[68]

GUR MULADACH THA MI.

LUINNEAG.—

Gur muladach thà mi,
Anns a’ cheàrna so dhe ’n talamh,
Chan ann an Glaschu nan sràidean,
A b’ fhearr leam bhith fantainn.

’S mor gum b’ fheàrr bhith ’san aonach,
Ag iomain chaorach gu mainnir,

’S a bhith cuallach na spréidhe,
Air madunn Chéitein no Earraich.

Thoir mo bheannachd le dùrachd,
Gu dùthaich mo sheanar,

’S ’n uair a ruigeas tu ’n Dùnan,
Fèuch an cùm thu ri d’ ghealladh.

Thoir mo shoraidh gu m’ chàirdean,
A chuid tha tàmh dhiubh aig baile;

Gu Maol-Iosa [Maol-Iosa, Myles.] is Murachadh,
Na daoine suilbheara, geanail;


[69]

Agus innis do Shéumas,
Nach tig éugmhail ri Anna;

Gu bheil òigear ro chiallach,
A’ cur rian di air aran,

’S e de chinneadh nan diùlnach,
Dha ’m bu dùthchas bhith smearail,

Clann-’ic-Rath o Chinn-tàile,
Na daoine tàbhachdach, fearail.

titleGur muladach tha mi (Glaschu nan sraidean)
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page