[3]

EILEAN A’ CHEO.

Ged tha mo cheann air liathadh,
Le diachainnean is bròn,
Is grian mo leth-chiad bliadhna,
A’ dol sios fo na neòil;
Tha m’ aigne air an lionadh,
Le iarratas ro mhòr,
Gum faicinn Eilean Sgiathach,
Nan siantanan ’s a’ Cheò.

Tha còrr ’s da fhichead bliadhna,
Bho ’n thriall mi as ga m’ dheòin,
’S a chuir mi sios mo lion,
Am meadhon baile-mhòir;
Is ged a fhuair mi iasgair,
A lion mo thigh le stòr,
Cha do dhi-chuimhnich mi riamh,
Eilean Sgiathanach a’ Cheò.

’N uair chuimhnicheam an Cuilidhean,
’S a thulchann ris na neòil,
Glàmaig is Beinn Bhuirbh,
Eilean Thuilm is Leac-a’-Stòir;
Gu ’n ruiginn Rugha-Hùinis,
Gach cnoc is cùil is fròg,
’S an taobh eile sealladh aoibhneach,
De Mhaighdeanan Mhic-Leòid.


[4]

An tir ’s an robh na fiùrain,
S’ gach cuis a sheas an còir,
Bha smior is neart na ’n dùirn,
’S cha b’ e ’n sùgradh tigh’nn na’n còir,
’S o’n rinneadh dhuinn an cùnntas,
Gu onoir, cliù, is glòir,
Na dh’eirich fo na Chrùn diubh,
A Eilean cùbhr’ a’ Cheo.

Ma theid mi dhuibh ga innseadh,
Cha mhearachd brigh mo sgeòil,
Oir tha e air a sgriobhadh,
Dha ’n linn sam beil sinn beò;
Bha còrr agus deich mile,
Fo ’n Righ a ghabh an t-òr,
Gu onoir ’s dion ar rioghachd,
A Eilean grìnn a’ Cheò.

Chan ’eil mi dol a dhiteadh,
Aon tir fha fo na neòil,
Ach ’s nàdurrach gun innsinn,
Mu ’n tir san robh mi òg;
’Measg nam piobairean a b’ fheàrr,
A chuir gaoth am màl gu ceòl,
Chaidh ciad is fichead àrach dhiubh,
An Eilean àrd a’ Cheò.

nach tugadh gnùis,
Agus cliù ’s na h-uile dòigh,
Do luchd nam breacan -ghorm,
Nan lùirichean ’s nan sròl?


[5]

Oir cha robh ’léud a ghrùnnd,
Air a chùnntas ’s an Roinn Eòrp,
Thog urad riamh a dhiùlnaich,
Ri Eilean cùbhr’ a’ Cheò.

Cuir mo shoraidh bharr nan cuantan,
Gu Eilean uain’ a’ Cheò,
Far am bi na fleasgaich uasal,
A’ ruagadh damh nan cròc;
’S na mnaithean-tighe guanach,
A’ deanamh uaill na’n clò,
’S gur tric a ghabh mi duanag,
Ga luadh anns a’ Ghleann-mhòr.

’N uair thigeadh tus an t-samhraidh,
Cha ghanntar a bhiodh òirnn,
Bhiodh pailteas bidh is annlain,
Anns a ghleann ’s an robh na seòid;
Bhiodh gruagaichean air àiridh,
’S an crodh le ’n àl mu ’n chrò,
’S a’ deanamh ime ’s càise,
An Eilean àrd a’ Cheò.

’N uair thigeadh tùs a’ Mhàigh.
Biodh gach iasgair ’s ràmh na dhòrn,
S na bàtaichean na ’m miltean,
Ann an Loch Phort-righ fo ’n seòl;
Dol suas gu bun Loch Eidhnort,
’S gach sonn a’ seinn a’ cheòil,
A rinn na bàird bu shaibhir,
A bha ’n beanntanan a’ Cheò.


[6]

’N uair thigeadh an Fheill-Màrtainn,
’S an spréidh ’s am bàrr air dòigh,
Na fir a’ deanamh càinnteig,
’S na plàtaichean na ’n tòrr;
Ri taobh na brig bhuntàta,
Bhiodh baraill’ làn de dh’ fheòil,
Sud mar chaidh ar n-àrach,
Ann an Eilean àrd a’ Cheò.

