CUNGAIDH-LEIGHIS BEAN NEILL.
A Neill, na biodh mulad ort,
’S a churaidh, na biodh gruaim ort,
Oir chì thu fhathast Màiri
Cho slàn ri té m’ an cuairt duit.
Tha bratach aig na Dòmhnullaich,
’S chan ’eil e beò bheir uath’ i;
’S e tìoralachd is mòralachd
An còrd a chumas suas i.
’S iad na cùngaidhean is fheàrr leatha,
’S a bheir dhi slàint’ is suaimhneas,
Gum brist thu ghlaine bheag ud
Ris a’ chreig nach gabhadh gluasad.
’N uair dh’ fhiathaicheas do chàirdean thu
’N tigh-thàirnge, na toir cluas dhaibh,
Ach cuimhnich maise nàduir,
Agus Màiri air a cluasaig.
Innis dhaibh gu dàna.
’S na biodh tàmailt ort a luaidh dhaibh,
Gun d’ thug thu bòid gun dìobradh tu
Rud chuir na mìltean tuaitheal.
’N uair chì thu na fir bheaga
Tha cho beadarrach m’ an cuairt di,
Nan diùlnaich chalma, smearail,
Bheir e spionnadh dha do ghuallainn.
’N uair dh’ fhalbhas iad o’n bhaile,
Gur-a math a ni iad cnuasach,
’S ’n uair thilleas iad a’ s’ t-earrach
Cha bhi sporan falamh, fuar, ac’.
Bidh fear le cleòca sgàrlaid,
’S fear le fàinne nach bi suarach;
’S their fear, toirt gùn d’ a mhàthair,
“So, càirich sin m’ an cuairt duit.”
’N uair thig i gu aois searbhanta,
N’ té chamlagach is buadh’che,
’N sin cnagaidh tu do mheòirean
Ris a’ ghòraig nach toir cluas duit.
’N uair thig crìoch air lagh an fhearainn,
Bidh do sgalagan m’ an cuairt duit,
’S bidh Màiri air a goireas,
Falbh le cuinneig gus a’ bhuaile.
Bidh ‘Smeòraichean’ is ‘Mòinneagain,’
’S gach ainm air bò a chualas,
Ga ’n éigheach gus an eadradh,
’S na laoigh-bheaga ruith m’ an cuairt daibh
Ma bhiòs mise beò ’s mi falbh,
A sheoid, air faighe chluaimhe,
Gun toir thu dhomh na rùisg,
As a’ chulaiste ’n taobh shuas diot.
title | Cungaidh-leighis Bean Neill |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |