[62]

A’ CHLACHAGUS MAIRI

Cònnsachadh eadara’ Chlachagus Màirì a’ dol a stigh do bhàta beag aig Port-an-t-Sròim, agus i tròm gu leòir mar bha i; ‘a Chlacha’ cumail Mairi a mach, agus ag radh, ‘Ma thig thusa stigh bidh sinn anns a’ ghrùnnd.’ ‘Ma bhios,’ arsa Màiri, ‘far am bi sinn bidh sinn còmhla ann.’

FONN.–

’N uair chaidh na ceithir ùr oirre,
Dhe ’n darach làidir shùbailte;
’N uair chaidh na ceithir ùr oirre.

Sud far an robh ’n sgioba neònach,
Ghabh an t-aiseag aig an t-Stròma,
A shealltainn air mnaoi-uasail chòir,
Bha còir aice thaobh dùthchais air.

Ged a shiubhladh tu ’n Roinn-Eorpa,
Taghadh sgioba dha na gheòlaidh,
Chan fhaigheadh tu a dhà cho neònach,
Ris a’ chorr bha ’thriuir innte.

Bha Tearlach Friscal-Mac-an-Tòisich,
’S Màiri-nighean-Iain-Bhàin nan òran,
Coinneach Beag, is Eachainn Og,
’S an t-òigearClach-na-cùdainninnt.


[63]

Thuirta’ Chlachrium fhein cho stàirneil,
Fuirich thusa muigh, a Mhàiri,
Gu ’n tig Callum air do thàillibh
Bheir thu àite triuir a mach.

Ma thig thusa stigh do ’n bhàta,
Bidh sinn uile ’n cunnart bàthaidh,
Feumaidh mise beagan dàil,
Gu ’m faighear fàth air m’ iompachadh.’

Chaidh mi stigh innte le sùrdaig,
’S shìna’ Chlachair mònbhur urnaigh,
Fhreasdail cum sinn bho ’n a ghrùnnd,
Bho ’n chaill i na bha ’thùr aice.’

Thuirt Coinneach Domhnullach ri Tearlach,
’S glic a dhol a mach ’s a fàgail.’
Labhair Eachann Og an t-àrmunn,
Cha bhi càil a chùram dhuinn,’

Ged tha m’ athair-sa ri àbhachd,
Chan ’eil cùram air mu Mhàiri,
Bheir iad sinn gu caladh sàbhailt,
Thar nan tonnan du-ghorm.’

COINNEACH.—

Tha seachd clacha diag am Màiri,
’S a’Chudainnan còrr de dh’ àireimh,
Is cunnartach a dhol gu sàil,
Le màraisgich gun iompachadh.’

Shuidh sinn suas oirre gu socrach,
’Cur ar cas ri taice tobhta,


[64]

Le sgionan locrach ’s raimh a Lochlainn,
’S choisinn sinn am biùthaiste.

Dh’ iomair sinn le nuallain òrain,
’S chual iad air gach taobh dhe ’n t-Stròm sinn,
Thainig an sluagh na ar còmhdhail,
’S sòlas feadh na duthcha ruinn.

Thoisicha’ Chlachle chuid spàraig,
Air a cur m’ an cuairt air Màiri,
Dh’ fhiachadh sud ri mac do mhàthar,
Ged bu Ghearrloch dubailt thu.’

Dh’ iomair sinn gu caladh sàbhailt,
’S choinnichBellagair an tràigh sinn,
Chuir i ciad is mìle failt oirnn,
’S Tearlach air an tùs againn.

Sin chuir Tearlach oirre fàilte,
Gu cridheil le crathadh làimhe,
Gabhail ioghnaidh ris a bhàigh,
’S an t-seirc a dh’ fhàs ’s a ghnùis aice.

Chuimhnich sinn an sin an t-òran,
Rinn an diùlnach Niall Mac-Leoid dhi,
’S ’n uair a fhuair sinn air ar dòigh,
Gun thoisich sinn air ’ionnsachadh.

’N uair a rainig sinn an fhàrdach,
Cha robh Fearchar còir a làthair,
Dh’ fhag e dìleab aig a chàirdean,
Bhios gu bràth na chliu aca.

title‘A Chlach’ agus Mairi
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page