[52]

AMBUIDEAL.’

LUINNEAG.–

Olaidh sinn deoch-slaint a’Bhuideil,’
Lionaibh suas i gus an t-slugan;
’S iad na h-uaislean do chuid chuideachd,
’S fear na Cuidrich air an ceann!

’S iomadh loch ’s na chuir thu ’n t-eanchan,
Eadar Miniginis is Orbost;
’S ’n uair a theid thu cheannach meanbh-chruidh
Ni thu tairirich anns na glìnn.

Theid thu Mhùgaradh an toiseach,
’S na Ghleann-mhor o’n ’s e is fhaisg air;
Do Gleann Ghrasgo ’s do Ghleann Shealtainn,
A Ghara-lapain ’s do Dhruim-àoi.

Theid thu nùll do Ghleann Mhic-Ascuil,
Troimh Ghleann Bheàrnasdail ga ’m faicinn;
A Ghleann-Aoineasdail ’s Gleann-Bhreatainn,
’S fada ’n t-astar fo do cheann.

’N uair a theid thu sùas a Lunainn,
Bidh na tàillearan ga d’ chuireadh;
Bho nach faic iad fear do chumaidh,
Bho do mhuineal ’s tu gun mhéang.


[53]

Tha thu de chinne ro ainmeil,
Tha moran diubh thàll air fairge;
’S ma ghabhas tu an cuan le soirbheas,
Tha fear d’ ainm air ceann na Fràing’.

’S ’n uair thilleas tu far do chùairte,
Gun tig thu rathad an taobh tuatha;
’S gun taghail thu ’s a’ Chaisteal ùaibhreach
Tha cur snuadh air Ploc Loch-àills’.

’S còmpanach do dh’ ùaislean còir thu,
Stiubhartach Dhun-tùilm ’s Cuil-mhòr;
Mac-Leoid Dhun-bheagain is Mac-Dhòmhnuill,
’S Mac-Mhathoin an Leodhas thàll.

Thoir mo bheannachd gus an òigeir,
Choisinn cliu os cionn gach dròbhair;
Thraighteadh buideal mu na bhòrd leat,
’N uair bhiodh air càch an stòpan gann.

Soraidh gu Eilean-a- cheo-a,
Gus na creagan ’s gus na frògan;
Far an robh Tearlach is Flòraidh,
Faotainn còir dhe na bhiodh ànn.

’S far on robh mi fhìn am òige,
Siubhal cas-ruisgt feadh na mòintich;
Glacadh chàimeineach ’s na lòin,
’S a buachailleachd nam ’s a’ ghléann,

titleAm ‘Buideal’
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page