[43]

RANN CALLAINN

Ann an cois bocsa de ghnothaichean féumail air son na Bliadhn’ -ùire. Fhuair a’ Bhana-bhàrd i fhéin cuireadh, ach leis nach robh e goireasach dh’ i dol ann, chuir i air fabh na rannan a leanas.

Ged tha mi nis air m’ fhagail falamh,
’S gun aon mar-rium dhe mo mhùinntir,
Ma dh’ fhalbhas mi air a’ Challainn,
Gheobh mi bannag ann an Cùntainn.
’N uair ruigeas mi ceann a’ bhaile,
Thig iad na ’n deannaibh g’ am ionnsaidh;
Gabhaidh mi duan aig an dorus,
’S gheobh mi drama gun chaomhnadh.
Eiridh an Tolmach, gu duineil,
Mar chunnaic mi e na dhùthaich,
Aig a shinnsre ’s aig a sheanair,
An Talasgair ’s an Rugh-an-dùnain.
’S iomadh bannag agus drama,
Thug ur n-aithrichean gun chaomhnadh;
Fhuair sibh cliù nan gillean-Callainn,
Agus beannachd ur luchd-mùinntir.
Ghabh thu, mar do chéile ghràdhach,
An aon a b’ fhearr a bha ’s an dùthaich,
Nighean do dh’ Alasdair Bhàlaidh,
’S ann orm nach ’eil an nair an cùnntas.


[44]

Tha cuid fada thall thar sàil’ dhiubh,
Cuid am Bàideanach re h-ùine,
Cuid an Inbhir-Nis a’ tàmh dhiubh,
Ach teaghlach mo ghràidhs’ ann an Cùntainn.
Tha mi ’n diugh dol bho na bhaile.
Ged bu mhath leam a bhith dlùth dhuibh,
Beannachd leibh ’s ur faicinn fallain,
’S gum bu math theid a’ bhliadhn’ ùr leibh.
Ach cuiridh mi bocsa mor, daingean,
Air a theannachadh le cùirde,
’S ’n uair a ruigeas e blàths an teallaich,
Gabhaidh e beannachd-ùrlair.
Eighidh Cleith agus Flòraidh,
A Sheonaid, nach toir thu sùil air,
’S ann a thàinig so bho Mhàiri,
Nighean Iain Bhàin, ar bean-dùthcha.
Fuasglaibh dheth na cùird gu h-ealamh,
’S gun dean Alasdair an cùnntas,
Gheobh Ian am bonnach-Callainn,
Agus marag a’ chinn-dùinte.”

titleRann Callainn
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page