[57]

[Vol . 9. No. 8. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 24, 1900. No. 8.


ABHASCAID BHEAG FHLURS.

On Bheurla.

CAIB. XI.

TINNEAS IACOIB.

An toiseach an ath gheamhraidh, a thainig a stigh le sneachda trom a lion gach cnocus glac, dhfhas Iacob fior thinn. Ghuidh Mairi air eleigeil leotha fios a chuir a dhionnsaidh an lighiche a bhannsa bhaile a bfhaisg orra, agus dhfhalbh an tuathanach blath-chridheach e-fheinga iarraidh le sleighe. Rinn an lighiche cungaidh-leigheis a chuir suas da, agus an uair a bha e falbh lean Mairi e thun an doruis. Dhfheoraich i dheth ciod amhisneach a dhfhaodadh a bhi aice thaobh slainta h-athar. Thuirt an lighiche rithe nach robh e am fior chunnart baiss an am; ach gum faodadh an tinneas a chnamh cho mor, agus ann an uine nach biodh e ro-choltach moran earbs a chuir a neart seann duine mar bha easan. Bha so gle mhuladach le Mairi, theab i tuiteam gu lar, agus thoisich i ri gals ri osnaich. Thiormaich i sin na deoir, agus thug i ionnsaidh air fas car aoidheil man ruigeadh i h-athair seach bochdainns am bith a chuir air inntinn.

Bha Mairi afrithealadh air a h-athair ionmhuinn le curam fior ghràdhach. Dhaithnicheadh i air aodann ciod sam bith a bha dhith air, agus bhiodh e air a leasachadh man tàradh e bruidhinn rithe. Shuidheadh i suas lamh ris, air faidead na h-oidhche. ’Nuair a ghabhadh i comhairle nam feadhnach sin a bha le truas a sireadh oirre dol a laidhe tacanan, man cailleadh islainte fhein le cion foisus cadail, ’s gann gun tigeadh norradh air a suil. Nan cluinneadh i a h-athair acasadaich, bha i fo gheillt; ged nach deanadh e ach gluasads an leabaidh, leumadh i air a cois a dhfhaicinn an robh dad cearr. Bha ì daonan furachail air agus rinn i gach seirbheis bha riatnach mu thimchioll leis a ghradh bu chaoimhneile. Bha i socrachadh na cluasaig fo cheann; bha i leughadh dha; agus bha ig urnaigh air a shon gun tàmh. Cha ghabh e innse co miad uair, an am a thigeadh cadal air, a shealladh i gu dian air an leabaidh, le suilean deurach afàsgadh a lamhan, agus ri urnaigh gu fòil: “O Dhia, nam be do thoil fhagail agam beagan eile de dhuineeadhon aon bhliadhna!” Le deagh riaghladhs le bhig obairs an oidhche, chaidh aic air beagan a chuir ma seach; ach chosg i a nis am fairdean mu dheireadh a ceannach gach ni a shaoileadh i a dheanadh cuideachadh le h-athair.

An seann duine beannaichte, ged a thainig e beagan air aghairt, bha e tuigsinn ann fhein gum be so an tinneas a chuireadh crioch air, ach bha e toilichte agus bha inntinn aig fois. Bha e bruidhinn gun dad a sgath mun bhas, a bha a nisetighinn dluth air. Ach thuirt Mairi, ’s na deoir a ruith sios legruaidhean: “O, athair ghaolaich na bithibh abruithinn mar sin mun bhas! Chan urrain mise aon uair smaointeachadh air. Gu de an sin a dheireas domhsa? Mo chreach! Cha bhi aon duine aigur Mairi bhochd an sin a ghabhas curam dith.”

Na bi agal mar sin, mo leanabh gaolach,” arsa h-athairs e breth air laimh oirre, “tha Athair math agadam Flaitheanas. Bi easan maille riut ged a rachadh t-athair talmhaidh a thoirt air falbh. Chan eil ecuir na trioblaid as lugha orm ciomar a tha thu dol a dhfhaighinn gu math tron t-saoghal. ’Nuair a tha eoin nan speur afaighinn na dhfhoghnas daibh, ciamar a bhios thusaan eis? Tha Dia agabhail curaim den ghlaseun air mullach an taighe, cia miad uair as mutha na sin a churam dhiotsa? Chaneil bhon duine ach beagan, agus sin fhein fad uine bhig. Mo chreach, tha gnothuichean as cudthromaiche na singam chradhadh! ’Se muile churam thusa dhfhuireach daonan cho math, ’s cho diadhaidh agus cho neo-lochdachsa tha, taing do Dhia, thu aig an am so. Mo thruaighe, is beag tha fhios agad fhathasd, mo nighean ghaolach, gu de cho olc, truaillidhsa than saoghal, agus na thann de dhaoine aingidh. Tha feadhainn anns cha bhiodh e ach na spors leo, nighean og mar tha thusa, a chuir fo mhi-chliu, agus onair, siths toileachadh an t-saoghail so a thoirt bhuat! Their iad riut gum beil thu leanabailn uair a labhras tu riutha mu eagal De, mu chogais, mu na faintean, agus mun t-siorruidheachd. O, seachainn na daoine sin! ’Nuair a their iad gum beil thu maiseach, ’s a ni iad brosgul riut, na toir cluas daibhs na cuir feairt orra. Na gabh gibhtean sam bith uapa, agus na creid an geallaidhean. Tha Satan gle thrican riochd aingeil, agus tha anathair ro-thricna cadal am measg nam flùran. Feuch, thug Dia dhut aingeal dileas gus do ghearrddeagh bheusachd. ’Nuair a chluinneas do chluas seanachas mi-chiatachs am bith a than aghaidh neochiontas is beusachd, feuch gu de cho luathsa thig lasadh na do ghruaidhean. Gabh sin mar fhaireachadh a tha thu faighinn bho aingeal an neochiontais! Na cuir corruich air, air eagals gum fag e an sud thu. Fhad sa tha easan acumail faire ort, ’sa dheisdeas tusa ri shanais-san, chaneil thuan cunnart on bhuaireadh. Ach co luathsa ghabhas tu ro smaoin sam bith than aghaidh a chomhairle-san, tha thuan cunnart a bhi caillte gu siorruidh!

O Mhairi, faodadh do namhaid fas suas ann ad chridhe fheìn. Tha suilean agad a sheallas le toileachadh air an olc, agus bheirear cha mhor a chreidsinn ort, nach olc idir e, ach gnothuch neo-chiontach, ceadaichte. Ach gabh rabhadh na am. Càirich briathran t-athairtha dol a dhionnsaidh a bhais laidirn ad chridhe. Na gabh, mata, gu brach ro smaointeansam bith a chuireadh athadhn ad aodann nan saoileadh tu gun cuala t-athair e. Bithidh mo shuilean-sa, an uine ghoirid, air an druideadh gu siorruith. Chan urrainn mise nis fhaide fairechumail ort. Ach cuimhnich gu bheil t-Athair neamhaidh acumail faire ort, asealltuinn daonan a nuas ort, ’s a faicinn eadhon smaointean diomhair do chridhe. Nan dthugadh tu reusan broins am bith dhomhsa, t-athair talmhaidh, le ddhroch ghiulain, chriothnaich tu le eagal; ach tha e na aobhar eagail is curaim mile uair nas mutha, miothlachd a chuir air ar n-Athairthas na Flaitheas.

Seall orm, a Mhairi. O! uairsam bith a tha thu air do bhuaireadh gu olc, cuimhnich air maogasg seachdte, agus air na deoir a tha ruith a sios le mo ghruaidhean glaiste. Thig faisg orm agus cuir do lamhn am laimh fhuair-sa, a thionndaidheas an uine ghoirid gu duslach; geall dhomh-sa nach diochuimhnich thu mo bhriathran-sa gu brach! An am abhuaireidh biodh e mar gum bitheadh mo lamh fhuar-sagad tharruinn air ais on t-slugan gun ghrunnd!

Mo leanabh math; tha thu coimhead air maghaidh ghlaiste, sheachdte le deoir. Faic, mata, cho diomains a tha gach ni saoghalta. Agam sa, aon uair, bha gnuis lionte, urail, ruiteach mar tha agad-s an drasta. Thig an latha ortsas am bi thu fheinn ad laidhe sios, mar tha mise, glaiste, seachdte air leabaidh a bhais, se sin mar dthoirear air falbh thu as an t-saoghal so fhads a tha thu og, neo-chiontach. Tha cridhealas moige mar fhlùrs an earraichsa chaidh, chan faicear an diugh cait an robh iad; air neo coltach ris an driuchd air na blàithean, a boillsge car tacain, ’s an tiota cha bhi sgeul air. Ach tha deagh ghniomhan coltach ri clachan fiachail, aig am beil luachmhoireachd mhairionnachtha mathas agus deagh chogais coltach ris achloich sin as airdes as priseile a thann, an daoimean, nach urrainn cumhachd dhaoine a mhilleadh. Bi thusa an toir air an leug phriseil so. ’Se muile shòlas an diugh a bhi smaoineachadh air a mhathas a rinn mi, beag no mor e; aguss e bhi cuimhneachadh mo mhearachdan an aon trioblaidtha cuir air minntinn.

Cum air daghairtam mathas, mo leanabh gràdhach, smaoinich gu tric air Dia, bi glu sad daonanna fhianuis, bitheadh e fad na h-uinen ad chridhe. Annsan fhuair mi gach solas a bfhearr; agus anns gach amhghair, be maon agus mard chomhfhurtair.

Creid mi, Mhairi, tha mi labhairt na firinne! nam biodh a chuis air atharrachadh, dhinnsinn e. Chunnaic mis an saoghal cho math ri duine sam bith, ’nuair a bha mi air siubhal maille ris an Iarla. Uairsam bith a bhiodh gnothuch mor no spleadhnasach ri fhaicinnsa bhaile mhor, bhithinn-sana mheasg. Is minig a chaith mi dorlach sheachduinean agabhail mo thoileachaidh fhein, bhithinn air gach feill, bàl, cluich, ’s gach cruinneachadh a biongataich na cheile; chunnaic mi gach gnothuch den t-seorsa sin cho math ri mo thighearnog, agus airson gach biadh bu shoghailes gach deoch bu taitniche bha barrachd daonan a chorrs a chuirinn-sa dith air. Ach cha robh na solasan buaireasach so a lionadh mo chridhe. Tha mig radh riut, o ghrunnd mo chridhe, gur mutha a thuair mi de dhfhior sholas an tacan uine, ameadhrachadh leam fhein gu samhachsan ghàradhan Ichburg, noan so fon tubha chonnlaich, no eadhon an so fhein air leabaidh a bhais, na na thuair mi riamh, ged a bhiodh iad comhlath, de thoilinntinn



[58]

[Vol . 9. No. 8. p. 2]

ann a bhi coimheads ag eisdeachd ri ioghnaidhean agus spurt abhaile mhoir. Seall thusa, mata, suas ri Dia airson gach toileachadh ceart, agus gheibh thu iad le deagh thomhas.

Tha fios agad fhein gle mhath, mo nighean ghaolach, gun dthainig, ’an cursa mo shaoghail-sa, moran thrioblaideann am rathad. Mo thruaighe, ’nuair a dheug do mhathair, bha mo chridhe mar ghàradh loisgte, tioram, air a mhilleadh le tuilleadh sa choir de ghréins de dhuisge. Threig muile dhochais mi, ach shir mi furtachd bho Dhia, agus thuair mi e. O mo leanabh, ann an cursa do bheatha, thig laithean orts am bi do chridhe mar thalamh tioram, nach gabh lionadh. Ach na treigeadh do mhisneach thu! Bithidh an talamh air uairibh gle phàiteach, iarratach air uisge; cuiridh Dia a nuas eg a ionnsaidhan deagh am. Iarr comhnadh bho Dhia, le earbsa laidir a chuir Ann-san togaidh do chridhe mar a ni an talamh tioram, loisgte, ’nuair a gheibh e a leoir de dhuisge ùrachail, blath!

Biodh earbsa laidir agad an comhnuidh a freasdal De; tha Dia e tionndodh gach ni gu math na feadhnach aig am beil gaol air; treoraichidh e sinn tro gach trioblaid a dhionnsaidh an t-sòlais as àirde.

Nach eil cuimhnagad-s, aMhairi, ’n uair a bha sinn air allaban, cho bronachs a bha sinn, ’n uair a dhfhas mise tinn aig taobh an rathaid mhoir? Seall fhein mar a chuir Dia an tinneas sinam rathad, gus mo stiuradh thun an aite shiochainteach so, far an do thamh sin cho riaraichte faisg air tri bliadhna.

Mar a bithinn-sa tinn cha dthainig sinne riamh thun an tighe aca, no cha bhiodh iad idir cho truacanta ruinn, cha dthugadh iad dhuinn, ma dhfhaodte, ach pios arainus deoch bhainne, agus leigeadh iad leinn an sin arathad a ghabhail. Mar a bitheadh mo thinneas-sa, cha dfhuair sinne agus an teaghlach gasda so an leithid do dheolas math air a cheile. Gach toilinntinn a thuair sinn, gach math, ma dhfhaodte a rinn sinn an so, na laithean solais a chaith sin ann, dheirich iad so uile on tinneas; mar so, a Mhairi, is leir duinn gu soilleir mathas De ann an trioblaidean na beatha-sa. Mar tha Dia le laimh fhialaidh asgapadh nam flurs air feadh gach cnoicus glaic, ’s achoilles ri taobh nan allt, agus eadhon anns gach suaimp us boglaich, los gum faic sinns gach aite a mhathas agus a ghradh; ’s anms an aon doigh a tha e comharrachadh gach cuisn ar caithe-beatha le dearbhaidhean air a ghliocas, air a ghaols air a throcair, los gun teagaisg e, do gach aon a sheallas, cuimhnebhi acair, agus dòchas laidirus earbs a bhi acas. Gach aon a sheallas air ais beagan, chi e gu bheil so fiorga thaobh na chaidh e fhein roimhe cheana anns an t-saoghal so.

Is e mi-fhortan bu mhutha a thainig riamh oirnn a bhicuir meirle as do leth-sa; do chuir am prìosans an ceangalaichean, agus do dhiteadh gu bas; ’n uair a bha sinn le cheile acaoidhs ag osaich ann ad phriosan. Tionndaidh an trioblaid ud go ar math fhathasd; tha e soilleir ri fhaicinn domh-sa, cheana, gur e buannachd mhor dhinn a bhann! ’Nuair a roghnaich a Bhan-Iarlog thusa thar nan caileagan eile, ’s a dhorduich i thu bhifrithealadh dhi, ’s a thug i dhut deiseachean riomhach, ’sa bha i deonach thu bi daonan faisg oirre, bha thusasmaointean, an uair sin, gun robh thu fior-fhortanach. Ach dhfhaodadh an onair, an t-socair, ’s am paillteas dfhagail bòsdail, amaideach, luaineach agus saoghalta, agus ma dhfhaote toirt ort Dia a dhiochuimhneachadh. Nochd Dia a chaoimhneas dhuinn leis a chuis atharrachadh, agus am mi-fhortan so a churnar rathad. ’San trioblaid, ’s an bhochdainn, agusn ar n-allaban, thuair sin fiosrachadh is eolas na bfhearr air Dia, agus cothrom air tighnn nis dluithe air. Anns an aite gharbh so dhullaich E aite fasgaidh dhutsa bho ana-caitheamh is truailleachd an t-saoghail. Ann an so dhfhas thu suas mar na flùrains an fhàsaich iomallaich, tearruinnte bho gach ni a dheanadh beud ort. Tionndaidh Easan, an Dia dileas agus gradhach, gach mi-fhortan fathasd gu ar buannachd. Bheir Etha min dochas gun dfhuair murnaigh eisdeachddo neochiontas an uachdar uair eigin, ged ma dhfhaodte nach faigh mise de shaoghal na chi e; ach chaneil e gu diubhar, tha minntinn aig sithga thaobh; oir tha fios is cinnt agam gu bheil thu neo-chiontach. Thig fortanus solasnad rathad uair eigin air sailibh nan trioblaidean sin; agus cuiridh tu seachad ioma latha subhach eadhon air an t-saoghal so fhathasd; ged nach eil fortan an t-saoghail so fior riatnach dhuinn, ’s ann am Flaitheanas amhain a gheibh sinn ar duais airson gach trioblaid shaoghalta, anns aghloir sin nach gabh ruigheachd ach tre iomadh bronus annradh.

Na bi fo thrioblaid mhoir sam bith ged a bhiodh storas an t-saoghail air uairibh gann ort, agus chan eil reusans am bith agad air a bhith fo mhoran curaim, oir tha gradh ro-mhor aig Dia ort. Tha curam aige dhiot nach treig; cho cruaidhs g am bi do chàradh air amanan, smaointich daonan gum beil thu anns a choir, ’s anns an aites am freagarraiche duit, a dhaindeoin cho truaghs cho mi-choltachs gam bichuis. Creid gum beil gach amhghair so riatnach go tighinn air aghairtam mathas, agus go righeachd Fhlaitheanas a chosnadh.

Mar a than gàradair a cur gach plannt anns a h-uile doigh an fhearr a shaoileas e an tig iad air an aghaidh, ’s am fas iad suas, ’s ann mar sin tha Dia a cuir a h-uile duine os leth, ’s an t-saoghal so, anns an t-suidheachadhs am fearr a shaoileas Esan tig e air aghaidh am ann mathas.

Agus mar a bha gach trioblaidus mi-fhortan tron deachaidh sin uige so, gu air buannachd, thig gu cinnteach mo thinneas agus mo bhas-sa gu bhith na ghnothuch a bha iomchuidh tachairt.

Mo dheagh leanabh, ’n uair tha misetoirt ainm a bhais, tha thusabristeadh a mach le deoir as ùr! O na bi gal! Na seall air a bhas idir mar chuis eagail! Is ethann caraide, Leig leam-sa labhairt riut aon uair eile, mar is tric a rinn mun uair a bha sinn ag obair comhlasa gharadh. Tha cuimhnagad air na frasan a bha sinn a cur. Gu de cho lag! fanns a bha iad an toiseach, ann an aon spot beag cumhan. Cha robh sgial air na blaitheans air na measan leis am bitheadh iad, ann an uine, air an crùnadh. Nam faigte iad daonans an aite bheag, chumhan ud, cha tigeadh iad fo blàth a chaoidh. Ach n uair a chaidh an togail as an aitesan robhasga mùchadh, ’s an curan aite eile far an dfhuair iad rùm is farsuingeachd, aguss an dfhuair aghrian, aghaoth, an dealtas an t-uisgegan ionnsaidh gus am beathachadh, thainig iad an sin fo bhlath. Bu mhor do thoileachadhnuair a chunnaic thu misegam planntadh, chan e sin e uile, bha thugam ghreasad gus an togail as an aite thaiss an robh iad air an dumhlachadh; bu mhor do thoil-inntinnnuair a chunnaic thu iad air an cur as ùr, aguss ann a thubhairt thu: “Nach iadtha toilichta nise! Saoilidh mi gu bheil miga aithneachadh orra mar tha.” ’Se planntain laga, truagha mar sin a thannain ne mar an ceudna, agus is leaba chumhan, fhuar an saoghal so; air an talamh so chan eil annain ach planntan dubhach, diblidh, ach tha dachaigh ro-ghlormhor am feitheamh oirnn. ’An uine ghearr, bheir Dia leis sin gu tir eile, eadhon gu Flaitheanas, a gharadh mor, gloirmhoir fhein.

Na bi thusa gal mata, mo nighean ghaolach! an t-atharrachadhtha tighinn ormsas ann gu feum! O, is mor an aobhar sholais leam a bhidol go Dia! Nach math an gnothuch a bhi dealachadh ris a choluinn a choisinn duinn cho liuthad trioblaidean! Nach fios dhut-sa, ’Mhairi, a cho luithad sòlas do-labhraidh a bhagainns a gharadhnuair a bhitheadh e tighinn fo bhlàths an òg mhaduinn shamhraidh? Seall, ’s e Flaitheanas an garadh as maisiche, far am bi samhraidh gun chrich ariaghladh. Is ann don talamh aghoir so tha misa nisedol. O cum thusort daonanam mathass am beannachadh, air chors gun coinnich sinn a cheile ann fhathasd. Anns an t-saoghal so, chaidh sinn tromh mhoran trioblaidus annraidh comhla, agus bha ar dealachadh ro mhuladach. Achs an ath shaoghal bithidh sinn comhla lan de sholass de thoil-inntinn, agus cha teid air dealachadh a chaoidh. O! is mor mo thoileachadh ri bhi smaointean gun coinnich do mhathair an sud mi. O Mhairi, bi thusa daonan math, diadhaidh! Ach ged a bhitheadh gach cuisdol leat gu maths an t-sao ghal so, fiach nach diochuimhnich thu, am measg gach solas diomain so, an sòlas mairionnach sin a tha feitheamh oirnnam Flaitheanas! Thig an lathas an tig mises do mhathair ad chionneamh, agus gabhaidh sinn a stigh comh-ruinn thu. Na bi gal, a ghràidh, ’s e aobhar thoileachaidhthanns achuis!”

Mar so bha an t-athar diadhaidh acur seachad nan làithean mu dheireadh dhe bheatha, a cuir misneachds an nighinn, a bha e fagail leatha feins an t-saoghal. Mar so rinn e h-uile ionnsaidh air a deanamh sabhailte o bhuairidhean an t-saoghail. Bha h-uile facal a thubhairt e mar shiol a tuiteam an talamh torach. “Tha mi cuir trioblaid ort, agus a toirt ort moran dheoir a shileadh,” theiradh e, achs e deoir iomchuidh a thann. Gach ni theid a chursan doigh so, ’s e as docha friamhachadh agus fas gu math, mar a ni siol a theid a chur ri uisge blath an t-samhraidh.”

(Ri leantuinn.)


BLIADHNA THEARLAICH.

LE IAIN MAC-CHOINNICH.

CAIB. VII.

(Air a leantuinn.)

Nuair a leughadh an litir so dhaontaich iad nam measg féin gum bfhearr dhaibh geilleadh, agus na Gàeil a leigeadh a steach air chumhnanta gum biodh saibhreas a bhaile tèaruinte. Air an aobhar sin chuir iad teachdairean a mach ann an carbad gu Slateford ma ochd uairean, agus phill iad air an ais ma dheich le litir bho na Phrionns’, ag iarraidh orra leigeadh a steach don bhaile le sìth, agus gun tugadh eghealladh dhaibh gum biodh iad féin agus an cuid sàbhailt. Mun àm so chualuachdaranan a bhaile gum tàinig Seanaileir Cope le luingeas làn feachdgu Dunbarr, àite tha ma thuaiream seachd mile fichead air taobh sear a bhaile. Le so bha rùin orra Tearlach a chumail air ais le mealltaireachd gus an tigeadh an t-àrm-dearg ann am badabh nan Gàel, agus air an aobhar sin chuir iad an ath-theachdaireachd gu Tearlach ag iarraidh air beagan dàlach a thoirt dhaibh, agus an sin gun leigeadh iad a steach e. Thuirt am Prionnsa riu gun dinnis e dhaibh cheana, leis na h-uile dearbhachd a burrainn e, nach robh e na rùin cron sam bith a dhean-



[59]

[Vol . 9. No. 8. p. 3]

amh air a bhaile, no dad dheth an cuid a thoirt uapa, ach a mheud sabha dligheach dha fhaotainn mar oighre chrùin. Chuir en ath bhairlinn gu muinntir abhaile chum iad a ghabhail ris mar an sin, agus dhiarradh air na teachdaireana bhi dol.”

Mun téid mi nas faide air maghaidh anns achuid so denEachdraidh,” is feumail dhomh innse gun robh Dunéideann mun àm ud air a chuartachadh le balla ard daingean de chloichs do dhaol, chum nàimhdean a chumail a mach ma àm cogaidh. Bha air bhalla so iomad geata ro laidir, air an deanamh de smior daraich as do dhiarunn, air sheòl nach bfhurasdam bristeadh. ’Nuair a thuig iad gun tàinig na Gàeil fagus don bhaile chaidh na geatachan so a dhùnadh chum an cumail a mach; is cha mhò bha muinntir a bhaile féin a faighinn cead a dhol a mach nosteach mar a bàbhaist dhaibh.

Bha Tearlach ro iomganach na h-oidhche so, agus dhiùlt e dhol guleabaidh, ach chaidil e sachàmpa na bhreacan guaile mar rinn a chuid eile dheth na laoich churranta bha còladh ris. ’S e bu cheann-fàth ga iomgainn gun thuig e gun robh muinntir Dhunéideinn ri caithebhead air, agus gum ben t-aobhar mun robh iad ag iarraidh dàil a chuir na leigeadh a steach, sùil a bhi aca ri cobhair a thighinn gu grad a thaobh eigin don ionnsaidh. Air an aobhar sin, dhòrduich e pàirtidh a dhol moch samhadainn a dhfheuchainn am fàradh iad faighinn a steach don bhaile gun fhios. Be na cinn-feachd a shònraicheadh gu sin a dheanamh; Loch-iall, Fear na Ceapaich, OSuilibhan, agus Fear Aird-Seile. Dhfhalbh na daoin’ -uaisle so le naoi ceud dheth na gaisgeich bu treuna sachàmpagus thug iad leo baraille fùdair a chùm a h-aon dheth na geatachan a spreidheadh nam bes nach faigheadh iad a staigh air sheòl eile. A nis a thaobh is gun robh fios aig na Gàeil nach burrainn iad an geata spreadhadh suas gun chuid de mhuinntir a bhaile sgrios: agus a bhi do ghnà nan rùin gun a bheag a dhochann a dheanamh, araon air cuid no daoine, dhfheuch iad ri faighinn a steach le mealltaireachd agus a chum na crìche sin, chuir Loch-iall fear dheth a chuid daoine thun a gheatair éideadh ann an deise mharcachd agus curac-shéilg air a cheann chùm a chuir ás aithne. Chaidh iarraidh air a chantainn aig a gheata gum be seirbheiseach aon de dh-oifigich nan trùpairean dearga, agus gun chuir a mhaighstir e air tòir rud a dhfhag e an di-chuimhnanns a bhaile. —Rinn an gille so mar dhiarradh air: ràinig e an geata, bhuail e bas-ri-crann, agus chuir en céill a theachdaireachd ann am Beurla! ach bhaBheurlaig mo laochan cho Gàelachs gun daithnich luchd-gleidhidh a gheata gur mealltair a bhann. Dhiarr iad air a bhi falbh a thiotadh air neo gun cuireadh iad peileir ann. ’Nuair a chunnaic na Gàeil gun deach an turas ud nan aghaidh, ’sa thòisich iad air beachdachadh ciod an doigh air an claghaicheadh iad fo aon de na geataichean, thainig an t-eachsan càrbad ma dheireadh a chaidh le teachdaireachd a dhionnsaidh a Phrionnsas a bhaile nis air ais, agus dhfhosgladh an geata gu leigeil a staigh. Bha enuair sin ma ghlasadh an latha, agus bha na Gàeil gun a bhi ro fhad air falbh. Cho luath sa chunnaic iad an geata fosgailt bhrùchd iad a staigh mun do thàradh a dhùnadh, bhan freiceadan cho lag is nach do chuir iad a bheag a dhéis air na Gàeil, —a chaidh air ball suas an t-sràid àrd le claidheamh rùistann an dòrn gach laoich, agus thog iad iolach chaithream, ’mar bu ghnà leis na seana Ghàeil a dheanamh, an àm cosnadh na buaidh-làraich. Thog an iolach so muinntir abhaile as an leapaicheaneadar shean as òg, ghruagach as bhréideach,” agus ann am priobadh nan sùl bha gach ceann a mach air na h-uineagan acoimhead nan Gàel. Rinn a chuid bu mhò dheth na bha do Ghàeil sabhaile gàirdeachas mòr, ach bu sheachd an t-uabhas a ghlac achuigse, ’nuair a chunnaic iad armailt nam breacan len armaibh nochd-ta amàrsail suas an t sràidlefichead pìob mhòr,” atoirt air ballachan nan taighean freagairt do sgal nan seannsair, agus be am port a chluich iad:—

O! triallamaid gu Sliabh an t-Siorraim
Chuir na Cuigsan ordugh.”

Mar so mhàrsail iad suas an t-sràid àrd gus an dràinig iad an taigh-geaird, agus bechiad rud a rinn iad an sin na h-airm a thoirt dheth an luchd-freiceadain. Ràinig iad mar an cianda an luchd-freiceadain eile ann an caochladh àiteachan dheth na bhaile, agus chaidh Gàel ann an àite gach Goill a bhair a gheard cho riaghailteach sa rachadh saighdearan eile bharr an fhreiceadain. ’Samhadainn an latha sin chaidh fear a mhuinntir a bhaile dhamharc an fhreiceadain, agus fhuair e fear dhe na Gàeilna shuidhe casa-gobhlach air aon dheth na gunnaidhean mòra agus a chlaidheamh rùiste na dhòrn. Air don Ghall fhaicinn gur e atharrach feachd a bhair geard, agus gun fhios aige, ’san àm, gun tainig feachd Thearlaich don bhaile, labhair e mar so ris aGhàel ann am Beurla: —“Surely these are not the same troops which mounted guard yesterday! ”Bhan Gàel air son freagairt sgeigeil a thoirt don Ghall, agus ged nach robh aige ach an droch Bheurla chaidh aige air sin a dheanamh, agus so mar thubhairt e: —“O! no, shes pe relieved. ”

Ged do ghlac na Gàeil am baile, bhan caisteal fathast gun a ghlacadh, agus beagan dheth na saighdearan ruadha ann mar fhreiceadan; ach cha burrainn do na Gàeil a dhol an còir an daighnich so, a thaobh e bhi air a chuartachadh le gunnaidhean mòra, air an aobhar sin, chuir na Gàeil freiceadan air, chùms nach burrainn duine dol thuige no bhuaidhe, is cha mhò leigeadh iad biadh no deoch a dhionnsaidh nan saighdearan, a bha chòmhnaidh ann.


CAIB. VIII.

DOL A STEACH APHRIONNSA DO DHUNEIDEANN.

Nuair a fhuair am Prionnsa fios gun ghlacadh Dunéideann, air ball ghluais e-féin agus achuid eile dheth an armailt a chum am baile ruidhinn, agus ged a bhan t-astar so gearr, cha robh e idir saor bho chunnard. Chìte fathast a bhratach Shasunnach a snàmh saghaoith air bàbhainn a chaisteil, mar gum beadh, atoirt dùbhlan do na Gàeil a thighinn air an aghaidh nam bu dàna daibh iad féin a nochdadh air lom fa-chomhair a ghunnaidhean, a bha comasach marbhadh as léirsrios a dheanamh air feadh àireamh mhiltean, timchioll abhaile. Air an aobhar sin bu deacair slighe fhaotainn air an trialladh iad a dhionnsaidh a bhaile, gun a bhi fo chunnard teinechaisteil; ach tharladh gun robh cuid de dhaoines an fheachd a bha glè eòlach air suidheachadh na tìre mun cuairt don bhaile agus rinn iad lùim air achunnard sin a sheachnadh.

Le seòladh nan daoine so ghabh na Gàeil turas-timchill, air taobh na làimhe deise dheth na bhaile acumail nan cnoc agus nan uchdan a tha iomadaidh mun cuairt Dhùnéideinn eadar iads an caisteal. Mhàrsail iad air an t-shlighe so gus an tàinig iad a steach do Chroit-an-Rìgh fagus do dh-Iomairan t-Sagairt, air bearn a thug iad air a bhalla. Stad a mhòr-fheachd ma thra-nòine ann an Bog-an-t sealgair, gleannan domhain fasgathach a tha eadar Cathair-Airt as Creaganan Shalus-bòrgh. An sin mharcaich am Prionnsair aghaidh, le Diùc Pheairt air a dheis, agus Morair Elecho air a thoisgeal. Bha na daoin’ -uaisleilatriallna dheigh. ’Nuair a ràinig e an leargan fo fhuaran-Naoimh Antoni, an sin chunnaic en chiad shealladh de lùchairt rìoghail a shinnsir. Theirinn e bharr an eich agus stad e tacan ag amharc maise na h-aitreibh.

Man àm so bha na pàircean agus na liosan a bha eadar am Prionnsagus an lùchairt air an lionadh de mhuinntir a bhaile, achuala gun robh e gu thighinn a steach do Dhunéideann air an t-slighe so, agus bha iad fadan geall air sealladh dheth a Mhòrachd fhaicinn. Bhan aiteam so dheth gach seòrsa sluaigh, iosal, as uasal, bochd as beartach, as dheth gach aidmheil; ach iadsan a mhain a rinn stri air tùs ri na Gàeil a chumail a mach, dhfhan iad sin air an ais. ’Nuair a dhlù am Prionnsa ris acho-thional so, thog iad caithream le iolach éibhinn, le crathadh bhiorraidean, as bhonaidean, as bualadh bhas!

Tha fear dheth na chunnaic Tearlach air an latha ud atoirt achunntais o air a choltas:— “Bha e fo ùr- bh[ ? ] - òige, ard, foghainteach, ro chumadail, dealbhach, agus aogais mìleanta, farra-ghruag bhan air a cheann air a cìreadh gu clannach, caisreagach, sìos ga shlinnean: bha ghruaidhean ruiteach agus meanbh-bhuill de bhreac-sianain air aodainn; bha shùilean mòra, gòrma, ro thairis, tlà, a shròn cruinn agus àrd; a bhial beag do réir a chuid eile dheth aghaidh. Bha e ma thuaiream cùig troighean as deich òirleich a dhàirde, ’s e gu h-iomlan coltach ri duine laidir agus falain: bha mhuineal fada gun a bhi thar cùimse mar sin, gun dad ga chòmhdach ach stoc aimh-leathan sioda agus e ceangailtair a chùl le bucal airgeid. Bha bhonaid air a deanamh de bheilbheid ghùirm le crios òir ma timchioll agus suaithneas bàn de shròl geal na dos, bha cota-gearr breacain air agus reannag òir an crochadh ri thaobh; bha crios-guailair de shioda-gòrm air a ghréiseadh gu grinn boisgeil le òr finealt, agus claidheamh chinn airgeid na dhòrn. “Bem Prionnsa gu dearbhaleannan nam ban àluinn,” mar thuirt, Silis bhàn na Ceapaich ma Alasdair dubh Ghlinne-Garaidh. Cha robh baintighearn a chunnaic sealladh dheth nach daidich gum be fiùran cho deas sachunnaic iad riamh. Bhòidich maighdeanan ògaig an robh leannanan, mun àm sin, nach tig an latha gheibheadh iad iadsan le còir bhon Chléir, no air sheòl eile, mar a rachadh iad air tùs agus an dùrachd a thaisbeanadh, cho math rin treubhantas a dhearbhadhs an àroich maille ri Tearlach òg Stiùbhart.

An deigh dha stad car tacain am measg acho-chruinnichidh chaidh e air muin an eich agus mharcaich e gu mall a chum na lùchairt. An nis, a chuid den t-sluagh nach faca sealladh dheth roimhe sin fhuair iad cothrom air fhaicinn gu léir an uair a chaidh e na dhiallaid, agus rinn sgeamh a phearsa agus rìmhichead a dheise a leithid a dhrùghadh orra is gun do thog iad an ath ghàir éibhneis ga fhàilteachadh le furan gu aitreabh a shinnsir. Bha air gach taobh dheth mar bha e triall geard dubailt dheth na Gáeil bu sheinebha san fheachd. Bha cuid dheth mhuinntir a bha saoilsinn roimhe so, nach robh ann an Tearlach ach ceann-feadhna a bha treòrachadh buidheann de phràbar doirbh, aineolach, gun iochd, gun trocair, gun eagal Dhia no dhaoine, a chum àr-a- mach agus spuinneadh a dheanamh anns gach àitan tachradh iad, a nis air a mheas leo ann an caochladh barail, —mar oighre dligheach a chrùin air a thilgeadh a mach

(Air a leantuinn air taobh 62.)



[60]

[Vol . 9. No. 8. p. 4]

MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN.

A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur gar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—

Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.

Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh. agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh sis urrainn dhut.

3. Fag farsuingeachd air chors gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
SYDNEY, CAPE BRETON


DI-HAOINE, OGUST 24, 1900.

Litir aPriceville , Ontario.

Fhir-deasachaidh: —Than aimsir an deigh dhol seachad, ’s tha sin acurnam chuimhne nach do sgriobh mi gu MAC-TALLA o chionn fhaide nan cian. Chan eil e furasda dhomh dheanamh am mach càiten tòisich mi, ach mun toir mi iomradh air ni sam bith eile, ni mi beagan a radh mun dòigh bu chòir dhuinn a bhi cleachdadh gus aGhàilig a chumail suas. Ciamar a tha sinn adolga cumail suas? An ann le bhi sior chàineadh na Beurlasa cur sios oirre, ’sa sior mholadh na Gàilig sa toirt gach cliù as fhearr na chéile oirre. Chan ann idir. Tha mise, air aon, dhen bharail gur e so an aon dòigh as miosas urrainn dhuinn a ghabhail. Achsen dòigh as fhearr a thann air a Ghailig a chumail suas a bhiga cleachdadh. Tha moran anns an aite so aig am bheil gu leòr de Ghàilig, ach a tha caoin-shuarach mu bhiga cumail suas. Ciamar a gheibhear iad sinsan spiorad air son tuilleadh tlachd a gabhail de chainnt am mathar? Tha againn anns abhaile bheag so Gàilig air a searmonachadh gach darra Sàbaid. Dhfhaodadh an eaglais a bhi faisg air làn de mhuinntir na Gàilig, ach an àite sin cha bhi innte ach dusan no dha a h-uile latha bhios i ann. Ciod e is aobhar don chùis a bhi mar so? Tha mi creidsinn gu bheil moran dhen choire ri chur oirnne aig nach eil moran dhen Bheurla. Chan eil Beurla gu leòr againn air son searmon a thuigsinn air la na Sàbaid, ach tha gu leòr againn air son comhradh a dheanamh fad na seachduin. Agusnuair a thig Di-donaich, their sinn, “O! gu de feum dhòmhsa dhol a dhéisdeachd Beurla; ’s fhearr dhomh gu mor fuireach aig an tigh ged nach bithinn ach a smocadh na pioba fad an latha. ’Nuair a chi an òigridh, a tha suarach gu leòr mun Ghàilig mar tha chorag mhuineallach” ’sa tha sinne aig nach eil Beurla mu bhi dol a dhéisdeachd na Beurla, gabhaidh iad miothlachd, agus cha teid aon diubh a dhéisdeachd na Gàilig. Am missionari a tha soirbheachadh am measg nam fineacha fiadhaich, ’se cheud rud a ni e deanamh mar a ni iad fèin gus am faigh e mach gu bheil iad agabhail tlachd dheth, agus an sin their e riutha a dhol suas don tigh-aoraidh comhla ris, agus gu leig e ris dhaibhsan cleachdaidhean a thasan dùthaich as an dthainig esan. Mar so le gràdh tha egan tarruinn dlùth ris féin, gus fa-dheoidh, am bheil iad air an iompachadh a dhionnsuidh achreidimh Chriosduidh. A nis nach biodh e gle mhath dhuinne dol suas leis a mhuinntir so a tha deanamh dimeas air cainnt an dùthcha fèin a h-uile latha Sàbaid a dhéisdeachd Beurla, agus mar sin bhitheamaid acàrnadh éilean teine air an cinn, agus ghabhadh iad nàire dhiubh fèinnuair a chitheadh iad seana Mhurchadh us Mairearad a bheannan suidhe gu toilichte ag éisdeachd Beurla, agus nach tuigeadh iad ach gannnoagusyes.” Theireadh iad, “mo nàire ormsa, aig am bheil làn mo chinn de Ghàilig agus nach teid mi a dhéisdeachd aon fhacal dhi. A nis ma tha toil againn soirbheachadh, agus a bhi anns an spiorads am bu chòir dhuinn a bhith, cha bhi sinn afantuinnsna taigheannuair bu chòir dhuinn a bhisan eaglais, eadhon ged nach tuigeamaid a chainnt anns am bin t-seirbheis adol air adhart. Bidh sinn, a dhaon ni, a cur onair air an t seirbheis le ar làthaireachd.

Faodaidh mi radh, on tha mi sgriobhadh, gu robh an aimsir gle mhath againn on thainig am mios so a stigh. Bidh am bàrr gu math goirid. Tha sinn ag obair air an fheur, agus tha e gu math aotrom. Bha fras mhor chlacha-meallain againn air an t-seachduin sa chaidh. Bha mill dhi a tuiteam a bha bho leth òirleach gu da òirleach a dhfhad. Chan fhacas a leithid riamh roimhe anns an àite so.

Chan eil moran agam ri radh aig an àm so, agus le sin sguiridh mi. ’Nuair a theirigeas an gual, stadaidh an obair. Bidh mi asgriobhadh a rithist an ùine gun bhi fada, agus bheir mi dhuibh na bhios de naigheachdan agam, ma bhios mi mar bu mhath leam a bhith. Slan leibh aig an àm so. Ur caraid,

IAN MACILLEASBUIG.
Iulaidh, 1900.


Bha fear Iain Tobin air a mharbhadh air an rathad-iaruinn mu dha uair dheug oidhche Di-satharna sa chaidh. Chan eil fhios air ni mun sgiorradh ach gun dfhuaireadh a chorp air an rathad mu dha uairsa mhaduinn, agus tha e coltach gur ann air a thurus dhachaidh a bha enuair a chaidh a bhualadh leis a charbad. Bhuineadh e do St. Johns, Newfoundland, agus bha e sia bliadhna fichead a dhaois.


F . H. REYNOLDS,
ARD CHEANNAICH’ -AODAICHEAN.
South Charlotte St. , - - - Sidni.

Tha stoc de dhaodaichean Fhirionnach againn nas motha na tha aig ceannaiche sam bith eile than Sidni. Tha sinngan ceannachnan tomadan mora, air prisean isle, agus mar sin theid againn air an creic saor. Tha iad gle chumadail, air an sar dheanamh, agus tha deagh chosg annta.

Deiseachan matha laidir de chloth gorm - - $5 .00.


The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as notha than Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighes Brait-Urlair

Tha Stoc mor againn daonnan air laimhnar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Sanas do Chinn
Theaghlaichean.

Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Chan eil ni as dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamhs an stuth as fhearr.

Arineis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.

Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buansa chumas an dath.

Gach SeorsInnsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.

GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER.


CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.



[61]

[Vol . 9. No. 8. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha na h-Eileanan Phillipeach lan de lobhair; tha 30,000 dhiubh ann, ’s gun cùram sam bith air a ghabhail dhiubh.

Tha cuideachd an iarruinn, on thoisich iad air obair as t-foghar sa chaidh, an deigh ochd us tri chairteil millein dolair a chosgfaisg air tri millein dhe sin ann an tuarasdail.

Chaidhbreaca ghlacadh ann an Newfoundland, o chionn ghoirid, a bha tri troighean us ochd òirlich a dhfhad, oirleach air fhichead a ghairbhead, agus ceithir puinnd fhichead a chudthrom.

Thainig tri cheud teaghlach de dhIudhaich á Roumania do Chanada air an t-seachdain sa chaidh. Tha iad gle bhochd, ach tha càirdean beairteach aca, a thagan cuideachadh agus mar sin cha bhi iadnan uallach air an dùthaich; an ceann bliadhna no dha bidh iad làn chomasach air beolaind mhath a dheanamh anns an dùthaich so.

Thainig duine ann an Chicago ribheatha fhéin o chionn ghoirid air son gu faigheadh a bhean da mhile dolar de dhairgead-urrais a bhaige air a bheatha. Bha iad acumail stor ann an cearna den bhaile, agus cha robh iad afaighinn air adhart gu ro-mhath agus bha esan fo chùram gun tigeadh iad gu bochduinn. ’Se sin a thug air crioch a chur air fhéin.

Tha e air a radh gun do thairg Pol Crugar toirt suas do na Breatunnaichnan innseadh iad dha ciod a bha iad adol a dheanamh ris. ThaOom Polgle mhath air a shon fhéin. Cha dthug e guth air an t-sluagh air an dthug e dhol a chogadh os a leth; chan iad a thair aire. Cho luathsa ghabh en t-eagal gu robh Breatunn a dol a thoirt buaidh,chuir e tomhas mor òir air falbh dhan Roinn-Eorpa, air a shon fhéin, agus a nisenuair a thatarga chrothadh a stigh a lion beagan us beagan, chan ann a thaobh an t-sluaigh a tha cùram air ach dha thaobh fhéin. Tha mhòrachds an uaisle bha cuid a dhaoine afaicinn ann an Crugar a sioladh air falbh.

Thainig fios deireadh na seachdain sa chaidh gu robh an t-arm Eòrpach an deigh Pekin, ceanna-bhaile Shina a ruigheachd, agus gun dfhuaireadh na teachdairean sàbhailte. Fhuair an t-arm iomadh droch shàruchadh air an turus, agus gu tric bha iad an cunnart mor, ach fhuair iad air adhart na bfhearr na bhatar an dùil. Bha Ruiseanaich, Gearmailtich, Frangaich, Japanaich, Breatunnaich agus Geancaich anns an armailt. Tha e air innseadh nach robh a bhan-impire ri faotainn nuair a rainig iad Pekin; bha i air teicheadh, agus cha dfhuaireadh sgeul oìrre fhathast. Tha i, gun teagamh, ’ga falach fhéin an cùil air choireigin air eagal gun dean na coigrich dioghaltas oirre air son na h aimhreit a bhrosnaich i suas anns an dùthaich. Tha Li Hung Chang a tairgse cumhachan sithe, ach cha ghabh na h-Eòrpaich gnothuch sam bith ris gus an dearbh e dhaibh gu bheil ùghdarras aige o riaghladh Shina sin a dheanamh, agus a reir coltais, chan urrainn dha dearbhadh sam bith dhen t-seorsa thoirt seachad.

An ùine ghoirid, faodaidh muinntir siorrachdan Inbhirnis us Victoria labhairt ri muinntir a chinn so den eilean air an telephone. Bidh sin na dheisealachadh mor taobh air thaobh.

Bha Sir Wilfrid Laurier ann an Sidnis an Sidni Tuath Di-haoine sa chaidh. Bha coinneamh mhor anns gach baile, aig na chuir an luchd-riaghlaidh fàilte air os leth an t-sluaigh; agus aign do liubhair e òraidean goiridg am freagairt Di-satharna bha e ann air Louisburg, far an robh pic-nic aig na mèinneadairean, agus labhair e an sin cuideachd. Feasgar Di-satharna chaidh e air adhart gu Halifacs.

Bhuail da thrainna chéile faisg air Acarsaid Chloinn Fhionghain feasgar Di-luain sa chaidh, agus bhan da inneal agus àireamh de na carbaid air am bristeadh gu dona. Bha aon charbad luchdaichte le flùr, agus chaidh am flùr a chall gu h-iomlan. Fhuair an da sgioba iad fein a shabhaladh le leum gu làr mun do bhuail na carbaid na cheile. Thachair an sgiorradh air sàilleabh òrdugh cearr a chaidh a thoirt do aon de na conductors an àm dha bhi fagail an station.


Bas Bean an Urr. Mr. Grannd.

Air ann dara latha den mhios so, chaochail Ealasaid, bean an Urr. Alasdair Grannd, ann a Hogamah, ’si tri fichead bliadhnasa h-aon a dhaois. Dhàraicheadh i air an Eilean Mhor, an siorrachd Cheap Breatunn, agus bu phiuthar i don Dotair Mac Griogair a tha còmhnuidh ann an LaHave, an siorrachd Lunnenbnrg. Bha Maighstir Granndna mhinistear aig Loch Ainslie fad cheithir bliadhna fichead, ach air dha tighinn gu seann aois, o chionn beagan bhliadhnaichean leig e dheth uallach paraiste, agus rinn iad an dachaidh ann aHogamah. Agus bha a bhean an àireamh mhor bliadhnaichean sin comhla ruinn, ’s chan eil e mar ioghnadh ged bhiodh am paraiste so fo dhuilichinn air son a bàis, oir bha ionnadh co-chomunn taitneach againn. Bha i air leth ann an tuigse, ann an iochd, agus ann an caoimhneas ris na h-uile, agus mar sinn rinn i àite dhi féin ann an cridheachan an t-sluaigh a chumas i gu dearbh fad ar cuimhne. Lean mor shluagh as an da pharaiste an giùlain gu cladh Loch Ainslie, far an deach a h-annlacadh, agus far an robh tuilleadh dhe càirdean afeitheamh gus an sealladh mu dheireadh fhaicinn dhise dan tug iad a leithid de spèisna beatha. Tha co-fhaireachduin aig an t-sluagh da companach a tha air fhàgail leis fhéinna sheann aois, ach tha e na chomh-fhurtachd dha gun bheil barrantas làidir aige nach robhsa bhàs dhi ach teachdaire sith, agus gu faod e a radh:

Fos tamull beag is ruigidh sinn
An calla ait fa-dheòidh,
S an coinnich sinn na sgaradh uainn,
S cha dealaich sinn nas .

CARAID.
Loch Ainslie, C. B.


Aodaichean Deante
SAOR AGUS MATH.

Caiseart dhe gach Seorsa, Pris us Fasan,
Truncaichean us Maileidean, dhe gach meud agus dath, agus iomadh ni eile.

H . H. SUTHERLAND & CO.
STOR SHAOR NA H-AON PHRISE
SIDNI, - - C. B.


KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN,

AIR an t-seachdain so afosgladh Seomar Dhealbh ur os cionn stor Aonghais mhic Ghuaire. Bidh an Seomar Dhealbh so air aon cho mathsa tha ann an Nobha Scotia. Tha gach dealbh a mithear ann dhen t-seòrsas fhearr.

Tha sinn a toirt cuireadh do na h-uile taghal a stigh a dhfhaicinn sampuill dhe ar n-obair.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.

Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Than Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.

F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.


Chuir Crugar a mach rabhadh do na Boerich iad a sheasamh am mach an agbaidh nam Breatunnach cho fads is urrainn daibh. “Chan eil anns gach ceum a bheir sibh dhionnsuidh ur dachaidhean,” ars esan, “achg ur toirt nas fhaisge air eilean St. Helena.”

Di-satharna sa chaidh, bha tigh Dhomhuill Mhic Gilleain, ann a Hogamah, air a bhualadh leis an dealanach, ’s air a mhilleadh gu mor. Bha beagan goirteachaidh air a dheanamh air duine no dithis den teaghlach. Bha an stoirm anabarrach trom fhadsa mhair i.



[62]

[Vol . 9. No. 8. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 59).

a dhainean á chòir rioghail, a feuchainn a nise ri cosnadh le cunnard a bheatha. Na ghallan òg maiseach, a theich a dùthaich choigrich agus a thilg e-fein ann an uchd nan ursannan catha bu dion da shinnsir bho shean an àm gàbhaidh, —Na fir a bha leis, a bhasa meas mas facas iad mar àmhlaran mi-chuanda, gun chumadh gun eireachdas: nam meirleich bhradach agus nan luchd-spùinnidhbhasa nise ga meas mar laochraidh sgiamhach, cholgail, choganta, leis nach bu diù cromadh an cuid chàich gun dioladh air a shon: agus mar a thubhairt sean Oiseanleis bu ghràin an lann a thruailleadh ann am fuil nam fann”— “Laoich mar osag an iuchair ri dàimh, ’mar lasair theine ri nàimh.” Siol nan treum a chog an aghaidh aintighearnas Shasuinn air son saoradh Alba, latha Allt-a- Bhonaich agus Raoin-Floden, &c . &c .

Nuair a shuidh am Prionnsa sios ann an lùchairt a shinnsirbe chiad ni rinn na Gàeil, Righ Seumas éibheach na rìgh aig Crois a bhaile: fhuaradh na maoir dam bu dreuchd a lethid so a ghairm éibheach, agus thug na Gàeil orra, ged a bann dan aindeoin, gun do chuir iad umpa na deiseachan rìmheach bu chòir a bhi orra aig a lethid so de dhàm, agus thugadh air maighstir-sgoil a mhuinntir abhaile, litir a leughadh ann an lathair an t-sluaidh, atoirt làn chòmhdach gum be Seumas Stiùbhart rìgh dligheach Bhreatuinn agus gum be Tearlach an t-oighre rìoghail a thigeadh na dhéigh. Bha anabharra sluaigh a làthair aig an àm so, agus na mnathan-uaisle bha coimheads ag éisdeachd a mach air uinneagan na sràidàirde thòisich iad air sgaoileadh neapaigean geala saghaoith, le mìle glaodh éibhneis air son na chual iad; thaitinn rioghalachd nam ban suairce so cho math ris na Gàeil is gun loisg gach fear an urchair a bha na ghunna ri ard nan speur. An sin shéid iad suas gach pìob agus thòisich iad còladh air cluich a phuirt rioghail sin dan ainmFailta Phrionnsoig.” Feadh sabha na piobairean mar so acuir smùid dhiù thainig a bhain-tighearnàluinn iomraiteach Mrs. Muray, Broughton, dan goirte san àm sinSgathan-maise na h-Albaair steud mharcachd agus dhfhan i aig taobh na croise na diallaid agus claidheamh rùiste na dòrn, agus a trusgan làn de bhabagan geala sioda mar onair ris an t-suaithneas bhan!

(Ri leantuinn.)


Tha coithional St Andrews anns abhaile so a nise lethcheud bliadhna dhaois, agus bha coinneamhan na h-iubili air an cumail Di-ciaduin sa chaidh. Bha àireamh mhor sluaigh cruinn aig air da choinneimh, agus bha paipearan air an leughadhs òraidean air an liubhairt mu eachdraidh a choithionail agus mu shoirbheachadh na h-eaglais Chleirich air feadh Cheap Breatunn.


Iadsan a Phaigh.

Iain F. Smith, Fort Steele, B. C.
Iain Mac-a- Phi, New Denver, B. C.
Dr D. H. Domhnullach, Wellesford , N. B.
Iain Mac Pheitris, Dawson , Alaska.
Alasdair Mac Fhionghain, Boston . Mass.
Ruairidh Mathanach, Provincetown , Mass.
Padruig I. Mathanach, Graniteville , Vermont.
Uisdean G. Caimbeal, Sycamore . Ills.
Iain Mac-a- Bhiocair, Rescue , Mich.
Ian MacCoinnich, Lunnuinn, Sasunn.
E. Hepburn. Lunnuin, Sasunn.
Iain G. Mac Aoidh. Lunnuinn, Sasunn.
G. C. Mac Gille-mhaoil, Lunnuinn, Sasunn.
A. Anderson. Lunnuinn, Sasunn.
Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont.
Callum Deora. Dunbheagain, Ont.
D. Mac Gille-mhaoil, Dunbheagain, Ont.
C. Mac Gill-fhinnein, Dunbheagain, Ont.
Callum, Smith. Belfast , E. P. I.
Iain R. Siosal, Acadia Mines. N. S.
Iain DomhnullachAntigonish , N. S.
Alasdair Mac-a- Phi, Loch Katrine, N. S.
Bean R. Domhnullach. M . B. Road.
R. H. Mac Coinnich, Sydney Forks.
Murcha Mac Rath. Beinn Ghearrloch.
Iain Mac Iomhair, Baddeck Bay.
Seonaid Ros, Cul, Baddeck Bay.
Aonghas Domhnullach, N . S. Boulardarie.
Iain Mac-a- Bhiocair, Catalone .
Mairi Nic Neill, Iona.
Seumas C. Domhnullach, Iona.
A. D. Mac Suinn. Glasacho.
Seumas Mac Coinnich, Gleann a Phiobaire.
N. D. Mac-a- Phi, Meinn Ghuail Mhabou.
Dughall Mac Cuithein, Glace Bay Mhor.
Domhull M. Ros, Forest Glen.
Ruairidh Y. Mac Coinnich, Kingross .
An t-Urr. I. W. Mac Isaic, Sidni.
Michael M. Mac Neill, Sidni.
Domhull Mac-a- Phearsain, Meinn a Tuath.
Domhull Mac-a- Phi, Glen Morrison.
Callum Mac Coinnich, Mira Gut.
Peigidh Nic Gilleain, Cobh a Bheabheir.
Tormad Mac Gille-mhicheil, Glace Bay.
Domhull Mac Cuthais, Port Morien.
Aonghas Friseal, Brook Village.
Iain Seathach, Grand River.
Ruairidh Mac Phaic, Loch Lomond.
Domhull Mathanach, Carribou Marsh.
Domhull Mac Gille-mhaoil, Aiseag Mhira.
J. J. Mac-an-t- Saoir. Loch Ghabarus.
Niall Mac Leoid, Duneideann, Alba.
L. Mac Fhionghain, Acarsaid Mhargaree.
Niall Mac Gilleain (Eildear Roseburn.
Floiri Nic Amhlaidh, Catalone .
D. I. Moireastan, Framboise .


Fhuair cuideachd a ghuail, an la roimhe, ordugh o riaghladh Ruisia air son millean tunna guail, ri bhi air a chur air tir ann an Odessa, a tuath air a Mhuir Dhuibh. ’Se so an t-òrdugh is mhotha fhuair a chuideachd riamh; chan eil fhios fhathast co-dhiu a ghabhas iad os làimh e.


BATHAR CRUAIDH.
Iarunn,
Uidheaman Saoirsneachd,
Uidheaman Gaibhneachd,
Tairnnean, &c .

LEABHRAICHEAN.
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Eachdraidh,
s gach seorseile.

AIG
C . P. MOORE,
SIDNI, C. B


THA MI CREIC
Botainnean us Brogan, Brioscaidean, Millseanan.
A h-uile seorsaGroceries .Tombaca us Cigars.

An TI as fhearrsa mhargadh, SAOR.

TAGHAIL A STIGH.
SEUMAS A. MacGILLEAIN,
So . Charlotte St.SIDNI, C. B.


Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.

CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.

Bathar Tioram,
Soithichean Creadhagus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.

CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.

GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20, 1900.


SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaidnas fhearr na bha e riamh.

EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.

Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh as fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.

BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.

Dec 8, ’99, —1yr.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
as Uires as Fhearr.

Fag do thomhas againn mum fas sinn ro-thrang.

Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.


THA
C . H. Harrington & Co.
ACUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.

Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.

Amhlan agus Soithichean.


The Scotish Clans and their Tartans.

Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine. —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha.

Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.


Commercial Bank of Windsor.

Tha meur dhen Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.

Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.

BANCA-CUMHNAIDH.

Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh p. c. ’sa bhliadhnair.

Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.


Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla


Bi gabhail a MHAR-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.



[63]

[Vol . 9. No. 8. p. 7]

Oran don Chogadh.

Ochion, a righ! nach robh mi cho fulangach
S gu robh mi thall ann an camp aBhulleirich,
Farm beilar diùnnlaoich,— ’s mo dhùrachd buinig dhaibh--
Acur nam Bùrach gu dùbhlan fuileachdach.

Cha seas iad blàr mar ni nàmhaid chumanda;
S ann ni iad liùgadh air chùl nan tullaichean,
Alosgadh fùdair gun smùid á gunnaichean;
S tha faighinn dlùth dhaibhna chùis ro chunnartach.

Ni Sasunn caoidh bho nach till a gleachdairean,
S ni Eirinn bròn bho nach beò a gaisgich-sa,
S bidh Albainn cràiteach man àireamh bhreacanach
Tha sinte marbh ann an gainmheach Africa.

S a dhaindeoin bròin tha ar seòid a cruinneachadh
A iomadh dùthaich le dùrachd uile-mhath
Gu seirbheis dhileas don rioghachd urramaich;
S ann aisde bhuain iad an cruass an duinealas.

Bidh dùil ri buaidh nuair a ghluaiseas Citchener
Le iomadh còirneal tha eòlach misneachdail
Chithear a naimhdean gu teanng an crioslachadh
Sa ruith gu luath mus biuaigh gun chistaca.

Tha Roberts thall— ’s iomadh lanntha freasdal dha
Se feitheamh uair gu dol tuath nuair fhreagras dha;
S thig bhar Phretoria srol ar n-eascairdean,
S gum faicear suas bratach bhuadhor Bhreatunn ann.

S bidh tusaChrugair, a Bhùraich, toilichte
Gum fàg Victoria beò gun chrochadh thu
S gum faigh thu tim ann am priosan Bhonaparte
Gu leughadh a Bhiobuills gun dith air coffee ort.

[Chuireadh an t-òran so mach anns an Oban Times, agus an t-ainmEileanachfodha. Chaidh achur gu MAC-TALLA le Seumas A. Mac Ille-mhaoil o chionn corr us da mhios, ach leis an drip anns an robh sinn aig an àm, chuir sinn dàilna chlothadh, agus dhearbh sinn firinn an t-seanfhacail, “far am bi dàil bidh dearmad.” Tha sinn an dòchas nach bi Seumas ag iomchair oirnn; bolc an airidh e ar ni sam bith a chuireadh e gu MAC-TALLA bhi air a chumail air ais cho fada, agus tha dòchas againn nach bi sinn air ar faotainn anns a chionta cheudna tuilleadh. ]


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’991yr.


Bras dOr Steamboat Co., Ltd.

A toiseachadh DI-LUAIN,IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION
BADDECKmaduinn Di-luain, adol gu Mulgrave agus Hawkesbury.

MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Linetighn a stigh, adol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràthsa mhaduinn Di-satharna adol gu Baddeck agus an da Shidni.

SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., adol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.

FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.

HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduins Di-haoine, adol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras dOr, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.

J . J. MOFFATT, Manager.


MerchantsBank of Halifax.
CORPAICHTE 1869.

EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.

Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.

Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.


WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.

Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.

DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance20 yearsfree.

Can any other company show such resultsat same premium ratefor past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?

Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies


S mor àireamh na muinntir sin dam bu chòir a bhicuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil gadheanamh sin.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt .


The SydneysFerry Co., Ltd.

TIM CHLAR SAMHRAIDH.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

ATAGHAL AIGVICTORIA PIER—Afagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN DOMHNACH.

A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.

TURSAN FEASGAIR.

DI-LUAINA Sidni, 8.15, 10 p. m. A Sidni Tuath, 7.30 p. m., 9.15 p. m.

DI-MAIRT GU DI-SATHARNAA Sidni,7. 30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m.

ATAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.

Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.

J . A. YOUNG, Manager.

* TURSAN DIREACH.


Manufacturers Life Insurance Company.

ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, on ard fhear-gnothuich,

A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.

L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


WANTED —RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London. Ont.


Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Biga leughadh.


A. J. G. MACEACHUINN,
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &c .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrews, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.


J . E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - C. B.


ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.


C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.


C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B


L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean rin creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.



[64]

[Vol . 9. No. 8. p. 8]

Eachdraidh Fhirinneach nan Caimbalach.

Thainig na Cainbalaich bho Ghaidheal sgairteil dom bainm Duibhne, a rugadh mun bliadhna 1060.

Rugadh Maolcalum, Gillecalum, no Calum, mac Dhuibhne, mun bliadhna 1090.

Rugadh Gilleasbuig, mac Chaluim, mun bhliadhna 1120.

Rugadh Donnachadh, mac Ghilleasbuig,mun bhliadhna 1150. Bha Donnachadh an seilbh air Lochodha is fearainn eile.

Rugadh Dùghall, mac Dhonnachaidh, mun bhliadhna 1180. Is eDubgaill Cambel”, no Dùghall Caimbal, a theireadh sluagh ris. Is ann bhuaithe a thainig na Caimbalaich. Be Dùghall mar so a cheud cheann-cinnidh a bhaca mar Chaimbalaich. Is e Clann Duibhne a theirteadh riutha roimh linn Dhùghaill.

Rugadh Gilleasbuig, mac Dhughaill, mun bhliadhna 1210. Tha e air ainmeachadh ann an leabhraichean-gnothaich na rioghachd an 1266.

Rugadh Cailean Mor, mac Ghilleasbuig, mun bhliadhna 1240. Tha e air ainmeachadh an eachdraidh an 1292.

Rugadh Sir Niall Caimbal, mac Chailein Mhóir, mun bhliadhna 1270. Bha e pòsda da uair. Bha mac aige ris a cheud mhnaoi dom bainm Cailein. Bha mac aige ris an darna mnaoipiuthar a Bhrusaichdom bainn Iain. Rinneadh Iain na iarla air Atholl, ach chaochail e gun mhac a thigeadh a staigh naaite. Bha Sir Niall aig Blàr Allt-a- Bhonnaich an 1314.

Be Cailein, mac Shir Neill, an ath thriath a bha air Lochodha. Fhuair Gilleasbuig Ruadh, mac Chailein, còir righ air a chuid fearainn an 1368. Fhuair Cailein Og, mac Ghilleasbuig Ruaidh, còir righ air fearainn an 1407. Bha Donnachadh an Aigh, mac Ghilleasbuig Ruaidh, na dhuine ainmeil ri latha fhéin. Phos e Mairearad, nighean Roib Stiubhairt, Diuc Albani, agus bha da mhac aige rithe, Gilleasbuig Ruadh agus Cailean Ghlinn-Urchaidh. Rinneadh morair dheth an 1445;chaochail e an 1453. Dheug Gilleasbuig Ruadh roimhathair. Dhfhàg e mac dom bainm Cailein. Rinneadh iarla de Chailein an 1457. Bha na Caimbalaich an nis air am bonnaibh; ach cha lean mise an eachdraidh aca nas fhaide.

Chaidh Fionn mac Cumhaill a mharbhadh mun bhliadhna 283. Dhfhàg Diarmad mac Dhuibhne no Diarmad an tuirc, an saoghal so beagan bhliadhnachan roimhe sin. Ann an leabhar sloinnteireachd na bliadhna 1467 chan fheil guth air a radh mu Dhiarmad. Tha Clann-Chailein, no na Caimbalaich, air an sloinneadh air ais gu Briotan, an fear on dàinig na Breatannaich, ach am measg an aithrichean chan fheil aon duine dom bainn Diarmad. Rugadh an Duibhne bhon dàinig na Caimbalaich mun bhliadhna 1060. Rugadh Dùibhne, athair Dhiarmaid, mun bhliadhna 220. Tha e soilleir mar sin nach e an t-aon Duibhne a bha annta, mur dàinig a cheud Duibhne air ais o thir nan òg a thoirt greis eile air sealg anns an t-saoghal so. Chan fheil ann ach smior na h-amaideachd a bhith a cumail am mach gun dàinig na Caimbalaich bho Dhiarmad an tuirc. Cha chualas riamh roimhn bhliadhna 1400 gur h-ann bho Dhiarmad a shiolaich iad, aguss es dòcha nach cualas cho trath sin e. Tha e air a radh gur h-e Donnachadh an Aigh a cheud Chaimbalach a ghabh ceann an tuirc mar shuaicheantas, agus a bharrachd air a sin tha e air a ràdh gur h-e a thug air a ghabhail gun do mharbh e-fhéin torc fiadhaich. Chan abairteadh sliochd Dhiarmaid no Siol Diarmaid ris na Caimbalaich anns an t-seann aimsir. Tha Iain Lom gan cagnadh gun sgur mar na Duibhnich; ach, mas math mo chuimhne, chan fheil e a labhairt umpa mar Shliochd Dhiarmaid ach ann an aon aite.

Anns a bhliadhna 1669 sgriobh Seoras Mac-Coinnich, Iarla Chromba, leabhar anns an robh e a teagasg gu dainig Clann-Choinnich is Clann-Ghilleain bho Eirionnach cliuteach dom bainm Fitzgerald. An ceann fichead bliadhna an déidh sin bha gu leoir de Chloinn-Choinnich is de Chloinn-Ghilleain a bha a làn chreidsinn gur h-e fior Eirionnaichach Eirionnaich uasala bha annta fhéin. Chan fheil e duilich idir dearg bhreugan a chraobh-sgaoileadh mar eachdraidh fhirinnich. Is math a bha fios aig Mahomet air a sin; agus is ann da fhéin a baithne a dheanamh.

Creideadh na Caimbalaich an rud a fhreagras dhaibh féin; ach creididh mise gun dàinig iad bho Dhùghall mac Dhonnachaidh mhic Ghilleasbuig mhic Chaluim mhic Dhubhne.

A. M. S.


An ti a chòrdas ris gach neach, ti a bhios iuchair anns gach pasg dhi. Tha eòlas oirre fad us faisuinn, ’s cha chuir aon neach sios oirre. Union Blend Tea, 25, 30, 35 agus 40 sent am punnd.


TAILLEARACHD.

Deiseachan matha air an deagh chumadh riuts air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.

CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.

Triubhsairean bho $3 .00 suas.

NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.


ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT

Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne

Chan eil sinn acreic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic nas saoire na neach sam bith eile.

So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.


A thaobh Caiseart.

S ann againn a than stoc Bhrog as mothasa bhaile, agus mar sin theid againn air neach sam bith a thig a thoileachadh, cia be de seorsa chasan a bhios air. Tha BROGAN SAOROBRACH againn cho math ris na seorsachan as grines as fhearr. Ma cheannaicheas tu Brogan o Redden, gheibh thu deagh riarachadh.

A . W. REDDEN & CO.
June 29, 1900 1yr


[Dealbh]
Stoc mor air a dheagh thaghadh de
Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean
ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig
BEZANSON ,
fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil.
AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B.


A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dhuaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr

titleIssue 8
internal date1900.0
display date1900
publication date1900
level
reference template

Mac-Talla IX No. 8. %p

parent textVolume 9
<< please select a word
<< please select a page