” deir an tuathanach; “na smaointich air a sin, chaneil thu anns an rathad oirnnsan t-seomar bheag ud, agus is math tha thu cosnadh do bhidhe.”

Tha gu firinneach,” ars a bhean, “tha Mairi a cosnadh gun taing a bidhe lefidhes leh-obair; agus ma chumas tusa ort, Iacob, a deanamh bhascaidean, cha bhi cion ort. Thug mi leam a bhascaid bhoidheach ud a rinn thu, ’n uair a sheas minam bhana-ghoistidh do leanabh bean a mhuillear; cha robh boirionnachs a chuideachd nach robh an leithid sud da bhascaid bhuaipe. Gheibh mise feadhainn a cheannaicheas bhuat; cha bhi do cheaird mi-bhuannachdail.”

Dhfhuirich Iacobus Mairi, agus thaisbean an tuathanachs abhean mor ghairdeachas leis achrich gus an dthainig iad.


CAIB. X.

NA LAITHEAN SOLASACH A CHUIR MAIRI AGUS IACOB SEACHAD AIR BAILE NA CRAOIBHE GIUBHAIS.

Shuidhich Iacob agus Mairi iad fhein sios a rithisdn an taigh beag comhnaidh, agus chuir iad mu dheighinn dol air leth. Chuir iad beagan de dhearnais riatanachs an t-seomar, agus anns an rum chòcaireachd chuir iad beagan de shoitheachain creadha agus gnothaichean riatanach eile. Thoisich Mairi, aon uair eile, air còcaireachd gu toileach dha h-athair. Bha iad a fuireach gu riaraichte comhla. Am feadhs a bhiodh Iacob adeanamh bhascaidean, bha lamh Mairi ri fidhe no obair riatanach eile agus bhitheadh iad aseanachas gu coirde comhla. Gle thric, anns an fheasgar, rachadh iad do rùm faisg dhaibh, far an eisdeadh an tuathanachs abheans gach aon a stigh le taitneas ri comhradh agus sgeulachdan Iacoib. Chaidh an geamhradhs a chuid stoirmnean seachad orra mar so gu toilichte.

Bha gàradh mor lamh ris an tigh, ach cha robh e air oibreachadh ro-mhath. Cha robh uine aig an tuathanach no aig a mhnaoi, am measg gach obair a mach eile, air a gharadh a chuir gu feum mar bu choir; agus a bharrachd air a sin, cha robh iad a tuigsinn obair garaidh gu math ann. Ghabh Iacob os laimh garadh math a dheanamh dheth. Rinn e beagan air



[50]

[Vol . 9. No. 7. p. 2]

an am na buana; achs gann a dhfhabh an sneachdasa thainig coltas an earraich, ’n uair a bha e fheinus Mairi ag obair ann bho mhochs amhaduinn gu anamoch feasgar. Roinn iad an garradh na leapaichean, chuir iad ioma seors de lusan garaidh annta, agus mun cuairt orra chuir iad gach seorsa lusan eile a shaoileadh iad anns am bu mhuthas am faigheadh na seilleanan de mhil; agus ann an ceum na coise, chuir iad grinneal garbh. Cha do leig Mairi fois leh-athair gus an dthug e dhachaigh as a bhailes an dfhuair e na frasan garaidh, beagan do chraobhan ròis, lilis, lus-a- bhalla, lus-an-t- samhraidhus feadhainn bhoidheach eile. Thainig iad so uile fo fhlurs cho aluinns nach faca h-aons na cearnan iomallach sin riamh an leithid. Thainig an garadh air aghairt cho math am maises am blath agus gun robh en a shealladh do gach aon an gleann dorcha na coille. Thainig eadhon garaidhean nan nabuidhean air an aghart, agus thug iad seachad toradh na bfhearr bho laimh Iacoib. Bha comharraidhean stiuraidh a laimhe rim faicinn air gach aon diubh.

Bha an seann gharadair, aon uair eile, anns an t-suidheachadh-inntinn a bfhearr. Bha roinn aige ri radh mu dheibhinn nam flùrss nam planntan; ach chan abradh e dad air an dthug e tarruinn uair a roimhe; feumaidh e labhairt mu rudan ùra.

Anns na ceud laithean blatha, bha Mairi fad asiubhal fon fhàil dhroigh-einnebha cuartachadh agharaidh, airson na sail-chuaich, los gun rachaeh aice, air reir cleachdaidh, air a cheud phasg de bhlath-luibhean a thoirt a dhionnsaidh a h-athair. Ma dheireadh thruis i comhla an fheadhain bu bhoidhches bu chùbhraidh a fhuair i, agus thug iga ionnsaidh iad le solas. Rug a h-athair air a phasg fhlùrs agus le fiamh-a- ghaire thubhairt e, “Easan a shireas, gheibh. Ach eisd rium, is fhiach e thoirt fanear mar an ceudna, nach fas na flùrain aluinn so, ach fon fhàil dhraoigheainn, agus saolaidh mi gum beil so ateagasg deagh leasan dhuinne. Co anns an t-saoghal so achreideadh gun amaiseadh a leithid so de shòlas ruinne anns a ghleann uaigneach so, a measg na coille, agus fon t-seann tubha choinnich so! Ach chaneil staids am biths a bheatha so cho trioblaideach, ’s nach eil sithus sòlas rim faighinn fo sgail na doriunn. Cum thusa, ’chiall, cridhe math agus sunndachad chom, agus a dhaindeoin annradh air amannan, bithidh t-inntinn toilichte mar is trice.”

Thainig bean fear-ceairrde as a bhaile, air aon latha, a cheannach linn bho bhean an tuathanaich, agus bha giullan og leatha fhein comhla rithe. Am feadhsa bha na boirionnaich asealltuinn thairis air an lion, thàr an guillan a mach don gharadh, agus ghabh e go craoibh ròis a bha fo lan bhlàth gus pairt de na flurs a bhuannachd, ach anns an ionnsaidh chaidh a lamhan a sgròbadh gu dona leis na bioran géura. Thoisich e ri eigheach, agus ruith a mhathair agus bean an tuathanaich a mach cuideachd. Bhan guillan a donnalaich, a mheoirean asileadh fala, agus egan crathadh ri taobh na craoibh rois, agus e ag caineadh na flùrs a bha cho guineach, meallta.

Chaneil annain uile gu leir, gle thric, ach clann air fas suas!” arsIacob. “Anns gach sòlas, mar an ròs, tha guin gheur, agus gle thric, gheibh sinn iad anns gach laimh. Tha fear agabhail moran toileachaidhan dannsas an cluichean, agus tha fear eile, anns an òl, air neo ma dhfhaodtean rud as miosa. Seasaidh e sin suas, agus toisichidh e ri caoidhs ri osnaich, agus ri càineadh na h-oibre, den drinn e fhein droch fheum. Na bithibh mata air ur mealladh le fluranan maiseach. Tha tur reusain am mac an duine. Cha bu choir da, air an aobhar sin, a bhi air a dhalladh le ana-miannan, ach an cumail aig riaghailt agus fo chis.”

Trath air maduinn bhreagha Dhomhnaich, as deigh da latha uisge, chaidh Mairi comhla ri h-athair don gharadh agus fhuaìr i achiad lili air tighnn fo bhlath, ’s i dearrsadh gu boisgeil fo ghathan na greine, a bha air ùr eirigh. Dheubh i air muinntir an taighe, a bha ro dheonach o chionn uine lili fhaicinn fo bhlath. Bha iad uileg amharc oirre le ioghnadh.

Nach i tha soilleir, glan, geal agus gun smal,” arsa bean an tuathanaich.

Tha,” ars Iacob, le guth car air chrith,” bfhearr gun robh cridheachan nan daoine gu leir cho saor bho gach smal! Baoibhneach an sealladh sin do Dhias do na h-ainglean. Tha cridhe glan an dluth chairdeas ri Flaitheanas.”

Nach eireachdail, steudail, direach na seasamh i!” ars an tuathanach.

Mar a mheur atomhadh ri Flaitheanas!” fhreagair Iacob. Tha mi ro-thoilichtebhiga fhaicinns agharadh. Bu choir a leithid a bhis a h-uile garadh anns an duthaich. Tha againne daonnan ri bhig oibreachadh air an talamh, agus tha e cho furasda dhuinn Flaitheanas a leigeal air diochuinhn’. Tha na flùrain dhireach, aluinn so a curnar cuimhne gur còir dhuinn, a measg gach uile obairus trioblaid, bhi sealltuinn os ar ceann, agus a bhin toir air gnothuch as fhearr nas urrainn duinn fhaighinn air an talamh so.”

Tha gach lus,” ars easan le durachd, “eadhon gach bileag fheoir, ag iarraidh suas, agus an fheadhainn sin tha tuille as lag gus iad fhein a thogail suas, mar tha peasairus pònairus lus-an-leanna, feumaidh iad iad-fhein a shniomh ma ghnothuichean eile man urrainn iad direadh. Bu mhaslach a chuis ega rireadh, nam bithidh gach smaoin, iarrtas agus dòchas mhic an duine daonnan asnàigeadh air an talamh!”

Bha Iacob, air aon latha, a cur phlanntan òga ann aleaba a bha air ùr oibreachadh, agus bha Mairi aglanadh luibhean air falbh á eile bha lamh rithe. “Se obair coltach ris a so bu choir a bhi againn fad ar beatha,” thuirt Iacob ri Mairi. “Chan eiln ar cridhe ach garadh a thug ar Dia gradhach dhuinn gus curam a ghabhail deth. Is còir duin a bhith daonnan cùramach nach cur sin ann ach gach seors as fhearr, agus gun glan sin air falbh asan am gach seors uilc, man teann e ri brath a gabhail oirnn. Gach aon a ni an da chuid so gu math, agus a dhiarras grasan air Dia, a tha toirt duinn blaths na greine, braonus uisge, gach fas agus cinneachadh, tha an duine sin adeanamh garadh ro-eireichdail, a thana shamhla do Pharras fheinn a chridhe.”

Chuir Iacob agus Mairi faisg air tri samhraidhean agus tri geamhraidhean seachad gu toilichtam baile na craoibh giubhais. Le dichiollus deagh riaghlaidh, le comhradh taitneach, ’s le spòrs neo-chiontach, cha mhor nach robh a h-uile amhghair tron deachaidh iad air dol as an cuimhne. Achn uair thainig am na buana an rithisd, agus a bha grian a mheadhoin-latha atoirt air gach craoibhus luibh dubhar fad a thilgeadh— ’n uair a bha na flùrain bu deirionnaichs agharadh fo bhlath— ’n uair a bha duilleach nan craobh air donnadh, air buidheadh, ’s air seargadh, agus an garadh asealltuinn mar gum biodh etuiteaman trom chadal agheamhraidhbha Iacob afaireachdain a neartg a fhagail, agus gle thric bhiodh e ann an droch shlainte. Dhfhalaich e so cho mors a burrainn dha air Mairi, seach trioblaid a chuir oirre; achn uair a bhruidhneadh e mu na flùrs, bha rud eigein muladachna ghuth a bha gu tric aruigheachd a nighinn ghradhaich a dhionnsaidh a chridhe.

Thug Mairi tarruinn ris mu aon ròs a bha fuathasach anamoch, agus a bha fo lan bhlath am fior dheireadh na buana. Bha toil aice am buain; ach thuit na duilleagan donna man gann a bhean i dhaibh, agus laidh iad mun cuairt, sios air an talamh lom, dhubh. “Cleas nam daoine,” ars a h-athaìr. “ ’Nar n-oige, tha sinn coltach ris an ròs fo ùr-bhlath; ach seargaidh sinnan uine mar an ros, agus tha ar samhradh goirid, ’san uine bhig bithidh e seachad. Na cuir earbsa ro-mhor, mata, mo leanabh gaolach, a maise bhreoite, dhiomain na colluinne; ach bi deonach air maise an anama, am mathas sin nach searg a chaoidh.”

Bha Iacob aon fheasgarna sheasamh am fàradh agharaidh atoirt nan ubhlan far nan craobhsgasineadh do Mhairi, agus isegan cur gu curamach ann am bascaid. Labhair e car mar so: “Nach minheil thaghaoth fhoghair a seideadh thar na h-asbhuain, agusga cluich fhein a measg nan duilleagan odhar, ’s air feadh mfhuilt leith-sa! Tha am na buana agam-sa aig laimh, agus t-am-sa, Mhairi, a ghraidh, cuideachd. Thoir ionnsaidh, mata mar an chraobh so, air deagh thoradh thoirt seachad, los gum bi Tighearna garaidh mhoir an t-saoghail so buidheach dhiot.”

Nuair a bha Mairi a cuir beagan de fhrasan airson an ath earraich, thubhairt a h-athair rithe: “ ’S ann direach mar so, mo nighean ghaolach, a chuireas daoine sinn fhein latheiginns an talamh agus a chomhdaicheas iad thairis sinn le creadhaidh; ach bi thusa fo dheagh mhisnich! mar a dhfhàsas an sìlean beag so, a thadols an talamh, an rithisd suas, s a thig e beo, agus a thogas se e-fhein os cionn an talmhainnna fhluran dreachmhor, ’s a sheasas e, mar gum beadh, buadhor os cionn a bhàis: is amhuil sins mar a dheireas sinne an rithisd on uir, maiseach agus glormhoir. Smaointich air a so, a Mhairi ro-ghaolach, ’n uair tha mise cnamh san uir. Biodh na flùrain a chuireas tu air muaigh dhut na samhla air an aiseirighs air an t-siorruidheachd.”

Sheall Mairi air a h-athair. Bha da dhiar mhorn a suilean. Chrith i mar gum bann le geilt, agus bha i fo thrioblaid inntinn mun uine ri teachd.

(Ri leantuinn.)


BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. VI.

(Air a leantuinn.)

Faodaidh mi ann an so innse gur an doChreideimh an t-Shagairt,” mar their iad ris, a bha caraid dealaidh a Phrionnsa, Diùc Pheairt, a thaobh a mhàthair a bhi dheth na chreideamh sin; choisinn sin da mòr ghamhlas bho dhaoineil a bha de mhuthadh beachd. Goirid ron àm so; feadh a bham Prionnsann an Dùthaich Chlann-Raonaill, thainig òrdugh bho chuirt Rìgh Sasuinn Diùc Pheairt a ghlacadh; agus ghabh dhuin’ -uasal Ghàelach bha nan oifigich anns an arm-dhearg, Pàduig Moireach Uchd-oir-thìre, agus fear do Chaimbeulaich Inbhearaora fos-làimh sin a dheanamh, air dòigh, faodaidh mi ràdh, nach robh ro chliùteach dhaibh féin, —Chuir iad fios thun an Diùc gun robh iad air son an dinnear a ghabhail maille risna thaigh air latha àraid: chuir an Diùc fios thuca, gum bem beatha uair sam bith a thigeadh iad, agus gum bìodh e-féin air an cinn. Fa-dheoigh thainig na h-oifigich fhoill so, agus cha luaithe fhuair iad crathadh an fhir de làimh mhin chàirdeil an Dùic na chuir iad an céill an teachdaireachd, agus an turas



[51]

[Vol . 9. No. 7. p. 3]

mun tàinig iad; dhiarr iad air an Diùc a bhi mach còladh riu. Thuirt an Diùc ged a bhan t-òrdugh sin cruaidh gun robh e faicinn gum bfheudar dhafhreagairt, agus dhiarr e comas orra a dhol do rùm beag cùil a bha dheth an t-sheòmar, anns an robh iad gus an dìnnear a ghabhail, ag ràdhnuair a chuireadh se e-féin na uidheam an sin gun falbhadh e leo. Shaoil na slaoightearan nach burrainn e teicheadh gun fhios daibh agus thug iad comas da sin a dheanamh; chaidh an Diùc còir sios air staidhre cùil a bha treòrachadh tro leas a bhair cùl an taighe agus dhimich e gus an dfhuair e gu badan beag dlù coille bha faisg air. Ged a bha geard dhethn arm-dhearg afreiceadan mu thimchioll an taighe, gu sealbhach cha do mhothaich a h-aon diù dha. Cha deach e fad air astar gus na thachair fear dheth a chuid each féin ris, agus ged a bha e gun srian gun diallaid chaidh an Diùc air a mhuin, agus cha do lasaich e eang gus an dràinig e taigh a charaid Mr. Moraidh Obair-Charnaig. Nach ceart a thuirt am facal,— “Gur feumail a dhol air each mallsan àm nach faighear an saoidh.” Cha tug an Diùc roin àm so ceannfath sam bith do mhuinntir Sheòrais air a ghlacadh; nan tugadh chan fhaigheadh iad cho faisg air sa fhuair iad: ’s en aon ni mun robh iad air son a chuir fo ghlais, fios a bhi aca gum bu duine cumhachdach e aig an robh mòran luchd-leanmhuinn agus shaoil iad a chumail an làimh gus an rachadh an dara taobh dhaibh féins do Thearlach; achs ann a bhrosnaich an ionnsaidh mhi-fhearail so a thugadh air e gu eiridh le fraoch agus graide: agus am beagan laithean thog e a chuid daoine ann an aobhar a Phrionns’, a bha mu thuaiream mìle fear ann an àireamh, agus dhfhalbh e-féin air an ceann.

Feadhs a dh fhan Tearlach ann an Peairt thainig iomadach ceann-cinnidh len cuid daoine ga ionnsaidh, Tighearna Shrath-Ailein sachuid daoine; Tighearna Ogailbhi, mac IarlAirlie agus a dhaoine; Tighearna Shruthain agus a dhaoine; Iain Stiùbhart Chinne Chàrdain agus Stiùbhartaich bhraigh Pheairt: agus mòran de thuath Dhiùc-Abhaill; Morair Seòras Moireach le feachd ro lionmhor dheth a chinneadh féin. Bha Morair Seòras na leth sheann-duine mun àm so. Bha e ann am blàr Sliabh an t Siorraim sabhliadhna 1715. Bha e na shaighdear ro fhòghluimte ann an dòighean an airm; bha uidhir adhearbsaig Tearlach as a sheòltachd is gu drinn e ard-sheanalair dheth thar chàich gu léir.

Nuair a ràinig Tearlach Peairt cha robh aige na sporan ach aon ghinni òir. Air an aobhar sin dh-òrduich e buidheann dheth shluagh a chuir air feagh gach baile mun cuairt a thogail airgeid cìse: mar so thrus e rud math airgeid, agus chuir cuid de dhaoin-uaisle Dhunéideinn beagan airgeid da ionnsaidh. Thog e ann am baile Pheairt féin cuig ceud pund Sasunnach.

Dhfhan Tearlach ann am Peairt ochd laithean atrusadh airgeid agus atogail dhaoine, agus bha Morair Seòras Moireach acuir an airm an òrdugh, agus atoirt beagan ionnsachaidh dhaibh mar dheanadh siad iad-féin a ghnàthachadh ri uchd catha; agus fhuair e màlaidean cainbe air an deanamh, a h-aon do gach saighdear, anns an giùlanadh iad an cuid mine oir cha buirran fheachd so a chumail suas air dòigh sam bith eile le cion cosgais.

Air di-dòmhnaich an t-ochdamh latha de mhios meadhonach an Fhoghair chaidh am Prionnsa agus a chuid uaislean don eaglais, agus tha e air aithris gum be sin a chiad searmoin Phrostanach a chuale riamh. Am feadh a dhfhan e ann am Peairt bha e còir caoimhneil ris gach duine rachadh nachainnt, agus thug e litrichean-rathaid, no cead-siubhail, do dhioma fear de luchd na féillechum is nach glactiad féin non cuid, mar bhiodh iad a triall dachaigh gun ionadan comhnaidh fa-leth. Am measg chàich thainig ceannaiche mòr Lunnainneach a dhiarraidh litir-rathaid air, agus an uair a thug e dhà i dhiarr e air a bhig innse do na Lunnainnich nach bfhada gus am faiceadh iad Tearlach Stiùbhart agus na Gàeil ann an cùirt an Righ an Lunnainn.


CAIB. VII.

TURAS A PHRIONNSA DHUNEIDEANN.

Air di-ciadain an t-aon latha-diag de mhìos mheadhonach an Fhoghair dhfhàg Tearlach agus armailt Peairt, agus rinn iad air son Dhunéideinn. Than bhaile mhòrsin ma thuaiream da-fhichead mìle bho chéile, agus ben rathad bu dìriche agus a baithghearra dhaibh a dhol thar Port na Ban-righ; ach thug muinntir Dhun-éideann mun airidh na bàtaichean aisig gu léir a tharruinn suas air taobh deas a Phuirt, —ach ged a bhiodh iad air faighinn nam bàtaichean deas air an cinn, ’s gann a burrainn iad an t-aiseag a ghabhail gun chall sluagh, oir bha trùpairean Choirneil Ghàrnaileir ga feitheamh air taobh Dhunéideinn den Phort; agus cha bu mho burrainn iad teine an luingeis-chogaidh a bhair an acair am bun achaoil a sheachnadh: mar sin thàinig orra a dhol timchioll ceann a chaoil agus gabhail a mach air àth na h-aibhne os ceann Shruileadh. Nuair a rainig iad Dùnblathain thàinig tri fichead de Dhòmlnullaich Ghlinne-Comhann nan ceann, agus fhichead fear de chlann-Ghriogair Ghlinne-Càrnaig fo chomannda Sheumais mhòir Mhic-Ghriogair, mac do Rob Ruadh. Dh’ -fhan am Prionnsa latha ann an Dunblathain afeitheamh gus an tigeadh cuid dheth na daoine a dhfhàg iad ann am Peairt suas riù: ma fheasgar an dara latha diag chàmpaich an t-àrm gu léir ma uidhe mile air taobh deas Dhunblathain.

Air di-haoine an treas latha diag thriall an t-àrm gu àth na Friù, àite tana dheth an abhainn, ochd mile os-ceann Shrùidhleadh. Bha iad am beachd gun robh trùpairean Choirneil Ghàrnaileir gu coinneamh a thoirt dhaibh aig a bhial-àth, a chum am pilleadh, ach cha tug. Gus an t-àm so bha na Gàeil ann an dùthaich anns a robh gach cothrom acthar an arm-dhearg, ach air a mhachair chòmhnaird réidh bha gach cothrom aig na dearganaich orrasan, a thaobh gur ann len cuid mosgaidean a dheanadh na Sasunnaich euchd sam bith. Air an aobhar sin chomhairlich cuid dheth na h-oifigich Ghàelach do Thearlach fuireach bharr a chòmhnaird, agus fantainn sagharbhlach gus an tigeadh an t-àrm-dearg air aghaidh; ach cha tug Tearlach éisdeachd dan comhairl. Air dhaibh a thighinn thun a bhial-àtha thug Tearlach a chlaideamh á thruaill, agus, anochdadh a bharra ri taobh thall na h-aibhne, thug e dhian leum anns an t-sruth, agus air bheag spàirne chuir en àth gu fearail agus lean an armailt gu léir as a dheigh. A thaobh na slighe so a ghabh na Gàeil, cha robh fios aig na Goill, co dhiù a bha rùn orra dhol do Dhunéideann no Ghlasacho. Be Glasacho gu mòr bu shaibhire na Dunéideann, agus bha na Galla-bhodaich asaoilsinn gun robh gamhlas aig aPhrionnsdo mhuinntir Ghlascho a thaobh iad a bhi bho shean ann an naimhdeas da shinnsir, Stiubhartaich rioghail Alba. Ach a thaobh gum be Dunéideann àrd bhaile mòr na rìoghachd, far an robh lùchairt a shinnsir, chuir Tearlach roimhe a ruidhinn gun dàil: agus air dha pàirtidh a chuir do Ghlsacho a thagairt cùig mile diag pund Sasunnach de dhairgead cise bho cheannaichean, agus bho dhaoin’ -uaisleila bhaile, thriall a mhòr-fheachd gu Dunéideann.

Air an ath latha ghabh na Gàeil turas-timchill gu taobh deas Shrùileadh a chum as gun seachnadh iad teine ghunnaidhean mòra chaisteil. Air a chuairt so, ghabh am Prionnsa thar faichAllt-a- Bhonaich, far an tug a roimh-sheanair, Brus, a bhuaidh a mhaireas mar chliù shiorruidh air treubhantas laoch chruadalach na h-Alba. Chaith en òidhche sin aig Allt-a- Bhonaich ann an taigh Shir Uisdean Mhic-Phàdruig, duin’ -uasal a bha ro eudmhor na aobhar, agus laidh an armailt na h-òidhche air réidhleach Shàchaidh, far an deach Rìgh Seumas an III. a mharbhadh sabhliadhna 1488 le iochdaranan tuath-shreupach féin. As an ionad so chuir am Prionnsa teachdaireachd gu daoin’ -uaisle Shrùileadh, ag iarraidh orra biadh a chuir a dhionnsaidh na h-àrmailt, agus thug iad grad fhreagairt da òrdugh.

Air a chùigeamh latha diag, ghluais an t-arm a chum na h-Eaglaise-brice agus laidh iad na h-òidhche measg phreasan bealaidh air taobh sear taigh Chala-sraid anns an robh Iarla Chill-Màrnoc a chòmhnaidh: rinn an diun’ -uasal sinn beatha Thearlaich gu fiùghantach, fialaidh, agus dhinnis e dha gun robh trùpairean choirneil Gharnadeir an geall air seasamh air drochaid Chlinn-Iuch, a chum na Gàeil a chumail air an ais. Air ball chuir Tearlach naoi ceud fear dheth na daoine bu chalmabhaige los na trùpairean a chumail dheth an drochaid, agus chaidh sin leo. Cha dfhuirich iad ris na Gàeil a dhol an àite teine dhaibh, ach ghabh iad an teìcheadh gu Dunéideann, agus ann an camhanaich an latha rainig aphàirtidh so de dhfheachd Thearlaich baile Ghlinn-Iuch.

Bham Prionnsa agus a chuid eile den àrm ann an Gleann-Iuch ma dheich uairean samhadainn, an ath-latha, agus ben Dòmhnach a bha ann. Cha robh e nis ach sia-mile-diag bho Dunéideann. Bha muinntir Glinn-Iuch adol don eaglaisnuair chunnacas am Prionnsagus armailt a tighn don bhaile; agus a réir mar dhinnseadh dhomh, cha deach duine dhiù don eaglais air an Dòmhnach sin, ach lean iad am Prionnsle buaidh-chaithream éibhinn gus an deach e steach do sheann lùchairt Rioghail a shinnsir ann am baile beag Ghlinn-Iuch

Chaith am Prionnsagus a chuid uaislean, agus uaislean a bhaile tùs an latha ri òl fiona agus ri aighearagus chan fhacas a leithid a mheoghail ann an Gleann-Iuch bho nuair sin gus an lathan diugh.

Ma cheithir uairean san fheasgar dhìrich an t-àrm ris an uchdach, fagus do chlach an mhile-dhiag bho Dhunéideann, agus stad iad ann an sin na h-òidhche. Chaidil am Prionnsann an taigh beag a bha ri taobh an rathaid. Air a mhadainn di-luain, an seachdamh latha diag den mhìos, ghabh iad air an aghaidh do Dhunéideann, agus cha robh iad a nis ach ma chioseachd cheithir uairean bho na bhaile!

Air dhaibh a thighinn am fradharc Dhunéideinn mheas iad iomchaidh a dhol bharr an rathaid mhòir, agus triall air frith-rathad a bha treòrachadh a chum na làimhe deise gu baile beag ris an canair saBheurla Sleatford. An sin laidh an t-arm na h-òidhchann an raon peasrach, don goirear Pairc a Ghreadhaich. Bha pheasair làn abaich san àm, agus dhith na Gàeil cuid dhi agus chuir iad cuid eile dhi bho fheum. Air a mhadainn thainig an Galla-bhodach, dam buinneadh a pheasair, far an robh am Prionnsa dh’ -iarraidh diol-

(Air a leantuinn air taobh 54.)



[52]

[Vol . 9. No. 7. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh, agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, OGUST 17, 1900.

Tha Nobha Scotia ag agairt fhiach air Canada, agus tha e coltach gu leòr gum bi iad air am pàigheadh dhi. Chan ann mar sin a dhéirich do Chuebecs do Ontario; tha fiachan aig Canada orra o chionn iomadh bhliadhna. Bha comhairlena suidhe o chionn treis a dhùine a ceartachadh nan cùisean eatorra, agus tha i nisen deigh breth a thoirt. A reir na breth sin tha aig Ontario ri faisg air da mhillein dolair a phàigheadh a stigh don àrd-ionmhas, agus Cuebec còrr us ceud mile dolair. A bharrachd air sin tha aig Ceubecs Ontario eatorra, ri còrr us tri cheud mile dolair a phàigeadh do threibh Innseanach a tha deanamh an dachaidh a tuath air lochan Superior us Huron, na h-Ojibeways.

Tha e air aithris gun dfhuaireadh am mach gu robh àireamh de na Boerich ann am Pretoria adeanamh deiseil gu éiridh an ceannairc an aghaidh nam Breatunnach. Bha iad acur rompa priosanach a dheanamh de Mhorair Roberts, agus na h-oifigich eile a mharbhadh; bha iad fhéin an sin adol a dheanamh greim air abhaile. Ach fhuaireadh am mach iad an àm, agus chaidh deichnear diubhsan a bhanan ceannardan orra a chur dhan phriosan. Tha moran dhen bharail gu robh tuilleadhsa chòir de shaorsainn aig na Boerich on ghlac na Breatunnaich am baile; chan eil na h-uiread aca nise, agus cha bhi gus an tig crioch air achogadh.

“ ’Nuair a thig sibh mu chionneamh ur naimhdean,” ars Uilleam, Impire na Gearmailte, ’se labhairt ri buidheann shaighdearan a bha e cur air falbh do Shina a thoirt a mach tòrachd an àrd-theachdairechuir naBoxersgu bàs, “cuimhnichibh so: Na caomhnaibh duine. Na glacaibh aon dhiubh mar phriosanach. Cleachdaibh ur n-airm air dhòighs nach leig an t-eagal le Sineach sùil choimheach a thoirt air Gearmailteach gu ceann mile bliadhna.” Tha e doirbh a chreidsinn gum biodh e comasach do ard fhear-riaghlaidh dùthaich Chriosdail mar tha Ghearmailt briathran cho brùideils cho an-iochdmhor a labhairt.


LITIR A DETROIT.

FHIR-DEASACHAIDH: —Tha co-fhaireachdain agam féin an diugh ri Abou Ben Adam, (gu meudaich a threubh!) Bha esan duilich a chionns nach robh ainm fhéin am measg ainmean nan daoine taghtesan Leabhar Oir; agus tha mise mar an ceudna duilich a chionn nach fhaca mi mainm féin am measg ainnean nan Gàidheilsa MHAC-TALLA. Chuir mi Ordamh Posda air son dolair a dhionnsuidh MHIC-TALLA toiseach Iulaidh. Mar fhaic mi mainm anns an ath àireamh dhiùbhsan a phàigh, bidh fios agam nach drainig an dolair sibh, agus gun dàil cùiridh mi dolar eile air adhart.

Tha mig ionndran nacheil ach fior chorra litirsaMHAC-TALLA air an t-samhradh so. Ciod e dhéirich do na sgriobhaichean gasda a bàbhaist a bhi toirt dhuinn iomadh litir chiatach? Tha mi den bharail gur h-e an teas anabarach a tha sinn a footainn am bliadhna a thagan cumal bho bhi sgriobhadh. Tha an t-side fuasach teth an so, agus moran de fhrasan beannaichte atuiteam. Tha bàrr math deth gach seòrsa againn.

Tha tunnag mhor fhiadhaichs aGhaeltachd ris an abrar, gu bithanta, alach. Tha iomadh sgeulachd ma deighinn, agus tha i fon chliù a bhi fuasach glic. Thug dhiubh a mach àl an toiseach a Mhàirt agus chinnich leatha gu ro mhath gu toiseach April. An sin chrath i a sgiathan a toirt dùlan don mhàrt, agus thuirt i:—

Ge boil leis aMhàrt a chab liath
Ghleidh mise mi féins mo dha isean diag.”

Dhiarr am Mart tri làithean an iasad air April; thug April sin da. An ceann nan tri laithean cha robh aig an lach ach aon iseans bha e air leth shùil. Riamh bhon uair sin theirearna tri làithean iasaidris a chiad tri laithean de April; agus tha iad gu tric nas stoirmeile na am Màrt. “Mas breug bhuams breug ugam.” Slàn leibh.

Ur caraid,
DONULL MAC LEOID.
Detroit, Ogust 4, 1900.

Fhuair sinn dolar Dhonuillcothrom math aigeged a chaidh ainm air seacharan oirnn an àm a bhig innse co a phàigh. Chan eil fhios againn car son nach eil tuilleadh litrichean a ruigheachd MHIC-TALLA. Tha sinn an dòchas gur h-e, mar tha Donull ag radh, an teas is coireach; mas e chan fhada gus am litrichean gu leòr a tighinn, oir bidh an teas an ùine ghearr seachad, agus bidh luchd-sgriobhaidh nan litrichean air am fàgail gun leisgeal. Cha toigh leinn a bhi moladh duinen clàr an aodainn, ach chan urrainn duinn an cothrom so a leigeil seachad gun a radh, ged atha càirdean MHIC-TALLA lionmhors rim faotainn fadas farsuinn, nach eil aonnam measg a tha nas dilse don phaipear no nas deònaiche air gach ni na chomas a dheanamh gu soirbheachadh a chur leis na tha Donull Mac Leoid. Tha sinn an dòchas nach ruith moran ùine gus an sgriobh e litir eile.

AM FEAR-DEASACHAIDH.


F . H. REYNOLDS,
ARD CHEANNAICH’ -AODAICHEAN.
South Charlotte St. , - - - Sidni.

Tha stoc de dhaodaichean Fhirionnach againn nas motha na tha aig ceannaiche sam bith eile than Sidni. Tha sinngan ceannachnan tomadan mora, air prisean isle, agus mar sin theid againn air an creic saor. Tha iad gle chumadail, air an sar dheanamh, agus tha deagh chosg annta.

Deiseachan matha laidir de chloth gorm - - $5 .00.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Sanas do Chinn
Theaghlaichean.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Arineis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER.


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.



[53]

[Vol . 9. No. 7. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha Riaghladair ùr againn air Nobha Scotia, an t-onarach A. G. Jones: bha e air a mhionnachadh a stigh don dreuchd Di-màirt air an t-seachdain sa chaidh.

Chaidh Eadailteach a ghlacadh oidhche Dior-daoin sa chaidhse goid aodaich us uidheaman á ciste saoir a bha air a fàgail ann an tigh ùr anns an robh an saor ag obair. Chaidh a thoirt gu cùirt an ath latha agus fhuair e da mhios dhen phriosan.

Tha e gle choltach gum bi taghadh na h-àrd phàrlamaid ann romh dheireadh na bliadhna so, ma dhfhaodte romh dheireadh October. Bidh ùine na parlamaid a thann an dràsda mach an ceann deich miosan eile, agusses dòcha nach feith an riaghladh ris an àm sin.

Tha an t-uisgefàs gann anns abhaile, agus tha an luchd-riaghlaidh a toirmeasg a bhi deanamh ana-caithamh air le bhig uisneachadh barrachd dheth ann an obair sam bithsa bhios feumail, agus ag iarraidh air gach neach a thaga ghabhail a bhi cho caomhnach airs is urrainn iad.

Bha stoirm mhor de chlacha-meallain mu bhràigh na h-aimhne Ottawa aon latha air an t-seachdain sa chaidh: ’Nuair a bha i thairis bha tri òirlich de shneachdas de chloich-mheallain air an làr. Tha e duilich a dheanamh am mach co-dhiubh a bhuineadh an stoirm sin don gheamhradh sa chaidh no don gheamhradh sa tighinn.

Tha e na riaghailt an Canada a nise nach fhaod luchd-imrich tighnn don dùthaich mur bi de dhairgead aca na chumas suas iad gus an teid aca air am beolaind fhéin a chosnadh. ’Se bu choireach an riaghailt so a dheanamh gu robh daoine a tighinn a bha cho bochds gum biodh iad nan uallach air an dùthaichg an cumail suas. Chan e sin an seòrsa sluaigh a tha dhith air Canada idir.

Chaidh Humbert, righ na h-Eadailte a thiodhlacadhsan Roimh, Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh. Aig calan rathaid-iaruinn fhuaireadh duine armaichte am falach a feitheamh gus am faigheadh e cothrom air an rìgh òg, Victor Emmanuel, a bha tighinn air acharbad-iaruinn gu tiodhlacadhathar. Chaidh a ghlacadh air ball, ’sa chur an greim. Thatar adeanamh am mach gu bheil e den aon droch cuideachd Bresci, a mhort righ Humbert.

Di-haoine sa chaidh, bha dithis dhaoine mhuinntir Newfoundland, Seumas Mercer agus Anderson Dyer, air an goirteachadh aig laimhrig na h-obair-iaruinn, agus chaochail iad air feadh na h-oidhche. Bha iad a toirt luchd iaruinn bhar soithich, agus thuit làn tuba dheth air am muin, ’gam prannadh air dhòighs nach burrainn dhaibh a bhi beò. Dhfhàg Mercer bean agus sianar chloinne. Cha robh Dyer pòsda. Air a cheart latha bha fear Nataniel Carney, a mhuinntir Harbor Grace, Newfoundland, air a mharbhadh ann am mèinn Chaledonia, le tuiteam guail. Dhfhàg esan teaghlach mar an ceudna, bean us sianar chloinne.

Ann an Acarsaid Neill Di-satharna bha fear Iain Jean air a mharbhadh le bruis a thilg Tomas Ingraham air; bhual abhruis an taobh achinn e.

Thainig sgeul an gu robh an t-arm Eòrpach an deigh Pekin, baile-mor Shina, a ruigheachd. Ma tha sin fior, bidh dùil ri naigheachd chudthromach an ùine ghoirid, ach chan eil cinnt sam bith fhàthast gu bheil e fior.

Tha ceannaichean-feòla ann an Chicago an deigh òrdugh fhaotainn o riaghladh nan Stàidean air son da mhillein punnd feòla air son nan saighdearan a tha acasna dùthchannan an ear. Tha sinn an dòchas nach en seòrsa fhuair iad air son nan saighdearan ann an Cuba a dha bliadhnan t-samhraidh so a gheibh iad air an turus so.

Bha teine mor ann a White Bay, Newfoundland; chaidh sia fichead tigh-comhnuidh a losgadh, muillean-sabhaidh mhor agus neart mor fiodha. Bha an sgireachd air a losgadh o cheann gu ceann. Bha call beatha mor air a bhi ann mur be gun do thachair soitheach a bhi stigh le luchd guail; chaidh an sluagh air bòrd oirre, agus fhuair iad a dhol gu àite sàbhailte.

Tha an t-Urr. Calum Caimbeal, á Strathalba, E. P. I., air an t-seachdain so acur cuairt am measg a chàirdeansa sheann luchd-eòlais air an eilean so. Bidh ar leughadairean duilich a chluinntinn nach eil a mhac, Alasdair, a bha air a bhualadh le tinneas tromsa gheamhradh sa chaidh, air a dhol moran am feobhas fhathast, ged a tha dòchas gun dean ùine a thoirt gu bhi ann an slàinte nas fhearr.

Tha Sir Wilifrid Laurier ri bhi ann an Sidnis an Sidni Tuath an diugh. Bha e ann an New Glasgows am Pictou Di-luains Di-màirt. Bha e ann an Arichat Di-ciaduin aig coinneamh mhor nam Frangach. Tha muinntir nam bailtean so acur rompa fhailteachadh gu cridheil agus a bheatha dhenamh mar bu chòir. Chan eil e air achuairt so a tighinn mar cheann-feadhna na pàirtidh dam buin e, ach mar Phriomh Mhinisteir Chanada, agus mar sin tha muinntir an da champa, cho math riuthasan nach buin do champa sam bith, acur urram air anns gach àitem bheil e taghal.

Tha an cogadh ann an ceann a deas Africa a teannadh ris achrich. Ged a tha soirbheachadh beag an dràsdasa rithist le arm nam Boereach, tha iad acall fad na h-uine, agus a lion beagan us beagan than t-arm Breatunnachg an cròthadh a stigh, agus mun teid moran tìme seachad, thig orra toirt suas. Tha àireamh mhor dhiubh air toirt suas cheana, agus mur be cho diorrasachsa bha Crugar us Steyn acur rompa nach deanadh iad sith ri Breatunn air chor sum bith, bhiodh an dùthaich gu h-iomlan fo riaghladh Mhorair Roberts roimhe so. Thainig sgeul air an t-seachdain so gu robh Steyn an deigh crioch a chur air fhéin, agus gu robh Crugar deònach toirt suas. Co-dhiu tha sin fior no nach eil, chan eil fhios fhathast, ach ma tha, faodar a radh gu bheil an cogadh seachad, oir biad sin an da cheap-tuislidh a bhasan rathad on thainig an samhradh.


Aodaichean Deante
SAOR AGUS MATH.

Caiseart dhe gach Seorsa, Pris us Fasan,
Truncaichean us Maileidean, dhe gach meud agus dath, agus iomadh ni eile.

H . H. SUTHERLAND & CO.
STOR SHAOR NA H-AON PHRISE
SIDNI, - - C. B.


KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN,

AIR an t-seachdain so afosgladh Seomar Dhealbh ur os cionn stor Aonghais mhic Ghuaire. Bidh an Seomar Dhealbh so air aon cho mathsa tha ann an Nobha Scotia. Tha gach dealbh a mithear ann dhen t-seòrsas fhearr.

Tha sinn a toirt cuireadh do na h-uile taghal a stigh a dhfhaicinn sampuill dhe ar n-obair.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


Chaidh fear Eachunn Mac Gilleain, saor a bhag obair air an eaglais ùr Chleirich an Sidni Tuath, a ghoirteachadh Di-satharna sa chaidh. Thuit e bhar mullach an togalaich,agus bhrist e cnaimh na guaille. Buinidh e do Cheap Mabou.

“ ’S math an gnothuch,” arsa Pàruig, nach eil am feur cho trom ris a ghual.” “Car son so?” ars a charaid Micheil. “A chionn,” arsa Paruig, “gum biodh tunna dheth cho troms nach burrainn do dhuine bochd mar a tha mi-fhin mart a chumail!”



[54]

[Vol . 9. No. 7. p. 6]

(Air a leantuinn o taobh 51.)

adh achalla. Chaidh fharraid dheth an gabhadh e litir a Phrionnsair son na suime, a rachadh a phàigheadh dha cho luath sathigeadh an t-sìth. Thuirt an Galla-bhodach gum bu roghnaiche leis urreigin eile a bfhaisgair làimh, agus ghabh e sgriobhadh Dhiùc Pheairtsan t-sùim. ’Nuair a chualas ann an Dunéideann gun robh na Gàeil ann an imisg mìle don bhaile shonraicheadh réiseamaid thrùpairean, (choirneil Gharnaileir agus Hamilton) a sheasamh rompa aig baile beag don goirear Corstorphine ma thuaiream mhìle bho na bhaile. Bha còladh ris an réiseamaid each so trì réiseamaidean eile de shaighdearan coise, réiseamaid Dhunéideinn, am Malisi, agus Geard a bhaile. Bhan réiseamaid as deireannaicha dhammich mi dhiù so ag amharc anabarrach dis agus giorragach, agus cha biad na trùpairean mòran bu mhisneachaile. Air dhaibh an cairtealan òidhche thoirt orra dhfhàg iad pàirtidh air an fhreiceadan. Air do na Gàeil a bhi triall air an aghaidh a chum abhaile thug iad an aire don fhreiceadan so, agus chuir am Prionnsa fear no dithis dheth a chuid marcach féin a dhfhaicinn ciod an àireamh shluaigh a bhair an fhreiceadan. Air faicinn do naGàel nach robh ann ach ma thuaiream dusan mharcach loisg fear acurchair á daga, agus cha do stad na trùpairean gealtach so ris an ath urchair a chluinntinn, ach spuir iad an cuid each, agus biad na casan bu luaithe na casan bu docha leo, gus an dràinig iad a chuid eile dheth an réiseamaid each a bha nan stad aig Drochaid an t-Searraich, a tha ma dhà mhìle bho Chorstorphine. Cha luaithe dhinnis am freiceadan dan còmpanaich gun robh na Gàeil air tighinn afradharc na theich iad gu léir air falbh le giorraig uabhasaich, (cha bann gu baile Dhunéideann a dhion bhon eas-caraid,) ach air feadh na dùcha mun cuairt a thaisbeanadh an geilte do mhuinntir a bhaile. Do mheud sabha chàirdean aig Tearlach sabhaile bha so na shealladh ro éibhinn, ach, air an làimh eile, bha àrdan na Cuigse air sioladh chum an làir le h-an-dòchas.

Nuair a chunnaic muinntir Dhunéideinn gun do theich na trùpairean, ghlaodh iad a dhaon ghuth gum bu diamhain sùil a bhi ris a bhaile ghleidheadh, agus gum bfhearr dhaibh striocadh mas dùisgeadh iad fearg nan Gàeil, agus ghlaodh iad ris a Phroaist, air dhaibh fhaicinn a falbh na sràide, gum bu chòir dha muinntir abhaile ghairm an ceann a chéile chùm an comhairle chuir cuideachd ma ciod bu chòir a dheanamh. Chuir am Phroaist aonta rin achanaich agus chruinnich an sluagh. Chuir am Phroaist an sin teachdairean gu oifigich a chrùin gus am faigheadh e an comhairle-san mun chùis, ach air do na teachdairean an ionadan còmhnaidh a ruidhinn, thuig iad gun theich na h-oifigich air falbh ás a bhaile! —Cha bfhadan deigh so gus an tàinig litir bhona Phrionnsa dhionnsaidh àrd Phroaist riaghlaidh abhaile, agus bha sùim na litreach mar so sios:—

Bho ar Camp, an 6-amh latha-diag den t-Seachdamh Mios, 1745.

Air dhuinn a bhi nise comasach air ar rathad adheanamh dhionnsaidh ard-bhaile rioghail Albunn a bhuineas da Mhorachd, tha sinne le so, atoirt bairlinn dhuibhse n-ar gabhail a steach; do-bhrigh gur e bhur dleasanas sin a dheanamh, agus a chums gun dean sibh e, tha sinneg iarraidh oirbh cho luathsa thig so gu bhur lamhan, sanas a thoirt do dhard-chomhairleichean aBhaile, agus seol iomchuidh aghabhail chum sith na cathrach a thearnadh; ni air am beil sinne fad an geall. Ach ma dh-fhuiligeas sibh feachd an eas-caraid a thighinn a steach innnte, no h-aon dheth na gunnaidhean mora, no armachd, no fudar, no peileirean, a ta nis innte, (co dhiu a bhuineas iad don baile no do dh-urrachan diomhair) a ghiulain air falbh: measair sin leinne mar bhristeadh dleasanais, agus na ar-a- mach ann an aghaidh an Righ, agus n-ar naghaidh-ne; agus diolaidh sinn da reir. Tha sinn agealtainn gun cum sinn coir agus saorsabhaile agus an cuid araidh fein ri gach aon de dh-iochdaranan an righ, ach ma nithear an eis as lughachuir oirnn, cha sinne tha gu freagairt air a shon, a thaobh gum beil sinn a cuir romhainn, air gach aon chor, a dhol a steach don bhaile; air an aobhar sin, ma gheibh sinn a h-aon den luchd-aitichidhn-an armachd, cha ruig iad a leas duil a bhi aca, gur ann mar chimich a ghnathaicheas sin iad.

TEARLACH P. R.”

(Ri leantuinn.)


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid.

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


Tha muinntir Chanada ag òl moran ti, agus anns na roinnean a tha ris an Atlanticsi Union Blend, a tha creic aig 25, 30, 35 us 40 sent, an seorsas measaile. Than ti so glan, blasda agus fallain. Tha inchair agus cairt-sheòlaidh anns gach pasg.

Gheibhear anns an àireamh so sanas bhaKelly & Dodge.Chan eil teagamh nach iad so na dealbhadairean as fhearr a thasa bhaile, agus gheibhear obair mhath uapa.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


Bi gabhail a MHAR-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.



[55]

[Vol . 9. No. 7. p. 7]

LITIR A AFRICA.

(Air a leantuinn.)

Chaidh sinn an toiseach air adhart a dhionnsuidh na laimhe clì, far an robh camp nam priosanach, a chionn gun robh na oifigich leinn, agus gheibheadh iad cead on fhreiceadan gun rachamaid dlùth air a challaid a bha mun cuairt air a champ. Bha daoine mòr tlachdmhor, cho dubh rìs an t-suith ann an deise bhriagh nanHussarsreisimeid an airm Bhreatunnach ann an Innsean an iar, a cumail freice adan thairis air naBoers,” comhla ri cuideachd do réisimeid Shasunnach. Bha na saighdearan dubha ann am briogais ghoirid dubh-ghorm, peiteag gheal agus cota goirid de scàrlaid, le putain agus obair ghreis òir mun amhachs caol an dùirn, agus le ceann-aodach geal. Theid min urras gun do nochd iad gu math.

