ORAN A’ ‘CHLAIDHIMH-MHOIR.’ [The Steamer ‘Claymore.’]
AIR FONN:— “So deoch-slàint a’ Chùbair.”
LUINNEAG:—
So deoch-slàint a’ chrew
Air nach drùigh a’ ghailleann;
Sgioba ‘Chlaidhimh-Mhóir’
Toirt an lòin thar mara.
Ged bhios cuimhne bhuan
Air éuchdan ’s claidheamh Uallais,
Cha b’ ann air a’ chuan
A rinn e bhuaidh a cheannach.
So claidheamh is ainmeal
Air an cualas iomradh,
A threabhas druim na fairge,
Sgoltadh gharbh-thonn greannach.
’S ’n uair a gheobh i cual
Gu riaghladh air a cuairt,
Cha seòl a mach a Cluaidh
Aon té is suairce, bannal.
’N uair ruigeas i Grianaig,
Theid i stigh cho sgiamhach,
’S ris na Gàidheil fhiachail
Chì sibh fiamh air ‘Sammy.’
’S iomadh théid an taobh ud,
Bhios a chaoidh ag iondrainn
Nach ’eil sgèul air Uisdein—
’S è nach caomhnadh drama.
’S ann b’ e fhéin an saighdear
Sheasadh cùis a mhuinntir;
Dh’ fhag e chliù dha lìnn
Ged thug luchd-foill an car as.
’N uair thogas i smùdan,
’S a shéideas i ’n dùdach,
Cha chuir tuinn le ’n ùinich,
Air an iùbhraich maille.
’N uair dhùisgeas cuan a mheamna,
Fo ’n aigeal le a gairbhinn,
An aghaidh sruth’ is soirbheis,
Dearbhaidh i bhi fearail.
’N uair thig àm a ghàbhaidh,
’S a’ mhuir uaine bàrcadh,
Bidh gach laoch na àite.
’S cha bhi làmh gun tarraing.
’N uair nochdas i a’ Mhaoil,
’S a tuinn a’ ruith na ’n caoirean,
Saoilidh cuid le sraon
Gun cuir an saoghal car dheth.
Theid i troimh na gleannta,
Mar mhiol-chù na dheann-ruith,
’S i sadraich nan tonn
A chuireas fonn fo h-anail.
’N uair ruigeas i an t-Oban,
Ni na Gaidheil sòlas
Ris a ‘Chlaidheamh-Mhor’
’S an diùlnach coir, Mac-Caluim.
Coinnichidh sinn am Brùnach.
Chuireadh riochd air dùthaich;
’S ged a bhios e riùmsa,
Dhùraichdinn e fallainn.
Chi sinn Mac-na-Ceàrda,
Caraide nan Gàidheal,
Balla-dìon nam bard,
Nach sàraicheadh an t-ainnis.
’S e rinn gniomh a’ chaoimhneis
Chàirich air na tuinn i—
An t-uasal Mac-Brayne,
’S gur ro-mhath thoill e onair.
So deoch-slàint a’ chrew
Air nach drùigh a’ ghailleann;
Sgioba ‘Chlaidhimh-Mhoir’
Toirt an lòin thar mara.
title | Oran a’ ‘Chlaidhimh Mhoir’ |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |