[103]

FLEADHACHAS NA BLIADHN-UIRE

ANN AN SGIATHABOST, 1890,

Far an do shuidh mu thri ciad pearsa aig cuirm chridheil, ghreadhnaich.

LUINNEAG:—

B’ eireachdail an còmhlan
Fo na chòmhdach dhealbhach;
Bha na gillean grìnn
’N uair a dh’ fhalbh iad.

Chan ’eil duine beò
An Eilean uain’ a Cheò,
A chuala neach cho òg
A’ dèanamh ròic cho tarbhach.

Chan ioghnadh ged bhiodh pròis oirnn,
Tha dhe ’n fhine mhòr ud,
Leithid sud a chòmhlan
A dh’ òigearan dealbhach,

Le urad de dhaoin-uaisle
Cumail taic ri ’r guailnean,
Dòmhnullaich a’ chruadail,
Choisinn buaidh ’s gach aimsir;


[104]

Le ’n cridheachan caoimhneil
Fo ’m breacan is fo ’m féilidh,
Cosnadh cliù na h-oighreachd,
’S gun an fhoill fo ’n cearban.

Thug an t-oighre ’n t-òrdugh,
Do ’n bhan-stiùbhart steòrnail,
Fèuch gum bi gu leòir ann.
Agus tòrr air falachaig.”

Rinn ise gu rianail
H-uile mar dh’ iarr e,
Riarachadh nan ciadan,
’S cha robh sìon air dhearmad.

Seirbhisich cho deònach,
Cur gach air dòigh dhuinn,
’S luchd-gleidhidh nan còrn,
Cha b’ iad bu chòir a dhearmad.

Bha fear dhiubh a Chlann-Choinnich
’S mòralach an sloinneadh
’S cròic an fhéidh cho soilleir,
Na bhoineid, ga dhearbhadh.

Chan fhàgar leinn air dìochuimhn
An t-òganach sìobhalt,
Ogha Theàrlaich-chìobair,
’S cha b’ e phrìob a leanmhainn.


[105]

Chan fhàg sinn Ian Mac-Phàil,
An diùlnach suairce, dàicheil;
’S a chaoidh cha seas air làraich,
Sàr a tha cho earbsach.

H-uile fear na dheannaibh,
’S fallus air a mhala,
Cur m’ an cuairt an drama,
’S bonnaich mhath ga leanmhainn.

’N uair bha iad uile còmhla
Ruinn air ceann na còisir,
’S iad bhiodh air an dòigh
A’ faicinn ròic cho dealbhach.

’S ged nach robh iad mar-ruinn,
Lathair anns a’ chollainn,
Chaidh an slàinte thonnadh
Le bonnanaich chalma.

Dh’ òladh i le caithreim
Am briathra cho fallain
’S gun do ghaodh Mac-talla
’G aithris air an t-seanchus.

Bha fhichead òigear
Air an urlar còmhla
Le ’n ribhinnean òga,
’S bu bhòidheach an dealbh iad.


[106]

Chluinnt’ am fire-faire
Sìos ’s a suas an talla,
’S ceol nam pìob ga shrannadh
Le Ailein agus Camaron.

Iad cho làn toil-ìnntinn
Mach ’s a stigh troimh ’n ruidhle,
’S beag nach d’ thug mi fhìn.
An t-sìnteag ann am failmse.

Mur b’ e cùis na nàire,
Tomadach mar bhà mi,
Bhithinn air an làr,
Ged dheanadh càch air searmoin.

B’ eireachdail an còmhlan
Fo na chòmhdach dhealbhach;
Bha na gillean grinn
’N uair a dh’ fhalbh iad.

titleFleadhachas na Bliadhn-uire
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page