MORAG ANNDRA.
LUINNEAG:—
Tha mise ’n déigh air m’ annsachd,
Bho ’n dh’ fhàg mi anns a’ ghleann thu,
’S cha creidinn sgèula meallt’ ort,
A Mhòrag, nighean Anndra.
Bho ’n thugadh uam mo cheann ort,
Gun mhortadh mi le ainneart,
’S gun dèan mi nise rann,
Orm fhìn ’s air Mòrag Anndra.
Tha deich is fichead samhradh,
Bho ’n dhealaich mi ’s a’ ghleann riut,
’S gum b’ onarach a’ chlann sinn,
A Mhòrag, nighean Anndra.
Gur iomadh là is oidhche,
Bha mise mu bhur teintean,
’S gur beag a bha de fhoill
Ann an tigh no ’n teaghlach Anndra.
’S gun thàrladh anns a’ gheamhradh,
Gun d’ thàinig mi gu Galldachd;
Co thachair anns an àm rium
Ach Mòrag, nighean Anndra.
Ged ’s iomadh car is tionndadh
A chuireadh thar ar cuibhle,
Cha d’ choinnich sinn gun saibhreas,
Mi fhìn is Mòrag Anndra.
’N uair dh’ ùraicheadh ar cuimhne,
’S ar céumannan ’s ar coinnseas,
B’ e ’n t-ioghnadh a bhith ’cluinntinn
Mi fhìn is Mòrag Anndra;
Sinn tighinn air gach seann rud
A rinneadh anns a’ ghleann duinn,
’N uair bha sinn òg ’n ar cloinn ann—
Mi fhìn is Mòrag Anndra.
Cha chualas riamh ar n-antlachd,
Mur d’ rinn sinn Oidhche Shamhn’ e,
Toirt càil o Mhac-’Ill-Anndrais,
Mi fhìn is Mòrag Anndra.
’N uair bha mi ann an teanntachd,
Aig Sasunnaich ’s luchd-gamhlais,
Gun chuimhnich mi ’s an àm
Air na dh’ fhuiling Mòrag Anndra.
Luchd-aideachaidh le lampan,
’S gun ol’ ac’ annt’ ach gamhlas,
Ga ’n lasadh air son aimhleis,
Dhomh fhìn ’s do Mhòrag Anndra.
’S ged reiceadh leò an coinnseas,
Gu cumail uainn na gheall iad,
Bha ’n t-Athair Nèamhaidh saibhir,
Dhomh fhìn ’s do Mhòrag Anndra.
Ged thilgeadh air na tuinn sinn,
Ar n-acair bha cho diongmhalt,
Nach do leig i leis a’ ghaoith sinn—
Mi fhìn is Mòrag Anndra.
An Tì tha cur na snaim’,
Cha dean diabhuil ’s cha dean naimhdean,
A bhristeadh bho na gheall e,
Do ’n tì a ghabhas greim air.
Ma chaomhnar mi gu Bealltainn,
Gun innis mi mar gheall mi
Na dh’ fhuiling sinn de dh’ ainneart—
Mi fhìn is Mòrag Anndra.
Ma léughas neach an rann so
A dh’ fhuiling riamh a shamhladh,
Cuir dòchas ann an Ceannard
Nan dìlleachdan ’s nam banntrach.
title | Morag Anndra |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |