RANN CALLAINN.
Thainig mise ’n so air Challainn,
Gu dorus a’ ghille ruaidh,
’S o’n is e fasan a’ bhaile
Nach fhaigh duine stigh gun duan—
Fasan a bh’ ann ri tìm ar n-òige,
’S còir dhuinn bhith ga chumail suas;
Gillean-Callainn anns gach dorus,
’Beannachadh ’s a’ gabhail dhuan.
Theid sinn gu tigh Dhòmhnuill chùirteil,
Fear cho còir ’s a tha san dùthaich,
Gheobh sinn an t-aran gun chaomhnadh,
’S an t-ìm gasda, blasda, cùbhraidh,
Tea thoirt dhuinn ann am bùla,
Agus siùcar ann an cuaich;
Fiathachadh farsaing g’ a ionnsaidh,
Tha mi ’n dùil gun teid mi suas—
An e mo beatha?
title | Rann Callainn |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |