[10]

COGADH SIOBHALTA

EADAR BEAN OIS AGUS MAIRI.

Fhuair a’ Bhana-bhard cuireadh tàireil bho Bhean Ois, agus tha i freagairt mar a leanas.

FONN:–“The Soldier of the Legion”

BEAN OIS.–

Mur a tig thu nall, a Mhàiri,
Treis a thàmh ann an Gleann Ois,
Thoirt eachdraidh air do chuairt duinn,
Agus tuairisgeul do bhròin;
Ma tha de neart ann am Mairghread,
Gu dearbhta thug mi bòid,
Gum faigh thu na tri déiseagan,
Cho cinnteach ’s tha mi beò.

MAIRI.–

Cha ghabh mi idir tàmailt
Air son àbhachdas Bean Ois,
Ged thug thu cuireadh tàireil dhomh
Gu tigh’nn a thàmh a dh’ Os;
Cha do thogadh ann an Geàrr-loch,
No ’n Cinn-tàile mhòr nam ,
Na dheanadh sud air Màiri,
Nighean Iain Bhàin ’ic Aonghais Oig.


[11]

B. O.–

Air d’ athais ort, a Mhàiri,
Agus cum an stràic fo d’ bhròig,
’S leig seachad do chuid bàrasglaich,
Is dànachd cainnt do bheòil;
Thogadh ann an Geàrr-loch,
’S an Cinn-tàile mhòr nam ,
Na cheannsaicheadh gach Màiri
A bha ’n Eilean àrd a’ Cheò.

M.–

Cha do mheas mi gum bu bhàrasglaich,
No dànachd cainnt mo bheòil,
’N uair thoisich sinn air àbhachdas,
Do chàch gu dèanamh spòrrs;
Bho ’n chaill an sluagh an tàlantan,
’S gach gnàths a bh’ againn òg.
Gun neartaich sinn a’ Ghaidhlig,
Leis na dàin ga cumail beò.

B. O.–

Beannachd dhuit, a Mhàiri,
’S do gach bàrd a sheinneas ceòl
’S a’ chainnt a bh’ aig ar n-athraichean,
A rinn ar n-àrach òg;
’N uair bhios an linn tha làthair,
’S mise ’s tusa cnàmh fo ’n fhòid,
Gun seinnear an Cinn-tàiliad,
’S an Eilean àrd a’ Cheò.

M.–

Seinnear ann an Geàrr-loch iad,
’S e ’n t-àite ’s àirde còir,
Oir ’s ann ann tha righ na Gàidhealachd.
An diugh a’ cnàmh fo ’n fhòid;


[12] Chum e beò a’ bhàrdachd,
’N uair bha ’m bàs am port a beòil,
Ga tional anns na fàrdaichean,
Air ànradh ’s gainne lòin.

B. O.–

Gur onair mhòr do Gheàrr-loch
Anns an ’s am beil sinn beò,
Na thogadh innte dh’ àrmuinn,
Chum a’ chànain air a dòigh;
Tha am Baile-cinn na siorrachd
Saighdear duineil diubh, le chròic,
Toirt làn an cinn de Ghàidhlig dhaibh,
’S gach ceàrna dhe ’n Roinn Eòrp.

M.–

Ma ’s e sinClach-na-Cùdainn,’
Gum b’ e fhein an diùlnach còir,
’S ged tha cuid am diùmadh air,
Cha drùigh iad air a bhròig;
Bheir e smior na firinn daibh,
Ged bheirt’ a bhinn’ s e beò,
A’ cur an locair mhin oirre,
Cho cinnteach ris an òr.

B. O.–

’N uair bha mise ’n ’Stralia,
Na m’ phàisteachăn gle òg,
’S tric a sheinn mo mhàthair,
Agus m’ athair gràidh le pròis;
Na h-òranan ’s na dàin,
A rinn na bàird a dh’ fhàgadh beò,
Bha chòmhnuidh an Cinn-tàile,
’S ann an Eilean àrd a’ Cheo.


[13]

M.–

Sud far an robh na h-àrmuinn,
Dheanadh dàin ’s a sheinneadh ceòl,
’N uair bhiodh iad air na h-àiridhean,
’S air sàilibh fear na cròic;
Chan fhaic thu ’n diugh na ’n àite sud,
Ach caoirich bhàna ’s eòin,
’S am beagan a chaidh fhàgail
Air an càrnadh ann am fròig.

B. O.–

Tog misneach ort, a Mhàiri,
Ma bhios tu làthair beò,
Chi thu Crò Chinn-tàile
Lan de dh’àrmuinn mar bu chòir;
Na gruagaichean air àiridh,
’S cach air sàilibh damh nan cròc,
’S fuadaichidh iad Winans,
Bharr an grunnda le chuid òir.

M.–

Fuadaichidh iad Winans,
Agus iomadh fear dhe sheòrs!
’S cha bhi na Gàidheil muladach,
’N uair chuirear orra ’n tòir;
Theid iad suas a Lunainn,
Chosg an ulaidh ann an ròic,
’S bidh ar sliochd a’ falbh nan aonaichean,
’S a’ saodachadh nam .

B. O.–

Bheir mi comhairl ort, a Mhàiri,
’N ainm an Aigh thoir suas do cheòl,
Mas bi sinn air ar nàrachadh,
Le gràisg nach tuig ar dòigh;


[14] Tha ’n sluagh air fàs cho iongantach,
’S gur cruithneachd leotha bròn,
S’ mur teid thu ann am faochaig dhaibh,
Chan fhaodadh tu bhith beò.

M.–

Cha teid sinn ann am faochaig dhaibh,
Is faodaidh sinn bhi beò,
Ged nach cuir sinn aodainn oirnn,
No caochladh air ar neòil;
Le osnaich chneadaich chiùranaich,
’S gun sùgh annt ach an sgleò,
A dh’ fhiach an creid an saoghal,
Gu bheil caochladh air tigh’nn òirnn.

Nach iomadh comhairl fhiachail,
Thug sibh riamh orm le ’r deòin,
’S cha leig mi cuid air diochuimhn diubh,
An cian a bhios mi beò;
Ach bho ’n is luibh an diomhanas
A riaraicheas an fheòil,
Tha i leantainn rium cho daingean
’S a tha ’m barr-iall ris a’ bhròig.

title‘Cogadh Siobhalta’
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page