Is iomadh latha diomhain,
Gun chiall ’n uair bha mi òg,
A’ bleoghann cruidh ’s ga ’m fiarach,
Ann an Eilean ciar a’ Cheò;
Ach tha mi ’n diugh cho cianail,
Le bonn-a- sia na m’ dhòrn,
’S nach faigh mi ach an iarguin,
’S cha lion e slige cnò.

Ach aig a bheil cluasan,
No cridh tha gluasad beò,
Nach seinneadh leam an duan so,
M’ an truaigh a thainig òirnn?
Na miltean a chaidh fhuadach,
A’ toirt uath an cuid ’s an còir,
A’ smaointinn thar nan cuantan,
Gu Eilean uaine ’Cheò.

Ach cuimhnichibh gur sluagh sibh,
Is cumaibh suas ur còir,
Tha beairteas fo na cruachan,
Fo ’n d fhuair sibh àrach òg;


[7]

Tha iarunn agus gual ann,
Is luaidhe ghlas is òr,
’S tha méinnean gu ur buannachd,
An Eilean uaine ’Cheò.

Cuimhnichibh ur cruadal,
Is cumaibh suas ur stròil,
Gun teid an roth m’ an cuairt duibh,
Le neart is cruas nan dòrn;
Gum bi ur crodh air bhuailtean,
’S gach tuathanach air dòigh,
’S na Sasunnaich air fuadach,
A Eilean uaine ’Cheò.

’N uair theannas mi ri smuaintean,
Gur tric mo ghruaidh fo dheòir,
A’ cuimhneachadh nan uaislean,
Dha ’n d’ thug mi luaidh cho òg;
Chaidh thairis thar nan cuantan,
’S a tha nise fuar fo ’n fhòid,
Bho Sgoirebreac nan stuadh,
Far na thogadh suas na seòid.

Ach tiormaicheam mo ghruaidhean,
Is taisgeam suas mo dheòir,
Bho thainig earrach nuadh,
’S gu bheil cuid a dh’ uaislean beò;
Thall ’s a bhos m’ an cuairt domh,
Gum faic mi snuadh an fheòir,
Meanglan ’s badain luachrach,
Bho Eilean uaine ’Cheò.


[8]

Canaibh leam an duan so,
’S le suaimhneas seinnibh ceòl,
Mu ’n naidheachd nuadh a fhuair sinn,
A Eilean uaine ’Cheò;
Gu Armadail nan stuadh
Gun d’ thug Raonall gruagach òg,
Nighean còirnealair cho ainmeil,
’S a tha ’n diugh a’ falbh an fheòir.

Ach cuimhnich do chuid tuatha,
Is cum do chluas ri ’m féum,
’S bi thusa mar bu dual duit,
Dha ’n t-sluagh a tha fo d’ sgéith;
’S o ’n thug thu ’n fhior bhean-uasal,
A Crombagh ruadh a’ réisg,
Biodh beannachd Dhe ’s do shluaigh leat
Na d’ Eilean buadhmhor féin.

Ma shaoileas cuid gu diomhain,
Bhith sniomh leithid a ròp,
Bho ’n tha na stuic air crionadh,
Ann an Eilean ciar a’ Cheò;
Ach fhad ’s bhios grian san iarmailt,
Bidh cuid de dh’ iarmad beò,
De shliochd nan daoine diadhaidh,
’S bidh iad miadhor mar bu nòs.

Tha Clann-Dòmhnuill le laimh-làidir,
Is gu h-araidh Clann-’ic-Leoid,
Is iomadh fineadh dhàicheil,
Nach àicheadh dol san tòir;


[9]

’S o’n tha cuid diubh ’n diugh a làthair,
Tha mo ghàirdeachas ro mhòr;
Is chuir Blackie onair àraidh,
Air Eilean àrd a’ Cheò.

Beannachd leibh, a chàirdean,
Anns gach ceàrn tha fo na neoil,
Gach mac is nighean màthar,
A Eilean àrd a’ Cheò;
Is cuimhnichidh sibh Màiri,
’N uair bhios i cnamh fo ’n fhòid
’S e na dh’ fhuiling mi de thàmailt,
A thug mo bhàrdachd beò.

titleEilean a’ Cheò
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page