[110]

ORAN BEINN-LI.

Beannachd nan Croitearan Sgiathanach a dh’ ionnsaidh gach aon a bha na ’n cul-taice dhaibh bho ’n chiad a thàinigSàtan agus a chuid ainglean[The epithet, ‘Satan and his angels,’ is said to have been one of Sheriff Ivory’s own choosing.] a shàrachadh Eilean-a’-Cheò. Rinneadh an t-òran an uair a chaidh màil nan croitearan ìsleachadh.

AIR FONN:— “Bruthaichean Ghlinn-braoin.”

LUINNEAG:—

Thugaibh taing dha na mhuinntir
Tha fo riaghladh na Ban-righ,
Rinn an lagh dhuinn cho diongmhalt
’S nach caill sinn Beinn-.

Cuiribh beannachd le h-aiteas,
Gu tuathanaich Bhaltois,
Bha air tùs anns a’ bhaiteal
’S nach do mheataich san stri.

Thugaibh beannachd gu ‘Pàrnell,’[A local hero.]
Thug a’ bhuaidh air ant-Sàtan,’
Air choir ’s nach faicear gu bràth e
Tigh’nn air àrainn na tìr.


[111]

’N uair a thàinig e chiad uair
’S leith-chiadaingealfo riaghladh,
Chuir e cóignear an iarainn
Ann an criochan Beinn-.

’S na diùlnaich a b’ uaisle,
’S nach robh riamh ann an tuasaid,
Chaidh na ruighich a shuaineadh
Gu cruaidh air an dùirn.

Chaidh an giùlan leis nah-aingle
’S an glasadh an gainntir;
’S a dh’aindeoin cumhachd an naimhdean,
’S leò am fonn is Beinn-.

’S na mnathan bu shuairce
’S bu mhodhala gluasad,
Chaidh an claiginn a spuaiceadh
Ann am bruachan Beinn-.

’S ged bha ’n sealladh na uamhas,
’S an fhuil a’ reothadh ’san luachair,
Le slachdain nan truaghan,
Cha d’ fhuair iad Beinn-.

Sud a’ bheinn a tha dealbhach,
’S dha na Bhan-righ bha sealbhach,
’S chan ’eil beinn ann an Albainn
’N diugh cho ainmeil ’s Beinn-.


[112]

’S iomadh rosg a ni mùthadh,
Tigh’nn air bata-na-smùide,
’S iad a’ sealltainn le ’n dùrachd
Air bruth’chean Beinn-.

’S ged tha ’n Cuilidhionn is Glàmaig
Measg nam beanntan is àille,
Cha bhi ’n eachdraidh air a fagail
Ach aig sàiltean Beinn-.

NisAlbannaich[The Scottish Highlander Newspaper.] shuairce,
Cùl-taice na tuath-cheath’rn,
Thoir an eachdraidh thar chuantan,
Tha air a luaidh ann ar tìr.

Cuiribh fios gu Dunéideann,
Gu fear tagraidh na h-éucoir,
Agus innsibh dha ’chléirich
Mu ’n éuchd rinn Beinn-.

Cuiribh litir le sòlas,
Gu paipear an Obain,
A bha riamh ga nar còmhnadh,
Bho ’n thòisich an strì.

Ghabh e bratach na tuath-cheath’rn,
’S bha i paisgte mu ghuaillean,
’S nuair a thoisich an tuasaid,
Chaidh i suas ris a’ ghaoith.


[113]

Chaidh i suas ann ar fàbhor
Air na cnocan a b’ àirde
Chumail misnich ’s na Gàidheil
Mar ni gàraich nam pìob.

Cuiribh caismeachd a Ghlaschu,
GuPosta na Seachdain, ’[The Weekly Mail.]
’S bheir an Camaronach sgairteil
Dhuibh le aiteas a brìgh.

Cuiribh fios gu na Dailich,
Dh’ fhuiling éucoir ’s a’ charraid,
’S gu Mac-Mhuirich, mo charaid,
Nach do dh’ fhannaich ’s an strì.

’S math an colaisd am prìosan
S’ fhad o dh’ aithnich mi fhìn sin
Ach thig buaidh leis an fhìrinn,
Dh’ aindeoin ìnnleachd nan daoi.

’S math an colaisd an Calton,[The Calton Jail, Edinburgh]
’S ceart a dh’ fhoghluim e ’mmartar’;
Ged bha cuid thug as acaid,
Leis an rachd bha na ’n crìdh’.

’S nis a chroitearan ionmhainn,
Cumaibh cuimhn air Mac-Aonghais,
’S deanaibh sòlas ri iomradh
An duine shuilbheara, ghrìnn.


[114]

’S ged a dh’ fhàg e ar sràidean,
Le bhan-oglach bhàigheil,
Tha i son’ ann an Bhàlaidh,
Dol gu àiridh cruidh-laoigh,

’S i athchuing is ùrnaigh
Gach bochd a bha dlùth dhi
Gum toradh an dùrachd
Na cùrsan a chaoidh.

Thugaibh taing dha na mhuinntir
Tha fo riaghladh na Ban-righ,
Rinn an lagh dhuinn cho diongmhalt
’S nach caill sinn Beinn-.

titleOran Beinn-Li
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page