ORAN SARACHAIDH.
LUINNEAG.–
Och-òin a Righ, ’s gur a mi tha muladach,
Airson na tàmailt ’s na tair a dh’ fhuiling mi;
Le droch luchd-riaghailt, gun Dia gun duinealas,
Nach teid air diochuimhn gu crioch mo thurais leam.
Cha teid mi dh’ innseadh gach ni a chunnaic mi,
Mu ‘Clach-na-Cùdainn’ ’s mi ùine fuireach ann;
’S ge h-iomadh tàrmagan grannd thug bùille dhith,
Tha Chlach an aird agus cairdean duineil aic.
’S tha cuid ’s na ’n cual iad ’s an uair mar thachair dhomh,
M’ an d’ fhàs e fuar nach b’ e cluas bu chlaisteachd dhaibh,
Gum biodh luchd m’ fhuath ged bu chruaidh an aisneachan,
Le smior an guaillean nan cual mar asbhuain leo.
A Chlach-na-Cùdainn, dean d’ ùrnaigh ’s achanaich,
Is faigh an dùrachd air taobh an fhasgaidh dhiot;
Gun teid do naimhdean air chall ’s nach faicear iad,
A chreic da chlànn air son gàmhlas Shasunnach.
A Chlach-na-Cùdainn, mo dhùrachd fallain duit,
Tha cuid dhe d’ fhiùrain an dùthaich aineolaich,
A thogadh mùirneach le cliù gun sgainnealaich,
A dh’ fhàgadh rùisgt ann an cùirt gun bharantas.
’S ge math am Bàillidh ’s ge ard a theastanas,
Cha d’ chum e àit’ air a chlàr ’n do sheasadh leis;
’S chan fhaod e àicheadh air cnàmh a pheircill
Nach do ghabh e pairt agus paidheadh nan easbuigean.
B’ e d’ àithne ’s d’ ùghdar ’s a’ chùirt ’nuair sheas thu innt,
Gum faighinns’ ùine mo chuis a leasachadh;
’S chuir thu na clùdan fo chonn luchd-freiceadain,
’S ged fhuair mi ràthan chaidh m’ fhagail eatorra.
Sheas mi ’m aonar ’s a’ chàonnaig fhuileachdaich,
Am fianuis chiadan ’s tha diachainn uil orra;
Fo spògan dhiabhuil nach iarradh tuilleadh
Ach luchd-lagh a bhiadhadh gu dian an cunnairt bhuain.
’S ged fhuair mi tàmailt o làmh an eascaraid,
A rinn am pàigheadh gu ’n aite sheasamh dha;
Chaidh aon fhear àrach an aird aig Easaich dhiubh,
Le ’m b’ aill mo bhàthadh ach b’ fhearr mo theastanas.
’S ged rinn thu briágan ga ’n dion ’s ga ’n teasraiginn,
Chan fhacas riamh air mo bhliàn ’s an eabar mi;
An tigh an òil le luchd-pòit a’ sgeigireachd,
’S e sud am bòrd aig am bu dòcha sheasadh tu.
’S tu ’n sionnach ròmach tha seolta fuileachdach,
Tha làn de àinneart is tuill a chumas e;
Ma theid thu shealg ’n uair bhios fearg is acras ort,
Mo thruaigh an t-ainmhidh a dh’ earb a carcais riut.
’S iomadh crèutair le eiginn ’s uireasbhuidh,
D’ an d’ rinn thu bòidean an coir gu ’n cumadh tu;
Ach ghearr thu ’n sgòrnan. is dh’ òl thu ’n fhuil aca,
’S an cairbh air mòintich fo spòg nan iolairean.
’S ged tha thu ’n drast ann an slaint is seasgaireachd,
’S do shàibhlean làn de na dh’ fhàs san Easaich dhuit;
Ma thig am bàs mur dean gràs do theasraiginn,
Bidh ’chogais làidir a ghnàth ga teasachadh.
Ach tionndaidh tràth gus an t-slaint a dheasaicheadh,
M’ an tig am bàs ort nach tàr thu teicheadh uaith;
Cuimhnich Pàl agus pairt mar eiseimpleir,
’Bha cheart cho dàn ann an càs an eascaraid.
So mo làmh ’s na biodh càil a dh’ eagal ort,
Nach suidh mi làmh riut—tha gràs cho freagarrach;
Ach fag do bhráthair is càch ri ceistean,
Agus lean an Ceann a ni bhàntrach eadraiginn.
’S ged rinn mi ’n duan duibh cha ’n fhuath leam idir sibh,
Bho ’n dh’ fhalbh am fùachd agus cruadhs mo thrioblaide;
’S gun thill an sàmhradh gun chàll ’s an Fhreasdal domh,
Tha mi tàingeil—thug àinneart leasan domh.
title | Oran Sarachaidh |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |