MARBHRANN.
Clachag bheag no dha air carn Mrs. Macdonald ann an Viewfield, am Port-Righ, le rùn sonraichte a bhi a cumail air mhaireann cuimhne air mnaoi-uasail chaoimh, Ghaidhealaich, a choisinn ré a beatha fhada agus chliùitich gràdh agus urram gach neach d’ am b’ aithne i, air son béusachd a caithe-beatha, air son a h-irisleachd agus a seircealachd, a fialachd do-sgìtheachadh ris na bochdan, a mor-dhealasachd do chlann nan Gàidheal agus d’ an cainnt, agus air son lìonmhorachd de shubhailcean eile, a chumas a h-ainm beò gu bràth ann an cridheachan a luchd-bròin anns gach àite, eadhon an ceàrnaibh céin fada bho Eilean-a- cheò—cliù agus ainm a labhras riù ann am briathran is drùightiche na na rannan so, agus a thàirngeas uapa an fhianuis uasal agus shòlasach, “Is beannaichte an mairbh a gheobh bàs anns an Tighearna bho so a mach.”
’S ann moch ’s a’ mhaduinn Diordaoin,
M’ an do dh’ éirich am braon bharr feòir;
’Thainig naidheachd gu eilean mo ghaoil,
Rinn crìdh’ iomadh aon a leòn;
Gun robh baintighearna cheanalta, shuairc,
Chaith a beatha gun uaill gun ghò,
A nise fo ghlais aig an Eug,
’S nach cluinn sinn a sgèul ni ’s mò.
Cha chluinn sinn tuilleadh an sgèul,
As na bilean bho ’n bu ghléusd’ a’ ghlòir;
’S cha ghlac sinn an làmh le mòr spéis
Is tric thug dha ’n fhéumach lòn;
’S ged dh’ fhag thu dhe d’ shliochd as do dhéigh
Na chumas gu tréun do chòir,
’S ann bhios d’ iomradhs’ a’ sìor dhol am mèud,
’N uair bhios mise ’s iad fhéin fo ’n fhòid.
’N uair chruinnich na bochdan m’ an cuairt.
Bha snidh’ air gach gruaidh ga d’ bhròn;
Bha d’ eachdraidh cho taitneach ga luaidh,
’S nach ceann’chear a luach le h-òr
Gun do thuit grainne-mullaich ar lìnn,
Ann an Eilean ’s an Tir a’ Cheò,
’N uair a chàireadh do chorp anns a’ chìll,
S’ cha sgaiream ged chluinnt an còrr.
’S chan ioghnadh ged shileadh mo dhiar,
Measg na cuid tha gu fior ga d’ bhròn,
’S tu sheas air mo chùladh ga m’ dhion,
’N uair thug cuid mi mar bhiadh do eòin;
’N uair a chàirich iad m’ eachdraidh air mias,
’S iad a’ suidhe leat sios aig bòrd,
Cha do làimhsich thu forca no sgian,
’S ann theannaich thu ’n t-srian na ’n sròn
Chan ’eil sinn mar chuid tha ri bròn,
’S iad gun rionnag de dhòchas fior,
Tha ’n Fhirinn toirt cunntais gun sgleò,
Nach gabhar ri glòir gun ghniomh;
Mar dh’ aithn’chear a’ chraobh air a blàth,
’S a’ mhèinn a tha fàs fo fhriamh,
Bha do chreideamh le d’ oibribh làn bàigh;
’S do dhuilleach gu bràth cha chrion.
Chan ioghnadh ged thogadh do chlann,
Am bratach ri crann, is stròl;
’S tu ogha an fhior-laoich, Fear Shrann,
Nach ceangladh am bann gun chòir;
Agus nighean an lighich bu shuairc’
Bha riamh ’s an taobh tuath na lìnn;
’S bidh ur cuimhne ’s ur n-iomradh ga luaidh,
Fhad ’s bhios ceathach nan cruach ’s a’ bhéinn.
title | Marbhrann Mrs Macdonald |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |