[Vol . 9. No. 9. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. IX. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, OGUST 31, 1900. No. 9.
A’ BHASCAID BHEAG FHLURS.
O’n Bheurla.
CAIB. XII.
BAS IACOIB.
’Nuair a chunnaic Màiri gu’n robh tinneas a h-athar a’ fas trom, dh’ fhalbh i gu Erlenbrunn—oir sin ’am paraisd’ ’san robh iad—agus dh’ innis i do ’n t-sagart gun robh a h-athair tinn Thainig an sagart—seann duine urramach— ’ga choimhead gu tric, agus fhreasdail e air mar bu choir. Bhitheadh e mar an ceudna a’ cuir a h-uile misneach ann ’am Màiri. Ach, latha de na làithean, thug e fanear gu ’n robh Iacob air fas gle lag. Smaointich e gu ’n robh an t-àm a dheanamh ullamh air son a bhàis. Air an fheasgar sin fhein thug e da ’eisdeachd, agus an lath-ar-na-mhaireach ghabh e an comanachadh, le creideamh laidir agus deagh dhochas. Bha Màiri, i-fhein, ni bu shocraiche ’na h-inntinn as deigh so; oir a nise bha gach deisealachd, a bha a creideamh a’ cuir mu ’n coinneamh a dheanamh, air a choimhlionadh.
Bha Iacob còir a nise ’teannadh air a chrìch. Bha fear an taighe ’s a bhean, aig an robh gradh ro-mhor dha mar charaide dileas, agus a bha ’toirt am beannachd air a latha ’chuir an rathad an taighe e, a’ deanamh gach cuideachaidh leis a b’ urrainn iad. Thigeadh iad a stigh ’ga choimhead fichead uair ’san latha ’sa dh’ fhoighneachd ciamar a bha e. Bhitheadh Màiri gu tric a’ foighneach:— “Saoil sibh nach d’ theid e am feobhas?” Fhreagair a bhean chòir i aon uair mar so: “Is gann gu seas e gus am bi na craobhan a tigh’nn fo dhuilleach.
As deigh so bhitheadh Màiri a coimhead a mach troimh ’n uinneig air a ghàradh ’s i air chrith le cùram. Bu mhor a toileachadh, bliadhnachan eile, ri blaths an t-samhraidh ’s ri tighinn an duillich; ach bu chuiseagail leatha, am bliadhna, a bhi faicinn nam preasan ghròsaid a’ fas as ùr, nan gucag a tigh’nn air na craobhan, agus a’ cluinntinn ceol solasach nan eun. Tha fas na gealag-lair ’us brog-na-cuthaige ’toirt mulaid air a h-inntinn. “Mo Dhia,” thuirt i rithe fhein, “tha gach ni a’ teannadh ri fàs, agus tha ’n saoghal uile fo lan dhochas! Agus am beil m’ athair gradhach a’ dol a bhàsachadh gun dòchas? Cha ’n ann gun dochas,” thubhairt ise, ’s i ’sealltuinn suas ris na flaitheas. “Air reir facal ar Slanuighear, cha bhàs a th’ ann. Cha ’n ’eil e ach a cuir deth deise na duslaich, agus as deigh sin ’s ann a bhios aige beatha da rireadh.”
Bha ’n seann duine còir deonach gu ’m biodh Màiri a leughadh dha. Bha i ris a sin le deagh dhùrachd agus le guth glan. Anns na laithibh mu dheireadh cha ’n eisdeadh e ri rud sam bith cho taitneach leis ris na facail agus ris an urnuigh mu dheireadh a labhair Iosa. Bha i, aon oidhche araid, leatha fhein mu ’n cuairt air; bha a’ ghealach a’ soillseachadh cho briagha troimh ’n uinneig ’s gu ’n robh i muchadh solus an lochrain bhig a bh’ air a bhòrd.
“ ’Mhairi,” ars’ a h-athair, “leugh dhomh aon uair eile an urnuigh eireachdail aig Iosa.” Las i coinneal cheire agus leugh i dha an urnuigh.
“Thoir dhomh fhein an leabhar a nis,” thuirt e, “agus cum an solus rium car tacain.” Rinn Màiri mar a dh’ iarr e. “Seall,” thuirt e, “ ’s i so an urnaigh ma dheireadh a ghabhas mise air do shon.” Chomharraich e an t-àite anns an leabhar agus rinn e urnaigh, le ’ghuth air chrith, ’ga cuir am buil dha fhein agus dha ’nighinn mar a leanas:—
“ ’Athair, cha ’n ’eil m’ ùine fada ’san t-saoghal so tuilleadh, ach tha aice-se ri fuireach car tacain fhathast; tha mi dol, tha mi ’n dochas, g’ ad ionusuidh. ’Athair naoimh, bitheadh i fo stiuireadh t-ainme. Fhad ’sa bha mise comhla rithe rinn mi mo dhichioll air sin a dheanamh. Ach a nise tha mi dol ’gad ionnsuidh. Cha ’n e mo mhiann gu ’n d’ thugadh sibh i air falbh as an t-saoghal so, ach ’s e m’ achanaich gu ’n cumadh sibh i bho gach olc. Naomhaichidh sibh i ris an fhirinn. ’S e t-fhocal an fhirinn. Deonaich, Athair, gu ’n coisinn i an rioghachd sin ’tha duil agams’ a thoirt a mach. Amen.” Bha Mairi ’na seasamh aig bruaich na leapa, a caoidh, agus an coinneal air chrith na ’laimh, agus fhreagair i le guth tais, Amen.
Lean a h-athair air bruidhinn rithe an ceann tacan uine mar so: “Chi sinn a nis Iosa anns a ghloir sin a thug Dia dha romh steidheachadh an t-saoghail, agus chi sinn fhein a cheile fhathast.”
Leig e ’cheann sios air a’ chluasaig car tacain. Bha ’n leabhar aige fhathast ’na laimh. Is e ’n Tiomnadh Nuadh a bh’ ann. Cheannaich an duine bochd e leis na ciad pheighinnean a chuir e ma seach as deigh fhuadach air falbh á Ichburg.
An ceann beagan uine labhair e rithe mar so: “ ’Mhairi, a ghràidh, tha mi toirt beannachd agus taing dhut uair eile airson a ghraidh a nochd thu dhomhsa ’n am thinneas dheireannach. Choimhlion thu am fainte gu firinneach agus le d’ uile chridhe. Creid mi, ’Mhàiri, theid gach cuis leat ’san t-saoghal so fhathast, ged tha mise ’gad fhagail bochd agus air bheag cuideachaidh. Cha ’n ’eil dad agam ri fhagail agad ach mo bheannachd agus an leabhar beag so. Cum thus air d’ aghaidh ’am mathas ’s an diadhachd, mo nighean ghaolach, agus cha bhi mo bheannachd diomhain. Tha beannachd athair, a tha cuir earbs’ an Dia, na ’s fhiachaile do chloinn mhath na ’n oighreachd a’s beartaiche. Gleidh an leabhar so mar chuimhneachan air t-athair. Cha do chosg e ach beagan pheithinnean; ach ma leughas tu e gu curamach, agus a sheolaidhean a leanailt, tha mi fagail agad, ge beag a chosg e, ionmhas ro-mhor. Ged a dh’ fhagainn agad barrachd de bhuinn oir ’sa tha de dhuilleagan air na craobhan, cha b’ urrainn duit leis a bheartas mhor sin gnothuch bu luachmhoire a cheannach. Tha facal Dé ann, agus tha de chumhachd aigesan na ni gach aon toilichte ma chreideas iad ann. Bi ’ga leughadh a h-uile maduinn, agus cha dean e diubhar de cho trang ’sa tha duine, faodaidh e ùine fhaighinn gus sin a dheanamh. Leugh, co-dhiu, aon earrann, agus cum ad chridhe e, ’s bi a meorachadh re an latha. Rud sam bith ann nach tuig thu, faighneachd dheth t-Athair spioradail e, mar a bhithinn-sa deanamh. Tha ’chuid a’s riatnaiche dheth soilleir ri thuigsinn do gach aon. Gabh suim dheth, lean ris agus cha bhi e gun bhuannachd dhuit. Gabh an earrann ud, “Cuimhnich lilis na machrach,” dh’ ionnsuich e barrachd gliocais dhomhsa ’sa fhuair mi anns a h-uile leabhar a leugh mi riamh as m’ oige. Bha seadh domhain na h-earrainn sin domhsa na fhreumh air mile sòlas gun chron, agus lion e mi iomadh uair le deagh mhisneach laidir ’n uair a bhithinn gu tric air mo bhristeadh sios leis a h-uile trioblaid ’us mi-fhortan a bha tigh’nn am rathad.”
Mu thri uairean ’s a’ mhaduinn an lath-ar-na-mhaireach thuirt a h-athair: “ ’Mhairi, tha sac mor air mo chridhe, fosgail an uinneag beagan.” Rinn Màiri sin. Bha a’ ghealach air dol fodha, ach bha na rionnagan a soillseachadh le solus do-aithris. “Faic cho briagha ’sa tha na neamhan. Nach faoin gach fluran talmhaidh an coimeas ris na rionnagan nach treig! Sud an rathad a ghabhas mise! Is mor, mor mo thoileachadh ris! Cum thusa ort ’am mathas, los gu ’n coinnich sinne ’san dachaidh bhuan ud.”
Leis na facail so leig e ’cheann an rithist ris a chluasaig, agus chaidil e gu samhach an sith. Shaoil le Màiri gu ’r e laigse thainig air, cha ’n fhac’ i duine riamh a fagail an t-saoghail. Cha robh duine a’ smaointean gu ’n robh am bas cho faisg air. Ach bha Màiri fo churam. Dhuisg i muinntir an taighe. Ann an tiota bha iad ri taobh leab’ a bhàis. ’Nuair a thuig Màiri gu ’n robh e gun teagamh marbh, ghlac i ’na lamhan e, phog i a ghruaidh thana, ghlas, agus shil a suilean gu frasach.
“O, m’ athair gaolach, gradhach,” ars’ ise, le osna throm. “Cia mar a phaigheas mise sibh airson na rinn sibh air mo shon. Mile taing airson gach facal is teagasg a fhuair mi o na bilean tana, bana sin. Le mor thaingealachd cridhe tha mi ’pogadh na laimh fhuair, raig, a rinn na h-uiread de mhath air mo shon, agus an laithean m’ oige a chronaich cho curamach mi. Gus a so cha d’ thug mi fanear miad do ghaoil orm, agus a riatanas a bh’ agam air. O, taing, mile taing airson gach feum a rinn sibh domh, agus tha mi ’g iarraidh mathanais airson gach miothlach a chuir mi oirbh ’nuair a bha mi og, gorach. O, mo Dhia, thoir a dhuais da a nise am flaitheanas. O, nach b’ urrainn mise dol an drasda do fhlaitheanas as ur deigh. Deonaich, O mo Dhia, gu ’m bi mo bhàs-sa cho sitheil ri bas m’ athair. O, nach e neoni, ni 's lugha na ’n neoni an saoghal. Nach math an gnothuch dhuinne gu ’m bheil flaitheanas ann, agus beatha shiorruidh. Is e so bun mo dhòchais.”
Cha robh sul thioram mu ’n cuairt; ma dheireadh, air comhairle bean an taighe, chaidh Màiri a mach as a’
[Vol . 9. No. 9. p. 2]
rùm. Ach cha do ghabh i gu tamh an ath-oidhch’; rinn i faire air corp a h-athar, a leughadh ’s a ’g urnaigh agus a’ gal ma seach. Mu ’n deachaidh a chiste ’dhunadh, sheall i gu dian, aon uair eile ’an aodann a mhairbh. “Mo chreach,” ars’ ise, “so an uair mu dheireadh a sheallas mi ’n ur n-aodann. Is boidheach leam fhein e, le fhiamh gaire, mar gum biodh gathain solais na gloir tha gu tighinn a cheana a’ cluich mu’n cuairt air. Mo bheannachd, mo bheannachd leibh, ’athair ro-ghaolaich, gu ’m bu socrach a bhios ur leaba, agus tha mi ’n dochas gu ’r iad ainglean Dé a bhios a treorachadh ur n-anam gu ruige sòlas fhlaitheanais.”
Rinn i pasgan boidheach air na flurs ròs-muire, brog-na-cuthaige is sail-chuaich, agus chuir i e an laimh cuirp a’ gharadair, a chuir ’s a ghluais na h-urrad dhiubh. “Bithidh na flurain so,” ars’ ise, “ceud fhas is torraidh an talmhainn air an earrach so, na ’n samhla air bhur n-aiseirigh, agus an ros-muire sior-uaine so na dhearbhadh gu ’m bi mo chuimhne oirbh gradhach agus mairionnach.”
’Nuair a bhathas a’ dunadh na ciste bha fuaim an uird air na tairnean a’ ruigheachd a cridhe, ionnus gu ’n robh i, cha mhor, a’ dol ’an laigse. Thug a bhean choir oirre dol a stigh do rùm eile, agus dh’ asluich i oirre i fhein a leigeal ’na sineadh air an leabaidh car tacain, gus an tigeadh i uice fhein.
’Nuair a dh’ fhalbh iad leis a ghiulain, bha Màiri beagan air deireadh air a’ chorp, air a sgeadachadh an deise dhuibh, a thug nighean chairdeil a bh’ anns a bhaile an iosad dhith. Bha i cho ban agus cho beag de ruthadh ri corp; agus bha a h-uile aon duilich airson an dilleachdain bhochd, a bha a nise gun athair, gun mhàthair.
Chionn gum bu choigreach Iacob an Erlenbrunn, chaidh an uaigh aige fhosgladh an oisinn a’ chladha, ri taobh a’ bhalla. Bha da chraoibh mhoir ghiubhais, a dh’ fhas ri taobh a’ bhalla a’ tilgeadh dubhair oirre. Shearmonaich a sagart paraisde o bhriathran ar Slanuighear: “Gu firinneach, gu firinneach tha mi ’g radh ruibh, mar a bàsaich an silean cruithnichd, a tha tuiteam ’s an talamh. ”—
Eoin xii. 24.
Dh’ innis e dhaibh mar a chuir an seann duine coir seachad a bheatha gu fiachail, beannaichte, agus mar a dh’ fhag e samhla math aig gach aon da ’m b’ aithn’ e Bha bhriathran a’ toirt misnich do ’n dilleachdan bhronach. Thug e taing, an ainm an fhir a dh’ fhalbh, do ’n t-sluagh bhlath-chridheach airson gach caoimhneas a nochd iad daibh, agus dh’ earalaich e orra a bhi mar athair ’s mar mhàthair do ’n nighinn bhochd a bha a nise air a fagail ’na dilleachdan.
A h-uile Donach a rachadh Màiri do dh’ eaglais Erlenbrunn ruigeadh i uaigh a h-athair, agus rachadh i ’ga ionnsuidh ruith na seachdain cho tric ’s a b’ urrainn di. “Cha ghabh mi m’ urnaigh,” ars’ ise, “cho math an àite sam bith ’sa ghabhas mi ann an so, ’sa chladh. ’Nuair a tha mi ’an so tha ’n saoghal gle shuarach agam. Tha mi toirt fanear gu ’m bheil saoghal na ’s fhearr am feitheamh oirnn, agus tha fadal orm gu faighinn do ’n tir sin.” Cha d’ fhag i ’n uaigh uair sam bith gu ’n a h-inntinn a dheanamh suas air cul a chuir ri gach toileachadh breige saoghalta, agus a bhi cuir seachad an t-saoghail ’am mathas agus an cairdeas ri Dia, ann an dochas beannaichte a bhi rithist maille ri h-athair naomh aig beulaobh cathair Dhé.
(Ri leantuinn.)
BLIADHNA THEARLAICH.
LE IAIN MAC-CHOINNICH.
CAIB. IX.
ULLACHADH CATHA AN AIRM DHEIRG.
Am feadh a bha na Gàeil a’ gairm Rìgh Seumas na rìgh aig Crois Dhun-éideinn bha Iain Cope a’ cuir an airm-dhéirg air tìr aig Dunbarr far na chionnich iad na trùpairean a theich roimh na Gàeil á Dunéideann; dh’innis mi ann an àit’ eile de ’n Eachdraidh mar a theich na claghairean so gu Léibhte air a chiad sealladh a chunnaic iad de dh’ fheachd a Phrionnsa, ach is gann a sheas iad sa’ bhaile sin gus na ghlaodh balachan beag riu mar mhagadh—Thugaibh na Gaeil!” Cho luath sa chual iad so chuir iad an cuid each n-an cruinn-leum agus cha de lasaich iad eang gus an d’ ràinig iad Preston-Pans a bha ma chùig mìle ’n earra-dheas air Dunéideann. ’S gann “gun do tharruinn iad anail fir òrain” ’san ionad sin, gus an cual’ iad air leo— “Na Gaeil! na Gaeil!” air ball leum gach fear na dhiallaid, spuir iad an cuid each is cha do sheall iad as an deighe gus an d’ ràinig iad Beruig a Tuath. Air dhaibh a bhi nise fichead mìle bho Dhunéideann smaointich iad gu’m faodadh iad tearnadh bharr nan each, agus amharc mun cuairt daibh air son bìdhe, ’s iad air an claoidh le acras. Bha baide chaorach faisg air an àite anns na stad iad: thòisich iad air am marbhadh, air feannadh agus air cocaireachd, ach cha bu luaithe a bha ’n fheoil deas air son tòiseachadh air a h-ithe na thug cuidigin a chreidsinn orra gun robh na Gàeil am fradharc. Chaidh am t-eagal os-ceann an acrais, chaidh gach fear a rithist na dhiallaid, ach thuig iad air an àm so “gum bu mhios’ an t-eagal na ’n cogadh,” agus phill iad air an ais a dh’ithe na feòla. An deigh dhaibh an ciocras a shàsachadh rainig iad Dunbarr far na dh’ fhan iad gus an tàinig an t-arm-dearg gu tìr.
Thug an aiteam a theich á Dunéideann, an latha mu’n tàinig am Prionnsa a steach, coinneamh do dh’ Iain Cope mar an cianda aig Dunbarr; agus dh’ fhan iad maille ris an arm-dhearg; cha’n ann mar luchd-cogaidh ach mar luchd-amhairc a’ bhlàir.
Air an naoidheamh làtha diag de dharra mìos an Fhoghair, (b’ e sin an lathairne-mhàireach an deigh dhaibh a thighinn air tìr,) ghluais an t-arm dearg chum coinneamh a thoirt do na Gàeil. Tha’ e air aithris gum bu bhreagha bha iad ag amharc air a mhàrsail, na coisichean ’s na marcaichean a’ lionadh a rathaid mhòir fad ioma mìle de’n t-slighe. Chruinnich muinntir na dùthch’ ás gach ionad a dh’ fhaicinn na h-àrmailt a bha nise gu catha a chur air machair shìochail Loudai. Cha b’ fhada ’bha’n t-arm-dearg a triall mar so gus na phill Morair Loudon ceum air ais, agus ghlaodh e gu’n robh e faicinn nan Gàel a tighinn ’n-an codhail le treun choiseachd, —thuirt Iain Cope gum be bharail gu’n robh e nis’ air làraich mhath air an cinn agus gun deanadh e dìchioll air a cumail.
CAIB. X.
TURAS NAN GAEL GU SLIABH A CHLAMHAIN.
Bha na Gàeil a nis’ an deigh trì laithean a’ chaitheamh ann an Dunéideann air dheagh chàraidh leis gach biadh a’s deoch a b’ fhearr na chéile, air chor is gun robh iad gu mòr air am beothachadh araon ann am pearsa ’s an inntinn. Air dhaibh a chluinntinn gun tàinig an t-arm-dearg air tìr aig Dunbarr, agus e nise’ bhi tighinn ’n-an codhail a chum catha, shonraich iad falbh air an ath mhadainn agus an codhlachadh ma leth na slighe. Dh’ fharraid am Prionnsa dheth na cinn-feadhna, cia mar a bha iad an dùil a ghnàthaicheadh na Gàeil iad féin ri aghaidh shaighdearan ionnsaichte? Dh’ iarr a’ chuid eile dheth na cinn-feadhna air Fear-na-Ceapaich a cheist sin a fhreagairt, a thaobh e bhi na oifigeach roimhe sin anns an àrm Fhràngach, agus mar an cianda, eolach air gnàths nan Gàel. Thuirt Fear-na-Ceapaich ris a Phrionnsa gun robh e dearbhta gun biodh na h-uaislean gun stad ann am buillsgean an nàmhaid agus gu’n faiceadh e nach biodh na h-ìslean fad’ air dheireadh. ’Nuair a chual’ am Prionnsa so thuirt e gum be e-fein a chiad fhearr a bhuaileadh an t-eas-caraid. Thuirt na cinn-feadhna nach biodh sin na ghniomh glice, gur ann na bheatha-sa mhàin a bha neart an aobhair na laidhe, agus na’n rachadh e-san a mharbhadh gun robh iadsan caillte, co dhiù choisneadh no nach coisneadh iad buaigh na teugbhail. Fa-dheòigh thuirt iad gu’m pilleadh iad gu léir dhachaigh na smuainicheadh e idir a dhol ri uchd gàbhaidh.
Air madainn di-haoine air an fhicheadamh latha de dhara mìos an Fhoghair, am feadh a thòisich an t-àrm-dearg air màrsail á Haddington, ghluais na Gàeil á Diddingston, (baile beag a tha ma thuaiream mìle á Dunéideann,) a chum an codhlachadh, agus cha b’ fhad a chaidh iad air an aghaidh, ’nuair a thachair fear-siubhail riu a dh’innis daibh gun robh an t-àrm-dearg air Sliabh a’ Chlamhain agus a’ gleidheadh cothrom na bruthach air taobh deas an t-Sléibhe, —Thuirt Morair Scòras Moireach nach deanadh na Gàeil euchd san bith mar faigheadh iad os-ceann an nàmhaid, agus air ball dh’ òrduich e na Gàeil a dhol bharr an rathaid, agus ghearr iad aithghearra-talbhainn tro na rointean a thaobh na laimhe deise de’n t-slighe air an robh Morair Seòras tur eolach. ’Nuair a choisich iad tacan air aghaidh le sùrd ràinig iad mulach a’ bhearraidh fagus do’n Fhasaid. Mhàrsail iad an sin gu mall, gus an tàinig an fheachd a bha m’an àm so sgaoilte gu chéile. Thàinig iad a nise gu thuigsinn gun robh an t-arm-dearg air laraich-chatha cho math ’s bu mhiann leo: ghreas na Gàeil an sin air an aghaidh, agus mu chairteal na h-uarach thàinig an dà arm ann am fradharc a chéile.
’Nuair a chunnaic an t-àrm-dearg a chiad sealladh de dh’ armailt a’ Phrionnsa thog iad iolach àrd-labhrach mar sgeig air na Gàeil. Thog na Gàeil an cath-ghairm bu dual d’an sinnsir féin “an àm a dhol sios.” Bha ’n dà armailt’ a nis’ an imisg mìle d’a chéile agus lòn bog càthair eatara. Bha e mu’n àm so beagan thar mheadhon latha, agus an t-side anabharrach ann am fàbhar nan Gàel gu bualadh orra. Ach air cuid de mhuinntir na dùthcha cruinneachadh mu’n cuairt do’n Phrionns’ mar bu ghnà leo ’dheanamh anns gach àite, dh’ innis iad do na Gàeil, gun robh an lon a bha eadar iad san t-arm-dearg na shùilean-chrithich, agus nach faigheadh iad an còir nan Sasunnach gun chall anabarrach dhaoine an àm dhaibh a bhi gabhail tro’n lòn. Cho luath sa’ chiaraich an òidhche, ghluais na Gàeil gu taobh na h-airde ’n-iar far an robh iad an dùil a b’ fhasa dhaibh a dhol thar a’ bhoglaich. Stad iad ann an so agus shònraich iad bualadh air an àrm-dhearg ann an glasadh an latha. Anns an àite so shuain na Gàeil iad-féin ’n-an cuid breacanan féilidh agus chaidil iad an oidhche sin air na raointean as-bhuain. Rinn am Prionnsa féin, a bha cuir roimhe a dhol tro gach cruadal ’sa’n rachadh a dhaoine, a leabaidh air an talamh fhuair rè na h-òidhche sin. Cha robh leus sholuis ri fhaicinn, no guth r’a chluinntinn ann an càmp nan Gàel, a chum iad féin a chleth air ann àrm-dhearg.
(Ri leantuinn.)
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA.
[Vol . 9. No. 9. p. 3]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
Beder, Prionnsa Phersia.
CAIB. I.
Tha Persia ’na duthaich cho fior mhor ’s gu ’n robh na righrean a bha o shean a’ riaghladh thairis oirre a’ meas gu’n robh e reusanta dhaibh an t-ainm “Righ nan righrean” a ghabhail g’ an ionnsuidh fhein. Oir, a bharrachd air na rioghachdan a bha iad a’ ceannsachadh le cogadh, bha iomadh rioghachd agus mor-roinn eile ann a bha ’dioladh cise dhaibh, agus a bha gu buileach fo an riaghladh.
Bha fear dhe na righrean so a bha ro chomharraichte, agus ro iomraiteach air son mar a fhuair e, ann an toiseach a rioghachaidh, buaidh air gach namhaid ris an d’ rinn e cogadh. Choisinn so dha sith agus fois mhor tre an robh o air a mheas mar righ cho sona ’s a bha air an talamh gu leir. Ann an aon ni bha e mi-fhortanach agus b’ e sin, nach robh mac aige. Ged a bha iomadh bean aige, mar a bh’ aig uile righrean na h-aird an ear anns an àm ud, cha d’ rugadh aon mhac dha; agus o ’n a bha e air fas ’na sheann duine bha eagal air nach biodh mac gu brath aige. Thog e taighean aoraidh agus taighean foghlum, agus thug e moran deirce do bhochdan na rioghachd ann an dochas gu ’m faigheadh e, trid an urnuighean, am fabhar o neamh a bha e cho mor a’ miannachadh, agus b ’e sin mac a bhith aige.
Air latha araidh, mar bu ghnath leis fhein agus leis gach righ a bha air a’ chrun roimhe, bha uile mhaithean na rioghachd gu leir, agus na teachdairean lionmhor ’s na h-uaislean eile a thachair a bhith air chuairt anns a’ cheanna-bhaile, cruinn maile ris. Bha iad uile gu caoimhneil, comhraiteach a’ labhairt ri cheile mu ghnothaichean a bhuineadh do riaghladh na rioghachd, mu fhoghlum, mu eachdraidh, mu bhardachd, agus mu gach eolas agus fiosrachadh eile air am bu chleachdach le an leithidean a bhith ’labhairt.
Air a’ cheart lath’ ud thainig cailteanach a dh’ innseadh do ’n righ gu ’n robh marsanta air tighinn a duthaich fad as gu ruige an luchairt, agus gu ’n robh boirionnach aige a bha e deònach a nochdadh dha. “Grad leig a steach e,” ars’ an rìgh, agus bruidhnidh mise ris cho luath ’s a sgaoileas an cruinneachadh.”
Leigeadh a steach am marsanta do ’n talla anns an robh an righ agus na mor-uaislean cruinn, agus chuireadh ’na shuidhe e far an faiceadh e an righ, agus far an cluinneadh e aon chomhradh a bhiodh eadar e fhein ’s na h uaislean.
B’ e so an doigh anns an robh an righ a’ gabhail ris a h-uile coigreach a thigeadh a dheanamh gnothaich ris, agus b’ e an t-aobhar bha aige air son so a dheanamh, a chum gu’m fasadh iad beag air bheag eolach air, air dhoigh agus an uair a chitheadh iad cho saorsnail ’s cho caoimhneil ’s a bhiodh e labhairt ris na h-uile, gu ’n gabhabh iad misneach gu labhairt ris fhein gun fhiamh gun eagal a dh’ aindeoin na moralachd agus a’ ghreadhnachais leis an robh e do ghnath air a chuartachadh.
An uair a sgaoil an cruinneachadh ’s nach robh anns an talla ach am marsanta, leig e e-fhein ’na shineadh aig casan an righ, agus ghuidh e dha gach soirbheachadh bu mhiann leis. An uair a dh’ eirich e ’na sheasamh dh’ fheoraich an righ dheth an robh e fior gu ’n d’ thug e boirionnach og g’ a ionnsuidh, agus an robh i ’na boirionnach dreachar. “Le ’r cead, a righ,” ars’ am marsanta, “cha ’n eil teagamh nach ’eil mnathan ro mhaiseach aig bhur morachd, o ’n a tha sibh a’ sireadh air an son anns gach aite fo ’n ghrein. Ach gabhaidh mi orm fhein a radh, gun tuilleadh ’s a’ choir a mholadh a dheanamh oirre, nach fhaca sibh aon bhoirionnach riamh mu choinneamh bhur sul a bheireadh barr oirre ann an cumadh, ann am maise, ann an tuigse, agus ann am foghlum.”
“Caite am bheil i?” ars’ an righ. “Thoir ’nam lathair i anns a’ mhionaid.”
“Le ’r cead, a righ,” ars’ am marsanta, “thug mi i do aon dhe na h-ard-chaillteanaich, agus faodaidh sibh fios a chur oirre uair sam bith a thogras sibh.”
Thugadh am boirionnach maiseach a steach gun dail; agus cha bu luaithe a sheall an righ oirre na chord a coltas anabarrach math ris. Ghrad chaidh e fhein agus am marsanta agus feadhainn dhe na caillteanaich a steach leatha do sheomar a bha faisge air laimh, agus an uair a thogadh an srol bhar a h-aghaidh ’s a sheall an righ oirre, dh’ aidich e nach fhaca e riamh mu chionneamh a dha shul aou bhoirionnach cho briagha rithe. Agus ghrad thuit e ann an trom ghaol oirre. Dh’ fheoraich e dhe ’n mharsanta ciod a bhiodh e ag iarraidh oirre.
“Le ’r cead, a righ,” ars’ am marsanta, “thug mise mile bonn oir oirre an uair a cheannaich mi i; agus tha mi ’smaointean gu’n do chosg mi faisge air uiread eile rithe fad nan tri bliadhna a thug mi air an rathad a’ tighinn an so. Ach cha ’n ’eil mi deonach dad sam bith a ghabhail air a son o righ mor cumhachdach mar a tha sibhse; agus air an aobhar sin, ma tha i ’cordadh ribh, tha mi gu h-umhail a’ guidhe oirbh gu ’n gabh sibh uam i mar thiodhlac.”
“Tha mi anabarrach fada ’na do chomain,” ars’ an righ; “ach cha robh e riamh mar chleachdadh agam a bhith ’deanamh gnothaich ri marsantan anns an doigh neo-fhialaidh sin an uair a thigeadh iad an so a chum toileachadh a thoirt dhomh. Tha mi ’dol a dh’ ordachadh deich mile bonn oir a thoirt dhut air a son. Am bi sin gu leor?”
“Mo thighearna,” fhreagair am marsanta, “bhithinn ’g am mheas fhein gle shona na’n gabhadh sibh uam a nasgaidh i, ach cha dana leam tairgse cho fialaidh sin a dhiultadh. Cha dean mi dearmad air bhur fialaidheachd a dheanamh aithnichte ’nam dhuthaich fhein, agus anns gach duthaich eile do ’n teid mi.”
Phaigheadh an t-or dha gun dail, agus mu ’n d’ fhalbh e thug an righ dha mar ghean-math deise a bha anabarrach riomhach.
Dh’ ordaich an righ am boirionnach maiseach a chur ann an seomar cho math ’s a bh’ anns an luchairt, agus dh’ ordaich e do na mnathan-coimhideachd agus do na searbhantan a bha gu bhith ’frithealadh dhi, an deigh dhaibh a faragadh, an trusgan cho riomhach ’s a gheibheadh iad a chur uimpe, agus na seudan bu mhaisiche ’s bu luachmhoire a bh’ anns an luchairt a thoirt g’ a h-ionnsuidh a chum gu ’n taghadh i asda an fheadhainn a b’ fhearr a chordadh rithe.
Bha ioghnadh gu leor air na mnathan-coimhideachd an uair a chunnaic iad cho maisneach ’s a bha i; agus o ’n a bha iad deonach a h-uile toileachadh a thoirt do ’n righ, thuirt iad ris gu ’n gabhadh iad os laimh a deanamh moran na bu mhaisiche na bha i na ’m fagadh e tri latha aca i. Bha leithid de thlachd aig an righ dhi ’s nach robh e an toiseach deonach a leigeadh as a shealladh; ach mu dheireadh dh’ aontaich e an comhairle a ghabhail air chumhnanta gu ’n deanadh iad mar a gheall iad.
Bha cenana-bhaile na rioghachd air a thogail air eilean, agus bha ’n luchairt air bruaich a’ chladaich. Bha seomar an righ agus seomar a’ bhoirionnaich oig cho dluth air a’ mhuir ’s gu ’m biodh na tonnan a’ bualadh ri bonn a’ bhalla, agus bha ’n sealladh a bha o na h-uinneagan anabarrach briagha.
An ceann nan tri latha bha ’m boirionnach og, agus i ann an trusgan anabarrach eireachdail ’na suidhe air langsaid anns an t-seomar agus a h-uilean air bonn na h-uinneig a bha air taobh na mara dhe ’n t-seomar. Chaidh an righ a steach a bhruidhinn rithe. An uair a chual’ i fuaim a chas air an urlar, thionndaidh i a ceann a dh-fhaicinn co bh’ ann. Dh’ aithnich i gu ’m b’ e an righ a bh’ ann; ach an aite eirigh ’na seasamh gu failte a chur air agus urram a thoirt dha mar bu ghnath le te dhe ’seorsa a dheanamh, is arm a dh’ fhuirich i ’na suidhe far an robh i agus thionndaidh i a h-aghaidh a rithist ris an uinneig.
Ghabh an righ ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic e gu ’n robh boirionnach cho maiseach rithe cho fior aineolach air mar bu choir dhi i fhein a ghluasad. Bha e ’smaointean gur e cion ’s nach d’fhuair i fiosrachadh is foghlum gu leor a dh’ fhag cho fad air a h-ais i. Chaidh e far an robh i aig an uinneig, agus a dh’ aindeoin cho coltach ’s a bha i ri bhith coma dheth an uair a chaidh e steach do ’n t-seomar, leig i leis a moladh, a cniodachadh, agus breith oirre ’na ghairdeanan, cho math ’s a thogradh e.
An uair a bha e mar so a’ nochdadh a chaoimhneis agus a ghraidh dhi, bha e gu geur a’ beachdachadh oirre, agus thuirt e. “Mo bhan-dia! m’ aingeal! mo rùn! Co as a thainig tu! Agus c’aite am bheil na parantan sona a’ fuireach a chuir maighdeann cho maiseach riut a dh’ ionnsuidh an t-saoghail? Ah! is mor an gaol a th’ agam ort, agus bidh gaol agam ort ri mo bheo. Cha robh uiread de ghaol agam air boirionnach riamh. Agus ged a tha mi a’ faicinn moran de bhoirionnaich bhriagha a h-uile latha, cha do mhothaich mi uiread de mhaise ann an aon bhoirionnach ’s tha mi ’faicinn annadsa. Tha leithid de ghaol agam ort ’s nach teid thu mionaid as m’ aire ri mo bheo. A ghraidh mo chridhe, cha’n ’eil thu’toirt freagairt dhomh,agus cha mho a tha thu ’toirt an dearbhaidh a’s lugha dhomh gu ’m bheil thu mothachail air meud a’ ghaoil a tha agam ort. Agus cha mho a sheallas tu orm a chum gu ’n tuig thu gu’m bheil e neo-chomasach dhomh am barrachd gaoil a bhith agam ort. C’ar son nach ’eil thu bruidhinn rium? Tha thu ’toirt mo mhisnich uam. Ciod a tha ’toirt ort a bhith cho trom-inntinneach ’s cho bronach ’s a tha thu? An ann a’ caoidh do dhuthchadh, do chairdean ’s do luchd-eolais a tha thu? Ochan! nach ’eil righ Phersia aig am bheil gaol cho mor ort comasach air comhfhurtachd a thoirt dhut, agus aon chall a dh’ fhuiling thu a chur ’na aite fhein?”
(Ri leantuinn.)
C’AITE ’M FAIGHEAR SONAS?
Naigheachd Eirionnach.
(AIR A H-AITHRIS LE “FIONN. ”)
Bliadhna bha siud, anns na linntean a dh’fhalbh, thuit do Mhac Gille Phàdruig ann an Eirinn a bhi tinn. Bha e fo leanndubh is mulad, ’s cha robh do sgil an Eirinn na dheanadh feum dha. Thuit gu’n thàinig an rathad fear-turais, agus chaidh innseadh dha gu’n robh Mac Gille Phàdruig ris a’ bhàs, agus ciod a bha cur air. “Ma ta,” arsa Eóghan a’ Chnuic, oir b’e sin ainm an fhir thurais, “tha fhios agamsa ciod a ni feum dha, agus ma ghabhas e faotainn anns a’ cheàrna so de dh’ Eirinn, cha bhi fada gus am bi Mac Gille Phàdruig air a’ chasaibh gu luath, làidir, ’s cho sunndach cheòlmhor ri aon tàillear a chunnaic sibh riamh.” Chaidh Eoghan a’
(Air a leantuinn air taobh 70.)
[Vol . 9. No. 9. p. 4]
MAC-TALLA:
AIR A CHUR A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN.
A PHRIS.
BLIADHNA, $1 .00
SIA MIOSAN, .50
TRI MIOSAN, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatuinn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Cuiridh iadsan a tha comasach air Gailig a sgriobhadh, comain mhor oirnn, le bhi cur g’ ar n-ionnsuidh, o am gu am, litrichean, naigheachdan, no seanchas sam bith eile a bhiodh air a mheas taitneach leis an luchd-leughaidh. An uair a bhios neach sam bith a sgriobhadh ugainn ann an Gailig, thugadh e an aire do na seolaidhean a leanas:—
Na sgriobh ach air aon taobh de n phaipeir.
Na biodh an sgriobhadh ro mheanbh. agus dean e cho soilleir agus cho furasda leughadh s ’is urrainn dhut.
3. Fag farsuingeachd air chor ’s gur urrainn dhuinn ceartachadh no atharrachadh a bhios ri dheanamh a chur eadar na facail agus eadar na sreathan.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
SYDNEY, CAPE BRETON
DI-HAOINE, OGUST 31, 1900.
LITIR A CEAP NOR.
The e coltach gu bheil aire dhaoine air a tarruing gu mor o’n chogadh a tha eadar Breatuinn agus Baothairean (Boers) Africa, leis an troimhe-cheile tha air a bhi ann an Sina o chionn beagan sheachduinean. O’n tha àireamh cho mor de rioghachdan cumhachdach air a dhol an sàs ’san ard-uachdaranachd ana-Criosdail ud, agus sin le deadh aobhar, tha sinn an dochas gu ’n teid crioch air a chogadh sin gu h-aithghearr ann an doigh a bhios buannachdail do ’n t-saoghal gu leir.
Is iongantach da rireadh an taobh a th’ aig àireamh mhor de shluagh an t-saoghail ri Baothairean Africa, ’n uair tha e cho furasda fhaicinn gur iad fhein a tha ri ’n coireachadh air son a chogaidh a tha eadar iad fein agus Breatuinn. Tha e soilleir gu ’n d’ rinn Breatuinn a h-uile dhichioll a chum na cuisean a bha eatorra a cheartachadh gun a dhol gu cogadh idir; ach ged bha ’m bodach riasgail, Crugeir, a leigeil air gu ’m bu mhath leis fhein a ni ceudna dheanamh, cha robh dad ’na bheachd dheth. ’S ann a bha e ’g ullachadh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e, cha ’n ann a mhàin a chum an Transbhaal a dhion, ach gu h-àraidh a chum Breatuinn a sgaradh o cuid fearainn agus a còirichean Africanach gu buileach. Bha e cho laidir ’s an t-seorsa creidimh a bh’ aige ’s gu ’n robh e ’ga shaoilsinn fein lan chinnteach gu ’n rachadh aige air sin a dheanamh gun taing dhi. Ged is math a rachadh aig Breatuinn air a cheannsachadh gun chomhnadh sam bith, is math a rinn Canada agus cuid dheth na colonies eile, cuideachdan de shaighdearan dileas a chur a null do ’n Transbhaal a chum an nàmhaid an-iochdmhor a cheannsachadh. Tha iad sin air a bhi nochdadh an gaisgealachd aig iomadh àm ri uchd catha; agus tha iad a faotainn cliu nach faoin o’n t Seanalair Roberts agus o chuid dhe na h-oifigich a tha fodh ’ughdarras. Ged nochd na saighdearan ud an dilseachd do Bhreatuinn ann an doigh a tha cho follaiseach do ’n t-saoghal uile, dh’ fhag iad miltean as an deigh nach ’eil dad air deireadh orra. Is ann dhiubh sin an Gaidheal dileas mu ’m bheil mi dol a sgriobhadh an sgeula beag a leanas:—
’S e ’s ainm dha Domhnull. Tha e gabhail comhnuidh an cearn eile de Cheap Breatunn, fad as o’n aite so. Tha e ’na mhaor eisg air abhuinn no air loch araidh; agus tha e air aithris air dha bhi aon la air a thurus le each ’us carbad, a dol a dh’ iarraidh pàirt dhe thuarasdal, gu ’n thachair maor eile ris do ’n ainm Iain. Bhuail e ’n ceann Iain gur ann a b’ fhearr dha fein an cothrom a ghabhail air a dhol air an aon cheann gnothaich maille ri Domhnull. Bha Domhnull fior thoileach air e dhol maille ris anns a charbad, agus cha robh iad fada cuideachd ’n uair thoisich iad ri deasbaireachd mu chogadh Africa. Bha Iain a seasamh air taobh nam Baothairean, agus Domhnull, mar a bhuineadh dha, a seasamh gu duineil air taobh Bhreatuinn. Bhuanaich iad air deasbaireachd mar sin gus an d’ rainig iad tigh Iain. O’n bha toil aig Iain e fein a sgeadachadh le deise a b’ fhearr na ’n te bha uime, bha Domhnull toileach dol a stigh maille ris agus feitheamh gus am biodh e deiseal; ach mar ’s minic a thachair, cha robh a chuidhle fada gun tionndadh rathad eile. Bhuanaich iad air deasbaireachd mu ’n chogadh an deigh dhoibh dol a stigh, gus an d’ rinn Domhnull iomradh air na saighdearan a chaidh a null á Canada do ’n Transbhaal, ag radh gu ’n robh prois air airson an dilseachd do Bhreatuinn, airson an treubhantais ri uchd catha, &c . B’e am freagradh a thug Iain air, gu ’n robh e ’n dochas nach tilleadh duine beo dhiubh. Bha sid barrachd ’s a b’ urrainn nadur Dhomhnuill giulan leis; agus ged tha e air fas aosda, air a bhonnan bha e, ’s thug e dorn do dh’ Iain le uile neart, ’ga shineadh air an urlar, agus thug e ’n sin an dorus air, ag radh, “Sin agad. Cha teid cas dhiot ni ’s fhaide leamsa ’nam charbad an diugh.”
O sgriobh mi pairt dhe ’n litir so dh’ eug dithis de mhuinntir an aite so. B’i aon dhiubh Catriona, nighean Alasdair ’Ic Leòid, aig a Chnoc Chruinn. Dh’ eug i aig Sidni Tuath air an t-siathamh la deug de ’n mhios so. An ceann aon uair a thìm an deigh a’ bàis-se, dh’ eug bean Aonghais ’Ic-a- Phearsain, ’s an Acarsaid a Deas. Bha iad le cheile nan lan bhuill ’s an eaglais Chleirich.
Tha ’n aimsir air a bhi gle mhi-fhreagarrach air son deanamh an fheoir, agus mar sin cha d’ fhuair sinn adhartas sam bith a dheanamh air ’san àite so fhathast. Tha ’m feur, tha mi ’m barail, a cheart cho math ’s a bha e ’n uiridh; ach mur fas an t-sìde tioram gu h-aithghearr bidh moran dhe na tha gearrte air a mhilleadh gu buileach.
M. D.
Ceap Nor, Ogust 24.
F . H. REYNOLDS,
ARD CHEANNAICH’ -AODAICHEAN.
South Charlotte St. , - - - Sidni.
Tha stoc de dh’ aodaichean Fhirionnach againn na’s motha na tha aig ceannaiche sam bith eile tha ’n Sidni. Tha sinn ’gan ceannach ’nan tomadan mora, air prisean isle, agus mar sin theid againn air an creic saor. Tha iad gle chumadail, air an sar dheanamh, agus tha deagh chosg annta.
Deiseachan matha laidir de chloth gorm - - $5 .00.
The Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s notha tha ’n Canada air son deanamh us creic
Airneis-Taighe ’s Brait-Urlair
Tha Stoc mor againn daonnan air laimh ’nar tigh-ceannachd, air
SRAID SHEARLOT, SIDNI.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Sanas do Chinn
Theaghlaichean.
Nuair a bhios tu ceanach ni sam bith air son na dachaidh, ’s coir dhut a bhi cinnteach gu bheil e math. Cha’n eil ni a’s dorranaiche na Airneis Ur fhaotainn a tha air a droch dheanamh, no Brat-urlair a tha crion. Againne gheibhear an deanamh ’s an stuth a’s fhearr.
Arineis Ghrinn.
Iomadh seorsa ur agus eireachdail.
Brait-Urlair Bhriagha.
Na seorsachan a bhios buan ’sa chumas an dath.
Gach Seors’ Innsridh Taighe.
Innsidh sinn gu toileach na chosgas e dhut rum no tigh uidheamachadh.
GORDON & KEITH,
SIDNI, C. B.
A. J. GRANT, MANAGER.
CLO-BHUALADH de sheorsa sam bith air a dheanamh gu snasail an oifis a phaipeir so. Sgriobh air son phrisean.
[Vol . 9. No. 9. p. 5]
NAIGHEACHDAN.
Cha ’n eil cuideachd a’ ghuail a’ dol a ghabhail an òrduigh a fhuair iad o’n riaghladh Ruiseanach. Leis gach òrdugh eile tha aca, cha bhiodh e comasach dhaibh tomhas cho mor de ghual a chur am mach.
Thug an Riaghladh Breatunnach seachad òrdugh ann an Cuebec o chionn ghoirid air son fichead mile paidhir bhròg agus fichead mile paidhir shocsaichean, dha na saighdearan, a cheud òrdugh dhe’n t-seòrsa a thugadh seachad ann an Canada riamh.
Chaidh Bresci, am fear a mhort righ Humbert, fhaotainn ciontach, agus bha e air a dhiteadh gu bheatha chur seachad anns an tigh-obrach. A reir lagh na h-Eadailte, cha ’n urrainnear duine chur gu bàs air son mort, agus mar sin b’e tigh-obrach ri bheò a’ pheanaist bu mhotha ghabhadh cur air.
Chaidh duine ghabhail dh’ an arm ann am Breatunn o chionn ghoirid a bha tri fichead us da bhliadhn’ deug a dh’ aois. Bha e fad ochd bliadhna fichead annns an Reiseamaid Dhuibh ’s an reiseamaidean Gaidhealach eile. Tha sianar mhac aige ’san arm, ’s ceathrar dhiubh sin ann an Africa aig an àm so a’ cogadh an aghaidh nam Boereach.
’Nuair a thoisich cogadh an Transbhaal, dh’fhalbh àireamh mhath de dh’ Eirionnaich as na Stàidean air son a dhol a chogadh air taobh nam Boereach. Chaidh a chuid bu mhotha dhiubh sin a ghlacadh leis na Breatunnaich mu’n robh ’n cogadh thairis, agus tha iad a nise air am fògradh ga Ceylon. Na’m b’e ’n de an diugh cha robh iad air na Staidean fhàgail.
O’n thòisich an cogadh ann an Africa mu Dheas, cha d’rinneadh ach fior bheagan tuathanachais, agus a nise tha ’m biadh a’ fàs gann, agus cha’n eil aig an t-sluagh gus an cumail beò ach na theid a chur g’ an ionnsuidh á Breatunn ’s á dùthchannan eile. Ach ’s cinnteach gu’n bi gu leòr air a chur g’an ionnsuidh agus mar sin nach bi cunnart sam bith gu ’n éirich gorta ’nam measg.
Thairg Mr. Whitney, an uiridh, coig mile fichead dolair a thoirt mar chuideachadh air son togail ospadail ann an Sidni, ach cha ’n fhaca luchd-riaghlaidh a’ bhaile an t-slighe reidh gu dhol air adhart leis an togalach. Tha cuideachd an iaruinn a nise ’dol a thogail ospadail air an cosdas fhéin. Bidh rùm do dha fhichead leab’ ann, agus bidh e air a chur anns an ordugh a’s fhearr. Tha e ri bhi air a shuidheachadh ann an Colby.
Tha cuisean ann an Sina car mar a bha iad. Tha ’n t-arm Eòrpach ann am Pekin ’s an seilbh air an lùchairt rioghail, ach cha d’ rinneadh moran fhathast a chum sith aiseag do ’n dùthaich. Tha na rioghachdan aig am bheil làmh ’sa ghnothuch car amharusach a thaobh a cheile, agus mar sin cha ’n eil e cho soirbh adhartas a dheanamh. Tha e ’fàs coltach gu feum iad deiligeadh ri Li Hung Chang an deigh a h-uile rud, oir ’se an aon neach ann an Sina a tha ’gabhail air fhéin a bhi comasach air cumhachan sithe a dheanamh.
Chaidh còrr us tri mile acaire de dh’fhearann fo bhàrr a thur mhilleadh le cloich-mheallain ann an Glendale, an ceann a tuath Mhanitoba. Bha am bàrr anabarrach gealltanach anns an sgire sin, agus tha an call gle mhor.
Chaidh fhaotainn am mach gu ’n d’rinneadh na h-ais-innleachdan air son mort righ Humbert na h-Eadailte suas am measg Eadailteach anns na Stàidean. Tha riaghladh na h-Eadailte nise ’n deigh coig duine deug a chum a nall do New York gu bhi ’nan detectives, a’ cumail sùil air dol air adhart na muinntir air an cuir iad amharus.
Tha uisgeachan matha ’sileadh anns na h-Innsean an dràsda, tha am bàrr a tigh’nn air adhart gu math, agus an ùine ghoirid theid aig an t-sluagh air a bhi tigh’nn beò air na tha fàs dhaibh san dùthaich. Tha an àireamh d’an robhas a’ toirt cuideachadh bidh a cheana ’dol na’s lugha gach latha ach tha còrr us coig milleanan a’ faotainn na déirce fhathast.
Tha cuideachd an iaruinn an deigh fearainn aoil a cheannach air a Bheinn a Tuath, faisg air a’ Bhagh an Iar. Dh’ fhosgail iad quarries aig Abhuinn Sheorais an toiseach, ach cha robh uiread aoil an sin ’sa bha dhith orra. Bidh eadar ceud gu leth us da cheud duine ag obair aig a Bheinn a Tuath, agus cuiridh iad sin a mach mu leth cheud mile tunna de chloich aoil na h-uile bliadhna.
Chaidh fear Alasdair Mac Leòid, a mhuinntir a Bheighe ’n Iar, a bhàthadh ann an acarsaid Ghloucester, Mass., o chionn che’ -la-deug air ais, ’se dol air bòrd soitheach iasgaich air an robh e ’g obair. Fhuaireadh a’ chorp anns an uisge maduinn an ath latha. Bha e da fhichead bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois, agus ’na dhuine air an robh mor mheas aig gach aon a chuir eolas air.
Tha na soithichean a bha ris an iasgach mu naMagdalene Islandsair tilleadh, an deigh dhaibh luchd math sgadain a ghlacadh. Tha àireamh de na soithichean sin air an cur am mach gach samhradh o thaobh an iar us iar-dheas an eilean so. Fhuair iad, air an fhoghar so, bho $4 .50 gu $5 .25 am barailte air an sgadan. Chaidh leotha gu math cuideachd, toiseach an t-samhraidh, an iasgach an rionnaich, air dhòigh ’s nach eil, gu ruige so, aobhar ghearain sam bith aca air obair na bliadhna so.
Tha cuid de na tuathanaich air tir-mor Nobha Scotia air an cur gu iomguin leis a ghiogan Ruiseanach a tha teannadh ri cinneachadh am measg an cuid arbhair. Thainig beagan de fhras a’ ghiogain so do na Stàidean o chionn coig bliadhn’ deug air ais, am measg coirce, agus a nise tha moran fearainn anns na Stàidean an iar air a chur fodha. Thainig e as na Stàidean do Ontario, ’s as a sin do Nobha Scotia. Aon uair ’s gu faigh e greim air fearann tha e gle dhoirbh a chur as, agus mar sin is còir do na tuathanaich a bhi ’nam faireachadh. Cha ’n eil teagamh nach eil e air greim fhaotainn an cearnan de Cheap Breatunn cho math ri Nobha Scotia, agus bu chòir feuchainn ri cur as da cho luath ’sa ghabhas deanamh.
Thainig Sir Tearlach Tupper do’n bhaile oidhche Di-ciaduin, gu bhi aig coinneamh a bh’aig na conservatives an de. B’e gnothuch na coinneimh sin daoine ainmeachadh gu ruith air son na h-ard-pharlamaid. Liubhair Sir Tearlach òraid anns an rink aig naodh uairean oidhche Dior-daoin.
Dh’ fhalbh Frangach d’ am b’ ainm Jesso, a mhuinhtir Cheticamp, air an Florida gu ruige Boston toiseach na seachdain s’a chaidh, agus air an turus chaidh na bha dh’ airgead aige—tri fichead dolair—a ghoid bhuaithe. Nuair a rainig e Boston cha robh sgillinn aige, agus cha ’n fhaigheadh e cead a dhol air tir. B’fheudar dha mar sin tilleadh dhachaidh.
BAS.
—AigBirch Grove, C. B. ,air a’ choigeamh latha fichead dhe’n mhios so, Aonghas Domhnullach, a rugadh an Uidhist a’ chinn a Tuath, ceithir fichead us aon bhliadhna dh’aois.
$7 .00 A Phris air am bheil sinn a’ creic deise mhath “D. B.” de Chloth cloimhe.
Ma tha deis’ ur a dhith ort, ’s gu bheil thu air son luach t’airgeid fhaighinn, cha’n eil aite ’s an fhusa dhut sin a dheanamh na anns an stor againne. Na ceannaich air chor sam bith gus am faic thu an stoc a th’againn.
30 paidhir de BHROGAN DEARGA BHAN, “OXFORDS” a b’abhaist a bhi $3 .00, a nise $1 .95
25 paidhir de BHROGAN OBRACH a b’ abhaist a bhi $1 .50, a nise $1 .32
100 paidhir de THRIUBHSAIREAN matha “TIVERA” a thatar a creic ann an storaichean eile air 98c. agus $1 .25, a falbh air 79c.
Gheibh thu t’airgead air ais mur bi thu riaraichte.
H . H. Sutherland & Co.
KELLY & DODGE,
DEALBHADAIREAN,
AIR an t-seachdain so a’ fosgladh Seomar Dhealbh ur os cionn stor Aonghais mhic Ghuaire. Bidh an Seomar Dhealbh so air aon cho math ’sa tha ann an Nobha Scotia. Tha gach dealbh a mithear ann dhe’n t-seòrsa ’s fhearr.
Tha sinn a toirt cuireadh do na h-uile taghal a stigh a dh’fhaicinn sampuill dhe ar n-obair.
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad air aa t-samhradh so, faic na seorsachan a tha aig
F . FALCONER & SON.
Buggies , Phætons, ExpressesagusRoad Carts.
Tha’n Acuinn againn cuideachd.
Prisean ceart. Cuir deuchainn oirnn.
F . FALCONER & SON,
Luchd-reic Charbad, Acuinn agus Thruncaichean. - - SIDNI, C. B.
[Vol . 9. No. 9. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 67).
Chnuic a thoirt an làthair an fhir a bha ’s an leaba, agus dh’innis e dha na’m faigheadh e léine duine a bha sona ’s làn thoilichte le shuidheachadh, agus a càramh blàth o dhruim an fhir shona d’am buineadh i air a dhruim fhéin, gu’n leighiseadh siud e gu cinnteach.” “Is neònach do chungaidh-leigheis,” arsa Mac Gille Phàdruig, “ach tha thu féin cho earbsach as, ’s gu’n dean mi feuchainn.” “Tha mi tuigsinn,” arsa Eoghan a’ Chnuic, “gur e ’s aobhar mulad dhuibhse a dhuine, gu bheil sibh mi-thoilichte le’r suidheachadh anns an t-saoghal, agus a talach air ar cuibhrionn; a nis ’nuair a gheibheir duine nach ’eil a talach air a chor, ’s fheudar dhuibhse ’nuair a gheibh sibh a léine oirbh, dol agus seachdain a chur seachad na thigh agus ’àite a lìonadh mar a’s fheàrr a dh’fhaodas sibh; mar so theagamh gu’n tuig sibh ciod e tha ga fhàgail sona.” “Na’n robh cinnt agam gu’n tugadh e mo shlàinte dhomh, agus gu’n tilleadh mo thoilinntinn, dheanainn sin gu’n ghearan.” “Theid mise ’n urras,” arsa Eoghan a’ Chnuic, “ma gheibh sibh an leine m’ar guaillibh gu ’m bi sibh ann an saoghal eile.” Cha robh tuille air, ach thug Mac Gille Phàdruig òrdugh dol air tòir duine sona. Smaoinich cuid ma bha duine sona ’s an t-saoghal gu’m b’e ’n Righ am fear sin, agus thug iad orra gu Aros an Righ agus leig iad ris dha aobhar an turais. “Mo chreach,” ars an Righ, “mise sona! ’s mi nach ’eil. Cha b’ aithne dhomh sonas o’n a chaochail m’athair ’sa chaidh an crùn a chur air mo cheann. Cha bhuin sonas dhòmhsa, agus ’se mo bheachd ma tha sibh an toir air duine sona nach ruig sibh a leas dol ’ga shireadh am measg nan uaislean. Tha mi am beachd gu bheil mo dhorsair na dhuine cho sona ’s is aithne dhòmhsa; bruidhnibh ris ’nuair a tha sibh a’ dol a mach.”
Dh’fhalbh na seòid, agus a dol a mach, arsa fear dhiu ris an dorsair. “Tha thu gu seasgair, sona an so ’ille, ’s ann agad tha ’n saoghal dheth.” “Tha,” ars’ an dorsair, “cha’n’ eil aobhar gearain agam. Cha ’n ’eil iad ach gann aig a bheil àite coltach ris.” “A bheil fàth ghearain idir agad?” “Ma tà, tha,” ars’ an dorsair, “tha aon duine a bhitheas a tighinn a stigh a so, a dh’ fhaicinn an Rìgh, ged a fhuair e air aghaidh cho math, rugadh is thogadh sinn còmhla, agus ged a tha e ’g am aithnichinn glé mhath cha ghabh e air gu’m faic e mi, agus cho fhad’ ’sa tha sin mar sin cha bhi mise sona.”
Thog na seòid orra aon uair eile. Smaoinich iad gu ’m feuchadh iad àrd fhear comhairle an Righ. Dh’ fhaodadh esan a bhi sona. ’Se b’ fhaisge do ’n righ ann an ùdarras, bha tigh mòr fada, farsaing aige, seirbhisich gun àireamh, agus gach ni eile d’a réir. Dh’innis iad dha ciod a chuir a sud iad. “Ma ta cha ’n ’eil mise sona,” fhreagair am fear so, “ ’s cha bhi cho fad ’sa tha duine os mo chionn. Tha dà ni ’gam fhàgail mi-thoilichte—cha ’n ’eil annam ach serbheiseach, agus tha eagal orm gu bheil am fear a tha fodham an inbh an geall air m’ aite, ’s mar sin cha ’n ’eil mise sona.”
Thog na seòid orra a rithist. Dh’ fheuch iad h-aon agus h aon, ach bha smùdan fhein a ceann gach fòid, agus dh’ fhairtlich orra aon duine sona fhaotainn. ’N uair a bha iad dol a thoirt dùil thairis chual’ iad gun robh duine a fuireach aig Leum-a’ -mhadaidh, ’s nach cuala duine riamh e gearan no talach—bha fonn air-san daonnan is aoidh air an còmhnuidh. Chaidh iad air tòir an fhir so. ’Nuair a ràinig iad Leum-a’ -mhadaidh, ’s gun fhios aca ciamar a dh’ aimiseadh iad air an duine air an robh iad an tòir, cha ’n fhac’ iad ach aona bhothan beag aig taobh a’ chladaich. “Is mor m’eagal gur ann air ‘gnothuch na cuthaige’ thàinig sinne an taobh so,” arsa fear dhiu. “Gu dearbh cha ’n ’eil moran coltas sonais an so” arsa fear eile. “Bha fear a’ bhothain—Lachunn-na-tràigh mar theireadh daoine ris—a’ togail cruach-mhòna ’s dà bhalachan beag breac-luirgneach ’ga chuideachadh. Bha dà chnapach balaich a cur shlatan an òrdugh ’s iad a dol a dh’ iasgach, ’s bha tri caileagan beaga, bòidheach a’ trusadh fhaochag anns an tràigh. Thàinig cuilean beag, robach a mach ’s thòisich e air tathunnaich ris na coigrich.
Chuir Lachunn fàilte air na daoine, ’s an déigh beagan conaltraidh thuirt fear dhiu— “Tha àite boidheach agaibh an so a dhuine, tha mi ’n dòchas gu bheil sibh gu comhartachail?” “Tha mise gu seasgair sona,” fhreagair Lachunn, “cha deanainn suaip ris an Rìgh fhéin.” “Cha ’n ’eil agaibh ach cleitig bheag fhearainn.” “Tha gu leòir agam, cha b’ urrainn dhomh an còrr ’oibreachadh. Mar thuirt an sean-fhacal ‘Is miosa na’n uireasbhuidh tuillidh ’s a chòir,” arsa Lachunn. “Cha ’n ’eil an tigh ach beag.” “Is feàrr tigh beag lan na tigh mór falamh,” mar thubhairt an sean-fhacal,” arsa Lachunn. “Cha ’n eil feum a’ bhi bruidhinn riutsa,” arsa fear nan ceisd— “Cha dean mise toll anns nach cuir thusa cnag, ach innis so dhomh am bi thu idir a gearan?” “An ainm an Aigh!” fhreagair Lachunn, “c’ arson a bhithinn a gearan? Nach eil mi fhein s na bhuineas dhomh slàn fallain, gun ghaoid gun ghalar. Nach eil agam mar mhnaoi, an aon bhoirionnach a’s feàrr ’s a’s gaolaiche a chuir riamh làmh ri cuigeal no cas air creathall; nach ’eil ar teaghlach, cròilean an aigh! a’ fàs a suas deas direach, gun mheang, gun chearb; nach ’eil toradh na mara a tighinn air tìr aig ar dorus, ’s cha ’n ’eil a chiste-mhine
Gheibh na Tuathanaich
ANNS AN
SYDNEY FURNITURE AND MEARCHANDISE STORE.
CLOTH air son
DEISEACHAN Dhaoine agus Ghillean cho iseal ri 25c. an t-slat,
An coinneamh cloimhe.
Bathar Tioram,
Soithichean Creadh’ agus Gloine,
Groceries ,Brogan us Botainnean, agus stoc mor de AIRNEIS-TAIGHE.
CHEAPSIDE WAREHOUSE,
C. S. JOST, Manager.
GABHAR LUACHAN AN COINNEAMH BATHAIR.
June 20. 1900.
SMOC AGUS CAGAINN
PATRIOT TWIST
an seann charaid—na’s fhearr na bha e riamh.
“EMPIRE, ”—Tombaca Ban Smocaidh.
Ceann is fhiach 10c. air 5c. An cunnradh a’s fhearr a bha riamh an Canada. SMOC MHATH. FEUCH E.
BROG-SHNEACADA DHEARG AIR A H-UILE CEANN.
Dec 8, ’99, —1yr.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
NA FASAIN
AGUS
Na h-Aodaichean
a’s Uire ’s a’s Fhearr.
Fag do thomhas againn mu’m fas sinn ro-thrang.
Niall Mac Fhearghais,
Marsanta Taillear.
Sidni, Dec. 21, 1899.
THA
C . H. Harrington & Co.
A’ CUMAIL STOC MOR DE
Aol, Cement, Plaster Paris, Brick.
Flur, Min, Ti, Molasses, Olla, etc.
Tha aca mar an ceudna, Brogan agus Caiseart dhe gach seorsa, a tha iad a creic a mach anabarrach saor.
Amhlan agus Soithichean.
The Scotish Clans and their Tartans.
Is e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha.
Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury,
Cape Breton.
Commercial Bank of Windsor.
Tha meur dhe ’n Bhanca so air fhosgladh ann an
SIDNI, CEAP BREATUNN.
Gach seorsa gnothuich Bancaidh air a dheanamh.
BANCA-CUMHNAIDH.
Gabhar suim sam bith o aon dolair suas, agus paighear riabh 3½ p. c. ’sa bhliadhn’ air.
Frank D. Soloan.
Sidni, Aug. 24, 1899. —1yr.
Saibh, Tuaghannan, Locraichean, Glasan, Tairnean, Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid.
Paint, Olla, Putty , Varnish,Gloine, Paipear-balla
Bi gabhail a MHAR-TALLA Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
[Vol . 9. No. 9. p. 7]
uair ’sam bith gun deannag bheag innte; cha ’n ’eil sinn duilich a chur seachad, ’s cha bhi sinn a strith ri bhi cumail a suas dòighean an t saoghail, ’s mar sin tha sinn cho sona ann a so ’s ged a bu leinn cóig cóigean na h-Eireann.”
’Nuair chuala na coigrich so thuirt iad ri chèile “se so an duine air a bheil sinn an tòir,” agus dh’innis iad do Lachunn gun robh aige ri tighinn a dh’ fhaicinn Mac Gille Phàdruig an oidhche sin fhéin. Dh’ innis iad dha mar a bha ’m fear eile tinn, ’s an toir air duine sona ’fhaicinn, ach cha tug iad guth mu ’n léine air eagal ’s gu’n gabhadh Lachunn naire ’s nach rachadh e leò. ’Nuair a ràinig iad Mac Gille Phàdruig dh’ innis iad dha gu’n robh an so a cheart duine air an robh e an tòir, ’s nach robh e idir soirbh ri fhaotainn. Chuir Mac Gille Phàdruig ceisd no dhà air Lachunn, agus bha e làn riaraichte leis na freagartan a fhuair e. Thionndaidh e an sin ris agus dh’innis e dha mu ’n léine, ’s gu’m b’fheàrr dhaibh a nis suaip léintean a dheanamh. “O leth na truaighe!” ghlaodh Lachunn, “sin rud nach ’eil ormsa idir; cha robh léine ri m’ dhruim o’n a phòs mi, no ionndrainn oirre.”
Thuig am fear a bha ’san leaba an nis gu làn mhath ciod a bha Eòghan a’ Chnuic a ciallachadh ’nuair a dh’ iarr e air leine duine sona a chur air, agus a tionndadh ri Lachunn, ars’ esan— “A Lachainn, rinn thu feum dhomh ann an dòigh no dhà. Tha thu gu sunndach, sona ann ad bhothan beag aig Leum-a’ -mhadaidh air a bhrochan ’s air a’ bhonnach choirce ’s tha mise so an lùchairt m’athraichean leis gach ni a shanndaicheas cridhe na mhiannaicheas sùil, ’san déigh sin uile tha mi ’gearan ’sa talach. Le còmhnadh Ni Math cha dean mi tuilleadh e. ’Si an fhìrinn a sheasas agus tha e sgriobhte,— “Le biadh a bhith againn, is aodach gus ar n-eideadh, bithemid toilichte leò.”
Fhuair Mac Gille Phàdruig ni b’ fheàrr; cha do dhi-chuimhnaich e Lachunn aig Leum-a’ -mhadaidh, ’s mar do shiubhail iad bho sin tha iad beò fhathasd. —Highland News.
Aithnichear caraid an am an fheuma.
TAILLEARACHD.
Deiseachan matha air an deagh chumadh riut ’s air an sar dheanamh, eadar $10 .00 us $25 .00 a reir an aodaich.
CLOTH CHOWES,
CLOTH CHLONDAIC,
CLOTHAN CANADACH,
ALBANNACH, SASUNNACH.
Triubhsairean bho $3 .00 suas.
NIALL MacCOINNICH,
Sidni Mines, C. B.
Bras d’Or Steamboat Co., Ltd.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 25, 1900, fagaidh an
S . S. “MARION”
BADDECKmaduinn Di-luain, a’ dol gu Mulgrave agus Hawkesbury.
MULGRAVE agus HAWKESBURY Di-luain agus Dior-daoin, an deigh do shoithach a’ “Phlant Line” tigh’n a stigh, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni; agus tràth ’sa mhaduinn Di-satharna a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni.
SIDNI aig 6 a. m,, SIDNI TUATH aig 6.30 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol guBaddeck , MulgraveagusHawkesbury .Di-satharna aig 4 p. m., a’ dol gu Baddeck, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardarie, Grand Narrows,agusSt . Peters.
FAGAIDH AN
S . S. “ELAINE”
SIDNI aig 7 a. m., SIDNI TUATH aig 8 a. m., Di-mairt, Dior-daoin agus Di-satharna, a dol gu Baddeck agus Hogamah.
HOGAMAH aig 7 a. m., Di-ciaduin ’s Di-haoine, a’ dol gu Baddeck agus an da Shidni, a taghal aigBig Bras d’Or, New Campbellton, Boulardaireagus na Narrows Bheaga.
J . J. MOFFATT, Manager.
Merchants’ Bank of Halifax
CORPAICHTE 1869.
EARRAS PAIGHTE $1 ,891,910.00
AIRGEAD TAIMH 1,543,932.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Michael Dwyer, Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon. H. H. Fuller, M. L. C., Hon.Daibhidh Mac Iain.
Ard-Oifis—Halifax .
D. H. DUNCAN,Ard-Fhear-Gnothuich.
Meur-Oifis ann an SIDNI.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
Banc-Caomhnaih.
ann anns am faodar suim sam bith, o dholar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadha.
WONDERFUL RESULTS
OF THE
New York Life Insurance Co. ’s Policies.
Agent the New York Life Insurance Co.,
Sydney, C. B.
DEAR SIR:
The memoranda attached show that 20 Year Policies maturing in 1899, on the ordinary and 20 payment life plans have furnished 20 years insurance at $9 .00 to $12 .00 per $1000 , and an investment of the balance of premiums at from 6 per cent. to 7 per cent. compound interest; while the Endowments are paying 4 per cent. compound interest on the total premiums paid with the life insurance—20 years—free.
Can any other company show such results—at same premium rate—for past 20 years? Or can you beat it for Savings, Investment, or Insurance anywhere?
Yours truly,
THOS. A. BUCKNER
Superintendent of Agencies
’S mor àireamh na muinntir sin d’am bu chòir a bhi ’cuimhneachadh air MAC-TALLA aig an àm so nach eil ga ’dheanamh sin.
Sydney
&
Louisburgh Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 18, 1900, ruithidh na Carbaid gachlatha, ach Di-donaich, mar a lea nas:—
[Clàr -ama Beurla]
*A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
A. N. MACGILL-FHINNEIN, Supt.
The Sydneys’ Ferry Co., Ltd.
TIM CHLAR SAMHRAIDH.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
A’ TAGHAL AIGVICTORIA PIER—A’ fagail Sidni, 9.00 a. m., 4 p. m. A fagail Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.
TURSAN DOMHNACH.
A Sidni, 10 a. m., 5 p. m. A Sidni Tuath, 9 a. m., 4 p. m.
TURSAN FEASGAIR.
DI-LUAIN DI-CIADUIN ’S DI-HAOINE—A Sidni, 6.30 p. m., 8 p. m., 10.30 p. m. A Sidni Tuath, 7.00 p. m., 9.30 p. m. ,, 11.00 p. m.
DI-MAIRT DIOR-DAOIN ’S DI-SATHARNA—A Sidni, 7.30 p. m., 9.15 p. m. A Sidni Tuath, 8.15 p. m., 10 p. m.
A’ TAGHAL AIG ANINTERNATIONAL PIER.
Aon ticket, 10c; 25, $2 .00; 50, $3 .50; 100, $6 .00.
J . A. YOUNG, Manager.
Manufacturers Life Insurance Company.
ARD-OIFIS. —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, o’n ard fhear-gnothuich,
A . G. BAILLIE, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
WANTED —RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up showcards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
Bi gabhail a MHAC-TALLA. Bi ga phaigheadh. Bi ’ga leughadh.
A. J. G. MACEACHUINN,
FEAR-TAGRAIDH, COMHAIRLICHE, NOTAIR, &C .
Fear-ionaid àrd chùirtean Nobha Scotia agus Newfoundland.
SIDNI, - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: —Ri taobh EaglaisSt . Andrew’s, air Sraid Phitt.
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
Urrasachadh Beatha agus Teine anns na Cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - C. B.
ROS & ROS,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c
Airgead ri Thoirt Seachad an Iasad.
Sidni, - - - C. B.
UISDEAN ROS, LL. B.
HOWARD S. ROS, B. A., LL. B.
C . V. Wetmore,
Urrasachadh Teine, Beatha, Sgiorraidh, agus Glaine Leac.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - C. B.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, etc., etc.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D.
OIFIS: Os ceann Stor-LeabhraicheanC . P. Moore
A CHOMHNUIDH: An tighC . W. Hill.
SIDNI, C. B.
C . R. BOWN,
Urrasachadh Teine agus Leacan Glaine.
SIDNI, C. B
L . L. GULLIVAN,
Ceannaiche Fearainn.
Fearann us Taighean ri ’n creic anns gach cearna de Shidni.
Airgead gu thoirt seacnad air riabb.
Victoria Block, So. Charlotte St.
SIDNI, - - C. B.
[Vol . 9. No. 9. p. 8]
Oran.
LE MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN.
Bha mi cuimhneachadh riamh
Air na thriall uainn thar sail;
Air gach fleasgach ’s maighdeann dhonn
Dh’ fhalbh air long nan crann ard.
Nuair a thainig Mac Niomhain
Do ’n tir, bha e searbh,
Le long chrannagan a tri
Thoirt ar dilsean air falbh.
Measg air son na shil mo dheoir,
’S iad a dortadh gu lar,
B’ ann dhiubh teaghlach Chalum Mhoir,
Thug air moran dhiubh barr.
Bha mi cuimhneachadh Iain Chaimbeul
’S na suinn ’san robh bhaigh;
Nuair a chuibhtich iad am fonn
Dh’ fhag e trom mi fo phramh.
Bha mi ’m shuidhe le mnaoi choir,
Mar bu nos gabhail tratha,
’Nuair a chuala mi gu foil
Fuaim na comhla le d’ laimh.
“ ’S cinnteach gur a coigreach thu
’Thainig uin’ air mo sgath,
A tha faighneachd m’ ainm cho caoimhneil
Le greim air mo laimh.”
“ ’S coigreach mise shliochd na linn
Bh’ anns na glinn so a tamh,
Mac Catriana Chaluim Mhoir.
’S tu bha eolach mu gnaths.”
“Bheil do pharantan beo?
Innis dhomhsa gun dail;
Ge fad o’n dh’ fhag iad na glinn,
’S maith mo chuimhn’ air an gnaths.”
“Tha mo mhathair fathast beo,
Tha mi ’n dochas, ’us slan,
Ach tha m’ athair anns an uir
Cian o dhuthaich a ghraidh.
“An uair a bha sinn na ’r cloinn
Cruinn mu ’n teinntein a tamh,
’S tric a dh’ uraicheadh e chainnt
Cumail cuimhn’ air Iain Bàn.”
“Beannachd leat a nise, ruin,
’Se mo dhurachd thu slan!
’Se thu thaghall orm a d’ chuairt
’Chuir mo ghruaman mu lar.
“Gu ma maiseach bhios do thriall
Air an t-slialbh leis an àithn’,
Dol le teachdaireachd na sith
A measg dilsean mo ghraidh.
“Gu robh sonas leat a triall,
Mar a dh’ iarriannsa a ghnath;
’S comas labhairt mar do mhiann
A measg iarmad nan Gael.”
Rinneadh an t-oran boidheach so leis a’ bhana-bhàird do ’n Urr. Calum Caimbeal, Strathalba, air dha dhol g’a coimhead ’nuair a bha e ’cur cuairt air dùthaich a shinnsir àireamh bliadhnaichean air ais.
Alasdair Og, Figheadair Eadar-dain.
Anns an leabhar bhrioghmhor sin a sgriobh Dr. Kennedy caomh nach maireann, “Làithean nan Aithrichean ann an Siorramachd Rois” tha an sgeul beag a leanas air aithris mu Alasdair Ros, no mar theirteadh gu coitcheann ris, “Alasdar Og,” figheadair diadhaidh a bha ann an Eadardan:—
“Anmoch aon oidhche thàinig coigreach gu dorus Alasdair ag iarraidh an oidhche chur seachad ann gu madainn. Bha bean Alasdair an aghaidh an duine a leigeil a stigh, ach air do dh’ Alasdair cuimhneachadh air an earail, ‘Na dearmadaibh aoidheachd a thoirt do choigrich,’ thug e cuireadh dha tighinn a stigh agus thug e dha gach biadh a b’ fheàrr a bha aige. Air eirigh do bhean an tighe madainn an là- ’r-na-mhaireach chunnaic i gun robh an coigreach air falbh, agus gun d’ thug e leis eige de chlo a bha an duine aice an deidh a chriochnachadh do chuideigin. ‘Nach d’ thuirt mi riut,’ ars’ ise, an deidh dhi ruith a dh’ innseadh do dh’ Alasdair mu ghoid a’ chlo; ‘nach d’ thuirt mi riut gun an duine sin a leigeil a stigh; bidh amharus aig daoine a nis gur tu fhéin a chuir an clò as an rathad, agus dé a nì sinn?’ ‘Leig mi stigh an coigreach,’ ars’ Alasdair, ‘a chionn gun d’thug an Tighearna àithne dhomh; agus mur ’eil doigh eile ann air aobhar fhéin a sheasamh cuiridh e am fear a ghoid an eige air ais leatha a ris.’ Bha an là sin fior cheòthar, agus chuir mèirleach a’ chlò seachad e ag allaban gu airtnealach sgith, agus an eige chlò air a dhruim thairis air Cnoc Eadardain. An deidh ciaradh do ’n oidhche, mar bha Alasdair agus a bhean na ’n suidhe taobh an teine, chual iad gnog aig an dorus, agus air fhosgladh dhoibh, co bha ’n sin air an stairsnich ach an duine d’ an d’ thug iad aoidheachd air an oidhche roimhe. Bha e ri seachran gun fhios aige c’ àite, gus an do thog a shuil an solus a bha a’ briosgadh ann an uinneig Alasdair; agus a nis, air a lìonadh le ioghnadh agus le nàire, fhuair e e-fhein a’ tilgeadh na h-eige chlò bharr a ghuailne anns a’ cheart tigh as an do ghoid e i.” —An Fhianuis.
Tha ti th’air a cur suas ann am bocsaichean mora math us dona mar tha am flùr. ThaUnion Blend Teaann am pasgan beaga daonnan math; ma chòrdas i riut aon uair cordaidh a h-uile uair. Iuchair agus cairt anns gach pasg dhi.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. Beutan,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’ fheumas a leithid.
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. AODAICHEAN DUBHA agus ANART GEAL, agus na h-uile seorsa BATHAR-AIRGEID us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J BEUTAN.
Sidni, Maigh 19, ’99—1yr.
ADAN FODAIR
ADAN ANAIRT
ADAN FELT
Gach seors, Adan Dhaoine, Ghillean, agus chloinne
Cha’n eil sinn a’ creic ni ach Adan agus Curraichdean, agus mar sin theid againn air an creic na’s saoire na neach sam bith eile.
So . Charlotte St., SYDNEY, C. B.
H. H. MAGEE.
Is ann againne a gheibhear an caiseart a’s fhearr ’s a’s saoire. Tha sinn a’ cumail na h-uile seorsa, bho’n t-seorsa ’s saoire gus an seorsa ’s fhearr.
Brogan Obrach fhirionnach bho 90c. gu $2 .00 am paidhir. Brogan Grinne bho $1 .35, $1 .50 us $2 .00 suas.
Brogan Obrach Bhan cho saor ri 95c., Cuarain us Brogan Iseal bho 75c. suas.
Tha gach paidhir bhrog a tha sinn a’ creic ur; cha’n eil seann stoc againn idir. Agus tha na prisean cho iseal ’sa ghabhas iad cur air son airgeid.
A . W. REDDEN & Co.
Ross Block, - - South Charlotte St.
[Dealbh]
Stoc mor air a dheagh thaghadh de
Sgeinean, Forcaichean agus Spainnean
“ROGERS,” seorsa tha fior ainmeal, aig
BEZANSON ,
fear-reic Sheudan, Uaireadairean agus Innealan-Ciuil.
AN TOGALACH HANNINGTON, SIDNI, C. B.
A . R. CARR,
Uaireadairiche is Seudair.
Stoc math de dh’ uaireadairean, Clocaichean, Fainneachan, agus Bathar Airgeid
ROSS BLOCK, CHARLOTTE ST.
Bheir e aire shonruichte do Charadh Uaireadairean.
Sidni, C . B., June 20, ’00— 1yr
title | Issue 9 |
internal date | 1900.0 |
display date | 1900 |
publication date | 1900 |
level | |
reference template | Mac-Talla IX No. 9. %p |
parent text | Volume 9 |