ORAN AONGHAIS DHUIBH, AN DROBHAIR.
LUINNEAG.—
Ho ro ’s fada leam thu bhuam,
Dheas-laimh a lìonadh nan cuach;
Bhoineid-chocta ma do ghruaig,
’S do bhreacan guailne dòigheil.
Och Aonghais-’ic-Dhòmhnuill-’ic-Donnachaidh,
’S iomadh ait an cualas d’ iomradh;
Eadar Uidhist ’s Aird-nam-murchann—
’S furbhailteach an Dròbhair.
Chan ’eil duin’ air a bheil cuimhne,
Bho ’n a chaochail Coire-chuinnlidh;
Tha cho cogaiseach na inntinn,
’S cho cìnnteach na chòrdadh.
Chan ’eil ceàrna anns an dùthaich,
Eadar Liandail ’s Rugh’-an-dùnain;
Nach ’eil lorg do chois gu dluth ann,
’S tha do chliù ’s a Mhòr-thir.
Thug thu agh thugam air geamhradh,
Bho ’n thuit fodar a bhith gann duit;
’S math a phàidh thu mi mu Bhealtainn,
Mar a gheall thu, sheòid, dhomh.
Chan ’eil each an taobh so Shléibhte,
Nach bi treis agad ga ’n gréidheadh;
’S ged bu shin’ iad na Righ Séumas,
Dheanadh m’ fhéudail òg iad!
Chan ’eil mart air am bi crùban,
’S chan ’eil damh air am bi ghlùineach,
Ma chuireas Aonghas an t-sùil ris,
Nach tionndaidh iad lòinneag.
Bha thu uair air Féill-na-Manchainn,
’S tha mi nise dol ga sheanchus;
Reic thu comh-aoise mo sheanamhar,
Mart g’ am b’ ainm a’ Ghròiseann.
Bha thu uair Féill Phort-rìgh,
’S tha mi nise dol ga ìnnseadh;
’S ’n uair theann thu ri iarraidh prìse,
B’ fhìrinneach do stòraidh.
M’ an deach thu dh’ ionnsaidh na féille,
Chuir thu sìos ri taobh nan éibhlean;
’Sia buntàta, ’s rinn iad féum dhuit,
’S cha robh brèug na d’ chòmhradh.
’N uair a dh’ fhoighnich Coire-chuinnlidh,
“Aonghais, a nis air do choinnseas;
Innis dhomhs’ dé rud a rinn thu,
’S na dean foill no fòirneart.”
“Cho cìnnteach ’s dh’ fhàg mi ’n tréud ud,
Na ’n suidhe ri taobh nan éibhlean,
Tha i fo chóig bliadhn’ an dé,
Mur dean thu fhéin an còrr dhi.”
“Ged is aithne dhuit am Bìobul,
Is móran dhe na tha air ìnns’ ann,
Cha chreid mi nach teid thu clì,
’N uair theid thu dh’ ìnnseadh stòraidh.”
“Chan ’eil ceistearan ’s an dùthaich,
Dha nach tugainn fhéin an dùlan;
’S na ’n teannadh iad ri mo rùsgadh,
Dhùininn le mo dhòrn iad.”
Thuirt Pàdruig Mac-Dhòmh’ll-’ic-Iain,
“Cia miad pearsa tha san Diàdhachd?”
’S ann a labhair thu gu rianail,
Gu bheil ciad is còrr ann!
“Tha thu fhéin ann air a’ chiad fhear,
’S tha Neacal na dhuine rianail;
Dòmh’ll Mac-Alastair, is Niall,
Catrìona, ’s Ian Mac-Leòid ann.
“Tha móran de dhaoine còir’ ann,
Nach aithne dhuitse no dhòmhsa;
Gu bheil cuid anns a’ Ghleann-mhór dhiubh,
’S cóignear ann am Feòirlig.”
Gun d’ thuirt Alastair Mac-Iain,
“B’ fhearr gun tréigeadh tu na briagan.”
“Chan urrainn domh sin a dhianamh,
Ni iad ciad is còrr dhomh.
“Nach ’eil thu faicinn mar tha ’n dùthaich?
’S mo theaghlach cho mór ri ’n cùnntadh;
Cha bhiodh slat tighe os mo chionn,
Na ’n tionndai’nn o mo sheòltachd.”
’S mithich dhomh sgur dhe mo sheanchus,
Tha e teannadh ris an anmoch;
Slan le fear-cinnidh mo sheanmhar,
’S b’ ainmeil thu bho d’ òige!
title | Oran Aonghais Dhuibh, an Drobhair |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |