GAIDHEIL BHARRAIDH,
An deigh do ’n Bhana-bhard a bhith tri laithean ri port anns an Eilean.
AIR FONN:— “Och mar tha mi.”
Thoir mo bheannachd gu Gàidheil Bharraidh,
’S na h-uile baile ’m beil neach dhiùbh chòmhnuidh,
’S gur e mo dhùrachd gun till iad fallain,
Gu ruig an cala o ’n d’ rinn iad seòladh.
Thoir mo bheannachd a null gu Bhatarsaidh,
’S sgaoil mo theist air a chàraid dhòigheil,
’S an t-seana bhean thlachdmhor thug dhomh an eachdraidh,
Gach éuchd is gaisge rinn feachd Chlann-Dòmhnuill.
Thoir mo bheannachd gu Baile-Chaisteil,
Far bheil na fleasgaich is deise chòmhnuidh,
Ma bhios mi ’m feasda an àit ur seasaimh,
Gun seinn mi teist air gach sean is òg dhibh.
Thoir mo bheannachd do ’n bhaintighearn chliùitich,
Ceann-feadhn’ an tùir far an robh mi chòmhnuidh,
A thogadh mùirneach aig Clach-na-Cùdainn,
’S i nise dùbailt fo chliù na cròice.
Thoir mo bheannachd do ’n t-sàr dhuin-uasal,
’S ann dà bu dual e a nuas o’n t-seòrsa,
Bho ’n athair ghaolach bu mhath gu daonnachd,
’S a’ mhàthair chaomh thug an laoch gun bhòsd dhuinn.
Thoir mo bheannachd gu Anna Boyd,
Bho’n bha i na guide dhomh ’s an oidhche cheòthach
A’ cur na h-òigridh gu grinn air chosnadh,
A bhuain a’ chnotail air feadh nam fròg dhomh.
Thoir mo bheannachd a dh’ ionnsaidh Mhìcheil,
An duiue fìnealta, geanail, dòigheil,
’S gun robh soirbheachadh mara ’s tìr’ leis,
A’ h-uile nì ris an cuir e mheòirean.
Ma theid mi ’m feasda gu ruig an t-àite,
Gun òl mi shlàint ann an Gàidhlig chòmhnaird,
’S an uair bheir Sìm dhuinn a nuas am pige,
Gun cluinn sibh ’n t-slige le gliog is crònan.
Thainig còmhlan diùbh gus a’ bhàta,
Thoirt soraidh slàn domh m’ an d’ rinn i seòladh,
’S ’n uair ghabh mi m’ àite bha m’ fharadh pàighte,
Gu ruig an t-àit’ anns an robh mi chòmhnuidh.
Beannachd leibh a nis, a chàirdean,
Tha mise sàbhailt far am bu chòir dhomh,
’S ma chì mi Barrăch a chaoidh ’s an àite,
Gun faigh e fàrdach ’s a shàth de lòn uam.
Thoir mo bheannachd gu Gàidheil Bharraidh,
’S na h-uile baile ’m beil neach dhiùbh chòmhnuidh,
’S gur e mo dhùrachd gun till iad fallain,
Gu ruig an cala o ’n d’ rinn iad seòladh.
title | Gaidheil Bharraidh |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |