CAOIDH NAM BAN GAIDHEALACH
An uair a chaidh bagar a dheanamh gun rachadh an deise bhreacain a thoirt bho na Saighdearan Gaidhealach.
LUINNEAG:—
Gur e chùm gun chadal sinn,
Is airtneul air ar n-inntinn,
’N uair thainig fios a Sasunn,
Gus am breacan thoirt o’n t-saighdear,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
A shaighdearan na Gàidhealtachd,
A chùm fo smàig gach rioghachd,
Na gluaisibh fo na bhrataich,
Gun am breacan air ur druim ann,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Biodh suaicheantas a’ bhreacain,
Air gach feachd air a bheil ceannard,
Dhearbh an éuchd s na batail,
’S aig an dachaidhean bhiodh caoimhneil,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Nach bu ladurna na Sasunnaich,
Ag iarraidh smachd na rioghachd,
’S gun cuireadh triùir le ’m breacan,
Còrr is fichead air an druim dhiubh,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Nach iomadh Gaidheal eireachdail,
Is maighdean loinneil bhaindi,
A phaisg iad fein ’s a’ bhreacan,
’S cha bu mhasladh leo a chluinntinn,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
’S a Dhòmhnullaich nan Eilean,
Bithibh duineil aig an àm so,
Ma chailleas sibh am breacan,
Theid ur creachadh dheth ur n-oighreachd,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Ach taisbeanadh na Dòmhnallaich,
An còraichean ’s an àm so,
’S gum faicear colg an leòghain,
Air na seòid ’s cha toir iad taing daibh,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
’S ged thug sibh cuid de ’n fhearann daibh,
Le amaideachd is caoimhneas,
Cha leig sibh leò am breacan,
Fhad ’s bhios bradan anns na h-àibhne,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
’S fhad ’s bhios fraoch-bharr-gagain fàs,
Mu aitribh Bhlackie rioghail,
Bidh Dòmhnullaich fo ’m breacan,
Cumail taic ri sliochd nam beanntan,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Cumaibh ri fir Chluainidh,
’M breacan-guailne mar a thoill iad,
Na Dhà-agus-da-fhichead,
Nach do mheataich riamh roimh ’n naimhdean,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
A Chlann-’ill-Eathain Dhubhaird,
Dh’ fhagadh dubhach ur cuid naimhdean,
Biodh bratach dheth ur breacan,
Air a nochdadh anns a ghaoith leibh,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
’S a Chlànn-’ic-Rath Chinn-tàil’,
Bho ’n tha ur tàbhachd ann ar cuimhne,
Biodh breacanan ur màthar,
Aig an àl nach d’ thainig ann dibh,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
A Chamaronaich Loch-abar,
Biodh ur breacan ann ur cuimhne;
B’ e deise Fir-an-Earrachd
’N là chuir e as d’ a naimhdean,
S e sud a chùm gun chadal sinn.
A Stiùbhartaich na h-Apunn,
Thriall fo ’n bhrataich leis a Phrionnsa,
Bho ’n is rioghail dhuibh ur breacan,
Cha toir Sasunnaich dheth ’r druim e,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
’S ged reiceadh aa Cuil-fhodair sibh,
’S ged choisinn iad le foill e,
Aig Batail Allt-na-dunach,
Thug sibh bonnaich dhaibh le ’n annlan,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Ged bha deich is fichead mìle,
’S iad ga lìbhrigeadh na ’n làimh dhaibh,
Na diùlnach fo na breacain
Cha do bhrath iad dhaibh an t-oighre,
’S e sud a chum gun chadal sinn.
Aig Balaclabha ’s Incerman,
Na Russianich na ’n teann-ruith,
’S gun do léugh sibh uile ’m meas,
Fhuair ur sliochd fo Chailean Caimbeul,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
An uair a thug e ’n t-òrdugh,
Dha na seòid bho Thir nam Beanntan,
Fo ’m féilidhean ’s fo ’m boineidean,
Chaidh connadh ris na naimhdean,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Nach fhad o ’n bha Clann Israel,
Ga ’m bristeadh leis an ainneart,
Ach thainig uair am fiosrachaidh,
’S cha b’ fhada sheas an naimhdean,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Nis ìnnsibh do na Sasunnaich,
Ge fada bho ’n a theann iad,
Nach faigh iad làmh an uachdar,
Air mo shluagh gu ’n tig an ceann diubh,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
A ghillean Clach-na-cùdainn,
Deanaibh dùsgadh aig an àm so,
Tha Teàrlach air ur cùlaobh,
’S chan ’eil cùram duibh gun caill sibh,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
B’ onair dhuinn, ’s bu chomaine,
Gun cumamaid air chuimhne,
Na diùlnaich bh’ ann an Sgoirebreac,
’S gum b’ fhoinnidh iad fo ’m feile,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Tha laoch dhiùbh ann an Hùsabost,
Is diùlnaich tha mi cìnnteach,
Nach dealaich ris a’ bhreacan,
Fhad ’s bhios Neacalaich ’s an rìoghachd,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Clann-’ic-’ille-Mhàrtainn,
Sliochd nan sàr air am bi cuimhne,
Nach faight’ am measg nam feachd
Na chuireadh smachd orra san aimhreit,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Nach iomadh Latha Nollaig,
Bha sibh sona le ur ceannard,
Air lianaig ’cùl a’ bhealaich,
Le ur camain, ’s fo ur n-fheile.
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
’N uair chaidh mi ann an uiridh,
Gun do shealladh dhomh le aoibhneas,
A’ chlach a thog an curaidh—
Còrr is tunn’ innte gun mhaoidheadh!
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Nis c’ àit am faodadh Sasunnaich
Dol tarsaing air ur cuinnlein,
G’ ur rùsgadh dhe na breacain,
Bh’ aig na fleasgaich nach robh ’n fhoill annt,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Is beannachd aig an Diùc,
A chuir ur cùisean anns a choinnleir,
A shoillseachadh ur sùilean—
Tha mi ’n dùil gun toir sibh taing dha.
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Taing do Dhiùc Dhun-éideann,
Thug an séula dha na Bhàn-righ,
’S gun d’ thug am Prionnsa ’n aonta,
Ged nach faodadh e le ’làimh e,
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
’S o’n ghabh a’ Bhàn-righ cùram,
Dhe ur cùisean aig an àm so,
’S gun dhearbh i dhuibh a dùrachd,
’S iad na diùlnaich ud nach meall i.
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
Bidh Cluainidh is Sir Padruig,
A’ cur fàilt oirre le aoibhneas,
’S Sir Coinneach ann an Geàrrloch
Anns a’ Ghàidhlig a’ toirt taing dhi.
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
’S, a mhnathan, bithibh sàmhach,
Le ur cànran aig an àm so—
N uair phòg na suinn am biodagan,
Gun d’ fhag a mhisneach Childers.
’S e sud a chùm gun chadal sinn.
* * * * * *
Nis thàinig dùiseal cadail oirnn,
’S gun airtneul air ar a-ìnntinn;
’N uair a dhùisgeadh sinn ’s a’ mhadainn,
B’ e ar n-aiteas a bhith cluinntinn
Gun ghleidh na laoich am breacan duinn.
’S beannachd aig an diùlnach,
Chuir gu ’n dùlan iad ga fhaighneachd,
’S gur onair dha na Chùdainn,
Gur e ’m fiùran aic a rinn e,
’S gur ann innt a dh’ fhailceadh e.
’S ’n uair thug an Diùc an fhàrdach,
Dha na suinn a thainig cruinn leis,
Le dhà dhiag a phiobairean,
Gum b’ ìnntinneach an cluinntinn,
Fo ’m féilidhnean ’s fo ’m breacanan.
Bidh cuimhn’ oirbh le mùirne,
Leis gach dùil o Thìr nam Beanntan,
’S gun cuirear onair dhùbailt,
Air mo rùin Gilleaspuig Caimbeul.
Bho ’n thainig dùiseal cadail oirnn.
Crìochnaichidh mi ’n t-òran,
Tha gu leòir ann aig an àm so,
Ach ma bhios mise beò,
Gun faigh sibh ’n còrr ’n uair thig an samhradh.
Bho ’n thainig dùiseal cadail oirnn.
title | Caoidh nam Ban Gaidhealach |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |