ORAN DO ‘DHAIL-NA-CLUAIDH. ’[The Steamer ‘Clydesdale.’]
LUINNEAG.–
Beannachd leat, a Dhail-na-Cluaidh,
Gur iomadh bliadhn’ a threabh thu ’n cuan,
Fagail Ghlaschu mhoir nan stuadh,
Mu thuath gu tir mo dhùthchais.
Gur iomadh òidhche fhliuch is fhuar,
Ri frasan sneachda ’s gaoth a tuath,
Chuir thu Mhàoil le saothair chruaidh,
’S gun bhiadh ach gual is bùrn dhut.
’N uair a dh’ eireadh i na glìnn,
Gun snàmhadh tusa fos an cìnn,
’S do chùibhleachan a’ bleith nan tònn,
Mar mholtair ann an òpar.
’N uair rachadh an t-sian na luaisg,
Is cathadh mara mu do chluais,
Chan fhaict’ thu ach mar ian ’s a’ chuan,
’S tu cumail suas do chùrsa.
Gur iomadh frac thug thusa leat,
Rinn fuasgladh oirnn an àm na h-airc.
’N uair chaidh an tuath a chur fo smachd,
Le àchd nan daoine mòra.
’N uair libhrigeadh tu mhin ’s an tea,
Gum faigheadh tusa càise ’s ìm,
’S bhiodh toradh mara agus tìr’,
A’ falbh air prìs do ’n Ghàlldachd.
Gur iomadh diùlnach agus óigh,
Thug thusa leat a Tir a’ Cheo,
A’ falbh a chothachadh an lòin,
’S gu leoir dhiubh nach do thill ann.
’S a chuid a thilleadh dhiubh air ais,
An deigh an duais a chur ma seach,
’S ann air do ghnùis a bhiodh an tlachd,
’N uair thachradh iad bhi crùinn ort.
’N uair a ghabhadh cuid an smùid,
Dhe ’n stubh a bh’ agad anns a’ chùil,
Cha tigeadh fàiling air do ghlùn,
Ged bheirteadh sùrd air danns’ ort.
’S gum bi ’n ‘Ceann-cinnidh’[The Steamer ‘Chieftain.’] coir fo sprochd,
Mur coinnich thu rith’ anns gach port,
Nach cluinn do cheol ’s nach faic do thoit,
’S gur goirt bhios iad ga d’ iondrainn.
’N uair choinn’cheas sibh air druim a’ chuain,
An dàrna te a mach a Cluaidh,
’S an te’ eile ruith a stigh gu luath,
Le cual a tir nam beanntan.
Gun eigheadh an “Ceann-cinnidh” còir,
“A bheil sibh uile air ur dòigh?
Bheil naidheachd mhath agaibh air bòrd
Bheir sòlas dhomh ri chluinntinn?”
Gum freagradh ‘Dail-na-Cluaidh’ gu fòil,
Tha naidheachd mhath agam air bòrd—
‘Tha iasgach mòr an Tir a’ Cheo,
Is mòran na mo bhroinn deth.’
Ma chuir thu nise ruinn do chùl,
’S nach faicear tuilleadh leinn do smùid,
Ar mile beannachd na do shiubhal,
A h-uile taobh ga ’n triàll thu.
title | Oran do ‘Dhail-na-Cluaidh’ |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |