ORAN AN DIUC CHATAICH.
AN UAIR A CHUIR E AN RATHAD-IARAINN DO BHAILE UIG AN GALLABH.
Tha ’n t-Ard-Albannach [The old Highlander.] cho caoimhneil,
Ag innseadh dha chloinn ’s an dà chànainn,
Gu bheil Catabh air a riaghladh
Le uachdaran ciallach, cairdeil,
Aig a bheil suim d’ a chuid daoine,
’S chan iad caoirich mhaola bhàna,
Chum am fearann daibh gun daoradh,
’S a’ toirt aonta dhaibh gu bràth air.
’S o tha ’n Gàidheil a’ cur ’n ar cuimhne,
Eachdraidhean is rainn na Féinne,
’S a’ Ghàidhlig a’ togail a cìnn,
Am measg nan rìghrean ’s luchd na Béurla;
Bho ’n dh’ fhosgail Blackie mo shùilean,
Bheir mi ionnsaidh chur an céill dhuibh,
Diùc Chatabh le shluagh gun chùnntas,
’S mìltean air a ghrunnd gun éis dhiubh.
Och òlaidh dròbhairean is coisichean
An toiseach do dheoch-slàinte,
’B àbhaist a bhi air am pianadh,
A nise suidhe sìos gu sàmhach
Gus an cluinn iad an t-each iarainn,
Fallus air le sian ’s e rànaich,
’S bheir iad beannachd air an Diùc,
A dh’ fhosgail rathad ùr d’ a shàiltean.
Is iomadh aon a shàraich coiseachd
Eadar Goillspidh ’s Tigh Iain Ghròta,
A nise suidhe sios gu socrach
A’ gabhail ceo ’s ag innseadh stòraidh;
Gach aon diubh moladh an Diùc
A rinn an rathad-ùr cho còmhnard,
Spealgadh chreagan leis an fhùdar,
’S ga ’n càradh ann an grùnnd na mòintich.
Chuala mi seann daoine liath,
Aig ceithir fichead bliadhna ’s còrr dhiubh,
’G ìnnseadh mar a chaidh a riaghladh
Gu so riamh a nuas o ’n òige;
Pailteas aca bhiadh ’s a dh’ aodach,
Crodh is caoirich air na lòintean,
’S o fhuair an Diùc am Bròra biadh dha,
Thug e ’n t-each iarainn g’ ar còmhnadh.
’S iomadh car a chaidh dhe ’n t-saoghal,
Agus caochladh thainig òirnne,
A’ h-uile nì air fàs cho daor
’S gur gann is urrainn daoin’ bhith beò ann;
Ma thig gainne stigh dha ’n dùthaich,
Theid sinn uile a dh’ ionnsaidh Ioseiph—
Or Chill-donnain air a chùineadh,
’S pailteas aig an Diùc na stòr dheth.
’S beag an t-ioghnadh e bhith ciallach,
B’ urramach an fhriamh o’n d’fhàs e;
Bha ’athair na dhuine fiachail,
Mòralach na ghnìomh ’s na nadur;
A mhàthair bha na mnaoi ro dhiadhaidh
’S chum i riaghalt riamh na fàrdaich
’S tha ’n gealladh air a choimh-lìonadh
Dha ’n Diùc is dha shìol na h-àite.
’S a’ Bhan-diùc tha an diugh a’ riaghladh
Tha i fialaidh, ciallach, càirdeil;
’S a’ h-uile nì a rinn i iarraidh
Dh’ éirich a’ ghrian air le fàbhor.
Bha cuid iochdaran ag ùrnaigh
Rìgh-nan-Dùl a bhith ga teàrnadh,
G e b’ e àird an tog i cùrsa,
Fad a h-ùine anns an fhàsach,
’S a Bhan-diùc Chatach, do shin-seanamhathair,
Choisinn i do dh’ Alba fàbhor;
Thog i reiseimeid de dhiùlnaich
Nach ’eil fo na Chrùn an àicheadh—
‘Cheithir-fichead-’sa-tri-diag’
Tha cho miadhail aig a Bhàn-righ’nn,
’S chuireadh da fhichead ’s a sia dhuibh,
Ruaig air ceithir chiad dhe ’n nàmhaid.
Gum b’ iad sud na laoich gun tiomadh,
Dol ri teine ’s aghaidh gàbhaidh,
’S iad nach tilleadh riamh le giorrag,
Air cho teann ’s g an tig an nàmhaid;
Choisinn iad buaidh anns na baiteil,
Le ’n cuid lannan sgaiteach Spàinneach,
’S gach aon a thig air an ais dhiubh,
Bheir Diùc Chatabh dhaibh an àite.
Tha uachdarain eile cho gòrach,
Cur an t-seòrs ud thar an t-sàile,
Luchd-dìon na rìoghachd bho fhòirneart,
’S a nise seasamh còir na Bàn-righ’nn;
Chan ’eil baiteal mu ’m beil cùnntas,
Anns nach cualas cliù nan Gàidheal;
’S iomadh laoch dhiubh tha na shìneadh,
Gun chiste ann an tìr an nàmhaid.
Cuiribh mi crìoch air mo sheanchus,
Leanainn fad’ air deilbh an t-snàthainn;
Chan ’eil féum air tuilleadh dearbhaidh,
’S aithne do dh’Alba mar thà e;
Tillidh mi nise gu m’ éolas,
Far an d’ fhuair mi gu h-òg m’àrach;
Beannachd leis an Diùc ’s le chòmhlan
’S bidh mi aig an t-Stròm a maireach.
’S ’n uair a ruigeas mi Mac-Rath,
Gum bi mo dhachaidh mar a b’ àbhaist;
Gheobh mi biadh, is deoch, is caidreamh,
Agus leaba nach bi tàireil;
’S iomadh aon le fuachd is acras,
A fhuair cairtealan na d’ fhàrdaich,
’S o chaidh do chliù fad is farsaing,
’S onair ’Clann-’ic-Rath Chinn-tàil’ thu.
Nis togaidh mi mo chùis d’ an Diùc,
’Chluainidh, mo luchd-iùil, ’s Sir Pàdruig,
Feuch an gluais iad a’ chlach-mhuilinn
Chuireadh air muineal mo phàisdean;
Rinn na Sasunnaich mo dhìteadh
Le Bàillidh dìblidh gun tàlant,
’S gus an cluinn an sluagh an fhìrinn,
Cha bhi sìth agam gu bràth leis.
title | Oran an Diuc Chataich |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |