[54]

ORAN AIR LUING D’AM B’AINM DUN-BHUIRBH.

Thogadh i le Fear Liandail, agus Domhnull Domhnullach an Tobar-Mhoire ga sealbhach agus ga seoladh.

’S iongantach an sgéul r’a innseadh,
An Glaschu mor nan stiopall àrda,
Dunbhùirbh a bhi air a slinnein,
’S i cho diongmhalt air a sàiltean;
Thar gach duine bha ’s an dùthaich,
Tug i dhiubh an crùn le h-àilleachd,
’S Caiptin Domhnullach ga stiùireadh,
’Cur a cùrsa far an àill leis.

’S iomadh car a chaidh dhe ’n t-sàoghal,
’S mise dh’ fhàodadh sin a ràdha,
Dol air ais gu laithean m’ òige,
’N uair nach robh bròg mu mo shàiltean;
Liughad la a chosd mi m’ ùine,
Timchioll an dùin ud a’ mànran,
’S chunnaic mi ’n diugh ann an Cluaidh i,
Tigh’nn thar caol is cuan na m’ nabachd.

Domhnullaich, an fhine dhuineil,
’S iomadh curaidh th’ air an t-sàil dhiubh,
Fhuair iad cliù anns an Roinn-Eorpa,
’S thugadh glòir dhaibh anns na blàraibh;


[55]

Ach ’s e treas ioghnadh a chruinne,
Bho ’n a chunnaic sluagh an àirce,
Gun d’ rinn iad Dun-Bhuirbh na chullaidh,
Air a’ chuan air cumadh bàta.

Tha i diongmhalt air a dianamh,
Suas bho cial gu bàrr a h-àrd-chroinn,
Slatan is ulagan brìagha,
’S siùil ro chiatach air an càramh;
Chan ann mar thubachan iaruinn,
Bheir plùmb an iochdar an t-sàile;
Cuiridh i na tùinn fo sliàsaid,
’S cha toir gàoth no sìan dhi tàire.

’S ged a bhaBeinn-Nibheisàinmeil,
’N uair a chaidh a dealbh na bàta,
Mur a biodh teine na h-éanchainn,
Chuireadh an fhairge na clàir i;
’N uair a chaidh Dun-Bhùirbh a chumadh,
Cha robh feum air teine smàladh,
Long is fhearr a sheol air cuaintean,
’S cuinneagan-tùaitheal ri ’sàiltean.

Dun-Bhùirbh a bha teann air Liandail,
’S neòinean agus fìar a fàs air,
Far am biodh an crodh ga ’m fiàrach,
’S nead aig na h-ianlaidh na àirde;
’S ann a tha i ’n diugh na miorbhuil,
Air a lionadh suas g’ a clàraibh,
Le h-uile deoch agus biadh,
’S i falbh ga riaghladh air a càirdean.


[56]

Theid i Shasunn ’s theid i dh’ Eirinn,
Theid i ’n Eiphit ’s theid i ’n Spàinne,
’S tillidh i dh’ Eilean-a- cheo-a,
Far an d’ fhuair i òg a h-àrach;
Teann air Dun-bheagain nan stiopall,
Bha sìnnsireachd riàmh a’ tàmhach,
’S tha iad uile togail ìre;
’S Domhnullaich rioghail a càirdean.

Bheir i ruith a null fo Liandail,
Is theid i ’n iar air Eilean Asgrab,
Theid i Mhugastad nan ròiseal,
Far an robh Flòraidh is Tearlach;
Theid i Dhun-tuilm air an fhuaradh
Stiubhartach uasal a’ tàmh ann,
’S e nise cosnadh na buannachd,
Le chrodh guaillionn anns gach àite.

Theid i timchioll Rugha Hùinis,
’S gabhaidh i cùl Aird-a- Bhàsair,
Chi i seallaidhnean as ùr,
A dh’ iomadh dùn is beanntan àrda;
Theid i dh’ Armadail nan lùireach,
Dh’ fhaicinn dùthaich Chlann-Domhnuill,
’S loisgidh iad le sòlas fùdar,
’N uair chi iad anDùna’ seòladh.

Theid i stigh a cheann Loch Eidhnort,
’S bidh cuid a’ fòighneachd r ’a càirdean
Saoil an cuir i féum air pilot,
Bho ’n tha ’n oidhch’ a’ tionndadh gàbhaidh?”


[57]

Their a’ chuid dha ’n aithne ’n Dùn,
Gu bheil fear-stiùiridh air a clàr,
A chuireas a Phort-rìgh fo siùil i,
Bhar na h-Udairne gu sàbhailt.

Caiptin Domhnullach, an t-uasal,
Mala gun ghrùaim, gruaidh is àillidh,
Saighdear duineil ri àm cruadail,
Fuileachdach na ’n gluaist’ a nàdur;
Ach tha e fiàlaidh, cìallach, suairce,
’S meanglan uasal o ’n do dh’ fhàs e,
’S math dha ’n te a rinn do bhuannachd,
’S tu nach cuir a’ ghruaim gu bràth oirr’.

Beannachd leat is faigh mo dhùrachd,
Mo luchd-dùthcha ’s m’ uile chàirdean,
’S gun robh Neptune ann an ciùine,
Ga do stiùireadh thar an t-sàile;
’N uair a dh’ fhàgas tu do dhùthaich,
Air barr nan tònn -ghorm, gàireach,
Càiridh sinn air Righ-nan-Dùl
Thu fein ’s anDùn’s do sgioba dàicheil.

Ach ciamar dh’ fhàgainn air deireadh,
Domhnull duineil Mac-’Ill-Andrais,
Làmh a theannachadh nam bàll dhi,
’N uair dh’ éireadh na tùinn gu àirde;
Ogha ’n da sheanar bu chòire,
Bha riamh a’ chòmhnuidh na m’ nàbachd,
’S tric a dh’ fhàlbh mi Oidhche Shàmhna,
Na mo dheann a ghoid a’ chàil orr’.


[58]

Dhomhnuill, na gabh idir ioghnadh,
Ged a bheirinn gàol thar chàch dhuit,
’S tric a dh’ fhigh do sheanair m’ àodach,
’S nach do dh’ fhàod mi riamh a phaidheadh;
Bha forcannan na mo chasan,
A’ danns air banais do mhàthar,
’S c’uim nach deanainn d’ ainm a shloinneadh,
’S nach robh coire oirnn ri àireamh.

titleOran air Luing d’am B’Ainm ‘Dun-bhuirbh’
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page