[45]

NA DH’ FHUILING MI DE DH’ FHOIRNEART.

LUINNEAG.–

Ma theid mi dhéanamh òrain,
Gun teid mi dh’ innseadh sgeòil dhuibh,
Na dh’ fhuiling mi de dh’ fhòirneart,
’S cha mhòr nach robh mi marbh leis.

Bha mòran a dh’ éu-dòchas
A’ leantainn rium bho m’ òige;
Ach thugadh deoch ri òl dhomh,
Le dòrlach luibhean searbha.

Ach rinn Dia na thròcair,
Mo chiall a chumail còmhnard,
Bho ’n gheall e sin le bòid,
Do na chuireas dòigh is earbs’ ann.

Thugadh mi d’ an fhàsach,
Is dh’ òl mi uisge Mhàrah,
Ach chumadh suas tre ghràs mi,
Ged shàraicheadh gu searbh mi.


[46]

Chuireadh mi am prìosan,
Gun seasamh lagh’ no bìnne,
Ach Sasunnaich le ’m mìo-run,
Ga m’ dhìteadh le ’n cuid seanchais.

Bho ’n bha iad fhéin na ’n tràillean,
Na ’m murtairean ’s na ’m meairlich;
Ach, gu onair Mhordecài,
Rinn Hàman croich gu mharbhadh.

’S le Bàillidh truagh gun dìlseachd,
Bho ’n bhochdainn a rinn dìreadh;
Bha sheanair truagh cho dìblidh,
’S gun deanar leinn a dhearbhadh.

Ged chuir thu mi cho ìosal,
Bho ’n t-saoghal gus mo dhìteadh,
Bha ’n cùmhnanta cho cìnnteach,
’S nach d’ dhìobair mi de dh’ earbs’ ann.

Chuimhnich mi air Iòseph;
’S fear eile ’n sloc nan leòghann;
Chaidh glasan air am beòil,
’S cha d’ fhuair iad còir a mharbhadh.

Chuimhnich mi air càramh
Nan abstol is nam fàidhean,
Bho ’n a dh’ fhuiling Abel,
Bho Chàïn leis an fhàrmad.


[47]

Chuimhnich mi air an triùir,
Anns an teine nach do mhùchadh;
Bha ’n ceathramh air an cùlaobh,
’S an fhùirneis rinn e ’n dearbhadh.

Chuimhnich mi air éiginn
Clann Israel anns an Eiphit,
’S mar chaidh an cuan a réubadh,
Bho ’n thug E spéis d’ a leanaban.

Chuimhnich mi Delìlah,
Is Samson aic’ na h-ìong’nan,
’S na Philistich na’m mìltean,
A’ deanamh lìon ga mharbhadh.

’S ged cheangail iad le cùird e,
’S ged chuir iad mach a shùilean,
Gun d’ fhuair e neart ás ùr,
Agus rinn e brùchd dhiubh mharbhadh.

Chuimhnich mi air còmhlan
Thug mionnan agus bòidean
Nach itheadh iad, ’s nach òladh,
Gu ’n deanar Pòl a mharbhadh.

Chuimhnich mi air mìo-run
Nan easbuigean le ’n ìnnleachd;
M’ an deach an cur fo chìs
Chaidh na mìltean dhinn a mharbhadh.


[48]

Chuimhnich mi air àmhghur
Is fulangas mo Shlànair,
’S mar choisinn E buaidh-làrach,
A’ cur fo shàil a naimhdean.

Chuimhnich mi air Iùdas,
’S an sporan aig’ ga ghiùlan,
’S na naimhdean ris an cùmhnant,
Is ùidh ac’ anns an airgiod.

titleNa dh’ fhuiling mi de dh’ fhoirneart
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page