[88]

AN GLEANN ’S AN ROBH MI OG.”

FREAGRADH DO DH’ ORAN NEILL MHIC-LEOID.

Bho ’n bhios eachdraidhean ar dùthcha,
Ga ar n-ùrachadh mar lòn,
’N uair a léughar leinn gach tùrn,
A rinn na fiùrain ’s an robh ’n treòir;
’S ’n uair a sheinneadh leam an duan,
Rinn an t-uasal Niall Mac-Leòid,
Bha mi cuimhneachadh ’s an àm sin,
Air a’ Ghleann ’s an robh mi òg.

’N uair a dhùisgeadh mi ’s a’ mhaduinn,
Le clag a’ bhaile mhòir,
Air mo thacadh leis an stùr,
’S ga mo mhùchadh leis a’ cheò;
Bidh mo chridhe call a lùth’s,
’S bho mo shùil gun sruth na deòir,
’N uair a chuimhnicheas mi chlann,
A bha ’s a’ Ghleann ’s an robh mi òg.

Anns a’ Ghleann ’s an robh mi òg,
Siubhal bheann ri sneachd is ceò,
Falbh a dh’ iarraidh cruidh is ghamhna,
’S cha b’ e ’n ganntar a bhiodh òirnn;


[89]

’S cha b’ e ’n ganntar a bhiodh òirnn,
Bainne, bradan, min, is feòil,
Cha robh easbhuidh bidh no annlain,
Anns a’ Ghleann ’s an robh mi òg.

’N uair thig àm a dhol an bhuaile,
Cha bhi buarach na mo dhòrn,
Cha bhi spreidh ri laoigh a’ nuallan,
’S cha bhi buachaille na ’n còir;
Ach fear le clagan beag na làimh,
Muigh air sràid’s cha bhinn a cheòl!
’G eigheach bainne-goirt cho lòm,
Is b’ fhearr am mèug na bhith ga òl.
B’ fhearr am meug a bhiodh fo chròic,
Leis an loinid na mo dhòrn,
B’ fhearr leam deoch de bhùrn an uillt,
Tha ruith ’s a’ Gleann ’s an robh mi òg.

Ma theid mi mach Di-sathuirne,
Aig stràc an aon uair diag.
Bidh mo chluasan air am bòradh,
Leis gach còmhradh truagh gun chiall;
Fear a mionnachadh r’ a mhnaoi,
’S ise maoidheadh air le dòrn,
Ni nach cualas ri nar linn,
Anns a’ Gleann ’s an robh mi òg.

Anns a’ Ghleann ’s an robh mi òg,
Far an robh na dàoine còir’,
’S far am biodh na mnatha bainndidh,
’S cha b’ e sgeil nan Gall no ’n ceòl;


[90]

Chr b’ e sgeil nan Gall no ’n ceòl
Spìonadh cheann is bualadh dhòrn,
’S a’ falbh le bàrlagan an clànn
Ga ’n cur an geall air son an òil.

title“An Gleann ’s an robh mi og”
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page