[36]

DEOCH-SLAINTE GAIDHEIL GHRIANAIG.

FONN:– “O hù, o hó na ’m b’ àill leibh i.

’S i sud an t-slàinte dh’ òlamaid.
Chan ann air sgàth na geòcaireachd,
Deoch-slàinte Comunn Oisein,
Sliochd nam mòr-bheann ann an Grianaig.

Gun òl sinn i ’s gum pàigh sinn i,
Air sgàth na tìr o’n d’ thàinig sibh,
Ged b’ ann aig bòrd na Bàn-righ e,
Air slàinte Gàidheil Ghrianaig.

Chan fhacas na bu bhòidhche leam,
A chòmhlan ghillean òga,
Bho ’n dh’ fhàg mi m’ àite-còmhnuidh,
Bho chionn còrr is fichead bliadhna.

Cho modhail is cho mòralach,
Cho caoimhneil a rinn còmhradh rium,
’S gum faithnichinn air ur còmhdach,
Nach i phòit a bha ’g ur riaghladh.


[37]

Ge h-iomadh àit’ a chòmhlaich mi,
An comunn Ghàidheal mòralach,
Gur a rinn mi shòlas,
Ri luchd m’ eòlais ann an Grianaig.

Bha laoch a Peigh’nn-a- phìleir ann,
Gach céum o bhònn Beinn Dìonabhaig,
’S gur math leam sliochd do shìnnsreachd,
Bhith togail ìre ’n Grianaig.

Gur ogha do Niall Péuton thu,
B’ e ceann nam bochd ’s nam féumach e,
’S gun d’ fhag e chliù na dhéighe dhuinn,
Ged tha e fhéin air triall uainn,

Bha fear a Chlann-’ic-Leoid ann duibh,
’S gunn d’ rinn mo chridhe sòlas ris,
Is tric a bha sinn còmhla,
’Siubhal mòintich ga ar pianadh.

Bhith ’g iarraidh cruidh is chaorach,
’S a’ tigh’nn dachaidh ’n deigh an saodachadh,
’S ann oirnn a thain’ an caochladh,
’N uair nach faicear fraoch no fiar leinn,

Bha Gàidheil ás gach ceàrna ann,
A Uidhist is á Bàideanach,
Is laoich a chaidh air ànradh,
Air son caoirich bhàn’ is miolchoin.


[38]

Gun robh duine uasal rìoghail,
Anns a’ chathair chuir toil-ìnntinn orm,
Mar léugh e ’n càinnt ar sìnnsreachd dhuinn,
Eachdraidh Fhìnn is Dhiarmaid.

Gum b’ òg a thogadh mùirneach thu,
Bho Theilemheall nan stùcannan,
’S gur h-onair dha ar dùthaich thu,
’S tha ’n cliù sin fad is cian ort.

Tha ochd ciad bliadhn’ air inntrigeadh,
Bho thogadh caisteal rìoghail
An Dun-bheagain le do shìnnsreachd,
’S tu ’n ochdamh lìnn an Grianaig.

Ma dh’ éireas trioblaid chràiteach dhuinn,
’S gum bristear ceann no cnàmhan duinn,
Gur lighiche ro bhàigheil thu,
’S chan ’eil na ’s fheàrr an Grianaig.

Mo bheannachd aig a’ Chòmhlan,
’S biodh a’ Ghaidhlig mu na bhòrd agaibh,
Is ionnsaichibh dha ’n òigridh i,
Tha chòmhnuidh ann an Grianaig.

titleDeoch-slàinte Gàidheil Ghrianaig
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page