Thainig tiomachadh mòr air mo chridhe, air dhomh na priosanaich fhaicinn. “Ciod a rinn iad,” arsa mise rium fhéin, “ach an rud a dheanadh tu fhéin nam feuchadh rioghachd air bith eile tighinn a stigh do Albainn? Ciod a rinn iad ach an ni a rinn sinn fhéin gach uair a dhfheuch Sasunn ar duthaich bheag bhòidheach a thoirt uainn?” Tha mig innseadh dhuit gun cuirinn a sios aran is bainne cho deas dhoibhs ged a bu Shasunnach iadchan abair mi Albannach, oirs fheudar cumail ris an fhìrinn, tha bàigh shònruichte againn ri ar daoine fein. Ach cha robh dìth orra. Bha iad 1700 tr. os cionn an loch, ann an àite fallain. Bha biadh, is leabaichean aca, agus bhiodh na saighdearan bitheanta a cluich air chleasan leo, gan cumail sunndach. Dhfheuch Col. SchielGearmailteachri teicheadh, agus a chionn gum be so an dara ionnsuidh a thug e chaidh a bhagradh air gun rachadh a chumail an geimhlibh gus an biodh an cogadh thairis na feuchadh e rithis e. Chaidh a thoirt as an Tigh-Shanuis, far an robh e, ’s a chur a stigh na bfhaides an eilean.

FhuairTòiseincead an coltas a ghabhail, ni a rinn e gràinnean uairean. Thug min aire gu deachaidh aon ghillòg am falach, ’s chum e posda den challaid eadar a ghloine agusaodann, ’s cha troidinn ris air a shon sin. Leugh mi anns a phaipeir-naigheachd aig an tighda uair thairismu thoiseach an turuis aig na daoine sin; ’s beag a shaoil mi gum faicinn iadga chriochnachadh!

Cha do ghabh e fada dol as a champ a mull guLongwoodan tigh anns an do chuir Napoleon seachad na bliadhnachan mu dheireadh da bheatha, agus anns an do chaochail e. Chaidh sinn troimh gach seòmar, le ioma smuain chudtronach.

Cha robh a bheag de àirneis annta, ach anns an t-seòmar anns an doshiubhail an duine mòr bha iomhaigh anabarrach math a chaidh a thoirt deth air


Bras dOr Steamboat Co., Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies


S mor àireamh na muinntir sin dam bu chòir a bhicuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil gadheanamh sin.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN DOMHNACH.

A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.

DI-LUAINA Sidni, 8.15, 10 p. m. A Sidni Tuath, 7.30 p. m., 9.15 p. m.

DI-MAIRT GU DI-SATHARNAA Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m.

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.

* TURSAN DIREACH.


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


WANTED —RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads. and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary £50 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.


A. J. G. MACEACHUINN,
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, - - C. B.


DR G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B


L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.



[56]

[Vol . 9. No. 7. p. 8]

an air an dfhalbh e. Sgriobh sinn ar n-ainmean an so a rithist ann an leabhar nan turusaiche, ’s thionndaidh sinn gu falbh. ArsaToisein,” le sudhach gàire— “Is rud neònach leam fhéin daonnan an uair a theid duine spaisdearachd air feadh sheomraicheans àitean mar sin, le aghaidh fhada, ’s gun dad ri fhaicinn!” “Tha mòran ri fhaicinn le suil na h-inntinn!” fhreagair aon eile den chuideachd, ’s leis so a ràdh theann sinn a mach. Bi nighean òg an Fhrangaich a thainig aghlasadh an doruis. Thugadh litir dhi, thun a h-athair, a chaidh a thoirt duinn le duin-uasal dar luchd-eòlais air aGhot.” Air so a leughadh, fhuair sinn cuireadh thun a thighe, ’s chaidh àite-suidhe thoirt a mach dhuinn air beulaobh an tighe, fo sgàile nan craobhan dosrach, air an toinneadh, ’s air an crochadh le blàthan, mar an iadh-shlat, ’s mar sin a sios. Bha na seòmraichean aig an tigh so àrd eireachdail, ach bha iad trang ri imrich a dheanamh as thun an tighe a bha sinn air fhàgail, oir bha feum aigLord Bathurstair mar àite-comhni dh fhads a bhiodh an réisimeid an sin. Bha an t-àros soga thogail air son Bhuonaparte, le Breatunn, direach an uair a leagadh sios e le galar a bhàis.

Fhuar sinn cupantea,” chuir sinn dhinn ar sgìos, agus le ioma taing air son an dòigh shuairces an do ghabhadh againn, gabh sinn ar cead do na daoine, ’s don àite, ’s theann sin a sios am bruthach thun ar dachaidh air an fhairge.

Bham bathar buileach a mach air an ath fheasgar, agus air madainn Di-ciadain chuir maraichean an Niobe, ’nan aodach geal, ’s lem biodagan rin thaobh, na prìosanaich air tir ann am bàtaichean na luinge aca. Bha 312 priosanach ann, a giùlan am poiteans àirneis eile, mar a bha dhi orra.

Aig a cheart àm chaidh naGlostersair tir. Chunnaic sinn iad adol an ordugh air a cheadha. Chaidh buidheann air thoiseach air na priosanaich, buidheann eile as an deigh, agus aireamh dhiubh measta leò. Chum sinn sùil orra adol a stigh air a gheata, ’s a suas am bruthach, am biodagan ruiste a dealradhs a ghréin, agus glé ghoirid na dheigh, thòisich feadan deathaich aGhotri ùllabhartaich, thug i criothnachadh bras na dhà aisde, ’s thionndaidh sinn gus na 1700 mile eadar sinns Ceap-an-deadh-Dhòchais a chur na giorrad, le chridhe toilichteair mo thaobh-sa dheth,gun robh sin cinnteach as a chùram mhath bhair a ghabhail don t-Seanalair thapaidh sins a dhaoine a sheas blàraibh an dùthcha gu gaisgeil.

Ach an uair a bha sinn greis a mach on eilean thainig an campan sealladh, agus be am facal mu dheireadh a thilg cuid den chuideachdnan déigh,
Futsac!” ’s e sinDruis a choin!’
S cha robh sin laghach dhoibh.
Ma tha mi air do sgitheachadh lem naigheachd fhada, tionndaidh agus sgìthich mise le cho fada rithe.
Do bhana-charaid gu bràth.

K. W. G.


Tha ceud de shaighdearan Chanada, a dhfhàs tinn ann an Africa mu Dheas, air an turus dhachaidh. Rainig iad Lunnuinn toiseach na seachdain, agus chuir sluagh abhaile sin fàilte chridheil orra. Sheol iad á Liverpool Di-màirt. Bhuineadh iad do Eachraidh Strathcona.

Gheibhear an àit eile sanas bho F. H. Reynolds, a than deigh fosgladh anns an stor a bha roimhe so aig Matheson Townsend & Co. Tha stoc mor aodaichean aige a tha e creic air prisean gel iseal.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


The Scotish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


A thaobh Caiseart.

S ann againn a than stoc Bhrog as mothasa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia be de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOROBRACH againn cho math ris na seorsachan as grines as fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh.

A . W. REDDEN & CO.
June 29, 1900 1yr


[Dealbh]
Stoc mor air a dheagh thaghadh de
Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean
ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig
BEZANSON ,
fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil.
AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 7
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 7. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page